(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Fois shrruidh nan naomh"

^ 



Aàs.i.78.'5è 



"Siff 

*B000485456 



A&&.».78.'5<9 

• — ♦ 



MaMMnn 



FOIS SHIORRUIDH 



NAN 



NAOMH 



TKE 

SAINTS' EVERLASTING REST 



OR. 



A TREATISE ON THE BLESSED STATE OF THE 

SAINTS 1N THEIR ENJOYMENT OF GOD 

IN HEAVEN. 



BY THE REV. RICHARD BAXTER. 



TRANSLATED BY THE 

REV. JOHN FORBES, MINISTER OF SLEAT. 



EDINBURGH: 
JOHN GRANT, GEORGE IV. ERIDGE. 



FOIS SHÌOERUIDH NAN NAOMH: 



KO, 



SOLUS AIR STAID BHEANNAICHTE NAN NAOMH 
A' MEALTFINN DHÈ AIR NÈAMH. 



LE MR. RICHARD BACSTKR. 



EADAR-THEANGAIOHTE 

LE IAIN FOIRBEIS, MINISTEAR SHLÈiT. 



EDINBURGH: 
JOHN GRANT, GEORGE IV. BRIDGE. 



Digitized by the Internet Archive 

in 2012 with funding from 

National Library of Scotland 



http://archive.org/details/foisshrruidhnann1862baxt 



NA CINN-INNSIDfl 



Taobh. 

ROIMH-RADH, V 

Caibdeil I. — Tòiseachadh do'n Obair, agus beagan 
Cùnntais mu Nàdur Fois nan Naomh, 1 

Caib. II. — An t-Ullachadh mòr airson Fois nan 
Naomh, 22 

Caib. III. — Oirdhearcas Fois nan Naomh, 33 

Caib. IV. — Comharradh na Muinntir sin do'm bheil 
an Fhois so air a h-ullachadh, 55 

Caib. V. — Truaighe na Muinntir sin a chailleas Fois 
nan Naomh, 76 

Caib. VI. — Truaighe na Muinntir sin a chailleas, cha 
n-è mhàin Fois nan Naomh, ach Toil-ìnntinn na 
beatha so, agus a bhitheas gu bràth a' fulaug D6r- 
uinn na h-Ifrinn, 92 

Caib. VII. — Ar Feum air a bhi gu dìchiollach ag 
ìarraidh Foisnan Naomh, 109 

Caib. VIII. — Cionnus a dh-aithnicheas sinn ar Còir 
air Fois nan Naomh, 137 

Caib. IX.— Is è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile 
a mhisneachadh gua an Fhois so ìarraidh, 164 



Vì NA CINN-INN3IDH. 

Taobh 
Caib. X.-— Cha n-fhaighear Fois nan Naomh air 
thalamh, 195 

Caib. XI. — Mòr luach Caithe-beatha Nèamhaidh a 

choimhead, no aiteachadh air thalamh, 222 

Caib. XII.— Caochladh Seòladh a chum Caithe- 
beatha Nèamhaidh a choimhead air Thalamh, 249 

Caib. XIII. — Nàdur a' Mheòrachaidh Nèamhaidh, 
agus an t-Am, an t-Ait, agus an t-UUachadh ìnntinn, 
a ta freagarrach air a shon, 277 

Oaib. XIV. — Mar nithear Meòrachadh Nèamhaidh le 
Smuaineachadh, leis na h-Aignidhean, le Fein- 
labhairt, agus le Urnuigh, 295 

Caib. XV. — Meòrachadh Nèamhaidh air a chuid- 
eachadh le Nithibh faicsinneach, agus air a dhìon an 
aghaidh a' Chridhe sheachranaich, 31ò 

Caib. XVI. — Còmhradh Diadhaidh a' Mheòrachaidh 
Nèamhaidh, no Meòrachadh Nèamhaidh air a dhean- 
amh, no air a chleachdadh, 342 

An Comh-dhìmadh, 370 






V 1 

c 



t^^J 



ROIMH-EADH. 

Rugadh Maighstear Richard Bacster, Ughdair 
" Foìs nan Naomh" ann ara baile Roudoin 'an Sasunn, 
aìr a' bhliadhna 1615, agus chaochail è ann an Lunuinn 
air a' bhliadhna 1691. Ach is cothromach a dh-fhaodar 
a rkdh mu thimchioll a' mhinisteir dhiadhaidh so, mar 
thathas ag ràdh mu fhìrean mòr eile, " Air dhà 'bhi 
nmrbh tha è fathast a' labhairt." 

ChMOi. Mr. Bacster òrduchadh, arèir riaghailt na 
h Eaglais Jasunnaich, chum an soisgeul a shearmon- 
aeìiadh, 'nuair a bha è trì bliadhna fichead a dh'aois ; 
agus ghluais è an dèigh sin mar theachdair naomh, 
fìrinneach, dìchiollach, ionnsuichte, comharraichte air 
taobh Chriosd. Shaothraich è gu seasmhach, agus 
bheannaich an Tighearn a shaothair gu mòr ann an 
searmonachadh an t-soisgeil araon ann am baile 
Lunuinn agus anns na dùchaibh mu-n-cuairt. Bha è air 
a shuidheachadh ann an Cidderminster, far an d'fhan è 
sea bliadhna deug, no gus a' bhliadhna 1660. So fìrean 
a f huair a shàrachadh ann an tomhas mòr le easlaint, 
agiis fòs air iomadh dòigh le trioblaidibh agus le aisith 
na rìoghachd ann ai làithibh a chuairt air thalamh, 
gidf'.eadh shoirbhich obair an Tighearna gu h-iongant- 
ach 'n a làmhan. 

'Nuair a thainig air Mr. Bacster Cidderminster 
'fhàjiail,buduilich e-fèin agusluchd-àiteachaidh a'bhaile 
Bin u' dealachadh ri 'chèile. Mu'n do thòisich e air sear- 
monachadh 'n am measg, bha 'm baile air a thruailleadh 
gu mbr le aineolas agus mi-dhiadhachd. Cha d'fhuair è 



vìii Roimh-radh. 

os-ceànn teaghlach, no 'dha eadar dà cheànn sràìde 
anns an robh aoradh Dhè air a chumail gauh là ; ach 
tre bheannachd Dhè air a shaothair, cha b'f had an dè'igh 
sin, gus an tàinig atharrachadh mòr air an t-sluagh, 
agus gus am facas toradh taitneach na fìor dhiadhachd 
a' fàs suas gu pailt ann an iomadh teaghlach. Air an 
là 'dh'fhàg è Cidderminster cha n-f haighteadh os-ceànn 
teaghlach no 'dhà ann an cuid de shràidibh a' bhaile 
anns nach robh aoradh Dhè air a chumail gu riaghailt- 
each. An àit fuaim na h-aingidheachd agus na mi- 
naomhachd air " là an Tighearna," bha nis " an 
fhuaim aoibhneach, ait" air feadh a' bhaile. Dh-f haod- 
adh gach neach, a ghabhadh seachad air m t-sàbaid, 
iomadh ceud teaghlach a chluinntinn a' sèinn, ag 
ùrnuigh, a' lèughadh nan Sgriobtuir agus leabhraichean 
maith eile, 'nuair nach robh \ad cruinn aig "aoradh 
follaiseach an Tighearna" anns an eaglais. 

Is pailt a bheannaich Dia saothair Mhaighstir Bacster 
do mhuinntir Chidderminsteir. Mheudaich àireamh an 
luohd-comanachaidh fo shearmonachadh an teachdaire 
dhìleis so gu sea ceud, agus thubhairt e-fèin ' nach robh 
dà anam dheug ameasg na h-àireimh sin mu nach 
f haodadh deadh dhòchas a bhi aige, oir bha an caithe- 
beatha diadhaidh a' còrdadh ri 'n aideachadh'. Agus 
glòir do Dhia, faodar an spiorad diadhaidh, a chaidh 
àrach mar sin, a lorgachadh amach fathast ann an cuid 
de'n t-sluagh, araon anns a' bhaile sin agus 'n a choimh- 
earsnachd. Hò ! b'f heàrr gu'n robh è na's mò 1 agus 
air feadh gach àite anns am faighear ìarmad de 'n 
spiorad sin beò fathast, gheibhear cuimhne thàingei? 
thaitneach air Mr. Bacster, agus ainmichear è 1& 
urram agus gràdh. 

lg iomadh diadhair mòr, agus duine tuigseach, eòl« 



Roimh-ràdh. ix 

ach, ainraeil, ionnsuichte aig an robh barail àrd agus 
mòr mheas air Mr. Bacster 'n a lìnn, araon mar 
sgrìobhadair agus mar shearmonaiche comasach, soilleir, 
dìleas. B'ànn diubh sin an t-Ard-easbuig Usher; 
an t-Easbuig Wilkins ; Dr. Barrow ; Dr. Bates ; Dr. 
Calamy ; Dr. Manton ; Mr. Iain Ianeway ; Mr. 
Tdmas Doolittle ; Mr. Flabhel ; Mr. Iòseph Alleine ; 
Sir Nathaniel Barnardiston, &c. Thubhairt cuid diubh 
sin gu'n "tàinig è na b'fhaisge air dòigh sgrìobh- 
aidh nan Abstol na thkinig duine sam-bith eile 'n a lìnn ; 
gu'm bu leòr do aon lìnn duine cho comharraichte ri 
Mr. Bacster a thoirt do'n t-saoghal ; nach robh eagal 
air à mi-thlachd duine sam-bith, agus nach robh sùil 
aige ri onoir o neach air-bith." B'iongantach, ann an 
tomhas air-leth, a chomas searmonachaidh, a' fosg- 
ladh, a' dearbhadh 's a' daingneachadh gach phing le 
argumaidibh soilleir, làidir, bunaichte air fìrinnibh nan 
Sgriobtuir, agus air rèusan an duine, a' bualadh astigh 
gu dìreach air cridheachan a luchd-èisdeachd le saigh- 
dibh gèur na firinn, a' deargadh orra gu domhain, teànn, 
a' dìtsgadh nan ciontach, a' rùsgadh an cionta dhoibh, 
a' toirt pheacach mi-churamaoh gu mothachadh air an 
oionta agus air an truaighe, agus gu sìth 'us slàint 
ìarraidh ann an Criosd. Is gànn a b'urrainn anam 
air-bith, mur robh è " mar nathair bhodhar," èirigh o 
theagasg shoilleir, bheò an teachdaire spioradail so, 
gun druigheadh air. Glòir do Dhia, is iomadh anam 
dorch, seachranach a f huair solus, agus sòlas, agus a 
vshaidh a threòrachadh gu " carraig na slainte" le teag- 
asg ghlic an aodhaire ghlic so. " Tha briathra nan 
daoine glice mar bhioraibh." Ecles. 12. 11. Mar sin 
bha briathran an fhirein so do chridheachan mhìltean. 
Bha ìftd mar chlaidheamh gèur dà fhaobhair ann an 



x Roimh-ràdh. 

ìàimh gaisgich gun f hìamh, a' sgathadh 's a' gearradh 
s\os truaillidheachd a' chridhe. Bha e-fein air a làn- 
bheothachadh leis an Spiorad Naomh, agus an Iorg sin 
bu mhìannach, taitneach leis a bhi gu tric a' taomadh 
amach soluis nèamhaidh air cridheachan peacach, dorch, 
fuar, marbh, 'g an lìonadh le blàs agus beatha, agus 
mar sin, a' leaghadh sìos nan cridheachan bu chruaidhe 
'n an tuamaibh reòta, le beò ghràdh blàth do Dhia. 

Sgrìobh Mr. Bacster mòran leabhraichean. Is 
ìongantach, ann an tomhas air-leth, an comas sgrìobh- 
aidh a fhuair è. Cha lugha na ochd fichead ledbhar 
's a h-ochd a thàinig amach pheann an diadhair so ; 
agus f had 's a bhitheas Eaglais Chriosd air thalamh, is 
ionmhas làn, taitneach dhì a chuid leabhraichean 
diadhaidh; oir gheibhear cuisle bheò, neartmhor, 
neamhaidh a' bualadh anns gach aon diubh. Is ainmig 
leabhar air-bith, ach am bìobull fèin, anns am faighear 
uiread de spiorad na fìor dhiadhachd, no tuigse, gràdh, 
eòlas, dìlseachd agus solus cho mòr 's a gheibhear ann 
an oibribh an ùghdair so. Tha ìad a' treòrachadh gu 
pailt a chum " diadhachd f hìor-ghlan agus neo-shalach" 
àrach ameasg dhaoine. Bha 'us tha ìad air am meas 
gld luachmhor, agus air am beannachadh do mhìltibh. 
'am fad 's am fagus.' Tha ìad èifeachdach a chum 
peacaich mhi-chùramach a dhhsgadh, a chum na 
h-aineolaich a theagasg, a chum na h-amharusaich a 
dhaingneachadh, a chum sòlas a thoirt do na h-airsneul- 
aich, a chum sluagh mi-dhiadhaidh ìompachadh, agus 
a chum sluagh diadhaidh a thogail suas ann an naomh- 
achd. 

Sin anis teisteanas dhaoine diadhaidh, urramach, 
ach, do'm b'aithne Mr. Bacster, air-fem agus air 
'oibribh diadhaidh. Bha è ainmeil air feadh na rìogh- 



/toìmh-ràdh. \i 

acnd, araon mar shearmonaiche agus mar sgrìobhadair, 
ionnus gu'm bu "toil leis an rìgh fein urram a chur 
air." Shearmonaich è an làthair Rìgh Teàrlach II. 
Chuir an rìgh sin onoir air, agus thug è dreuchd dhà, 
agus an dèigh sin chaidh dreuchd àrd eile a thairgse 
dhà fo làimh an rìgh, nach b'àill leis a ghabhail. 

Is comharraichte, prìseil an leabhar "Fòis nanNaomh." 
Is è so do rèir barail dhaoine glice, diadhaidh an t-aon 
a's luachmhoire de leabhraichean Mhaighstir Bacster 
Sgrìobh è an obair so 'nuair a bha è mu dheich bliadhna 
fichead a dh'aois. Is ann mar ùrachadh, mar shòlas, 
agus mar neart d'a anam fèin a sgrìobh è " Fois nan 
Naomh," 'us dùil aige, gach là fad iomadh mìos, ri gairm 
a' bhàis, am feadh a bha è 'g a sgrìobhadh ; oir bha è 
air an àm sin a' fulang fo easlaint, agus anns an stàid 
sin làn-shuidhich è a smuaintean agus 'aignidhean air 
Dia, agus air sonas agus glòir nan naomh air nèamh. 
" Is ì so," ars' e-fèin, " obair 'bu tarbhaiche do m' anam 
na na h-uile nithe eile 'dh'ionnsuich mì riamh." Ach 
b'ì toil an Tighearna mhaith neart aiseag dhà an dèigh 
sin, geda b'ainmig a bha è aon là saor o easlaint, agus a 
làithean a shìneadh a chum tuilleadh seirbhis a dheanamh 
do'n eaglais air thalamh ; a' beannachadh eadhon easlaint 
an fhirein so gu pailt d'a anam fèin, agus f òs do mhìltibh 
eile ; oir " a ta f hios againn gu'n comh-oibrich na h-uile 
nithe," eadhon easlaint, " chum maith, do'n dream aig 
am bheil gràdh do Dhia." Shearmonaich è " Fois nan 
Naomh" ann an Cidderminster, agus an dèigh sin chaidh 
an obair a chlò-bhualadh air tùs, air a' bhliadhna 1660. 

Chithear ann am "Fois nan Naomh" dearbh chomh- 
arradh air ìnntinn naoimh, nèamhaidh,— ìnntinn a 
fhuair sealladh mòr air an t-sìorruidheachd. Is gànn a 
gheibhear, ann an obair duine sam-bith eile, sealladh cho 



xii Koimk-rddh. 

mòr, cho làn, agus cho soilleir de'n t-saoghal shìorruidh 
's a gheibhear anns an leabhar so. Chum ar tàladh 
suas gu nèamh, thug an t-ùghdair nèamhaidh so dhuinn 
sealladh air " an ionad naomh" a ta shuas, — sealladh 
air sonas, glòir agus àrd aoibhneas an t-sluaigh bheanft 
aichte a ta nis an làthair Dhè air nèamh, — sealladh ann* 
am bheil nithe nèamhaidh air am fosgladh do shùil m. 
f hìor Chriosduidh, agus air an riochdachadh amach dhà 
air dòigh cho soilleir, cho làidir, cho cìnnteach, druigh- 
teach, beò 's a bheir air amharc air uile nithibh boillsg- 
each, siùbhlach, dìomhain an t-saoghail so, mar neo-m 
ann an coimeas ris " na nithibh a ta shuas," agus an 
cur cho suarach 's a chuireas seànn duine mireag, ho 
cluith na cloinne bige. Air an làimh eile, chum eagal 
slàinteil a dhùsgadh suas ann an sluagh gun chhram, 
thog è am brat de uamhasaibh goirt, garg na h-ifrinn, a' 
nochdadh an teine shìorruidh, a' foillseachadh truaighe 
agus bròin an t-sluichd, agus a' leigeil-ris fulang agus 
ddruinn shiorruidh an t-sluaigh mhallaiohte anns na 
lasraichean làidir nach mìichar a chaoidh, air dòigh ach 
beag, cho soilleir, eagalach, druighteach as geda bhith- 
eadh ifrinn fèin fosgailte nis fo shealladh ar sùilean. 
! na'n smuainicheadh muinntir gu chramach, tric air 
an t-sealladh uamhasach a thugadh dhoibh an so air 
fulangas searbh nan aingidh ann an ifrinn, nach bu leòr 
sin, shaoileamaid, gu bacadh 'us casgadh a Chur air gach 
olc ameasg dhaoine feòlmhor, mi-chùramach, truagh. — 
(Faic Caib. V.) 

Fois nèamhaidh! O càit am faighear ni eile cho 
luachmhor 1 Fois shìorruidh I càit am faighear saoibh- 
reas air-bith eile cosmhuil ri sin 1 Dearbh chìnnteas air 
an fhois bheannaichte sin aig gajh anam gràsmhorl 
Cia luachmhor, sòlasach sin do gach fìrean ! Cia fdumail 



Roimh-ràdh xiii 

do na h-uiie smuaineachadh agus labhairt air an fhois 
ghlòrmhoir so I Agus sin an fhois a gheibhear air a 
fosgladh dhuinn ann an teagasg àrd an leabhair so. 
Tha è air a lìonadh le còmhradh iièamhaidh. Is meadh- 
on e'ifeachdach è chum anamanan a threòrachadh gu 
staid na naomhachd. Beannaichidh Dia an còmhnuidh 
gach meadhon a ta freagarrach a chum a ghlòir fèiti, 
agus sonas sìorruidh dhaoine 'chur air aghaidh, agus 
bheannaich è cheana am meadhon so — an leabhar so — 
ann an tomhas air-leth do mhòran. Is iomadh neach 
sean 'us òg, saoibhir agus bochd. àrd agus ìosal, do'n 
robh an leabhar iongantach so air a bheannachadh gu 
pailt, agus aig am bheil ri ràdh, le tàingealachd agus 
gàirdeachas, So am meadhon beannaichte leis an robh 
mise air mo thoirt, fo làimh Dhè", gu smuaineachadh gu 
ceart air fois shìorruidh m'anama. Is è thubhairt 
balachan òg, diadhaidh ann an àit àraid, aois dà bhliadh- 
na dheug, do'm b'àbhaist a bhi 'leughadh " Fois nan 
Naornh" 'us è nis dlùth do'n bhàs, " Dhomh-sa leabhar 
Mhaighstir Bacster, chum gu'n leugh mi beagan fathast 
mu'n t-sìorruidheachd, mu'n lèid mi stigh do'n t-saogh- 
al shìorruidh." 

Sgrìobh Mr. Bacster leabhar comharraichte, maith 
eile do'n ainm " Gairm do 'n t-Sluagh Neo-ìompaichte," 
agus thubhairt e-fèin ' nach robh aon air-bith eile, acfe 
'' Fois nan Naomh" de na leabhraichean Honmhor a 
sgrìobh è, air a bheannachadh cho mòr lc Dia do anam- 
aibh dhaoine, ris an leabhar sin — leabhar a tha, gus 
sn là an diugh, air a bheannachadh do mhòran. 

B'ionmhuinn leis a' mhinistear dhiadhaidh, Mr. 
Klabhel, an t-ùghdair nèamhaidh so ; bha ìad beò le 
chèile anns an aon lìnn. Is àrd an teisteanas a thug 
è air, ach cha n-'eil ì na's hirde na b'fhìach è. "Ib 



xrv Roimh-ràdh. 

beag," arsa Mr. Flabhel, " nach 'eil Mr. Bacster air 

nèamh cheana. Tha è beò 's a shùil gach là air nèamh, 
a' feitheamh gu suilbhir, sòlasach ri fois shìorruidh nau 
naomh maille ri Dia ann an glòir ; agus air 'fhàgail 
beagan làit.hean ann ar measg-ne, mar dhearbhadh mòr, 
soilleir air a' mhòr chumhachd agus air an aoibhneas 
a ta ann am beatha neartmhoir an fhìor chreidimh." 



FOIS SHIORRUIDH NAN NAOMH. 



Caibdeil I. 

Tbiseachadh do'n Obair, 'ws beagan Cùnntais mu Nàdur 
Fois nan Naomh. 



" Uiiae sin dh'fhàgaclh. fois fa chomhair siuaigli Dhè." 

Eabh. ty. 9. 

Ann an tuiteam Adhaimh, chàill sinn, cha n-è mhàin 
ar tlachd ann an Dia agus a làn mhealtuinn, ach mar- 
an-cèudna gach uile eòlas spioradàil air, agus gach fìor 
thogradh an dèigh an t-sonais sin a chàill sinn. Tha 
Mac Dhè a' teachd agus a' tairgse a ghràis a chum ar 
saoradh, agus a' foillseachadh sonais agus glòire spior- 
adail agus sìorruidh dhuinn, ach gheibhear gu ro thric 
daoine mì-thoileach air gabhail ris tre chreidimh. Mar 
dhuine bochd nach creideadh gu'm b'urrainn sùim cho 
mòr ri ceud pùnd Sasunnach a bhi aig neach eile, a chionn 
nach robh riamh uiread aige-fèin, is gann a chreideas 
daoine, air an là an diugh, gu'm bheil sonas ann cho 
mòr 's a chàill ìad, agus a dh-fhaodas ìad 'fhaotuinn 
fathast tre chreidimh ann an Chriosd. 'Nuair a b'àill 
ie Dia làithean fois' a thoirt do na h-Israelich, ann an 
rìr na fois', bu dorra dhàìadsan a thoirt gu sin a chreid- 
sinn na fois ullachadh air an son, no buaidh a thoirt air 
an naimhdean. Agus an dèigh dhoibh seilbh 'f haotuinn 
air fois Chanàain, mar fhoillseachadh agus mar eàrlas 
beag air an fhois sin a ta fada nan c\an na's glòrmhoire 
agus na's maireannaiche, eadhon an f hois a gheibhear 
ann an Criosd, fathast cha chreideadh ìad dad tuilleadh 
ach na bha fo'n sùil 'us fo'n làimh, ag ràdh, leis a' gheòcair 
aig a' chuilm, " Gu cìnnteach cha n-'eil sonas ànn a's 
feàrr na so I" No, ma bha sùil aca ri ni sam-bith o'n 
Mhesiah, cha robh ìad ag ìarraidh uaith, ach amhàin an 



2 Cùnntas mu Nàdur 

sonas fìmeil a mheudachadh. r rha 'n t-Abstol a' labh- 
airt, anns a' chuid a's mò de'n Litir a chum nan Eabh- 
ruidheach, an aghaidh na droch mhèinn so, 's a' dearbh- 
adh gu soilleir, làn gu'm b'ì àrd chrìoch nan uile 
dheas-ghnàth agus nam faileas eile fo'n Lagh, sluagh a 
threòrachadh a dh-ionnsuidh Chriosd, brìgh nan nithe 
sin uile : agus gu'n robh fois nan sabaid, agus Canàan 
fèin a' teagasg do chloinn Israeil sealltuinn an dèigh na 
foise maireannaich, eadhon fìor shonas. 

tìo anis an co-dhùnadh gus am bheil an t-Abstol a' 
teachd anns a' cheànn-theagaisg, an dèigh dhà caochladh 
dearbhadh a thoirt air na nithibh a bha bho thoiseach 
a 1 treòrachadh a dh-ionnsuidh na foise so. Anns a' 
cho-dhùnadh so gheibhear am bònn air am bheil uile 
shòlas a' chreidmhich air a stèidheachadh, crìoch a 
dhleasanais agus 'f hulangais gu lèir, beatha agus sùim 
nan uile gheaììaidhean, agus nan uile shochairean a ta 
aige mar Chriosduidh fo'n t-soisgeul. Ciod a's taitniche 
do dhaoine, 'nuair a bhitheas ìad a' fulang fo àmhghar 
cuirp, air an sgìtheachadh le dleasanais muin-air-mhuin, 
na fois? Bheir fois, cha n-è mhàin sòlas, ach mòr 
mhisneachd dhuinn gach là. Tha ar beothalachd ann 
an deanamh ar dleasanais uile, ar foighidin ann am 
fulang àmhghair, ar cornas air onoir a thoirt do Dhia, 
spionnadh ar gràidh, ar gràsan uile, seadh, eadhon bith 
ar creidimh agus ar Criosdachd a' sruthadh o chreid- 
sinn agus o smuaintibh naomh mu thimchioll ar fois'. 
Àgus anis, a lèughadair, co-air-bith thu, òg no sean thu, 
saoibhir no bochd thu, guidheam ort, cuiream unpidh 
ort, ann an ainm an Tighearna, a ghairmeas tu gu cùnntas 
gu h-aithghearr, a bheir breth ort agus a chuireas tu 
anns an staid shYorruidh sin nach gabh atharrachadh 
gu bràth, na tilg uait na nithe so an deigh dhuit an 
lèughadh, amhàin ag ràdh gu'm bheil ìad fìor; ach 
socraich do chridhe orra, agus gabh Dia ann an Criosd, 
agus esan 'n a aonar, mar d' f hois, agus suidhich do 
chridhe air-san os-ceànn nan uile. Nise gu'n deònaich- 
eadh an Dia beò, cuibhrionn agus fois a shluaigh naoimh 
fèin, na h-ìnntinnean feòlmhor so againn-ne a dhean- 
amh cho spioradail agus na cridheachan talmhaidh so 
ogainn-ne cho nèamhaidh as gu'n dean sinn e-fèin a 



Fois nan Naomh. 3 

ghràdhachadh le tlachd 'us taitneas, fad uile làithean ar 
beatha, ionnus nach bi mis' a sgrìobh, no thus' a 16ughas 
an leabhar so, air ar pilleadh gu bràth o shligh so na 
beatha, " air eagal air bhi do ghealladh dol a steach d'a 
shuaimhneas air 'f hàgail againn, gu'n tigeadh aon neach 
agaibh a dhèidh-làimh air." Eabh. 4. 1. 

Js ì Fois nan Naomh staid a's sona air an ruig an 
Criosduidh. So an staid anns am bi na Naoimh air an 
deanamh foirfe, no iomlan, a' làn-mhealtuinn Dhè gu 
bràth, do-rèir a chomaisgus an togar suas an anamanan 
aig a' bhàs. So an staid gus an tig araon an anamanan 
agus an cuirp gu fìor làn, air la mòr a' Bhreitheanaia 
dheireannaich an dèigh na h-aiseirigh. 

Fèumar smuaineachadh an toiseach air nithibh a ta 
ann an nàdur na foise so ; agus ainmichidh sinn cuid 
diubh sin anis : — Is daoine bàsmhor a ta nis ag ìarraidh 
na foise so ; oir tha an f hois so cheana aig ainglibh agus 
aig spioradaibh glòraichte dhaoine, ach tha na deamhnan 
agus an sluagh mallaichte air am fàgail gun dòchas idir 
ri fois : — Tha na naoimh a' ròghnachadh Dhè mar an 
crìoch agus an sonas : ach ge-b'-e neach a ghabhas ni 
sam-bith eile mar a shonas, tha è mach £s a' cheud 
chèum de'n t-sligh : — Tha ìad fada, fada bho'n chrìch 
so : is è sin cor truagh nan uile bho 'n là a thuit ìad. 
Tha Criosd a' teachd le 'ghràs ath-nuadhachaidh, 's a' 
faotuinn gach duine — seadh, na h-uile dhaoine — a' 
gluasad gun stad agus a' greasad a dh-ionnsuidh sgrios 
shìorruidh — a' deanamh cabhaig' gu ifrinn ; gus an toir è 
orra stad le mothachadh a thoirt doibh air an cunnart, 
agìompachadh an cridheachan agus a' pilleadh ce'um am 
beatha gu dìleas d'a ionnsuidh fèin. Gabh anis a' chrìoch 
so agus a h-ò-irdhearcas mar nithe aithnichte a thàtar ag 
ìarraidh. Cha ghluaisear neach sam-bith gu maith neo- 
aithnicht' ìarraidh. Fèumar smuaineachadh araon air 
an astar a tha sluagh o'n f hois so agus air fìor eòlas mu'n 
astar sin. Iadsan nach d'aithnich riamh gu'm bheil ìad 
gun Dia aca, agus air an t-sligh gu ifrinn, cha d'aithnich 
ìad fathast an t-sligh gu nèamh. Ma thuigeas duine 
gu'n do chàill è Dia agus 'anam fèin, nach glaodh è 
mach, Tha mì càillte t Carson a tha àireamh cho beag 
ag amas air an f hois so ? Cha n-àill leo a chreidsinn 



4 Cùnntas mu Nàdur 

gu'm bheil \ad, do thaobh còir, fad £s uaipe, agus do 
thaobh cleachdaidh, a' breabadh 'n a h-aghaidh. Cò a 
dhìarr riamh ni, gun fhios aige gu'n do chàillsèè? 
" Cha 'n ann aig a' mhuinntir a ta slàn a ta fè*um air an 
lè'igh, ach aig a' mhuinntir a ta euslan." MataQ. 12. 
Fèumaidh sinn smuaineachadh mar-an-cèudna air àrd 
Chumhachd gluasaid — cumhachd a ghluaiseas sinn gus 
an f hois so ìarruidh, air-neo seasaidh sinn balbh, gun 
aon chèum a dheanamh d' a h-ionnsuidh. Nis is ànn o 
Dhia a ta an cumhachd so, oir mur gluais Dia sinn, cha 
n-urrainn sinn-fèin gluasad a dh-ionnsuidh ar fois'. Is 
cuid ro fhèumail de ghliocas a' Chriosduidh, a bhi 
'gèilleadh do Dhia, a bhi 'g a earbsadh fèin ris, a bhi 
air 'fhaotuinn anns an t-sligh 's am bheil Dia ag im- 
eachd, agus far am bheil a Spiorad gu tric a' gluasad ; 
an aire 'thoirt nach dealaich sinn ri Dia, nach failnich 
ar dùil ri cuideachadh ur gach là, agus nach dì-chuimh- 
nich sinn, uair sam-bith, gu'm bheil mòr fhèum againn 
an còmhnuidh air cumhachd an Spioraid. Cho luath 
's a thòisicheas sinn ri earbsa 'chur ann ar stòras fèin, 
ann ar tuigse fèin, no ann ar rùn fèin, a chum gluasad 
gu naomh ann an cèum ar dleasanais, tha sinn an sin 
ann an cunnart tuiteam air falbh o Dhia. " Cha 'n 'eil 
sinn foghainteach uainn-f&n chum ni sam-bitha smuain- 
eachadh mar uainn-fèm : ach is ann o Dhia a ta ar fogh- 
ainteachd."2 Cor. 3.5. "Asm'èugmhais-sa,"arsaCriosd, 
" cha 'n urrainn sibh aon ni a dheanamh." Eoin 15. 5. 
Arìst fèumaidh ìadsan a ta 'g ìarraidh na foise so, 
bonnachair (principle) na beatha spioradail a bhi aca 
's an taobh astigh dhiubh. Cha n-ann mar chlachan a 
tha Dia a' gluasad dhaoine. Tha è 'buileachadh beatha 
orra, cha n-ann a chum an deanamh comasach air 
gluasad às è*ughmhais a chuideachaidh fèin, ach a 
chum ùmhlachd a thabhairt dà-fèin. Agus a bhàrr air 
sin, fèumaidh gach anam, a ta ag ìarraidh na foise so, 
gnath-ìarraidh d'a h-ionnsuidh gu riaghailteach, seas- 
mhach, dùrachdach, gnìomhach. Esan a dh-f holaicheas 
a thàlant, gheibh è tuarasdal an t-seirbhisich lìmndaich. 
Cha n-'eil gach rathad a' treòrachadh a dh-ionnsuidh 
na foise so, ach an Ti a rinn le 'mhaitheas an fhois 
òrduchadh, rinn è le 'ghliocas agus le 'àrd ìighdarras 



Fois nan Naom,i. 5 

an rathad d'a h-ionnsuidh òrduchadh mar-an-ceudna. 
Theagamh gur ìad ar ròidean fèin a's glice, a's maisiche, 
a's dìriche agus a's taitniche leinn-ne ; ach is ì an iuch- 
air, a dh'òrduich Dia fèin, a's feàrr a dh'f hosglas a' ghlas. 
! nach iomadh anam aineolach, baoth-chreideach a tha 
ri saothair agus cosdas airson na foise so, agus an dèigh 
sin uile gheibhear a shaothair uile dìomhain ! Cia lìon- 
mhor ìadsan aig am bheil èud do thaobh Dhè, ach cha 
n-ann areir eòlais, aineolach air fìreantach Dhe, 's a' 
dol mu-n-cuairt ag ìarraidh am fìreantachd fèin a chur 
suas, cha n-àill leo strìochdadh do fhìreantachd Dhd 
agus cha n-aithnich ìad gur " è Criosd crìoch an lagha, 
chum fìreantachd do gach neach a chreideas." Ròm. 
10. 2-4. 

Is è Criosd an dorus, an aon sligh a dh-ionnsuidh na 
foise so. " Ach is cumhann an dorus, agus is aimh- 
leathan an t-slighe." Mata 7. 14. Feumaidh sinn 
" spàirn chruaidh a dheanarah," ma's àill leinn " a dhol 
a stigh :" " oir a ta mi ag ràdh ribh," arsa Criosd, " gu'n 
ìarr mòran dol a stigh agus nach urrainn ìad," (Lùe, 
1 3. 24,) a' cìallachadh le sin gu'm bheil rìoghachd nèimh 
a' fulang ainneirt. Mata 11. 12. Ni mò a bheirear sinn 
gu fois nan naomh ' ma thòisicheas sinn anns an spiorad, 
ach a' cr\ochnachadh anns an f heòil.' Gal. 3. 3. Is è 
mhàin an neach a " bhitheas seasmhach chum na crìche, 
a thèarnar." Mata 24. 13. Cha d'fhuair aon anam 
riamh fois maille ri Dia, aig nach robh a mhìann air a 
shocrachadh air Dia os-cionn gach ni eile 's ant-saoghal. 
" Oir ge b'e ait am bheil bhur n-ionmhas ; is ann an sin 
a bhios bhur cridhe mar an cèudna." Mata 6. 21. 
Gheibhear fuigheall ar seànn nàduir a' lagachadh 's a' 
bacadh ar deadh mhìann gu mòr, ach cha n-urrainn sin 
buadhachadh thairis air. Fèumar a' cheart aire 'thoirt 
gu'm bheil droch bhuaidhean ar nàduir a' dol calg- 
dhireach an aghaidh ar deadh mhìann, gu'm bheil ar 
deadh bhuaidhean lag, agus gu'm bheil sinn an còmh- 
nuidh astar fada bho 'n f hois. Air an aobhar sin, fèum- 
aidh sinn spàirn dhìchiollach a dheanamh, chum a' 
chrtoch a ruigheachd. Bithidh na nithe sin uile air an 
cnuasachadh gu cùramach, tric leis gach Criosduidh a 
U nis ag ìarraidh còir air fois nèamhaidh. 



6 Cùnntas mu Nàdur 

Dhìrich sinn suas na chèuman sin do thaobh-muigh na 
ouirte, seallamaid anis air taobh-stigh " a' bhrait-roinn." 
Faiceamaid ciod ìad na nithe a ta air am filleadh anns 
an fhois so, cho maìth ris na nithe a roimh-bheachd- 
aichear mu 'timchioll. Och ! cia beag is aithne dhomh-sa 
de ghlòir na foise so ! Bha nithe anns a' bhoillsgeadh 
a f huair Pòl dhì, nach b'urrainnear agus nach f haodar a 
labhairt. Na'n do labhair è ann an canain nèimh, air 
na nithibh a chunnaic è air nèamh, gun neach ann a 
thuigeadh an cànain sin, ciod a b' f heàirrd sluagh è ? 
Gu'n deanadh an Tighearn 'fhoillseachadh dhomh-sa 
ciod is còir dhomh 'fhoillseachadh dhuibh-se ! Gu'n 
deònaicheadh Dia solus a dh-f heuchas an oighreachd so 
dhuibh-se agus dhomh-sa ! Cha n-ànn mar a nochdadh 
do Bhalàam òirdhearcas nam bùth aig Iacob, agus nam 
pàilliunn aig Israel, far nach robh cuibhrionn aige, agus 
o'n robh a sgrios fèin gu teachd ! Cha n-ànn mar a' 
nochdadh "tìr a' gheallaidh" do Mhaois, a fhuair sealladh 
an àite seilbh, agus a chunnaic an tìr do'n neach deach- 
aidh è riamh astigh ! Ach mar bha an neamhnuid air a 
foillseachadh do'n cheannaiche anns an t-soisgeul, nach 
do stad gus an do reic è na bha aige, agus cheannaich 
sè ì ! agus mar bha nèamh air 'f hosgladh do Stephen 
beannaichte, do'n robh è gu dhol astigh gu grad : chun- 
naic esan glòir air an robh è gu seilbh 'f haotuinn dha- 
fèin ! So anis na nithe a gheibhear anns an f hois nèamh- 
aidh : — eadhon Sgur de mheadhonaibh nan grks : — Lan 
shaorsa bho gach olc : — An cèum a's àirde de iomlan- 
achd phearsantail nan naomh, araon do thaobh cuirp 
agus anama : — Dlùth mhealtuinn Dhè, am maith a's 
àirde : — Agus gnàth oibreachadh milis aig uile chomas- 
aibh cuirp agus anama ann am mealtuinn so Dhè. 

1, Anns an f hois nèamhaidh " sguirear de mheadh- 
onaibh nan gràs." 'Nuair a ruigear an cala, sguiridh 
sinn a sheòladh. 'Nuair a gheibh an t-oibriche a thuar- 
asdal, tuigear gu'n d'rinn è 'obair. 'Nuair a ruigeas sinn 
ar ceànn-uidhe, fàgaidh sinn an t-sligh. " Ma's faidh- 
eadaireachda 'ta ann, thèid iad air cùl ; ma's teangaidh, 
sguiridhiad; ma's eòlas, cuirear" mar-an-cèudna, cho 
fad 's a bha nàdur nam meadhon ànn, " air chl è." 
1 Cor. 13. 8. Cha bhi ùrnuigh ann ni's mò, do bhrìgh 



Fois nan Naomh. 7 

nach bi fè*um oirre, ach bithear a' làn-mhealtuinn nan 
uile nithe maith a b'àbhaist duinn a bhi 'g ìarraidh ann 
an ùrnuigh. Cha bhi fèum air trasgadh, air guil, no 
caithris ni's mò, oir bithidh sinn saor o gach peacadh 
agus buaireadh. Thig crìoch air searmonachadh ; 
sguiridh ministearachd an duine. Cha bhi fèum air na 
sàcramaidean. Tha an luchd-oibre air an gairm, do 
bhrìgh gu'm bheil am foghar air a chruinneachadh, an 
cogull air a losgadh, agus an obair crìochnaichte ; bithidh 
an sluagh neo-ìompaichte gun dòchas, agus na naoimh 
gun eagal, gu sìorruidh. 

2 Tha " làn shaorsa bho gach olc" anns an f hois 
nèamhaidh, seadh o gach olc a bha riamh ag ìadhadh 
umainn fad ar turuis, agus a dh-f hèumas ar leantuinn, 
fhad 's a bhitheas sinn dealaichte bho'n àrd mhaith. 
A bhàrr air sin, tha saorsa againn o lasraichean agus o 
thruaighean sìorruidh i'o'm bheil ìadsan, a rinn tàir air 
Criosd agus air a ghràs, a' fulang gun stad, agus sin 
am peanas eagalach air an robh sinne airidh araon do 
thaobh ar breith agus toilltinneas ar deanadais, cho 
maith riutha-san ! Ann an nèamh cha n-'eil " ni air 
bith a shalaicheas," no ni neo-ghlan. Tha ìad sìn uile 
air "an taobh a muigh." (Faic Taisb 21. 27. agus 
22. 15.) Cha n-'eil bròn, no doilgheas, no ni sam-bith 
mar sin air nèamh. An sin, cha n- r eil aoduinn ghlas, 
corp fànn, uilt laga, naoidheanachd gun treòir, aois chrìon, 
chròm, droch galar, càil aimhleasach, tinneas cràiteach, 
eagal, goirteachadh, no seargadh, no ni sam-bith do'n 
ainm olc. Rinn sinne guil agus caoidh 'nuair a bha 
an saoghal ri gàirdeachas ; ach pillear ar bròn gu gàird- 
eachas, agus ar gàirdeachas cha bhuin neach air bith 
uainn'. Eoin. 16. 20, 22. 

3. Grheibhear anns'an fhois so, " an ce'um a's àirde 
de iomlanachd phearsantail nan naomh, faraon do thaobh 
cuirp agus anama." Air meud an glòir, bu bheag dhoibh 
è, mur biodh an cuirp agus an anamanan air an deanamh 
comasach agus freagarrach air son glòir'. " Cha 'n fhaca 
sb.il, agus cha chuala cluas, agus cha d'thàinig ann an 
cridhe duine, na nithe sin a dh'ulluich Dia dhoibh-san 
aig am bheil gradh dha." 1 Cor. 2. 9. Cha n-'eii au 
t-sniì fheòlmhor comass ,h air na nithe sin 'fhaicinn, nc 



8 Vunntas mu Nadur 

a' chluas an cluinntinn, no an cridhe so an tuigsinn. Ach 
air nèamh, tha an t-sùil, a' chluas agus an cridhe air an 
deanamh comasach ; mur biodh, ciamar eile 'dheanadh 
ìad am mealtuinn ? Mar a's coimhlionta an lèirsinn, is 
ànn a's taitniche cuspair àillidh do'n t-sùil. Mar a's 
coimhlionta a' chàil, is ann a's mìlse am biadh. Mar 
a's ceòlmhoire a' chluas, is ànn a's taitniche an ceòl. 
Mar a's coimhlionta an t-anam, is ann a's aoibhniche 
na h-aoibhneasan sin, agus a's glòrmhoire dhuinn a' 
ghlòir sin. 

4. Is ì nis a' chuid àraid de'n f hois so, sinn " a bhi 'dlùth 
mhealtuinn Dhè, am maith a's mò." Agus an so, a lèugh- 
adair, na gabh iongantas mur bi fìos agam-sa, agus mur 
ruig mo thuigse, ach amhain air beagan de na nithibh a 
ta air am filleadh ann mo bhriathraibh. Mur robh " è 
soilleir fathast" do Eòin, an deisciobul ionmhuinn, " ciod 
a bhitheas sinn," ach amhàin a ràdh gu gnàthaichte, 
" gu'm bi sinn cosmhuil ri Criosd, 'nuair a dh'fhoill- 
sichear è," (1 Eòin 3. 2.) na gabh iongantas mur aithne 
dhomh-sa ach beag. Agus o nach aithne dhomh ach 
beagan mu thimchioll Dhè, cha n-urrainn mòr f hios a bhi 
agam ciod è sin Dia a mhealtuinn ! Ma's beag m' eòlas 
air spioradaibh, cia beag m' eòlas air Athair nan spiorad, 
no air an staid anns am bi m' anam fèin, an dèigh a thogail 
suas gu mealtuinn Dhè ? 'Nuair a sheasas mì ag amharc 
air tòrr sheangan, 'us mì 'g am faicinn uile fo mo shùil ; 
cha n-aithne dhoibh-san mise, mo bhith, mo nadur, no mo 
smuaintean, ged is mì an co-chrèutair; cia beag, matà, is 
aithne dhuinn-ne de'n Chruthaidhear mhòr a tha, le aon 
sealladh a shùl, gu soilleir a' faicinn nan uile dhaoine ! 
Cha n-'eil an diugh aig na naoimh, a tha " ag amharc mar 
ann an sgàthan," ach boillsgeadh, no sealladh beagleis am 
bheil sinn air ar deanamh comasach air beagan smuain- 
tean gann, dorch 'fhaotuinn air na nithibh sin a chithear 
an dèigh so ann an glòir. Ma labhras mì ri duine 
saoghaltach air naomhachd agus air aoibhneasaibh 
epioradail nan naomh air thalamh, cha tuig è mì, oir cha 
n-urrainnear gràs aithneachadh gu soilleir às èugmhais 
grkis ; nach mòr na's lugha na sin a b'urrainn è mo thuig- 
sinn, na'n lnnsinn dhà mu thimchioll na glòire so I 
Ach tha na's mò mhisneachd agam gu labhairt ris m 



Fois nan Naonih, 9 

naoimh, oir thug gràs dhoibh eòlas dorch agus blasad 
beag air glòir. Ged thòisicheadh daoine agus ainglean 
ri labhairt air àrd shonas na staide beannaichte so, ciod 
eile a b'urrainn ìad a ràdh na's mò na so ann an aon 
f hocal, Is e so dlùthlàn-mhealtuinn Dhè. ! cia mòr 
an làn aoibhneas a ta air a thairgse do'n chreidmheach 
le Criosd anns an aon rann so, " Athair, is àill leam an 
dream a thug thu dhomh, gu'm bi iad maille rium, far 
am bheil mi chum gu'm faic iad mo ghlòir a thug thu 
dhomh." Eòìn 17. 24. Tha gach focal dhiubh sin làn 
beatha agus aoibhneis. B'aobhar iongantais glòir Shol- 
aimh do bhàn-rìgh Shèba, ag ràdh ris "Is sona do 
dhaoine, is sona \ad so do sheirbhisich, a sheasas a' d' 
fhianuis an còmhnuidh, ag e"isdeachd ri d' ghliocas. 
1 Rìgh 10. 8. Ach cia tuilleadh 'us sona ìadsan a 
sheasas an còmhnuidh an làthair Dhè, a' faicinn a ghlòire 
agus glòir' an Uain. Dhoibh-san " bheir Criosd ri ith- 
eadh de chraoibh na beatha agus de'n mhana f hol" chte," 
seadh, " ni èìad 'n am puist ann an teampull a Dhè, agus 
cha t&d iad ni's mò amach às : agus sgrìobhaidh è ainm 
a Dhè orra, agus ainm caithreach a Dhe', a's è Ierusalem 
Nuadh a thig a nuas o nèamh o a Dhia, agus sgrìobh- 
aidh e 'ainm nuadh fèin orra," seadh tuilleadh f òs, ma's 
urrainn tuilleadh a bhi ànn, "bheir e dhoibh comas 
suidhe maille ris air a righ-chaithir." " Isìad so iadsan 
a thàinig à" h-àmhghar mòr ; agus nigh iad an trusgain, 
agus rinn ìad geal ìad ann am fuil an Uain. Uime sin 
tha iad an làthair rìgh-chaithreach Dhè, agus a' deanamh 
aoraidh dhà a là agus a dh'oidhche 'n a theampull ; agus 
gabhaidh an tì a ta 'n a shuidhe air an rìgh-chaithir 
còmhnuidh 'n am measg. Beathaichidh an t-Uan a 
tha am meadhon na rìgh-chaithreach iad agus treòr- 
aichidh è iad gu beò-thobraichibh uisge ; agus tior- 
maichidh Dia gach deur o'n siùlibh." Taisb. 2. 7; 
Caib. 3. 12, 21 ; Caib. 7. 14-17. shaoghail dhoill, 
bhrèugaich, mheàllta ! Feuch dhuinn a leithid sin de 
ghlòir, ma's urrainn thu ! Is è so caithir ar Dè far am 
bheil "pàilliun Dhè maille ri daoinibh, agus ni esan 
còmhnuidh maille riu, agus bithidh iadsan 'n an sluagh 
dna, agus bithidh Dia fèin maille riu, agus 'n a Dhia 
dhoibh. Shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t-Uan a's 



10 Cùnntas mu Nàdur 

solus da." Taisb. 21. 3. 23. " Agus cha bhi mallachd 
air bith ann ni's mò: ach bithidh rìgh-chaithir Dhè* 
agus an Uain innte ; agus ni a sheirbhisich seirbhis da. 
Agus chi iad 'aghaidh ; agus bithidh 'ainm-san air clàr 
an eudain. Tha na briathra so dileas agus f\rinneach. 
Agus na nithe sin a's èigin tachairt gu h-aithghearr." 
Taisb. 22. 3, 4, 6. Their sinn anis le Mephiboset, 
" Gabhadh" an saoghal " an t-iomlan, oir thig ar Tigh- 
earn ann an sith." 2 Sam. 19. 30. 

"Deanaibh gàirdeachas," uime sin, "anns an Tighearn 
sibhse 'fhìreana." Salm 33. 1. Agus abraibh le Daibh- 
idh " Is e an Tighearn cuibhrionn m'oighreachd. Thuit 
mo roinn dhomh-sa ann an ionadaibh aoibhneach; 
seadh, tha oighreachd thaitneach agam. Chuir mi an 
Tighearn romham a ghnàth : a chionn gu bheil e air 
mo dheas làimh, cha ghluaisear mi. Uime sin ni mo 
chridhe aoibhneas, agus ni mo ghlòir gairdeachas : 
gabhaidh m'f heòil mar an ceudna fois ann an dòchas. 
Oir cha'n f hàg thu m'anam anns an uaigh : cha leig 
thu le t'aon naomh truaillidheachd f haicinn. Feuchaidh 
tu dhomh slighe na beatha : tha lànachd aoibhneis a'd' 
làthair-sa : tha mòr shubhachas aig do dheas làimh gu 
sìorruidh." Salm 16. 5-11. Nach bu ladurna dhuinn-ne 
smuaineachadh, no labhairt air na nithibh glòrmhor sin, 
mur labhradh Dia fèm ruinn orra roimhe so ? Cha bu 
dàna dhomh smuaineachadh air àrd-ìnbhe nan naomh 
anns a' bheatha so fèin, mur bitheadh è air a dheanamh 
aithnichte dhomh le fìrinn shoilleir Dhè. Xach bu mhi- 
chìatach dhuinn labhairt umainn-fèm mar " Chlann De" — 
a' labhairt ris — ann an co-chomunn ris — a'gabhail còmh- 
nuidh ànn, agus esan annainn-ne," mur b'ì so càinnt 
Dhe* fèin ! Ciamar bu dàna dhuinn aon uair smuaineach- 
adh idir gu'm bheil sinn " a' dealrachadh mar a' 
ghrìan." — gur " comh-oighreachan sinn maille ri 
Criosd," — gu'n " toir sinn breth air an t-saoghal," — 
gu'm bheil sinn " a' suidhe air rìgh-chaithir Chriosd," 
— gur " aon sinn ànn-san agus anns an Athair ?" Seadh, 
ciamar bu dàna dhuinn sinn-fèin àrdachadh mar sin, 
mar biodh làn ùghdarras againn o bhèul agus fo làimh- 
sgrìobhaidh Dhè fèin ? Agus " an dubhairt e agus nach 
dean e ? agus an do iabhair e agus nach coimhlion se 



Fois nan Naomh. 1 1 

e ? Air. 23. 19. Seadh anis mar is flor an Tighearn 
Dia, " Mar so nithear do'n duine air an toil le" Criosd 
" urram a chur." Est. 6. 11. Biodh deadh mhisneachd 
agad, a Chriosduidh, is goirid an ùin gus am bi Dia 
agus tusa fagus d' a chèile, cho fagus agus is urrainn 
thu a dheadh-mhìannachadh. Gabhaidh tu còmhnuidh 
'n a theaghlach. Nach leòr sin ? " Is feàrr a bhi ri 
dorsaireachd ann an tigh Dhè, na bhi chòmhnuidh ann 
am pàilliunaibh aingidheachd." Seasaidh tu gu sìor- 
ruidh 'n a làthair, timchioll a rìgh-chaithreach, astigh 
'n a sheòmar maille ris. Am b' àill leata bhi na's f haisg' 
air ? Bithidh tu mar leanabh dhà, agus bithidh esan 
'n a Athair dhuit. Bithidh tu 'n ad' oìghre air a rìogh- 
achd : seadh, tuilleadh fòs, 'n ad' chèile d'a Mhac. 
Ciod tuilleadh a b' urrainn thu 'mhìannachadh ? Bithidh 
tu 'n ad' bhàll de chorp a Mhic ; agus bithidh am Mac 
'n a Cheànn dhuit. ls aon thu maille ris-san a's aon 
maille ris an Athair, mar ghuidh è o'n Athair air do 
shon, " Chum gu'm bi iad uile 'n an aon ; chum mar a 
ta thusa, Athair, annam-sa, agus mise annad-sa, gu'm bi 
iadsan mar an ceudna 'n an aon annainne ; chum gu'n 
creid an saoghal gu'n do chuir thusa uait mi. Agus 
thug mise dhoibh-san a' ghlòir a thug thusa dhomh-sa, 
chum gu'm bi iad 'n an aon, mar a ta sinne 'n ar n-aon ; 
mise annta-san, agus thusa annam-sa, chum gu'n deanar 
coimhlionta iad ann an aon ; agus a chum gu'm bi fios 
aig an t-saoghal gu'n do chuir thusa uait mi, agus gu'n 
do ghràdhaich thu iadsan, mar a ghràdhaich thu mise." 
Eò. 17. 21-23. 

5. Anns an f hois so tha " gnàth-oibreachadh milis 
aig uile chomasaibh agus aig uile bhuaidhean an anama 
agus a' chuirp ann am mealtuinn so Dhè." Cha n-ion- 
ann so as fois cloiche a sguireas de ghluasad cho luath 
's a ruigeas ì a h-àite-tàimh. Atharraichear an corp, 
ionnus nach fuil 'us feòil è ni's mò, oir cha n-f heudar 
le feòil agus fuil rìoghachd Dhè a shealbhachadh, ach 
le corp spioradail." 1 Cor. 15. 50. " Cha 'n e an corp 
a bhitheas a ta sinn a' cur. Ach a ta Dia a' toirt cuirp 
dhà mar bu toil leis, agus do gach uile shiol a chorp 
fèm." Rànn 37, 38. Ma tha gràs ag atharrachadh £* 
Chriosduidh o'n staid 's an robh è roimhe. cho mòr UZ 



12 Cùnntas mu Nàdur 

gu'm bi aige ri ràdh " Cha mhì anis an duine 'bu mhì 
roirrìhe," cia mòr a's mò na sin a dh-atharraicheas glòir 
sinn? Mar is àrd corp spioradail os-ceànn na grèine 
ann an glòir, seach mìll f heòla lag, chronail, èucaileach, 
àrdaichear sinne agus gach ceud-fàdh a ta annainn, 
Ardaichidh Dia ar ceud-fàidh (senses) gun teagamh. 
Meudaichidh è ar comas, agus do rèir sin àrdaichidh è 
sonas nan ceud-fàdh sin : agus lìonaidh è suas ar n-uile 
thuigse às a lànachd fem Carson a bhitheadh an corp 
air a thogail suas, mur faigheadh è cuid ann an glòir ? 
Mar bha cuid aige ann an tabhairt ùmhlachd agus ann 
am fulang, is amhuil sin a bhios cuid aige ann an sonas, — 
duais luchd-ùmhlachd. Cheannaich Criosd an duine gu 
h-iomlan, air an aobhar sin, gheibh an duine uile — an 
t-anam agus an corp — beannachd sìorruidh na ceann- 
achd so. Nis ic " obair shìorruidh nan naomh, — sluagh 
beannaichte, — seasamh an làthair rìgh-chaithir Dhè* agus 
an Uain, a' moladh Dhè fad saoghal nan saoghal. Lìonar 
an sùilean agus an cridheachan le eòlas àrd air a ghlòir. 
Lìonar am beòil le 'mholadh. Gabhaibh air aghaidh, 
uime sin, sibhs' a naoimh ! a' deanamh bhur dleasanais, 
f had 's a bhios sibh air thalamh. Ionnsuichibh, 1 ionn- 
suichibh obair nan naomh, oir is " cìatach cliù" Dhè ann 
am bèul nan naomh. Deanaibh ùrnuigh, ach molaibh 
Dia gun stad. Molaibh è an làthair a shluaigh. Is ì 
so an obair shìorruidh a bhios agaibh-se. Molaibh è 
'nuair a bhios a naimhdean ri magadh agus càineadh air. 
Molaidh sibh è fathast, agus bithidh iongantas orra-san 
ruibh, air an là 's am bi ìad-fèin ri caoidh. ! cia beann- 
aichte obair nan daoine glòraichte, a' seasamh an làthair 
Dhè agus an Uain, gu bràth a' sèinn amach gu h-ait, 
" Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, 
agus cumhachd f haotuinn." Taisb. 4, 11. " Is airidh an 
t-Uan a chaidh mharbhadh, air cumhachd, agus saoibh- 
reas, agus gliocas, agus neart, agus urram, agus giòir, 
agus moladh f haotuinn. Shaor thu sinne do Dhia le 
t'f huil fèin, às gach uile thrèibh, agus theangaidh, agus 
shluagh, agus chinneach ; agus rinn thu rìghrean 
dhinn agus sagairt do ar Dia." Taisb. 5. 12, 9, 10. 
" Alelùia ; Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumh- 
achd do'n Tighearn ar Dia-ne." Taisb. 19. 1. " Alelbia: 



Fois nan Naomh. 13 

oir a ta an Tighearn Dia uile-chumhachdach a' rìogh- 
achadh." Taìsb. 19. 6. Chriosduidhean, so an f hois 
bheannaichte ! fois a ta, mar gu'm b' eadh, gun f hois ; 
oir cha sguir ìad " a là no dh' oidhche," a ràdh " Naomh, 
naomh, naomh, an Tighearn Dia uile-chumhachdach, a 
bha, agus a ta, agus a bhitheas." Taisb. 4. 8. Agus 
ma's ì so obair ghlòrmhor a' chuirp, cia maiseach, àrd, 
obair òirdheirc an anama ! Is ìad buaidhean 'us comasan 
an anama a's mò gu mòr, 's an lorg sin, bithidh a dhean- 
adais na's comasaiche agus a thoil-ìnntinn na's mìlse. 
Bithidh an iomairt fèin aig ceud-fàdhaibh a' chuirp, a' 
faotuinn 's a' mealtuinn an cuspairean fèin ; agus 'iomairt 
fèin aig an anam a' mealtuinn a chuspair fèin, ag aith- 
neachadh, a' cuimhneachadh, a' gràdhachadh, 's a' 
deanamh gàirdeachais le taitneas mòr, do-labhairt. 

Is taitneach eòlas dheth-fèin. Is feàrr rè*usan na 
mothachadh dorch. Is feàrr taitneas a' chàileadair, a 
theagaisgeas eòlas mu nithibh dìomhair nàduir, na tait- 
neas a' gheòcair, a' mhisgeadair, an duine neo-ghlain, 
's an druiseir. Ach is òirdheirc an fhìrinn uile. Cia 
mòr, matà, taitneas an t-sluaigh aig am bheil eòlas àrd 
air Dia na f ìrinn ? Cia òirdheirc a' bhuaidh tuigse an 
anama ! Le so cuairtichidh è an talamh : tomhaisidh 
è na nèamhan, cìan astar na grèine, na gealaich, agus nan 
rè"ult : ìnnsidh è iomadh bliadhna roimh-làimh, gach 
dubhar spèurail feclipse), gu-ruig a' mhionaid. Ach is 
è an cèum a's àirde de òirdhearcas an anama, eòlas air 
an Dia neo-chrìochnach, a rinn na nithe sin uile, ach is 
beagan eòlais a gheibhear 's a' bheatha so, ach mòran, 
ìnòran an dèigh so. gliocas agus maitheas an Tigh- 
earna bheannaichte ! Chruthaich è an tuigse, agus chuir 
è ìnnte aomadh 'us togradh nàdurrach an dèigh na fìrinn, 
mar a cuspair, — an dèigh na prìomh fhìrinn mar a prìomh 
chuspair. A nis, a Chriosduidh, 'nuair a sheallas tu 
suas ùin f hada gu nèamh, gheibh thu boillsgeadh de 
Chriosd. Nach saoil thu, air uairibh, gu'n robh thu 
maille ri Pòl anns " an treas nèamh, ma's anns a' 
choluinn, no às a' choluinn," agus gu'm faca tu nithe 
" do-labhairt ?" Nach abair thu le Peadar, " A mhaigh- 
stir, is maith a bhi an bo ?" nach robh mo chòmh- 
nuidh air a' bhoinn so ! faicean gu bràth na tha mi 



14 Cunntas mu Nàdur 

'faicinn anis ! Nach do lean thu riamh a' fad-amharc 
air " Grèm na f ìreantacW." gus an robh do shùilean 
air am bualadh le Uàrsadh na glòire iongantaich a ta 
ànn ? Agus nach robh gach ni eile, fo'n deàrsadh sin, 
dubh 'us dorch dhuit ? gu h-àraid air làithibh d' f hul- 
angais airson Chriosd, an t-àm air am faìgh a phobull 
gu tric sealladh na's mò dheth, nach f haca tu riamh aon 
" a' coiseachd ann am meadhon an teine" rr.aille riut, 
's " a choslas mar mhac Dhè ?" Dàn. 3. 25. Oreidibh 
mì, a Chriosduidhean, seadh, creidibh Dia ■ sibhs' a's mò 
eòlas air Dia ann an Criosd anis, cha n- eil è ach mar 
neo-ni ann an coimeas ris an eòlas a gheibh sibh. Is 
gànn is airidh è idir air eòlas a ghairm dheth. Mar a 
sguireas na cuirp so, is amhuil sin a sguireas an t-eòlas 
so airson eòlais na's coimhlionta : " Ma's eòlas, cuirear 
air cùl e. Oir a ta eòlas againn ann an cuid, agus tha 
sinn ri fàidheadaireachd ann an cuid. Ach an uair a 
thig an ni a ta ìomlain, cuirear air cùl an ni sin nach 
'eil ach ann an cuid. 'Nuair a bha mi a'm' leanaban, 
labhair mi mar leanaban, thuig mi mar leanaban, reuson- 
aich mi mar leanaban : ach air f às domh a'm' dhuine, 
chuir mi na nithe leanabaidh air cùl. Oir tha sinn a' 
faicinn 'san àm so gu dorcha tre ghloine ; ach an sin chi 
sinn aghaidh ri h-aghaidh : 'san àm so is aithne dhomh 
aun an cuid ; ach an sin aithnichidh mi eadhon mar a 
ta àithne orm." 1 Cor. 13. 8-12. Na gabh iongantas, 
uime sin, a Chriosduidh, gur " ì a' bheatha mhaireann- 
ach eòlas air Dia agus air Iosa Criosd." Is è Dia agus 
Criosd a mhealtuinn " a' bheatha mhaireannach," agus 
is è eòlas toil-ìnntinn an anama. Cuiridh ìadsan, aig 
am bheil an tlachd amhàin ann an nithibh talmhaidh, 
an comhairle ris an f heòil, agus is bochd an sonas leo 
eòlas air Dia. Ach " Tha f hios againn gur ann o Dhia 
a tha sinn, agus tha'n saoghal uile 'na luidhe 'san olc. 
Agus tha f hios againn gu'n d'thàinig Mac Dhè, agus 
gu'n d'thug e tuigse dhuinn, chum gu'm b'aithne dhuinn 
esan a ta f ìor : agus tha sinne ann-san a ta f ìor, ann a 
Mhac losa Criosd. Is e so an Dia f ìor, agus a' bheatha 
mhaireannach." 1 Eòìn 5. 19, 20. 

Bithidh obair bheò, mhaireannach, shòlasach, tharbh- 
ach aig do chuimhne anns an staid bheannaichte so. 



Fois nan Naorrih. 15 

Togar suas an duine naomh gu àirde mhòir o'm faod è 
sealltuinn 'n a dhèigh agus roimhe ; agus air dhà a bhi 
'beachdachadh air nithibh a bha 's a ta, dùisgear suas, 
'n a anam beannaichte, meas 'us mothachadh do-smuain- 
ichte air a staid. A' seasamh dhuinn air a' bhèinn sin 
o'm faic sinn, 's an aon àm, araon am fàsach agus tìr 
Chanàain ; a' seasamh dhuinn air àirde nèimh, a' seall- 
tuinn sìos air an talamh 's a' beachd-smuaineachadh 
air an t-sealladh ghlòrmhor a chithear, le tuigse, le 
mothachadh 'us breth shoilleir, ghlan 'us làn, nach 
buailear gach anam le ard aoibhneas gu èigheachd amach 
's an uair sin, " An ì so an oighreachd a chosd luach cho 
daor ri fuil Chriosd ?" cia ard ! cia iongantach ! 
cia gràsmhor ! cia beannaicht' an luach 's an gràdh 
trì-bheannaichte, a f huair amach an luach, 's a dheòn- 
aich è ! An ì so crìoch mo chreidimh ? An ì so crioch 
air obair an Spioraid ? An è so an caladh gus am bheil 
mi air mo shèideadh le oiteagan gràis ? An ann gu so 
'tha m' anam air a thàladh le Criosd ? thus', a thuruis 
bheannaichte, agus trì-bheannaicht' a cheànn ! An è so 
glòir nan daoine naomh mu'n robh na Sgriobtuirean a' 
labhairt agus ministearan a' searmonachadh cho liuthad 
nì ? Nach soilleir a chì mi nis gur deadh sgèul an sois- 
geul, — seadh sgèul sìth', — sgèul mòr aoibhneis do gach 
sluagh gu dearbh ! An tàinig mo chaoidh, mo thrasgadh, 
m' irioslachd, mo chèuman trom gu so ? An tàinig 
m' ùrnuigh, mo chaithris 'us m' eagal roimh pheacadh, gu 
so ? An tàinig m' àmhghar uile, buaireadh Shàtain, fanaid 
'us tarcuis an t-saoghail, gu so ? Ah ! mo dhroch nàdur 
a bha cho fada 's cho dìan a' diùltadh beannachd cho 
mòr ! Anam neo-airidh ! an è so an turus air an tàinig 
thu cho mì-thoileach ? An robh thu sgìth dhe do 
dhleasanas ? An robh an saoghal ro mhaith leat gu 
dealachadh ris ? An robh thu duilich na h-uile nithe 
a thrèigsinn, na h-uile nithe àicheadh, agus ni sam-bith 
"f hulang airson so ? An robh thu leisg bàsachadh, gu 
teachd an so ? chridhe mhealltaich, is beag nach 
do mheall thu sios mì gu lasraichean sìorruidh ! Is beag 
nach tug thu òrm mo ghlòir a chàll ! m' anam ! nach 
'eil nàir ort anis, teagamh a chur riamh anns a' ghràdh 
8in a thog suas gu so thu? amharus a bhi agad mu 



16 Cunntas nan Nàdur 

dhìlseachd do Thighearna, — amharus agad air a ghràdh, 
'nuair bu chòir dhuit amhartis a bhi agad ort-fèin? 
Nach 'eil nàir ort gu'n robh thu riamh air d' f haotuinn 
a' mùchadh toil a Spioraid, a' mì-mhìneachadh nam 
freasdal 's a' gearan air na slighibh sin a threòraich thu 
gu àit cho glòrmhor? Tha làn fhios agad anis gu'n 
robh d' Fhear-saoraidh 'g a do theàrnadh 'nuair a bha è 
casgadh do mhìann, cho maith 's an uair a bha è'ga 
dheònachadh dhuit ; 'nuair a bha è 'briseadh do chridhe, 
cho maith 's an uair a bha è'ga shlànachadh. Neor- 
thaing dhuit, 'Fhèin neo-airidh, airson do chrùin so ; ach 
do Iehobhah agus do'n Uan bitheadh a' ghlòir gu bràth." 

Ach ! cia làn, cia fagus, cia milis an toil-ìnntinn, 
an gràdh sin I " Is gràdh Dia : agus an tì a tha 'fantuinn 
ann an gràdh, tha e 'n a chòmhnuidh ann an Dia, agus 
Dia ann-san." Is è gearan an anam' bhochd an diugh, 
" Hò ! nach robh tuilleadh gràidh agam do Chriosd !" 
Air là do ghlòire gràdhaichidh tu è gu làn. An diugh 
cha n-aithne dhuit ach beag, cho gràdhach 's a tha è ; 
agus uime sin, cha n-'eil do ghràdh dhà ach beag. Air 
an là sin, buailidh do shùil do chridhe, a' sìor-bheachd- 
achadh air àilleachd iomlain Chriosd ; bithidh tu air do 
ghnàth-lìonadh le beò ghràdh. A Chriosduidhean, nach 
'eil anis cuimhne air fìos a ghràidh a' beothachadh 
gràidh annaibh ? Nach 'eil sibh air bhur leaghadh ? 
nach 'eil bhur cridheachan fuar t reòt' a' blàthachadh ri 
cuimhneachadh air caoimhneas Chriosd agus air grìan- 
sholus a mhaitheis Nach mò na sin gu mòr bhur 
gràdh, 'nuair a bhitheas sibh beò air a ghràdh, uile 
Ann-san, neach a's è " na h-uile ?" Gu cìnnteach is 
obair agus duais gràdh. Cia àrd an t-sochair gu'm 
bheil Dia a' ceadachadh dhuinn e-fèin a ghràdhachadh, 
agus gu'n gràdhaichear è leo-san a ghràdhaich ana- 
mìann 'us peacadh air thoiseach air ! A bhàrr air sin, 
bheir è gaol airson gaoil, ni-h-eadh ach mìle uiread 
na's mò. A Chriosduidh, lìonar suas thu gu do bhè'ul 
le gràdh air an là sin, ach air meud a' ghràidh a bheir 
thu, gradhaichear thu deich mìle cuairt na's mò. Faic 
gàirdeana Chriosd a' fosgladh air a' chrànn-chèusaidh 
agus rathad air 'f hosgladh do'n t-sleagh a dh-ionnsuidh 

chridhe, agus nach f hosgail a làmhan agus a chridhe 



Fios nan Naomh. 17 

dhuit-sa ann an glòir ? An do thòisich a ghràdh dhuit 
mu'n tug thusa gràdh dhà-san, agus nach mair è nis ? 
An tug è gràdh dhuit-sa, nàmhuid dha? thus' a 
pheacaich? thusa, do'm bu ghràin thu-fèin, nach 
d 1 aidich è thu, 'nuair a bha thu 'g ad' àicheadh fèin ? 
agus nach gràdhaich è thu thar tomhas 'nuair is mac 
dhà thu ? Seadh thusa, aon de na f ìor naoimh ? thus' a 
thug beagan gràidh airson gràidh. An Tì a ghuil ann 
an gràdh os-ceànn seànn Ierusaleim 'us ì dlùth d'a 
sgrios, cia mòr an gràdh leis an dean è gàirdeachas 
thairis air an " Ierusalem Nuadh" 'n a gloir ? A Chriosd- 
uidh, creid è, smuainich air ; bithidh tu gu sìorruidh 
air do chaidreachadh ann an àrd uchd a ghràidh sin — 
an gràdh a bha 's a bhitheas tre shìorruidheachd, — an 
gràdh a thug Mac Dhè bho nèamh gus an talamh, bho'n 
talamh gus a' chrànn-chèusaidh, bho'n chrànn-chèus- 
aidh gus an uaigh, bho'n uaigh gu glòir — an gràdh, a 
bha sgìth, acrach, air a bhuaireadh, air a chur an 
dìmeas, air a sgiùrsadh, air a bhualadh, air a lot, air a 
mhaslachadh le smugaidean, air a chèusadh, air a 
shàthadh leis an t-sleagh, — an gradh sin a rinn trasgadh, 
a rinn ùrnuigh, a rinn teagasg. a rinn slànachadh, a 
rinn guil, a shil fallas mòr, a dhòirt 'f huil, a bhàsaich ! 
Sin an gràdh a chaidricheas tusa gu sìorruidh ! 'Nuair 
a choinnicheas làn ghràdh cruthaichte agus gràdh 
iomlan neo-chruthaichte a chèile. cha n-ann cosmhuil 
ri coinneachadh Iòseiph agus a bhràithrean a' guil air 
muinealaibh a chèile, ach a' gràdhachadh agus ri 
gàirdeachas - gun bhròn idir. Ach anis clisgidh cùirt 
Shàtaih, 'nuair a chluinnear gu'm bheil bràithrean 
Iòseiph air teachd, agus gu'm bheil na naoimh air 
ruigheachd uchd Chriosd gu sàbhailt, fad às o ifrinn gu 
sìorruidh. Cha n-ionann so ri gràdh Dhaibhidh agus 
Ionatain, a' briseadh amach 's a' seargadh às ann an 
caoidh trom, truagh. Aithnich so, a chreidmhich, mar 
do shòlas sìorruidh, 'nuair a chaidricheas na gàirdeanan 
ud thu aon uair, cha n-urrainn peacadh, no ifrinn do 
spìonadh à sid gu bràth. Cha n-ann ri crèutair neo- 
sheasmhach a tha do ghnothach-sa, ach ris an Tì 
" maiile ris nach 'eil atharrachadh,no sgàile tionndaidh." 
Cha n-ionann a ghràdh-san dhuit-sa, agus do ghràdh-sa 



18 Cùnntas mu Nàdur 

dhà-san air thalamh, ainmig agus fuar, suas 'us sìos, 
anull 's anàll. An Tì nach do bheagaich a ghràdh dhuit, 
'nuair a bha thu gu naimhdeil, dearmadach 'g a rag- 
dhiùltadh, an sguir a ghràdh dhuit anis, an dèigh dhà 
do dheanamh fìor ghràdhach, àillidh? An Tì a bheir 
ort a bhi seasmhach ann do ghràdh dhà, ionnus gu'm 
faod thu a ràdh nach bi " trioblaid, no àmhghar, no 
gèur-leanmhuinn, no gorta, no lomnochduidh, no 
cunnart, no claidheamh comasach do ghràdh a sgaradh 
o Chriosd," cia mòr na's seasmhaiche na sin a bhitheas 
e-fèin. Is maith a dh-f haodas tu 'ràdh le Pòl, " Tha 
dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, 
no uachdaranachda, no cumhachda, no nithe a ta làthair, 
no nithe a ta ri teachd, no àirde, no doimhne, no creut- 
air sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh 
Dhè a ta ann an Iusa Criosd ar Tighearn." Ròm. 8. 38, 
39. Nach èigh sinn amach anis fo iongantas an Abstoil 
" Ciod a their sinn ris na nithibh sin ?" Is dìomhaireachd 
an gràdh neo-chrìochnach so do chomas crìochnach. 
Cha n-iongantach ged " is mìann leis na h-ainglibh a 
bhi 'beachdachadh" air an dìomhaireachd so. Agus 
ma's è mìann nan naomh an so, " a thuigsinn ciod è 
leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde gràdh Chriosd, 
a chaidh thar gach uile eòlas," is ì fois shìorruidh nan 
naomh mealtuinn Dhè le gràdh. 

Is ì so an toìl-ìnntinn gus am bheil na h-uile nithe 
maith a' treòrachadh, agus anns am bheil ìad a' crìoch- 
nachadh, eadhon an tlachd do-smuainichte a tha aig an 
t-sluagh bheannaichte ann am faicinn, ann an aithneach- 
adh agus ann an gràdhachadh Dhè, agus ann a bhi air 
an gràdhachadh leis. Is ì so " a' chlach gheal nach 
àithne do neach air bith, ach do'n tì a gheibh ì. Taisb. 
2. 17. Is cìnnteach, is e so " an t-aoibhneas anns nach 
'eil comh-roinn aig coigreach." Tha uile shlighean 
tròcaireach Chriosd a' treòrachadh gu aoibhneas nan 
naomh, 's a' crìochnachadh ànn. Ghuil è, bha è bròn- 
ach, dh'-fhuiling è, chum gu'n deanadh ìadsan gàird- 
eachas. Cuiridh è a Spiorad d'an ionnsuidh gu bhi 
'n a Chomhf hurtair dhoibh. Lìonmhoraichidh è geall- 
aidhean doibh, foillsichidh è an sonas doibh, " chum 
£u'm bi an aoibhneas làn." Fosglaidh è tobar nan 



Fois nan Naomh. 19 

" uisgeachan beò" dhoibh, chum gu'm bi tuilleadh tairt 
orra, agus gu'm bi è " 'sruthadh suas ànnta chum na 
beatha maireannaich." " Smachdaichidh è ìad a chum 
fois a thabhairt doibh." Salm 94. 12. Bheir è orra 
"gàirdeachas a dheanamh ànn-fèin a ghnàth," agus their 
è riutha rìst " Deanaibh gàirdeachas." Cha n-fhàg è 
gu bràth ìad ann an cor cho ìosal as nach bi aca aobhar 
gàìrdeachais na's mò na aobhar bròin. Faic, a Chriosd- 
uidh, mòr chùram an Tighearna mu do shòlas an so ! 
Ach ! cia mòr an t-aoibhneas a bhitheas agad 's an 
àit sin far am bi an t-anam làn-ullaichte airson aoibh- 
neis, agus aoibhneas ullaichte le Criosd aig an anam ! 
Is ì ar n-obair agus ar gnothach an sin, aobhneas gu 
sìorruidh ! Creid sin, m' anam I Bithidh aoibhneas 
nan naomh, 'n a thomhas, na's mò na pìan nan daoine 
mallaichte ; oir is è pìan chrèutairean a ta 'n am pìan- 
san " a dh'ulluicheadh do'n diabhul agus d'a ainglibh :" 
ach is h ar n-aoibhneas-ne "aoibhneas ar Tighearna." 
Mata 25. 41, 21. Glòir co-ionann ris " a' ghloir a thug 
an t-Athair do'n Mhac, thug am Mac dhoibh-san," 
eadhon " suidhe maille ris air a rìgh-chaithir, amhuil 
fòs mar tha e-fèin air a shuidheachadh maille ris an 
Athair air a rìgh-chaithir-san." Thus' anis, anam 
bhochd, a ta 'g ùrnuigh airson aoibhneis, a' feitheamh 
ri aoibhneas, a' gearan air d'easbhuidh aoibhneis, fo 
fhadachd airson aoibhneis, bithidh làn aoibhneas agad 
air an la sin, uiread 's is urrainn thu 'ghabhail, agus na's 
mò na smuainich, no 'dh'ìarr do chridhe riamh. An 
diugh gluais gu cùramach, dean caithris a ghnàth, agus 
leig le Dia do làithean agus do thomhas aoibhneis 
a roinn amach dhuit. Ma dhaoite gu'm bheil è 'g an 
cumail uait gus àm bi d' fhèum na's mò. B'fheàrr 
dhuit do shòlas a chàll na do theàruinteachd. Geda 
bhàsaicheadh tu làn eagail agus bròin, cha mhair sin 
ach mionaid. Teichidh d' eagal 'us do bhròn. Crìoch- 
naichidh ìad uile ann an lànachd d' aoibhneis — ann 
an aoibhneas do-mheasraichte. — Mar " ghàirdeachas a' 
chealgair," cha mhair eagal an f hìrein " ach car tiota." 
" Oir 'f hearg cha mhair ach mionaid bheag, 
'N a dheadh-ghean beatha ta : 
Tràth oidhche fòs ged robh ann bròn, 
Thig aoibhneas leis an là." — Salm 30. 5. 



20 Cùnntas mu Nàdur. 

O cia beannaicht' a' mhaduinn ! cia beannaichte là gldr- 
mhor nan naomh ! 'Anam bhochd, iriosail, f hannaichte, 
nach bu mhòr d' aoibhneas anis, na'n cluinneadh tu guth 
o nèamh ag ìnnseadh dhuit mu ghaol Dhia, mu mhaith- 
eanas do pbeacaidh, 'us è 'g a do dheanamh cìnnteach 
air do chuid anns na h-aoibhneasaibh sin ! Ach cia mòr 
d' aoibhneas 'nuair a bhitheas làn fhios agad air do 
chòir orra le bhi 'g an làn-mhealtuinn, 'us tu air do 
thogail suas gu nèamh, ach beag gun f hios duit, ainglean 
'g a do ghiulain a dh-ionnsuidh Chriosd, 'us Criosd, 
mar gu'm b' eadh, 'g a do ghabhail air làimh, 'g a do 
threòrachadh a dh-ionnsuidh na h-oighreachd ceann- 
aichte, 'g a d' fhàilteachadh a dh-ionnsuidh na foise, 
'g a do nochdadh neo-lochdach an làthair Athar, agus a' 
tabhairt dhuit d' àite timchioll a rìgh-chaithreach ! Nis 
a chreidmhich bhochd, ciod a their thu ris an là sin ? 
Nach bi thu ach beag, ullamh gu seasamh air d' ais ag 
ràdh " Ciod è so ! Mise, a Tighearna ! Mise ! neach cho 
neo-airidh a rinn dearmad air do ghràs, dìmeas air 
d 'f huil agus tàir air do ghràdh ! Am faigh mis' a' ghlòir 
so ? Cha n-airidh mì idir gu'n goirteadh mac dhìom ! 
Ach is ì so toil a' ghràidh ! m' anam ! air an aobhar 
sin, gabh astigh d'a aoibhneas ? 

Agus cha n-ann agads' amhàin a bhitheas an t-aoibh- 
neas so. Gheibhear an t-aoibhneas cho maith ris a' 
ghràdh so, aig uile luchd-àiteachaidh nèimh. An robh 
aoibhneas air nèamh air là d' ìompachaidh, agus nach 
bi aoibhneas an sin air là do ghlòrachaidh ? Nach 
fàiltich na h-aingil thu do nèamh, agus nach dean ìad 
comh-ghairdeachas airson do theachd sàbhailt ? Is ìad 
a ni. Seadh, ni Criosd gàirdeachas. 'Nuair a gheibh 
sinne aoibhneas, chì Criosd crìoch a ghnothaich, crìoch 
a shaothair, crìoch 'fhulangais agus a bhàis. 'Nuair 
a bhitheas è " air a ghlòrachadh 'n a naomhaibh, agus 
iongantach ànnta-san uìle a ta 'creidsinn," " chì e do 
shaothair 'anama agus bithidh e toilichte." Isà. 53. 11. 
Is è so foghar Chriosd, 'nuair a bhuaineas è toradh mòr 
a shaothair. An sin, cha bhì aithreachas air idir airson 
na dh'f huilig è, ach ni è gàirdeachas thairis air a phobull, 
— an oighreachd a cheannaich è, — agus ni ìadsan gàird- 
eachas ànn-san. Seadh, gabhaidh an t-Athair fèÌD 



Fois nan Naornh. 21 

gàirdeachas ann ar gàirdeachas-ne. Geda " chuir sinne 
doilgheas air a Spiorad," agus geda " sgìthich sinn è le 
ar n-èuceartaibh," gidheadh bithidh gàirdeachas air ann 
ar maith. O nach eakmh a chì a shùil anis an struidh- 
ear (" am mac struidhiel") bochd a' pilleadh, eadhon 
" fad uaith"! faic mar a c ruitheas è'ga choinneach- 
adh, a' gabhail truais dheth, a' tuiteam air a mhuineal 
agus 'g a phògadh, a' cur uime na culaidh a's feàrr, a' 
cur fainne air a làimh agus brògan air a chosaibh, a' 
marbhadh an laoidh bhiadhta chum itheadh agus a bhi 
subhach!' Luc. 15. 20-23. Gu dearbh is sona a' 
choinneamh ì so, ach mar neo-ni ann an coimeas ri 
caidreachadh agus gàirdeachas na coinnimh mòire, 
deireannaich sin. Seadh, fathast, mar tha Dia a' gràdh- 
achadh agus ri gàirdeachas, gabhaidh è dha-fèin an f hois 
mar bheir è fois dhuinn-ne. cia fad an t-sàbaid 
shìorruidh 'nuair a làn-chrìochnaichear obair saoraidh, 
naomhachaidh, teàrnaidh agus glòrachaidh gu bràth 
" Tha 'n Tighearna Dia ann ad' mheadhon cumhachd- 
ach ; ni e do thèarnadh ; ni e gairdeachas os do cheann 
le luaghair ; gabhaidh e fois 'n a ghràdh; ni e gàirdeachas 
os do cheann le seinn." Seph. 3. 17. 

Och, och mise ! is beag nach 'eil eagal air mo chridhe 
meat tuilleadh a ràdh. Thàr leam gu'n cluinn mì guth 
an Uile-chumhachdaich ag ràdh rium " Cò e so a tha 
'dorachadh comhairle le briathraibh gun eòlas ?" Ach 
Thighearna, maith do d' sheirbhiseach, cha do bhean 
mise ri nithibh neo-fhoillsichte. Is muladach leam mo 
thuigse 'bhi cho tròm, mo smuaintean a bhi cho bochd, 
m' aignidhean a bhi cho marbh, mo bhriathran cho 
ìosal agus cho neo-f hreagarrach airson glòir' cho mòr. 
Amhàin " le èisdeachd na cluaise chuala mì." Hò ! 
faiceadh do sheirbhiseach thu agus seilbhicheam an 
t-aoibhneas so ; an sin, tuigidh mì na's freagarraiche agus 
bheir mì glòir na's mò dhuit. " Gabhaidh mì gràin 
dhiom-fèin," mar tha mì an dràst. Aicheadhaidh agus 
tilgidh mì uam mo neo-iomlanachd uile. " Chuir mi 
an cèill nithe nach do thuig mi, nithe tuilleadh 'us 
iongantach air mo shon-sa, nach b' aithne dhomh." Iob 
42. 3-6. Gidheadh " chreid mi, agus uime sin labhair 
mi." Ciod, a Tighearna, a gheibh thu bho'n duslach ach 



22 An t- Ullachadh mòr 

luaineachas ? no bho thruaillidheachd, ach truailleadh ? 
Ged is è lag-obair agus mì-urram toradh mo thruaill- 
idheachd-sa, gidheadh cuirear teine bho d' altair fèin, 
agus òrduichear obair leat. Cha do sheall mis' air taobh 
astigh d' àirce-sa. Cha do shìn mì amach mo làmh d'a 
h-ionnsuidh, gun thusa leam. " Glan" air falbh uam gach 
smal dhiubh sin "ann am fuil an Uain." Fèumaidh 
gach seirbhis a nithear dhuit an so a bhi neo-iomlan, 
no gun deanamh idir. 'Athair nèamhaidh, gabh 'us èisd 
mo thagair air sgàth do Mhic, a thubhairt " Tha 'n spiorad 
togarach, ach a ta 'n f heòil anmhuinn." Mata 26. 41. 



Caibdeil II. 

An t- Ullachadh mbr airson Fois nan Naomh. 

Cha n-'eil an rathad gu Pàrras anis air a dhùnadh 
suas mar bba è f had 's a bha an lagh 's am mallachd a' 
rìgheachadh. Uime sin, a Chriosduidhean ionmhuinn, 
a' faicinn gu'tn " bheil slighe nuadh agus bheò air a 
coisrigeadh dhuinne, ^re 'n roinn-bhrat, sin r' a ràdh tre 
f huil Chriosd," trid am faod sinn le " dànachd a dhol 
a steach do'n ionad a's naomha, thig mi am fagus le làn 
dearbh-bheachd." Eabh. 10. 19-22. A' faicinn gu'm 
bheil an " claidheamh lasarach" air a thoirt air falbh, 
seallamaid arìst astigh ann am pàrras ar Dè : agus a 
chionn nach " meas toirmiste" so, agus gu'm bheil è 
" maith a chum bidh" agus " taitneach" do na sùilibh 
spioradail, " agus 'n a chraoibh r'a mìannachadh a 
dheanamh neach" fìor " ghlic" agus fìor shona, gabh- 
aidh mì, tre chòmhnadh an Spioraid, agus ithidh mì 
dheth mi-fèin, agus arèir mo chomais, bheir mì dhuibh- 
se dheth, chum gu'n ith sibh. Tha " sgàil-thigh," no 
" fosglan" an teampuill so, (an t-ionad a's ro naomha) 
anabarrach glòrmhor, agus theirear " Sgìamhach" ris an 
dorus aige. An so tha ceithir nithe, mar cheithir ois- 
nean an sgàil-thighe so. — An so tha teachd agus foill- 
seachadh àrd-ghlòrmhor Chriosd, Mac Dhè : — Obair 
mhòr sin Iosa Criosd a' togail suas nan corp againn o'n 



airsoìi Foìs nan Naomh. 23 

ùir 'us è 'g an aonadh arìst ris na anamaibh aca : — Au 
gluasad follaiseach, mòr aig a' bhreitheanas, na Naoimh 
fein, an toiseach, air an làn-shaoradh 's air am f ìrean- 
achadh, 's an dèigh sin ìad a' toirt breith air an t-saoghal, 
maille ri Criosd, agus crùnadh greadhnach, maiseach nan 
naomh 'us ìad a' faotuinn na rìoghachd. 

1 Is maith a dh-f haodar a ràdh gu'm bi teachd agus 
foillseachadh anabarrach glòrmhor Chriosd, a chum 
glòir a shluaigh. Oir is ann air an sgàth-san a thàinig 
è do'n t-saoghal, a dh'f huilig è, a bhàsaich è, a dh'èirich 
è rìst, agus a chaidh è suas air nèamh ; agus is ann air 
an sgath-san a thig è rìst. Chum na crìche so ' thig 
Criosd arìst a ghabhail a shluaigh d'a ionnsuidh-fèin, 
chum far am bheil esan gu'm bi ìadsan mar-an-cèudna.' 
Eò. 14, 3. Cha n-ànn air litir-dhealachaidh a dh'f halbh 
am fear-nuadh-pòsda. Cha d'f hàg è sinn le rùn gun phill- 
eadh tuilleadh. Dh'f hàg è iomadh urras againn, chum 
ar deanamh cìnnteach gu'n " tig è rìs." Tha 'f hocal 
againn, a gheallaidhean againn, a shàcramaidean againn, 
" a' foillseachadh a bhàis gus an tig e ;" a Spiorad againn, 
a chum ar treòrachadh, ar naomhachadh agus ar comh- 
f hurtachadh, " gus an tfg e." Tha cuimhneachan tric 
a ghaoil againn uaith, a' dearbhadh dhuinn, nach dì- 
chuimhnich è a ghealladh, no sinne. Chithear a theachd- 
airean, gach là, a' roimh-ìnnseadh a theachd, mar dh'ìnnis 
e-fèin è roi-làimh. Chithear ' an crann-fige a' cur amach 
a dhuilleagan, agus an lorg sin aithnichidh sinn gur fagus 
an sàmhradh.' Ged their an saoghal aimhreiteach, " A 
ta mo Thighearn a' cur dàil 'n a theachd," gidheadh 
" togadh" na naoimh " suas an cìnn ; oir a ta an saorsa 
am fagus." mo chomh-Chriosduidhean ! ciod a dhean- 
amaid mur tigeadh ar Tighearn arìst ? Ciod an càs anns 
am faighteadh sinn ! Ciod è! ar fàgail an so "ameasg 
mhadadh-alluidh" agus " ameasg leòmhan," — " siol nan 
nathraiche-nimhe." Nach do cheannaich è gu daor sinn, 
agus am fàg è an so sinn a' peacachadh, a' fulang, ag 
osnaich, a' bàsachadh gach là, gun-teachd d'ar n-ionn- 
suidh ni's mò? Cha n-fhaod è 'bhith. Is cosmhuil an 
teagamh so ri ar deanadas neo-bhàigheil fèin do thaobh 
Chriosd, gun chùram annainn mu theachd d'a ionnsuidh, 
'auair a gheibh sinn sinn-fèin blàth ann an achlai^ an 



24 An t- Ullachadh mor 



t-saoghail. Ach cha n-ànn mar sin idir a tha Criosd a' 
deanamh d'ar taobh-ne. An Tì a thkinig a dh-f hulang, 
gun teagamh thig è 'dheanamh buaidh-chaithream. An 
Tì a thàinig a cheannach, gu cìnnteach thig è a ghabhail 
seilbh air a chuid fèin. Càit eile am biodh ar dòchas 
uile ? Ciod a b'f hìach ar creidimh, ar n-ùrnuighean, ar 
deòir agus ar feitheamh ? Ciod a b'f hìach uile f hoigh- 
idin nan naomh ? Nach " bu sinn a's truaighe de na 
h-uile dhaoinibh?" 1 Cor. 15. 19. A Chriosduidhean, 
nach tug Criosd òirnn an saoghal uile a thrèigsinn agus 
a tohi air ar trèigsinn leis an t-saoghal uile ? Agus na 
h-uile 'f huathachadh agus a bhi air ar fuathachadh leis 
na h-uile? agus sin uile air a sgàth-san, a chum gu'm 
mealamaid e-feui 'n an àite-san uile ? Agus, an saoil 
sibh, an dèigh so uile, am fkg 's an trèig e-f&n sinn ? 
Gu-ma fad a leithid de smuain o gach cridhe ! Ach 
carson nach do chòmhnaich è maille ri 'shluagh an so ? 
Carson nach robh an obair air a crìochnachadh air an 
talamh ? Tuigidh tusa carson, anam ghràsmhòir. 
Nach f hèumadh è seilbh a ghabhailalr glòir air ar son ? 
Nach f hèumadh è eadar-ghuidhe 'dheanamh ris an Ath- 
air, air ar son, a' tagair le 'f hulangais, a bhi air a lìonadh 
an Spiorad a chum a chur a dh-ionnsuidh a phobuill, leis 
hghdarras 'f haotuinn, a naimhdean a cheànnsachadh ? 
Is goirid ar cuairt air an talamh. Na'n do thuinich è 
air an talamh, ciod a b'fhìach a mhealtuinn beagan 
làithean, agus an sin bàsachadh ? Tha cuideachd na's 
mò aige air nèamh gu còmhnachadh maille riutha, eadhon 
spioradan mhòran ghinealach. Is àill leis sinne 'bhi beò 
an so, " a rèir creidimh 'us cha 'n ann a rèir seallaidh." 
mo chomh-Criosduidhean ! cia mòr an là sin air am 
bi sinne, a tha 'n ar prìosanaich aig a' pheacadh, aig 
peacaich agus aig an uaigh, air ar fuasgladh amach leis 
an Tighearn fèin. Cha n-ann mar bha ceud tlieachd 
Chriosd a bhitheas a dhara teachd. r rhàinig è air tùs 
ann am bochduinn, ann an dìmeas, gu bhi air a mhas- 
lachadh, air a bhualadh, 's air a chèusadh. Ach, 
shaoghail mhi-chùramaich, cha n-ann gu bhi air a chur 
suarach agus air a dhearmad leat-sa a thig è rìst. Gidh- 
eadh bha glòir comharraichte 'n a cheud teachd. Aig 
a cheud teachd rinn " cuideachd mhòr do annailtibh 



airson Foù nan Naomh. ' 25 

neamh luaidh air àm a bhreith " a' moladh Dhè" air a 
shon, ach cia ard glaodh aoibhneach nan aingeal agus 
nan naomh aig a dhara teachd, ag èigheachd amach 
" glòir do Dhia anns na h-àrdaibh agus air thalamh sìth, 
deadh-ghean do dhaoinibh." Aig a cheud teachd. 
threòraich " rèult" daoine glice o chrìochaibh iomall- 
ach na talmhainn gu " teachd a thabhairt aoraidh dc 
naoidhean nèamhaidh ann am prasaich, ach fèuch 
ciamar a ghluaiseas glòir a dhealrachaidh an saoghai 
uile gu uachdaranachd Chriosd aidheachadh aig a dhara 
teachd ! A' marcachd air asail, 'us Hosanna 'g a sèitiu 
dà leis gach beul, chaidh è roimhe asteach do Ierusalem, 
ach fèuch ! ciod an t-sìth 's a' ghlòir leis an tig è dh-ionn- 
suidh an " Ierusaleim Nuaidh !" Ma thubhairt sluag" 
'us è ann an " cruth seirbhisich, Ciod e ghnè dhuine so 
gu bheil na gaotha fèin agus an fhairge timhal dha ?' 
Ciod a their ìad 'nuair a chì ìad è nis a' teachd 'n 5 
ghlòir agus na nèamhan 's an talamh a' tabhairt ùmh- 
lachd dhà? " An sin ni uile thrèubhan na talmhainn 
bròn." Is dona 'thig do aon air-bith de na naoimh, 
ach is maith a thig do gach peacach neo-ìompaichte, 
smuaineachadh agus labhairt air an là sin le bròn. Nach 
glaodh na h-aingidh, 'nuair a chì ìad è, " Sid è, rinn 
sinne tàir air 'f huil. Dhiùlt sinn a ghràs agus a chomh- 
airle. Cha b' àill leinn gèilleadh d' a uachdaranachd 
idir ?" Agus nach glaodh na naoimh le aoibhneas do- 
smuainichte, " Sid è, shaor 'f huil sinne. Ghlan a Spiorad 
sinne. Cheànnsaich a lagh sinne. Dh'earb sinn às, 
agus cha meall è sinn. Dh'fheith sinn fada ris, ach 
anis chitliear nach b' ann gu dìomhain a dh'f heith sinn 
ris ! thruaillidheachd mhallaichte ! a dh'-iarradh 
òirnn pilleadh ris an t-saoghal agus ris na nithibh a ta 
làthair, ag ràdh " c'arson a dh'f heitheamaid air an 
Tighearn ni's faide?" Nise chithear so, " Is beannaichte 
ìadsan uile a ta 'feitheamh air-san." A Chriosduidh- 
ean, nach bu chòir dhuinn anis an ùrnuigh so a chur 
suas gu h-mntinneach, "Thigeadh do rìoghachd ?" 
" Tha an Spiorad agus a' bhean-nuadh-phòsda ag ràdh, 
Thig. Agus abradh an tì a chluinneas," agus a lèughas, 
" Thig." Tha ar Tighearn fèin ag ràdh " Gu deimhin 



26 An t- Ullachadh mor 

ta mi a' teachd an aithghearr. Amen. Seadh, thig, a 
Thighearn Iosa." Taisb. 22. 17. 20. 

2. Is è 'n dara ni a tha 'treòrachadh nan naomh gu 
Pàrras, obair mhòr sin Chriosd a' togail suas nan corp 
againn, 'us è 'g an aonadh arìst ris an anam. nach 
iongantach èifeachd a' chumhachd 's a' ghràidh neo- 
chrìochnaich I " Seadh, is iongantach sin gu dearbh," 
arsa be*ul bè*umach,searbh an às-creidimh, "ma tha è fìor? 
Ciod I am fàs na cnàmhan 's an duslach pronn, sgapta, 
sgaoilte sin 'n an duine beò arìst ? Tagram le urram anis 
airson Dhia, agus airson a' chumhachd sin leis arn bheil 
mo dhòchas èirigh o'n uaigh. Cò a chuir crìochan ri 
cuan mòr nan uisgeachan ? Cò as a tha lìonadh 'us traogh- 
adh buan an làin-mhara (tide) ? Cia lian uair is mò am 
meall glòrmhor soluis sin, a' ghrìan, na'n talamh ? Nach 
'eil è cho furasda na mairbh a thogail ris an talamh agus 
nèamh a dheanamh uile de neo-ni ? Na seall idir ris na 
cnàmhan marbh, agus ris an dus, no air dorradas air- 
bith, ach amhairc air a' ghealladh. Cuir na cuirp sin 
gu toilichte 'n am prìosan nach f had a chumas ìad. 
** Laidheamaid sìos 'an sith" agus gabhamaid ar fois. 
Cha dhorchadas sìorruidh, no cadal bith-bhuan a bhith- 
eas ann. Ma's è " rùsgadh" a tha 'cur eagail ort, is ann 
a tha è chum d'èudachadh na's feàrr. Ma's è do 
thilgeil amach air an dorus a tha 'cur eagal ort, cuimh- 
nich, an uair a " sgaoilear o chèile tigh talmhaidh* a' 
phàilliuin so, gu'm bheil agad aitreabh o Dhia, tigh 
nach do thogadh le làmhaibh" dhaoine, tigh " sìorruidh 
annsnanèamhaibh." 2 Cor. 5.1-4. Càirich gu suilbhir 
anns an uaigh am meall " truaillidheachd" so, oir gun 
teagamh gheibh thu è rìst "ann an neo-thruaillidheachd." 
Càirich sìos gu saor " an corp talmhaidh, nàdurra" so, 
gheibh thu r\st " è 'n a chorp nèamhaidh, spioradail." 
Geda chàiricheadh tu sìos è le mòr " eas-urram," gheibh 
thu " è ann an gloir." Geda dhealaichear uaith thu tre 
"anmhuinneachd," togar suas arìst "è ann am" mòr 
" chumhachd, ann an tiota, 'am priobadh na sùl, ri guth 
na trompaide deireannaich, oir sèididh an trompaid, 
agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidh 

* lah sin an corp air a sgaradh o'n anam leis a' bhàs. Ach gheibb 
fcuurn an f hirein àit còmhnuidh slorruidh air uftamh. — Eaùar. 



aìrson Fois nan Naomh. 27 

ear sinne." 1 Cor. 15. 42-52. " Eiridh na mairbh 
ann an Criosd air tùs. An dèigh sin, ìadsan a bhios 
beò agus adh'f hàgar, togar suas ìad maille riu-san anns 
na neulaibh, an còdhail an Tigheama 's an athar." 1 
Tes. 4, 16. Dean caithream anis, a Chriosduidh, anns 
na geallaidhean sin. Is goirid gus an dean thu caith- 
ream 'n an coimhlionadh dhuit. 

" So fèin an là a dh'òrduich Dia, 
'S am bi sinn suilbhir ait." — Salm 118. 24. 
An uaigh nach b'urrainn ar Tighearn a chumail ìi»nte 
cha n-urrainn ì sinne 'chumail. Dh'èirich è air ar son- 
ne, agus leis a' chumhachd chèudna, bheir è comas 
èirigh dhuinn-ne. " Oir ma chreideas sinn gu'n d'fhuair 
Iosa bàs, agus gu'n d'è*irich e rìs, amhuil sin mar an 
ceudna an dream a choidil ann an Iosa, bheir Dia 
maille ris." An urrainn an Ceànn a bhi beò agus an 
corp, no na buill fantuinn marbh? Nis, a Chriosduidh, 
Hò ! .grad-sgrìobh na briathran so air do chridhe, " Do 
bhrìgh gu bheil mise beb" arsa Criosd, " bithidh sibhse 
beb mar an cèudna." Eb. 14. 19. Cho cìnnteach 's a 
tha Criosd beò ; bithidh sinne beò. Cho cìnnteach 
's a dh'èirich Criosd, èiridh sinne. Mur fìor sin, bithidh 
na mairbh càillte. Mur fìor sin, ciod è ar dòchas ? Ach 
tha bònn dòchais cìnnteach againn-ne. A thuilleadh 
air a' bheatha so, tha " beatha" eile againn, a " ta 
folaichte maille ri Criosd ann an Dia ;" agus " 'nuair a 
dh'fhoillsichear Criosd, neach a's è ar beatha-ne, an sin 
bithidh sinn mar-an-cèudna air ar foillseachadh maille 
ris ann an glòir." Col. 3. 3. Na seallamaid gu bràth 
ris an uaigh, ach beachdaicheamaid air an aiseirigh a ta 
air a taobh thall. Seadh, bitheamaid " daingean, neo- 
ghluasadach, a' sìor-mheudachadh ann an obair an 
Tighearna, air dhuibh fios a bhi agaibh nach 'eil bhur 
saothair dìomhain anns an Tighearn." 1 Cor. 15. 58. 

3. Is è cuid de 'n trìall shòlasach, bhìnn so gu fois 
nan naomh, an gluasad soilleir, mòr aig am breitheanas, 
far am bi iad-fèin, an toiseach, air an làn-shaoradh agus 
air am fìreanachadh, agus an dèigh sin, a' toirt breith 
air an t-saoghal maille ri Criosd. Fèumaidh gach òg 
agus sean, na stàitean mòra agus na cinnich uile a bha 
riamh ànn o là mbr •»■' o.hruthachaidh gus an là sin, 



28 An t- Uttachadh mòr 

teachd an so, agus am bìnn 'fhaotuinn. cia uamhas- 
ach ! cia aoibhneach an là 1 Uamhasach dhoibh-san 
a dhì-chuimhnich teachd an Tighearna ! Aoibhneach do 
na naoimh a bha gu seasmhach a' feitheamh agus aig 
an robh dòchas ris an là so 'f haicinn. Air an là sin, 
chì an saoghal " maitheas agus gèur-cheartas Dè, geur- 
cheartas" 'n an aghaidh-san a bhios càillte, " ach maith- 
eas" d'a shluagh taghte f&n. Ròm. 11. 22. Fèumaidh 
gach aon "cùnntas a thoirt air a stiùbhardachd." 
Ciinntar dhuit an sin gach tàlaut a f huair thu, eadhon 
tìm, slàint, rèusan, tròcairean, àmhgharan, meadhonan, 
rabhadh. Fosglar suas agus aìnmichear gu follaiseach 
an làthair ainglean agus dhaoine, peacaidhean d'òige a 
dh\-chuimhnich thu, agus gach peacadh uaigneach a 
rinneadh leat. Chì peacaich an Tighearn losa, air an 
d'rinn ìad tàir, a' diultadh ùmhlachd d'a f hocal, a' càin- 
eadh a mhinistearan, 's a' fuathachadh a sheirbhiseach, 
anis 'n a shuidhe air caithir-breitheanais a' toirt breith 
orra-fèin. Eighidh an coguisean ciontach amach 'n an 
aghaidh fèin. Gairmidh ìad gu'n cuimhne an uile dhroch 
gnìomhran fèin. Càit anis an seall am peacach truagh ? 
Cò is urrainn smuaintean oillteil a chridhe ghoirt a 
thuigsinn ? Nis cha n-urrainn an saoghai a chuideach- 
adh. Cha n-urrainn a sheànn chompanaich. Cha 
n-urrainn 's cha n-àill leis na naoimh a chuideachadh. 
Is è mhàin an Tighearn Iosa a's urrainn, ach so an 
truaighe, cha n-àill leis an cuideachadh anis. Bha uair 
ànn, a pheacaich, air am b'àill le Criosd do chuìdeach- 
adh, ach cha b'àill leat-sa. Bu bhuidhe leat-sa Criosd 
anis, ach cha n-àill leis-san thusa. Is dìomhain air an 
là sin tìgheachd ; ' ris na slèibhtibh agus ris na creagaibh, 
Tuitibh oirnne agus folaichibh sinn o ghnùis an tì a ta 
'n a shuidhe air an rìgh-chaithir ;" oir is è Tighearn nam 
beànn 's nan creag do nàmhuid, agus is ann ri 'ghuth-san 
a dh-èisdeas ìad, agus cha n-ann idir ri do ghuth-sa. 
" Tha mì a' sparradh ort uime sin am fianuis Dè, agus 
an Tighearna Iosa Criosd, a bheir breth air na beothaibh 
«/gus air na marbhaibh, aig a theachd dealrach. agus ann 
a doghachd :" (2 Tim. 4. 1.) thus' thu-fèin a chur a 
amuaineachadh gu làn-chùramach air na nithibh sin. 



airsott Fois nan Naomn- 29 

Ach carson a bhiodh eagal ort-sa, anam iriosail, 
ghràsmhoir ? An Tì nach do chàill aon Noah anns an 
dìle mhòir, an Tl nach d'f hàg aon Lot ann an Sòdom : 
ni-h-eadh, nach deanadh ni sam-bith an aghaidh an 
droch bhaile sin, gus an tàinig Lot amach às , an dì- 
chuimhnich e thusa air an là sin ? " Is àithne do 'n Tigh- 
earn na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus 
na daoine eucorach a choimhead gu là a bhreitheanais 
chum peanas a dheanamh orra." Is aithne dhà aon là 
a dheanamh 'n a uamhas gle' mhòr d' a naimhdibh, agus 
'n a aoibhneas glè mhòr d' a phobull fèin. " Cha 'n 'eil 
dìteadh sam bith do'n dream sin a ta ann an Iosa Criosd, 
a tha 'gluasad cha'n ann a rèir na feòla. ach a reir an 
Spioraid. Cò a chuireas coire sam bith à leth daoine 
taghta Dhè?" Am faod an lagh an dìteadh ? Cha n-f haod 
idir : " Oir shaor lagh Spioraid na beatha, ann an Iosa 
Criosd, ìadsan o lagh a' pheacaidh agus a' bhàis." An 
dean an coguis an dìteadh ? Cha dean. Oir " tha an 
Spiorad fèin a' deanamh fianuis maille ri 'n spiorad-san 
gur ìad clann Dhè. Is e Dia a dh'f hìreanaicheas. Cò 
a dhìteas" ìad ? Ròm. 8. 1, 2, 16, 33, 34. Mur dean 
ar Breitheamh glòrmhor, mòr ar dìteadh cò a dh-fhaodas 
a dheanamh? An Tì a thubhairt ris a' bhan-adhaltran- 
aich, " An do dhìt duine air bith thu ? cha mhò tha 
mise 'g a d' dhìteadh," nach abair è ruinn-ne air dòigh 
na's firinniche na thuirt Peadar ris-fein, " Ged dh'àich- 
eidheadh," no ged dhìteadh " na h-uile dhaoine thu," 
cha dean mise sin. Air dhuit-sa " mis' aideachadh am 
fianuis dhaoine, aidichidh mise thusa mar an cèudna am 
fianuis m' Athar a ta air nèamh." Mata 10. 32. 

cia do-labhairt an t-aoibhneas, ar Tighearn aig am 
bheil làn ghràdh dhuinn, agus do'm bheil mòr ghràdh 
againn-fèin, a bhi 'n a Bhreitheamh òirnn ! An eagal le 
duine breth a thoirt air le caraid f ìor ghràdhach ? An 
eagal le mnaoi a dhol fo bhreith a còmpanaich fèin ? 
Fèuch, a Chriosduidh, thàinig Criosd anuas, agus 
dh'f huilig è, agus ghuil è, agus dhòirt e 'f huil, agus bhàs- 
aich è air do shon-sa, — agus an dean è nise do dhìteadh ? 
Thugadh breth air-fèin, dhìteadh e-fèin, chèusadh e-fèin 
air do shon-sa, — agus an dean e-fèin thus' a dhìteadh 
anis? Nach do chrìochnaich è a' chuid a's mò de'n 



3ò An t-Ullachadh mor 

obaìr cheana, chura do shaoradh, d' ath-ghineamhuinn,ao 
naomhachadh agus do shlànachadh, — agus an atharraich 
è sin uile nis ? Ko mhaith ! ro mhaith ! matà, air meud 
uamhasan an là sin, cha n-eagal dhuinn-ne — cha n-'eil 
cunnart ànnta dhuinn-ne. Criothnaicheadh na diabh- 
ulan agus na h-aingidh fòpa, ach lèumaidh sinne le 
aoibhneas. Is ann againn-ne 'bhios am mothachadh gèur, 
àrd air ar tròcair agus air ar sonas fèin, 'nuair a chì sinn 
a' chuid a's mò de shluagh an t-saoghail so air chrith le 
trora uamhas, agus sinn-fè'in ri caithream àrd-aoibh- 
neach ; 'nuair a chluinneas sinn ìad air an dìteadh gu las- 
raichean sìorruidh, agus sinn-fèin air n-èigheachd 'n ar 
n-oighreachan air an rìoghachd, — seadh, mo chreach ! 
ladsan a bha 'chòmhnuidh 's an aon bhaile ruinn, 's an 
aon tigh ruinn, a' dol do'n aon eaglais ruinn, 'us air am 
meas na's urramaiche na sinne anns an t-saoghal, anis, 
anis, anis air an sgaradh uainn gu sìorruidh le òrdugh 
Fir-rànnsachaidh nan cridheachan. Tha na nithe sin 
uile, àrd ghreadhnachas agus crith-eagal an là mhòir 
sin air an sgrìobhadh gu drùighteach leis an Abstol 
anns na briathraibh so : — " Do bhrìgh gur ceart an ni 
do Dhia, àmhghar ìocadh dhoibh-san a ta 'cur àmhghair 
oirbh ; agus dhuibh-se a ta fo àmhghar, fois maille 
ruinne, 'nuair a dh'fhoillsichear an Tighearn Iosa o 
nèamh, maille r'a ainglibh cumhachdach, ann an teine 
lasarach, a' deanamh dioghaltais air an dream aig nach 
'eil eò/ is air Dia, agus nach 'eil umhal do shoisgeul ar 
Tighearna Iosa Criosd. Muinntir air an deanar peanas 
le sgrios sìorruidh o làthair an Tighearna, agus o ghlòir a 
chumhachd ; 'nuair a thig e gu bhi air a ghlòrachadh 'n a 
naomhaibh, agus chum gu'n deanar iongantach e annta- 
san uile a ta 'creidsinn 'san là sin, (do bhrìgh gu'n do 
chreideadh ar fianuis-ne 'nur measg-sa.") 2 Tes. 1. 6-10. 
Tuilleadh fathast. Cha bhi idirgeilt-crith òirnn-ne ri 
breitheanas an là sin. An àite sin is ann a nìtear 
sinn-fèin 'n ar breitheamhan : oir bheir Criosd " com- 
misean" d'a phobull fè*in gu suidhe maille ris, a' moladh 
a bhreitheanais f hìor. " Nach 'eil f hios agaibh gu'n 
toir na naoimh breth air an t-saoghal ?" Ni-h-eadh, ach 
" air ainglibh ?" 1 Cor. 6. 2, 3. Cò a chreideadh sin ? 
nach bu dànadas sin a ràdh, mur biodh an onoir mhòr 



atrson Fois nan ISIaomti. 31 

ud air a h-òrduchadh dhoibh le Criosd fein ? Ach nach 
d'innis Enoch so o chìan? " Agus rinn Enoch mar an 
ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadair- 
eachd orra sin, ag ràdh, Feuch, tha'n Tighearn a' teachd 
le deich mìle d'a naomhaibh, a dheanamh breitheanais 
air na h-uile, agus chum iadsan uile a tha mi-dhiadhaidh 
'n am measg f hàgail ris, a thaobh an uile ghnìomhara 
mi-dhiadhaidh a rinn iad gu mi-dhiadhaidh, agus a 
thaobh an uile bhriathar cruaidhe, a labhair peacaich mi- 
dhiadhaidh 'n a aghaidh." Iud. 14, 15. Mar sin, cuirear 
onoir air na naoimh, " agus bithidh uachdaranachd aig 
na fìreanaibh anns a' mhaduinn." Salm 49.14. dhaoine 
mi-chùramach an t-saoghail, " nach bi sibh glic, nach 
tuig sibh so, nach toir sibh fainear bhur crìoch dheirean- 
nach." Hò 1 nach smuainich sibh anis mar a ni sibh, 
'nuair a chì sibh " ria nèamhan a' dol thairis le toirm 
mhòir, agus na dùilean a' leaghadh às le dìan-theas, agus 
an talamh mar an cèudna agus na h-oibre a ta air, air 
an losgadh suas !" An sin, bithidh gach nì 'n a theine mu 
bhur cluasaibh agus gach glòir talmhaidh a' caitheamh 
às. Oir " tha na nèamha agus an talamh a tha nis ann, 
leis an f hocal sin fèin air an tasgaidh suas, agus air an 
gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a' bhreith- 
eanais, agus sgrios dhaoine ain-diadhaidh. Uime s'n 
do bhrìgh gu'm bi na nithe so uile air an sgaoileadh as 
a chèile, ciod a' ghnè dhaoine bu chòir a bhi annaibh, 
ann an caithe-beatha naomh, agus diadhachd, le sùil a 
bhi agaibh ris, agus luathachadh chum teachd là Dhè, 
anns am bi na nèamha, air dhoibh bhi ri theine, air an 
sgaoileadh o chèile, agus anns an leaghar na duile le 
dìan-theas ?" 2 Pead. 3. 7, 11, 12. 

4. Is è an t-uidheamachadh mu-dheireadh airson fois 
nan naomh, ìad a bhi air an crìinadh gu maiseach, 
greadhnach, 's an rìoghachd 'f haotuinn. Oir mar tha 
Criosd, an Ceànn, air 'ùngadh araon 'n a Rìgh agus 'n a 
Shagart, mar sin fodha-san, nithear a phobull araon 'n an 
rìghrean agus 'n an sagartan do Dhia gu rìgheachadh, 
agus gu bhi 'g a mholadh gu sìorruidh. Taìsb. 5. 10. 
" An crùn fìreantachd a bha air a thasgadh fa'n comhair. 
bheir an Tighearn, am breitheamh cothromach, dhoibh 
'8 an là ud. " Bhaìad firinneach gu bàs," air an aobhar 



32 An t- Ullachadh mbr 

sin, " bheirear dhoibh crhn na beatha." Agus ar&r an 
tomhais anns an do ghnàthaich ìad gu maith an tàlantan 
's a' bheatha so, bithidh an onoir air a meudachadh an 
dèigh so. Cha n-è tiodal faoin a gheibh ìad, ach f ìor 
uachdaranachd. " Bheir Criosd dhoibh comas suidhe 
maille ris-fèm air a rìgh-chaithir." " Bheir e dhoibh 
cumhachd os-ceànn nan Cinneach," mar fhuair e-fèin 
o'n Athair, agus " bheir e dhoibh rèult na maidne." 
Bheir an Tighearn fèm seilbh dhoibh air an còir, 'g am 
moladh 'us 'g am fàilteachadh leis na briathraibh so, 
" Is maith, a dheadh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa 
firinneach ann am beagan do nithibh, cuiridh mise os 
ceànn mòran do nithibh thu : imich a steach do aoibh- 
neas do Thighearna." 

Agus crìmaidh è air a chaithir ìad leis an fhkilteachadh 
naomh, shoilleir, bheannaichte so, " Thigibh, a dhaoine 
beannaichte m'Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd 
an rìoghachd a ta air a deasachadh dhuibh o leagadh 
bunaite an domhain." Is beatha agus aoibhneas gach 
focal dhiubh sin. " Thigibh." So anis sìneadh amach 
na slait-òir rìoghail a' toirt barantais dhuinn teachd fagus 
do ghlòir. " Thigibh" anis cho fagus 's is àill leibh. Na 
bitheadh eagal òirbh à" breitheanas a' Bhetsemich ; oir 
" tha an naimhdeas air a chur air cìrì" gu lèir. Cha 
n-ionann " Thigibh" so 's a b' àbhaist duinn a chluinn- 
tinn ag ràdh " Thigibh, togaibh bhur crann-cèusaidh 
agus leanaibh mise." Bu mhilis sin, ach is è so a's mìlse 
gu mòr, — " Thigibh a dhaoine beannaichte." Is beann- 
aichte sinn da rìreadh, 'nuair a ghairmear " beannaichte" 
sinn le bèul sin nam beannachd ! Oir geda bha sinn air 
ar meas, leis an t-saoghal, mar dhaoine mallaichte, 
agus geda bha sinn ullamh gu sinn-fèin a mheas mall- 
aichte, gidheadh " is beannaichte" gu cìnnteach " iadsan 
a bheannaicheas esan ; agus is mallaichte ìadsan a mhall- 
aicheas è ; agus a bheannachadh-san cha n-urrainnear 
atharrachadh." — " A dhaoine beannaichte m' Athar-sa," 
beannaichte ann an gràdh an Athar agus a' Mhic, oir 
"is aon" ìad. Dhearbh an t-Athair a ghràdh dhoibh 
'n an taghadh, 'n an tabhairt do Chriosd, ann an cur 
Chriosd g' an saoradh, agus ann an gabhail na h-èirig a 
phàidh Criosd air an son : agus tha gràdh Chriosd air a 



airson Fois nan Naomh. 33 

làn-dhearbhadh dhoibh leis an fhocal mhòr " sealbh- 
aichibh." Cha luchd-daorsa ìad na's fhaide, no idir 
seirbhisich, no clànn fo aois, ach " oighreachan" uile 
" air Dia tre Chriosd." Gal. 4. 7. Agus " oighreachan 
air an rìoghachd." Sèum. 2. 5. Agus " comh-oigh- 
reachan maille ri Criosd." Ròm. 8. 7. — " An rioghachd :" 
cha lugha na rìoghachd ar còir-ne. Is è tiodal freag- 
arrach Chriosd fèin a bhi 'n a " Rìgh nan rìgh" agus 
'n a " Thighearn nan tighearn." Ach gheibh sinne 'bhi 
'n ar rìghrean agus "rìgheachadh maille ris." Taisb. 
20. 6. Tha mealtuinn na rìoghachd so mar sholus na 
grèine. Tha ì uile aig gach aon neach, gun a lughdach 
adh do neach eile. — " Air a deasachadh dhuibh." Is è 
Dia Alpha agus Omega* ar beannachaidh. Is è an 
gràdh sìorruidh a shuidhich stèidh na rìoghachd so, 
agus a dheasaich ì air ar son-ne, agus a dheasaich sinne 
air a son, an dèigh sin. So comhairle agus òrdugh Dhia 
air an deasachadh, a bha gu bhi air an coimhlionadh le 
Criosd a' deanamh tuille deasachaidh. — " Dhuibh-se." 
Cha n-ann amhàin do na creidmliich gu coitchionn, ach 
do gach aon dìbh-se gu pearsantail, — " O leagadh bun- 
aite an domnain/ Cha n-ann amhain o uair a' gheall- 
aidh an deigh tuiteam Adhaìmh, ach o shìorruidheachd ! 
Mar so chì sinn an Criosduidh a' dol astigh gu sàbhailt 
do Phàrras, agus air a ghiùlain le urram 'us onoir a 
dh-ionnsuidh fois'. beachdaicheamaid anis, a' dol cèum 
ua's f haide, a' dìreadh cèum na's àirde anns an ath 
Chaibdeil, air àitibh-còmhnuidh, agus air dlighibh nan 
naomh, agus faiceamaid am bheil glòir sam-bith eile ànn 
cosmhuil ris a' ghlòir so. 



Caibdeil III. 

Oirdhearcas Fois nan Naomh. 

Thigeamaid anis beagan na's faisge, agus faiceamaid 
òirdhearcas comharraichte na foise so. Ho ! gu'n dean- 

# Alpha agus Omega. Sin a' cheud agus an litir mu-dheireadh de'n 
Abideil Ghrèugaich, leis am bheilear a' cìallachadh anns an Sgriobtuir 
an toiseach 's an deireadh ; no sìorruidheachd agus ìomlanachd Dhè. — 
Eadar. q 



34 Oirdhearcas 

adh an Tighearn ar folach ann an còsaibh na creige, 
agus sgìath chaomh a ghràis a sgaoileadh thairis òirnn, 
fhad 's a bhitheas sinn a' dlùth-bheachdachadh air an 
t-sealladh àrd so 1 Is "seilbh cheannaichte" an fhois so ; — 
Saor thiodhlac ; — Còir àraid nan naorah ; — Co-chomunn 
ri naoimh agus ainglibh ; — A h-aoibhneas bàll-dìreach 
o Dhia fèin ; — Bithidh ì deadh-thràthail ; — Freagarrach ; 
— Iomlan ; — Sìorruidh. 

1. Is onoir fìor àraidh do fhois nan naomh gu'n goirear 
" seilbh cheannaichte" dhì. Eph. 1. 14. Sin anis toradh 
na fola sin a chaidh dhòrtadh — fuil Chriosd, Mac Dhè : 
seadh, àrd thoradh, crìoch, iomlanachd 'us èifeachd na 
fola sin. Gràdh a's mò na so cha n-'eil ann, am fear-gaoil 
a leigeil sìos a bheatha. cia taitneach dhuinn sùilean ar 
n-anamanan a bhi 'sìor-amharc air ar Fear-saoraidh, beò 
mhothachadh agus ùr chuimhne 'bhi againn air a ghràdh 
a dh'f huilich agus bhasaich air ar son 1 Cia làn an 
t-aoibhneas gun chrìch a bhitheas air ar cridheachan a' 
cuimhneachadh gur ann tre chuan gràidh na fola so a 
shnàmh sinn anall tre ainneart an t-saoghail, tre ribich- 
ibh Shàtain, tre mhealladh na feòla, tre chorruich Dhè 
do'n tug sinn oilbheum, tre dhìteadh na coguise ciontaich, 
tre theagamhan 'us eagalan trom, draghail a' chridhe mhì- 
chreidich, agus a ràinig sinn làthair Dhè gu sàbhailt ! An 
diugh tha Criosdag è'igheachd " sibhse uile tha 'gabhail 
an rathaid, amhaircibh agus faicibh am bheil bròn sam 
bith cosmhuil ri mo bhròn-sa." Tuir. 1. 12. An diugh, 
is gann a dh-èisdeas sinn ri 'ghuth brònach, no 'bheir 
sinn fainear a lotan. Ach air an là sin, mothaichidh 
sinn agus lasaidh ar n-anamanan foirfe le gràdh airson 
gràidh ! Cia iongantach am beachd leis an amhairc na 
naoimh shaorta gu bràth air am Fear-saoraidh — am 
fear-ceannaich agus an luach maille ris an t-seilbh ! An 
sin cha n-ath-nuadhaichear ar bròn le sealltuinn air 
lotaibh a ghràidh. An Tì a thubhairt ris a' bhan-pheac- 
aich mhòr ud, an dèigh dhà èirigh o'n uaigh, " A' bhean 
c'ar son a ta thu 'gul ?" (Eò. 20. 15.) is aithne do'n Tì 
sin gràdh agus aoibhneas a bheothachadh suas annainn 
gun bhròn, gun deòir, gun neul, gun stoirm air-bith. An 
Tì a dh'f hàg cuilm na sàcramaid aig 'eaglais fèin a 
chuimhneachadh a bhkis, bheir è òirnn an luach beann- 



Fois nan Naomh. 35 

aicht', a thugadh air a son, a làn-mhealtuinn, mar " smior 
'us saill." Agus ma's aoibhneas an diugh a chluinntinn 
o bhèul fèin " Is è so mo chorp-sa a ta air a thabhairt 
air bhur son-sa, agus is ì so m' f huil a ta air a dòrtadh 
air bhur son-sa," cia àrd an t-aoibhneas a bheirear an 
uair a chluinnear Criosd ag ràdh, Is ì a' ghlòir so toradh 
mo chuirp agus m' f hola ! Ma bhitheas ni sam-bith aig 
neach, a bha air a cheannach dhà le caraid dìleas, a thug a 
bheatha air a shon, nach luachmhor leis è ? Ma dh-f hàgas 
caraid againn comharradh air a ghràdh, aig uair a bhàis, 
nach cùramach a ghleidheas sinn è, a' cuimhneachadh 
air a' charaid sin, cho tric 's a sheallas sinn ris, mar 
gu'm biodh 'ainm fèin sgrìobht' air. Agus mar sin, nach 
dean bàs ar Tighearna ar seilbh air glòir a mhìlseachadh 
gu bràth. Mar a sgrìobhas sinn sìos a' phris a chosd 
bathar dhuinn, amhuil sin sgrìobhamaid an luach, eadhon 
fuil luachmhor Chriosd, air ar f ìreantachd* agus air ar 
glòir. Rìaraich fulangais Chriosd an ceartas mòr sin. 
nach gabhadh rìarachadh gun fhuil. Ghiùlain è am 
peanas mòr a thoill peacaich. Dh'aisig è iad a dh-ionn- 
suidh na beatha sin a chàill ìad, agus a dh-ionnsuidh na 
staide sona sin o'n do thuit ìad. Tha tlachd an Athar 
anns an t-saorsa a choisinn Criosd, cho mòr 'us gu'n 
tug è dhà cumhachd gus a phobull taghta fèin àrdachadh, 
agus a' ghlòir sin, a thugadh dhà-fein, a thabhairt 
doibh-san, agus sin uile " a rèir a dheadh-ghean fèin" 
agus "comhairle a thoile fèin." Eph. 1. 9, 11. 

2. Is nèamhnuid eile ann an crùn nan naomh, gur 
saor thiodhlac è. Is ìad an dà nèamhnuid sin, eadhon 
ceannaichte agus saor — a nasgaidh — na slabhruidhean 
òir a ta 'deanamh suas nan cuairteag (wreaths) a ta air 
àrd-chinn nam post ann an teampull Dhè ! Eì. 7. 16, 
17. Bu daor è do Chriosd ach saor dhumn-ne. 'Nuair 
a bha Chriosd a' ceannach an tiodhlaic so, cha b'f hìach 
airgiod 'us òr ni sam-bith dhà. Cha b'uarrainn ùrnuigh- 
ean 'us dèòir fulang, — no nì sam-bith ach fuil Chriosd, 
— ach is è mhàin saor ghabhail ar ceannach-ne. Tha 
è againn saor, " gun airgiod agus gun luach." Cha n-e 

* Fireantachd. Ionracaa, neo chiontas : iomlanachd, maitheaa agua 
tròcair Dhè : ùmhlachd Chriosd do'n lagh : caithe beatha glan, ague 
eonas nan daoine diadhaidh. — Eadar. 



36 Oirdhearcas 

fìachan a phàidheadh idir, gabhail gu taingeil ri fuasg- 
ladh saor uatha, gun aon sgillinn idir a dhìoladh. 
Tha na h-uile nithe saor, no a nasgaidh an so. Am Mac 
air a thabhairt gu saor leis an Athair. Na f ìachan air 
am pàidhearìh gu saor leis a' Mhac. Am pàidheadh 
leis a' Mhac air a ghabhail gu saor le Dia, ged is maith 
a dh-f hoadadh è sin ìarraidh o'n chalpa — o na ciontaich. 
Tha faraon an t-Athair agus am Mac a' tairgse na beatha 
ceannaichte so dhuinn a nasgaidh, ma ghabhas sinn ' gu 
toileach. Tha ìad a' cur h-ugainn an Spioraid gu saor, 
a chum ar deanamh comasach air a gabhail. Agus nach 
saor sin uile ? cia àrd an t-iongantas buan-mhaireann- 
ach a ghlacas na naoimh a' meòrachadh air an t-saorsainn 
fhìal so ! " Ciod a chunnaic an Tighearn annam-sa," 
deir gach aon diubh, " gu'm measadh è mis' iomchuidh 
airson inbhe cho àrd ! — Mise truaghan bochd, tìnn, suar- 
ach a sgeadachadh le dealradh na glòire so ! — Mise dur- 
rag shnàigeach air m'àrdachadh gu onoir cho mòr so ! — 
Mise a bha, o cheànn ghoirid, ag osnaich, a' guil 's a' 
bàsachadh, anis air mo lìonadh le gàirdeachas cho làn 
's a chumas mo chridhe ! Seadh, air mo thogail as an 
uaigh far an robh mì 'grodadh, o'n duslach agus o 
dhorchadas, far an robh mì mar neach air dìchuimhne, 
agus anis air m' àrdachadh an so an làthair rìgh-chaithir 
Chriosd ! — Mise air mo shaoradh o bhraighdeanas, maille 
ri Mordecài, agus air mo shuidheachadh làimh ris an 
rìgh, agus air mo thogail maille ri Daniel às an t-slochd, 
gu bhi air m' àrdachadh mar f hear-riaghlaidh air prionn- 
sachan 'us mòr-roinnean ! Cò a thomhaiseas gràdh gun 
tomhas ?" Cia milis, àrd am fonn ! an t-anam iriosal a 
bha roimhe 'g a f hèin-dhìteadh, 'g a mheas fèin neo- 
airidh air aon òirlich de'n talamh air an robh ò ag im- 
eachd, neo-airfdh air deò-anail, air itheadh, no òl, anis 
air 'àrdachadh gu glòir ! — Neach nach gabhadh car ùine 
air-fèin teachd gu bòrd an Tighearna, do bhrìgh gun robh 
è neo-airidh, — neach a's gann a ghabhadh air-fèm a dhol 
ameasg nan naomh neo-iomlan, no 'labhairt riutha air tal- 
amh, — neach a's gann a ghabhadh air-fèin lè'ughadh, no 
èisdeachd, no aslachadh, no m' Athair a ràdh ri Dia 1 An 
neach sin 'g a fhaicinn fèin air a spìonadh suas do neamh 
ann am mionaid, agus air a ghkcadh ann an làmhan 



Fois nan Naomh. 37 

Chriosd. Ho ! srauainich anis air ioghnadh iongantacht 
aoibhneach an anama sin ! " Esan leis nach b'àill fiù a 
shùil a thogail suas gu nèamh, ach a' seasamh fad air 
ais, a' bualadh 'uchd 's ag ràdh, A Dhia, dean tròcair 
orm-sa 'ta am pheacach," anis air 'àrdachadh gu nèamh ! 
Esan do'm iongantas ciamar a ghiùlain foighidin Dhia 
leis cho fada, agus a cheadaich è dhà 'bhi beò ! Cia mòr 
'iongantas anis, a' faicinn gu'm bheil a shlàint shìorruidh 
cìnnteach dhà, ged shaoil leis gu'm f àgadh a neo-airidh- 
eachd è gun tròcair. Ah! a Chriosduidh, cha n-'eil aon 
fhocal an sid air d'airidheachd-sa, no air do neo-airidh- 
eachd. Na'm b' ann air sgàth airidheachd a ghabhteadh 
astigh do nèamh sinn, dh-f haodamaid suidhe sìos a' guil 
maille ri Eòin " do bhrìgh nach d'f huaradh aon neach 
airidh. Ach is airidh Leòmhan* trèibh Iudah, agus 
bhuadhaich e." Taisb. 5. 4. Sin anis ar còir air an oigh- 
reachd. Agus an sin bheir sinn an ìobairt a dhiùlt Daibh- 
idh a thabhairt, eadhon moladh airson " an ni sin a fhuair 
sinn a nasgaidh." 2 Sam. 24. 24. So anis ar barantas, 
" A nasgaidh fhuair sibh, a nasgaidh thugaibh uaibh." 
Ach ged is daor a cheannaich Criosd, a nasgaidh bheir è. 
Bu mhòr an t-iongantas an tiodhlac so 'f haotuinn a 
nasgaidh gun deadh thoilltinneas idir annainn-fè*in ; ach 
ìs ann an aghaidh ar toilltinneis fèin, agus an aghaidh 
gach oidhirp a's tric a thug sinn air sinn-fèm a sgrios, 
a ta sinn 'g a fhaotuinn ! Is iongantach an nì smuain- 
eachadh air an eadar-dhealachadh anabarrach sin a 
gheibhear eadar na nithibh a thoill sinn agus na nithibh 
a gheibh sinn, — eadar an staid anns an robh sinn agus 
an staid anns am bi sinn ! — a' sealltuinn sìos orra-san a 
ta air am pìanadh ann an ifrinn, 's a' faicinn an eadar- 
dhealachaidh anabarraich a rinn gràs eadar sinne agus 
ìadsan ! — a' faicinn na h-oighreachda duibhe sin, do'n 
d'rugadh sinne, ag eadar-dhealachadh cho mòr o'n 
oighreachd gus am bheil sinne air ar n-uchd-mhacach- 
adh ! mar bhuaileas gràdh gach aoin dhinn aig smuain- 
eachadh, " Sid an t'-àit gus am b'àill leis a' pheacadh mis' 
a thoirt ; ach so an t-àit gus an tug Criosd mì ! B'è am 
bàs ud l tuarasdal a' pheacaidh.' ach is ì so ' a' bheatha 

* S ; n Criosd laicfir mar leòmhan, agns uile-chumhachdach gu buaidh 
* thoirt air a naimhdean fein, agus air naimhdean a ahlnaigh.— 



38 Oirdhearcas 

mhairearinach, tre Iosa Criosd ar Tighearn !' ' Cò a rinn 
eadar-dhealachadh orm-sa o nach eile?' 1 Cor. 4. 7. 
An robh mo chridhe-sa do thaobh nàduir na's easgaidh 
do Chriosd na cridheachan an t-sluaigh chàillte, no idir 
air a ghluasad na's feàrr air tùs gu èisdeachd ri tagair an 
Spioraid ? An tòisichinn-sa riamh ri gràdh a thoirt do 
Dhia, mur gràdhaicheadh Dia mis' air tùs ? Am bithinn- 
sa riamh air mo dheanamh 'toileach,' mur deanadh 
e-fèin ' toileach' mì ? Nach bithinn-sa mar chàch, mur 
deanadh e-fèin m' eadar-dhealachadh uatha? Nach 
bithinn-sa nis anns na lasraichean ud, na'n robh mi air 
m' f hàgail amhàin do mo rathad agus do mo thoil fèin ? 
Nach stadainn ann an Sòdom gus am beireadh na 
lasraichean òrm, mur deanadh Dia, 'n a thròcair, mo 
1 ghreasad a mach às ?' gun teagamh is iongantas 
sìorruidh so dhomh-sa, crùn cho saoibhir, àillidh a bhi 
air a shocrachadh air ceànn peacaich cho suarach ! 
iongantas do-labhairt ! — mise a bha cho mi-thorach, 
mi-thaingeil, air m' àrdachadh cho àrd ! — Mise, cre'utair 
cho truaillidh, ceannairceach air teachd gu aoibhneas 
cho luachmhor, buan-mhaireannach ! Ach neor-thaing 
dhomh-fè*in, neor-thaing do mo dhleasanas, do mo 
shaothair fèm, na's lugha na sin do dhearmad 'us leisg." 
Is aithne dhuinn co dhà a bhuineas a' ghlòir, agus a 
gheibh a mholadh airson so gu bràth. Gu dearbh is 
ànn a chum na crìche so a rinn an Gliocas neo-chrìoch- 
nach uile riaghailt na slaint' a chumadh amach do'n 
duine ann am molltair na ceannachd agus na nasg- 
aidheachd so, chum gu'm biodh gràdh agus aoibhneas 
an duine air an deanamh iomlan ; gu'm biodh onoir a' 
ghràis, a rinn a theàrnadh, air a h-àrdachadh gu ro 
mhòr, chum nach biodh dol-amach aoin seach aon diubh 
sin air a choinneachadh, air a leasachadh, no air a 
bhacadh le deadh-thoilltinneas crèutair, agus gu'm fosg- 
ladh dorus nèimh air an dà ludan sin, eadhon ceannachd 
agus nasgaidheachd. Mar sin, matà, rachadh toilltinneach 
a sgrìobhadh air dorus na h-ifrinn, ach an t-saor thiodhlac 
air dorus nèimh. 

3. Ig còir àraid leis na naoimh, an f hois so. Cha bhuin 
ì do neach air-bith eile de chloinn nan daoine. Ged bu 
•holus an Eiphit uile, cha bu laghaid solus nan Israel- 



Fois nan Naotrih. 39 

each sin, Ach faic ìadsan a' mealtuinn an t-soluis uiie, 
agus an coimhearsnaich ann an tiugh dhorchadas, thig- 
eadh dhoibh an lorg sin gèur mhothachadh a bhi aca air 
an sochair. Dùisgidh tròcair shònruichte mothachadh 
na's mò na tròcair choitchionn. Na'n d'f huair Pharaoh 
thairis cho sàbhailt ri Israel, cha bhiodh cuimhne cho 
iomraiteach air a' Mhuìr Ruaidh. Mur biodh a' chuid 
eile de'n t-saoghal air a bhàthadh, agus Sòdom 'us 
G-omòrrah air an losgadh, cha b'iongantas teàrnadh 
Noah, agus cha bhitheadh iomradh cho mòr air saoradh 
Lot. 'Nuair a chithear neach air a shoillseachadh, agus 
neach eile air 'f hàgail dorch ; neach air 'ath-leasachadh, 
agus neach eile 'n a thràill d'a ana-mìann fèin, aomaidh 
sin na naoimh gu èigheachd amach " A Thighearn, c'ar 
son a dh'fhoillsicheas tu thu-fè*in dhuinne, agus nach 
dean thu sin do'n t-saoghal?" 'Nuair a chuirear am 
fàidh a dh-ionnsuidh na h-aon bhantraich, ged nach 
ban-Israeleach ì, agus a ghlanadh aon Naamain, Sirian- 
ach, ameasg nan lobhar uile, (Lùc. 6. 25-27) ; chithear 
an tròcair sin na's comharraichte. Gu cìnnteach bithidh 
gèur-mhothachadh aig an dà sheòrsa sluaigh, an uair a 
bhitheas " dithis 's an aon leabaidh," agus " dithis anns 
a' mhachair," agus a " ghabhar aon diubh, agus a 
dh'fhàgar am fear eile." Lùc. 17. 34, 36. Seallaidh na 
naoimh anuas air an loch-losgaidh, agus fo ghèur mhoth- 
achadh air an sonas fèin, 's a' gabhail fìor thlachd ann 
an oibribh cothromach Dhè, dòirtidh an gàirdeachas 
amach agus seinnidhìad an t-òran bìnn so, " Is cothrom- 
ach thusa, Thighearn, a ta, agus a bha, agus a bhitheas, 
do bhrigh gu'n d'thug thu breth air an dòigh so." 
Taisb. 16. 5. 

4. Buinidh an f hois àluinn so do na naoimh uile ; oir 
is comunn de spioradaibh beannaicht' ìad. Is comunn 
naomh foirfichte, araon na naoimh agus na h-ainglean, 
air am bheil Criosd 'n a Cheànn. So " co-chomunn nan 
naomh" air an deanamh foirfe. Mar bha sinn cuideachd 
ann an saothair, ann an dleasanas, ann an cunnart, 's ann 
an àmhghar,bithidh sinn cuideachda' mealtuinn na duaise 
agus na saorsa mòire so. Mar rinneadh tàir agus dimeas 
òirnn roimhe, aidichear agus àrdaichear sinn anis 'an 
cuideachd a chèile. Sinne, a chaidh tre là dubhachais, 



40 Oirdhearcas 

gheibh sìnn là subhachais agus là mòr a' ghàirdeachais 
maille ri 'chèile. Iadsan a f huair gèur-leanmhuinn agus 
prìosan maille ruinn, bithidh ìad sin maille ruinn ann an 
lùchairt an t-sòlais. Nach bu tric a bha ar n-osnaicbean 
mar aon f hua4m, ar deòir a' sileadh mar aon tuil, agus 
ar mìann diadhaidh mar aon ùrnuigh ! Ach anis is aon 
cheòl bìnn ar moladh uile. Is aon eaglais ar n-eaglaisean 
uile. Is aon chorp sinn-fèin uile : oir is " aon" sinn 
uile ann an Criosd, eadhon " mar a ta E-fèm agus an 
t-Athair 'n an aon." Eò. 17. 21. Ach fèumaidh sinn an 
aire 'ghabhail nach bi sinn ag ìarraidh na buaidh sin anns 
na naoimh, a gheibhear amhàin ann an Criosd fèin 'n a 
aonar. Ach ma's aoibhneas laghail dhuinn anis smuain- 
eachadh roi-làimh air " suidhe sìos maiile ri Abraham, 
agus Isaac, agus Iacob ann an rìoghachd nèimh," nach 
mò gu mòr na sin, làn shealladh agus làn sheilbh ! Cia 
sòlasach anis a bhi 'meòrachadh air an là sin anns am 
bi sinn a' togail an òrain maille ri Maois, a' togail nan 
salm-molaidh maille ri Daibhidh, agus " à" sèmn òrain an 
Uain" maille ris " a' mhuinntir shaorta" gu bràth ! An 
sin, chì sinn " Enoch a' gluasad maille ri Dia;" chì sinn 
crìoch a dhìlseachd iongantaich aig Noah; crìoch a 
dheadh-bhèus aig Iòseph ; crìoch 'f hoighidin aig Iob ; 
crìoch 'ìonracais aig Heseciah ; agus " crìoch an creid- 
imh" aig na naoimh uile. Chì sinn, cha n-è mhàin, ar 
seànn luchd-eòlais, ach na naoimh uile às gach lìnn, 
aghaidhean nach f haca sinn riamh 's an f heòil, aith- 
nichidh sinn an sin ìad, agus bithidh an cuideachd 
sòlasach dhuinn. Seadh, bithidh na h-aingil, cho maith 
ris na naoimh, 'n an luchd-eòlais beannaichte dhuinn. 
Iadsan a tha an dràst gu toileach 'n an " spioradan 
frithealaidh" dhuinn, bithidhìad an sin 'n an còmpanaich 
dhuinn ann an aoibhneas. Iadsan a rinn gàirdeachas 
cho mòr air nèamh, aig uair ar n-ìompachaidh, nì ìad 
gairdeachas maille ruinn gu subhach ann ar glòrachadh. 
Air an là sin their sinn le Daibhidh, 

" 'S fear-comuinn mì 'us còmpanach 

Do 'n dream d'an eagal thu." — Salm 119. 63. 

An sin thig sinn " Gu sliabh Shioin, agus gu caithir an 

Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do- 

ìùreamh do ainglibh, gu làn-choimhthional agus eaglaifi 



Fois nan Naomh. 41 

nan ceud-ghin, a tha sgrìobhta 'sna nèamhaibh, agus gu 
Dia breitheamh nan uile, agus gu spioradaibh nam fìrean 
air an deanamh foirfe, agus gu Iosa eadar-mheadhonair 
a' choimhcheangail nuaidh, agus chum fola a' chrath- 
aidh, a tha 'labhairt nithe a's feàrr na fuil Abeil." Eabh. 
12. 22. Ach tha sinn air teachd a dh-ionnsuidh au 
ìonaid sin cheana, do thaobh còir, eàrlais agus ceud- 
thoraidh : ach an sin, thig sinn gu làn sheilbh 'f haotuinn. 
Ma's sonas a bhi beò maille ris na naoimh 'n an staid 
neo-iomlain 's a' bheatha so far am faighear nithe searbh 
a' pheacaidh 'n an comunn, cho maith ri nithe milis na 
naomhachd, cia mòr an sonas a bhi maille riutha 'n an 
staid iomlain far am bheil na naoimh uile gu l&r 'n am 
fìor naoimh ! Is òirdhearcas comharraichte dhuinn-ne ann 
ar fois nèamhaidh, gur sinne " luchd aon bhaile ris na 
naomhaibh agus muinntir-teaghlaich DhèV' Eph. 2. 19. 
5. So anis buaidh àraid eile ann ar fois-ne : gheibh 
sinn a h-aoibhneas ball-dìreach o Dhia fèin. An dràst, 
cha ruigear air dad sam-bith bàll-dìreach, ach tre dhara 
làimh, treas làimh, no iomadh làimh, o'n talamh, o'n 
duine, o'n ghrèm 's o'n ghealaich, o f hrithealadh nan 
aingeal, agus o'n Spiorad 'us o Chriosd. Ged nach 'eil 
droch bhlas a' pheacaidh, no neo-iomlanachd pheacach 
air s-ruth na firinn mar thig è h-ugainn tre làimh nan 
aingeal, gidheadh gheibhear blas neo-iomlanachd nan 
crèutairean dheth. Mar thig è o'n duine, gheibhear an 
dà bhlas sin air, eadhon bl&s a' pheacaidh agus neo- 
iomlanachd a' chrèutair. Ach nach " beò agus cumh- 
achdach focal Dè" ànn-fèin " chum eadar-sgaradh !" 
Eabh. 4. 12. Ach gu tric, cha n-eadar-sgair è an cridhe, 
'nuair is lag an làmh a ta 'g a làimhseachadh. Cia mòr 
lànachd 'us luach gach focail de'n t-soisgeil bheann- 
aichte ! Gu leòr, shaoileamaid, gus an t-anam a's mairbhe 
a bhioradh, a ghluasad agus 'uile smuaintean agus 
'aignidhean a làn-ghlacadh ; ach gidheadh, cia tric, mo 
chreach ! a thuiteas an soisgeul air a' chluais mar uisg 
air cruaidh chloìch ! Is nèamhaidh nithe Dhà, a ta sinne 
'làimhseachadh, ach is talmhaidh ar dòigh làimhseach- 
aidh orra. Is gann ni ris am bean sinn air nach fàgar 
lorg ar meòir 'n ar dèigh. 'Nuair a labhras Dia fèin am 
focal, air chinte, is focal eadar-sgaraidh agus leaghaidh 



42 Oirdhearcas. 

è. Is maith is aithne do'n Chriosduidh o 'f hiosrachadh 
fèin, gur è an t-aoibhneas a's bàll-dìriche a gheibh è o 
Dhia fèin, aoibhneas a's mìlse ; seadh, an t-aoibhneas 
anns an lugha 'gheibhear de'n duine, agus a's dìriche a 
thig o'n Spiorad. Is iad na Criosduidhean a's trice a 
bhios ag urnuigh 's a' meòrachadh gu h-uaigneach, 
daoine a's mò beatha agus aoibhneas, do bhrìgh gu'm 
bheil ìad a' faotuinn am beatha spioradail na's dìriche 
bho làimh Dhia fèin. Ach na leigeamaid dhìnn idir a 
bhi 'g èisdeachd, a' lèughadh 's a' comh-labhairt ri 'cheile. 
Na deanamaid dearmad idir air meadhonaibh nan gràs, 
no air aon sam-bith de òrduighean De\ Bitheamaid 
gu seasmhach aig aoradh follaiseach Dhè ann an " Tigh 
na h-ùrnuigh" air gach Sàbaid. Is ì sligh a' Chriosd- 
uidh a bhi 'gnathachadh nam meadhon gu fritheilteach, 
ach bitheadh è beò os an ceànn. Gheibhear aoibhneas 
tre na meadhonaibh sin. Ach is ann " 'an làthair Dhè" 
fèin a gheibhear " lànachd aoibhneis" gun mheadhon idir. 
Ann an nèamh gheibh sinn solus gun choinnil agus là 
buan gun ghrèin, oir " cha'n 'eil feum aig a' bhaile air a' 
ghrèin, no air a' ghealaich a dhealrachadh ann ; oir 
shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t-Uan a's solus da. 
Agus cha bhi oidhche an sin, agus cha 'n 'eil feum aca 
air coinnil, no air solus na greme ; oir bheir an Tighearn 
Dia solus dhoibh : agus rìghichidh lad gu saoghal nan 
gaoghal." Taisb. 2.1. 23; agus Caib. 22. 5. An sin, 
Boillsichear ar n-ìnntinn agus ar tuigse gun Sgriobtuir, 
Rgus riaghlar sinn gun lagh sgrìobhta : oir foirfichidh an 
Tighearn a lagh ann ar cridheachan, agus bithidh sinn 
uileair ar làn-theagasg le Dia. An sin, gheibh sinn 
aoibhneas nach d'f huair sinn riamh roimhe bho gheall- 
adh, o chreidimh, no bho dhòchas. Bithidh againn 
comanachadh gun sàcramaid, gun " toradh so na fìonain 
air an la sin a dh'òlas Criosd e nuadh maille ruinn ann 
an rìoghachd 'Athar." Mata 26. 29. An sin, ùraichidh" 
è sinn le fìon sòlasach 'us toil-ìnntinn gun mheadhon idir. 
Is è 'bhi ann an uireasbhuidh gun chuideachadh idir, cor 
truagh nan aingidh ann an ifrinn. Is è 'bhi ann an 
uireasbhuidh 'us cuideachadh againn tre mheadhonaibh 
chrèutairean, ar cor air an talamh. Is è 'bhi ann an uir- 
sasbhuidh, 'us cuideachadh 'fhaotuinn, gun mheadhon 



Fois nan Naomh. 43 

idir, bàll-cftreach o Dia fèin, cor nan naomh air nèamh. 
Is è 'bhi gun uireasbhuidh idir, ceart chòir Dhè* fè*in. 

6. So òirdhearcas eile anns an f hois so : — bithidh \ 
deadh-thràthail. An Tì aig am bheil sùil ri " toradh an 
f hìon-lios" aig an àm shuidhichte, ni è a phobull " mar 
chraoibh suidhichte làimh ri sruthaibh uisge, a bheir a 
mach a toradh 'n a h-aimsir." Agus bhèir è dhoibh an 
crùn 'n a àm fèin. An Tì leis am maith " focal a 
labhairt ann an deadh àm ris an neach a ta airsnealach," 
nach toir è aoibhneas dhuinn aig an ama's freagarraiche ? 
Isà. 50. 4. ' Iadsan nach 'eil sgìth do mhaith a dhean- 
amh, mur fannaich ìad, buainidh ìad ann an dm iom- 
chuidh.' Gal. 6. 9. An Dia sin " a tha 'toirt araon an 
uisge thoisich agus an uisge dheireannaich eadhon d'a 
naimhdibh, " 'n a àm fèin," agus " a' gleidheadh sheachd- 
uinean suidhichte an f hogharaidh air ar son," agus ag 
lnnseadh dhuinn anns a' chùmhnant gu'm bi ann là 'us 
oidhche 'n an àm, nach toir è, mar-an-cèudna, am foghar 
glòrmhor fèin do na naoimh 'n a àm ? Ier. 5 24. An 
Tì a ghrad-choimhlion a" ghealladh do chloinn Israeii, 
gun dàil aon là, no uair a chur 'n an saoradh amach à 
tìr na h-Eiphit, air a' cheart àm a gheall è, ach " air an 
là sin feTn" thug è mach ìad " aig ceànn nan ceithir 
cheud agus nan deich bliadhna thar f hichead," {Ecsod. 
12. 41.) an cuir è dàil ann an là glòrachaidh a shluaigh? 
Is è nach cuir. Nach deadh-thràthail camhanach an là 
'us " grìan na flreantachd" ag èirigh suas òirnn, an dèigh 
oidhche f hada, dhorch an t-saoghail so ? Nach deadh- 
thràthail dachaidh bhlàth, an dèigh turus fada, sgìth tre 
iomadh cunnart? Nach deadh-thràthail buaidh agus 
sìth, an dèigh cogadh fiadhaich, gabhaidh, borb anns an 
d'fhuair sinn iomadh lot ? Tha daoine beò ann an sgìos 
gun stad. Tha na naoimh gu h-àraid glè sgìth de 
nithibh nach urrainn an saoghal a mhothachadh. Cuid 
sgìth deìnntinn dhall : cuid s^th de chridhe cruaidh : cuid 
de'n teagamhan 's an eagalan fèin gach Ik : cuid de 
easbhuidh aoibhneis spioradail, agus cuid de mhothach- 
adh air corruich Dhia. Agus nach deadh-thràthail do'n 
Chriosduidh fuasgladh 'f haotuinn o gach dragh dhiubh 
sin, an dèigh dha bhi 'g a ìarraidh, a' feitheamh ris, 
's ag ùrnuigh air a shon fad iomadh bliadhna? Is è gearan 



44 Oirdhearcas 

a* Cknosduidh air uairibh, " nach robh agam Canàan 
anns an f hàsach ! nach robh agam òrain Shioin ann 
an t\r choimhich! nach robh agam caladh ann am 
meadhon a' chuain ! nach robh agam fois o theas an 
là! nach robh agam nèamh mu'm fàg mì 'n talamh." 
Agus nach bu deadh-thràthail, taitneach sin uile ? 

7. Agus bithidh an f hois so freagarrach. Bheir 
nàdur nuadh nan naomh air an spioradan làn-chòrdadh 
ris an f hois so. Gu dearbh cha n-eil ni eile 'n an naomh- 
achd ach sradag air a toirt às an " eileamaid" so, — an 
còrdadh ris an fhois, — agus air alasadh 'n an cridheachan, 
le Spiorad Chriosd : agus bithidh an lasair naomh sin, 
a ta bho Dhia, a' sìor-aomadh a dh-ionnsuidh an àite às 
an tàinig \. Cha b' urrainn rìoghachdan 'us crùintean 
tìmeil fois ullachadh do na naoimh. Cha b'ànn le 
nithibh cho truaillidh sin a bha ìad air an saoradh. 
Mar sin, cha truaillidh, bochd an nàdur idir. Is àill le 
Dia \ad aoradh spioradail a thabhairt dhà, — aoradh 
freagarrach d'a bhith spioradail fèin, agus a chum sin 
a dheanamh, bheir è dhoibh fois spioradail a' freagairt 
d'an nàdur spioradail. Làn eòlas air Dia agus air Criosd, 
tlachd aoibhneach anns a' ghràdh mhòr sin taobh-air- 
thaobh, gàirdeachas sìorruidh ann am mealtuinn ar Dè, 
agus buan shèinn a chliù. Is nèamh sin do na naoimh. 
An sin bithidh sinn beò ann ar ' n-eileamaid" fèin. 
An so, tha sinn mar ìasg ann am soitheach 'us beagan 
uisg' aig' ànn, — uiread 's a chumas beò è. Ach c\od è 
sin ann an coimeas ris a' chuan ? Tha deò-anail beag 
againn an so fo àile nan spèur, ach ciod è sin ann an 
coimeas ris na h-osagaibh hrachaidh a gheibbear air 
" sliabh Shioin ?" An so tha gath-soluis againn o'n 
ghrèin a chum ar dorchadas a shoillseachadh, agus gath 
blàth chum ar cumail o reothadh ; ach an sin, bithidh 
sinn beò ann an solus, agus ath-bheothaichear sinn le 
teas na grèine gu sìorruidh. Bithidh rmann nan naomh 
arèir an nàduir ; agus is è m\ann ar nàduir air 'ath- 
nuadhachadh do'm bheil an f hois so a' freagairt. Fhad 
's a bhios ar mìann truaillidh, seachranach, is mòr an 
tròcair a dhiùltadh : is feàrr a ghearradh às gu lèir n* 
idir a rìarachadh. Ach is ann de " shuidheachadh" an 
Tighearna fèin an sluagh spioradail, agus " uisgichidh" 



Fois nan Naomh. 45 

è ìad 'us bheir è orra fàs. Cuiridh è acras 'us tart òirnn 
an de*igh f ìreantachd, a chum ar deanamh sona le làn 
rìarachadh a thabhairt duinn. Nis, a Chriosduidh, so 
an fhois a tha rèir do chridhe. Gheibh thu ìnnte gach 
ni a's urrainn do chridhe bochd a mhìannachadh. 
Gheibh thu ìnnte na nithe sin airson an robh thu cho 
fad ag ùrnuigh 's a' saothrachadh. B' ànnsa leat Dia 
ann an Criosd a bhi agad na 'n saoghal uile. Matà, tha 
ìad agad an sin. Ciod nach tugadh tu airson " dearbh- 
bheachd air gràdh Dhè ? Tha sin agad 's an f hois so, 
gun amharus. Mìannaich, a Chriosduidh, ciod is ur- 
rainn thu, ìarr ciod is àill leat, agus bheìrear dhuit è, 
cha n-è mhàin gu leth na rìoghachd, ach faraon an rìgh 
's an rìoghachd a mhealtuinn. Anns a' bheatha so cha 
n-eil againn ach mìann 'us ùrnuigh, ach anns a' beatha 
sin, is è 'bhitheas agamn rìarachadh 'us toil-ìnntinn. 
Tha 'n fhois so mar-an-cèudna fìor fhreagarraeb ri 
uireasbhuidh nan naomh. Gheibhear ìnnte gach uile 
ni air am bheil fèum aca. Cha n-è sòlas tròm, tiugh, 
cruthaichte, a bhitheas, cosmhuil ri àrmachd Shauil air 
Daibhidh, 'n a eallach, 'us cha n-ànn 'n a chuideachadh 
dhoibh. Is è Chriosd agus naomhachd iomlan air am 
bu mhò am fèum, agus deònaichear sin dhoibh gu pailt. 
8. Tuilleadh fathast, bithidh an f hois so sàr iomlan. 
An sin bithidh againn aoibhneas gun bhròn, agus fois 
gun sgìos. Cha bhi aon bhoinne truaillidheachd againn 
ameasg ar gràsan, no idir fulang maille ri sòlas. Cha 
n-'eil aon 's an acarsaid ud de na tonnaibh fuar, 
garbh, buaireasach sin leis am bheil sinn an so air ar 
luasgadh sìos 'us suas. An diugh, gheibhe&r slàn sinn, 
am màireach tìnn, — an diugh ann am meas, am màir- 
each ann an dìmeas, — an diugh càirdean againn, am 
màireach gun charaid idir. Cha n-è sin amhàin, ach 
gheibh sinn, anns a' bheatha so, fion m\n, milis agus 
fton-gè'ur, searbh anns an aon chopan. Ma " thogas 
taisbeana chum an treas nèamh sìnn" buailidh teachdair 
Shàtain sinn gu grad, agus gheibh sinn " sgolb 's an 
fheòil" a chum ar n-ìsleachadh. Ach cha n-'eil ath- 
arrachadh sam-bith mar sin ann an nèamh. Ach mar 
"thilgeas gràdh diongmhalta an t-eagal amaeh," is 
amhuil a " thilgeas" aoibhneas " diongmhalta" am bròn 



46 Oirdhearcas 

amach, agus tilgidh sonas iomlan amach gach cuimhne 
air truaighe, agus gheibh sinne fois o gach olc 'us o gach 
fulangas peacaidh. 

Cha n-f haod seòrsa peacaidh sam-bith a dhol astigh 
do nèamh air chor sam-bith, " cha tèid air chor sam-bith 
a steach ann ni air bith a shalaicheas, no a dh'oibrich- 
eas gràineileachd, no a ni breug : ach iadsan a mhàin 
a tha sgrìobhta ann an leabhar beatha an Uain." Taisb. 
21. 27. Carson a bhàsaich Criosd na'n gabhadh nèamh 
astigh anamanan neo-iomlan ? " Is ann a chum na crìche 
so a dh'foillsicheadh Mac Dhe* chum gu'n sgriosadh e oibre 
an diabhuil." 1 Eò. 3. 8. Cha b' ànn a chum ar fagail 
salach, a rinn fuil agus spiorad Chriosd so uile. " Ciod 
è," arsa Pòl, " comunn an t-soluis ris an dorchadas ? 
agus ciod an rèite a ta aig Criosd ri Belial ?" Nis, a 
Chriosduidh, 'nuair a ruigeas tu nèamh, cha pheacaich 
A hu ni's mò. Nach sgèul aoibhneach sin dhuit-sa, a bha 
cho fada ri " ùrnuigh agus caithris" an aghaidh a pheac- 
aidh? Tha fios agam na'm faigheadh tu do roghainn 
gu'm b'f heàrr leat a bhi saor o pheacadh na'n saoghal 
uile. Gheibh thu do roghainn matà. An cridhe 
cruaidh sin, agus na smuaintean brucach, draghail sin a 
bha 'g a do leantuinn aig gach dleasanas, fàgaidh tu ìad 
ad' dhèigh gu sìorruidh. Cha chuir aineolas dragh air 
do thuigse gu bràth. Bithidh gach rann de'n Sgriobtuir 
a bha roimhe dorch ort, anis air a dheanamh làn shoilleir 
dhuit. Na h-uile nithe, a bha roimhe, mar shaoil leat- 
sa, a' comh-àicheadh a chèile, bithidh ìad air an dean- 
amh làn-rèidh, làn-shoilleir dhuit. Is è an Criosduidh, 
a's bochda 'tha an dràst air nèamh, diadhair a's coimh- 
lionta, agus a's ionnsuichte gu mòr na'n Criosduidh a's 
mò air talamh. cia sona an la sin, 'nuair nach bi 
mearachd idir ann gu bràth, 'nuair a lìonar ar tuigse le 
Dia fèin nach f hàg dorchadas idir annainn ! Bithidh 
gnhis Dhè 'n a sgriobtuir dhuinn, anns an lèugh sìnn 
an fhìrinn uile. Is iomadh duine diadhaidh anns a' 
bheatha so. a rìnn le èud gun eòlas, muinntir èile a 
mhi-threòrachadh, a mhealladh 's a thruailleadh, nach 
urrainn an cur ceart arìst, 'nuair a chi è a mhearachd 
fèin. Is tric air an là an diugh a gheibhear barailean 
mearachdach aig sluagh maith, air bheag eòlas, agus 



Fois nan Naomh. 47 

rha \ad sin glè chunnartach. Ach air nèamh bithidh sinn 
uile a' comh-chòrdadh 's an aon f hìrinn, mar aon maille 
ri Dia neach a's E-fèin an f hìrinn. Fòs gheibh sinn fois 
o gach peacadh toile, peacadh aignidh 'us còmhraidh. 
Dealaichidh sinn gu bràth ris a' bhith cheannairceach 
sin, " a' Mhi-thoìl" a ta fathast ag ìarruidh ar tarruing 
air falbh o Dhia. Cha shàraichear 's cha bhuairear sinn 
le mothachadh, no faicinn cumhachd truaillidheachd 
sam-bith, no le pròis, no " paisean," no lhnndaireachd, no 
mì-f haireachadh, no coimheachas ri Dhia 'us ri nithibh 
Dhè, no gluasad mì-chothromach, no aigneadh fuar, no 
gràdh lag, no ciùrradh an Spioraid, no gnìomh sgainneal- 
ach, no còmhradh mì-naomh : o na nithe sin uile gheibh 
sinn fois gu brath I An sin, còrdaidh ar toil ri toil Dè, 
mar a fhreagras aghaidh do aghaidh ann an sgàthan. 
Is E-fèin ar lagh agus ar riaghailt, 'us cha chlaon sinn 
uaith-san gu bràth. Edbh. 4. 10. 

Air thalamh dh'f huilig sinn an lorg ar peacachaidh, 
ach air nèamh sguiridh gach peacadh agus fulang gu 
lèir. Gheibh sinn fois o na teagamhan sin uile a bha 
againn mu ghràdh Dhia. Cha n-abrar ni's mò, mar 
thuirt Dochdadair Iain Preston gu cothromach, " Is cos- 
mhuil teagamhan ris'a' chluaran, is droch luibh è, acb 
gheibhear a' fàs è ann an talamh maith." Cha chluinn 
sinn càinnt 'us ceist mar so ni's mò, " Ciod a nì mì chum 
fios 'f haotuinn air mo staid ? Ciamar a dh-aithnicheas 
ml gur è Dia m' Athair ? — gu'm bheil mo chridhe ceart r 
— gu'm bheil mo chòmhradh f ìor — mo chreidimh treibh- 
dhireach? Tha eagal òrm nach 'eil mo pheacaidhean 
air am maitheadh, — gur cealgaireachd m' oibrean uile, — 
gu'n diùlt Dia mì — nach 'eil è 'g èisdeachd m' urnuigh." 
Tìonndaidhear so uile gu moladh an sin. Gheibh sinn 
fois o gach mothachadh air corruich Dhia. Cha bhi 
eagal ifrinn idir air nèamh. Air uairibh, " chuimhnich" 
an t-anam gràsmhor " air Dia, agus bha è fo bhuaireas, 
rinn è gearan agus chlaoidheadh è, agus dhiùlt è sòlas a 
ghabhail ; luidh fearg Dhè air gu teann, agus chlaoidh 
Dia è le 'thonnaibh uile." Ach dearbhar dhuinn air an 
là sin, ged " dh'fholaich Dia ,a ghnùis uainn car tiota ;" 
fathast " le caoimhneas sìorruidh nì e tròcair òirnn." 
Isà. 54. 8. Gheibh sinn fois o uile bhuairidhean Shàt- 



48 Oirdhearcaa 

am. cia tròm an doilgheas do Chriosduidh \arraidh 
air a Thighearn àicheadh, agus ged nach gèill è idir do'n 
droch bhrosnachadh sin, nach p\an d'a anam ìarrtas 
cho oillteil I doruinn d'a chridhe è 'bhi air a ghluasad le 
smuaintibh cho toibheumach : air uairibh le smuaintean 
cruaidh mu Dhia, — smuaintean mì-mheasail mu Chriosd, 
— smuainteanmì-chreidmheach mu'n Sgriobtuir, — droch 
smuaintean mu f hreasdal Dhè' : air a bhrosnachadh, air 
uairibh, gu pilleadh ris na nithibh a ta làthair, a' cluith 
ri maghar dubhanach a' pheacaidh, a' lèum gu taitneas 
na feòla, agus air amaibh a' tuiteam ann an glamair dubh 
na h-aindiadhachd fèin ! nach math is aithne dhuinn 
foill ar cridheachan fèin, ìad cho ealamh ris an spong gu 
teine 'ghabhail, cho luath 's a bheanas aon de na srad- 
aibh sin riutha ! Tha comas aig Sàtan ar brosnachadh 
" anns an f hàsach," ach cha n-f haod è 'dhol astigh do'n 
l " bhaile naomh." Faodaidh èar " cur air binnein an 
f teampuill" anns an " Ierusalem" thalmhaidh, ach cha 
• n-fhaod è teachd fagus do'n " Ierusalem Nuadh." Faod- 
aidh è ar " toirt chum beinne ro àird," ach cha n-urrainn 
ì è " Sliabh Shioin" a dhìreadh gu bràth : agus geda 
b'urrainn, is beag a b'f hìach " uile rìoghachdan an 
domhain agus an glòir" le anam a f huair seilbh air 
rìoghachd ar Tighearna. Mata 4. 1-8. Is beag gu 
dearbh ! Mar sin, is dìomhain do Shàtan a bhi ri bros- 
nachadh tuilleadh. Fòs sguiridh gach brosnachadh a 
bheir an saoghal agus an f heòil. Och ! cia lìonmhor ar 
cunnartan 's an t-saoghal so gach uair ! Is ribe gach 
ceud-fàdh 'us ball. Is ribe dhuinn gach crèutair, gach 
tròcair 'us dleasanas. Is gànn a dh-fosglas sinn ar 
sùilean, gun chunnart olc a smuaineachadh ; farmad 
againn riuth-san a ta os ar cionn, dìmeas 'g a dheanamh 
orra-san a's ilse na sinn-fèin ; a' sànntachadh cuid muinn- 
tir eile ; le an-iochd 'us àrdan a' deanamh tàire air 
crèutairean bochd, luideagach. Ma chithear bòichead 
pearsa, dìxisgidh ana-mìann. Ma chithear ciorram air 
neach, nithear tàir 'us fanaid air, no gabhar gràin deth. 
Nach ealamha dh-èisdeas an cridheri cùl-chàineadh, 
fala-dhà dhìomhain, 'us càinnt rapach ! Nach sinn a 
dh-fhèumadh ar droch càil a chaithris 's a cheànnsach- 
adh gach uair ! Am bheil thu sgìamhach, bòidheach ? 



Fois nan Naomh. 49 

Lasaidh sin d' àrdan annad. Am bheil thu ciorramach, 
càm, no crùbach? Fàgaidh sin thu gearanach. Am 
bheiltàlant ìnntinn agad, ealamh, comasach air ionnsach- 
adh ? Sèididh sin suas thu, ag \arraidh do mholadh, 'us 
tàir a dheanamh air muinntir eile nach 'eil cho barr- 
aichte riut-fèin ! Am bheil thu aineolach ? Cia tric a bheir 
sin ort tàir a dheanamh air nithibh nach tuig thu, agus 
nach aithne dhuit ! Am bheil ùghdarras, no cumhachd 
agad os-ceànn muinntir eile ? Cia tric a gheibhear thu 
'g a mhì-ghnàthachadh, do thoil fèin mar lagh dhuit, 
taitneas dhaoine eile air a chur suarach leat ; 'us gach 
nì 'g a iomairt leat, a chum do thoil 'us do chùisean 
fèin a chur air aghaidh, gun sùim mu mhaith chàich ! 
An ìochdaran thu ? Cia ullamh thu gu labhairt-^ar àirde 
muinntir eile, a' toirt breith air an gnìomhraibh gu 
farmadach, ar&r do dhroch bharail fèin ! Am bheil thu 
saoibhir gun bhi ro uallach às ? Am bheil thu boch^ 
gun bhi mì-thoilichte ? Am bheil thu 'deanamh dt 
dhleasanais, no 'deanamh Slànuigheir de do dhleasanas 
Leis na ribichean sin tha è buailteach dhuinn a bhi 
air ar glacadh. Cha d'rinn Dia ìad a chum sinne 'rib- 
eadh leo, ach rinn ar truaillidheachd fèin ìad 'n an 
ribichean dhuinn. fs è sinn-fèin — ar droch nàdur fèin 
— painntearan a's miosa dhuinn. Ach so ar sòlas mòr, 
fuasglaidh an fhois so sinn uatha sin gu lèir. Cha n- 
f haigh Sàtan, no smuain olc a dheanamh seirbhis dà, 
astigh do'n # ionad naomh ! An sin, bithidh gach smuain 
glan, 'us àrd-mholar ar Fear-saoraidh mòr leis na h-uile. 
Agus bithidh sinn saor, dealaichte bho uile ghèur- 
leanmhuinnibh 'us o dhroch grèadhadh t-saoghail. An 
sin, freagrar ùrnuighean " nan anamanan fo'n altair," 
agus " dìolaidh Dia am fuil orra-san a ta 'n an còmhnuidh 
air an talamh." Taisb. 6. 9, 10. An diugh, àm ar 
crùnaidh le droighionn ; an sin, àm ar crùnaidh le glòir. 
An diugh, " Iadsan uile leis an àill am beatha a chaith- 
eamh gu diadhaidh ann an Iosa Criosd, fuiligidh ìad 
gèur-leanmhuinn." Ach an sin, " Iadsan a dh'f huilig 
maille ri Criosd, glòraichear \ad maille ris." Ròm. 8. 
17. An diugh, " fuathaichear sinn air sgàth Chriosd, " 
ach an sin, " nithear iongantach è 'n a naomhaibh" a 
bha mar sin air am fuathachadh. Air an talarnh, " is 

D 



60 Oirdhearca* 

bàìi-amhairc sinn do'n t-saoghal, agus do ainglibh, agus 
do dhaoinibh, mar shalachar an t-saoghail, mar anabas 
nan uile nithe." 1 Cor. 4. 9. " Cuiridh daoine às an 
cuideachd sinn, bheir ìad càinnt mhaslach dhuinn, agus 
tilgidh ìad amach ar n-ainm mar olc." Ach air an ià 
sin, dùr-amhaircidh ìad òirnn ann an glòir. Ach tilgear 
ìadsan amach à cuideachd nan naomh, agus dealaichear 
uainn ìad àill air nàill. An diugh, is gànn a gheibh sinn 
hrnuigh a dheanamh ann ar teaghlaichean, no cliù a 
shèinn do Dhia, gun bhèum 'fhaotuinn uatha, ma 
chluinneas ìad ar guth. nach ìad a bhios air an cràdh 
'nuair a chì \ad sinne ri gàirdeachas agus a' moladh, 'us 
ìad-fèin ri donnalaich 'us caoidh ! Thusa nach urrainn, 
an diugh, do làmh a chur ri obair Dhè, gun deadh-ghean 
an t-saoghail a chall, smuainich agad-fèin gu'n co-oib- 
rich gach aon air nèamh leat gu toileach, a chridhe 's a 
ghuth ag aonadh maille riut ann an aoibhneas agus mol- 
adh sìorruidh. Gus a sin, ' sealbhaich d' anam ann am 
foighidinn.' Fuilig tàir 'us masladh airson Chriosd. 
Ceangail suas ìad mar chrùn air do cheànn. Meas ìad 
'n an saoibhreas a's mò gu mòr na stòras an t-saoghail 
uile. Oir " is ceart an ni do Dhia, àmhghar ìocadh 
dhoibh-san a ta 'cur àmhghair oirbh ; agus dhuibh-se a 
ta fo àmhghar, fois maille ri Criosd." 2 Tes. 1. 6, 7. 

An sin, gheibh sinn fois o na roinnean agus o na 
diùbhrasan nàireach sin a bha eadarainn-fèin mu eaglais- 
ibh. Nach gràdhach a chòrdas mìltean maille ri 'chèile 
air nèamh, a bha 'mi-chòrdadh air thalamh ! Cha n-'eil 
còmhsti an sin, do bhrigh nach fhaighear àrdan, no 
aineolas, no truaillidheachd air-bith ànn. Cha bhi 
smuain, an sin, air meudachadh aon phàirtidh, no air 
beagachadh pairtidh eile, le briathraibh 'us cèumaibh 
carach, ?innleachdach. Ma bhitheas nàire, no bròn air 
noamh, bithidh sinn brònach 'us fo nàire ri cuimhneach- 
adh air a' ghiulain aimhreiteach so air talamh ; mar bha 
bràithrean Iosei a' cuimhneachadh 'n a làthair air an 
droch grèadhadh a rinn ìad air roimhe sin. Mo nàire ! 
Nach leòr leinn an saoghal uile 'bhi cogadh 'n ar 
n-aghaidh gun sinn-fèin a bhi ri cogadh an aghaidh a 
chèile ? Moladh do làithibh na gèur-leanmhuinn a thug 
gpi tric air Criosduidhean diuthachadh ri 'chèile ann an 



Fois nan Naomh. 51 

gràdh. Ach ged robh carraid againn an so car tiota 
pronnaidh grìan-sholus na saorsa gach ainneart 'us 
aimhreit gu duslach. cia sona là fois nan naomh 
ann an glòir, far, mar nach 'eil ann ach aon Dia, aon 
Chriosd, aon Spiorad, nach bi againn uile ach aon 
chridhe, aon eaglais,* aon obair gu sìorruidh ! 

Gheibh sinn fois o chomp3>»- ann an deuchainnibh 
ar bràithrean. Is " ospadal," no tigh-bhochd an eaglais 
air thalamh. Cuid innt' ag osnaich fo thuigse dhorch, — 
cuid fo chridhe gun mhothachadh, — cuid a' fannachadl 
fo lag-chuis gun toradh, — cuid air an ciurradh le 'n 
droch giùlain fera, — cuid ag èigheachd fo bhochduinn, — 
cuid air am pìanadh le anmhuinneachd, — cuid a' caoidh 
an iomadh càlldachd. Ach nach è doilgheas a's mò na 
sin uile, ar càirdean dàimheil, gràdhach 'fhaicinn a' 
teicheadh o fhìrinn Chriosd, a' dearmad Chriosd, a' 
dearraad an anamana fèin, gun dùsgadh idir amach 
à clò-chadal a' pheacaidh. Seall air athair, no màth- 
air, bràthair, no piuthar, fear-pòsda, no bean-phòsda, 
leanabh, no caraid ain-diadhaidh ; agus smuainich nach 
'eil teagamh nach bi ìad sin a' losgadh ann an ifrinn gu 
brath, ma bhàsaicheas ìad anns an staid neo-ìompaichte 
so anns am bheil \ad. Smuainich air an t-soisgeul air a 
dhiùltadh le daoine — anamanan bochd, mì-thoileach air 
am fagal faìamh, dall, dorch, 'us ìad a' cur às an t-soluis 
a dheanadh an treòrachadh gu slàint ! Ach bithidh là 
mòr ar fois-ne saor o na nithe sin uile. " Crìochnaichear 
làithean a' bhròin, agus, " Thighearna," bithidh do 
shluagh uile 'n am fireanaibh; sealbhaichidh iad am 
fearann gu sìorruidh ; am meangan a shuidhich thu, 
obair do làmha, chum gu'm bi thu air do ghlòrachadh." 
Isà. 60. 20, 21. 

An sin, gheibh sinn fois o gach fulangas cuirp a ta 
againn an dràst. Faodaidh so a bhi beag ann an seall- 
adh muinntir a tha nise beò ann an socair 'us ann am 
pailteas : ach do'n anam, a ta gach là air 'f hàsgadh 'us 
air a chràdh le trioblaid, is milis smuaineachadh air 
nèamh. Och cia lionmhor ! cho lionmhor ri làithean 
'us uairean, trioblaidean na beatha bàsmhoir so fo'm 

* 1» 1 &n/hìor Eaglais, fìor phobull Dhia, ciod-air-bith meur de lu<jJid- 
aieachaidh d' am buin ìad.— BADAR. 



32 Oìrdhearcas 

bheil sinn beò an diugh ! Dh'f hàg ar Fear-saoraidh na 
boinnean searbh sin againn ri òl, chum ar gràineachadh 
o'n olc le droch bhlas na dibhe seirbhe, chum ar pill- 
eadh gus an deoch mhilis, bheò, ghlan ìarraidh agus òl 
à amhuinn an t-sòlais ; agus mar sin, ar glanadh 's ar 
gealachadh airson crùin na beatha. An diugh buailidh 
bròn astigh air gach ceud-fàdh, a' pìanadh a' chuirp 
s a' ciùrradh a' chridhe. Nach 'eil gach bàll o'n cheaun 
gus a' chois gu tric a' fulang ? Ach fàgaidh sinn gach 
pìan 'us peacadh, gach dus 'us feòil uile gu lèir 'n ar 
dè*igh. suairahneas beannaichte na rìoghachd sin far 
nach 'eil nì ach sìth mhilis gun sgur! sin àit na 
slàinte, gun oich, gun acain, gun aon neach tìnn ann ! 
cia beannaicht' an tìr anns am bheil na h-uile 'n an 
rìghrean ! Cia naomh an coimhthional anns am bheil na 
h-uile 'n an sagartan ! Cia saor an stàit anns nach 'eil 
òglaich idir ach òglàich an Ard Rìgh ! Cha bhi duine 
bochd, sglth an sin ! Cha bhi acras, no tart an sin! Cha 
bhi neach luideagach, no lomnochd an sin ! Cha bhi 
reothadh, crith-fhuachd, no cruaidh theas an sin ! Cha 
bhi ar n-aghaidhean glas, no dubhach an sin ! Cha bhi 
aimhreit, no sgaradh eadar càirdean an sin ! Cha bhi 
tigh-aire, no tigh-bròin, no caoidh, no deòir an sin : oir 
" tìormaichidh Dia gach dèur o ar sùilibh an sin !" 
m' anam gihlain anis le anmhuinneachd dò phàilliuin 
thalmhaidh. Cha mhair so ach mionaid bheag. Tha 
fuaim casan an Fhir-shaoraidh eadhon aig an dorus. 

Fòs gheibh sinn fois o gach dleasanas a ta an diugh 
y ar sgìtheachadh. Cluinnear gach fear-riaghlaidh, 
pàrant 'us ministear coguiseach, dleasanach a' gearan 
an diugh " 's ann òrm-sa 'tha 'n t-eallach trom." 
Tha caochladh dleasanas aig gach staid 'us aois, agus 
gheibhear gach Criosduidh curamach a' gearan, " 
m' eallach ! Och is trom m' eire ! Och is è mo lag-chuis 
fèin a tha 'g a dheanamh tròm !" Ach tilgidh an fhois, 
a ta 'feitheamh òirnn, an t-eallach so dhìnn. 

Aon uair fathast, gheibh sinn fois o na trioblaidibh 
drSghail sin uile a dh-f hèumas a bhi 'g ar leantuinn an 
80 gus an tig an là air an nochdar sinn an làthair Dhè. 
An diugh, gheibhear boinnean trioblaid ann ar mìann, 
ann ar dochas, ann ar fadachd, 'us ann ar feitheamh 



Fois nan Naorrih. 53 

Bpioradail, ach sguiridh sin. Air an là sin, gheibh sinn 
an t-ionmhas an còmhnuidh, gach uair a sheallas sinn 
ann ar cisteig. Gheibh sinn Criosd an còmhnuidh ann 
ar cridhe, gun dol idir ni's mò o mheadhon gu meadhon 
'g a ìarraidh , oir crìochnaichear gach ui!e mheadhon 
dhuinn ann an làn mhealtuinn uile bheannaichte. 

9. Is è 'n t-sèud mu-dheireadh ann ar crùn, Fois 
Shìorruidh. Dh-easbhuidh so, is beag nach bu neo-ni 
na nìthe ud uile. Bu bhoinne searbh ann ar gàirdeachas, 
eadhon smuaineachadh air dealachadh ris an fhois so. 
B'ifrinn air nèamh smuaineachadh air a call aig àm air- 
bith, dìreach mar bu sheòrsa nèimh è do'n mhuinntir 
mhallaichte anns an t-slochd, na'n robh dòchas aca ri 
faighinn £s uair-eigin. Tha bàsmhorachd sgrìobhte air 
gach toileachas fo'n ghrèin. Caillear ar toil-ìnntinn anns 
gach cuspair taitneach 'g a f haicinn a' bàsachadh ann 
ar làimh ! Ach, a Shìorruidheachd bheannaichte I far 
am bi againn beatha agus toil-ìnntinn bhuan gun chùram, 
gun eagal bàis ! far am bi sinn " 'n ar puist ann an 
teampull ar Dè, agus cha tèid sin ni's mò a mach às." 
Taisb. 3. 12. Am feadh bu sheirbhisich sinn, thugadh 
àite dhuinn fo aonta, agus sin fad là goirid ar beatha ;" 
" ach fanaidh am mac 'san tigh gu bràth." Eò. 8. 35. 
Ann ar pàrras talmhaidh, Eden, bha rathad amach ds, 
ach cha d'f huaradh riamh rathad astiyh ànn arìst. Ach 
anns a' phàrras shìorruidh so tha rathad astigh, gun 
rathad idir amach às arìst. Lùc. 16. 26. " m' anam 
tilg uait do smuaintean faoin mu thaitneasaibh na beatha 
so. Tilg uait do ghreim de'n talamh 'us de'n f heòil. 
Smuainich tric, smuainich làn air brìghmhorachd an aon 
f hocail so — Sìorruidheachd. Dè so ! a bhi beò, seadh 
beò gun bhàsachadh gu bràth ! Dean gàirdeachas, seadh 
gairdeachas gu bràth ! bu shona dhuibh-se anamanan 
mallaicht' ann an ifrinn shìos, na'm faigheadh sibh fuasg- 
ladh an dèigh do cheud mìle bliadhna 'dhol seachad ! 
bu truagh dhuibh-se, a naoimh air nèamh, na'n caill- 
eadh sibh bhur seilbh air glòir, an dèigh do iomadh 
ceud mìle saoghal a dhol seachad. Anns an f hocal so 
Sìorruidh — Siorruidh — Sìorruidh (a' s\or-ruith,) tha d6r- 
uinn iomlan nan deamhnan, agus glòir iomlan nan naomh. 
na'n smuainicheadh am peacach air an fhocal so, 



54 Oirdhearcas Fois nan Naorah. 

shaoilinn gu'n tugadh è air lèum amach à cadal a 
pheacaidh ! na'n smuainicheadh an t-anam gràsmhor 
air, shaoilinn gu'm beò-neartaicheadh sin è fo'n àmhghar 
a's dòruinniche ! — Agus Tighearn, am bi Mise mar 
sin beò gu sìorruidh ? Matà, bheir mì fòs gràdh gu sìorr- 
uidh. Am bi mo ghàirdeachas neo-bhàsmhor ? agus nach 
bi mo thàing-mholadh neo-bhàsmhor mar-an-cèudna ? 
Is cìnnteach, mur càill mì mo ghlòir gu sìorruidh, nach 
sguir mì idir de do mholadh-sa gu sìorruidh. Ni thu 
mi-fèin agus mo ghlòir iomlan agus buan-mhaireannach, 
mar sin is leat-sa mì, agus cha leam-fèin mì, agus is è 
mo ghlòir-sa do ghlòir-sa. Agus do bhrìgh gu'm b'è 
do ghlòir fèin d' àrd chrìoch ann mo ghlòir-sa, is è sin 
mo chrìoch-sa, mar-an-cèudna, an dèigh dhuit mo chrùn- 
adh leis a' ghlòir sin air nach tig crìoch idir. " A nis 
do'n Rìgh shìorruidh, neo-thruaillidh, neo-fhaicsinneach, 
do Dhia a ta mhàin glic, gu robh urram agus glòir, gu 
rfaoghal nan saoghal. Amen." 1 Tim. 1. 17. 

Mar so dh'oidhirpich mì boillsgeadh a nochdadh 
dhuibh de'n ghlòir a tha ri teachd. Ach is geàrr mo 
bhriathran-sa air òirdhearcas na glòire sin ! A le'ughadair, 
ma's creidmheach s\mplidh, iriosal thu, a' feitheamh le 
fadachd, 's a' deanamh saothair airson na foise so, is 
goirid gus am faic agus am mothaich thu gur fìrinn so 
uile, agus gheibh thu sealladh cho soilleir de'n staid 
bheannaichte so 's a bheir ort truas mòr a ghabhail de 
na crèutairean truagh sin leis nach àill an f hois so ìarr- 
aidh, no 'ghabhail. Chì thu nach d'ìnnseadh leam-sa 
an so, an deicheamh mìle cuid de òirdhearcas na fois' a 
ta 'feitheamh air na naoimh. Ach an dràst, deanadh 
am beagan a chuala tu d' ìarrtas agus do dhìchioll a 
bheothachadh. Eirich ; tog ort ; oibrich ; ruith agus 
dean spàirn ; cathaich agus cum romhad ; oir is cmnt- 
each, glòrmhor an duais a ta romhad. Coimhlionaidh 
Dia a ghealladh. Feuch màta, nach mag, nach meal 
's nach mìll thusa d'anam fdin le dàil, no leisgeul. Ciod 
a shaoileas tu, a b'f heàrr do Chriosduidhean, ann an 
cuairt am beatha 's an dleasanais, na glòir na foise so a 
chumail an còmhnuidh ùr, blàth 'n an smuaintibh ? Cia 
naomh am fònn anns am biodh an spioradan, na'n lean- 
adh ìad a' beò-mheòrachadh tre chreidimh air glòir 



Comharradh na muinntir, &c. 55 

nèimh ? Am biodh an cridhe cho tròm, dorch ? an 
gnùis cho dùbhach ? an sòlas cho talmhaidh, gann ? Am 
biodh eagal fulang, no bàsachadh orra? Nach ann a 
bhitheadh gach là 'n a bhliadhna dhoibh, gus an amais- 
eadh ìad air an f hois ? An Tighearn a shlànachadh ar 
cridheachan feòlmhor, air eagal nach " tèid sinn a steach 
d'a shuaimhneas, airson ar mì-chreidimh." Eabh. 3. 19. 



Caibdeil IV. 

Comharradh na Muìnntir sìn dò'm bheil an Fhois so 
air a h-ullachadh. 

Am feadh a bha mì shuas air a' bhèinn, a' searmon- 
achadh air òirdhearcas Fois nan Naomh, mhothaich mì 
gu'm bu mhaith dhomh a bhi an sin. Air an aobhar 
sin dh'fhuirich mì car fad ànn, agus mur bitheadh gur 
beag, bochd mo bhreithneachadh air mòrachd na cùise, 
dh-fhanainn ann mòran na's fhaide. Cò a ghabhadh 
sgìos a bhi 'beachdachadh air tìr cho sona ? Na'n cluinn- 
eadh coigreach mu 'n àrd ghlòir do-labhairt so, cha 
b' iongantach geda theireadh è, cò è an crèutair mòr, 
àraid, dealrach airson an deachaidh a' ghlòir anabarrach 
ud ullachadh? Gu cinnteach is cre'utair fìor luachmhor 
è ! Ach cò è nis an crèutair àraid sin ? Cha n-'eil ach 
slige* bhochd, làn duslaich air a bheothachadh le anam 
rèusanta, neo-fhaicsinneach, agus air a cheartachadh 
le cumhachd neo-fhaicsinneach gràis ath-nuadhachaidh. 
Sin, matà, an crèutair a gheibh seilbh air a' ghlòir 
do-labhairt ud. Shaoileadh tu gur èudar gur è crèutair 
fìor airidh agus fior luachmhor a ruigeas air, a leithid a 
ghlòir. Matà, cha n-'eil è idir airidh, no luachmhor. 
Ma's airidh è air nì sam-bith, is ann air dìteadh a ta è 
airidh ; oir bhuaileadh è roimhe gu sgrìos, mur bitheadh 
è air a ghlacadh le gràdh, agus air a philleadh air ais 
leis an Tì sin a's è " na h-uile." Col. 3. 11. Agus air 



* Is è a chorp fèin, no peacach sam-bith eile, a tha an t-Ughdair 
diadhaidh a' ciallachadh leis an " t-slige," an e» 



56 Comnarradh na Muinntir sin do'm bheil 

dhà gabhail gu caidreach ris an T\ sin, agus e-fèin a 
shocrachadh air-san, gheibh è ànn-san agus trìd-san a' 
ghlòir ud uile. Is ìad gu h-àraid a' mhuinntir airson am 
bheil an f hois so air a h-ullachadh — " sluagh Dhè" air 
an taghadh le Dia o shìorruidheachd, — air an tabhairt do 
Chriosd mar am Fear-saoraidh, — air an ath-bhreith, — 
fo ghèur mhothachadh air olcas agus truaigh' a' pheac- 
aidh, — air dìomhanas a' chrèutair, — agus air làn phailteas 
Chriosd, — an toil air a h-ath-nuadhachadh, — ìad 'g an 
ceangal fèin ann an cùmhnant ri Criosd, agus a' buan- 
achadh anns a' cheangal so gus a' chrìoch. 

1. Is ìad " sluagh Dhè," ìadsan a ta air an taghadh 
le Dia o sMorruidheachd. Tha è soilleir o'n Sgriobtuir 
agus o f hiosrachadh, nach 'eil ànnta ach àireamh bheag 
de'n chinne-daoine. Is " trèud bheag" ìad agus " dhoibh- 
san is e deadh thoil an Athar an rioghachd a thoirt." 
Luc. 12. 32. Tha an àireamh na's lugha na tha an 
saoghal a' smuainachadh ; ach cha n-'eil ìad cho gànn 
's a shaoileas anamanan fànn aig am bheil amharus nach 
'eil Dia toileach a bhi 'n a Dhia dhoibh, 'nuair a gheibh 
sìad ìad-fem mì-thoileach a bhi 'n an sluagh dhà-san. 

2. Tha 'mhuinntir so air an tabhairt le Dia d'a Mhac, 
gu bhi air an saoradh leis o'n staid chàillte, agus air an 
àrdachadh leis gu glòir. Thug Dia na h-uile nithe d'a 
Mhac, ach cha n-ann mar thug è a " shluagh taghta" 
dhà. Thug Dia " cumhachd dhà air gach feoil, na h-uile 
a thug thu dhà chum gu'n tugadh esan dhoibh a' bheatha 
mhaireannach." Ed. 17. 2. Tha'n t-eadar-dhealachadh 
so air a mh\neachadh dhuinn gu soilleir leis na Abstol 
ag ràdh " Chuir e na h-uile nithe fuidh a chosaibh, agus 
thuig se e gu bhi 'n a cheann os ceann nan uile nithe 
do'n eaglais." Eph. 1. 22. Cha n-ànn air an dòigh 
àraid anns am bheil Criosd 'n a èirig airson a shluaigh 
fèin, a tha è " 'na èirig airson nan uile." 1 Tim. 2. 6. 

3. Is buaidh mhòr, àraid anns a' mhuinntir so, gu'm 
bheil ìad air an ath-bhreith— air am " breith a rìs." 
Eò. 3. 3. B'u cho do-dheante do mhuinntir a bhi 
'n an sluagh do Dhia, gun ath-ghineamhuinn, 's a bhi 
'n an cloinn do dhaoine gun ghinealach. Do bhrìgh gur 
naimhdean do Dhia sinn, mar bheirear sinn o'n bhroinn, 
fìnnnaidh sinn a bhi air ar n-iu'-bhreith, — an ìnntinn a 



an Fhois so air a h-ullachadh. 57 

bhi air a h-atharrachadh le Spiorad Dhè, a chum a bhi 
air ar deanamh 'n ar mic do Dhia, air-neo fantuinn 
'n ar naimhdean dhà. Faodaidh ath-leasachadh beatha a 
bhi air 'oibreachadh ann an duine, ach cha theàrnadh, 
cha shlàint spioradail sin idir, gus am bi an ùr-bhreith 
air a h-oibreachadh 'n a anam. 

4. Foillsichear a' bheatha nuadh so ann an " sluagh 
Dhè" le gèur mhothachadh mu nithibh naomh. Gheibh 
\ad mothachadh air oleas a' pheacaidh. Bheirear am 
peacach gu aithneachadh agus a mhothachadh gur è am 
peacadh sin, anns an robh a thlachd, ni a's gràineile na 
losgunn, no nathair, agus olc a's mò na plàigh, no gorta, 
gur briseadh è air lagh flrinneach an Dè a's ro àirde, 
eas-onoir do Dhia, agus sgrios do'n pheacach fèin. Anis 
cha n-f huaim gun bhrìgh leis achmhasan an aghaidh a' 
pheacaidh na's fhaide, deargaidh anis gach focal mu 
pheacadh air a chridhe, agus gabhaidh è cronachadh. 
B'àbhaist dà iongantas a bhi air carson a bhathas a 
deanamh a leithid a thoirm an aghaidh a' pheacaidh ? 
Carson nach gabhadh duine beagan toil-\nntinn ann an 
n\ toirmisgte ? Cha do thuig è roimhe gur ànn an lorg 
droch bhith a' pheacaidh a b'èigin do Chriosd bàsachadh, 
agus a bhitheas saoghal gun Chriosd air am pìanadh gu 
bràth ann an ifrinn. Ach cha n-'eil a' chùis mar siu 
anis ; oir dh'fhosgail Dia a shùilean anis a dh-f haicinn 
gràinealachd a' pheacaidh. 

5. Gheibhear faireachadh aca air an truaighe fèin an 
lorg a' pheacaidh. Iadsan a bha roimhe 'lèughadh nam 
bagairtean a ta lagh Dhè a' labhairt an aghaidh pheac- 
ach, mar sgèul air cogadh fad-às, chì ìad anis gur \ad na 
bagairtean sin an sgèul fèin. Gheibh \ad am b\nn fèin 
ànnta. Ch\ \ad an ainmean fèin sgrìobt' anns a' 
mhallachd, no cluinnidh ìad an lagh ag ràdh, bàll-dìr- 
each, ris gach aon diubh, mar thuirt Natan, " Is tusa an 
duine." 2 Sam. 12. 7. Roimhe so, bha corruich Dhè 
do'n pheacach, mar stoirm do dhuine ann an tigh tioram, 
d\onach, no mar chràdh an duine thìnn do'n duine shlàn 
ag amharc air, ach anis mothaichidh è gu'm bheil è air 
a dhìteadh, — gur duine marbh è air a dhìteadh leis an 
lagh, agus na'n robh b\nn an lagha air a h-oibreachadh 
amach 'n a aghaidh, gu'm bitheadh è càillte gu sìorruidh. 



58 Comharradh na Muìnntir sin do'm bheil 

Is ì so obair an Spioraid air a gintinn, ann an tomhas 
èigin, anns na h-uile a ta air an ath-nuadhachadh. 
Ciamar a thigeadh peacair a dh-ionnsuidh Chriosd a 
dh-ìarraidh maitheanais, nach d'fhuair e-fèin riamh 
ciontach, no air a dhìteadh? — no 'dh-ìarraidh beatha 
gun e-fèin f haotuinn marbh gu spioradail. " Cha'n 'eil 
fèum aca-san a ta slàn air an lèigh, ach aca-san a ta 
tinn." Luc. 5. 31. 'Nuair a chithear an leigheas no, an 
ìoc-shlaint, cho luath ris a' ghalar, caisgear roinn mhòr 
de thrioblaid an duine thìnn. Agus faodaidh mothach- 
adh aoibhneach air tròcair a thoirt air neach mothachadh 
air a thruaighe fèin a dhì-chuimhneachadh na's luaithe. 
6. Tha mothachadh aig a' mhuinntir so air dìomhanas 
agus air easbhuidheachd a' chrèutair. Is fear-iodhol- 
aoraidh gach duine do thaobh nàduir. Dh'fhalbh ar 
cridheachan o Dhia ann an tuiteam Adhaimh, agus riamh 
o'n là sin, is è an crèutair bu dia dhuinn. Is èso peac- 
adh mòr ar nàduir. Bheir gach duine neo-ìompaicht' 
a' chòir 's a' ghlòir a bhuineas do Dhia 'n a aonar, agus 
an t-àit a's àirde 'n a chridhe, do'n chrèutair. Cha n- 
'eil teagamh nach abrar Tighearn agus Slànuighear ri 
Dia agus Criosd, ach an dèigh sin uile, gheibhear fìor 
dhùil a' chrèutair ris a' chrèutair, agus bheirear dhà an 
onoir bu chòir a thoirt do Dhia fèin. Is lad taitneas, 
buannachd 'us onoir, trìonaid an duine nàdurraich, agus 
is è Fèin feòlmhor an triuir sin 'n an aon. B'è ìarraidh 
a bhi " mar dheV' ar ceud pheacadh, agus sin am peac- 
adh a's mò a ta air a ghintinn ann ar nàdur o ghinealach 
gu ginealach. 'Nuair a tha Dia ag ìarraidh ar treòrach- 
adh, treòraichidh sinne sinn-fèin. 'Nuair a tha Dia ag 
krraidh ar riaghladh, cha n-àill leinn-ne ach ar riaghladh, 
fèin. Gheibh sinn coire do'n lagh a thug Dia dhuinn. 
B'àill leinn 'atharrachadh, no, na'm faodamaid, a dhean- 
amh air dòigh eile — lagh hra dheanamh arèir ar càil fèin. 
Is àill le Dia cùram a ghabhail dhìnn, agus mur gabh, 
bitidh sinu càillte, ach is feàrr leinn-ne ar cùram fein. 
'Nuair bu chòir dhuinn ar cuid ìarraidh air Dia gach là, is 
feàrr leinn a bhi beò air ar cuid fèin. 'Nuair bu chòir 
dhuinn strìochdadh d'af hreasdal, is ann a gheibhear sinn 
ri gearan air, 's a' smuaineachadh gu'n deanadh sinn-fèin 
cùisean òrduchadh na's fefcrr na rinn Dia. 'Nuair bu 



àn Fhois so air a h-uttachadh. 55 

chòir dhuinn smuaineachadh air gràdh, Umhlachd 'us 
onoir a thoirt do Dhia, is ann a gheibhear sinn a' 
smuaineachadh air gràdh, ùmhlachd 'us onoir do ar 
nadur feòlmhor fèin. An àit a bhi ag ìarraidh sìiil Dhe* 
a bhi òirnn, is ànn b'àill leinn sùilean 'us eisimeil nan 
uile dhaoine 'bhi òirnn-fèin, agus buidheachas, cliù 'us 
moladh 'f haotuinn o na h-uile dhaoine. Mar sin, is sinn- 
fèin, do thaobh nàduir, ar n-iodhol-aoraidh fèin. Ach 
sìos tuitidh an Dagon so 'n a chriomagan, cho luath 's a 
dh-ath-nuadhaicheas Dia an t-anam. Is è àrd chrìoch 
na h-oibre mòire sin,— obair an ath-nuadhachaidh, — an 
cridhe a thoirt air ais a dh-ionnsuidh Dhè fèin. Dearbh- 
aidh Dia air a' pheacach nach urrainn an crèutair a bhi 
'n a Dia dhà, chum a dheanamh sona, — nach urrainn è 
bhi 'n a Chriosd dhà, chum a shaoradh o thruaighe, agus 
'aiseag a dh-ionnsuidh Dhè, — a shonas. Ni Dia so cha 
n -ànn amhàin le teagasg 'fhocail, ach mar-an-ce'udna le 
teagasg a f hreasdail. So anis an t-aobhar gu'm bheil 
trioblaid ghoirt a' freagairt cho tric ann an obair an 
ìompachaidh. Eignichear sluagh gu èisdeachd ri argu- 
maid a ruigeas am beò, 'nuair a dheanadh \ad dìmeas 
air na briathraibh a's comasaiche. Faic peacach a 
rinn dia de nithibh aimsireil, onoir, creideas agus saoibh- 
reas. 'nuair a leigeas Dia nàire, no masladh trclm air, a 
thilgeas sè è ann an staid chruaidh às nach urrainn na 
nithe sin fuasgladh a thoirt dà, no 'ghearras è air falbh 
uaith ìad gu Uir, nach tric a chuidicheas cronachadh mar 
sin ann an toirt a' chridhe gu mothachadh ! Ma's è sògh 
a's dia do dhuine, maille ris gach nì a mhìannaicheas a 
shùil luasganach, a chluas dhèigheil, a chàil shànntach 
's a chridhe collaidh, agus gun dean Dia ìad sin uile a 
ghearradh air falbh Uaith, no am fàgail 'n an searbhadas 
agus 'n am burmaid dhà, nach tric a bheir buille mar 
sin an cridhe cruaidh gu mothachadh ! 'Nuair a thilgeas 
Dia duine ann an tinneas cràiteach a' gearradh a chridhe 
le lotaibh, 's a' dùsgadh a choguis fèin 'n a aghaidh, 
agus ag ràdh ris, mar gu'm b' eadh, " Feuch an urrainn 
creideas, saoibhreas, no sogh do chuideachadh anis? 
An urrainn ìad do choguis leoìnte a shlànachadh ? do 
chorp a chumail suas fo chrith a' bhàis ? no d' anam a 
chumail o ghairm a' bhàis? thu-fèin a theàrnadh o'n 



60 Comkarradh na Muinntir sin do'm bheil 

f heirg shìorruidh ? no d' anam a shaoradh o lasraichibh 
sìorruidh ? Anis èigh gu h-àrd riutha sin, agus faic an 
seas \ad dhuit an àite Dhè agus Chriosd?" mar 
dh-oibricheas so gu dlhth, teànn air a' pheacach ! Moth- 
aichidh 'us aidichidh an fheòil fèin anis maille ris gach 
cail gur dìomhanas an crèutair. 

7. Fòs mothaichidh " sluagh Dhè" lànachd agus àrd 
òirdhearcas Chriosd, agus am fèum mòr air Criosd. Tha 
ìad mar dhuine gortach a' mothachadh a mhòr f hèum 
air biadh, no mar dhuine ciontach air a dhìteadh, a' 
mothachadh 'fhèum air maitheanas, no mar dhuine 
glaiste ann am prìosan airson f hiachan, a' mothachadh 
'f heum air neach a phàidheas air a shon. Is ann anis 
a mhothaicheas am peacach 'eallach tròm, do-ghiùlain 
fe*in, agus a chi è nach 'eil aon ànn a's urrainn a thoirt 
deth, ach Criosd. Tuigidh è gu'm bheil è air èigheachd 
'n a cheannairceach leis an lagh, agus nach 'eil aon ànn 
ach Criosd a's urrainn fuasgladh a thoirt dà \>ho thòir- 
eachd an lagha. Tha è mar dhuine air a ruagadh le leò- 
mhan, agus a dh-f hèumas bàsachadh mur faigh è dìdean 
gu grad. Gheibhear è nis anns an ìmcheist so : " Fèum- 
aidh mì an dara cuid," " their è, a bhi air m' f hìrean- 
achadh le Criosd, no air mo dmteadh gu siorruidh, — a 
bhi air mo theàrnadh le Criosd, no air mo losgadh le teine 
na h-ifrinn gu sìorruidh, — Criosd mo thoirt a dh-ionn- 
suidh Dhe*, no a bhi air mo thilgeil amach o làthair Dhè 
gu bràth." Cha n-iongantach geda dh-èigheadh è mach, 
mar a rinn am martarach, " Criosd fèin, Criosd fèin, gun 
aon air-bith ach Criosd." Cha n-òr, ach aran a shàsaich- 
eas neach acrach. Cha toir nì sam-bith ach maitheanas 
sòlas dhà-san a ta air a dhìteadh. " Tha na h-uile nithe 
air am meas leis anis, mar aolach, chum gu'n cosinn 
Criosd, agus na nithe a bha" roimhe " 'n am buannachd 
air am meas" anis " 'n an call airson Chriosd." Philip. 
3. 7, 8. 'Nuair a chì am peacach a thruaighe fèin, agus 
nach urrainn a chomas fèin, no " na h-uile nithe" eile 
's an t-saoghal a theàrnadh, tuigidh è nach 'eil tròcair 
theàrnaidh ànn amach à Criosd. Ch\ è ged nach urrainn 
e-fèin, no crèutair sam-bith a theàrnadh, gur urrainn 
Criosd. Ged nach urrainn duileagan-fìgis beaga, bochd 
ar droch f hìreantachd fèin ar lòmaochd a chomhdach, 



an Fhois so air a h-ullachadh. Sl 

gidheadh is mòr, is leòr f ìreantachd Chriosd chum ar 
n-anamanan a sgeadachadh. Cha n-urrainn ar f ìrean- 
tachd fèin aon phùng de cheartas an lagh' a rìarachadh, 
ach rìaraichidh agus sìthichidh fìreantachd Chriosd a 
h-uile pìing dheth. Tha Criosd a' deanamh eadar- 
ghuidhe ris an Athair airson a' pheacaich, agus an lorg 
àrd inbhe an Eadar-mheadhonair ghlòrmhoir sin, agus 
luach a dheadh-thoilltinneis, deònaichidh an t-Athair 
dhà gach ìarrtas. Roìmhe so, cha b'aithne do'n pheac- 
ach òirdhearcas Chriosd, na's feàrr na's aithne do dhuine 
dàll solus na grèine, ach tha è nis a'faicinn a ghlòir'. 

8. Fo'n ghèur mhothachadh so atharraichear an toil. 
Cho luath 's a chithear olc a' pheacaidh leis an tuigse, 
pillidh an toil air falbh uaith, le fuath agus gràin. Ach 
cha n-atharraichear ìarrtas dligheach na toile, ni mò a 
dh-f huathaicheas ì cuspair laghail, neo-thoirmisgte sam- 
bith. Tha atharrachadh so na toil' a' co-sheasamh ann 
a bhi 'gabhail gràin de gach smuain, focal agus gnìomh 
olc, no de gach nì nach 'eil arèir toil Dè, ciod-air-bith è. 
Cha n-è mhàin gu'm faicear anis aimhleas truagh a' 
pheacaidh, ach nithear caoidh air a shon. Cha n-ur- 
rainn an t-anam amharc air a chionta mòr an aghaidh 
Dhè", no idir air a' chàll uamhasach a thug è air-fèin, gun 
bhruithadh cridhe. Gach neach a ch\ gu soilleir gu'n 
do chèus è Criosd gu bàs, agus gu'n d'rinn sè e-fèin a 
mharbhadh, bithidh è gu cìnnteach ann an tomhas èigin 
il air a bhioradh 'n a chridhe." Mur urrainn è guil, is 
lrrainn a chridhe osnaich a dheanamh. Mothaichidh 
a chridhe an ni a ta an tuigs' a' faicinn. Trèigear anis 
agus tilgear amach dìomhanas a' chrèutair às a' 
chridhe le gràin. Gidheadh cha n-fhaodar tàir, no 
dìmeas a dheanamh air ceart ghnàthachadh a' chrèutair. 
Faigheadh è an t-àit 's an onoir a's dligheach dhà, ach 
gabh an aire nach f haigh è gu bràth àit agus onoir Dhè 
anns a' chridhe. na dean idir dia dheth. An è Criosd 
an t-sligh, far an è an crèutair a' chrìoch ? Am bheil 
sinn ag ìarraidh gu Criosd a chum ar deanamh rèidh ri 
Dia, 'nuair is è an crèutair a's ànnsa leis na cridheachan 
againn na Criosd ? Is è an crèutair is Dia agus is Criosd 
ann an anam gach duine nach eil air a'th-nuadhachadh. 
Am bheilear a' creidsinn ann an Criosd, far am bheii ar 



62 Cvmhai'radh na Muìnntir sin do'm bheil 

ftreantachd fèui, no nì sam-bith eile mar Shlànuighear 
dhuinn ? Air do'n chridhe làn dearbhadh 'f haotuinn air 
peacadh agus truaighe, agus a bhi air a philleadh air 
falbh o aoradh a' chrèutair, agus o gach fè*in-f hìreantachd, 
cha n-fhàg Dia an t-anam sin gun 'ath-nuadhachadh : 
oir far am bheil an obair glan, bithidh ì làn. Cha n- 
urrainnear pilleadh gu glan idir o'n chrèutair, a 
dh-ionnsuidh Dhè, tre rathad sam-bith eile, ach tre 
Chriosd fèin : mar sin cha chreidsinn glan, no fìor idir 
ann an Criosd, creidsinn air-bith a ni duine, fhad 's a 
bhios a chridhe fo bhuaidh a' chreutair. Is aon obair gach 
peacadh agus gach iodhol-aoraidh a thrèigsinn, agus 
Criosd a cheart-ghabhail h-ugainn. Agus lan-choimh- 
lionaidh Dia an obair so, far an tàrmaichearì leis. Agus 
aig a' cheart àm sin dhì-leanaidh an toil ri Dia agus ri 
Criosd. Air do'n pheacach a làn-mhothachadh nach 
f haighear sonas ann an cuspair sam-bith eile, gheibh è 
nis a shonas ann an Dia. Agus air dhà a mhothachadh 
fòs gur è Criosd 'n a aonar a tha comasach agus toileach 
sìth a dheanamh ri Dia air a shon, gabhaidh è ris gu fìor 
ghràdhach mar a Shlànuighear. B'è searmonachadh 
Phòil " aithreachas a thaobh Dhè agus creidimh a thaobh 
ar Tighearna Iosa Criosd." Agus tha "a' bheatha 
mhaireannach" a' co-sheasamh, anns a' cheud àit, ann 
an " eòlas a bhi againn air an aon Dia fhìor, agus," anns 
an dara h-àit, " air Iosa Criosd a chuir è uaith." Eb. 
17. 3. Is è an Tighearn a ghabhail mar ar Dia, a' chuid 
nàdurrach de'n chùmhnant ; ach is è Criosd a ghabhail 
mar ar Fear-saoraidh, a' chuid os-nàdurrach, no a' chuid 
a's àirde na nàdur, — a' chuid mhiorbhuileach, — de'n 
chìimhnant. Is fìor f hèumail a' cheud chuid an toiseach, 
agus tha ì air a filleadh anns an dara cuid. Cha chreid- 
imh fìreanachaidh idir Criosd a ghabhail gun ghràdh, 
gun chaidreadh cridhe. Cha n-ann amhàin mar thoradh 
a dh-oibricheas gràdh do Chriosd, ach le Criosd 'fhàilt- 
eachadh 's a ghràdhachadh bàll-dìreach : oir is è an 
creidimh glan, Criosd a ghabhail h-ugad le d' uile anam. 
" An tì a ghràdhaicheas athair no màthair ni's mò na 
Criosd, cha'n airidh air è ;" n mò a bhitheas è aii 
'f hìreanachadh leis. Mata 10. 37. Gabhaidh creidimh 
è mar a Shlànuighear agus mar a Thighearn ; oir is àilj 



an Fhois so aìr a h-ullachadh. 63 

leis a bhi air a ghabhail anns an dà dhàimh sin, air-neo 
cha ghabhar idir è. Aidichidh creidimh, cha n-è mhàin 
fulangais Chriosd, agus gabhaidh è maitheanas agus glòir, 
ach aidichidh è uachdaranachd Chriosd, a' strìochdadh 
dhì mar shligh na slàinte. 

9. So comharradh brìghmhor eile air " sluagh Dhè :" 
— Thèid ìad anis astigh gu toileach ann an cùmhnant, 
no ann an co-cheangal ri Criosd. Cha robh am peacach 
riamh ann an cùmhnant teànn, sòlasach ri Criosd gus 
anis. Tha è air a dheanamh cìnnteach le saor thairg- 
seachan Chriosd gu'm bheil Criosd ag aontachadh leis, 
agus tha e-fèin anis ag aontachadh le Criosd gu toil- 
each. Mar sin, tha còrdadh air a làn-dheanamh 
eatorra. Anns a' chùmhnant so tha Criosd 'g a thoirt 
fein le 'shòlasaibh uile do'n pheacach, agus am peacacb 
'g a thoirt fèin suas do Chriosd gu bhi air a theàrnadh 
's air a riaghladh leis. Agus anis their an t-anam gu 
suidhichte, " Bha mì ro f hada air mo dhàll-threòr- 
achadh le feòil 'us ana-mìann, leis an t-saoghal agus leis 
an diabhul. Theabas mo lè'ir-sgrios leo. Bithidh mì 
nis gu lèir fo riaghladh mo Thighearna, a cheannaich 
mì le 'f huil fèin, agus a bheir mì 'dh-ionnsuidh a ghlòire 
fèin." 

10. Agus buanaichidh " sluagh Dhè" anns a' chùmh- 
nant so gus a' chrìoch. Mata 24. 13. Faodaidh. gu'n 
tachair do'n chreidmheach peacadh a dheanamh gi- 
dheadh cha dean am fìor chreidmheach a Thighearn 
àicheadh gu bràth, — cha diùlt è ùmhlachd a thoirt dà 
uair air-bith, cha bhi aithreachas air airson a' chùmhnaint 
a rinn è ri Criosd, agus cha n-urrainnear a ràdh gu ceart 
gu'm bheil an cùmhnant sin air a bhriseadh, f had 's a 
rahaireas an creidimh air am bheil è air a shuidheach- 
adh. Faodaidh ìadsan, nach d'rinn ach amhàin cùmh- 
nant beòil a dh-easbhuidh làn toil a' chridhe, "fuil 
a choimhcheangail a shaltair fo'n cosaibh, mar ni mì- 
naomha," (Eabh. 10. 29.) le dealachadh riuth-san a ta 
air taobh muigh na h-eaglais, ach cha n-urrainn an 
" sluagh taghta" a bhi air am mealladh mar sin. Mata 
24. 24. Ged is cìnnteach am buanachadh so do na fìor 
chreidmhich, gidheadh tha è air a dheanamh 'n a chumha 
dhoibh air slàint, seadh air am beatha agus air toradh 



<T4 Comharradh na Muinntir dn dcfm bhtil 

a ghiùlain leo gu buanaichte, s\or-mhaireannach, agus air 
mairsinneachd am fìreanachaidh, ach cha n-ànn air 
mairsinneachd an ceud fh\reanachaidh. Faic Ebin 15. 
4, 6, 9. ; Caib. 8. 31. Taisb. 2. 25, 26. ; Caib. 3. 11, 
12. Col. 1. 23. Ròm. 11. 22. Gu-ma beannaichte 
gu bràth làmh sin a ghràidh a sgrìobh agus a shèulaich 
an gealladh saor leis am bheil a ghràs agus an rìoghachd 
air an deanamh cìnnteach d'a shluagh. 

Sin anis na h-àrd bhuaidhean brìghmhor, àraid a 
gheibhear aig sluagh so Dhè: ach cha n-'eil an òir- 
dhearcas uile, agus gach comharradh eile leis an aith- 
nichear \ad, air an làn-\nnseadh fathast. 

Ach, a lèughadair, guidheam ort anis, ma tha srad 
de dhòchas a' Chriosduidh, no rèusan duine agad, thoir 
breth ort-fèin, mar aon air an toirear breth gu h-aith- 
ghearr, leis an Dia Uile-chothromach. Freagair anis 
gu f\rinneach na ceistean so a chuirear riut. Cha n-\ 
idir a' cheist luachmhor cò aca 'tha, no nach 'eil cuimhne 
agad cuin, no ciamar a thòisich obair an Spioraid 
annad, no cuin, no ciamar a bha thu air dìompachadh. 
Theagamh nach gabh sin \nnseadh le làn chmnteas. 
Ach is beag is f hiìi sin, ma tha fios agad gu'rn bheil an 
obair mhaith a' gabhail air a h-aghaidh 'n ad' anam. 
Ach ceasnaich thusa thu-fèin anis, agus feòraich dhiot- 
fein gu cùramach mar so : — Am bheil làn mhothachadh 
agam-sa air tròm thruailleadh m' anama gu lèir? air 
tròm aingidheachd m' uile bheatha ? air gràinealachd a' 
pheacaidh ? Nach do bhris m\ air a' chùmhnant ? nach 
'eil mì an lorg sin toilltinneach air bàs s\orruidh airson 
a' pheacaidh a's lugha ? Am bheil mì 'tuigsinn gur fìor 
agus cothromach an lagh, agus gu'rn bheil mi-fèin air 
mo dhìteadh leis gu bàs ? Am bheil m\ 'tuigsinn nach 
urrainn crèutair sam-bith mo shaoradh, sonas a thoirt 
domh, no bith truagh a' pheacaidh a gblanadh uam ? 
Am bheil mothachadh agam gur ann o Dhia fèin amhàin 
a thig sonas, agus gur è Criosd an t-sligh gu Dia ? — 
gu'm fèum m\ 'bhi air mo thoirt a dh-ionnsuidh Dhè tre 
Chriosd, no 'bhi càillte gu s\orruidh ? Am faca mì mo 
mhòr fhèum air Criosd a mhealtuinn, agus air an làn 
phailteas a ta ann-san a chum m' uireasbhuidh uile a 
Ùonadh suas ? Am faca m\ òirdhearcas na " neamhnuid" 



an Fhois so air a h-ullacliadh. 65 

eo a's f hìach a h-uile nì a ta agam " a reic a chum a cean- 
nach ?" An robh mis' ag ìarraidh slàinte do m' anam mar 
dhuine tartmhor ag ìarraidh dibhe? An robh mo pheac- 
adh 'us mo thruaighe 'n an gràin agus 'n an eallach do 
m' anam ? Am bheil mì ri guil 'us caoidh 'us osnaich airson 
sin ? Am bheil mis' ag àicheadh m' f lrìreantachd fein gu 
lèir ? Am bheil gach dia-brèige, gach iodhol 'us dòchas ri 
crèutair air an tilgeil amach à mo chridhe, agus am bheil 
mo chridhe nis 'n a sheirbhiseach dìleas do Dhia agus 
do Chriosd? 

Seadh, a lè"ughadair, am bheil thus' a' gabhail ri Criosd 
mar do Shlànuighear, a' feitheamh ri fìreanachadh, teàr- 
nadh agus glòir uaith-san amhàin ? Am bheil d' anam 
agus do bheatha air an riaghladh le lagh Chriosd. An 
fheàrr leat gnàth-ghe'ilieadh do lagh Chriosd na do 
ghairmibh na feòla? An ànnsa leat toil Chriosd na do 
chreideas, do bhuannachd, do thaitneas, no eadhon do 
bheatha? Am bheil an t-àit a's àirde aig Criosd ann do 
chridhe, agus ged nach urrainn thu a ghràdhachadh cho 
mòr 's a b'àill leat, gidheadh gur mò do ghràdh dhà-san 
na do chuspair sam-bith eile ? Am bheil thu chum na 
'crìche so, gu toileach a' deanamh co-cheangail ris, agus 
'g a do "lìrigeadh" fèin suas dà? Am bheil thu gu 
mòr-churamaeh, caithriseach, oidhirpeach a' saothrach- 
adh a chum an co-cheangal so a choimhead gu fìrinn- 
each, agus geda thuitcadh tu ann am peacadh, nach bris 
thu do bhargan, nach trèig thu do Thighearn, agus nach 
toir thu thu-fèin suas do chumhachd sam-bith eile, ged 
gheibheadh tu an saoghal uile ? Ma's è sin gu cìnnteach 
do staid, is aon thu de " shluagh Dhè," a ta ainmichte 
anns a' cheann-theagaisg, agus cho cìnnteach 's a tha 
gealladh Dhè fìor, tha an f hois bheannaichte so air a 
f àgail fa do chomhair-sa. Amhàin gabh an aire gu'in 
" fan thu ann an Criosd." Eò. 15. 4. Gabh an aire 
gu'm bi thu " seasmhach chum na criche." Mata 24. 
13. Cuimhnich " ma philleas neach sam-bith air ais, 
cha bhi aig Criosd tlachd ann." Eabh. 10. 38. 

Ach mur faighear dad de'n obair so annad-sa fathast, 
ciod-air-bith a their do chridhe meallta, ciod-air-bith 
cho làidir 's a tha do dhòchas brèugach, chì thu air do 
chosd, mur bacar è le làn ìompachadh d' anama, nach 



56 Comharradh na Muinntir sm ddm bheil 

buin fois nan naomh dhuit-sa. ' bi glic, matà, tuig 
so, thoir fainear do chrìoch dheireannach !' Am feadh 
a ta fathast d 1 anam ann do chorp, agus " luach ann do 
làimh," agus fàth-chothrom agus dòchas romhad, fosgail 
do chluas 'us cròm do chridhe ri comhairle Dhe", chum 
gu'm faigh thu fois maille ri " sluagh Dhè" ann an 
" oighreachd nan naomh 's an t-solus." Col. 1. 12. 

Tha è fìor shoilleir o'n Sgriobtuir gu'm bi an f hois 
60 air a .uealtuinn le " sluagh Dhè." Tha sin àir a 
dhearbhadh dhuinn ann an caochladh àit de'n f h\rinn. 
Tha an sluag,,. so air an " roimh-òrduchadh" airson na 
foise so, agus an f hois so air a roimh-òrduchadh air an 
son-san. " Gha nàir le Dia gu'n goirear an Dia-san 
dheth : oir dh'ulluich e dhoibh baile." Edbh. 11. 16. 
J.s ìadsan " soithichean na tròcair, a dh'ulluich e roimh- 
làimh chum a ghlòire." Ròm. 9. 23. " Ann an Criosd 
fhuair ìad oighreachd, air dhoibh bhi air an roimh- 
òrduchadh a reir rùin an tì a ta 'g '"'breachadh nan uile 
nithe a rèir comhairle a thoile fèin." Eph. 1. 11. " Agus 
an dream a roimh-òrduich e, ghlòraich e mar an cèudna." 
Ròm. 8. 30. Cò is urrainn an fhois so a thoirt o 
" shluagh Dhe'," a ta air a h-ullachadh dhoibh le 
comhairle Dhia fèin. Tha ìad arèir an Sgriobtuir " air 
an saoradh" airson na foise so. " Tha dànachd againn 
chum dol a steach do'n ionad a's naomha, tre fhuil 
Iosa." Eabh. 10. 19. Thèidear asteach an diugh tre 
chreidimh agus ùrnuigh, agus le làn sheilbh an dèigh 
so. Seinnidh na naoimh " òran nuadh" air nèamh 
" Dhàsan a shaor iad do Dhia le 'f huil fèin, às gach uile 
shluagh agus chinneach, agus a rinn rìghrean agus sag- 
airt dhiubh do Dhia." Taisb. 5. 9, 10. Carson, a bha 
fuil Chriosd air a dòrtadh ? carson a dh'fuilig è ? no cia- 
mar a " chì è do shaothair 'anama," mur 'eil " fois air 
a fàgail fa chomhair sluaigh Dhè ?" Tha 'n f hois so air 
a gealltuinn doibh gu tric anns an Sgriobtuir. Mar 
dhealraicheas na spèuran àrd le rèultaibh, tha focail na 
fìrinn a' dealrachadh le geallaidhean gràsmhor Dhè d' a 
shluagh. Tha Criosd ag ràdh riutha " Na biodh eagal 
ort, a thrèud bhig ; oir is ì deadh thoil bhur n-Athar an 
rìoghachd a thoirt duibh." " Agus a ta mise ag òrduch- 
adh dhuibh rìoghachd, mar a dh'orduich m' Athair 



an Fhois so air a h-ullachadh. 67 

dhomh-sa ; chura gu 'n ith agus gu 'n òl sibh air mo 
bhòrd-sa ann am rìoghachd." Lùc. 22. 29, &c. Tha 
uile mheadhonan nan gràs, obair an Spioraid air an 
anam, deanadas gràsmhor nan naomh 'n ar measg, gach 
gairm gu aithreachas agus ereidsinn, gu trasgadh agus 
urnuigh, gu bualadh agnsìarraidh, gu spàirn agus saoth- 
air a dheanamh, gu ruith agus cathachadh, a' dearbhadh 
gu'm bheil " fois air a fàgail fa chomhair, sluaigh Dhè." 
Carson eile 'thogadh an Spiorad mìann cho làidir an 
dèigh nèimh, agus gràdh cho mòr do Chriosd annainn, 
mur faigheamaid an nì air am bheil ar mìann 's ar gràdh ? 
An Tì a " threòraicheas ar cosan air sligh na sìthe," 
nach toir è sinn gu cmnteach a dh-ionnsuidh " na sìthe ?" 
Lùc. 1. 7, 9. Faic cho dlùth 's a tha na meadhonan 
agus an crìoch d'a chèile ! " Tha rìoghachd nèimh a' 
fulang ainneirt agus luchd na h-ainneirt, 'g a glacadh le 
làmhachas làidir." Mata 11. 12. " Iadsan a leanas 
Criosd anns an ath-ghineamhuinn, suidhidh iad maille 
ris air caithir a ghlòire fem." Mata 19. 28. Tha sinn 
air ar deanamh làn chìnnteach leis an Sgriobtuir gu'm 
bheil " toiseach," " roi-bhlas," " geall-daingnich" agus 
" sèulachan" na foise so aig na naoimh anns a' bheatha 
so. " Tha rìoghachd Dhè an taobh a stigh dhiubh." 
Lùc. 17. 21. " Ged nach f hac' ìad Oiosd, gidheadh, air 
dhoibh creidsinn ànn agus a ghràdhachadh, tha ìad a' 
deanamh mòr ghàirdeachais le h-aoibhneas air dol thar 
labhairt (do-labhairt) agus làn do ghlòir : a' faotuinn 
crìche an creidimh, eadhon slàinte do'n anamaibh." 
1 Pead. 1. 8, 9. " Tha iad a' deanamh gàirdeachais 
'an dòchas glòire Dhe\" Rdm. 5. 2. ' Tha Dia 'g an 
sèulachadh ie Spiorad naomh sin a' gheallaidh, neach is 
e geall-daingnich na h-oighreachd aca, agus nach toir 
è lan sheilbh dhoibh?' Eph. 1. 13, 14. Gheibhear fòs 
anns an Sgriobtuir ainmean " muinntir a chaidh a steach 
cheana do'n t-suaimhneas" so, eadhon Enoch, Abraham, 
Làsarus, an gaduiche 'chaidh chèusadh maille ri Criosd, 
agus feadhain eile. Agus ma tha fois ann dhoibh sin, 
air chìnnte, tha fois ànn do na creidmhich uile. Ach 
cha ruigear a leas a bhi 'càrnadh suas tuille dearbhaidh 
o'n Sgriobtuir air a' chùis ; oir is ì crìoch nan Sgriobtuir 
uile, ar treòrachadh a dh-ionnsuidh na staide beannaichte 



68 Comharradh na Muinntir sin dd'm bheil 

so. Is è an Sgriobtuir a' bhànn-sgrìobhta anns an lèugh 
sinn ar còir air oighreachd na fois.' 

Arèir an Sgriobtuir, is ànn amhain airson " sluaigh 
Dhè" 'n an aonar, a tha 'n f hois so air a fàgail. Cha 
bhuin ì do mhuinntir sam-bith eile, ach dhoibh-san 
amhàin. Mar sin, cha n-'eil cuid, no còir ìnnte aig a' chuid 
eile de'n t-saoghal. " As èugmhais naomhachd cha 
ji-fhaic neach air bith an Tighearn." " Mur beìrear duine 
a rìs cha'n fheud e rìoghachd Dhè fhaicinn." " An tì nach 
eil a' chreidsinn anns a' Mhac, cha'n f haic e beatha ; 
ach a ta fearg Dhè a' gabhail còmhnuidh air." " Cha 'n 
'eil aig fear-strìopachais air bith, no aig neach neo-ghlan, 
no aig duine sanntach, a ta 'n a f hear-iodhol-aoraidh, 
oighreachd ann an rìoghachd Chriosd agus Dhè." Eph. 
5. 5. " Cuirear na h-aingidh gu h-ifrinn, na cinnich 
uile nach cuimhnich Dia." Salm 9. 17. " Bithidh iad 
uile air an dìteadh, nach do chreid an f hlrinn, ach aig 
an robh tlachd anns an èucoir." 2 Tes. 2. 12. " Thig an 
Tighearn Iosa ann an teine lasarach a dheanamh dìogh- 
altais air an dream aig nach 'eil eòlas air Dia, agus nach 
'eil umhal do shoisgeul ar Tighearn Iosa Criosd ; muinn- 
tir air an deanar peanas le sgrios shiorruidh o làthair 
an Tighearna, agus o ghlòir a chumhachd." 2 Tes. 1 . 7-9. 
Na'm b' àill leis na h-aindiadhaich pilleadh mu'n do 
bhàsaich ìad, agus gabhail gu toileach ri Criosd mar an 
Slànuighear agus an Rìgh, agus a bhi air an teàrnadh leis 
arèir a dheadh òrdtiigh fdin, dh-f haodadh ìad a bhi air 
an teàrnadh. Thairg Dia beatha dhoibh gu saor, ach 
cha b' àill leo-san a gabhail. Is è taitneas na feòla a 
b' ànnsa leo na glòir nan naomh. Thairg Sàtan aon 
diubh sin dhoibh, agus thairg Dia an aon eile dhoibh. 
Fhuairìad an roghainn dhiubh sin gu saor, ach b'f heàrr 
leo " sòlas a' pheacaidh a mhealtuinn rè seal" na fois 
shìorruidh maiile ri Criosd. Agus nach ceart an nì gu'n 
diùltar dhoibh anis an rìì nach b'àill leo 'ghabhail roimhe 
»o, geda bha Dia 'g a sparradh orra gn dùrachdach, 
agus 'g an tàladh astigh gu dìan, gidheadh cha b'àill 
leo-san ? Càit, uime sin, an coir dhoibh a bhi ach 
"a muigh" maille ris na " madruidh?" Ged nach gèill an 
t-aingidh gus am buadhaich mòr chumhachd gràis air, 
gidheadh is f ìor a dh-f haodar a ràdh gu'm faod è bhi air 



an Fhcis so air a h-ullacliadh. 69 

a theàrnadh, ma's àill leis teàrnadh arèir òrdugh Dhe\ 
Cha leisgeul idir do dhuine sam-bith a ràdh nach 'eil è 
comasach e-fèm a theàrnadh. Ma rànnsaichear a' chùis 
gu h-onorach, chithear gur ann o aingidheachd a' chridhe, 
agus o mhì-thoil a' chridhe a tha am mì-chomas, no an 
leisgeul olc so a' sruthadh. A dhuine ! nach 'eil thu 
comasach air ith 'us òl a dheanamh ? nach 'eil thu com- 
asach air cur 'us buain a dheanamh? seadh, nach 'eil 
thu comasach gach nì a chì thu fèumail a dheanamh 
airson do chuirp, 'nuair is àill leat ? Agus an Tì a thug 
comas dhuit gach nì fèumail ìarraidh 's a dheanamh 
airson do chuirp, nach tug è dhuit mar-an-cèudna comas 
gach nì fèumail — tearnadh, beatha, fois — ìarraidh 's a 
ghabhail do d' anam, ma's àill leat ? Cha n-'eil teagamh 
air. Uait do dhroch leisgeul matà. Cha n-f heàrr è na 
leisgeul an adhaltrannaich a their nach urrainn è gràdh 
a thoirt d' a mhnaoi fèin, no leisgeul an duine ghkmhlas- 
aich a their nach 'eil è comasach a bhi rèidh ri coimhears- 
nach, no bràthair. Ann an ifrinn cuiridh peacaich a' 
choire gu lèir air an toil fèin gu brkth. An sin labhraidh 
an coguis fo dhòruinn gu reusanach 'n an aghaidh fèm. 
Bu mhòr an t-sìth d'an coguisibh, 's am faothachadh 
d'an doruinn, cha b' ifrinn ifrinn doibh, na'm b'urrainn ìad 
aràdh, is è Dia a ta ri 'choireachadh airson so, agus cha n-è 
sinn-fèìn. Ach neartaichidh sìor chuimhne air an droch 
thoil " an teine nach mùchar," a' bìadhadh " cnuimh" 
sin na coguis nach bàsaich a chaoidh. Marc. 9. 44. 

Is ì toil Dd nach faigh a shluagh an fhois so a làn- 
mhcaltuinn gus an ruig ìad an saoghal eile. Cò is còir 
na crèutairean a riaghladh, ach Dia fèin a rinn ìad ? Am 
bheil thu 'faighneachd carson nach 'eil an fhois so ag- 
ainn air thalamh ? Bu cho math dhuit a rkdh, carson 
nach 'eil earrach 'us foghar gun gheamhradh againn, no 
carson a tha an talamh so fodhainn 's an \armailt os ar 
'aonn? Fèumaidh na h-uile nithe teachd gu'n làn 
nbheachd, a' chuid 's a' chuid. Bu leanabh an dmne 
a's treise, air tùs. Bu chnò an daraga 's àirde, uair-eigin. 
B'èigin do'n sgoilear a's ionnsaichte tòiseachadh leis an 
Abideil. Is \ 'bheatha so ar leanabanachd. Ciamar a 
thigeadh dhuinn ìarraidh a bhi làn mhòr anns a' bhroinn, 
no air ar breith aig àirde duine? Na'n robh ar fois an 80, 



70 Comharradh na Muinntir sm do'm bheil 

bu ghànn fèum air freasdalaibh Dhè. Bithidh glòir aig 
Dia ann an saoradh mìorbhuileach na h-Eaglais, agus 
ann an tuiteam a naimhdean ; agus an dealaich è ris a' 
ghlòir sin le àrd shonas a thoirt do clhaoinibh ann an 
cuairt na beatha so ? Na'n robh sinn uile sona, neo- 
chiontach, iomlan, càit am bitheadh fèum air na h-oibribh 
glòrmhor sin, — ar naomhachadh, ar fìreanachadh, agus 
ar slàint ri teachd ? Mur bitheadh easbhuidh nì sam- 
bith òirnn, cha dlùthaicheamaid cho mòr ri Dia, ni mò 
a ghairmeadh sinn air cho dùrachdach. Na'n robh againn 
gach nì a b' àill leinn, is beag a dh-\arramaid air Dia ! 
Cha bhitheadh àrd òrana molaidh air an toirt rìamh do 
Dhia le Maois, aig an Fhairge Ruaidh agus anns an 
f hàsach, agus arìst le Deborah, Hannah, Daibhidh 'us 
Heseciah, na'n robh an sonas 'n an làimh fèin. Agus, a 
Chriosduidh, nach minig a thug do chunnart 'us do 
theinn ort àrd mholadh a thoirt do Dhia ? Bithidh an 
cliù 's a' ghloir a's àirde aig Dia 's an t-saoghal so air- 
son na saorsa, na rèite, agus na slaint' a tha è 'tabhairt 
tre Chriosd, agus nach \ truaighe dhaoine a b' aobhar 
air sin ? Far nach f haigh Dia fath-chothrom air tròcair 
a nochdadh, caillidh an duine an sonas a thig o thròcair 
a mhealtuinn. Far nach f haigh Dia a mholadh, cha n- 
f haigh duine sòlas. cia milis an sòlas a gheibh na 
naoimhairson an ùrnuighean ! Ciamar a dh-aithnicheam- 
aid cho teò-chridheach 's a tha ar n-Athair nèamhaidh, 
mur rachadh, mar rinneadh air an struidhear, plaoisg 
nan sòlas talmhaidh a dhiùltadh dhuinn ? Cha mhoth- 
aicheamaid gu bràth cho blàth-chritheach 's a fcha 
Criosd, mur faigheamaid sinn-fè'in sgìth agus trom- 
luchdaichte, acrach agus tartmhor, bochd agus brnite. Is 
taitneach do'n t-saighdear, no do'n fhear astair, sealltuinn 
air ais air a dhol-às o gach cunnart, is è nise sàbhailt. 
Agus mar sin is taitneach do gach aon de na naoimh air 
nèamh sealltuinn air ais air na cunnartaibh mòr' o'n 
deachaidh è às, — air a chuid peacaidh agus bròin air 
talamh, — air' eagal agus a dheòir, — air a naimhdean agus 
aimhreitean, 'easbhuidhean 's a thrioblaidean. Ni sin a 
b hàirdeachas na's aoibhniche. Uiine sin, labhraidh na 
naoimh bheannaichte ann am moladh an Uain, air an 
saoradh leis às gach cinneach, teangaidh agus sluagh 



an F/tois so air a h-ullachadh. 71 

agus mar sin, às gaeh peacadh, truaighe agus easbhuidh, 
'us ìad anis air an deanamh 'n an rìghrean agus 'n an 
sagartan do Dhia. Ach mar bitheadh nì sam-bith aca 
ach toil-ìnntinn 'us fois air talamh, cò às a dheanadh 
ìad gàird eachas an dèigh sin ? 

Cha n-'eil sinn idir comasach air fois a mhealtuinn 
air thalamh. Ciamar a b'urrainn làn toil-ìnntinn agus 
fois a bhi aig anam cho lag ann an gràs, cho buailteach 
do pheacadh, cho dlù-naisgte ri ban-chompanaich cho 
truaillidh ris an f heòil ? Ciod è sin fois anama, ach a 
bhi saor o gach peacadh, o gach neo-iomlanachd agus o 
naimhdean ? Ciamar a gheibheadh anam fois, a ta gach 
là air a phlàigh-bhuaireadh leis na h-uilc sin uile ? Car- 
son a chluinnear Criosduidhean cho tric ag èigheachd 
amach le Pòl " Och is duine truagh mì ! cò a shaoras 
mi ?" Carson a tha ìad a' dìan-ruith a dh-ionnsuidh a' 
chomharraidh, a' greasad a chum gu'm faigh ìad an 
duais, 's a' deanamh spairn gu dol astigh, ma's comasach 
ìad air an fhois ud a mhealtuinn anns a' bheatha so ? 
Ni mò is urrainn ar cuirp an f hois ud a mhealtuinn an 
dràst. Cha n-ìad so na cuirp ghrìan-ghlan a bhitheas 
ànnta 'nuair a "chuireas an corp truaillidh so neo- 
thruaillidheachd uime, agus an corp bàsmhor so neo- 
bhàsmhorachd uime." Is eallaich agus prìosain ar cuirp 
dhuinn an diugh, làn anmhuinneachd agus easbhuidh, 
sinn a' frithealadh dhoibh an còmhnuidh, 'g an càramh, 'us 
'g an eiridinn. Ciamar a b'urrainn anam neo-bhàsmhor 
fois 'f haotuinn ann an dachaidh cho euslainteach agus 
cho cronail? Is cmnteach, fèumaidh na cuirp thìnn, 
sgìth, ghràineil sin a bhi air an geal-ghlanadh mu'm bi ìad 
comasach air fois naomh a mhealtuinn. Cha leòr uile 
nithe na beatha so gu fois a thoirt. Och I och ! cha 
n-urrainn an saoghal uile fois a thoirt duinn. Iadsan 
aig am bheil an tomhas a's mò dheth, is ìad a's mò 
dragh, — a's truime cual. Gach fear a's mò toileachas 
agus aoibhneas ris an t-saoghal, èighidh è mach mu 
dheireadh, "Is dìomhanas agus buaireadh è uile." Geall- 
aidh daoine nèamh dhoibh-fèin air thakmh, ach cho luath 
's a thig ìad 'g a mhealtuinn, teichidh è uatha. Esan 
aig am bheil meas air oibribh Dhè, faodaidh è 'f haicinn 
gu soilleir gur è an crìoch uile gach dia-breige 'phronn- 



VI Comharradh na Muinntir sin dd'm bheu 

adh sìos, ar fàgail sgìth dhinn-f&n, agus ar fois ìarraidh 
ann an Dia fèin amhàin. Nach tric a bhuaileas è sinn 
far am mò ar toil-\nntinn ? Ma shuidhicheas tu do chridhe 
ro theànn, eadhon air aon de do leanabanaibh, is tric a 
thig sin gu bròn dhuit. Ma chuireas tu làn earbsa, no 
làn dòchas ann an caraid, a' smuaineachadh nach ath- 
arraich è, agus nach meall è ort, gheibh thu sin gu tric 
mar sgiùrsair dhuit. An àit, no staid fois' sin ? Agus 
a chionn nach leòr na nithe a ta againn 's a' bheatha so 
chum ar fois, cha n-'eil Dia, ged is leòr è, air a mheal- 
tuinn leinn an so, ach ann an tomhas beag. Oir cha n- 
ann an so a dh'ullaich è seòmar-làthaireachd a ghlòire. 
Sgaoil è brat-folaich eadar e-fem agus sinne : mar 
chrè'utairean tha sinn fada uaith, mar bhàsmhoraich 
laga na's fhaide, agus mar pheacaich na's ro f haide bho 
Dhia. Cluinnidh sinn, an dràst 's arìst, focal sòlais 
uaith, agus gheibh sinn dìleab a ghràidh, chum ar 
cridheachan agus ar dòchas ùrachadh 's a chumail beò, 
ach cha n-è sin ar sonas làn. Ciamar anis a b'urrainn 
aon anam d' an cuibhrionn Dia,— cuibhrionn gach anam' 
a thearnar leis, — fois 'fhaotuinn an so air astar cho 
anabarrach fad-às uaith, agus 'g a mhealtuinn cho beag 
's cho ainmig ? 

Ni mò 'tha sinn air an àm so freagarrach airson fois' : 
oir fèumaidh sinn a bhi air ar deanamh airidh air foia 
mu'n ruig sinn oirre. Cha toir Criosd an crùn do neach 
air-bith ach neach a ta airidh. Cha n-'eil sinn freag- 
arrach airson a' chrùin gus am " buadhaich" sinn. Cha 
n-'eil sinn freagarrach airson " na duaise" gus an " ruith" 
sinn an " reis." Cha n-'eil sinn freagarrach airson ar 
" peghinn" 'fhaotuinn gus an oibrich sinn " anns a 
ghàradh-fhìona." Cha n-'eil sinn freagarrach airson 
" uachdaranachd" 'f haotuinn " air deich bailtibh," gus 
am " buannaichear deich phind :" no cha n-'eil sinn 
freagarrach gu " imeachd asteach do aoibhneas ar 
Tighearna" gus am faighear sinn 'n ar " deadh sheirbh- 
isich fhìrinneach." Cha n-atharraich Dia ce'um a 
cheartais gu fois a thoirt duit, gus an oibrich thu air- 
son crtìin na glòire — gus am " buadhaich" thu. Tha 
làn aobhar air ar fois " f hàgail fa chomhair" na beatha 
ri teachd. Gabh an aire, matà, a Chriosduidh, ciamar 



an Fliois so air a h-uttachadh. Tò 

a dh-\arras tu fois air talamh. Gabh an aire nach 
fhaighear thu ri gearan an aghaidh Dhè, airson do 
thrioblaid, do shaothair 'us d' easbhuidhean 's an f heòil. 
Am bheil thu air do sgìtheachadh le bochduinn, le 
easlaint, le naimhdean guineach agus càirdean mì- 
chaoimhneil ? Fèumaidh sin a bhi an so. Am oheil 
thu sgìth dhe gràinealachd nan aimsir, peacadh luchd- 
aideachaidh, 'us cruadhachadh nan aingidh ? Fèumaidh 
sin a bhi, gus an ruig thu d' fhois. Am bheil thu sgìth 
dhe do pheacaidhean agus dhe do dhroch cridhe fèin ? 
Tuilleadh 'us tuilleadh sgìos dhuit. Ach fo'n sgìos 'us 
fo'n airtneal so uile, am bheil thu làn-toileach a dhol a 
dh-ionnsuidh Dhè, d' fhois? agus do chogadh, do rèis 
'us d'obair a chrìochnachadh ? Mur 'eil, dean tuilleadh 
gearain air do chridhe fèin, agus fàs na's sgìthe gus am 
bi an f hois so na's taitniche leat. 

Cha n-'eil agam ach aon nì eile ri ràdh ann an 
co-dhùnadh a' chaibdeil so ; agus is è so è : — Tha 
sonas agus glòir do-smuainichte — sonas agus glòir nach 
gabh tuigsinn — aig anamaibh nan creidmheach, eadhon 
fad na h-ùine a dh-f hàgar ìad dealaicht' o'n cuirp. Ciod 
a's soilleire na briathran Phòil air a' cheànn so ? " Tha 
sinn a ghnàth deadh-mhisneachail," arsa Pòl, " air 
dhuinn fios a bhi againn am feadh a ta sinn aig an tigh 
(no air chuairt) anns a' choluinn gu bheil sinn air 
choigrich (no air falbh) o'n Tighearn : oir a ta sinn a 
gluasad a rèìr creidimh, agus cha'n ànn a rèir seallaidh. 
Tha deadh mhisneach againn, (tha m\ ag ràdh) agus bu 
ròghnuiche leinn gu mòr a bhi air choigrich (air falbh) 
às a' choluinn, agus a bhi làthair rnaille ris an Tighearn." 
2 Cor. 5. 6-8. No, gabh an dearbhadh so eile bho'n 
Abstol naomh : — " Tha mi air mo tlieannachadh eadar 
dhà ni, air dhomh a bhi-togarrach air siubhal, agus a 
bhi maille ri Criosd, oir is e so a's ro fheàrr." Philip. 
1. 23. Mur bitheadh sùil aig Pòl ri Criosd a mheal- 
tuinn gus an tig an aiseirigh, carson a bha è " air a 
theannachadh," no " togarrach air siubhal ?" Nach ann 
a bhitheadh è duilich " siubhal" air a' cheart bhònn sin 
fèin ? oir am feadh a bha è fathast anns an f heòil, bha 
è 'mealtuinn Chriosd ann an tomhas. Is làn shoilleir 
focail Chriosd fèin air an labhairt ris a' ghaduiche. 



74 Comharradh na Muinntir sin dd'm bheil 

" Bithidh tu maille rium-sa an diugh ann am pàrras." 
Lùc. 23. 43. Tha Criosd ag ìnnseadh dhuinn, arist gu 
soilleir, ann an ccmh-samhlachd an duine shaoibhir agus 
Làsaruis, gu'm bheil an t-anam a' dol bàll-dìreach gu 
sonas, no gu truaighe an dèigh a bhàis. Luc. 16. 19-31. 
Ann an toirt dearbhaidh dhuinn air aiseirigh nam marbh, 
tha Criosd ag ràdh " Cha'n e Dia, Dia nam marbh, ach 
nam beò." Air an aobhar sin, bha anamanan Abrahàim, 
Isaaic agus Iacoib beò maille ri Dia aig an àm a labhair 
Criosd na briathran sin. Mata 22. 32. Mur faigheadh 
" na mairbh bheannaichte, a gheibh bàs 's an Tighearn," 
sonas na's àirde na fois anns an uaigh, bu cho sona 
brliid, no clach riuth-san. Taisb. 14. 13. Cha bu 
bheannachd ach mallachd an cor. Nach è 'bhi beò 
tròcair bu mhò dhoibh, a' deanamh seirbhis do Dhia 'us 
maith do dhaoinibh — a' mealtuinn shòlas na beatha so, 
co-chomunn nan naomh, chomhf hurtachd nan òrduigh- 
ean agus mòran do Chriosd — na 'bhi a' grodadh anns 
an uaigh. Ach tha àrd shonas a' feitheamh air na 
naoimh an d&gh am bàis : mur bitheadh, ciamar eile a 
theirear " Tha sibh air teachd gu spioradaibh nam fìrean 
air an deanamh foirfe." Eabh. 12. 22, 23. 

Is tìnnteach, bithidh corp an fhìrein, cho maith ri 
'spiorad, air a dheanamh foirfe aig an aiseirigh. Nach 
'eil an Sgriobtuir ag ìnnseadh dhuinn gu'm bheil Enoch 
agus Elias air an togail suas cheana gu glòir ? Agus an 
abair sinn nach 'eil ach ìadsan amhkin a' sealbhachadh 
na glòire sin ? Nach f haca Peadar, Sèumas agus Eòin, 
Maois maille ri Criosd air a' bhèinn? Ach, deir an 
Sgriobtuir, bhasaich Maois. Is cìnnteach nach mealladh 
Criosdìad le Maois 'fheuchainn doibh, mur faigheadh è 
seilbh air glòir gus an tig an aiseirigh. Agus nach 
dearbhadh focail Stephein cho làidir 's is urrainnear 
ìarraidh, " A Thigearn Iosa glac mo spiorad." Gnìomh. 
7. 59. Is c\nnteach, ma ghlacas an Tighearn an Spiorad, 
nach 'eil è 'n a chadal, no marbh, no air a chur gu neo- 
ni, ach maille ri Criosd far am bheil 6, agus a' faicinn 
a ghlòire. Gheibhear an dearbhadh ce"udna ann am 
briathraibh an duine ghlic, " Pillidh an spiorad chum 
Dhè*, a thug uaith e. Ecles. 12. 7. Mur ruigear glòir 
gus an tig an aiseirigh, ciamar a theirear ' gu'm bheil 



an Fhois so atr a h-ullachadh. 75 

a' bheatha mhaireannach againn, — gur è eòlas air Dia a' 
bheatha mhaireannach, — gu'm bheil a' bheatha mhair- 
eannach aig an neach a tha 'creidsinn anns a' Mhac, 
agus gu'm bheil rìoghachd Dhe 's an taobh astigh 
dhinn ?' Cha bu bheatha mhaireannach a bhi dealaichte 
bho Chriosd agus o ghlòir, gus an tig an aiseirigh. 
Nach 'eileas ag ìnnseadh dhuinn gu'm bheil bailtean 
Shodoim agus Ghomòrrah (sluagh nam bailtean sin) anis 
" a' fulang dìoghaltais teine shìorruidh, (Iudas 7.) Agus 
mar tha na h-aingidh cheana mar sin a' fulang ann an 
teine sìorruidh, is cinnteach, tha anamanan na fìrean 
beò ann an sonas sìorruidh. 'Nuair a f huair Eòin an 
sealladh glòrmhor " bha è" iomadh uair " 's an spiorad," 
agus " aingeal 'g a thoirt leis anns an spiorad." 'Nuair 
"a thogadh Pòl chum an treas nèamh, cha b' f hios dà 
an anns a' choluinn, no às a' choluinn." Tha sin a' 
cìallachadh gu'm bheil spioradan comasach air nithe 
glòrmhor mar sin 'f haicinn, a dh-easbhuidh nan corp 
'g an cuideachadh. Nach 'eil sin air a chìallachadh 
arlst le briathraibh Eòin ag radh " Chunnaic mi fo'n 
altair, anama na muinntir a mharbhadh airson focail 
Dè ?" Taisb. 6. 9. Tha Criosd ag ràdh " Na biodh 
eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach 
aig nach 'eil comas an t-anam a mharbhadh," a' cìall- 
achadh gu soilleir gu'm bi an t-anam beò an dèigh dhà 
bhi air a dhealachadh o'n chorp, ma's ann le ainneart 
dhaoine, no le bàs nàdurrach. Bha anam Chriosd beò 
'nuair a bha a chorp marbh air a' chrann, agus mar sin, 
bithidh na h-anamanan againn-ne beò mar-an-cèudna. 
Tha so soilleir o ghealladh Chriosd do'n ghaduiche, 
" Bithidh tu maille rium-sa an diugh ann am pàrras." 
Agus arist o ghuth Chriosd air a' chrànn, " Athair, a 
ta mi 'tìomnadh mo spioraid a'd' làmhaibh-sa." Bha 
spioradan na muinntir sin, " a bha eas-ùmhal ri lìnn 
Noah, ann am prìosan," is è sin, beò agus a' fulang ; is 
cìnnteach matà, gu'm bi spioradan nam f\rean beò an 
deigh dhoibh dealachadh ri 'n cuirp, agus a' mealtuinn 
làn shonais. 1 Pead. 3. 19, 20. Uime sin, matà, cho 
luath 's a dh-fhkgas anamanan f ìrinneach prìosan na 
feòla, lèidichidh ainglean \ad, is è Criosd agus uile spior- 
adan foirfichte nam f ìrean a's companaich dhoibh : 



76 Truaiyhe na Muinntir sin 

nèamh an àit-còmhnuidh ; agus Dia an sonas. 'Nuair 
a thig gairm a' bhàis, faodaidh ìad sin a ràdh, le dàn- 
achd agus tre chreidimh maille ri Stephen naomh, " À 
Thighearn Iosa, glac mo spiorad, 'g a thìomnadh, mar 
a rinn Criosd, do làmhan an Athar 1" 



Caibdeil Y. 

Truaìyhe na Muinntir sin a chailleas Fois nan Naomh. 

Ma tha thus', a lèughadair, aineolach air Criosd agus 
air nàdur 'us beatha dhiadhaidh a shluaigh a chaidh 
ainmeachadh roimh so, agus ma bhitheas tu beò 's ma 
gheibh thu bàs anns an staid sin, ceadaich dhomh ìnn- 
seadh dhuit nach ruig thu gu bràth air aoibhneas nèimh, 
agus nach blais thu idir air fois shìorruidh nan naomh. 
Their mì riut, matà, mar thuirt Ehud ri Eglon, " Tha 
teachdaireachd agam o Dhia ad' ionnsuidh." Breith. 3. 
20. Agus cho cìnnteach 's a tha focal Dhia f ìor, cha 
n-fhaic thu gnùis Dhè gu bràth le sòlas. Tha è air 
àithneadh dhomh a' bhìnn so a thoirt amach ort. Gabh 
ì mar is àill leat. Teich uaipe ma's urrainn thu. Tha 
fios agam gu'm faod thu teicheadh le ùmhlachd a thoirt 
gu toileach do Chriosd a tha toileach d' aideachadh mar 
aon de 'shluagh, agus cuid a thoirt duit ann an oigh- 
reachd nan naomh. Ma bheir mo " theachdaireachd" 
a dh-ionnsuidh an t-sonais sin thu, cha bhi idir fearg 
òrm, mar bha air Iònah, nach 'eil corruich Dhè air a 
dòrtadh amach gu do sgrios. Is ann a bheannaicheas 
mì an là sin air an d'rinneadh mì am' theachdair cho 
fe'umail dhuit-sa. Ach ma chaitheas tu do bheatha anr 
an staid neo-ìompaichte, cho cìnnteach 's a tha an 
ìarmailt os do cheànn, agus an talamh fo do chasaibh, 
glaisear amach thu bho f hois nan naomh, agus gheibh 
thu do chuibhrionn anns an teine shìorruidh. Ach 
thar leam gu'n èirich thu òrm anis, ag radh " Cuin a 
dh'fheuch Dia leabhar na beatha dhuit-sa, agus a 
dh'innis è dhuit cò a bhitheas agus cò nach bi air a 
theàrnadh." Stad beag ort. Cha n-'eil m\ 'labhairt 



a chaìlleas Fois nan Naomh. 7? 

riut-sa air d' ainra. Cha n-'eil mì ach amhàin a' labh- 
airt air sluagh neo-ìompaichte co-air-bith ìad , agus 
ort-sa ma's aon diubh sin thu ; 's ag ìnnseadh na fìrinn 
doibh. Ni mò tha mì 'gabhail orm-fèin a ràdh cò a nì 
aithreachas, agus cò nach dean ; no idir a ràdh nach 
dean thus' aithreachas gu bràth. B'f hearr team gu mòr 
ìnnseadh dhuit ciamar a dh-fhaodas tu-fèin a bhi sona, 
mur càill thu sonas le dàil a chur anns a' chìiis. B'f heàrr 
leam do thàladh gu comhairl' a ghabhail mu'm bi è ro 
anmoch, na idir a ràdh riut nach 'eil dòchas gu'm pìlj 
thu dh-ionnsuidh Dhè, le aithreachas. Ach mur 'eil 
cor d'anam' a' freagairt do'n iomradh a chuala ta air 
pobull Dhia anns an Leabhar so, is cmnteach nach ceist 
chruaidh leat 'fhaighneachd dhìot, am bi thu air do 
theàrnadh ? Cha ruigear a leas a dhol suas gu nèamh a 
dh-ìarraidh fios cò nach bi 'us cò a bhitheas air a thekr- 
nadh. Gabh focail so Dhè a tha ag ìnnseadh so gu dìr- 
each, soilleir : — " às èugmhais naomhachd cha n-f haic 
neach air-bith an Tighearn." " ladsan a tha glan 'n an 
cridhe chì ìad Dia." " Mur beirear duine a rtst cha 'n 
f haod e dhol a stigh do rìoghachd Dhe*." Cha ruigear a 
leas a dhol suas gu nèamh a dh-ìarraidh fìos o Chriosd 
air an nì sin a dh'innis e-fèin agus na h.-Abstoil air an tal- 
amh, agus a dh'f hàg ìad sgrìobht' aig an t-saoghal uile. 
Agus ged nach aithne dhomh-sa smuaintean do chridhe, 
agus nach urrainn mì an lorg sin cor d' anam' ìnnseadh, 
gidheadh ma bhitheas tu-fèin toileach, dìchiollach, faod- 
aidh tu fios 'f haotuinn co dhiubh is oighre air nèamh 
thu, no nach eadh. 

Is è bu mhìann leam gu h-àraid, ma tha thusa fathast 
truagh, gu'n tuigeadh tu do chor, agus gu'n " teicheadh 
tu airson do bheatha." Ach cionnus a thèid thu às, ma 
ni thu dìmeas air Criosd agus air slainte ?' Ma ni, tha 
è cho do-dheante dhuit a bhi air do theàrnadh 's a tha 
è do na deamhnaibh fèin. Tha sin air ìnnseadh mu do 
leithid, gu soilleir le Dia anns an Sgriobtuir. Faic anis 
do chor truagh. Bhaoilinn gu'n dean sealladh dheth, 
do lìonadh le iongantas 'us uamhas. " 'Nuair a chun- 
naic" Belsasar " meòir làimhe duine a' sgriobhadh air 
a' bhalla, chaochail a ghnùis agus rinn a smuaintean a 
bhuaireadh, air chor as gu'n robh uilt a leasraidh air 



78 Truaighe na Muinntir sin 

am fuasgladh agus bhuail a ghlùinean an aghaidh a 
chèile." Dan. 5. 5, 6. Agus nach 'eil crith-eagal ort-sa 
'us làmh Dhia fèin air a sìneadh amach a d' aghaidh, agus 
a ghuth air feadh nan Sgriobtuir a' bagairt do ghearradh 
amach o rìoghachd na ghlòire sìorruidh ? O'n is è mo 
mhìann gu'n gabhadh tu so gu cridhe, nochdaidh mì 
dhuit nàdur 'us an-tromachadh do chàll, mur ruig thu 
nèamh. 

I. Ann an càll nèimh, — caillidh na h-aingidh iomlan- 
achd phearsantail nan naomh, — Caillidh ìad Dia fein 
agus gach gràdh taitneach dhà, — agus caillidh ìad 
co-chomunn nan aingeal agus nan naomh. 

1. Caillidh na h-aingidh thruagh an iomlanachd 
ghlòrmhor sin a bhios anamanan agus cuirp nan naomh 
a' mealltuinn gu bràth air nèamh. Caillidh ìad an sàr 
dhealradh cuirp sin a's àillidh na gnùis na grèine aig 
àrd mheadhon-là. Ged thogar cuirp nan aingidh na's 
spioradaile na bha ìad air talamh, cha dean sin dhoibh 
ach dòruinn na's geòire. B'fheàrr leo an sin gach ball 
a bhi marbh ; an corp uile a bhi mar chairbh ghrod anns 
an duslach, gun chomas pìan f haireachadh idir. Caill- 
idh ìad an iomlanachd bheusach sin a gheibhear aig an 
t-sluagh bheannaichte. Caillidh ìad gach deadh thog- 
radli ìnntinn, gach aomadh suilbhir a dh-ionnsuidh Dhè, 
agus làn ionracas 'n an uile dheanadasaibh. An àit 
sin, is è 'bhitheas aca an toil choirbte sin, am fuath 
mòr sin do mhaith, an gràdh dìan sin do'n olc, agus a' 
bhoil-ìnntinn sin a bha aca air talamh. Cha n-'eil 
teagamh nach bi an tuigse nis air a fosgladh suas gu 
mòr ; oir sguiridh gach obair mheallaidh anis, agus chì 
ìad, air an cosd, mealltaireachd an amaideis. Ach tha 
'us bithidh an droch gnè cho olc 's a bha ì riamh. Bu 
mhìann leo peacachadh fathast na'm urrainn ìad, na'm 
faigheadh ìad fàth chomas. Bithidh eadar-dhealachadh 
na's mò eadar na bèistean truagh sin, agus na Criosd- 
uidhean glòraichte, na tha eadar an losgunn snàigeach 
air an làir, agus a' ghrìan anns na spèuraibh. Cha robh 
an duine saoibhir idir air 'àrdachadh cho mòr le purpur, 
eudach grìnn agus biadh sòghail, 'nuair a bha Làsarus 
air a shìneadh làn chrèuchd aig a dhorus. 

2. Caillidh na h-aingidh gach dàimh 'us co-chomunn 



a chailleas Foìs nan Naomh. 79 

sòlasach ri Dia. O'n " nach bu taitneach leo eòlas Dè 
a chumail," ach ag ràdh ris, " Imich uainn : oir cha'n 
àill leinn eòlas do shlighean," is gràineil le Dia ìadsan 
" a chumail" 'n a theaghlach. Cha leig è 'stigh gu bràth 
ìad do oighreachd nan naomh. Cha cheadaich è idir 
dhoibh seasamh 'n a làthair, ach " aidichidh è dhoibh, 
cha b'aithne dhomh riamh sibh ; imichibh uam, a 
luchd-deanamh na h-èucorach." Ach tagraidh ìad gu 
dàna nis còir air Criosd agus air nèamh, mar gu'm bu 
naoimh chreideach, threibh-dhireach ìad. Their am 
mìonnadair, am misgeadair, an strìopadair 's an spìocair, 
" Nach è Dia m' Athair-sa, cho maith 'us d' Athair-sa ?" 
Ach an uair a chuireas Criosd sgaradh eadar a shluagh 
fèin agus a naimhdean, eadar a chàirdean dìleas agus na 
sodalaich mhealltach ud, ciod an sin, a thig dhe'n tagair 
dhànadais so ? Chììad nach è Dia an Athair, do bhrìgh 
nach b' àill leo-san a bhi 'n an cloinn dà-san. Cha b' àill 
leo spiorad Dhia còmhnuidh a ghabhail ànnta ; air an 
aobhar sin, cha chòmhnuich na h-aingidh ann an àros Dè. 
Is ìadsan amhàin a ghluaiseas maille ri Dia air thalamh, 
a bhitheas beò, sona maille ris air nèamh. O is beag is 
aithne do'n anam aig nach 'eil fios air call an anama sin 
a chailleas a chòir air glòir Dhia ! Nach bu tòll dubh, 
dorch an talamh so na'n cailleadh è solus na grèine ! 
Nach blìanach ghràineil an corp 'nuair a chailleas è an 
t-anam ! Ach is neo-ni na nithe sin uile ann an coimeas 
ri call Dhè\ Mar is è mealtuinn Dhia nèamh nan naomh, 
is è càll Dhia, ifrinn nan daoine mi-dhiadhaidh. Agus 
mar is è mealtuinn Dhia, mealtuinn nan uile nithe, is è 
call Dhia call nan uile nithe. 

3. Fòs caillidh na h-aingidh gach togradh gaolach 
taitneach a dh-ionnsuidh Dhè. Caillidh ìad sàr eòlas 
air ; sealladh aoibhneach air a ghnùis ghlòrmhoir ; an 
taitneas do-labhairt sin a gheibhear 'n a ghràdhachadh ; 
mothachadh air a ghràdh neo-chriochnach dhuinn-ne ; 
sìor aoibhneas nan naomh, agus na h-aimhnichean sòlais 
leis am bheil è 'g an rìarachadh. Am beag na nithe 
sin a chàll uile ? Cha n-'eil obair rìgh, ann an rìaghladh a 
rìoghachd, cho àrd seach obair na tràill' a's suaraiche, 's 
a tha an obair nèamhaidh so seach obair rìgh thalmhaidh. 
Bheir Dia do dhaoinibh obair freagarrach ri 'n nàdur. 



80 Truaighe na Muinntir sin 

A pheacaich thruaigh, cha robh do chridhe riamh 
suidhichte air Dia ri do bheò ; cha robh è riamh air a 
bhlàthachadh le gràdh Dhia ; cha robh fadachd riamh 
air an dèigh Dhia ; cha robh tlachd agad labhairt, no 
cluinntinn mu Dhia ; b'f heàrr leat fantuinn gu bràth air 
an'talamh, na'm b'urrainn thu, na cuid a ghabhail ann 
am bìnn mholadh glòrmhor Dhia. An ceart, mata, gu'm 
faigheadh tusa, no do leithid, àit maille ris an luchd- 
ciùil nèamhaidh ? Cha ghabh è deanamh idir, idir. 

4. Caillidh an sluagh mi- dhiadhaidh cuideachd 
bheannaichte nan aingeal agus nan naomh glòraichte. 
An àit a bhi 'n an companaich do na spioradaibh sin, 
agus air an aireamh maille ris na rìghribh aoibhneach 
sin, is ann a bhitheas ìadsan ann an cuideachd gharg na 
h-ifrinn maille ri companaich dhrèineach, ghràineil. 
Chab'è 'bhi 'deanamh tàir air na naoimh, 'g an càineadh. 
'g am fuathachadh, agus a' deanamh gàire-fanaid riutha 
'n an trioblaidibh, an cè*um gu ruigheachd air sonas. Ach 
anis, a pheacaich, tha thu air do dhùnadh amach às a' 
chuideachd sin o'n d'rinn thusa thu-fèin a dhùnadh 
amach air tùs, agus tha thu dealaichte bho'n t-sluagh 
sin de nach b'aill leat cuideachd a dheanamh. Cha n- 
fhuiligeadh tuìad ann do thigh, ann do bhaile, no, ach 
gann, 's an rìoghachd. Theireadh tu, mar thuirt Ahab 
mu Eliah, gu'm bu luchd-buairidh 's an tir ìad ; agus 
mar chaidh a ràdh an aghaidh nan Abstol, gu'n robh 
ìad " a' cur an t-saoghail bun os ceànn." Ma thachair 
aimhreit sam-bith, bu luath a choiricheadh tu ìadsan 
airson sin. 'Nuair a ghairm am bàs ìad, no 'bha ìad 
air am fògradh às an tìr, bu mhaith leat air falbh ìad. 
Bu shàrachadh dhuit ìad a bhi gu dìleas a' cronachadh 
do pheacaidh. Bu draghail an còmhradh naomh le do 
choguis, 'us fios agad gu'n robh ìad fad air thoiseach ort- 
fèin. B'an-shocaìr leat an guth a chluinntinn ri ùrnuigh, 
no moladh an àit air-bith. An iongantach, matà, thu 
'bhi dealaichte uatha an dèigh sin ? Is fagus an là air 
nach cuir ìad dragh ort ni's mò. ' Bithidh doimhne mhòr 
air a cur eadar ìadsan agus thusa'. Lùc 16.26. 'An 
àm do na naoimh a bhi air an sàrachadh le fanaid, le 
uireasbhuidh, le trioblaid, le cràdh agus, ann an tomhas, 
le neo-iomlanachd an nàduir fèin anns a' bheatha so, ìs 



a chailleas Fois nan Naomh. 81 

è teisteanas an Spioraid Naoimh mu'n timchioll, " nach 
b'airidh an saoghal orra." Eabh. 11. 36-38. Agus 
mar " b'airidh an saoghal" air an cuideachd air talamh, 
is cìnnteach nach airidh è air an cuideachd ann an glòir 
air nèamh. 

II. Ach tha fios agam gu'm bi mòran ullamh gu ràdh, 
gu'n gabhadh seachnadh dhoibh air na nithibh àrda sin 
anns an t-saoghal so, agus carson nach gabhadh ìad 
seachnadh anns an t-saoghal ri teachd ? Ach a chum a 
thuigsinn gu'm bi càll nèimh ro ghoirt doibh, thugadh 
ìad sin fainear na nithe so : — Bithidh an tuigse air a 
soilleireachadh chum fios a thoirt doibh air an càll, — 
Bithidh ìad comasach air an càll a làn-bhreithneachadh, 
— Labhraidh an coguisean fèin na's geòire riutha air an 
call, — Cha bhi an aignidhean cadalach na's fhaide, — 
agus cha mheàll an cuimhne \ad. 

1. Air an là sin bithihh tuigse nan daoine mi-dhiadh- 
aidh air a soilleireachadh a chum luach na chàill ìad a 
leigeil ris doibh. An diugh, cha n-'eil an càll so a' cur 
bròin sam-bith orra, do bhrìgh nach do ghabh \ad eòlas 
riamh air òirdhearcas Dhè, ni mò tha guth aca air càll 
na h-oibre agus na cuideachd naoimh, do bhrìgh nach 
b'aithne dhoibh riamh an luach. Am fear a chailleas 
sèud nach mò leis na clachag chumanta, is beag a 
chùram air a shon, gus am faic è mòr luach an àilleagain 
a chàill è : agus an sin ni è caoidh air a shon. Their 
è, " Och is mis' a chàill an n\ luachmhor I" Ach cha 
bhi tuigse an t-sluaigh mhallaichte air a naomhachadh 
idir, geda bhitheas \ air a fosgladh suas gus am mìle mear- 
achd 'fhaicinn. Saoilidh ìad an diugh gur fekrr onoir, 
saoibhreas, taitneas, slàint 'us beath' an t-saoghail so, 
na nithe glòrmhor an t-saoghail ri teachd. Ach an uair 
a bhitheas ìad truagh an dè"igh do na nithe sin am 
fàgail, agus a ch\ \ad gu soilleir gur fìor na mthe de 
nach b'àill leo sùim a ghabhail, atharraichear am beachd. 
Cha chreideadh \ad gu'm bàth an t-uisg, gus an robh 
ìad ann am builsgean na fairge ; no gu'n loisg an teine, 
gus an robh \ad air tuiteam ann. Ach creididh ìad gu 
grad, 'nuair a dh-fhairicheas ìad. Chì \ad, tre làn 
fhiosrachadh, gur brèugach a' bhoil-ìnntinn sin a thug 
orra tàir a dheanamh air Dia, tàir air aoradh Dhia agus 



62 Truaighe na Muinntir sin 

tàir air pobull Dhia. Meudaichear an eòlas chuni am 
bròn a mheudachadh. Na truaghanan bochd ! bu shona 
dhoibh fo choimeas, na'n robh an tuigse air a gearradh 
uatha gu lèir, 'us ìad air am fàgail cho aineolach ri ama- 
dan no brùid. Bu laghaid am buaireadh, mur b'aithne 
dhoibh na's mò ann an ifrinn, na b'aithne dhoibh air 
talamh. Bu shona leo gun fhios a bhi aca idir gu'm 
bheil a leithid a dh-àit ri nèamh ann ! An diugh 
dh-fhaodadh ìad, na'm b'àill leo, eòlas 'fhaotuinn a 
bheireadh gu fois nèimh \ad, ach o'n nach gabh ìad an 
t-eòlas sin tre èisdeachd, no lèughadh, gabhaidh ìad 
fathast àill air naill, eòlas a bhitheas 'n a chonnadh do'n 
teine leis am bi ìad air an losgadh. Tha ìad an diugh 
ann an cadal marbh, a' bruadair gur ìad-fèin sluagh a's 
sona r s an t-saoghal ; acli ! mar dh-atharraichear am 
barail ann an tiota, 'nuair a dhùisgeas am bàs ìad, agus 
a chì ìad an sin an cor truagh le nàire ! 

2. Meudaichear an tuigse 's an comas breithneachaidh 
gu mòr, — a thuigsinn ciod è luach na glòire sin a chàill 
ìad. Tuigidh ìad anis gu soilleir, searbh, ciod è sin 
corruich Dhia, boil-ghoraich a' pheacaidh, dòruinn nam 
peacach. Tuigidh ìad anis cia cruaidh, cia gèur, cia 
goirt, cràiteach truaighean na h-ifrinn, seach na chualas 
riamh mu'n timchioll air talamh. Faic ciontach a' 
gluasad gu sgàlan na croiche, gu bhi air a ghrad-chroch- 
adh, cia teànn, làidir, gèair mhothachadh an duine sin 
anis air luach a bheatha, seach am mothachadh a 
b'àbhaist a bhi aige, 'nuair a bha è mach & cunnart a' 
bhàis ! Ach is mò gu mòr na sin gèur bhreithneachadh 
nan aingidh mhallaichte air an call, 'nuair a chì sìad ìad- 
fièn air an glasadh amach gu bràth o shonas sìorruidh. 
Mar chumas soitheach mòr na's mò na slige, is amhuil 
a ghabhas tuigse mheudaichte nan aingidh, tuilleadh 
fios air an càll, gus an dòruinn a neartachadh, 's a 
theannachadh, seach an tuigse bheag a bha aca 's a' 
bheatha so. 

3. Agus buailidh an coguis orra nis na's treise na rinm 
ì riamh. Labhraidh ì ruitha cho dìreach, cruaidh ri 
guth tàirneanaich 'us dealanaich, ni a mheudaicheas an 
ddruinn gu h-anabarrach. Their gach aon diubh nis, 
"Och 'us och! *o mo chàll ! mo thruaighe shìorruidh 



a chailleas Fois nan Naoìmh. 83 

nach gabh leigheas ! Is è easbhuidh an f hein achmhas- 
ain so is àrd aobhar do'm mì-churam anns a' bheatha 
so. Is gànn a chreideas ìad an diugh gu'm bheil truaighe 
cho mòr ann idir ; agus is dorra na sin a thoirt orra 
'chreidsinn gu'm bheil ìad-fèin a' ruith a dh-ionnsuidh 
na truaighe so. Is beag aca gach searmoin, bagairt 'us 
rabhadh. Cha ghabhìad comhairle bho aon de mhinis- 
tearan Chriosd, a dh-ìnnseas dhoibh gu soilleir, dìleas 
gu'm bheil ìad ann an cunnart. Labhradh è riutha air 
a' ghlòir sin a chailleas ìad, agus air an truaighe 's an 
dòruinn fo'm bi \ad a' fulang, ach cha ghabh ìad rabhadh, 
cha chreid ìad gu'm bheil \ad ciontach. Is ann a 
shaoileas ìad gur peacaich uamhasach, àraid eile, agus 
cha n-ìadsan idir, a tha am fear-teagaisg a' ciallachadh. 
Cha n-'eil ni sam-bith eile 's an t-saoghal a's dorra na 
crèutair aingidh a thoirt gu thuigsinn gu'm bheil è ain- 
gidh, olc, no 'f haicinn gu'm bheil è fo dhìteadh 'us fo 
chorruich Dhia. Faodaidh daoine mi-dhiadhaidh a ta 
'n an coigrich do'n ùr-bhreith, agus aig am bheil fuath 
do naomhachd, làn f hios a bhi aca gu'm bheil \ad fathast 
ann an staid chàillte, ach an kit sin a chreidsinn, is ànn 
a gheibhear ìad a' smuaineachadh gu'm faic ìad Dia, 
gu'm bi ìad air an teàrnadh, agus gu'm bheil \ad cho 
maith 'us cho naomh ri aon air-bith de na naoimh. Nach 
ainmig a chluinnear aon diubh ag èigheachd amach an 
dèigh a chor truagh a rùsgadh gu soilleir, " Is mis' an 
duine," no idir ag aideachadh, ma bhàsaicheas \ad anns 
a' chor sin, gu'm bi \ad càillte gu s\orruidh. Ach cho 
luath 's a ghrad-thilgear sìos \ad gu tìr an dorchadais, 
far am bi \ad air an lèireadh fo gharbh theas nan lasair 
dearg, 'us fuadaichte air falbh gu bràth o làthair Dhia ; 
an sin, creididh\ad gu h-ealamh gu'm bheil\ad fo thròm 
chorruich Dhia : an sin, ranaidh, bèucaidh, bùiridh ìad 
amach, a' rag-aideachadh mar so, " Och mo thruaigh 
m\ I Mile mallachd air mo ghòraich ! Mo chreach ! Mo 
lèir-chreach ! Och, och mo chàll gun leigheas !'' 

4. Agus an sin, bithidh an aignidhean na's glòire na 
bha ìad riamh. Cha bhi aon diubh cadalach, neo-thuig- 
seach na's fhaide. In diugh, is beag aig a' chridhe 
chruaidh cluinntinn mu nèamh, no ifrinn. Ged nochdaa 
sinn glòir 'us truaighe sh\orruidh do dhaoine, gheibhear 



81 Truaighe na Muinntir sìn 

*ad mar dhaoine marbh. Tha ar focail dhoibh mar 
chlachan a thilgear air balla cruaidh, teànn, a' tuiteam 
air an ais arìst 'n ar n-aghaidh. Labhair riutha air 
nithibh uamhasach, ach fathast gheibhear rag-mharbh 
lad. Rànnsaich an lot, ach cha n-f hairich ìad do làmh. 
Labhair riutha gu druighteach, ach fathast gheibhear 
ìadsan mar ilbhinn. Is luaithe 'chlisgeas an talamh trom 
na ìadsan. Ach an uair a dhùisgear suas na h-anamanan 
marbh sin, nach gèur am faireachadh ! nach làidir an 
aignidhean ! nach grathail gath an uamhais ! nach tròm, 
domha/nn, dòmhail am bròn 's an uair sin ! Dearg- 
lèumaidh Ìad 'n an aghaidh fèin ! Bèucaidh ìad fo bhorb 
chuthach an aghaidh an gòraich 's an t-saoghal so ! Is 
beag caoidh na mnà gaolaich an dèigh bàis a còmpan- 
aich ; no caoidh na màthar a's gràdhaiche an dè*igh bàis 
a cloinne ann an coimeas ri caoidh nan truaghan sin, 
an dèigh dhoibh còir air nèamh a chàll gu bràth. nis 
na crèutairean fìadhaich, truagh sin 'g an dìteadh fèin, 
'g am pìanadh fèin, gach aon a rèubadh a chridhe fèm, 
'us è mar fhear-dìoghaltais Dhè, 'n a aghaidh fèin. 
B'ìad-fèin amhàin màthair-aobhair thoilltinneach an 
ddruinn, agus mar sin, is iad-fèin anis an crochadairean 
fèin 'g am marbhadh fèin, gun chomas bàsachadh. Cha 
dean eadhon Sàtan, nach robh ri 'choireachadh airson 
an gòraich cho mòr ri 'n toil fèin, am pìanadh anis cho 
garg, searbh, trom, 's a nì an coguisean eòlach fèin. Bu 
shona leo na'm bu charraigean balbh iad anis, gun 
mhothachadh air ni sam-bith. Bu shona leo bhi nis 
cho beag mothachadh 's a b'abhaist dhoibh a bhi fo 
èusdeachd ùrnuigh, searmoin 'us rabhaidh anns a' bheatha 
so ! Ach theirig an amaideachd anis, agus gheibh ìad 
a toradh truagh. 

5. A bhàrr air sid uile, bithidh cuimhne làn aca nis 
air gach nì. Bu bhuidhe leo na'm b'urrainn ìad an càll 
anabarrach a dhì-chuimhneachadh, ach cha n-urrainn 
idir. Bu thròcair mhòr leo nis a bhi mar neo-ni, — a bhi 
mach à bith, ach cha n-f haighear sin. Gu bràth mairidh 
an tuigse, an coguis, an aignidhean agus an cuimhne 
beò, chum am pìanadh. Na comasan ìnntinn sin 'bu 
chòir dhoibh a ghnàthachadh roimhe ann an deanamh 
seirbhis a threòraicheadh gu sonas ìad, bithidh ìad sin 



a chailleas Fois nan Naomh. 8ft 

anis 'n an d<5ruinn shìorruidh dhoibh. Leo sin bu chòir 
dhoibh a bhi fad làithean am beath' a' beathachadh air 
gràdh 'us gràs Dhia, agus ag òl à lànachd a shòlais, ach 
leo sin bithidh ìad anis gu bràth a' beathachadh air cor- 
ruich Dhia, agus ag òl searbh uisge na dòruinn. An 
diugh, cha n-fhaic ìad fàth-chothrom, no àit air-bith 
aca-fèin gu smuaineachadh, no cuimhneachadh, no labh- 
airt air nithibh sìorruidh, ach ann an ifrinn, cha bhi 
obair sam-bith eile aca, ach cuimhneachadh a ghnàth 
air an cionta, an call 's an truaighe ! Cia tric a b'àill 
le Dia teagasg " na beatha maireannaich" a sgrìobhadh 
dhoibh air puist an dorsan, air an làmhan 's air an 
cridheachan agus ìadsan sin a chuimhneachadh agus 
labhairt air, ' an àm dhoibh laidhe sìos agus èirigh suas, 
an àm dhoibh suidhe 'n an tigh agus ìmeachd air an 
t-sligh,' ach dhiùlt ìadsan comhairle so Dhè, agus an 
lorg sin sgrìobhaidh Dia am bìnn fo'n sùilean ann an 
àit an daorsa, ionnus gu'm faic ìad ì ciod-air-bith taobh 
a sheallas ìad. Is pìan gun stad dhoibh smuaineach- 
adh air meud na glòir' a chàill ìad. Na'm bu chàll 
sin a b' urrainn ìad a leasachadh, no 'dheanamh suas 
air dòigh sam-bith, call slàinte, càll saoibhreis, càll 
chàirdean, no eadhon càll beatha, bu bheag sin. Ach 

" glòir cho ro anabharrach agus sìor-mhaireannach 
a chall !" 

Is dòruinn gharbh dhoibh a chuimhneachadh gu'n 
robh àm ann air am faodadh ìad a' ghlòir so 'f haotuinn 
— " àm," their gach aon diubh, " air an robh coltas 
orma-sa, cho maith ri feadhain eile, ruigheachd air an 
rìoghachd. Na'n d'rinn mise mo dhleasanas gu glic, 
ceart, fad mo chuairt anns an t-saoghal, dh-f haodadh 
seiibh a bhi agam anis air an oighreachd. An àit a 
bhi air mo phìanadh ameasg nan diabhlan mallaichte 
sin, dh-fhaodainn a bhi nis ameasg nan naomh beann- 
aichte shuas an sid ann an glòir. Chuir an Tighearn 
' beatha agus bàs romham', ach roghnaich mis' am bàs, 
'us thoill mì dòruinn. Chuireadh romham ' an duais,' 
agus na'n robh mì air ruith gu maith, dh-f haodainn a 
faotuinn. Na'n 'd'rinn mì spàirn', bheirinn buaicfh. 
Na'n do ' chathaich' mì gu trèun, bha mì air mo 

1 chrfonadh' anis." Is ddruinn dhoibh a chuimhneachadh 



8G Truaighe na Muinntir sin 

nach è mhàiu gu'm faodadh \ad an crun 'f haotuinn, ach 
gu'n robh ìad coslach ri 'fhaotuinn. Lotaidh so gach 
aon diubh ag radh " bha uair ànn air an robh oiteagan 
an Spioraid ullamh chum mo chuideachadh. Bha rìm 
òrm fàs diadhaidh, Criosd a dhlù-leantuinn, 's an saoghal 
a thrèigsinn. Is beag nach do rùnaich mì Dia a làn- 
leantuinn. Bha mì eadhon a' trèigsinn nan ana-mìann 
graineil sin a rinn mo chreach. Thrèig mì mo sheànn 
chùmpanaich, agus bha mì 'dol le sluagh Dhè : gidheadh 
phìll mi air m' ais, chàill nù mo ghreim, bhris mì mo 
ghealladh. ' Is beag nach robh mì air m' aomadh gu 
bhi am' Chriosduidh', ach mhùch mise gach aomadh 
maith. Bu làidir oibreachadh mo chridhe, 'nuair a 
chluinninn ministear gu dìleas a'sparradh na fìrinn orm ! 
bu choslach mis' uair-eigin ri neach a' dol do nèamh ! 
Is beag nach d'ràinig mì nèamh, ach thuit mì air an t- 
sligh, agus chàill mì è. Na'n ' deachaidh mis' air m' 
aghaidh a ghabhail eòlais air an Tighearn', bhithinn anis 
beannaicht' ameasg nan naomh." Is do'ruinn anabarrach 
dhoibh cuimhneachadh air na fàth-chothroman a chàill 
ìad. " Cia lian," their gach truaghan, " seachduin, mìo^ 
agus bliadhna 'chàill mì, a dh-f haodadh, na'n robh mis' 
air fèum a dheanamh dhiubh, mo dheanamh sona ! Bu 
mhis' an truaghan nach gabhadh ùin gu smuaineachadh 
air an obair sin airson an robh m' tiin uile air a buileach- 
adh orm ! — Mise nach gabhadh ùin, ameasg mo shaothair 
uile, gu saothrachadh airson sìorruidheachd ! Nach robh 
ìiin gu leòr agam gu ith 'us òl 'us cadal, carson nach robh 
ìiin agam gu m' anam a theàrnadh ? Nach robh ùin agam 
gu sùgradh 'us còmhradh dìomhain, carson nach robh uìn 
agam gu ùrnuigh ? Nach robh ùin agam greim a dhean- 
amh air mo chòir shaoghalta, 'us nach robh ùin agam 
greim a dheanamh air còir nèamhaidh ? cia luachmhor 
ùin ! Uair-eigin bha ùin gu leòr agam-sa, ach cha n-'eil 
anis ! Uair-eigin cha robh fios agam ciod a dheanainn de 
m' ùin mhòir, ach och ! dh'f halbh ì nis ; cha bheir mì 
oirre ni's mò ! Ho ! nach robh agam anis aon de na 
bliadhnachan ud ! Is mis' a dheanadh an t-aithreachas 
grad ! Is mis' a dheanadh an ùrnuigh dhùrachdacli ! 
ls mis' a dh-èisdeadli ga dlan ! Is mis' a chitheadh mo 
chor gu luath ! Is mis' a bhitheadh beò gu diadhaidh ! 



a chailleas Fois nan Naomh. 87 

Ach tha è ro anmoch anis ! Och 'us och ! ro anmoch 
anis !" 

Mòr-mheudaichear an dosgainn, — a' cuimhneachadh 
cia tric a bhathas 'g an comhairleachadh gu pilleadh ri 
Dia. Their gach aon, " Bu mhìann leis a' mhinistear a 
thoirt òrm teicheadh o na pìantaibh so. Nach gràdhach, 
iochdmhor, dìan, durachdach a ghuidh è òrm ! ach cha 
d'rinn mis' ach magadh air. Nach tric a dhearbh è 
òrm mo chionta ! ach mhùch mise gach mothachadh. 
Nach tric a dh'f heuch è mo dhroch cridhe dhomh ! 
ach b'f huathach leam-sa fìos a ghabhail air olcas mo 
chridbe. sid am fear a bhitheadh aoibhneach, na'm 
fac' è mis' a' pilleadh gu toileach a dh-ionnsuidh 
Chriosd ! Chomhairlich mo chàirdean diadhaidh mì, 
dh'innis ìad dhomh ciod a thigeadh dhe mo mhì-thoil 
agus dhe mo dhearmad mu-dheireadh, ach cha do ghabh 
mise sùim dhiubh. Is fhada 'bha Dia fèin a tagair 
rium ! — a Spiorad a' sìor- stri ri mo chridhe, mar gu'm 
bu duilich leis diùltadh a ghabhail dhìom !— Criosd 
arìst a' seasamh aig dorus mo chridhe, agus a' bualadh, 
sàbaid an ddigh sàbaid, agus ag èigheachd rium ' fosgail, 
a pheacaich, do chridhe do d' Shlànuighear agus thig 
mis' astigh agus gabhaidh mì mo shuipeir maille riut 
agus thusa maille riumsa ! Carson a tha thu cho 
màirnealach ? Cia f had a dh-f hanas smuaintean dìomh- 
anais air taobh stigh do chridhe ? Nach àill leat maith- 
eanas ? nach aill leat naomhachd ? nach àill leat sonas ? 
Ciod a thig dhe do chridhe." Och ! och ! diombadh 
garg an anama mhallaichte air-Mn 'nuair a ch uimhnich 
eas è air na gairmean nèamhaidh sin ! " Ah mise ! 
sgìthich mì foighidin Chriosd ! Dia ne'imh 'g am ghairm 
gu dìomhain, agus sgìth a dh-e'igheachd rium ' Pìll ! 
Fìll ! Dean aithreachas !' Is mis' a thoill an ddruinn 
so ! Is cuthach garg dhomh anis cuimhneachadh air 
foighidin Dhia rium. Is cràdh geur so leis am bheil 
mì air mo thròm-bhuaireadh air dòigh nach urrainnear 
a chasgadh gu bràth ! 'Nuair a ghairm an Tighearn 
òrm, ag ràdh, ' Cuin idir is aill leat a bhi glan?' Thuirt 
mo chridhe, no mo chleachdadh l Cha n-àill gu bràth.* 
Gheibhear mi nis ag e'igheachd ' Cia f had gus am 
fuasglar mì às an doruinn so ?' ach cha chluinn mì acn 



88 Truaighe na Muinntir sin 

guth a' cheartais cheudna sin ag ràdh ' Cha n-fhuasgail 
gu bràth, gu bràth'." 

Fòs gearrar an cridheachan gu domhain le cuimh- 
neachadh cho furasda 's a bha h dhoibh a dhol às o'n 
truaighe so uile. Cha d'iarradh riamh orra beànntan 
atharrachadh, no rìoghachdan a cheànnsachadh, no an 
tiodal a's lugha de'n lagh a choimhlionadh, no ceartas 
a riarachadh airson an easaontais uile. Bu "shoc- 
rach a' chùing agus b'eutrom an t-uallach" a b'àill le 
Criosd a chur orra. Agus b'l sin aithreachas a dhean- 
amh, gabhail ris-fèin gu toileach, mar an Slànuighear, 
gach sonas goirid, faoin àicheadh ; an Tighearn a ghabh- 
ail mar an cuid àrd mhaith; an saoghal 's an fheòil 
àicheadh ; strìochdadh do uachdaranachd chiùin, ghràs- 
mhoir Chriosd ; an sligh 's an ìnnleachd fein a thrèigsinn, 
agus gluasad ann an slighibh naomh, taitneach an 
Tighearna. " Ah !" deir an truaghan truagh fo dhòr- 
uinn, " nach ceart a thoill mì an cràdh so uile, cha 
b'fhiù leam saothair idir a dheanamh chum a sheach- 
nadh? Càit an robh mo thuigse 'nuair a thuirt mì 
'maighstear cruaidh' ris an Tighearn, a' smuaineachadh 
gur daorsa shearbh a sheirbhis mhaith, agus nach faigh • 
ear saorsa ach amhàin ann an seirbhis an diabhuil 
agus na feòla ? Nach bu mhiosa mise mìle cuairt na 
duine fo'n dearg chuthach, 'nuair a choirich mi sligh 
naomh Dhia, mar riaghailt ro theànn, ro phungail ; 
'nuair bu ro theànn leam lagh Chriosd, agus ro mhòr 
leam na rinn mi-fèin airson na beatha ri teachd ? Ciod 
a b'fnìach càll nan uile nithe 'fhulang airson Chriosd ? 
nach bu bheag, nach bu shocrach gach obair eile, ann 
an coimeas ris an dòruinn theth so a dh-fhuiligear leam 
gu sìorruidh? Nach pàidheadh nèamh, a chàill mis', 
airson gach calldachd eile. Och 1 phàidheadh 'us cha 
bhitheadh cuirohne ni's mò air fulang, no air bròn. 
Na'n ìarradh Criosd òrm anis mòran 'fhulang, a bhi beò 
fo uamhas 'us fo bhròn gun sgur, am bàs 'fhulang ceud 
uair, nach deanainn sin? carson, matà, nach do 
ghèill ml dhà, 'nuair nach d'ìarr è uam ach amhàin 
' Creid agus bi sabhailt. Iarr ni' aghaidh agus mairidh 
d' anam beò. Tog do chrann-cèusaidh, agus lean mise, 
iio;iis bheir mì rìhuit a,' bheatha mhaireannach' ? iia/'.h 



a cnailleas Fois nan Naomh. 89 

bu ghràsmhor an tairgse sin ! nach bu shocrach an 
cumha sin ! Och I och I bu mhis' an truaghan mallaichte 
nach gabhadh è ! 

Bithidh ìad air an ro phìanadh, a' cuimhneachadh 
mar reic ìad an sonas sìorruidh air droch luach. Ciod 
is luach anis do shòlasaibh dubh a' pheacaidh ann an 
coimeas ri luach an dìol-thuarasdail dhlighich ? Buail- 
idh an t-eadar-dhealachadh anabarrach so ìad le uamhas 
do-labhairt ! smuainichidh ìad air taitneas salach na 
feòla, air ceò-mholadh dhaoine, no air mìll òir a bha 
'n an làimh, agus an dèigh sin air glòir sìorruidh ! gach 
truaghan a' caoidh, " So na bh'agam-sa airson m' an- 
ama — so mo dhia 'us dòchas mo shonais !" Cò is 
urrainn a chur an cèill mar ni na smuaintean searbh, 
garg, gèur sin an cridheachan a rè'ubadh £s a chèile ? 
Bèucaidh àrd gach aon amach " Och! bu mhis' an truagh- 
an truagh ! Nach do reic mì m' anam air luach salach ? 
Nach do dhealaich mi ri mo Dhia airson beagan smùir 
'us salachair ? Mar Iùdas, nach do reic nù mo Shlàn- 
uighear air beagan airgid ? Cha robh ann mo dhòchas 
ri nèamh, ach bruadar taitneach ; dhùisg mì nis, 'us 
leagh è às. Is domblas anis mo chriomag, is burmaid 
mo chopan. Bhlais mì orra sin, 'us bhàsaich ìad uam 
gu grad. Agus an è so na th'agam uile airson an 
ionmhais ro phrìseil? Nach ana-cneasda, eagalach a' 
mhalairt a rinn m\ ? Ciod a' b' f heàirrd nrì, ged chois- 
ninn an saoghal uile, agus m'anam a chall ? Ach, mo 
chreach ! is beag an roinn de'n t-saoghal a b'fheàrr 
leam-sa na còir air glòir !" Hò ! nach ann a smuainich- 
eadh peacaich air so, 'nuair a gheibhear ìad a' snàmh 
ann am poll-thaitneas na feòla, agus a' strì gu bhi 
saoibhir, àrd 's an t-saoghal ! a' dìan-le'um gun fhios, 
gun athadh, air easaontas agus a' peacachadh an aghaidh 
tagair an coguis fèin ! 

Garbh-theannaichear an dòruinn, — ri fhaicinn gur 
ìad-fein a thug sgrios orra-fèin. Na'm b'urrainn ìad a 
ràdh gu'n robh ìad air an èigneachadh gu peacadh a 
dheanamh, b' f haochadh sin fèin d' an coguisibh stoirmeil, 
garg; no na'n robh ìad air am peanasachadh airson 
cionta neach eile, no na'm b'è neach eile a b'àrd aobhar 
d'an sgrios, bu shòks leo sin. Ach a' faicinn gur \ an 



90 TruaìgJie na Muinntir sin 

toil f&n a ròghnaieh an sgrios agus nach b' urrainn 
neach sam-bith eile an èigneachadh gu peacachadh an 
agbaidh an toil' fèin ; gearraidh sin ìad mar ìarunn 
gèur, dearg, teth ! Deir an truaghan raallaicht' a sgrios 
e-fèin, " Och ! Och ! nach robh naimhdean gu leòr 
agam 's an t-saoghal, ach bu mhise mo dhearg nàmhuid 
fèin. Cha tug Dia riamh do'n diabhul, cumhachd cho 
mòr thairis orra, 's a dh-èignicheadh mì gus am peacadh 
a's lugha 'dheanamh. Cha b'urrainn an diabhul ach 
ainhàin mo bhrosnachadh. Is ì mo thoil fèin a ghèill. 
Is mi-fèin a rinn an t-olc. Cha b' fhkch leam ach 
làmh a chur 'n am anam fein, agus m' fhuil fèin a 
dhòrtadh ! Cha robh nàmhuid riamh agam cho olc 
rium-fèin. Dhiùlt mì gach maith a thairg Dia riamh 
do m' anara. Bha è gu tric a' càrnadh tròcair air 
tròcair dhomh, a' toirt fuasglaidh an dèigh fuasglaidh 
dhomh, chum mo chridhe 'tharruing d'a ionnsuidh fèin ; 
seadh, rinn è mo chronachadh gu mìn, thug è osnaich 
òrm fo luchd m' eas-ùmhlachd : agus gheall mì gu pailt 
gabhail ris, air uair mo thrioblaid, ach mo thruaighe ! 
cha robh mo chridhe riamh làn-toileach seirbhis a 
dheanamh dhà." Cnàmhaidh so cridheachan nan cion- 
tach ud, a' mothachadh gur ìad-fèin amhàin a dh'aobhar- 
aich an sgrios fèin, a' buanachadh gu toileach, dàna 
'n an ceannaircich an aghaidh Dhia, agus 'n an deònair- 
ean (volunteers) ann an seirbhis Shatain. 

Doimhnichear lot an coguis gu mòr, — ri cuimhneach- 
adh air a' chosdas mhòr 's an t-saothair gus an deachaidh 
ìad, a chum cur às dhoibh-fèin. Ciod an obair mhòr 
anns nach do chuir ìad an làmh, chum an sgrios fèin a 
dheanamh cìnnteach, a' mùchadh an Spioraid, — a' cur 
an aghaidh gach cumhachd tròcair agus breitheanais, — 
ag àicheadh f ìrinn j )hè, — a' cìosnachadh curahachd rèu- 
sain 's a' bàthadh guth na coguis. Na nithe sin uile 
dhìarr 'us rinn ìad. Geda bha ìad an còmhnuidh ann 
an cunnart fulang fo chorruich Dhia, 'us fios aca gu'm 
faodadh è an leagail anns an dus, agus an tilgeil sìos gu 
ifrinn ann am mionaid, gidheadh cha do chaisg sin an 
droch cèum. O saothair mhòr nam peacach gu bhi 
mallaichte l Is maith a dh-f haodadh ìad a bhi meas- 
arra, slàinteil, socrach air cosdas na's lugha, ach is feàrr 



a chailleas Fois nan Naomh. 91 

leo geòcaireachd, misg, bochduinn, nàire 'us easlaint. 
Dh-f haodadh ìad a bhi toilichte, sìtheil, taitneach, ach 
is feàrr leo sànnt agus fèin-ghlòir leis gach cùram, 
saothair, cosdas, eagal 'us iomagain a ta 'n an lòrg. 
Cia tric a gheibhear daoine 'g am buaireadh fèin le feìrg, 
farmad 'us ìarraidh dìoghaitais. Cia tric a tha mòran 
'g an truailleadh fèin le neo-ghloine, ni a mhilleas an 
cuirp, an cuid 's an cliii, ach is feàrr leo gach droch 
shaothair dhiubh sin 'fhulang uile, na sonas \arraidh 
d'an anamaibh ! nach oillteil gaor nan crèutairean 
truagh sin a' caoidh an amaideachd ann an ifrinn 1 gach 
truaghan a' bèucadh, a' bùireadh 's a' glaodhaich, " Och I 
och ! mo shaothair 's mo chosdas gu mi-fe'in a mhallach- 
adh ! Cha bu leòr leam raallachd a nasgaidh, ach a 
cheannach daor ! Shaoil leam gu'm faodainn a bhi air mo 
thekrnadh air beag saothair, carson a rinn m\ saothair 
cho mòr a chum mi-fèin a sgrios ? Nach è mo dhamnadh 
fèin a bha mis' ag oibreachadh amach gu dìchiollach, 
dìan, 'nuair a bha Dia ag àithneadh dhomh mo shlàinte 
fèin a làn-oibreachadh amach ? Na'n d'oibrich mis' 
airson nèimh, mar rinn mì airson ifrinn, bha mì nis air 
nèamh gun teagamh. Bu trom leam ce'um na diadh- 
achd, bu shearbh Ieam guth idir air fèin-àicheadh, is è 
bu taitniche leam saothrachadh ann an obair Shàtain 
agus a' bhàis. Na'n do ghràdhaich mise Criosd, mar 
ghràdhaich mì m' ailghios, mo bhuannachd 'us m' onoir 
fèin ; na'n d'ìarr mise Criosd, a' socrachadh mo chridhe 
air-san, cho dìchiollach, tric 's a rinn nrì air na nithibh 
sin ; bu shona dheth an diugh nù ! Àch nach ceart- 
thoilltinneach dhomh-sa fulang fo lasraichibh na h-if- 
rinn ! — mis' a cheannaich an doruinn so cho daor ! — 
mise nach gabhadh fois 'us glòir nèimh a bha air an 
tairgse dhomh a nasgaidh ! Och, Och ! Och 'us Och 
mise !" 

gu'n deònaicheadh Dia thus" a threòrachadh,a ldugh- 
adair, gu làn-smuaineachadh air na nithibh sin an diugh, 
chum nach bi agad ri cuimhneachadh orra gu bràth, 
mar do phìanadair fèin ann an dosgainn do-smuainichte 
na h-ifrinn ! Na abair idir nach 'eil anns na smuaintibh 
eagalach so ach obair a' mhic-mheanmna, no deilbh 
fhaoin na h-mntinn. Lèugh smuaintean an " duine 



92 Truaigne na iVxumntir sìn 

shaoibhir, air dhà bhi ann am plantaibh." Lùc. 16. 22-31. 
fs anamanan rèusantach a bhitheas a' mealtuinn fois na 
glòire air nèamh ; agus is anamanan reusantach a bhitheas 
a' fulang dòruinn na truaighe ann an ifrinn. Is daoine 
fathastìad, agus mar dhaoine mothaichidh agus gluaisidh 
ìad gu bràth. 



Caibdeil VI. 

Truaighe na Muinntir sin a chailleas, cha n-è mhàin 
Fois nan Naòmh, ach Toil-ìnntinn na beatha so, 
agus a bhitheas gu bràth a' fulang Doruinn na 
h- Ifrinn. 

" Aig an diadhachd tha gealladh na beatha a ta 
làthair, agus a chum teachd." 1 Tim. 4. 8. Agus ma 
" dh-\arras sinn air tùs rìoghachd Dhè agus f ìreantachd 
DheV' an dèigh sin, " cuirear ruinn na h-uile nithe" eile 
a's lugha na ìad sin. Ach aig ain-diadhachd, no daoine 
mi-dhiadhaidh cha n-'eil " gealladh" idir air sonas. 
Caillidh ìad araon gach toil-ìnntinn spioradail agus 
aimsireil. Tha so air a bhagairt 'n an aghaidh, do 
bhrìgh nach d'ìarr ìad "air tùs rìoghachd Dhe" agus 
'fhìreantachd-san." Caillidh ìad an nì sin nach dìarr 
agus an nì sin a dh'ìarr ìad. Bheirear uatha am beagan 
a ta aca cheana. Bu bheag aca càll nèimh na'm maireadh 
toilìnntinn na beatha so dhoibh. Ach cha mhair sin idir. 
Na'n do " threig ìad na h-uile nithe airson Chriosd," 
gheibheadh ìad arìst na h-uile nithe ànn-san, agus 
bhitheadh è dhoibh mar "na h-uile anns na h-uile." 
Ach anis o-na thrèig ìad Criosd airson nithe eile, 
caillidh \ad Criosd, agus gach ni a bha ìad ag ìarraidh, 
— eadhon toil-ìnntinn na beatha so, — agus gheibh ìad 
dòruinn na h-ifrinn. 

I. Caillidh ìad uile thoil-lnntinn an t-saoghail so : — 
Caillidh ìad am beachd an-dàna, faoin air còir ann 
am fàbhar Dhia, agus ann an toilltinneas Chriosd, — 
Caillidh ìad an dòchas uile, — sìth mhealltach an coguis 
uile, — An sùgradh feòlmhor uile — agus an taitneas col- 
laidh uile. 

1. Caillidh ìad am beachd, no an creidimh an-dàna, 



a chailleas Fois nan Naomh. 93 

faoin air còir ann am fàbhar Dhia, agus ann an toill- 
tinneas Chriosd. Is ann leis a' chreidimh mhealltach 
sin a tha \ad an diugh 'g am misneachadh, 'g an neart- 
achadh 'us 'g an dìon fèin o gach uamhas a dh-f haodadh 
an glacadh a dh-easbhuidh a' phruip bhochd so. Ach 
càit am faigh \ad fois o'n tèinn, 'nuair a sguireas an 
creidimh faoin — an dàll-cheò — an dòchas baoth so? 
Faodaidh duine, a tha glè dhlùth do thubaist mhòir, a 
chreidsinn gu làidir gu'm bheil è sàbhailt, agus a bhi 
cho subhach ri neach nach 'eil ann an cunnart idir. 
Na'm bu leòr gu duine 'dheanamh sona, a thoirt air a 
chreidsinn gu'm bheil, no gu'm bi è sona, bhitheadh 
sonas mòran na's pailte na gheibhear è. Is è fìor 
chreidimh gras treòrachaidh na muinntir \ompaichte, 
mar sin, is è creidimh faoin, olc treòrachaidh na muinntir 
neo-ìompaichte. Carson a tha mòran beò gu toilichte, 
gun mhaitheanas peacaidh aca, 'nuair a dh-fhaodadh 
ìad làn mhaitheanas 'f haotuinn ? Tha dìreach \ad a bhi 
bhi 'smuaineachadh gu'm bheil am peacaidhean air am 
maitheadh cheana. Na'm b' urrainn thu f haighneachd de 
na truaghanaibh ann an ifrinn, dè an tubaist a thug ànn 
\ad, f hreagradh mìltean — a' mhòr chuid diubh, " Rinn 
sinn sinn-fèin cìnnteach gu'n robh sinn sàbhailt, gus an 
d'fhuair sinn sinn-fein caillte, mallaichte. Dh-ìarr- 
amaid an ath-ghineamhuinn agus beò chumhachd na 
diadhachd mòran na's dùrachdaiche na rinn sinn, ach 
shaoil leinn gu'm fh\or Chriosduidhean sinn cheana. 
Mheàll sinne sinn-fèin sìos a dh-ionnsuidh na dòruinn 
so, 'us cha n-'eil leigheas air anis." A lèughadair, 
ceadaich dhomh ìnnseadh dhuit gu dìleas, nach 'eil 
anns a' chreidimh an-dàna sin leis am bheil na m\ltean 
de chrèutairean mi-chùramach, m\-naomh, neo-\slichte 
a' smuaineachadh gu'm bheil ìad ann an staid shàbhailt, 
agus às am bheil \ad gu tric a' deanamh uaill, ach cùis- 
bhrè'ige, a chr\ochnaicheas ann an sgrios anamanan. 
Cha n-'eil faileus de'n chreidimh so ann an ifrinn. B'ì 
\nnleachd Shàtain sluagh a cheò-dhalladh, chum gu'n 
leanadh \ad è gun eagal, ach cho luath 's a gheibh è an 
glasadh ann an ifrinn, bheir è an dall-cheò dhe 'n sùilean, 
agus ch\ \ad an sin càit am bheil \ad. 

2. Fòs caillidh ìad an dòchas uile. Geda bha cor- 



94 Truaighe na Muinntir sin 

ruich Dhia gu tric a' bagairt 'n an aghaidh anns a' 
bheatha so, bha dòchas fathast aca gu'n rachadh ìad 'is. 
Is gànn misgeadair, no mionnadair, no fear-magaidh 
truaillidh, ris an labhair sinn, aig nach fhaighear 
dòchas gu'm bi è air a theàrnadh an dèigh sin uile. 
thus' a shaoghail shona, na'n robh teàrnadh cho 
cumanta ris an dòchas so I Ni-h-eadh, ach cònsaichidh 
an luchd-dòchais làidir so air a' chùis ri Criosd fèin aig 
caithir a bhreitheanais. An sin, tagraidh ìad ris, ag 
ràdh "a Thighearna, nach d'ith 's nach d'òl sinn a'd' 
làthair-sa ? nach d'rinn sinn fàidheadaireachd a'd' ainm- 
sa ? nach do thilg sinn amach deamhain a'd' ainmsa ?" 
Ach cha n-aidichìad idir gu'n d'rinn ìad dearmad air 
Criosd, 'nuair a bha è " ocrach, tartmhor, lomnochd, 
no ann am prìosan." Bithidh so uile air a rag-aicheadh 
leo, gus an èigh è brèugach ìad leis a' bhìnn-dìtidh a 
bheirear amach 'n an aghaidh. Och ! nach truagh cor 
nan daoine sin 'nuair a dh-f hèumas ìad " soraidh leibh" 
a-ràdh ri'n dòchasaibh uile ! " Nuair a bhàsaicheas an 
droch dhuine, thèid &s d'a dhòchas ; agus teirgidh duil 
luchd-eu-ceirt." Gnàth. 11. 7. " Fàilnichidh sùilean 
nan aingidh ; agus dol às cha bhi aca ; agus bithidh an 
dochas mar thoirt suas an deò." Iòb 11. 20. "A' 
toirt suas an deò !" is freagarrach, ach uamhasach, an 
sàmhladh sin air duine aingidh a' toirt suas a dhòchais. 
Is ann le mòr phìan a dhealaicheas an t-anam ris a' 
chorp, amhuil sin, is ann le mòr phìan a dhealaicheas 
an t-aingidh ri 'dhòchas. Dealaichidh an t-anam ris a' 
chorp ann an tiota, an dèigh dhà fantuinn ànn le taitneas 
fad iomadh bliadhna ; agus dìreach mar sin dealaichidh 
a dhòchas ris an aingidh. Cha phìll an t-anam gu 
bràth tuilleadh a ghabhail còmhnuidh maille ris a' 
chorp, anns an t-saoghal so ; agus cha phìll dòchas an 
aingidh gu sìorruidh. Air là miorbhuileach na h-ais- 
eirigh, bitliidh an t-anam agus an corp arìst air an 
aonadh ri 'chèile, ach cha bhi aiseirigh idir aig dòchas 
an t-sluaigh mhallaichte. Thar leam gur è sealladh a's 
muladaiche 's an saoghal so, crèutair mi-dhiadhaidh 
'fhaicinn a' bàsachadh, 'us 'anam 's a dhòchas a' deal- 
achadh gu bràth ri 'chèile ! Cia brònach an t-athar- 
rachadh staide fo'n nochdar è ann an saoftlial eile I 



a chailleas Fois nan Naomh, 96 

Na'm b'urramn thu nis fhaighneachd den anam gun 
dòchas " Am bheil do dhùil ri teàrnadh anis cho làidir 
's a b'àbhaist dhì 'bhi ? Nach muladach am freagairt 
a bheireadh è ! Hò ! nach robh peacaich air an dhsgadh 
gu smuaineachadh air so mu'm bi è* ro anmoch ! 

A lèughadair, na gabh fois gus an urrainn thu 
"rèusan a thoirt airson an dòchais a ta annad" — 
re'usan bunaichte air focail-gheallaidh a' Bhìobuill. Am 
bheil do dhòcas a' glanadh do chridhe ? a' beothachadh 
do shaothair ann an obair na diadhachd ? Am bheil do 
dhòchas a 1 dol am moid, agus do pheacadh a' dol an 
lughad? Agus am bheil d' ùmhlachd a' sìor-fhàs na's 
cothromaiche ? Ma's Snn mar sin a tha do dhòchas ag 
oibreachadh annad, gabh air d' aghaidh ann an neart an 
Tighearna, cum gu daingean do dhòchas, agus " gu bràth 
cha chuir è gu nàir' thu." Ach mur 'eii aon dearbh- 
adh fallain, soilleir agad gu'm bheil obair grkis a' dol 
air a h-aghaidh air d' anam, tilg uait do dhòchas. Bi na 
èu-dòchas nach teàrnar thu gu bràth " mur beirear 
arìst thu," no nach f haic thu Dia " as èugmhais naomh- 
achd," no nach bi cuid agad ann an Criosd mur 
" gràdhaich thu è ni's mò na athair, no màthair, no do 
bheatha." Is è an t-èu-dòchas so aon de na priomh 
ch^umaibh gu nèamh. 'Nuair a thèid duine dhe 'n 
rathad, ciod a' cheud ni a dh-fhèumar a dheanamh 
chum a chur air arìst ? Ciod ach tuiteam ann an 
èu-dòchas nach ruig è ceànn a thuruis gu bràth, air an 
rathad a ghabh è, ma bhitheas a dhachaidh 's an Aird- 
an-ear, agus esan a' gabhail a dh-ionnsuidh na h-Aird- 
an-ìar. Fhad 's a tha dòchas aige 'bhi ceart, buailidh 
è roimhe, agus f had 's a mhaireas a dhòchas mar sin, 
is ann a's fhaide 's a's f haide thèid è air seachran ; 
agus an uair a dh-f halbhas a dhòchas nach f haigh è 
dhachaidh gu bràth air an rathad ud, mur pìll è air 
ais, an sin pillidh è, agus faodaidh dòchas ceart a 
bhi aige gu'n ruigear an dachaidh. Sin dìreach mar 
tha thus', a pheacaich. Tha thu air do bhreith 
amach &s an t-sligh gu nèamh. Bha 'us tha thus' a' 
gabhail air d' aghaidh, fad iomadh bliadhna, air do 
rathad fèin, 'an dòchas gu'm bi thu air do theàrnadh, a 
chionn, mar their thu-fèin, nach 'eil thu ch© olc ri 



96 Truaighe na Muinnhr sm 

feadhain eile. Ach mur tilg thu uait an dòchas sin, 
agus mur f haic thu gu'n robh thu rè na h-ùine so go 
lèir, amach £s an t-sligh gu nèamh, cha phìll thu gu 
bràth, agus cha bhi thu air do theàrnadh. Cha n-'ei" 
ni eile 's an t-saoghal a's dòcha d'anam a chumai 
amach à nèamh na do dhòchas mealltach gu'm bheil 
teàrnadh agad, am feadh a tha thu mach à sligh na 
slàinte. Faic mar dh-an-tromaichear truaigh' an 
t-sluaigh mhallaichte, maille ri càll nèimh, caillidh ìad 
gach dòchas leis am bheil iad 'g an suas-phropadh fèin 
an diugh. 

3 Fòs caillidh ìad an t-sìth mhealltach coguis sin 
uile, a ta 'g an deanamh cho socrach an dràst. Cò a 
shaoileadh, ri faicinn cho sìtheil 's a tha mìltean de 
dhaoine mi-dhiadhaidh beò an dràst, gur goirid an ùin 
gus am fèum ìad laidhe sìos ann an lasraichean sìor- 
ruidh? Gheibhear ìad cho beag eagal à ifrinn ris a' 
chreidmheach a's diadhaidh, agus mar a's tric, is lugha 
iomagain an ìnntinn na iomagain na muinntir sin a 
theàrnar. bu sibh na daoine sona, na'm maireadh 
an t-sìth so ! " Oir an uair a their iad, Sìth agus tèar- 
uinteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair 
air mnaoi thorraich ; agus cha tèid ìad àV' 1 Tes. 5. 3. 
O a Shìth an-iochdmhor a chriochnaicheas ann an cog- 
adh cho uamhasach I Do thaobh nàduir is " gearasdan" 
do Shàtan anam gach duine. Is sìth gach uile ni do 
anam an duine sin, gus an tig Criosd air le geilt 
chaismeachd breitheanais agus ifrinn, 'g a bhualadh le 
buillean bagairt agus buillean eagail, gus an èignichear 
gu ge'illeadh do thròcair, agus Criosd fèm a ghabhail 
mar 'Uachdaran. Air an uair sin ' tilgidh è Sàtan 
amach, a' toirt buaidh air, agus a' toirt uaith 'armachd 
anns an robh a dhòigh, agus a' roinn na creiche.' Lùc. 
11. 22. Mar sin daingnichidh è sìth mhaireannach 
dhà-fèin. Mur 'eil agad-sa fathast ach a cheud seòrsa 
sìth' a dh'ainmich sinn, na creid gu bràth gu'm mair ì 
dhuit. An urrainn s\th mhaireannach a bhi aig d'anam, 
Ì8 tu ann an naimhdeas ri Criosd ? An urrainn sìth a 
bhi aig duine, is Dia fèin a' cogadh 'n a aghaidh ? Cha 
n-'eil rhn na's feàrr agam dhuit na gu'm buaileadh Dia 
astigh air do chridhe mi-chùramach, gu'n tilgeadh è 



a chailleas Fois nan No.omh. 97 

mach do shìth mhealltach, agus gu'n leagadh è sìos thu 
aig cosaibh Chriosd, ag ràdh " A Thighearna, ciod is 
àill leat mise a dheanamh?" agus gu'm faigheadh tu 
mar sin sith mhaith agus chìnnteach nach toirear uait 
gu bràth, eadhon tòiseachadh do shìthe sìorruidh nach 
trèig thu idir, mar thrèigeas sìth ghnogach an t-saoghal. 

4. Caillidhiad an sùgradh feòlmhor uile. Theirìad-fe'in 
mu'n " gàire" faoin, " Is cuthach e ; agus mu shùgradh, 
Ciod a nì e ?" Ecles. 2. 2. Cha b'f heàrr h na " fuaim 
droighnich fo phoit." Ecles. 7. 6. Cha robh ànn ach 
lasair a mhair car tiota, chaidh è seachad gu grad. 
agus cha tìll è tuilleadh. Is searbh leo an diugh foca 
air bàs 'us breitheanas. Muchaidh sin an sùgradh 
Cha n-fhuilig ìad aon smuain air am peacadh 's air an 
cunnart fèin. Ut, ut ! cha n-f huilig ; tromaichidh sin 
an spiorad ! Cha n-fhaodar idir guil, no caoidh airson 
peacaidh, no "ìad-fe'in irioslachadh fo làimh chumh- 
achdaich Dhè." Ni ìad gàire ri bròn diadhaidh. Ruag- 
aidh ìad air falbh chram le faoin òran ; seadh, sgiùrsaidh 
ìad uatha gach smuain air na nithibh tìamhaidh sin. 
Na abair diog riutha mu mheòrachadh air Dia, no 
ùrnuigh ; is leòr sin gu'm fàgail truagh, no gu'n cur às 
an cìall ! Anamana bochd ! Cia truagh bhur beatha, 
'nuair nach bi ni idir agaibh ach dubh bhròn, — cruaidh 
sgàineadh cridhe a 1 sìor-theannachadh 'ur bròin a 
dh-easbhuidh aoibhneas mòr nan naomh, 's a dh-eas- 
bhuidh bhur seànn aoibhneas goirid fèm ! An saoil sibh 
'bheil aon chridhe mear, aon ghnùis aoibhneach, no aon 
teangaidh shùgraidh ann an ifrinn? Their sibh an 
diugh, " Is feàrr beagan sùgraidh na mòran bròin." Ach 
nach b'fhearr dhuibh gu mòr beagan bròin diadhaidh, 
a bheir aoibhneas sìorruidh, na bhur sugradh faoin uile 
oir is ì crìoch an t-sùgraidh sin bròn. 

5. Fòs caillidh ìad gach taitneas collaidh uile. Caill- 
idh ìad gach uile ni bu taitnich' agus bu luachmhoire 
leo, — an ni bu nèamh dhoibh. Caillidh ìad an ni sin bu 
dia dhoibh, cho maith ri Dia fèin. tuitidh an duine 
mòr-chuiseach, glòir-mhìannach sìos o àirde gach onoir 
Cha n-aithnichear a dhus 's a chnàmhan ameasg dus 'us 
ehnamh nam " baigear" a's bochda, ni mò a bheirear 
urram, no f àbhar d' a anam seach ìadsan. Cia lìon- 

G 



98 Truaighe na Muìnntir sin 

mhor duine mòr, uasal, ionnsuicht' a ghlaisear amach o 
làthair Chriosd ! Càit anis am bi an tighean maiseach, 
mòra, cosgail ? cait am bi an leapaichean m\n, àluinn ? 
càit am bi an làmhsaidean socrach, grìnn ? càit am bi 
an liosan snasmhor, craobhach ? càit am bi an cluain- 
tean taitneach, an coilltean uaine, 's am foghar pailt ? 
Cò anis a chòmhdaicheas 's a fhrithealas am bùird? 
Thrèig sin \ad uile. Cha n-'eil an " duine saoibhir" 
air a sgeadachadh an sin ni's f haide, le " purpur 'us 
hon-eudach grìnn," no idir " a' caitheamh a bheatha 
gach là gu sòghail." Cha n-'eil modh, no onoir do 
dhuine sam-bith an sin. Bithidh \ad a' caitheamh an ùine 
-i mulad agus caoidh, 's cha n-ann ri spòrsalachd. Och 
ia mòr an t-atharrachadh ! Mairidh teas an ana-mìann 
fun chomas idir a shàsachadh. Oilltichidh an cridh- 
eachan ri faicinn aghaidhean a chèile, a' mallachadh an 
•à sin 'bu là coinnimh dhoibh ! Hò ! nach smuainicheadh 
peacaich an diugh, " an tèid taitneas a' chuirp leinn gu 
ifrinn ! Nach dòruinn theànn dhuinn cuimhneachadh 
air an sin? An fheàrr leinn companas 's an olc na 
fìor chàirdeas? C'uime reiceamaid gàirdeachas cho 
mòr, cho maireannach, cho do-mheasraichte air blasad 
taitneis gun f hiù ? Thigibh ! Thigibh ! sinne 'pheac- 
aich mar ri chèile, deanamaid anis ùrnuigh mar ri che'ile, 
ìarramaid maitheanas o Dhia, cuidicheamaid a chèile gu 
nèamh. na faightear sinne gu bràth tuilleadh a' 
truailleadh, a' mealladh 's a' sgrios a chèile." O na'n 
tuigeadh daoine ciod a tha ìad agìarraidh le rìarachadh 
na feòla ? Cha n -'eil ach am buaireadh a mheudachadh 
's am pàinntearan fèin a theannachadh. 

II. An-tromaichear an truagh chor le càll fois nan 
naomh, le càll an toil-\nntinn aimsireil, agus a bhàrr air 
sin, na's mò gu mòr le fulang dò"ruinn na h-ifrinn. 
Chithear truimead anabarrach na dòruinn sin, le thoirt 
fainear gu'm bheil ì air a h-òrduchadh le Dia fèin o 
thoiseach a' pheacaidh, — Tha àit agus staid na dòruinn 
ain air an òrduchadh le Dia, — Is \ an dòruinn sin obair 
dìoghaltais Dhè, — Tha tlachd aig an Uile-chumhachdach 
ann an òrduchadh na dòruinn sin, — Bithidh Sàtan agus 
peacaich fèin 'n an luchd-d\oghaltais aig Dia, — Agus 
bithidh an dòruinn coitchionn, gun lasachadh, gun chrìch. 



a chailleas Fois nan Naomh. 99 

1. Is è Dia fèin a dh'òrduich dòruinnean na h-ifrinn. 
Cha bu lugha na Dia fèin a f huair oilbheum o pheac- 
aich, air an aobhar sin, cha lugha na Dia a ni peanas 
orra airson am peacaidhean. Dh'ullaich è na dòruinnean 
sin airson a naimhdean. Bithidh a mhòr chorruich a' 
sìor-chur às doibh; anail a chorruich a' beothachadh 
nan lasair, mar èire do-iomchair d' an anamaibh. Na'm 
bu chorruich crèutair \, is ann a b'fhasa dhoibh a 
gihlain. An-aoibhinn dhà-san a thuiteas fo bhuillean 
an Uile-chumhachdaich ! " Is ni eagalach tuiteam ann 
an lamhaibh an Dè bheo." Eàbh. 10. 31. Bu neo-ni 
an saoghal uile a bhi 'n an aghaidh, agus na h-uile 
chre'utairean cruinn 'g am pìanadh, ann an coimeas ri 
so. B'f heàrr leo roimhe fearg a chur air Dia, na fearg 
a chur air uachdaran, custamair, maighstear, caraid, 
nàbuidh, no air am feòil fèin, ach anis b'f heàrr leo mìle 
cuairt a bhi air am fuathachadh leis an t-saoghal uile, 
na f àbhar Dhia a chall. Ah ! is u teine dìan-loisgeach" a 
chorruich ! Ma lasas ì òirnn ach mionaid, seargaidh sinn 
às mar f hèur ! Cia luath a chrìonas ar neart gu laigse, 
agus a philleas ar bòichead gu mì-dhreach ! Na's luaithe 
na loisgeas an lasair conlach thioram, caithidh corruich 
Dhè na h-aingidh thruagh sin. Air thalamh cha 
n-f huiligeadh ìad prìosan, no tàire, crann-losgaidh, no 
croich, no teine, no fraoch-fanaid, airson Chriosd, cion- 
nus matà, 'dh-f huiligeas ìad anis lasair corruich Dhè 'g 
an caitheamh às gu sìorruidh ? 

2. Tha àit agus staid na d<5ruinn air an òrduchadh 
le Dia, chum a cheartas a ghlòrachadh. Ts ann a chum 
a chumhachd fèin a ghlòrachadh a chruthaich è na saogh- 
ail. Tha cruth maiseach nan uile chrè*utairean, a rinn a 
làmh, a' foillseachadh a ghliocais. Tha freasdal Dè air 
a nochdadh dhuinn ann an cumail suas nan uile nithe. 
'Nuair a lasas eadhon aon srad de chorruich Dhia air 
an talamh, bàthar an saoghal uile, ach amhàin ochdnar. 
Loisgear Sodom, Gromòrrah, Admah agus Seboim le 
teine bho nèamh. Dùnar cuid ann am bèul na mara. 
Fosglaidh an talamh a bhèul agus sluigear sìos feadhain 
eile. Sgriosaidh a' phlàigh a mMtean. Nach soilleir 
an f hìanuis air corruich Dhia, cor brònach nan Iudh- 
ach air an là an diugh ! Ach is ànn airson na beatha ri 



100 TruaigTie na Muinntir sin 

teachd, a tha tròcair agus ceartas glòrachaidh Dhia air 
an rùnachadh, agus gu bhi air am foillseachadh anns an 
tomhas a's àirde. An sin glòraichidh Dia a thròcair, 
air dòigh nach urrainnear a thuigsinn an diugh leis na 
naoimh fèin a bhitheas 'g a mealtuinn : agus foillsichidh 
è fòs a cheartas air dòigh a dhearbhas do na h-uile gur 
è sin ceartas Dhè da rìreadh. Cha mheasar lasraichean 
bith-bhuan na h-ifrinn tuilleadh as teth airson nan 
anamanan ceannairceach ; agus an dèigh a bhi 'g an 
losgadh tre mhìltibh de mhìltibh bhliadhnachan, cha n- 
aithreach leis an t-olc a thainig orra. An-aoibhinn 
do'n anam a chuirear suas mar sin 'n a bhàll-amais gu 
bhi air a bhualadh le corruich an Uile-chumhachdaich ! 
agus mar phreas a' sìor-losgadh ann an lasraichibh a 
dhìoghaltais, nach f haodar a smàladh às gu sìorruidh ! 

3. Bithidh dòruinn an t-sluaigh mhallaichte ana- 
barrach goirt, do bhrlgh gu'm bheil ì air a dòrtadh 
orra le dìoghaltas Dhè. Is uamhasach corruich, ach 
cò a sheasas dìoghaltas ! Their an Dia mòr, " Sin 
sibhse mo chrèutairean ceannairceach. Is tric a rinn 
sibhse tàir air m' fhoighidin-sa. Pàidhidh sibh anis 
air a shon. Cuimhnichibh cia tric a ghairm mis' 
oirbh, cia tric a chrom mì sìos a' tagair ribh, agus cia 
tric a ghuidh mì oirbh sonas a ghabhail, ach cha b'àill 
leibh-se. An robh sibh am barail gu'n ceadaichinn 
dhuibh a bhi 'magadh òrm gu bràth ?" Dìoghlaidh è 
orra gach tàir' a rinn ìad air a thròcair, agus gach 
dearmad a rinn ìad air Criosd agus air gràs. Hò ! 
faiceadh daoine so anis. Hò ! thugadh ìad taitneas do 
Dhia ann an casgadh an sgrios fèin, mu'm bi è ro 
anmoch ! 

4. Fòs cuimhnich " cha n-'eil idir tlachd air-bith aig 
Dia ann an sgrios nan aingidh." B'f heàrr leis gu ro 
mhòr ìad a philleadh d'a ionnsuidh fèin agus gabhail 
ri Criosd agus tròcair. Ach an uair gheibhear lad gu 
rag-cheannairceach a' diùltadh ùmhlachd a thoirt do 
Dhia, gabhaidh è tlachd ann an oibreachadh a cheartais 
'n an aghaidh. Tha Dia ag ràdh, "Annam-sa cha'n 
'eil dìan chorruich ;" ach, deir è, an d&gh sin, " Cò a 
chuireadh an droighionn agus an dris a'm' aghaidh 
anns a' chath? rachainn trompa, loisginn ìad le 



a chailleas Fois nan Naomh. 101 

chèile." Och nach truagh cor nan crèutairean sin ! 
" Cha ghabh an tì a rinn ìad truas diubh ; agus cha 
nochd è caoimhneas dhoibh." Isà. 27. 4, 11. "Mar 
a rinn an Tighearn gàirdeachas os an ceànn a 
dheanamh maith dhoibh ; mar sin ni an Tighearn 
gàirdeachas os an ceànn gu'n sgrios, agus gu'n toirt 
gu neo-ni." Deut. 28. 63. Is truagh do na h-anam- 
aibh a bheir air Dia gàirdeachas a dheanamh 'n am 
peanas 1 " Ni è mar-an-cèudna gàire ri 'n sgrios : ni è 
fanaid 'nuair a thig an eagal, 'nuair a thig eagal orra 
mar fhksachadh, agus a thig lèir-sgrios orra mar ioma- 
ghaoith ; 'nuair a thig tèinn agus cràdh-cridhe orra." 
Gnàth. 1. 26, 27. Is uamhasach an ni thar càinnt 'us 
smuain, 'nuair nach faighear aon air nèamh, no air 
talamh, a chuidicheas ach Dia, agus nach dean esan 
ach gàirdeachas ri "tèmn" nan creutairean truagh 
sin ! Cha n-ànn idir gu litireil a " tha Dia a' deanamh 
gkire agus fanaid" ri truaighe nam peacach ceannairc- 
each. Is ann amhàin arèir gnàth-labhairt dhaoine 'tha 
na focail sin air an labhairt anns an Sgriobtuir, ag 
innseadh cho teànn 's a bhuineas Dia ris a' pheacach, 
ni nach gabh ìnnseadh air dòigh eile na's freagarraiche 
le ckinnt dhaoine. 

5. Bithidh Sàtan agus peacaich fèin 'n an luchd- 
dìoghaltais aig Dia, — 'g am pìanadh arèir òrdugh a 
cheartais. Is è Sàtan a rinn na peacaich sin a 
bhuaireadh, a mhealladh 's a chumail o Chriosd, agus 
tròm-phìanaidh è ìad anis airson gèilleadh dhà. Sin 
amhàin an duais a bheir è dhoibh airson na seirbhis a 
rinn ìad dhà gu tric. Dhiùlt 'us thrèig ìad Dia agus 
Criosd ; agus rinn ìad dearmad air an anamanan fèin : 
oir is ì comhairle Shatain a b'ànnsa leo na sin uile. 
Air an aobhar sin, cuirear ìad fo dhroch cùing an droch 
mhaighsteir fèin. Na'n robh ìad cho fìrinneach ann an 
deanamh seirbhis do Chriosd 's a bha ìad ann an 
deanamh seirbhis do Shàtan, gheibheadh ìad duais na's 
feàrr. Is ceart, matà, \ad a bhi 'n am pìanadairean 
orra-fèin, a chum gu'm faic ìad mar sin, gu'm b' ìad- 
fèin a sgrios \ad-fèin, agus nach urrainn ìad a choir- 
eachadh ach ìad-fèin amhàin airson na dòruinn a ta 
iad a' fulang anis. 

{*! 



102 Truaighe na Muinntir sm 

6. Agus bithidh dòruinn nan aingidh coitcMonn. 
Mar bha cuid aig gach bàll anns a' pheacadh, bithidh 
cuid aig gach bàll ann an dòruinn. Is è an t-anam bu 
mhò cuid ann am peacachadh, mar sin is è a's mò cuid 
ann am fulang. Is è an t-anam a's mò luach na 'n 
corp, mar sin bithidh a dhòruinn fada na's truime na 
dòruinn a' chuirp. Mar bheir aoibhneas an anama 
barrachd air taitneas collaidh, bheir pìantan an anama 
barrachd air pìantaibh a' chuirp. Cha n-è mhàin 
anam, ach anam peacach a dh-f hèumas fulang. Cha 
ghabh teine mur bi an connadh tioram ; ach an uair a 
bhitheas an connadh tioram, loisgidh è gu garg 1 
Bithidh an cionta fèin do na h-anamaibh mallaichte, 
mar spòng fo f hùdar, a' glacadh lasraichean na h-ifrinn 
d' an ionnsuidh gu dìan. Agus fuiligidh an corp a 
chuid fèin cuideachd. An corp ud a bha roimhe sin 
air a choimhead cho cùramach, mùirneach, air 'eiridinn 
cho caoin, agus air 'eideadh cho grìnn, ciod a thàinig air 
anis ! Is ìosal a thuit a shealladh uaibhreach ! Is beag 
sùim nan lasraichean ud d' a sgeimh 'us d'a mhaise I 
Na sùilean ud. a b'àbhaist a bhi toilichte leis gach 
sealladh aillidh, cha n-fhaic ìad nì anis ach crith- 
uamhas, corruich Dhia a' taomadh anuas orra, na 
naoimh ud air an d'rinn ìadsan tàir', anis air an 
ardachadh a dh-ionnsuidh na glòire sin a chàill ìad- 
fèin, 'us iad-fèin anis gun chòmpanach idir, ach deamhnan 
'us spioradan mallaichte do-aireamh. Seallaidh ìad 
anall anis 'us their ìad, " An ann gu so a thàinig gach 
cuilm, cluith 'us ròic a bh'againn?" Na cluasan ud a 
bha cleachdte ri ceòl 'us fonn nan òran, cha chluinn 
ìad ach sgread 'us glaodh oillteil dhaoine mallaichte, 
clann a' sior-mhallachadh am pàrantan a threòraich 
ìad anns an olc, le droch eisempleir ; fir-phòsd' a' 
mallachadh an aghaidh nam ban-pòsda, maigTistearan an 
aghaidh sheirbhiseach, ministearan an aghaidh pobuill, 
uachdarain an aghaidh ìochdaran, 'us gach aon ag cigh- 
eachd ris an aon eile, " Is tus' a thug an truaighe so òrm- 
sa, cha do sheòl thu mo dhleasanas dhomh — cha do 
chaisg thu mo pheacadh — cha do labhair thu dìleas rium, 
— cha d'innis thu mo chunnart dhomh. Ah ! mise !" 
Sin anis còmpanas nan anam 's nam corp mallaichte ann 
an truaighe na dòruinn ! 



a chailleas Fois nan Naomh. Ì03 

7. Mairidh an dòruinn sin gun lasachadh idir. So ni 
a ghèuraicheas an gath pìanaidh gu h-anabarrach. Ma 
chuir ifrinn eagal riamh orra, no ma bha an ooguis fo 
thrioblaid, uair air-bith 's an t-saoghal so, gheibheadh 
ìad fear-sòlais aig an làimh. B'è sin caraid feòlmhor, 
gnothach tìmeil, fearas-chuideachd, no sùgradh faoin. 
Dh-fhuadaicheadh ìad air falbh gach bròn le ith 'us òl, 
cluith 'us cadal. Ach dh'f halbh anis gach fear-sòlais 
dhiubh sin. Bha an cridheachan cruaidh, an-dàna, mì- 
chreidmheach 'g an dìon mar bhalla-cloiche an aghaidh 
gach trioblaid ìnntinn. Cha deanadh rabhadh sam-bith 
drùigheadh orra. Is è Sàtan fèin a b' f hear-sòlais doibh. 
Is tric a thuirt è riutha, mar thuirt è ri màthair 'a 
chinne-daoine, " An dubhairt Dia, ' cha n-ith sibh ? gu 
cìnnteach cha'n fhaigh sibh bàs.' Am bheil Dia ag 
ìnnseadh dhuibh gu'n laidh sibh ann an ifrinn ? Pugh. 
cha dad idir sin. Tha Dia tròcaireach. Ma tha ifrinn 
ànn idir, carson a bhitheadh eagal oirbh ? Nach robh 
fuil Chriosd air a dòrtadh air bhur son? Nach Criosd- 
uidhean sibh? Carson, mata, 'bhitheadh cùram oirbh? 
Cha n-eagal idir dhuibh." Arèir sin, mar is è Spiorad 
Chriosd is Comhf hurtair, no fear-sòlais do na naoimh, 
is è Sàtan comhfhurtair nan aingidh. Is cùramach am 
meirleach air eagal gu'n dùisg è sluagh, f had 's a bhios 
è gu carach a' " robigeadh" an tighe, a cheart cho 
cùramach sin tha Sàtan air eagal gu'n duisg è am 
peacach. Fhad 's a bhitheas ìnntinn a' pheacaich 
dàll-mharbh, cha n-abair Sàtan aon ghuth ris, brosgul, 
no sòlas. Cait anis, matà, an tèid am peacach truagh a 
dh-ìarraidh sòlais ? Iadsan a chuir a chas anns an ribe, 
agus a gheall a theàrnadh, thr&g ìad è nis, agus tha 
ìad-fèin air an trèigsinn. Theich a shòlas gu lèir. Ach 
tha an Dia cothromach sin, do'n tug esan gu tric 
tàmailt 'us tàire, nis a' làn-choimhlionadh dhà gach 
bagairt a labhair è riamh 'n a aghaidh. 

8. Agus bithidh dòruinn nan aingidh sìorruidh — 
mairidh ì gu bràth. Tha ì uamhasach air gach dòigh 
eile, ach is è sin — a sìorruidheachd — a' chuid a's uamh- 
asaiche dhì. An dèigh do iomadh mìle bliadhna — 
mìltean do mmitibh — a dhol seachad, bithidh dòruinn- 
ean an t-sluaigh mhallaichte cho ùr agus cho pìantail 



104 Truaighe na Muinntìr sin 

dhoibh 's a bha ìad air a' cheud uair a dh'f hairich ìad 
lasair na h-ifrinn. Bu shocair leo na'n robh dòchas 
idir ri crìoch a theachd air an doruinn, ach ! cia cruaidh 
ri smuaineachadh gu'in mair ì "gubràthf" Anns a' 
bheatha so, cha robh ìad riamh sgìth dhe'n pheacadh, 
nis cha bhi Dia sgìth dhe bhi 'g am pìanadh. Cha 
d'rinn ìad riamh f ìor aithreachas airson am peacaidh, 
anis cha bhi aithreachas air Dia airson an dòruinn. 
Bhris ìad lagh an Dè shìorruidh, agus air an aobhar 
sin, fuiligidh ìad peanas sìorruidh. Bha fios aca gu'n 
do dhiùlt ìad rìoghachd shìorruidh a ghabhail, agus 
biodh fios aca nis gu'm bi ìad air an glasadh amach 
àisde gu sìorruidh. Pheacaich an anamanan neo-bhàs- 
mhor, agus air an aobhar sin, fuiligeadh ìad p\an neo- 
bhàsmhor. Bu shona leo ìad-fèin anis, na'n robh ìad 
fathast 'n an laidhe anns an uaigh, no na'm faodadh \ad 
laidhe sìos ìnnte rìst. mar dh-digheas ìad ris a' bhàs, 
" bhàis ! càit an deach thu nis ? nach tig 's nach geàrr 
thu às mo bheatha thruagh ? b'fheàrr gu'n cuireadh 
am pìan so mis' amach à bith ! b'fheàrr nach bithinn 
idir ann ! faigheam bàs ! pilleadh mo dheò gu 
neo-ni !" Mar sin, bithidh na h-osnaichean searbh a 
dh-fhkisgear às gach cridhe fo'n dòruinn shìorruidh. 
B'fhada leo gach searmoin 'us ùrnuigh a chual' ìad 
's an t-saoghal so. Och ! och ! nach f hada dhoibh 
anis smuaineachadh air an dòruinn gun chrìch t 
Nach bu ghoirid mionaid bheag an taitneis ann an 
coimeas ri sìorruidheachd clrìan am bròin ! Cha robh 
'n an taitneas feòlmhor ach mionaid, ach mairidh am 
peanas gu bràth ! 

pheacaich, cuimhnich gu'm bheil d' ùin ach beag 
air ruith. Tha thu nis a' seasamh aig dorus na sìor- 
ruidheachd 's am bàs a' feitheamh gus an dorus sin 
'f hosgladh agus thus' a thogail astigh. Caidil romhad 
beagan oidhcheachan, gabh mu-n-cuairt beagan làithean 
air an talamh, agus an ùin glè ghoirid, no mu'n saoil 
thu, bithidh d aimsir, do smuaintean, do chùram agus 
do thaitneas uile air an slugadh suas leis an t-sìorruidh- 
eachd 'us ruigidh tu-fèin staid, sona no dona, nach 
atharraichear fad lìnn nan hnn. Mòr aoibhneas nèimh, 
agus mòr dhòruinn na h-ifrinn, cha n-urrainnear aon 



a chailleas Fois nan Naomh. 105 

diubh sin a thuigsinn. Ach dòruinn shìorruidh ! sin 
dòruinn nach gabh breithneachadh. 

Ach thar leam, a pheacaich uilc, rag gu'n cluinn m\ 
thus' ag ràdh ann do chridhe, " Ma bhitheas mì càillte, 
bitheadh, cha n-'eil comas air. Is feàrr leam mo 
chunnart a sheasamh na gèilleadh do ìarrtas an Sgriob- 
tuir. Cha bhi m\ na's miosa dheth na mo choimhears- 
naich agus sluagh eile. Ma bhitheas peanas ànn, cha 
n-'eil air ach a ghiùlain mar a's feàrr is urrainnear." 
Och ! a chre'utair bhochd, guidheam ort anis, mu'n 
diùlt thu tròcair às 'us às, thu èisdeachd chùramach a 
thoirt do bheagan cheistean a chuireas mì, agus smuain- 
eachadh orra mar dhuine rèusanach. Cò thus' gu'n 
ghiùlaineadh tu corruich Dhè? An dia thu, no duine? 
Ciod è do neart-sa? Nach 'eil è mar neart cèir, no 
conlaich an aghaidh an teine, mar mhòll an aghaidh na 
gaoith', no mar dhus an aghaidh garbh shèideadh na 
cuairt-ghaoith' ? Ged robh do neart mar \arunn, do 
chnàmhan mar umha, do bhonn mar an talamh, agus do 
chumhachd mar na nèamhan, sgriosar thu fo anail a 
chorruich. Ach cò thusa ? Criomag chriadha fo dheò, 
air do bheathachadh le tròcair an T\ sin a tha thus' a' 
diùltadh, agus air do chumail beagan làithean o bhi air 
do chagnadh le durragaibh brèun ! Sin thus' a thruaghain ; 
gidheadh cha nàire leat a ràdh nach 'eil eagal ort à 
corruich an Uile-chumhachdaich ! Amadain ! carson, 
matà, a chritheas tu 'nuair a chì, no 'chluinneas tu 
comharraidhean uamhasach a chumhachd agus a chor- 
ruich ? Ciod a their thu ri fuaim atmhoir an tàirnean- 
aich a' rèubadh nan spèur, no ri garbh ghathan an 
dealanaich a' spoltadh 's a sgoltadh nan creag 's nan 
crànn, no ris "a' phlàigh a ghluaiseas ann an dorchadas," 
a' sgrios dhaoine mu-n-cuairt duit? Na'm faca tu 
plàighean na h-Eiphit, no an talamh a' fosgladh a bheòil 
's a' sìos-shlugadh Dhàtain agus Abìraim, no ' Eliah 
a' toirt teine bho na nèamhaibh a losgadh suas nan 
ceannard agus nan leth-cheud', nach cuireadh aon de na 
seallaidhean sin tròm gheilt air do chridhe ? Ciamar, 
matà, a sheasadh tu fo phlàighean na h-ifrinn ? Carson 
a bhitheas eagal ort 'nuair a thig goirteas beag sam-bith 
air do chorp? Deide, lòinidh, alt-ghalar, teasach, càll 



106 Truaìghe na Muinntir sìn 

làimhe, no coise, no tuiteam fo bhochduinn 'us nàire 
Ach is beag am peanas na pìantan sin, geda a bhiodh 
ìad uile air an carnadh air aon neach, ann an coimeas ri 
dòruinn na h-ifrinn. Carson a chuireas teachd a 1 bhàis 
eagal cho mòr ort ? O cia fuar leat a bhuaileas è do 
chridhe ! Nach bu phàrras an uaigh ann an coimeas ri 
àit na dòruinn nach 'eil anis a' cur cùraim ort-sa? Nach 
dòruinneach, do-iomchair leat bàll de do chorp a losgadh 
's an teine ? Ciod a theirear, matà, ri fulang gu bràth, 
deich mìle cuairt na's mò ann an teas na h-ifrinn ? 
Carson a chuireas iomradh, no smuain air ifrinn, iom- 
again, gluasad, buaireadh, no eagal air d' ìnntinn? Mur 
fuilig thu eadhon sin gun uamhas, cionnus a sheasadh 
tu dòruinn an àite sin? Carson a tha an "duine 
saoibhir" a' goirt-ghearan ri Abraham, gu'm bheil è 
" air a phìanadh ann an ifrinn?" No carson a chithear 
do dhroch còmpanaich a' call am misneachd aig uair a' 
bhàis, agus aig an àm sin a' sgur de'n droch càinnt ? 

An do labhair thu riamh ri duine fo èu-dòchas ? 
Nach bu mh\-shòlasach a bhriathran ? Nach bu tròm a 
bheatha leis ? Cha n-f haigheadh è maith, no fois ann 
an ni sam-bith a bha aige ; chàill a bhiadh 's a dheoch 
am blas milis dhà ; bu draghail leis a chàirdean 'f haicinn ; 
bha è sgìth dhe 'bheatha, agus fo eagal a' bhàis. Ma's 
urrainnear truaigh' an t-sluaigh mhallaichte 'f hulang, 
carson nach fhuilig daoine na's socraiche gach roimh- 
bhlSs dhiubh sin air ifrinn ? Ciod a theireadh tu na'm 
faiceadh tu Sàtan ann an cruth eagalach a' seasamh ri 
do thaobh? Nach fàilnicheadh do chridhe le trom 
uamhas, agus nach seasadh d'f halt air a cheann ? 
Agus ciamar a sheasas tu gu sìorruidh am far nach bi 
cuideachd air-bith agad, ach diabhlan agus sluagh 
mallaichte 'g a do phìanadh 's a' fulang maille riut ? 

Faighnicheam so dhìot aon uair fathast, — Ma's ni 
cho beag leat-sa corruich Dhia, carson a bha \ cho mòr 
le Mac Dhia fèin ? 'Nuair a ghabh an Tì sin, a bha fìor 
neo-chiontach, os-làimh na fiachan a phàidheadh air 
ar son-ne, a' seasamh ann ar n-àit, agus a' giùlam a' 
pheanais a thoill sinne ; thug a' ehorruich sin air 
Criosd " fallas mar bhraonaibh mòra fola a' tuiteam 
8Ìos air an talamh." Ghlaodh Tighearn na beatha, fo 



a chaìlleas Fois nan Naomh. 107 

bhruthadh na corruich sin, " A ta m' anam ro bhrònach 
eadhon gu bàs :" agus arìst air a' chrànn-chèusaidh, 
" Mo Dhia, mo Dhia, c'arson a thrè'ig thu mi?" Is 
cìnnteach na'm b'urrainn neach air-bith am fulangas 
sin a ghiùlain le socair, gu'm b'è Iosa Criosd an neach 
sin. Oir bha neart eile aige-san nach 'eil idir agad-sa, 
gus am fulangas ud a ghiùlain. An-aoibhinn duit, a 
pheacaich, airson do mhi-chùraim gun cbìalll An 
saoil thu-fèin am bi an ni sin, a bha cho tròm do 
Chriosd, so-iomchair dhuit-sa. Faic bha Mac Dhè 
air a chur " ann an cruaidh ghleachd anama," agus 
ann am " fallas fola," amhàin fo mhallachd an lagha, 
ach thusa, crèutair lag, gòrach, cha ni sam-bith leat 
tuiteam araon fo mhallachd an lagh' agus an t-soisgeil, 
agus mar sin a bhi ' toilltinneach air peanas na's mò gu 
mòr.' Edbh. 10. 29. Gru'n deanadh an Tighearn 
maith d' ìnntinn a cheartachadh le aithreachas. 

Agus anis, a leughadair, faigheam do rùn. Ciod a 
tha thus' a' cur romhad a dheanamh ? Ciod am fèum 
a tha thu 'dol a dheanamh de'n teagasg so uile ? Am 
bi è neo-tharbhach dhuit, no an àill leat gabhail ris 
gu f ìor dhùrachdach ? Is iomadh rabhadh o Dhia, a 
chuir thu suarach agus a thilg thu uait ; agus an tilg 
thu so uait. Gabh an aire nis, cha bhi Dia an 
còmhnuidh a' strì riut-sa le rabhadh agus bagradh. 
Tha nis an làmh dhìoghaltais air a togail suas, agus 
tha buillean trom a' teachd, ach an-aoibhinn dhà-san 
air an tuit ìad ! An tilg thu uait an Leabhar so, ag, 
ràdh nach 'eil dad ànn ach labhairt air ifrinn 'us 
damnadh. Is ann mar sin is àbhaist dhuit a bhi ri 
gearan air gach searmonaiche dìleas. Ach am b'fheàrr 
leat nach ìnnsearaaid na nithe mòra sin dhuit idir ? 
An ìarradh tu òirnn a bhi ciontach do f huil d' anama, 
le fantuinn 'n ar tosd, agus Dia fèin ag àithneadh 
dhuinn gu teànn na nithe sin a dheanamh aithnichte 
dhuit-sa? Am bi thu-fem càillte le socair, tosdachd 
'us dearmad, agus am b'fheàrr leat sinne 'bhi càillte 
maille ruit, na fearg a chur ort, le labhairt na firinn 
riut ? Faodaidh thus' a bhi ciontach ann an an-iochd- 
mhorachd cho uamhasach sin, ach " nar leigeadh Dia" 
gu'm faighear sinne cho ciontach, dàll-amaideach, 



108 Truaighe na Muìmtir sìn 

aingidh riut-sa. Is maith a tha fios againn gu'm 
fuathaichear sinn le daoine, 'nuair a gheibhear sinn a' 
searmonachadh, no 'sgrìobhadh gu dìleas mar so. 
Tha gaol air moladh ag ìadhadh gu nàdurrach ann am 
broilleach gach duine, agus air eagal moladh, no 
deadh-ghean dhaoine feòlmhor a chàll, le mì-thlachd a 
chur orra, is gànn luchd-teagaisg a labhras riu air 
dòigh a dh-fhaodas a bhi mì-thaitneach leo. Ach 
smuainich thus' am bheil, no nach 'eil na nithe so f ìor ? 
Mur 'eil ìad fìor thè'id mise leat gu grad a dhìteadh 
neach sam-bith a gheibhear a 1 cur eagail air sluagh, 
gun aobhar. Ach ma's ìad na bagairtean sin briathran 
Dhia, nach bu tus' an truaghan nach 'eil ag èisdeachd 
riutha, 'g an toirt fainear, agus 'g an gabhail gu cridhe t 
Ma's aon thusa de " shluagh Dhè," gheibh thu an 
teagasg so uile 'n a shòlas, agus cha n-ann idir 'n a 
uamhas duit. Ach ma tha thu fathast ann an staid 
neo-ìompaichte, thigeadh dhuit, arèir mo bheachd-sa, 
uiread a sgàth a bhi ort cluinntìnn mu nèamh 's a tha 
ort cluinntinn mu ifrinn, mur leòr dhuinn amhàin ainm 
nèimh agus na slàinte. Tha sinn a' searmonachadh 
nèimh agus tròcair dhuit, a chum a thoirt ort ìad sin 
ìarraidh agus a ghabhail gu toileach : agus tha sinn a' 
searmonachadh ifrinn dhuit a chum a thoirt ort an t-àit 
sin a sheachnadh. Mur biodh dòchas idir gu'm faod 
thus' a dhol às o'n dòruinn ud, bu dìomhain a bhi 
'g ìnnseadh mu ifrinn dhuit, ach f had 's is beò thu, bith- 
idh dòchas ri do theàrnadh. Uime sin, matà, fèumar 
gach meadhon a ghnàthachadh gu dìan, dìleas a chum 
thus' a dhùsgadh amach à suain-ghalar a' pheacaidh. 

Och nan ochan ! cò an cridhe is urrainn a smuain- 
eachadh, no cò an teangaidh is urrainn a chur-an- 
cèill, ciod ì dòruinn nan anamanan sin a ta nis a' fulang fo 
chorruich Dhè? Air là do dhòruinn, a pheacaich, èighidh 
tu ri Criosd, " O trocair ! tròcair I ghabh truas 
dhiom ! iochd air m' anam bochd 1" Ach, O dhuine, 
tha mis' anis ann an ainm an Tighearn Iosa ag 
èigheachd riutsa, " 0' dean tròeair ! O dean iòchd air 
d' anam fèin!" An dean Dia iochd ort-sa leis nach 
àill iochd a dheanamh ort-fèin ? Ma chì eadhon 
d' each slochd roimhe, is gànn is urrainn thu 'thoirt air 



a chailleas Fois nan Naorrìh. 109 

lèum ànn ; agus an grad-thilg thusa thu-fèm cho dùr 
sìos do ifrinn, an dèigh do d' chunnart a bhi air ìnn- 
seadh dhuit roi làimh ? " Cò a's urrainn seasamh 
roimh fhearg an Tighearna? agus cò a dh'fheudas 
fuireach ann an dìan-theas a chorruich ?" Nah. 1. 6. 
Shaoilinn gur leòr na chuala tu nis. Ach tilg uat do 
pheacadh mallaichte — a sgriosas an t-anam — agus lìrig 
thu-fèin gu leir suas do Chriosd. Rùnaich so, agus 
dean è gu grad, chum gu'm faic mise do ghnhis ann 
am fois ameasg nan naomh. Gu'n deònaicheadh Dia 
do threòrachadh gus an co-cheangal so a dheanamh 
ris, gun dàil aon mhionaid eile 'chur anns a' chùis ! 
Ach ma chruadhaicheas tusa do chridhe gu bas, agus 
nach bi teàrnadh air do shon, na abair air là mòr eile, 
nach d'f huair thu rabhadh dìleas, agus nach robh caraid 
agad, a bha gu dùrachdach ag ìarraidh do shaoradh o 
ifrinn nam mallachd. 

Caibdeil VII. 

Ar fèum air a bhi gu dìchiollach ag ìarraidh Fois 
nan Naomh. 

Ma bhitheas Fois cho cìnnteach, glòrmhor aig na 
Naoimh, carson nach 'eil sluagh 'g a h-ìarraidh na's 
dìchiollaiche ? Shaoileadh neach, ma chuala duine 
sam-bith, agus ma chreid è mar f hirinn gu'm faodar 
glòir cho anabarrach mòr 'fhaotuinn, gu'm bitheadh 
fìor mhìann làidir air a bheothachadh suas 'n a chridhe 
an dèigh onoir cho àrd, gur gann a chuimhnicheadh è 
air ith, no òl, no gnothach air-bith eile, ach a' sìor- 
labhairt air an onoir so, — a' sìor-f heòrachadh cionnus 
a ruigear air an àrd ionmhas so. Ach an àit sin, is 
ann a gheibhear sluagh, a ta 'cluinntinn mu thimchioll 
an ionmhais so gach là, 's ag aideachadh a bhi 'creid- 
sinn ànn mar àrd phùng de'n creidimh, cho mi-chùr- 
amach, mi-shùimeil 's a deanamh cho beag saothair mu 
'thimchioll, asged nach cluinneadh ìad riamhgu'm bheil 
a leithid idir ann, no ged nach bitheadh ìad a' creidsinn 
aon smid' de na tha ìad a' cluinntinn mu 'n fhois so. 

Is ìad an sluagh sin gu h-àraid— Luchd-na-h-ìnntinn- 



110 Ar Fèum air a bhi gu dìcMollach 

naoghalta, — Am mòr-shluagh mi-naomh, — Luchd-aid- 
eachaidh foirmeil, no na Fuar-chràbhaich, — agus eadhon 
a' Mhuinntir dhiadhaidh fèin. 

1. Tha atre Luchd-na-h-ìnntinn-saoghalta air a 
sìugadh suas cho mòr le nithibh aimsireil, ionnus nach 
'eil toil, no ùin aca gus an fhois so ìarraidh. 
pheacaire amaideach ! cò a rinn bhur dalladh ? Dh'f hàg 
an saoghal sibh cho dall ris na brùidean. Spìon è 
uaibh bhur cìall gu mòr. Cha n-'eil ach ruith 'us le'um, 
cha n-'eil ach strì 'us è"ud an dèigh nithe nach fiù, gun 
ghuth idir air fois shìorruidh ! B'è sin na h-ìnnleachdan, 
's an dìan chhram aig sluagh gu èirigh suas cèum na's 
àirde na muinntir eile 's an t-saoghal so, gun aon ghuth 
air onoir rìoghail nan naomh ! Faic ìotadh lonach 
dhaoine an dèigh gach taitneis fheòlmhoir, ach tha 
moladh Dhè 'us aoibhneas nan aingeal air am meas leo 
mar eallach tròm ! Ciod nach dean ìad gu f\or dhìchiolU 
ach, chum an ainm 's an clann fèin àrdachadh, 's an seilbh 
a mheudachadh, ged, ma dh-f haoite, nach beir aon trà 
air trà eile dhoibh, ach cha smuainich ìad car aon 
uair' ciod a thig dhiubh air là mòr a' bhreitheanais a 
tha nis a' teannadh orra gu dlath ! Nach moch a 
dh-èireas ìad, nach anmoch a thèid ìad a ohadal, nach 
dìan an saothair, ag oibreachadh o bhliadhna gu 
bliadhna chum ìad-fem 's an teaghlaichean a chumail 
suas ann an creideas, gus an tig uair am bàis, gun 
smuain idir càit am bi \ad an dèigh sin ! Is è their na 
daoine sin " Nach fhaod sinn a bhi air ar teàrnadh 
gun dragh cho mòr sin ?" Is moch a thogas ìad an 
seirbhisich gu'n obair, ach is ainmig a ghairmeas ìad 
astigh ìad gu ùrnuigh, no lèughadh na f ìrinn ! Ciod a 
rinn, no ciod a ni an saoghal so airson na muinntir sin 
a tha 'g a ghràdhachadh cho mòr, 'g a ìarraidh cho 
dùrachdach, 's a' fulang uiread air a shon, 'nuair a tha 
Criosd agus »èamh air an dearmad leo gun sùim idir 
dhoibh ? Is goirt ar rathad astigh do'n t-saoghal ; is 
goirt ar saothair agus ar cuairt ànn, ach is goirte na 
»in uile, ar rathad amach às. dhaoine gun ch\all, cò 
a dhàll sibh ! am mair sùgradh 'us sogh dhuibh gu 
bràth ? An urrainn òr 'us glòir an t-saoghail seasamh 
mar chàirdean tarbhach dhuibh, 'nuair a's mò bhur 



ag ìarraidh Fois nan Naomh. 111 

fèum ? An &sd ìad ribh air uair 'ur temn ? An toir 
\ad freagairt, no fuasgladh aig uair a' bhàis ? An tèid 
ìad leibh do'n t-saoghal eile, am brìob ìad am Breith- 
eamh, an saor ìad sibh o pheanas, an ceannaich ìad àit 
dhuibh ameasg nan diadhair beannaichte? Carson 
nach f haigheadh an " duine saobhir" aon sileag uisge 
'dh-fhuarachadh a theangaidh ? Lùc. 16. 24. An 
f heàrr criomagan milis 'us onoir thaitneach, ghoirid na 
beatha so na fois shìorruidh ? Am pkidh ìad càil an 
ionmhais a mhaireas ? Am faod dòchas idir a bhi ri 
aon de na nithibh sin ? A shaoghail ghràineil, 
mhealltaich ! Is tric a chualas do sheirbhisich ro 
dhìleas a' cruaidh-ghearan ort mu dheireadh, ag ràdh 
" Och 1 Och ! mheàll an saoghal mì ! Tha mi càillte ! 
Bhreug è mì air là mo shoirbheachaidh, ach thilg è 
uaith mì air là mo themn. Na'n d'rinn mise seirbhis 
do Chriosd, cho dìchiollach, dìleas 's a rinn mì do'n 
t-saoghal, cha n-f hàgadh Esan mì mar so gun dòchas, gun 
sòlas." Mar sin gearainidh ìad gu goirt, gidheadh cha 
ghabh peacaich eile comhairle. 

2. Anis is lìonmhor Sluagh mì-naomh, agus is beag 
saothair a ni ìad airson slàinte. Is gann an cìiram mu 
dhleasanasaibh cumanta na diadhachd, eadhon o'n leth- 
muigh. Ma gheibhear an soisgeul air a shearmonach- 
adh fagus d'an àit-còmhnuidh, theagamh gu'n tèid ìad 
còrr uair a dh-èisdeachd, air sgàth an f hasain. Ach 
is beag an leisgeul a chumas aig an tigh ìad. Ma 
bhitheas frasag uisg' ànn, is leòr an leisgeul sin. Ma 
bhitheas an Tigh-aoraidh beagan mhìltean uatha, is 
maith an leisgeul sin leo. Cuid eile cha n'eil aodach 
aca, mar their ìad-fèin, agus is mòr an leisgeul sin. 
Ach biodh an là fliuch no tioram, fuar no teth, gheibh 
ìad aodach 'us cas-bheirt a bheir ìad, iomadh mìle, gu 
fèill, no còdhail, no àit air-bith de'n dùthaich, a 
dh-ìarraidh solair d' an cuirp. Cuid eile gu cronail a' 
smuaineachadh gu'm bheil ìad a' deanamh fàbhair do'n 
mhinistear 'nuair a thig ìad a dh-èisdeachd an t-soisgeil 
air a shearmonachadh, ged is ann dhoibh-fèin a tha am 
fabhar sin uile. Air uairibh, cha n-f haicear ach aon, 
no dithis às gach teaghlach ann an Tigh Dhè air an 
t-sàbaid. Ach mo chreach ! is lìonmhor ìadsan nact 



112 Ar Fèum air a bhi gu dìchiolIacTi 

f haicear anns an " Tigh-aoraidh" eadar dà cheànn na 
bliadhna I Tha ìad sin a' cruadhachadh an cridheachan 
an aghaidh àithne Dhe, 's a' fàs cho feòlmhor, mi- 
chùramach ris na brùidean fèin. Aidichidh an sluagh 
sin uile, 'nuair a labhrar riutha, gur è an Sgriobtuir 
lagh Dhè' leis am bi ìadsan air an aideachadh, no air 
an dìteadh aig a' bhreitheanas ; agus aidichidh ìad fòs 
gur " beannaichte an duine sin aig am bheil tlachd ann 
an lagh an Tighearna, agus a smuainicheas air a lagh- 
san a là agus a dh'oidhche." Salm 1. 2. Ach cha 
chuir ìad dragh orra-fèin caibdeil dheth a lèughadh aon 
uair 's an là. Cuid a bheir am Bìobull leò do'n 
eaglais air an t-sàbaid, ach tuilleadh fèum cha dean 
ìad dheth ; cha sheall ìad ànn fad na cuid eile de'n 
t-seachduin. Tha è air àithneadh dhoibh " ùrnuigh a 
dheanamh gun sgur," seadh a bhi ri tirnuigh a ghnàth, 
ach gidheadh cha n-f haighear ìad ag ùrnuigh gach là 
an làthair an teaghlaichean, no idir ann an uaigneas. 
B'fheàrr le Dàniel a bhi air a thilgeil ameasg nan 
leòmhan, na sgur a dh-ùrnuigh gach là 'n a thigh fèin, 
far am faodadh a naimhdean a chluinntinn, ach is 
feàrr leis an t-sluagh so ìad-fèin 'fhàgail gu bràth mar 
chreach do Shàtan, an leòmhan beucach, na slàint 
larraidh dhoibh-fèin. No, ma nì ìad ùrnuigh còrr uair, 
gheibhear \ cho fuar, neo-spioradail, ionnus gur è 
ditiltadh 'us cha n-è freagairt a tha ì 'toilltinn o Dhia. 
Esan a dh-ìarras ainmig, mi-chùramach, is coma leis, 
ach beag, co dhuibh a gheibh, no nach f haigh è an ni 
a ta è 'g ìarraidh. Cha n-airidh idir air nèamh, eadhon 
leo fèin, \adsan nach ìarr fois nèimh a ghnkth gu 
dùrachdach. 

Na'n comharraichteadh le cailc no cil dorus gach 
tigh 's an tìr, ag ìarraidh gu'n dòirteadh Dia anuas a 
chorruich air na teaghlaichean sin nach 'eil gu 
dùrachdach a' cumail aoradh Dhè 'n an tighean gach 
là, gheibhteadh an dùthaich 's a bailtean mar àit air a 
mhilleadh leis a' phlàigh, an sluagh marbh astigh, agus 
comharradh bhreitheanais amuigh. Is aobhar eagail 
gu'm biodh deich tighean air an comharrachadh amach 
airson a' bhàis, an àit gach aoin a rachadh às. Is beag 
an àireamh dhaoine a gheibhear 's an dhthaich, a' 



ag ìarraidh Fois nan Naomh. 113 

buileachadh cairteil na h-uaire gach là air ùrnuigh ri 
Dia airson an anamanan fèin agus an teaghlaichean. 
Och ! is beag an cùram mu f hois shìorruidh d' an 
anamaibh ! Cha dean na lùnndairean dearmadach sin 
nì sam-bith, chum an sonas fèin a chur air aghaidh, 
mur cuir ìad arèir cleachdaidh, an dràst 's arist, an 
làmh ri dleasanas fhollaiseach, a chum an creideas 
fèin a chumail suas ameasg nan coimhearsnach. Iarr 
orra leabhraichean maith a lèughadh, stèidh an creid- 
imh ionnsachadh às a' Cheist-leabhar, là naomh an 
Tighearn' a chaitheamh ann an ùrnuigh, an soisgeul 
èisdeachd air a shearmonachadh, am focal a bheò- 
chumail 'n an smuaintibh a ghnàth, gach focal agus 
smuain dìomhain, talmhaidh a thilgeil uatha ; seadh, 
comhairlich sin doibh, 'us bithidh è dhoibh mar chùing 
ro thròm agus sgìth ; mar nach b' f hìach fois na 
glòire saothair cho mòr a dheanamh air a son. 

3. Faic anis an " Luchd-aideachaidh foirmeil," no 
na " Fuar- chràbhaich :" gheibhear ìad so a' deanamh 
uile dhleasanais na diadhachd o'n leth-muigh, ach cha 
n-urrainn thu an toirt gu bràth gu thuigsinn ciod è 
nàdur na diadhachd sin a gheibhear a' glan-oibreachadh 
astigh air a' chridhe. Searmonaichidh, èisdidh, no 
lèughaidh an sluagh so gu grìnn. Labhraidh \ad air 
nèamh, ni ìad ùrnuigh 'n an teaghlaichean, cuidichidh 
ìad leis gach aobhar maith, agus is toigh leo a bhi air 
am meas 'n an sluagh diadhaidh, ach gu bràth cha 
n-fhaighear an cridheachan a shocrachadh air na 
dleasanasaibh fior spioradail. Cha n-fhaigh ìad blàs 
idir air na h-oibribh naomh so, — gnàth ùrnuigh dhùr- 
achdach agus meòrachadh diadhaidh ann an uaigneas, 
— fem-cheasnachadh treibh-dhireach, — ìnntinn nèamh- 
aidh, — caithris thairis air an cridheachan, air an càinnt 
'us air an cèumaibh fèin, — an fheòil a chlaoidh 's a 
h-ana-mìann a chumail fodha, — an naimhdean a ghràdh- 
achadh agus maitheanas a thoirt doibh gu toileach, — 
am bràithrean a chur air thoiseach orra-fèin — an cuid 
's an gnìomh gu leir a chur aig cosaibh Chriosd, ag 
amharc air a sheirbhis agus air 'f hàbhar mar na nithe 
sin a's àirde luach — \ad-fèin ullachadh airson a' bhàis, 
gu toileach a' f àgail an cùisean uile fo chùram Chriosd. 



114 Ar Fèum air a bhi gu cUcJdollach 

Sin nithe nach dean an cealgadair gu sìorruidh — cha 
dean è aon diubh. Faodaidh an cealgadair faoin- 
cridheach gabhail ris an t-soisgeul le gàirdeachas, ach 
ciod è dhe sin, 'nuair nach dean an teachdaireachd 
ach arahàin beantuinn ri uachdar 'anama gun dol idir 
astigh ànn. Cha leig è idir leis an t-sìol mhaith greira 
domhain, teànn 'fhaotuinn 'n a anam. Faodaidh am 
focal a bharail atharrachadh, ach cha n-'eil idir a 
chridhe faoin air a leaghadh agus air a chumadh àVùr 
ann am mòlltair an f hocail ; cha n-'eil Criosd agus a 
lan chumhachd air an cur suas 'n a chridhe. Gheibhear 
a'- chuid a's mò de dhiadhachd a' chealgadair sin a' 
ruith air barail dhaoine, agus cha chluinnear mar a's 
trice ach guth barail 'n a iornairt agus 'n a chòmhradh. 
G-u tric is deasbair aineolach, dàna, fèin-spè'iseil è, agus 
cha duine sìmplidh, iriosal a dh-òlas astigh an fhìrinn 
le gràdh agus ùmhlachd. Gheibhear è gu tric a' dean- 
amh tàire air daoine eile, agus air an teagasg : ach is 
ainmig a chluinnear e-fèin uair sam-bith a' labhairt gu 
h-iriosal, ciùin, cùramach mu nithibh mòra Chriosd. 
Feuchaidh è gu soilleir gur ànn 'n a eanchainn a 
gheibhear a cuid diadhachd uile, agus cha n-ànn idir 
'n a chridhe. Sèidear anùll 's anall è leis gach gaoth- 
bhuaireadh, mar mholl, no mar iteag, do bhrigh nach 
'eil a chridhe air a stèidheachadh air Criosd tre ghràs. 
Cha chluinnear è ann an còmhradh uaigneach ri neach 
air-bith, gu h-iriosal ri caoidh airson truaillidheachd agus 
olcais a chridhe fein , no idir ag aideachadh le bròn, cho beag 
gràdh 's a gheibhear ànn do Chriosd. Is ìad na barailean 
claon a ta 'n a cheànn, 's an comunn do'm buin è, culaidh- 
shòlais a's mò dhà na dearbh-bheachd air " cridhe glan." 
Faodar an ni cèudna a ràdh mu thimchioll a' chealg- 
adair shaoghalta. Mùchaidh am fear-aideachaidh so 
f às an t-soisgeil 'n a chridhe f&n, le droighionn, ìarrtas 
agus " ro chùram an t-saoghail." Mata 13. 22. Tha 
làn f hios aige nach urrainn è idir a bhi air a theàrnadh a 
dh-easbhuidh a bhi diadhaidh, agus air an aobhar sin, 
lèughaidh è, èisdidh è, ni è ùrnuigh agus trèigidh ò nis 
a sheànn ch6mpanaich agus a sheànn chèuman ; gidh- 
a bhreith, is è Dia an t-ard mhaith ; ach cha dubhairt 
eadh dlìi-leanaidh è ris na nithibh a ta làthair. Arèir 



ag ìarraìdh Fois nan Naomh. 115 

a chridhe agus 'aignidhean sin riamh. Grheibhear a' 
chuid a's mò de aignidhean an duine so suidhichte air 
an t-saoghal, agus cha n-ànn idir air Dia, agus an lòrg 
sin, is è an saoghal is dia dhà. Cha tèid è fada le 
barailean 'us iomairt ùir, cosmhuil ris a' chealgadair 
eile, am " faoin-chridheach," a dh'ainmich sinn ; gidh- 
eadh dlù-leanaidh è ris a' bharail sin, ciod-air-bith ì, 
a's feàrr a f hreagras a chum a bhuannachd shaoghalt' a 
chur air aghaidh. Agus mar neach aig am bheil a 
mhisneachd air a lagachadh le droch galar, tha ìnntinn 
an duine so air a milleadh le plàigh an spioraid 
shaoghalta. Is ainmig agus fann a gheibhear è ri 
ùrnuigh gu h-uaigneach ; is beag ceasnachadh a ni 
è air a nàdur fèin ; is beag a smuaineachadh air Dia ; is 
beag a chaithris air a chridhe fèin ; is fuar a ghràdh do 
Dhia, is tearc a ghluasad maille ri Dia ; cha dean è 
gàirdeachas ann an Dia, agus cha n-ìarr è d'a ionnsuidh ! 
Aontaichidh na cealgadairean sin, agus mòran eile, leat 
gu rèidh anns na nithibh a bhuineas do leth-muigh na 
diadhachd, ach cha tèid ìad aon chèum leat gu dleas- 
anasaibh naomh a' chridhe. 

4. Agus gheibhear eadhon a' Mhuinntir dhiadhaidh 
fèin leisg ann an ìarraidh na foise sìorruidh. Och I ged 
is mòr ar solus, is beag ar blàs ! ged is mòr ar n-aid- 
mheil, is beag ar gnìomh ! Cò a tha 'ruith le cabhaig, 
mar airson nèimh ! Nach 'eil sinn a' seasamh fuar, 
balbh ! Nach dìomhanach a gheibhear sinn ri obair ! 
Nach 'eil sinn a' caitheamh na h-ùine ri bruidhinn, 
cluith 'us fearas-chuideachd ! Nach cealgach a gheibh- 
ear sinn a' deanamh seirbhis Dhè* ! Nach 'eil sinn gu 
tric ag èisdeachd, mar nach bitheamaid ag èisdeachd ; 
ag ùrnuigh, mar nach bitheamaid ag ùrnuigh ; 'g ar 
ceasnachadh fèin, a' smuaineachadh air Dia, agus a' cron- 
achadh peacaidh, mar nach bitheamaid a' deanamh sin ; 
a' mealtuinn Chriosd, mar nach bitheamaid 'g a mheal- 
tuinn ! Am bheil sinn a' gnàthachadh nithe nèimh agus 
nithe an t-saoghail, mar a theagaisg na h-Abstoil 
dhuinn? ciod an doille reòta a rinn ar cridheachan a 
mheileachadh ! Ged tha sinn a' bàsachadh le fios duinn, 
cha ghluais sinn ; ged tha sinn 'n ar seasamh aig dorus 
sonais, no truaighe sìorruidh, cha toir sinn sin fainearj 



116 Ar Fèuìn air a bhi gu dìchiollach 

am bas a' bualadh aig ar dorus, ach cha chluinn sinn è ; 
Dia agus Criosd ag è'igheachd ruinn, " An diugh ma 
chluinneas sibh mo ghuth,na cruaidhichibh bhur cridhe;" 
seadh, ' oibrichibh, am feadh is là è, oir tha 'n oidhche a' 
teachd 'nuair nach urrainn aon duine obair a dheanamh. 1 
Nis togaibh oirbh, buailibh air bhur gnothach, deanaibh 
saothair airson bhur beatha, gairmibh gach neart 'us uair 
gu fèum, mur dean sibh anis è, cha dean sibh gu bràth è. 
Ach ! is gànn a ghluaiseas sinne. Is gànn a dhùisgeas 
sinn à clò-chadal a' mhi-chùraim ! Nach luath cabhag 
bkis 'us breitheanais a' teachd h-ugainn ! Nach 'eil ìad 
a' teannadh òirnn gach mionaid ! Is beag nach 'eil sinn 
'n an laimh, ach gidheadh cha n-fhaicear sinn a' 
greasad — a' greasad — a' greasad ar cèum. A Thighearn, 
nach marbh, talmhaidh, ifrinneach an ni cridhe cruaidh ! 
Càit am faighear an duine sin a's Criosduidh dìirachd- 
ach da rìreadh ? Tha eagal òrm gur priobaid an staid 
shìorruidh le daoine anns gach àit. Is beag saothair a 
tha ìad a' deanamh air a son anis. Cha n-'eil ìad ag 
amharc air an staid sin mar ghnothach am beatha. 
Mur bithinn fèin tìnn fo'n ghalar chèudna, is mis' a 
lìonadh ìng an leabhair so le deòir ! ciod an osnaich leis 
an dòirteadh mo ghearan amach 1 ciod am bròn cridhe 
leis an deanainn caoidh thairis air a' mharbhachd 
choitchinn so 1 

Am faighear luchd-riaghlaidh a' deanamh an oibre 
fèin gu diadhaidh ann ar measg ? Am bheil ìad èudmhor 
air taobh Dhè ? Am bheil ìad a' suas-thogail a thighe ? 
Am bheil \ad gu toileach, dìleas a' cur onoir air Dia ? 
Am bheil ìad a' cuideachadh leis an f hocal, a' casgadh 
peacaidh agus pheacach, na buaireadairean sin a tha 
nis a' toirt gach uilc 'us truaigh' òirnn ? Am bheil ìad 
a' deadh-ghnàthachadh an cumhachd, an saoibhreis, an 
onoir agus an ùghdarrais uile, a chum aobhar Chriosd a 
chur air aghaidh, mar dhaoine a dh-f hèumas cùnntas 
" a thoirt air an stiùbhardachd" gu h-aithghearr ? 

Nach gann a gheibhear eadhon ministearan a tha da 
rtreadh dùrachdach 'n an obair ! Nach neo-iomlan a' 
chuid a's feàrr dhiubh anns a' chùis so? Am bheil 
BÌnn, " ann an Ikn-dearbhadh an Spiorad," ag èigheachd 
amach an aghaidh eas-ùmhlachd dhaoine do'n t-soisgeul, 



ag ìarraidh Fois nan Naomh. 1 17 

agus a' labhairt an aghaidh a' pheacaidh, raar an teine- 
sgrios a gheibhear anns gach dùthaich agus baile, 's ag 
èigneachadh sluaigh gu teicheadh uaith airson am 
beatha ? Ara bheil sinn, mar mhuinntir aig am " bheil 
fios air uamhas an Tighearna, a' cur \mpidh air daoin- 
ibh ?" Am bheil sinn a' sparradh air sluagh gabhail ri 
Criosd, ris an ath-ghineamhuinn, ri creidimh agus 
naomhachd, a' làn-chreidsinn nach urrainn beatha 'bhi 
gu bràth aig daoine 'dh-easbhuidh sin ? Am bheil ar 
cridheachan a' tiomachadh ris a' mhòr-shluagh aineolach, 
mhi-chùramach, rag-mhuinealach ? 'Nuair a sheallas 
sinn riutha anns an aoduinn, am bheil ar cridheachan a' 
leaghadh le eagal os an ceànn, nach fhaic sinn an gnùis 
gu bràth ann am fois ? Am bheil sinn, mar bha Pòl, a' 
guil 's ag ìnnseadh dhoibh cho feòlmhor, talmhaidh, 
truaillidh 's a tha an cridheachan ? Am bheil sinn 'g an 
" teagasg gu follaiseach agus o thigh gu tigh," air gach 
àm, agus " le iomadh deur ?" Am bheil sinn a' guidhe 
orra air sgàth slàint' an anamanan ? No, am faighear 
sinn ag ìarraidh cliù dhaoine, agus taitneas a thoirt do 
luchd-èisdeachd tiolpach, gogaideach, mar gu'm b'è an 
gnothach agus an dleasanas a's luachmhoire a ta aig 
ministear ri dheanamh, sgeul m\n, bìnn ìnnseadh, a 
thaitneas ri cluasaibh dhaoine, fhad 's a bhitheas è 
'labhairt, gun sùil tuilleadh a thoirt an dèigh an t-sluaigh 
gus an tig an ath shearmoin ? Nach tric a- gheibhear 
gliocas feòlmhor, no f ìamh crè'utair a' bàthadh ar beò- 
dhùrachd ! Nach blìan ar searmoinean air cinn-theagaisg 
fìor dhrùighteach ! Nach mra, socrach a laimhsicheas 
sinn na peacaidhean eagalach sin a tha agus a bhitheas 
a' làimhseachadh anamanan an t-sluaigh cho an-iochd- 
mhor, sgriosail ! A dh-aon fhocal, tha easbhuidh dìan- 
dhùrachd annainn-ne gu tric a' geas-thàladh anamanan 
dhaoine gu " foirmeileachd" f huair, agus 'g an aomadh 
gu bhi ag èisdeachd le gnàth mhi-chùram a sgriosas 
ìad. Gu'n deònaicheadh Dia peacadh mòr so na 
ministearachd a mhaitheadh anns an ni so ; agus, gu 
h-àraid, mo chuid-sa dheth I 

Agus am bheil an sluagh — am pobull fèm — na's beò- 
dhùrachdaiche na luchd-riaghlaidh, no ministearan? 
fliamar a bhitheadh? A lèughadair, seall amhàin 



118 Ar Fèum air a bhi gu dìchiollach 

riut-fèin agus fuasgail a' cheist so. Feòraich ri do 
choguis — ri do chridhe fèin, agus ma cheadaicheas tu 
dhà labhairt, \nnsidh è an fhrrinn dhuit. An do shoc- 
raich thusa do chridhe air fois shìorruidh mar ghnothach 
mòr do bheatha anns an t-saoghal so ? An robh thu ri 
caithris agus saothair le d' uile dhìchioll " chum nach 
glac neach air bith do chrìin ?". An robh thus' a' 
deanamh cabhaig', air eagal gu'm bi thu ro anmoch, 
agus gu'm beir am bàs ort, mu'm bi d' obair deante ? 
An robh thus' a' dìan-ruith ameasg gach ana-cothroim, 
" a dh-ionnsuidh a' chomharraidh," eadhon " duais 
àrd-ghairme Dhè ann an Iosa Criosd," gun stad ' 'g ad' 
shìneadh fèin chum nan nithe a ta romhad ?' Am fianuis 
do choguis air d' èigheachd, air d' osnaich agus air do 
dheòir dhìomhair ? Am fianuis do theaghlach gu'n robh 
thu 'g an teagasg ann an eagal Dè", agus gu dìleas, 
dlchiollach a' toirt rabhaidh dhoibh gun dol gu " àit na 
ddruinn ?" Am fianuis do mhinistear gu'n cual' è thus' 
ag èigheachd " Ciod is còir dhomh a dheanamh chum 
gu'n teàrnar mi?" a' dòrtadh amach do ghearain ar 
aghaidh do thruaillidheachd, 's ag ìarraidh na sligh' i 
dh-ionnsuidh an Tighearna? Am fianuisean do choimh- 
earsnaich gur àbhaist duit a bhi gu glic a' cronachadh 
chrèutairean mì-dhiadhaidh, 's a' saothrachadh a chum 
anamanan do nàbuidhean a thearnadh ? Thugadh na 
fianuisean sin uile breth an diugh eadar Dia agus thusa, 
am bheil, no nach 'eil thusa gu beò-dhùrachdach ag 
ìarraidh na foise nèamhaidh. Aithnichidh tti air an 
tomhas oibre a rinn è, co aca 'bha, no nach robh do 
sheirbhiseach leisg 'n a ghnothach, an uair nach robh 
do shùil air, mar sin, seall ri d' obair fèin anis, agus 
aithnich an robh thu-fe'in leisg ann an gnothach d' an- 
ama. Am bheil do ghràdh do Chriosd, do chreidimh, 
d' èud agus do ghràsan eile, lag, no làidir? Ciod è 
d' aobhar gàirdeachais ? Ciod è do dhearbh-bheachd ? 
Am bheil gach ni dòigheil, òrdail 's an taobh-stigh 
dhiot? Am bheil thu ullamh airson a' bhàis, na'n 
gairmeadh è ort anis ? Am bheil agad "beannachd" 
an t-sluaigh ris am b' àbhaist dhuit a bhi 'conaltradh ? 
Thoir breth ort-fèin artìr nan nithe sìn, agus chithear 
leat gu grad, co dhiubh bu leisgean, no oibriche dìleas, 
dùraehdad], tarbhach thusa. 



ag ìarraidh Foìs nan Naomh. 119 

a shìth bheannaichte, cia mòr ar dearmad ort ! 
a rìoghachd ghlòrmhor, cia mòr ar dìmeas ort ! Is beag 
is aithne do dhaoine mi-chùramach, ciod è mòr luach 
na foise sin a tha nis cho suarach leò. Na'm b'aithne 
dhoibh idir è, is cìnnteach dh-ìarradh ìad ì na's dìchioll- 
aiche. Is è mo dhòchas, a leughadair, gu'm bheil thus' 
a' tuigsinn gur eagalach an ni dhuit-sa nis a bhi 
dearmadach mu do shìth shìorruidh, agus gu'n robh 
thu-fèin cheana trom-chiontach do thaobh na cùise so. 
Is è mo dhòchas cuideachd nach leig thu leis a' mhoth- 
achadh, a f huair thu air a' chùis, bàsachadh air d'ìnn- 
tinn. Na'n abradh an dochdaduir riut, 'us tu tìnn, " ma 
leanas tu air òl aon chùngaidh-leighis àraid a bheir mise 
dhuit, cha n-'eil teagamh idir agam nach leighisear do 
ghalar," nach gabhadh tus' a chomhairle gu luath? Mar 
sin matà, tha mis' anis agìnnseadh dhuit, ma ghabhas tu 
an aon ìoc-shaint so 'n a h-aonar do d' anam, cha n-'eil 
teagamh idir agam-sa nach bi thu air do theàrnadh. 
Anis matà, crath dhìot do lunndaireachd, agus cuir 
umad d' uile neart ; tog ort agus bi a' d' Chriosduidh 
amuigh 's amach, agus gheibh thu sonas. Chaidh thu 
fad air seachran o Dhia, ach ìarr è nis le d' uile 
chridhe, agus cha n-'eil teagamh nach fhaigh thu è. 
Agus ged bu mh\-chaoimhneil thu ri Criosd, ìarr è gu 
toileach, thoir làn ùmhlachd dhà, agus ma nì thu sin, 
bithidh do theàrnadh cho cìnnteach dhuit, as geda 
bhiodh è agad cheana. Ach ged is làn toilltinneas 
Chriosd, ged is saor a ghealladh, agus ged is mòr 
tròcair Dhè, is beag is f heàirrd thusa sin gu bràth, mur 
dean thu ach amhàin labhairt orra gun an gabhail 
h-ugad 's an coimhead gu beò-dhurachdach ; seadh, ma 
sheasas tu leisg, dìomhanach, 'nuair bu chòir dhuit 
oibreachadh gu dìan, caillidh tu an crùn, eadhon " crùn 
na beatha." Buail air an obair, matà, gu dùrachdach, 
grad, agus beannaich Dia gu'm bheil ùin agad fathast 
gu obair a dheanamh. Agus a chum a dhearbhadh 
dhuit, nach 'eil mise 'g a do chur thuige gun aobhar, 
ainmichidh mì nis caochladh cùis-theagaisg gu do 
bheothachadh agus do ghreasad air aghaidh. Dùisg 
suas do spiorad, agus, mar thuirt Maois ri Israel. 
" Socraich do chi'idhe air na focail uile air am bheij 



120 Ar Fèum air a bhi gu dìchiollach 

mise a' toirt fianuis dhuit air an là an diugh : oir cha 
ni dìomhain e dhuit, a chionn gur e do bheatha e." 
Deut. 32. 46, 47. Hò ! gu'm fosgladh an Tighearn do 
chridhe, agus gu'n teannaicheadh è nis a chomhairle 
fèin gu h-èifeaehdach air d' ìnntinn. 

Thoir fainear, is àrd-luachmhor an t-ionmhas a tha 
sinn ag \arraidh, air an aobhar sin, is rèusanach an ni 
gu'n deanamaid dìchioll air 'fhaotuinn, freagarrach ri 
luach an ionmhais sin. Ts mòr an obair a ta againn 
ri dheanamh, agus is goirid, neo-chìnnteach ar là, agus 
is lìonmhor, dìchiollach ar naimhdean ; air an aobhar 
sin, is còir dhuinn dìchioll a dheanamh a bhios freag- 
arrach ris gach gairm agus cunnart dhiubh sin. Cha 
n-urrainn tuigse dhaoine idir a bhreithneachadh cho 
mòr 's a tha crìoch a' Chriosduidh 'n a ìarrtas 'us 'n a 
oidhirpibh uile. Càit am bheil ni eile cho òirdheirc, cho 
Iuachmhor, cho urramach, cho feumail ri glòrachadh 
Dhè, ri slàint ar n-anamanan fèin agus anamanan 
dhaoine eile, le teicheadh o dhòruinn na h-ifrinn, agus 
le seilbh 'f haotuinn air glòir nèimh ? Agus an urrainn 
duine sam-bith a bhi air a ghreasad ro mhòr an dèigh 
nithe cho prìseil ? An urrainn è an \arraidh ro dhùr- 
achdach, an gràdhachadh ro bhàth, no saothrachadh 
ro dmchiollach air an son? Nach 'eil fhios againn, 
mur buadhaich ar n-urnuighean, gu'm bi ar saothair 
d\omhain agus sinn-fèin càillte gu s\orruidh ? 

Is mòr, iomadh-ghnèitheach obair a' Chriosduidh anns 
a' bheatha so. Fèumaidh 'anam a bhi air 'ath-nuadhach- 
adh ; fèumaidh a thruaillidheachd a bhi air a cur gu 
bàs ; cleachdadh, buaireadh agus buannachd aimsireil 
a bhi air an cìosnachadh ; an f heòil air a claoidh : 
feumaidh beatha, creideas 'us ckirdean a bhi air an 
àicheadh ; fèumaidh a' choguis a bhi tre bhonnachair 
ceart air a sìtheachadh, agus fèumar dearbh-ch\nnteas 
f haotuinn air maitheanas agus teàrnadh. Geda bheir 
Dia dhuinn na beannachdan sin uile gun deadh- 
thoilltinneas air-bith annainn-fèin, gidheadh chabhuilich 

òirnn aon diubh, mur \arr sinn ìad gu toileach, 
dùrachdach, dìchiollach. A bhàrr air sin, feumar mòr 
eòlas a chruinneachadh, òrduighean a ghnàthachadlL 
agus dleasanais a dheanamh. Tha sothair ùr ri dhean 



ag ìarraidh Foìs nan Naornh. 121 

agus dleasanais a dheanamh. Tha saothair hr r 
dheanamh anns gach lìnn, air gach bliadhna, air gach 
là, anns gach ait gus an tig sinn, agus anns gach gnoth- 
ach a bhitheas againn ris gach uile neach, agus anns 
gach cor anns am bi sinn. Tha dleasanais againn ri 
dheanamh gun stad, do f hearaibh-pòsda, do mhnathan, 
do chloinn, do sheirbhisich, do nàbuidhean, do chàirdean 
agus do naimhdean. Ciod ì do bhreth fèin anis ? Daoine 
aig am bheil obair cho mòr sin air an làmhan, nach còir 
dhoibh mòr shaothair a dheanamh, no, an saoil thu, an è 
an gliocas a bhi leisg, agus dàil a chur anns an obair? 

Tha ùin a' teicheadh 'n a deànn. Fathast beagan 
laithean 's cha bhi sinn ànn ni's mò. Is lìonmhor galar 
a tha 'n tòir òirnn, ullamh gu greim a dheanamh òirnn 
agus ar gearradh às. Fèumaidh sinne 'ta nis a' searmon- 
achadh, agus sibhse 'ta nis ag &sdeachd, a' bruidhinn 
's ag imeachd, a bhi gu goirid air ar giùlain air falbh, agus 
air ar càramh ann an duslach " an tighe chaoil," agus air 
ar fàgail aig na durragaibh ann am fuar dhorchadas, 
agus ann an dubh thruaillidheachd. Is beag nach 'eil 
sinn knn cheana. Cha n-'eil fhios againn am faigh 
sinn aon searmoin, no sàbaid, no là, «o uair eile. Cia 
dìchiollach, matà, bu chòir dhoibh-san a bhi aig am 
bheil hin cho geàrr 'us obair cho mòr ! 

Agus tha naimhdean guineach againn a' sìor-dheilbh 
ìnnleachdan 's a' saothrachadh a chum ar sgrios. Nach 
dìchiollach Sàtan leis gach seòrsa brosnachaidh ag ìarr- 
aidh ar glacadh ! Uime sin, " Bithibh stuama, deanaibh 
faire ; do bhrìgh gu bheil bhur nàmhaid an diabhul, 
mar leòmhan beuchdach, ag imeachd mu'n cuairt, a' 
sireadh cò a dh'f heudas e 'shlugadh suas. Cuiribh-sa 
'n a aghaidh, air dhuibh bhi daingean 's a' chreidimh." 
1 Pead. 5. 8. Nach dìchiollach uile " theachdairean 
Shàtain !" luchd-teagaisg brèige, luchd-fochaid, geur- 
leanmhuinnich, agus truaillidheachd ar cridhe fèin, 
nàmhaid a's miosa, a's dichiollaich' a ta againn ! An 
dean cogadh fann, lag an aghaidh nan naimhdean sin 
an gnothach dhuinn ? Nach bu chòir dhuinn a bhi na's 
gnìomhaich', dìchiollaich', tapaidh a chum sinn-fèin a 
shàbhaladh, na gheibhear ar nairnhdean a chum ar 
milleadh ? 



122 Ar Fèum air a bhi gu dìchiollach 

Thigeadh dhuinn fòs ar dìchioll a mheudachadh 
'nuair a bheir sinn fainear gach tàlant 'us tròcair a ta 
againn, agus ar dàimh ri Dia, maille ris gach trioblaid 
Ieis am bheil è 'g ar cronachadh. Is mòr agus is lìon- 
mhor tàlant a f huair sinne. Càit am bheil sluagh eile 
fo nèamh a fhuair teagasg na's soilleire, comhairlean 
na's drùightiche, no rabhaidhean na's trice, na fhuair 
sinne, ann an àm agus ann an an-àm ? — searmoinean, 
gus am bheil sinn sgìth dhiubh ; agus sàbaidean gus 
am bheil sinn 'g am mì-naomhachadh ? Leabhraichean 
maith cho pailt 's gur gànn tha f hios againn cò a' cheud 
f hear a lèughas sinn ? Càit am bheil sluagh eile aig an 
robh Dia cho fagus doibh? no 'chunnaic uiread de 
Chriosd air a chè'usadh fo'n sùilibh ? no do'n robh glòir 
nèimh agus dòruinn na h-ifrinn air an deanamh cho 
soilleir ? Carson nach luathaicheadh sluagh mar sin an 
cèum gu nèamh I Nach f haodadh ìad èirigh suas air 
iteig leis na sgìathan sin I Nach bu chòir dhoibh 
seòladh luath, 'us sruth, grìan 'us gaoth leo ! Cha bheag 
an tomhas gràis a f hreagras do leithid sin a shluagh, 
agus cha leòr dhoibh idir dìchioll beag ann an seirbhis 
Dhè. 

Tha ar beatha 's ar turus uile làn thròcairean. 
Saoibhreas na mara, saoibhreas an f hearainn, saoibhreas 
nèimh agus na talmhuinn air an taomadh òirnn gu 
tròcaireach le Dia. Tha sinn air ar beathachadh, agus 
air ar còmhdach le tròcair. Tròcairean honmhor ag- 
ainn astigh 's amuigh. Cha n-'eil crìoch air ar tròcairibh. 
Innis an àireamh ma's urrainn thu ; innis an toiseach 
àireamh nan rèult agus na gainimh mìne air tràigh a' 
chuain ! Ma tha eadar-dhealachadh idir eadar ifrinn 
agus talamh, seadh, no eadar nèamh agus talamh, gu 
cìnnteach tha iomadh tròcair againn-ne. Ma's tròcair 
fuil Chriosd, Mac Dhe, gun teagamh thug Dia tròcair 
dhuinn-ne. Cha ro mhòr agus cha ro mhaith le Dia 
na tha e-fèin a' deanamh air ar son-ne, agus am mòr 
leinn-ne gach saothair a ni sinn air a shon-san ? 'Nuair 
a choimeasas mì mo bheatha mhall, neo-tharbhach fèin 
rÌ8 na tròcairean lionmhor, prìseil a thug Dia dhomh, 
ftisaidh nàir 'us tosd òrm, agus f agaidh è gun leisgeul m\. 

^o.h nach ionmhuinp ar dàimh ri Dia? An sinne 



ag ìarraidh Fois nan Naomh. 123 

clann Dè? Ma's sinn, gu cìnnteach, is còir clhuinn 
gràdh làidir, blàth, làn, agus fìor ùmhlachd a thabhairt 
dà os-ceànn gach nì 'us neach eile ? An sinne " cèile 
Chriosd," agus nach toir sinn beò ghràdb agus làn 
ùmhlachd dhà. ' Ma's Athair ma tà, càit am bheil 
'onoir ? agus ma's maighstir è, c'àit am bheil 'eagal ?' 
Mal. 1.6. ' Tha sinn a' gairni Maighstir agus Tigh- 
earn dheth-san, agus tha sinn ag ràdh gu maith.' Eo. 
13. 13. Ach mur bi ar dìchioll freagarrach ris an 
dàimh sin, tha sinn 'g ar dìteadh fèin, 'nuair a their sinn 
gur sinne clànn agus seirbhisich Dhè. Faic an t-saoth- 
air mhòr 's an obair chruaidh a ni seirbhisich gach là, 
chum am maighstearan tìmeil a thoileachadh, agus nach 
'eil sin a' dubh-dhìteadh na muinntir leis nach àill 
saothair agus obair cho cruaidh a dheanamh airson a'' 
Mhaighstir mhòir, shìorruidh ! Gu cìnnteach, cha n-'eil 
maighstear idir ann cho maith ris-san, agus cha n-f haigh 
seirbhisich air-bith eile duais cosmhuil ris an duais a 
bheir Dia d'a sheirbhisich dhìleas, dhìchiollach fèin. 

Agus an uair a gheibhear sinn a' dol amach o rathad 
Dhè, no ri cadal, no moille air an rathad, buailidh è 
sinn gu tric leis an slait-smachdachaidh, chum ar 
pilleadh air ais, agus ar cur arìst anns an t-sligh mhaith. 
Is ealamh a f hreagras gach bàll 'us crèutair, 'nuair a 
dh-òrduicheas Dia do aon air-bith dhiubh, sinne a 
chasgadh, no 'chronachadh. Air uairibh, nithear na 
tròcairean a's milse leinn 'n am bròn duinn. Cha bhi 
Dia gun slait dhuit, ged dheanadh è sgiùrsair dhiot-fèin 
a chum thu-fèin a smachdachadh. Faic do chorp tìnn 
ag acain 's ag osnaich ; thu ait Uw shàrachadh le cridhe 
duilich ; no do choguis chiontach tein 'g a do thèumadh 
mar scorpion 'n a d' uchd. Co dhiubh nis a's f husa 
leat d'obair, na spuir ghoirt mar sin a chur riut ? Co 
dhiubh a's feàrr leat a bhi air do chlaoidh le trioblaid, 
na d' obair a dheanamh gn dìchiollach ? Bithidh, gun 
teagamh, iomadh trioblaid 'us àmhghar anns a bheatha 
so gu tric, aig a' mhuinntir a's mò a nì, — aig na seirbh- 
isich a's dìchiollaiche, ach tha dà thobar sòlais aca-san 
nach 'eil idir aig an leisgean : gheibhear s\th coguis 
aca, agus dearbh chìnnteas air an dìchioll 's an dìlseachd 
ann an seirbhis Chriosd, agus cho fad 's a bhitheas an 



124 Ar Fèum air a bhi gu dìchiollach 

sòlas dùbailt sin aca, cha bhi copan na trioblaid idir 
cho searbh dhoibh. 

Chum ar dìchioll a mheudachadh ann an obair an 
Tighearna, is còir dhuinn a thoirt fainear ciod ìad na 
nithe lìonmhor a ta againn a chum ar cuideachadh ; 
ciod ìad na fìrinnean a tha sinn ag aideachadh, agus a 
bhi làn chìnnteach nach urrainn sinn cus, no tuilìeadh 
's a' chòir a dheanamh gu bràth. Nach 'eil an saoghal 
gu lèir againn mar sheirbhisich a chum ar cuideachadh 
ann an seirbhis Dhè ? — a' ghrìan, a' ghealach agus na 
rèultan a' feitheamh dhuinn, le solus agus buaidh, a 
chum ar cuideachadh? An talamh leis an uidheam 
mhòr a ta air, — clach, fiodh, luibh, toradh, eun agus 
beathach, — an cuan 's a chrèutairean iongantach gun 
àireamh, — an t-àile, a' ghaoth, an t-uisg, na neòil, an 
sneachd, an reothadh, teas, tigh 'us teine, — nach 'eil 
ìad sin uile a' feitheamh dhuinn, agus a' cuideachadh 
leinn aig an obair ? Seadh, nach 'eil eadhon ainglean 
na glòir' a' feitheamh dhuinn, mar " spioradan frith- 
ealaidh." Agus nì a's mò na sin uile, nach 'eil 
foighidin Dhè fèm a' feitheamh ruinn ; Criosd leis an 
t-sìth a cheannaich 'fhuil, a feitheamh ruinn, an 
Spiorad Naomh a' feitheamh agus a' strì ris gach 
cridhe seachranach? Agus nach 'eil ministearan an 
t-soisgeil ag ullachadh 's a' feitheamh, a' searmonach- 
adh 's a' feitheamh, ag ùrnuigh 's a' feitheamh ri 
peacaich gun chùram ? Nach uamhasach an cionta, 
matà, dearmad a dheanamh air an obair, agus ainglean 
'us daoine, seadh, an Tignearn glòrmhor fèin cho fagus 
duinn, agus ìad, mar gu'm b'eadh, ullamh gus a' 
choinneal a chumail ruinn, agus sinn-fèin gun a bhi 
'deanamh dad idir I Guidheam òirbh, a Chriosduidhean, 
ge-b'-e uair a bhitheas sibh ag ùrnugh, a' cronachadh 
luchd-uilc, no ri dleasanas air-bith, cuimhnichibh-se 
cia lìonmhor, comasach bhur luchd-cuideachaidh, agus 
thugaibh fèin breth am bheil è sàbhailt dhuibh dàil a 
chur anns an obair mhòir so, no 'bhi 'g a deanamh gu 
tuar, fann, rag, leisg, an drkst 's arìst ? 

Ts \ad na firinnean mòra a tha sinn ag aideachadh, 
gur è Dia fèin an t-àrd mhaith, — gu'm bheil ar sonas 
uile ann an gradh Dhè, agus, air an aobhar sin, gur 



ag ìarraidh Fois nan Naomh. 125 

còir dhuinn sonas ìarraidh, agus meas a chur air Dia 
os-ceànn nan uile nithe, — gur è Dia fèin amhàin ar 
Tighearn, agus, air an aobhar sin, gu'm bheil againn ri 
seirbhis a dheanamh dhà, air thoiseach air na h-uile, — 
gu'm fèum sinn Dia a ghràdhachadh le ar n-uile 
chridhe, ar n-uile anam agus neart, — gur è ar gnothach 
mòr 's an t-saoghal so, Dia a ghlòrachadh, agus slàint 
'fhaotuinn. Am faicear an teagasg sìn anis ann ar 
cleachdadh ? No am faighear ar gnìomh-obair ag 
àicheadh nan nithe a tha ar briathran ag aideachadh ? 

Ach, ciod-air-bith cho mòr 's a bheothaichear an 
obair leis gach bonn-firinn agus luchd-cuideachaidh, 
tha sinn làn-chìnnteach nach urrainn sinn ctis a dhean- 
amh gu bràth. Geda dheanamaid " na h-uile nithe, is 
seirbhisich neo-tharbhach sinn." Lùc. 17. 10. Ach 
tha sinn cìnnteach gu'm bheil sinn a' deanamh ro 
bheag de gach dleasanas. Cha n-urrainn duine sam- 
bith seirbhis ro mhòr, no ùmhlachd ro mhòr a thoirt do 
Dhia. Ma's ànn do bhaoth-chreidimh agus air seirbhis 
do ìnnleachdan a dheilbh sinn-fèin, a gheibhear sinn ag 
oibreachadh gu h-èudmhor, dìan, faodar a ràdh gu'm 
bheil sinn " anabharrach fìreanta ;" ach fhad 's a 
leanas sinn riaghailt an Fhocail, cha n-urrainn sinn a 
bhi ro " fhìreanta" gu bràth. Nach ana-cneasda, 
gàmhlasach an saoghal a their gur neònach, amaideach 
an ni, sluagh a bhi glè" dhìchiollach, f ìrinneach, dìleas 
ann an deanamh seirbhis do Chriosd ! Ach is fagus an 
là air an aidich na saoghaltaich sin gu luath, nach 
urrainnear seirbhis ro mhòr, no gràdh ro mhòr a thoirt 
do Dhia ; agus nach urrainn duine sam-bith a bhi ro 
dhìchiollach airson 'anam fèin a thearnadh. Faodaidh 
sinn obair ro mhòr a dheanamh gu tric do'n t-saoghal, 
ach cha n-urrainn sinn idir obair ro mhòr a dheanamh 
do Dhia. 

Faic so anis : — Is è nàdur gach gràis ar dìchioll a 
mheudachadh, — is saothair chàillte gach leisg-obair a 
nithear anns an t-sligh gu nèamh, — tha mòran ùine 
luachmhor air a mhi-ghnathachadh cheana, — agus is 
ànn arèir ar saothair a bhitheas ar luach-saothrach. 
Thoir fainear, matà, nàdur 'us aomadh gach grais. Ma 
tha gràdh glan agad do Dhia, cha shaoil thu idir ro 



126 Ar Fèum air a bhi gu dìchiollach 

mhòr, no ro dhraghail, ni sam-bith a's urrainn thu 
'dheanamh chum a sheirbhis a chur air aghaidh, agus a 
thoileachadh na's mò. Tha gràdh beò, togarrach, 
gnìomhach, cùramach. Ma tha gràdh agad do Criosd, 
coimhididh tu 'àithntean, agus cha n-abair thu gu bràth, 
mar leisgeul dhuit-fèm, gu'm bheil ìad ro theànn, no ro 
chruaidh ort. Ma tha creidimh agad, beothaichidh 
agus misnichidh è thu an còmhnuidh. Ma tha dòchas 
na glòir' agad, bithidh è dhuit mar an dual-mòr 
(main-spring) do'n uaireadair, cuiridh è gach cuidhle 
'n a d' anam air ghluasad. Ma tha eagal Dè ort, dùisgidh 
è thu agus fuadaichidh è air falbh do leisg. Ma tha èud 
agad, lasaidh è, agus ithidh è suas thu. Ciod-air-bith 
tomhas anns am bheil thu air do naomhachadh, no do 
chridhe air a ghlanadh, is ann dìreach arèir an tomhais 
sin a gheibhear thu beò-dhùrachdach agus dìchiollach, 
gnìomhach ann an obair Dhè. 

Ach ìadsan a ni leisg-obair, caillidh ìad an saothair. 
Tha mòran, cosmhuil ri Agripa, ach " beag" 'n an 
Criosduidhean. Ach chì ìad sin mu dheireadh, gu'm 
bi ìad ach beag air an teàrnadh. 'Nuair a bhitheas 
dithis a' ruith ann an geall-rèis, caillidh am fear a's 
raaille cèum araon an duais agus a shaothair. Ma tha 
duine a' togail cudthroim, abair clach mhòr, no bolla- 
mine, feumaidh è neart gu leòr a chur ris, mur cuir, bu 
cho math dhà gun fheuchainn idir ris. Nach lìonmhor 
dleasanais a tha Criosduidhean a' càll, a dh-easbhuidh 
an làn dheanamh, — an deanamh às 'us às ! " larraidh 
mòran dol a stigh, ach cha'n urrainn ìad." Lùc. 13. 24. 
Ach is dòcha gu'm b'urrainn ìad, na'n d'rinn ìad 
" spàirn chruaidh." Uime sin, dean-sa dìchioll beagan 
na's mò, agus cuir neart beagan na's mò ris an obair, air 
eagal gu'n càill thu na rinn thu cheana. 

A bhàrr air sin, nach 'eil mòran ùine luachmhòir air 
a call cheana? Dh'fhalbh làithean leanabachd agus 
òige bho chuid dhìnn, agus o chuid eile, leth an aois, 
agus is goirid, neo-chìnnteach na laithean a ta romh- 
ainn. Nach mòr an ùin a chaith sinn ri cadal, ri 
bruidhìnn gun toradh, ri cluith, agus ri smuaintibh 'us 
cùram saoghalta I Nach beag obair a tha deante I Cha 
bheirear air na làithean a dh'f halbh gu bràth ; mar an 



ag iarraidh Fois nan Naomh. 127 

corp a chàraichear 's an " tigh chaol gun lèus," cha tìll 
ìad tuilleadh! Nach còir dhuinn, matà, am beagan 
làithean a ta romhainn a ghlacadh agus a chur gu buil 
mhaith ? Ma chaidleas am fear-astair, no ma's màll a 
choiseachd air toiseach an là, fèumaidh è nis a che'um a 
luath-ghreasad 's an f heasgar, air-neo cha ruig è ceànn 
a thuruis. 

Bi cìnnteach gu'm bi do dhuais arèir do shaothair. 
An sìol a chuirear 's an talamh, bàsaichidh è ànn, agus 
cha n-fhaicear è ni's mò, gidheadh chithear a thoradh 
taitneach, trom 's an fhoghar. Mar sin bithidh saoth- 
air mhaith an diadhair dhìchiollaich. Oibrich thusa, 
matà, an diugh; oir ciod-air-bith a ni thu nis, no 
'dh-f huiligeas tu airson Chriosd, paidhidh fois shìorruidh 
air a shon uile. Cha ghabhar aithreachas gu bràth 
airson saothair, no cruaidh-oibre tre'n tèidear airson 
crùin-glòire. Cha n-abaira on neach aig uair a' bhàis, 
" B'fheàrr nach d'rinn mì saothair cho mòr, b'fheàrr 
nach robh mì ri ùrnuigh cho tric, b'f hearr nach robh 
mì cho teànn-phungail, no b'fhearr dhomh chisean a 
ghabhail cho socrach ri sluagh eile." Ut, ut! cha 
n-abair, ach seallaidh a' mhuinntir naomh air an ais, le 
aoibhneas, air gach saothair 'us trioblaid, a' moladh àrd 
chumhachd Dhè a rinn ìadsan a shaoradh o gach 
" trioblaid agus tèinn." Is maith a dh-fhaodas sinn uile 
a ràdh le Pòl. " Tha mi a' meas nach airidh fulangais" 
agus saothair "na h-aimsir a ta làthair a bhi air an 
coimhmeas ris a' ghlòir a dh'fhoillsichear annainn." 
Ròm. 8. 18. Cha n-'eil 'n ar saothair an diugh ach 
mionaid, ach mairidh ar fois gu sìorruidh. Cò anis 
nach dlù-chleachdadh a neart uile car aon uair a chum, 
le obair na h-aon uaire sin, a bhi 'n a phrionnsa fad a 
bheatha ? " Cha n-'eil Dia mì-chothromach, gu'n 
dì-chuimhnicheach è obair agus saothair ar gràidh." 
Eàbh. 6. 10. Nach bi ar " deòir uile air an tior- 
machadh air falbh," agus gach bròn, a bhuail sinn ann an 
cuairt ar dleasanais, air a dhì-chuimhneachadh air lk na 
foise glòrmhoir' shuas ? 

Nis is maith na nithe prìseil so a thoirt fainear, eadhon 
gur ò " spàirn chruaidh a dheanamh" an dòigh a dh'òr- 
duich Dia fèin a chum ruigheachd air slàint, — gu'm 



128 Ar Fèum air a bhì gu dìchiollach 

bheil, no gu'm bi an dòigh so air a h-aideachadh gu 
taitneach leis na h-uile dhaoinibh, — gu'm bheil na 
Criosduidhean a's fekrr ri caoidh aig uair a' bhkis air- 
son an dearmaid, — agus gu'm bheil mòran a' càll an 
còir air nèamh, do bhrìgh nach 'eil ìad a' deanamh 
cruaidh spàirn, agus nach ruigear nèamh gu bràth air 
dòigh sam-bith eile a's socraiche na sin. 

Is è 'n Dia uile-ghlic fèin a ta nis ag ìnnseadh 
dhuinn gu'm fèumar " spàirn chruaidh a dheanamh" 
leis gach uile neach a chum ruigsinn air teàrnadh. 
Tha gliocas Dhè a' faicinn so iomchuidh : agus cò aig 
a's fekrr a tha fios air an dichioll a dh'fhè'umar a 
dheanamh air an t-sligh gu nèamh, na aig Dia nèimh? 
'Nuair a chluinnear daoine feòlmhor a' gearan an 
aghaidh so mar òrduigh ro theànn, cò a tha ìad a' 
coireachadh, Dia no seirbhisich Dhè? Ma tha coire 
sam-bith ànn, fèumaidh ì bhi aig an Tì sin a tha 'toirt 
na h-kithne, agus cha n-ann againn-ne idir a tha nis a' 
toirt umhlachd dhì. Their na daoine sin ruinn, an 
sibhs' a's glice na daoine eile ? mar sin, a' gabhail gu 
dàna orra-fèin a bhi na's glice na Dia fèin. Cionnus a 
chordas am beachd 's am briathran, ri lagh 'us briath- 
raibh Dhè ? Mar so deir an Tighearn : — " Tha 
rìoghachd nèimh a' fulang ainneirt agus luchd na 
h-ainneirt 'g a glacadh le lkmhachas làidir." Mata 11. 
12. " Deanaibh spàirn chruaidh gu dol a stigh air a' 
gheata chumhann : oir a ta mi ag rkdh ribh, gu'n iarr 
mòran dol a stigh, agus nach urrainn iad." Lùc. 13. 24. 
" Ge b'e ni a gheibh do lkmh r'a dheanamh, dean e le 
do dhìchioll ; oir cha 'n'eil obair, no ìnnleachd, no eòlas, 
no gliocas anns an uaigh, d'am bheil thu a' dol." 
Ecles. 9. 10. " Lkn-obrichibh bhur slàinnte fèin le 
h-eagal agus ball-chrith." Philip. 2. 12. " Deanaibh 
tuilleadh dìchill chum bhur gairm agus bhur taghadh a 
dheanamh cìnnteach." 2 Pead. 1. 10. "Agusma's 
ann air èigin a thekrnar am f ìrean, c'àit an taisbein an 
duine mi-dhiadhaidh agus am peacach e-fèin ?" 1 Pead. 
4. 18. Labhradh na daoine sin gach sgleò a's àill leo 
an aghaidh "ainneirt" dhiadhaiah agus " cruaidh 
epàirn" nan naomh ; is leòr leam-sa so a chum am breug- 
nachadh, nach 'eil Dia idir ag rkdh mar tha ìadsan ag 



ag ìarraidh Fois nan Naomh 129 

ràdh, agus nach è am beachd-san, beachd Dhè air i. 
obair so. Dh'àithn Dia dhomh-sa mòran a dheanam': 
agus ged nach fhaicinn aobhar sam-bith eile airson 
dheanamh, bu leòr an t-aobhar leam a thoil mhait 
fèin. Cò bu chòir lagh a dheanamh air ar son, agu 
àithneadh dhuinn a choimhead, ach an Tì a rinn sinn 
Agus cò bu chòir an rathad gu nèamh a chomharrach- 
adh amach dhuinn, ach an Tì a's urrainn ar toirt gu 
nèamh ? Agus cò bu chòir cumha na slaint' a dhean 
amh ruinn, ach an Tì sin a ta nis a' tabhairt beann- 
achd na slàinte dhuinn ? Mar sin, labhradh an saoghal, 
an diabhul 's an f heòil an aghaidh cruaidh spàirn nan 
daoine dìchiollach, naomh ; ach is è mo fhreagairt-sa, 
DWàiihn Diafèin è. 

Cha robh riamh, agus cha bhi duine idir ann nacb 
aidich gu toileach, air aon là mor, gu'm bu ghlic, ceart 
saothair mhòr nan naomh. Agus cò nach deanadh 
saothair agus nach gabhadh an rathad a bhitheas fathast 
air an àrd-mholadh leis gach duine ? Is maith " tha 
fhios againn gu'n labhrar anns gach àit an aghaidh" na 
" cruaidh spàirn" so. Ach ceadaichibh dhomh ìnnseadh 
dhuibh gu'm bheil a' chuid a's mò 'labhras 'n a h-agh- 
aidh ag aontachadh leatha 'n an ìnntinn, agus a' chuid 
nach 'eil an diugh ag aontachadh leis an obair mhaith 
so, is goirid gus an tig an là air an aidich ìad 1 ann an 
saoghal eile. Ma thèid ìad do nèamh, fèumaidh an 
ìnntinn a bhi air a h-atharrachadh mu'n ruig ìad an 
t-àit sin. Ma thèid iad do ifrinn atharraichear am beachd, 
àill air n-àill an sin. Is toigh leat an diugh a bhi beò 
arèir barail 'us beachd a' mhòr shluaigh, carson matà, 
nach bitheadh tu nis de'n bharail sin a gheibhear fathast 
aig na h-uile ? Sibhse nis a bhios ag ràdh gur ' ro 
dhraghail, cruaidh leibh saothair nan daoine diadhaidh,' 
carson a bheireadh sibh breth 'n an aghaidh, agus sibh 
cìnnteach gur goirid an ùin gus an atharraich gach aon 
dibh a' bhreth sin. Hò ! b'f heàrr gu'n robh sibh cho 
glic anns a' chuis so, ris a' mhuinntir a ta nis ann an 
ifrinn ! 

Gheibhear eadhon na Criosduidhean a's fearr a 
trom-chaoidh, air là mòr am bàis, cho deormadach 's a' 
bha ìad. Their gach aon diubh, " ! b'i hearr gu'n robb 

i 



130 Ar Fèum avr a bhi gu dichiollach 

mise mìle cuairt na's naomha, na's nèamhaidh, na's 
dìchiollaiche, airson m'anama ! Geda bha 'n saoghal 'g a 
mo dh\teadh airson a bhi 'deanamh saothair rò mhor, 
tha mì nis air mo dhìteadh le mo choguis fèin airson 
cho beag saothair 's a rinn mì. B'f hasa leam gu mòr 
giùlain le bèumaibh magaidh an t-saoghail, na le buillibh 
dìtidh na coguis. B'f heàrr leam a bhi air mo chàineadh 
leis an diabhul airson a bhi gu tric ag ìarraidh slàinte 
do m' anam, na bhi air mo chronachadh le Dia airson a 
bhi 'g a dhearmad." Nach ìad a bhitheas air an 
luasgadh 's air an leòn le cuimhneachadh air an iomadh 
f àilinn fèin, ged bu ro naomh 'us ro dhiadhaidh leis an 
t-saoghal ìad. ls ann le easbhuidh tuilleadh dìchioll a 
tha sonas nèimh air a chàll gu tric le mòran. Oir ' ged 
chual' ìad am focal, ged ghabh ìad ris air ball le gàird- 
eachas, ged rinn ìad mòran do nithibh, ged dh'èisd ìad 
teachdairean Chriosd gu toileach,' (Mata 13. 20. ;) 
gidheadh bàsaichidh ìad, sgriosar ìad ; do bhrìgh nach 
d'rinn ìad saothair agus spàirn leanmhuinneach. Hò ! 
dùisgeadh sin anis sluagh amach as am mi-chùram I 
Nach iomadh fear 'us tè a chaidh iomadh cèum le Criosd 
's a thrèig è an dèigh sin, 'nuair thainig àm an dearbh- 
aidh — an t-àm gus an càil agus an dòchas saoghalta, 
feòlmhor àicheadh ! 

Rùnaich Dia nach ruig neach sam-bith nèamh air 
ratbad air-bith eile na's socraiche na'n rathad a dh'òrd- 
uicli e-fèin. Gheibhear fois an còmhnuidh an deigh 
mòr shaothair a dheanamh. " As èugmhais naomhachd 
cha'n f haic neach air-bith an Tighearn." Cha deanar 
dìchioll treibh-dhireach gu bràth, a dh-easbhuidh beò- 
dhùrachd. Mur 'eil thu beò-dhùrachdach, naomh cha 
Chriosduidh idir thu. Is è beò-dhùrachd naomh, cha n-è 
mhàin cèum àrd ann an creidimh a' Chriosduidh, ach a 
bhith 's a bheatha. Cha n-ionann idir basbairean, no 
bocsairean agìadhadh ri 'chèile air sgàlan-cleasachd agus 
saighdearan dìleas a' cur cath' airson am beatha, mar sin 
matà, cha n-ionann cealgadairean as Criosduidhean beò- 
dhùrachdach. Na'm b'urrainn daoine 'bhi air an teàrnadh 
gun d\chioll, dlan,beò-dhùrachdachmar so, chaghabhadh 
ìad sìiim idir dheth, bu bheag aca gach saothair. Cha 
deanadh gach òirdhearcas àrd a ta ann an slighibh Dhè 



ag ìarraidh Fois nan Naomh. 131 

fèm an tàladh gu bràth d'a ionnsuidh. Ach anis air 
dhuit-sa 'f haicinn gu'n d'òrduich Dia nach faigh neach 
air-bith fois an dèigh a bhais, mur dean è dìchioll beò- 
dhùrachdach an dràst — anns a' bheatha so — nach è do 
ghliocas, matà, dìan shaothair a dheanamh air a son le 
d'uiledhìchioll? 

Ach, a lèughadair, ceadaich dhomh nithe prìseil eile, 
seadh, nithe iongantach, a chur romhad, a chum 
d'aomadh, ma's urrainnear, gu bhi dìan, dùrachdach ann 
an ìarraidh fois do d'anam. Cuimhnich so matà, — 
Tha Dia fèin làn-dhùrachdach anns gach uile ni mu do 
thimchioll-sa ; agus carson anis nach bitheadh tusa 
làn-dhùrachdach anns gach ni do thaobh Dhè? Anns 
gach àithn, anns gach bagairt, agus anns gach gealladh, 
a tha Dia a' toirt dhuit, bha agus tha è, gu cìnnteach, a' 
rùnachadh a' cheart ni sin a tha è nis a' labhairt. Nach 
robh è dùrachdach anns gach breitheanas a thug è riamh 
air sluagh anns an t-saoghal so ? — ann am bàthadh nan 
cùl-dìleach, — sluagh an t-seann saoghail, — leis an tuilV 
ann an sgrios Shodoim agus Ghomorrah le teine ? agus 
ann an sgapadh nan Iudhach ? Agus an àm so, matà, 
gu leisg-obair a dheanamh do Dhia ? Bha Criosd làn- 
dhhrachdach ann an ceannach saorsa dhuinn le 'f huil. 
B'fheàrr leis sluagh a theagasg na biadh, no deoch. 
Faic Criosd a' buanachadh ann an ùrnuigh rè na 
h-oidhche : a sìor-dheanamh maith. Chuir a shaothair 
mhòr iongantas air a chàirdean ; b'amaideachd a bheò- 
dhùrachd le cuid diubh. Ach ! faic fulangas mòr 
Chriosd ! Thraisg è dà f hichead là, bha è air a bhuair- 
eadh, air a bhrath, air a mhaslachadh le smugaidean, 
air a bhualadh, air a chrhnadh le droighionn, air a chur 
ann am fallas mòr fola, air a chèusadh, air a bhruanadh, 
air a chur gu bàs : cha b' obair bheag sin uile ! Agus 
nach tigeadh dhuinn-ne nis a bhi beò-dhurachdach ann 
an oibreachadh amach ar slàinte fèm ? Tha 'n Spiorad 
Naomh làn-dhùrachdach 'g ar gairm gu sonas. Nach 
tric, dìan, toileach, ìarrtasach a cheum a' s\or-strì ruinn, 
agus " doilgheas" air an uair a dhiùltas sinn a thairgse 
ghràsmhor ! Agus nach tigeadh dhuinn-ne nis a bhi 
dìan-dhùrachdadh ann an toirt ùmhlachd 'us èisdeachd 
do ghairmibh mìn, ciùin an Spioraid ? Tha Dia dùrachd- 



132 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach 

ach ann an èisdeachd ar n-ùrnuighean, agus ann am 
buileachadh a thròcair òirnn. 'Nuair a thilgear sinn 
ann an anshocair, bithidh anshocair air-san. Eisdidh 
è gu grad ris gach acain, ochain 'us osnaich, agus 
gleidhidh è gach dèur, a shileas a phobull, 'n a shearraig 
fein. An ath uair a bhitheas tu fo thrioblaid, ìarraidh 
tu èisdeachd dhùrachdach do d 1 ùrnuigh, ach ciamar is 
urrainn sùil a bhi agad ri àrd thròcair, fhad 's a gheibh- 
ear thu blìan, fSnn, fuar, màll ann an seirbhis Dhè' ? 

Tha ministearan Chriosd dùrachdach ann an earail 
agus ann an teagasg. Tha ìad ag ìarraidh an Tighearna 
agus 'g ad' ìarraidh-sa. Is mò leo gu mòr (le cuid 
mhòir co dhiubh,) slàint d' anama-sa na idir am maith 
aimsireil fèin. Ged mharbhadh sìad iad-fèin le obair, 
ged chuirteadh gu bàs mar mhartaraich ìad, agus ged 
gheibheadh ìad iomadh taire airson searmonachadh an 
t-soisgeil, measaidh \ad sin uile mar thròcair, ma gheibh- 
ear è 'n a mheadhon a' cur glòir Dhè agus teàrnadh 
d' anama-sa air aghaidh. Agus am b'àill leat-sa daoine 
eile a bhi cho cùramach, iomaganach mu thimchioll do 
shlàinte, agus thu-fèin cho dearmadach ? Nach dùr- 
achdach, dìchiollach uile chreutairean Dhia, a' deanamh 
seirbhis dhuit ! — a' ghrìan le cabhaig a' cuairteachadh 
an t- saoghail air do shon ! Uisg nan spèur a' sileadh 
anuas air do shon ! tobraichean a' sruthadh air do shon ; 
aimhnichean a' sìor-ruith air do shon ; earrach agus 
foghar 'n an àm air do shon ; do dhamh 'us d' each a' 
cruaidh-oibreachadh air do shon gach là ! Faic anis 
cho fìor dhùrachdach 's a tha ìad sin a' deanamh seirbhis 
dhuit ! Agus am faighear thusa, — thu-fèin amhàin, — 
dearmadach, mi-chùramach, mi-dhùrachdach ann an 
seirbhis Dhè ? Ma gheibhear, is truagh do chor. 

Tha seirbhisich an t-saoghail agus an diabhuil glè 
dhùrachdach, 'n an obair fèin. Tha ìad ag oibreachadh 
gu teànn, dìan, dìchiollach, mar nach b'urrainn ìad gu 
leòr a dheanamh. Is mòr an cabhag, mar gu'm b' f hada 
leo gus an ruig \ad ifrinn. Bheir \ad dùbhlan do 
mhinistearan, do shearmoinibh agus do gach meadhon 
gràis eile, agus gabhaidh ìad air an aghaidh gun stad. 
Agus am faighear \adsan na's dìchiollaiche chum am 
mallachadh fèìn, na gheibhear thusa chum do theàrnadb 



ag ìarraidh Fois nan Naomh. 133 

fem? Nach 'eil maighstear na's feàrr, obair na's taitniche, 
misneachd na's mò, agus duais na's feàrr agad-sa? Bha 
uair ann air an robh thusa dùrachdach ann an deanamh 
seirbhis do Shàtan agus do'n fheòil, mur 'eil a' chùis 
mar sin fathast. Nach bu dùrachdach thus' a' leantuinn 
cleasachd, droch cuideachd agus cèum a' pheacaidh 
Agus nach bi thu nis, mata, cho dìan, durachdach sin air 
taobh Dhè ? Tha thu gus an là an diugh dùrachdach 
mu nithibh na beatha so. 'Nuair a bhitheas tu t\nn, 
no ann am pìan, nach dùrachdach a ni thu do ghearan 
fèin? Ma tha thu bochd nach dìchiollach, cruaidh p 
shaothraicheas tu airson do bheathachaidh ? Acb 
nachì obair do theàrnaidh gu mòr a's luachmhoire na sin ? 
Cha n-'eil fala-dhà ann an nèamh, no ann an ifrinn. 
Tha làn shonas aig na naoimh air nèamh, agus làn truaighf 
aig an t-sluagh mhallaichte ann an ifrinn. Cha n-'ei^ 
jnoladh mall air nèamh, no caoidh mhàll 'an ifrinn. 
Tha gach neach fior dhùrachdach an sin. 'Nuair >. 
ghairmear thus', a lèughadair, gu bàs agus breitheanas, 
O ! sin an t-àm air an smuainich thu gu dìan, domhain, 
geur air sìorruidheachd ! Thar leam gu'm bheil m) 
cheana 'g ad' f haicinn air do bhualadh le uamhas, ag 
ràdh " ciamar a bha mise cho fada coma do na 
nithibh sin!" Thar leam gu'n cluinn mì thu nis ag 
èigheachd amach an aghaidh do dhoille, do mhi-durachd 
agus do ghòraich. 

Agus anis, a lèughadair, air dhomh na h-argumaidean 
mòra, fior sin, nach gabh àicheadh, a chur romhad, tha 
mì, ann an ainm Dhè, nis ag ìarraidh do ruin — An aill, 
no nach àill leat ùmhlachd a thoirt ? Tha mì cìnnteach 
gu'm bheil do choguis fèin anis fo mhothachadh air do 
dhleasanas. An dàna dhuit, matà, do chleachdadh mi- 
chùramach, olc a leantuinn na's fhaide, a' dol an 
aghaidh guth do rèusain, a' dol an aghaidh àithne Dhè, 
's an aghaidh solus do choguis fèin ? An dàna dhuit a 
bhi beò cho mi-shùimeil, a' peacachadh cho ladurna, agus 
ag ùrnuigh cho ainmig 's a b'àbhaist dhuit roìmhe so ? 
An dàna dhuit a bhi fathast a' mi-naomhachadh na 
Sàbaid, a' deanamh dearmaid 'us tàir' air aoradh Dhè, 
's a bhi leisg, mi-chùramach mu do staid shìorruidh, mar 
bha thu roimhe so ? No am bheil thu nis a' cur romhad 



134 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach 

" leasraidh" d' ìnntinn "a chrioslachadh suas," agus do 
chridhe a làn-shuidheachadh air obair do shlàinte, a' 
seasamh amach an aghaidh gach ana-cothroim agus 
gach fochaid 'us bèurn o'n t-saoghal, agus a' cur dhìot 
' gach lethtroim, agus a' pheacaidh sin a ta gu furas ag 
ìadhadh umad, agus a' ruith le foighidin na rèis a 
chuireadh romliad ?' Eàbh. 12. 1. Tha mì an dòchas 
gur è sin do làn rùn. Ach o'n is maith is aithne dhomh-sa 
an ragaireachd a ta ann an cridhe an duine, agus o-na 
tha mì fìor dhùrachdach ag ìarraidh gu'm maireadh 
à^anam-sa beò, guidheam ort, aon uair fathast, a' cheart 
aire 'thoirt do na ceistibh a chuirear riut an so, agus 
tha mi nis ag àithneadh dhuit o Dhia, Na mùch guth do 
choguis, agus na diùlt faireachadh, ach freagair iad gu 
fìrinneach, agus thoir ùmhlachd gu toileach. Nise, 
matà, na'm faigheadh tusa, bho bheatha dhiadhaidh, 
saoibhreas, onoir, no àrd inbhe 's an saoghal so, fuasgladh 
o easlaint, no bhi beò gu bràth ann an làn phailteas de 
gach nì taitneach air thalamh, nach atharraicheadh tu 
do chaithe-beatha agus nach deanadh tu saothair 
dhùrachdach ann an seirbhis Dhè ? Ach nach ì Fois nan 
naomh sonas a's òirdheirce na sin uile ? Na'n cuirteadh 
gu bàs thu airson a bhi an diugh a' briseadh na Sàbaid, 
a' dearmad aoradh teaghlaich, ùrnuigh uaignich, no 'bhi 
mi-chùramach, olc 'n a do chaithe-beatha, ciamar a 
dheanadh tu an sin ? Ach nach è am bàs sìorruidh a's 
uamhasaiche na 'm bàs aimsireil ? Na'n deanadh Dia 
peanas foillaiseach an diugh air gach gnìomh peacach, 
mar a rinn è air Ananias agus Saphìra, {Gnìomh. 5.) 
ciod an seòrsa caithe-beatha 'bhitheadh agad, a 
pheacaich ? Ach nach è corruich shìorruidh a's uamhas- 
aiche gu mòr na sin uile ? 

Na'n tigeadh aon de do sheànn luchd-eòlais anis o na 
mairbh, agus na'n ìnnseadh è dhuit gu'n robh è air a 
phìanadh le cruaidh dhòruinn ann an ifrinn, o uair a 
bhàis , airson nam peacaidhean sin de'm bheil thusa nis 
ciontach, ciod an gnè chreutair a bhitheadh annad an 
dèigh sin ? Ach nach è rabhadh o Dhia cùis eagail a's mò 
dhuit na eadhon sin. Na'n robh thu air do dheanamh 
làn chìnnteach gur è so an là mu-dheireadh dhuit 's an 
t-saoghal so, ciamar a chaitlieadh tu è ? Agus cha n-'eil 



ag ìarraìdh Fois nan NaomÌt. 135 

f hios idir agad nach è so do la mu-dheireadh, agus tha 
thu cìnnteach nach 'eil è fada uait. Na'm faiceadh tu 
an saoghal uile air a leaghadh às, agus a ghlòir 's a 
ghreadhnachas uile air an losgadh gu neo-ni, ciod a 
theireadh tu ris an t-sealladh uamhasach sin ? Matà, ch\ 
thus' an sealladh sin gun teagamh. Na'm faiceadh tu 
caithir a' Bhreitheanais air a suidheachadh, agus na 
leabhraichean air am fosgladh, agus na h-aingidh a' 
seasamh fo chrith air làimh chlìth a' Bhreitheimh, agus 
na naoimh a' deanamh gàirdeachais air a làimh dheis, 
agus caochladh bìnn 'g a toirt amach air gach sluagh 
dhiubh sin, ciod an seòrsa duine 'bhitheadh annad an 
dèigh an t-seallaidh sin ? Bi eìnnteach, matà, gu'm 
bheil là 'teachd air am faic thus' an sealladh sin. Na'm 
faiceadh tu ifrinn fosgailte, agus a' mhuinntir mhall- 
aichte gu lèir ann an teth dhòruinn nach sguir ; agus 
na' m faiceadh tu nèamh fosgailte, mar chunnaic Stephen 
diadhaidh, agus na naoimh uile ri àrd chaithream ann 
an glòir, ciod an seòrsa caithe-beatha 'bhitheadh agad 
andèigh dhuit sin fhaicinn? Matà, cha n-f hada gus 
am faic thus' an dà shealladh mhòr sin. Na'n robh thu 
air do shìneadh ann an ifrinn fad aon bhliadhna, aon là, 
no aon uair, a' fulang na dòruinn sin mu'm bheil thu 
nis a' cluinntinn, nach dùrachdaeh, cùramach a labhradh 
tu, agus a dheanadh tu ùrnuigh chum an t-àit sin a 
sheachnadh ! Agus nach gabh thu focal fìrinn Dhia 
mar dhearbhadh air an dòruinn sin, mur fairich thu ì ? 
No na'n robh seilbh agad air glòir nèimh fad aon 
bhliadhna, nach deanadh tu saothair anabarrach mòr, a 
chum do sheilbh air a' ghlòir gun choimeas sin a chumail 
gu bràth ! 

Ach nach dubhairt m\ gu leòr? Mur dean so am 
peacach a dhùsgadh suas gu obair dhùrachdach a dhean- 
*mh airson a shlàinte fèin, faodaidh è tosd a chur air, 
agus 'fhàgail gun leisgeul, 'nuair a ghairmear è gu 
breitheanas Dhia. 'Nuair a gheibh ar càirdean bàs, cha 
dean focal, no gnìomh uainn-ne fèum idir dhoibh, ach a 
chum ar dàimh riutha agus ar bròn air an son a nochd- 
adh, ni sinn guil 'us caoidh air an son. Air an dòigh 
chèudna, matà, ni mise caoidh airson nan anamanan 
truagh sin a tha marbh anns a' pheacadh. Tha crith 



136 Ar Fe'um air a bhi gu dìchiollacìi 

air mo cnndhe smuameachadh orra 'n an seasamh 
nàraichte, tosdach an làthair an Tighearna ! 'Nuair a, 
their è riutha, " An è an saoghal, no Sàtan caraid a- 
b'f heàrr dhiubh na mise ? An ìad sin a's mò a rinn aii* ' 
bhur son na mise? Feuchaibh anis an urrainn ìad sin 
bhur sàbhaladh, no bhur duaiseachadh airson càll nèimh, 
no idir a bhi cho maith dhuibh 's a b'àill leams' a 
bhith." Ciod a their am peacach truagh ris na nithibh 
sin ? Ach ged nach èisd an duine sinn, faodhaidh sinn 
labhairt ri Dia, agus e'isdidh è. "0 Tighearn' a ghuil 
agus a rinn osna 'n ad' spiorad os-cionn Lasurais 
mhairbh, gabh truas ris na h-anamaibh marbh gun 
chìall sin ; thoir \ad gu guil 'us osnaich air an son fèin, 
gus an gabh ìad truas dhiubh-fèin ! Mar thug thu 
comas labhairt do d' sheirbhiseach, labhair fèin anis ; 
èisdidh ìadsan do ghuth-sa 'labhairt ri 'n cridheachan, 
nach è"isd rium-sa 'labhairt ri 'n cluasaibh. A Thigh- 
earna, is f hada bha thus' a' bualadh aig dorsaibh 
an cridheachan gu dìomhain ; bris anis na dorsan agus 
rach astigh." 

Ach buinidh do'n t-sluagh dhiadhaidh, os-ceànn nan 
uile dhaoine, a bhi gu dùrachdach, dìchiollach, sùrdail 
ag ìarraidh gu nèamh, agus a chum a nochdadh dhoibh 
carson is còir dhoibh saothair mhòr a dheanamh, bu 
mhìann leam 'fhaighneachd dhiubh, " ciod a' ghnè 
dhaoine 'bu chòir a bhi ànnta-san" a thagh Dia gu bhi 
'n an soithichean tròcair ? ìadsan a f huair am bioradh le 
goimh an dearmaid fein aig uair na h ùr-bhreith, fo 
ghèur agartas coguis, fo theagamh agus eagal, no ann 
an àmhuinn na trioblaid ? a dh'aidich peacaidbean an 
dearmaid gu tric do Dhia 'n an ùrnuigh ; agus a cheangail 
ìad-fèin ri Dia le iomadh cùmhnant. Ciod a' ghnè 
dhaoine 'bu chòir a bhi ànnta-san a tha cho fagus do 
Dhia ri cloinn a theaghlaich fèin ? a bhlais gur maith 
's gur milis ùmhlachd dhìchiollach a thoirt do Dhia? ìad- 
san 'us mòran diubh cho neo-chìinnteach ciod an staid 
anns am bi an anamanan tre àlaibh na bith-bhuantachd ? 
Ciod a' ghnè dhaoine 'bu chòir a bhi ànnta-san ann an 
naomhachd, agus an naomhachadh fathast cho neo-iom- 
lan ? ìadsan a dh-fhaodas, le deadh chaithe-beatha agus 
le ceart aire d' an dleasanasaibh, mìltean a therìrnadh, no 



ag ìarraian Jf'ois nan Naomh. 137 

le caithe-beatha mi-chùramach 'us dearmad dleasanais, 
mìltean a sgrios ; seadh, ìadsan air am bheil Dia fèin ag 
ìarraidh a ghlòir a chur air aghaidh ? — Do bhrìgh gu'm 
bheil na nithe sin mar sin, tha mis' a' sparradh ort, a 
Chriosduidh, ann an ainm do Mhaighstir, thus' a' cheist 
mhòr so a thoirt fainear agus 'f huasgladh, " Ciod a' ghnè 
dhaoine 'bu chòir a bhi annainn, ann an caithe-beatha 
naomh, agus diadhachd?" Pead. 3. 11. Agus freagradh 
do chaithe-beatha nis a' cheist, cho maith ri do 
theangaidh. 



Caibdeil VIII. 

Cionnus a dh-aithnieheas sinn ar Còir air Fois nan 
Naomh. 

Am bheil Fois cho glòrmhor sid cho faisg air làimh ? 
Agus nach ruig neach sam-bith air an fhois ud, ach 
sluagh Dhè? Ciamar, matà, a gheibhear a' chuid a's 
mò de shluagh an t-saoghail beò gu toilichte, gun 
chìnnteas aca air còir anns an f hois so, agus gun saoth- 
air cheart air-bith a dheanamh a chum a dhearbhadh 
am bheil, no 'm faod còir a bhi aca-san ìnnte? An 
dèigh do'n Tighearn sonas na rìoghachd glòrmhoir 
'fhosgladh suas cho làn shoilleir dhuinn — sonas air nach 
ruigear gu bràth ach amhàin leis na creidmhich ùmhal, 
dhìleas ; agus an dèigh dhà ìnnseadh cho soilleir ciod 
ìad na dòruinnean sin a bhithear a' fulang gu bràth ann 
an ifrinn leis a' chuid eile de'n t-saoghal, shaoilinn nach 
fhaigheadh a' mhuinntir, a tha 'creidsinn gu'm bheil 
sin uile f ìor gun teagamh, sìth no socair ànnta-fèin gus 
am bi \ad làn chìnnteach gur oighreachan ìad air an 
rìoghachd. A Thighearna, nach uamhasach a' bhoile 
so ! daoine, aig am bheil fìos gu'm feum ìad ann an ùin 
glè ghoirid a dhol astigh do aoibhneas, no do dhòruinn 
nach atharraichear gu bràth, a bhi fathast beò cho neo- 
shùimeil, neo-chìnnteach do thaobh na crannchuir a 
bhitheas aca, as ged bhitheadh ìad uile air an deanamh 
làn chìnnteach àisde, gun chunnart idir dhoibhl Am 



i38 Cionnus a dh-aitlinicheas smn 

bheilkd ? n an dìùsg, no 'n an cadal ? Cò air a tha ìad a' 
smuaineachadh ? Càit am bheil an cridheachan? Ma 
bhitheas cùis àraid aca ann an cùirt-lagha, nach cùramach 
a dh-ìarras ìad fios co dhiubh a thèid a' chùis leo, no 'n an 
aghaidh ? Na'n robh ìad ann an cunnart am beath' a chall 
fo bhìnn cùirte talmhaidh, nach cùramach a chìteadh ìad 
ag ìarraidh fios co dhiubh a bha ìad gu bhi air an saor- 
adh, no air an dìteadh, gu sònruichte na'm faodadh cùram 
mu'n cor a bhi 'n a mheadhon teàrnaidh dhoibh. 'I^uair 
a bhitheas ìad ann an tinneas glè chunnartach, faigh- 
nichidh gach aon diubh gu cùramach de'n dochdadair, 
"Dè' bhur barail dhìom? an saoil sibh an tig mi 
troimhe ? am fàs mì slàn arìst ?" Ach cha chuir ìad 
aon cheist mu shlàint an anamanan ; fanaidh ìad neo- 
chìnnteach do thaobh sin, toilichte gu leòr. Ma 
dh-ìarras tu air a' mhòr chuid de dhaoine " reusan an 
dòchais a ta ànnta," their ìad riut, " Tha Dia tròcaireach, 
agus bhàsaich Criosd airson pheacach." Cha n-ffcaigh- 
ear aca ach "rèusan" coitchionn mar sin, a dh-fhaodas 
neach sam-bith a thoirt. Ach cuir ìad a dhearbhadh an 
còir ann an Criosd, agus ann an tròcair theàrnaidh Dhia, 
agus cha n-urrainn ìad dearbhadh idir a thoirt air a' 
chùis. Na'n abradh Dia, no duine ri aon diubh, A 
dhuine, ciod an cor anns am bheil d' anam ? am bheil, 
no nach 'eil è air 'ath-ghineamhuinn, air a naomhachadh 
agus an d'f huair è maitheanas ? gheibhteadh è ullamh 
gu ràdh, mar thuirt Cain olc mu Abel a bhràthair 
fem, <( Cha n-'eil fhios agam, am mise fear-gleidhidh 
m' anama ? tha deadh dhòchas agam ; tha mis' ag earbsa 
m' anam' ri Dia ; bithidh mì cho maith dheth ri muinntir 
eile ; taing do Dhia, cha robh teagamh sam-bith agam- 
fèin rìamh mu shlàinte m' anama." 

Ach, dhuine, is ann agad-fèin a tha an t-aobhar 
teagaimh, a chionn nach robh teagamh riamh agad, agus 
a thuilleadh air sin, a chionn gu'n robh thu mi-chùramach 
'n ad' earbsa. Nach 'eil do bhriathran ag innseadh gu 
soilleir gu'n d'rinn thu dùr dhearmad air sluinte d'anama? 
Tha thu dìreach mar sgiobair a leigeadh leis an luing a 
rathad fèin a ghabhail fo na siùil sgaoilte, ag ràdh rithe, 
"gabh romhad ameasg nan creag, nan tònn 's nan gaoth ; 
tha mise 'g ad' earbsa ri Dia ; bithidh tu cho maith dheth 



ar Còir aìr Fois nan Naomh t 139 

ri soithichean eile." Nach uamhasach an eas-onoir sin 
do Dhia I neach a bhi mar sin a' gabhail air-fèm a bhi 
'g a earbsa fèin ri Dia, chum cleòc a chur air a dhear- 
mad fèin, no chum a mhi-chùram 'f holach ! Ma tha thu 
da rireadh a' cur d' earbsa ann an Dia, bithidh tu air 
do riaghladh agus air do threòrachadh le Dia, agus 
cuiridh tu d' earbs' ànn, mar tha e-fein ag òrduchadh 
dhuit. Tha Dia ag ìarraidh ort " tuilleadh dìchill a 
dheanamh chum do ghairm agus do thaghadh a dhean- 
amh cìnnteach." 2 Pead. 1. 10. Agus mar sin earbaidh 
tu às. Tha è nis ag ìnnseadh dhu\t anns an Sgriobtuir 
ciamar is còir dhuit cor d' anam' a rànnsachadh agus a 
dhearbhadh, agus mar dh-f haodas tus' a bhi air do 
dheanamh cìnnteach air a' chùis. Nach b' amaideach 
leat fear-astair a choisicheadh air aghaidh air rathad, 
gun f hios aige co dhiubh a bha è 'dol ceart no dochair, 
agus a theireadh, " tha mì 'an dòchas gu'm bheil mì 
ceart, gabhaidh mì romham, ag earbsa ann an Dia ?" 
Agus nach 'eil thusa ciontach anns an amaideachd sin, 
air d' astar a dh-ionnsuidh na sìorruidheachd ? Carson, 
matà, nach 'eil thu nis a' faotuinn amach am bheil, no 
nach 'eil thu air an t-sligh cheart ? am bheil do shaoth- 
air tarbhach no dìomhain, am fè'um thu saothair na's 
dìchiollaich' a dheanamh, no mur dean thu sin, slàint 
d' anam' a chall, agus a bhi air do sgrios ? Cionnus is 
urrainn thu smuaineachadh, no labhairt air an Dia uile- 
chumhachdach, gun uamhas ort, fhad 's a gheibhear 
thu neo-chìnnteach co aca is Athair no nàmhaid dhuit 
è, agus gun f hios agad nach bi a chumhachd mòr air 
'oibreachadh 'n ad' aghaidh ? 

No cionnus a smuainicheas tu le aoibhneas air Criosd, 
gun f hios agad am bheil, no nach 'eil d' anam air a ghlan- 
adh le fuil Chriosd, am bi thu air do shaoradh, no air do 
dhìteadh leis air " là mòr a' bhreitheanais ?" an è clach- 
stèidh do shonais, no an clach-thuislidh dhuit è leis am 
bi thu air do bhriseadh agus air do phronnadh gu rrìln 
dhus? Ciamar a dh-fhosglas tus' am Biòbull gun sgàth 
ort ? Nach bi gach duilleag dheth dhuit mar bha an 
sgrìobhadh ud air a' bhalla do Bhelsàsar, ach amhàin 
cho fad 's a gheibhear ì 'g a do thoirt gu do dhleasanas a 
dheanamh. 'Nuair a leughas tu mu na geallaidhean, cha 



J40 Cionnus a dh-aithnicheas sinn 

n-f hios duit an ruig thu-fèin air toradh aoin idir dhiubh. 
'Nuair a lèughas tu na bagairtean, cha n-f hios duit nach 
ì do bhìnn fèin a tha thu nis a' lèughadh. Cha n-iongant- 
ach idir ged is dearg nàmhuid thu do shearmonachadh 
soilleir, dìleas, dìan ; cha n-iongantach ged labhras tu gu 
suarach an aghaidh a' mhinisteir, mar a labhair Ahab an 
aghaidh an f hàidh, ag ràdh, " Tha fuath agam dhà, oir 
cha n-'eil e 'deanamh fàistneachd mu m' thimchioll idir 
air nithibh maith, ach air olc." 2 Eachd. 18. 7. 
Cionnus a nì, no 'dh-èisdeas tu ùrnuigh gun sgàth ort ? 
'Nuair a gabhas tu an t-sàcramaid, cha n-'eil f hios agad 
co aca bhitheas, no nach bi sin 'n a bheannachd dhuit. 
Ciod an sòlas a bheir caraid, onoir, tigh, no fearann 
Jhuit, gus am bi thu cìnnteach gu'm bheil beannachd 
Dhia agad leo sin, agus gu'm faigh thu fois maille 
ri Dia 'nuair a thrèigeas ìad sin thu ? Tairg ceòl, 
aodach grìnn, onoir agus sùgradh do phrìosanach 
ciontach, mu'n toirear amach a bhìnn, ach is beag aige 
na nithe sin uile, gus am faigh è flos am bi a bheatha 
air a caomhnadh ; is beag sòlas a bheir saoibhreas agus 
onoir dhà, ma tha fios aige gu'm feum è bàsachadh air 
an ath là. Shaoilinn, matà, gu'n tigeadh dhuits' a bhi 
anns an t-suidheachadh chèudna gus am faigh thu fìos 
air do staid shìorruidh. Shaoilinn nach f haigheadh tu 
sìth no fois, a là, no dh'-oidhche, gus am bi làn f hios 
agad air so. Nach fhaic thu cho sòlasach 's a tha 
sluagh Dhè a' gluasad air an t-sligh gu glòir, 'us tu-fèin 
gun dòchas maith idir agad gu'n ruig thu air glòir a 
chaoidh ? Nach cuir sin doilgheas air do spiorad anis ? 
Cionnus a smuainicheas tu air uair do bhais, 'us fios 
agad gu'm bheil è fagus duit, agus nach gabh è seach- 
nadh, no casgadh le ìnnleachd air-bith? Ma gheibh 
thu bàs an diugh, (agus cò aig a tha fios ciod a bheir 
là uaith ?) cha n-'eil thu cìnnteach co dhiubh a thèid 
thu do nèamh, no gu ifrinn. Agus cionnus is urrainn 
thus' a bhi subhach, gus am faigh thu mach' às a' 
chunnart so ? Ciod an ìnnleachd leis a cum thu do 
chridhe saor o eagal, 'nuair a smuainicheas tu air là 
mòr a' bhreitheanais, agus air lasraichean sìorruidh? 
Nach gabh thu " eagal mòr" ri cluinntinn mu'n là sin, 
mar ghabh Felics ? Ma ' chriothnaich an luchd- 



ar Còir air Fois nan Naonih t 141 

coimhid' agus ma chaidh iad an riochd mairbh 'nuair 
a chunnaic ìad aingeal a' carachadh na cloiche bho 
uaigh Chriosd,' ciamar is urrainn thusa smuaineachadh 
air a bhi beò maille ri deamhnaibh ann an ifrinn, gus 
am faigh thu cìnnteas bunaichte gu'n tèid thu às ? Is 
ro shocrach do leabaidh, no is ro chruaidh do chridhe, 
ma gheioìi thu fois ann an staid cho neo-chìnnteach. 

Mur gabhadh leigheas idir air an neo-chìnnteas 
chumanta so, a gheibhear aig mòran do thaobh an 
teàrnaidh, dh-fheumteadh giùlain leis, mar ghiùlainear 
leis gach aimhleas eile nach gabh seachnadh. Ach mo 
chreach ! is ann aig daoine fe*in — aig an droch dhearmad 
fèin — a gheibhear a' choire gu lèir. Cha n-àill leo an 
leigheas a ghnàthachadh. Is è fein- cheasnachadh, rànn- 
sachadh 'us dearbhadh staid a chridhe fèin arèir riaghailt 
an Sgriobtuir, an dòigh a's feàrr is urrainn duine sam- 
bith a ghabhail a chum fios cìnnteach 'f haotuinn air cor 
'anama fèin. An dara cuid, cha n-aithne do dhaoine 
nàdur agus luach an dleasanais so, no cha n-àill leo 
dragh a chur orra-fèin a dhearbhadh na cùise. Feuch 
co-thional anns am bheil nùle pearsa, agus is ro bheag 
a gheibhear ann, a bhuilich riamh aon uair air faotuinn 
amach an còir air nèamh le fèin-cheasnachadh dìleas, 
teànn. Feòraich anis de do choguis fèin, a lèughadair, 
cò an t-àm, agus cò an t-àit anns an d'rinn thusa gu 
beò-dhùrachdach do chridhe fèin a ghairm gu cùnntas 
an làthair Dhia, 'g a do cheasnachadh fèin arèir an 
Sgriobtuir, agus a' fiosrachadh amach am bheil, no nach 
'eil do chridhe air 'ath-nuadhachadh agus air a shòc- 
rachadh na's mò air Dia no air a' chreutair, air nèamh 
no air an talamh ? agus cuin a lean thusa air a cheas- 
nachadh so, gus an d'f huair thu mach do chor, a' toirt 
breith 'us bìnn ort-f&n arèir do chor ? 

Ach o'n is obair mhòr, luachmhor ì so, a ta gu ro 
thric air a mòr-dhearmad, feuchaidh mì dhuit anis — 
gu'm faod muinntir teachd le saothair gu làn chìnnteas 
air cor an anamanan, — Ciod a tha nis a' bacadh dhaoine 
bho 'n staid fèin a dhearbhadh agus aithneachadh ; — An 
dèigh sin ainmichear caochladh aobhar a chum do 
ghluasad gu tòiseachadh air d' f hèin-cheasnachadh, — 
agus caochladh seòladh, — le comharraidhean o'n Sgriob- 



142 Cìonnus a dh-aithnicheas sinn 

tuir leis am faod thus' a dhearbhadh agus aithneachadh gu 
cìnnteach, an ànn, no nach ànn de shluagh Dhè thu-fèin. 

1. Tha Focal Dè ag ìnnseadh dhuinn gu'm faod 
neach dearbhadh tìnnteach 'f haotuinn air a theàrnadh 
fèin, agus gur còir dhà sin ìarraidh le saothair. Tha 'n 
Sgriobtuir ag ìnnseadh dhuinn gu tric gu'n d'f huair na 
naoimh, a bha romhainn, fios air am f ìreanachadh agus 
air an teàrnadh sìorruidh fèin : tha sin air 'f hoillseach- 
adh anns na briathraibh so : — " Ge b'e neach a chreideas 
ann an Criosd, cha sgriosar è, ach tha a' bheatha 
mhaireannach aige." Ach bu dìomhain sin a ràdh 
mur b' urrainn neach aithneachadh ànn-fèin am bheil, 
no nach 'eil è nis a' creidsinn ann an Criosd. Tha 
eadar-dhealachadh mòr air a chur, anns an Sgriobtuir, 
eadar cloinn Dè agus cloinn an diabhuil : agus tha è ag 
àithneadh dhuinn " tuilleadh dìchill a dheanamh, chum 
ar gairm agus ar taghadh a dheanamh cìnnteach." Tha 
è a' dìan-sparradh òirnn ' sinn-fèin a cheasnachadh, 
agus a dhearbhadh, agus aithneachadh annainn-fèin, am 
bheil sinn 's a' chreidimh, agus am bheil Iosa Criosd 
annainn, mur daoine a chuireadh air cùl, no daoidh sinn.' 
2 Cor. 13. 5. Tha fòs àithntean an Sgriobtùir ag 
ìarraidh òirnn gàirdeachas a dheanamh do ghnàth, ar 
n-Athair a ghairm do Dhia, a bhi beò 'n a mholadh, 
gràdh a thoirt do theachd Chriosd, a bhi 'g ìarraidh a 
theachd an aithghearr, agus sòlas a ghabhail dhuinn-fèin 
ri luaidh air sin. Ach cò is urrainn aon de na nithibh 
sin a dheanamh gu toileach, mur 'eil è cìnnteach, ann 
an tomhas, gur leanabh do Dhia è ? 

2. Cha n-'eil teagamh nach 'eil Sàtan a' deanamh a 
chuid fèin ameasg nan iomadh bacadh a tha gu tric a 
cumail dhaoine bho dhleasanas an f hèin-cheasnachaidh. 
Ciod-air-bith cumhachd a ta aig Sàtan, no meadhon, uo 
inneal, no ìnnleachd a's urrainn a' bhèist a ghnàthach- 
adh, bi cìnnteach gu'n cuirear air obair ìad uile, chum 
thus' a chumail air d' ais o'n dleasanas so, seach gach 
dleasanas eile. Is duilich leis truaillidheachd nan 
daoine diadhaidh a bhi nis a' leaghadh às fo 'n aoibhneas, 
fo'n chmnteachd agus fo'n bhuannachd a gheibhear leo 
'n an ceasnachadh fdin gu tric, toileach, dìleas. Is maith 
a tha f liios aige, do thaobh nan daoine mì-dhiadhaidh, 



ar Còir air Fois nan Naomh ? 143 

na'n ceasnaicheadh aon diubh e-fèin gu durachdach, 
eadhon aon uair, gu'ra faigheadh ìad amach a chuil- 
bheirtean, agus an cunnart fein, agus raar sin gu'm 
faodadh ìad a dhol às uaith. Ciamar a b'urrainn è cho 
liuthad mìle crèutair a thoirt do ifrinn na'n robh fios 
aca, no na'n creideadh ìad gu'n robh ìad a' dol do'n àit 
sin ? Ach nach math a dh-f haodadh fios a bhi aca càit 
an robh ìad a' dol, na'm feuchadh ìad ri fios 'f haotuinn, 
agus solus glan an Sgriobtuir aca chum an cèum air an 
robh ìad a dheanamh soilleir dhoibh. Mur bi an ribe 
folaichte, thèid an t-eun às. Is seòlta, glic, tapaidh a 
ni Sàtan ìasgach air anamaibh ; cha leig è dhoibh an 
dubhan no 'n drìamlach 'fhaicinn idir, cha dean è 
fuaim a chuireas eagal orra, agus cha n-fheuch è idir a 
chruth gràda fèin doibh. Ach sèididh è càil an uilc 
astigh orra gun f hios doibh. Mar sin, saothraichidh è 
gu dìan a chum sluagh a chumail o èisdeachd shearmoin 
a rànnsaicheas an cridhe ; no chum am ministear a 
chumail o chobhair a thoirt doibh gu ìad-fèin a rànn- 
sachadh ; no chum am faobhar a thoirt de chlaidheamh 
an fhocail, ionnus nach eadar-sgair agus nach geàrr è ; no 
togaidh è air falbh an aire, no lìonaidh è ìad le claon- 
bhreth. Is maith a tha fios aig Sàtan, cò an t-sàbaid air 
am bi searmoin rànnsachaidh air a h-ullachadh leis a' 
mhinistear, freagarrach ri cor 'us easbhuidh cuid de'n 
luchd-eisdeachd, agus uime sin, ma's urrainn è, cumaidh 
è aig an tigh ìad air an là sin, no bheir è cadal orra 's an 
tigh-aoraidh, no goididh è air falbh am focal le ro 
chùram agus le briathrachas an t-saoghail ; no bacaidh è 
obair èifeachdach an f hocail air dòigh air-chor-eigin eile. 
Is luchd-bacaidh mòr eile air fera-cheasnachadh, 
sluagh aingidh. Tha ìad sin air iomadh dòigh a' tàladh 
muinntir gu mi-chùram. Fuathaich thusa droch eisemp- 
leir nan aingidh ; an cuideachd 's an còmhradh gàireach, 
spòrsail ; an gnàth dheigh air cùisibh saoghalta ; an 
sgallais 's am raagadh air muinntir dhiadhaidh ; an aom- 
adh, ambreugadh, ambuaireadh's ambagradh — tha gach 
droch bhuaidh dhiubh sin glè ullamh gu daoine neo- 
chaithriseach a thilgeil ann an suain na foise feallsa. 
Is gànn a dh-f hosglas Dia sùilean peacaich bhochd gu 
f heuchainn dà gu'm bheil è air an t-sligh dhochair, nach 



144 Cionnus a dh-aiihnicheas sinn 

grad-lè'um sgaoth de theaclidairean Shktain air, ag ìarr- 
aidh a mhealladh 's a thoirt air ais gu socair a ghabhail fo 
riaghladh a sheànn mhaighstir. " Ciod è so, a dhuine !" 
their ìad, " a bheireadh ort-sa teagamh air-bith a bhi 
agad mu do theàrnadh ? thusa 'bha beò cho maith agus 
nach d'rinn riamh cron air neach eile ? Tha Dia 
tròcaireach ; agus mur bi do leithid-sa air a theàrnadh, 
gu'n sealladh Dia air mòran eile ! Ciod a their thu ri 
do shìnnsearan ? Agus ciod a thig dhe do chàirdean 'us 
do choimhearsnaich a tha beò mar tha thusa ? An 
dìtear ìad sin uile ? Uainn è, uainn è, mur leig thu 
dhìot èisdeachd ris an t-seòrsa luchd-searmonachaidh 
sin, a bhitheas a' cur eagail air sluagh, cuiridh \ad às do 
chìall thu. Nach peacaich na h-uile dhaoine ? Agus 
nach do bhàsaich Criosd chum peacaich a theàrnadh ? 
Na cuireadh na smuaintean sin cùram ort gu bràth, agus 
èiridh gu maith dhuit." Och ! och ! tha na miltean 's na 
deich m\ltean air an cumail 'n an cadal, le druidheachd 
mar sin, fo mhealladh 'us fo mhi-chùram, gus an dùisg 
am bàs agus ifrinn \ad. Tha Dia ag èigheachd ris a' 
pheacach agus agìnnseadh dhà, " Is cumhann an dorus, 
is aimhleathan an t-slighe, agus is tearc \ad a ta 'g amas 
oirre : dearbh agus ceasnaich thu-fèin ; dean tuilleadh 
d\chill a chum a bhi cìnnteach." Tha 'n saoghal ag 
èigheachd, " Na bitheadh teagamh idir agad, na cuireadh 
na smuaintean sin dragh ort gu bràth." Ach cuimhnich 
thus', a pheacaich, anns a' chàs so, gur ò Criosd, agus 
cha n-\ad do shìnnsearan, no do choimhearsnaich, no 
do chàirdean, a bhitheas 'n a bhreitheamh ort mu 
dheireadh, agus ma dhìtear thu le Criosd, cha n-urrainn 
ìadsan do theàrnadh. Uime sin, nach 'eil eadhon c\all 
nàdurrach fè*in ag ìnnseadh dhuit nach ànn idir o 
bhriathraibh dhaoine talmhaidh, aineolach, ach o f hocal 
Dhè, is còir dhuit dòchas do theàrnaidh ìarraidh. Bu 
bhàs do Ahab sin ìarraidh ameasg nam fàidhean 
brosgulach. Is urrainn \ad sin le brosgul muinntir a chur 
anns an ribe, ach cha n-urrainn ìad \nnseadh ciamar a 
gheibhear às. " Na mealladh neach air bith sibh le 
briathraibh d\omhain : oir air son nan nithe sin tha 
fearg Dhe a' teachd air cloinn na h-eas-ùmhlachd. Na 
bithibh-se uime sin 'n 'ur luchd-comh-pàirt rìu." Eph. 5. 



ar Còir air Fois nan Naomh t 145 

Ach is ìad an luchd-bacaidh a's miosa, droeh cridh- 
eachan dhaoine fèin. Tha cuid cho dall, aineolach as 
nach aithne dhoibh idir ciod è sin fèin-cheasnachadh, ni 
mò is aithne dhoibh ciod a tha ministear ag cìallachadh 
'nuair a chomhairlicheas è dhoibh ìad-fèin a dhearbh- 
adh, no cha n-'eil ìad a' tuigsinn am fèum air sin. Is 
ann a their ìad, gur còir do gach duine a chreidsinn 
gu'm bheil a pheacaidhean air am maitheadh cheana, co 
aca 'tha, no nach 'eil, agus gur mì-cheart teagamh 
sam-bith a bhi aig neach air a' chùis so. No their ìad 
nach ruigear idir air dearbhachd, no nach 'eil mòr 
eadar-dhealachadh eadar aon duine seach duine eile, 
gurCriosduidhean sinnuileagus,airanaobhar sin, carson 
a chuireamaid tuilleadh dragh', no cùram òirnn-fèm mu 
thimchioll sin ; no cha n-aithne dhoibh brìgh an eadar- 
dhealachaidh a tha eadar am f ìrean agus an t-aingidh. 
Gheibhear am beachd air an ath-ghineamhuinn, cho 
brucach, lapach ri beachd Nicodèmuis. Their cuid 
nach cuir Dia eadar-dhealachadh idir eadar daoine anns 
a' bheatha ri teachd. Cuid a dh-èisdeas ruinn, ach sin 
uile na nì ìad : tha ìad cho fuar, rag-chruaidh as nach 
gabh ìad gu cridhe ni sam-bith a their sinn. Cuid air 
an lionadh suas cho mòr le fèin-spèis agus uabhar, as 
nach fhaodar a ràdh idir gu'm bheil ìadsan ann an 
cunnart air-bith, cosmhuil ri ceannaiche mòr-chuiseach 
leis nach b'f hìach comhairle ghlic a ghabhail o neach a 
dh-ìarradh air a leabhar-cùnntais fèin a chur ceart, no 
ri pàrantaibh ro bheadarrach nach creid 's nach èisd 
droeh-sgèul an aghaidh aoin de'n cloinnn fèin. Cuid 
cho ciontach as gu'm bheil eagal orra ìad-fèin a 
dhearbhadh, ach gidheadh cha n-'eil eagal orra às an 
dearbhadh uamhasach a ta gu cìnnteach a' feitheamh 
orra, air là mòr a' chùnntais. Cuid aig am bheil gràdh 
cho mòr do shlighibh a' pheacaidh, agus gràin cho mòr 
do shlighibh Dhia, as nach dàna dhoibh an giùlain fèin 
a dhearbhadh, air eagal gu'n èignichear ìad gus an 
cèum a's taitniche leo a thrèigsinn, agus an ce'um is 
fuathach leo a leantuinn. Cuid a' rìmachadh cho 
làidir nach atharraichear ìad o'n staid anns am bheil ìad 
gu bràth, as mar sin a' dearmad fèin-cheasnachaidh 
mar ni gun mhaith. O-na chaidh ìad sin cho fad air 

k 



146 Cionnm a dh-aithnicheas sinn 

seachran cheana, is fekrr leo an cunnart a sheasamh — an 
anamanan 'f hàgail fo chunnart a bhi càillte — coma ciod 
a thig dhiubh, na pilleadh ri Dia. Tha mòran arìst air 
an cur ann an dìan chabhaig cho mòr leis an t-saoghal 
as nach gabh ìad aon mhionaid a chum iad-f&n a 
cheasnachadh air an còir air fois nèimh. Cuid eile air 
an sacachadh cho mòr le lùnndaireachd spioraid, as 
nach f haighear ìad a' ceasnachadh an cridhe fèin uair 
sam-bith. Ach is è an creidimh feallsa agus an dòchas 
mealltach sin de'n goirear " dànadas," no " dàll-earbsa," 
an luchd-bacaidh a's cumanta agus a's cunnartaich' a 
ta ànn. Tha ìad sin a' deanamh greim air cridheachan 
na cuid a's mò de'n t-saoghal, agus 'g an cumail 
gun amharus agus gun smuain idir air an cunnart. 

Ach abair gu'm bheil neach anis a' buadhachadh 
thairis air an luchd-bacaidh sin uile, agus a' tòiseachadb 
air e-fèin a cheasnachadh, fèumaidh è 'thoirt fainear 
nach ruigear air dearbh-bheachd a dh-aon bhèum, no 
air ball. Tha ro mhòran 'g am mealladh fèin anns a' 
chùis so, tre aon, no aon eile de na h-aimhreitibh a 
dh-ainmichear anis : — 

Gheibhear aimhreit 'us dorchadas cho mòr ann an 
anam an duine, gu h-àraid duine neo-ìompaichte, as gur 
gànn is urrainn èìnnseadh ciod a thae-fèin a' deanamh, 
no ciod a ta ànn-fèin. Faic tigh anns nach f haighear 
ni sam-bith 'n a àit fèin, achna h-uile nithe thar a chèile, 
bun-os-ceànn, is duilich ìnnseadh ciod a tha dh-eas- 
bhuidh air ; mar sin gheibhear an cridhe anns am bheil 
na h-uile nithe ann an droch òrdugh. Is coigrich a' 
chuid a's mò 'n an dachaidh fè"in, is beag eòlas na 
muinntir sin air mèinn 'us gluasad an cridheachan fèin. 
Cha chleaclid ìad sin 'f haotuinn amach idir. larrraidh 
mòran breth a thoirt air an cor fèin, mu'm faigh ìad 
dearbhadh air. Cosmhuil ri breitheamh cealgach fo 
bhrìb, no brìbichte, a rànnsaicheas a' chùis mar gu'm 
àill leis breth chothromach a thoirt amach, an dèigh 
dearbhadh na cùis' a chluinntinn, geda rùnaich è roi 
làimh gu'n tè*id a' chùis leis an taobh a thug a' bhrìb 
dhà. Bithidh daoine mar sin, bàigheil, leth-bhreitheach 
riutha-fèin ; ullamh gu smuaineachadh nach 'eil am 
peacaidhean mòra ach beag, agus gur neo-ni am 



ar Còir air Fois nan Naomh t 147 

peacaidhean beaga ; agus gur obair gràis toradh an 
nàduir fèin. Their ìad raar thuirt an t-òganach ri 
Criosd, " Choimhid mi ìad sin uile o m' òige." Their 
gach aon diubh " Tha mi beartach agus air fàs ann an 
saoibhreas, agus gun fhèum agam air ni sam-bith." 
Taisb. 3. 17. Cha dean a' chuid a's mò de dhaoine 
ach leth an dleasanais airson an anamanan, ma ni ìad 
sin fèin. Mur gabh an dleasanas deanamh gu socrach, 
aithghearr, caillidh ìad am misneachd, agus sguirear 
dheth. A dh-easbhuidh eòlais air fìor nadur na 
diadhachd, gheibhear \ad 'g an ceasnachadh fèin le 
caochladh dearbhadh 'us riaghailt nach 'eil idir arèir 
teagaisg an Sgriobtuir. Cuid a' gabhail seachad air 
riaghailt an Sgriobtuir, agus cuid eile a' gabhail pàirt 
dì. Gheibhear ìad gu tric a' dol dochair anns an obair 
so, ag ìarraidh a deanamh 'n an neart fèin. B'àill le 
cuid an Spiorad Naomh a deanamh air an son, gun 
saothair idir a chur orra-fèin. Feuchaidh cuid eile 
rithe, gun chuideachadh air-bith ìarraidh o'n Spiorad 
agus gun snii ris. Gu cìnnteach cha n-urrainn ìad sin 
ruigheachd air dearbh-bheachd. 

Air uairibh, gheibhear luchd-bacaidh àraid a' cumail 
Chriosduidhean fìrinneach fèin o làn dearbh-bheachd 
sòlasach air an staid. Tha an dearbh-bheachd air a 
bhacadh gu tric le laigead an gràis. Is gann a dh-aith- 
nichear nithe beaga. Is leòr leis a' mhòr chuid do 
Chriosduidhean tomhas beag de ghràs, gun làn neart 
spioradail ìarraidh idir. Is è an leigheas a's feàrr air an 
laigead so, buanachadh ann an deanamh an dleasanais 
gus am meudaichear an gràs. Feith air an Tighearn 
ann an gnàthachadh nam meadhon a dh'òrduich. è, agus 
beannaichidh è thu, agus meudaichidh è gràs dhuit. 
Hò ! b'f hearr gu'm builicheadh Criosduidhean a' chuid 
a's mo de'n um sin air tuille gràis ìarraidh, a tha 
ìad a' buileachadh air smuaineachadh 'us faighneachd 
le teagamh ioraaganach, co dhiubh a tha gràs aca, 
no nach 'eil ! B'f heàrr dhoibh gu mòr a bhi gu beò-dhùr- 
achdach ag ìirnuigh airson tuille gràis, na bhi cho tric a' 
gearan air lughad an gràis. Guidheam ort, a Chriosduidh, 
thu so a ghabhail mar chomhairle bho Dhia. Creid gu 
^ian, dìleas, agus grkdhaich gu beò, blàth, agus cha 



1 48 Cionnus a dh-aithnicheas sìnn 

n-urrainn teagamh na's mò 'bhi agad mu do chreidimh 
'us do ghràdh, na tha aig duine blàth gu'm bheil è blàth, 
no aig duine làidir, shnntach gu'm bheil è beò. Tha 
Criosduidhean a' beagachadh an sòlais fèin, le sealltuinn 
na's mò agus na's trice ris na comharraidhean a ta nis 
agìnnseadh dhoibh ciod atha ànnta-fèin, na ris na riagh- 
ailtibh a ta gu soilleir ag ìnnseadh dhoibh ciod bu chòir 
dhoibh a dheanamh : mar gu'm bi an staid anns am 
bheil ìad, an dràst, an staid anns am biìad gu sìorruidh 
agus mur faigh \ad maitheanas anis, nach 'eil leigheas 
air an son. Nach b' amadan fear a laidheadh a' guil 
's a' caoidh nach 'eil è nis a' faotuinn maitheanais, agus a 
rìgh 'n a sheasamh fad na h-ùine làimh ris, agus a' tairgse 
maitheanais dhà, agus 'g a chomhairleachadh gu sin a 
ghabhail ? A Chriosduidh, cha chreidimh f ìreanachaidh 
do dhearbh-bheachd-sa air gràdh sònruichte Dhia dhuit, 
ach do ghabhail-sa ri Criosd — thusa Criosd a dhlù- 
ghabhail h-ugad, a chum do dheanamh ionmhuinn, 
gràdhach. Is feàrr dhuit gu mòr Criosd a ghabhail 
h-ugad, mar tha è air a thairgse dhuit, na bhi cho tric 
a' caitheamh hine ri teagamh co dhiubh a tha Criosd 
agad, no nach 'eil. 

Is chis iomagain eile do Chriosduidhean, na teagamhan 
sin a bhitheas ag ìadhadh orra, 'nuair nach f haigh ìad 
an gairdeachas sin a thig air uairidh le dearbh-bheachd, 
no 'nuair a chuirear dearbh-bheachd fèin an àit gàird- 
eachais. Ach c'uime 'chuireadh sin iomagain orra? 
Nach f haod leanabh a ràdh gur mac è, ach amhàin cho 
fad 's a bhitheas è 'faicinn fìamh-ghàire ann an gnìùs 
Athar, no 'cluinntinu briathran sòlasach a bheòil ? no 
nach 'eil an t-athair a bha aige roimhe 'n a athair cho 
caoimhneil, dìleas dhà fathast 's a bha è, ged nach f heaict- 
eadh f ìamh-ghàire air, no ged sguireadh a bhriathran 
aoibhneach ? Ciod air-bith a their, no ni athair, cha sguir 
a dhàimh 's a ghràdh d'a leanabh fèin. Agus mar sin, 
cha n-f hàilnich gràdh Dhia d'a chloinn fèin gu bràth. 

Gheibhear anamanan fo iomagain a ta gu tric ag 
èirigh o aineolas air a' mheadhon, no air an dòigh 
ghnàthaichte trid am bheil Dia a' toirt sòlais. Saoilidh 
ìad nach 'eil tuilleadh aca ri dheanamh ach 'ìarraidh, 
agus gu'm builich Dia orra gach ni mar their ìad-fèin. 



ar Cbir air Fois nan Naonih ? 149 

Ach fèumaidh ìad sin aithneachadh gu'm bheil brìgh 
an sòlais air a filleadh ann an geallaidhean Dhia, agus 
gur ann uatha sin a dh-f hèumas ìad sòlas a tharruing, 
cho tric 's a bhitheas sùil, no toil aca sòlas 'f haotuinn, 
agus sin le meòrachadh gu dìchiollach gach là air na 
geallaidhean ; agus le sin a dheanamh, faodaidh \ad dhil 
a bhi aca, gu'n compàirtich an Spiorad sòlas riutha. 
Is aon aoibhneas, aoibhneas nan geallaidhean, agus 
aoibhneas an Spioraid Naoimh. Aig cuid bithidh dùiì 
ri dearbh-bheachd na's mò, na's soilleire na tha Dia gu 
tric a' buileachadh. Fhad 's a bhitheas ìad ann an 
teagamh, saoilidh ìad nach 'eil dearbh-bheachd idir aca. 
Mar sin, cha n-'eil ìad a' toirt fainear gu'm bheil ìomadh 
cèum de dhearbh-bheachd ànn. Faodaidh tomhas na's 
mò dheth a bhi aig cuid na tha aig cuid eile. Ach 
cuimhnicheamaid, f had 's a bhitheas sinn an so, nach 
'eil "eòlas againn" ach " ann an cuid." 1 Cor. 13. 9. 
Agus gheibhear Criosduidhean, aig toiseach an turuis, a' 
gabhail sòlais dhoibh-fèm air bònn mì-fhreagarrach. 
Is minig a rinn anam gràsmhor sin — anam aig am bheiì 
bonn maith gun f hios aig air. Tha beatha aig naoidhean 
gun f hios aige-fe'in air ; agus tha iomadh ni mu 'thim- 
chioll nach 'eil e-fèin a' tuigsinn, ach cha dubhairt sin idir 
ìach 'eil è beò. Agus mar sin an (Jriosduidh, ged gheibh- 
,adh è easbhuidh 'n a cheud shòlas, cha n-f haod è idir a 
;ho-dhtmadh o sin gu'm bheil easbhuidh 'n a theàrnadh. 
Tha mòran air an cumail fo theagamh le laigead an 
jàduir. Is iomadh cridhe sìmplidh aig am bheil ceàtm 
ag, agus do nach aithne ciamar is còir dhà e-fèin a 
dhearbhadh. Aidichidh an seòrsa so luach nan geall- 
aidhean, ach cha dean ìad làn ghreim orra. Mur dean 
Dia fèin an reusan lag a chuideachadh air dòigh air- 
chor-eigin eile, is duilich 'fhaicinn ciamar is urrainn 
sìth shoilleir, chìnnteach a bhi aca. Is aobhar iomagain 
mòr agus ro chumanta do mhòran, \ad a bhi fathast ag 
altrum peacaidh aithnichte sam-bith. Tha sin a' lugh- 
dachadh an gràis, agus 'g a fhàgail na's duirche. A 
chuid nach mìll am peacadh, f agaidh è dorch ì. Thf 
obair a' ghràis air casgadh, far am bheil buaidh sam- 
bith aig peacadh air-bith : oir bithidh guth a' ghràis air 
a bhàthadh, ionnus gur gann a chluinnear è, f had 's 



15(7 Cìonnus a dh-aìihnicheas sinn 

leanas fuaim truaillidh a' pheacaidh so. Doilleirichidh 
dallaidh, no dùriaidh neul a' pheacaidh sùilean an anaraa, 
ionnus nach fhaic 'us nach mothaich è a chor fèin. 
Agus mu dheireadh gràinichidh è Dia air falbh o'n 
anam, agus mar sin f àgar è gun sòlas, gun chobhair an 
Spioraid. An dèigh sin cha n-urrainn neach sam-bith 
dearbh-bheachd a bhi aige gu bràth gus an trèig è am 
peacadh sin a ghràinich Dia agus a Spiorad air falbh 
às. Cha n-urrainn peacadh agus sith spioradail còmh- 
nuidh a ghabhail le chèile anns a' chridhe, oir chuir 
Dia dealachadh eatorra. Is dlomhain dhuit dùil a bhi 
agad ri sòlas, fhad 's a gheibhear àrdan, gràdh do'n 
t-saoghal, mìann na feòla, no cleachdadh mi-dhiadhaidh 
sam-bith air a chaidreachadh leat. f Ma chuireas duine 
suas iodholan dhà-fèin 'n a chridhe, agus ma chuireas è 
suas ceap-tuislidh 'aingidheachd fa chomhair a ghnuis ; 
agus ma thig è gu ministear no gu Dia, ag ìarraidh 
sòlais, an àit sòlas a thoirt dà, bheir Dia freagradh dhà- 
san a thig, arèir lìonmhoireachd 'iodholan.' Esec. 14. 3-9. 
So anis aobhar glè mhòr agus ro choitchionn eile, a 
ta gu tric a' fàgail muinntir gun sòlas, agus is è sin 
easbhuidh beo-oibre, easbhuidh a bhi gu beothail, dìleas, 
seasmhach ag oibreachadh a' ghràis a ta aca, biodh a 
thomhas beag no mòr. Mar a's mò do dhragh agus do 
dhìchioll a' dol tre do dhleasanas gach là, is ànn a's 
cìnntiche do chèum gu sòlas. Bheir Criosd gu pailt 
sìth agus sòlas dhoibh-san a bheir gu dileas ìunhlachd 
dhà-fèin. Misnichidh è a phobull ùmhal, dìleas le sìth 
agus sòlas. Agus ged nach 'eil ùmhlachd air-bth, a's 
urrainn ìad a thoirt, airidh air na beannachdan sin, 
gidheadh is ann ardir an dìchill, a ghnàthaichear leinn 
ann an deanamh ar dleasanais, a bhuilichear ìad mar is 
trice. Ma's beag do dhìchioll, is beag do shìth : ma's 
mòr do dhìchioll, is mòr do shith. Fèumaidh d' ùrnuigh 
a bhi air a lìonadh le creidimh agus beò-dhùrachd, cho 
maìth ri làn earbsa ann am fuil agus ann an eadar- 
ghuidhe Chriosd, ma's maith leat soirbheachadh. Agus 
mar sin bitheadh gach pàirt eile de d' ùmhlachd beò, 
blath, tric, dìchioilach. Ma dh-f hàsas tu foirmeil, fuar, 
gu h-àraid ann an ùrnuigh uaignich ri Dia, a' deanamh do 
dhleasanais amhàin arèir àbhaist, no cleachdhaidh, gun 



ar Cbir air Fois nan Naomh f 151 

lughdachadh idir air d' aoibhneas, is aobhar eagail gu'm 
bheil d' aoibhneas feòlmhor, no deamhnaidh. A bhàrr 
air sin, cha n-f haicear agus cha mhothaichear gràs leis 
an anam, ach am feadh a bhithear 'g a oibreachadh : 
air an aobhar sin, cha n-urrainn dearbh-bheachd a bhi 
aig an anam anns nach 'eil obair gràis ; oir ginidh 
easbhuidh deanadais, easbhuidh dearbh-bheaehd. Ach 
an uair a gheibhear an t-anam 'g a oibreachadh fèin 
air seirbhis ghlòrmhoir na diadhachd, thig mòr shòlas 
gu nàdurrach leis an obair sin. Nach milis, do-labhairt 
an gnìomh a bhi gu tric a' gràdhachadh Dhia Tha 'n 
t-anam a's mò gràs,* 'nuair nach 'eilear ag oibreachadh 
a' ghràis leis, cosmhuil ri inneal-ciùil grìnn air a dheadh- 
ghèusadh le teudaibh, nach dean ceòl na's feàrr na 
maide sam-bith eile, fhad 's a dh-f hàgar è gun a làimh- 
seachadh, ach an uair a làimhsichear 's a dh-oibrichear 
è le fear-ciùil sgilear, eòlach, ni è fuaim a's binne ceòl. 
Gheibh an t-anam tomhas sòlais o gach deadh ghnìomh, 
mar gheibhear blàs o theine, agus taitneas o sholus na 
grèine. Gach duine a ta fuar, is còir dhà oibreachadh 
gus am f às è blàth ; agus mar sin, gach neach aig nach 
'eil dearbh-bheachd, oibricheadh è leis gach gràs, no 
fàth-chothrom a thug Dia dhà, gus an teich gach teag- 
amh a ta aige. 

Is tric a gheibhear cuid a dh-easbhuidh sòlais 'n an 
anam, 'nuair a tha iad a' fulang fo throm-ìnntinn, no fo 
dhubh-bhròn. Tha è cho dualach do dhuine treibh- 
dhireach ann an dubh-bhròn, a bhi fo theagamh, fo eagal 
agus eu-dòchas, 's a tha è do dhuine tìnn a bhi ri 

* Gràs: fàbhar, sochair, tiodhlac aimsireil, no spioradail air a bhuil- 
eachadh gu saor re Dia air a' chinne-daoine. Anns an t-seadh sin, tha 
" gràs" aig gach neach a tha nis a' sealbhachadh tròcair o Dhia : mai 
tha solus na grèine, biadh 'us aodach, &c. Ach ann an seadh Sgriob- 
tuireil agus spioradail an fhocail, " gràs," gheibhear uile bheannachdan 
àrd, saoibhir, luachmhor an t-soisgeil. Is ìad cuid dhiubh sin ecuas 
slàinteil, ath-ghineamhuinn, f ìreanachadh, solus an Spioraid, rèite tre 
Ohriosd, dòchas na beatha maireannaich, maitheauae peaeaidh agus 
teàrnadh slorruidh, &c. Tha gach sochair dhiubh sin air a buileachadh, 
mar shaor ghràs, no a nasgaidh, le Dia tre Chriosd air na fior chreid- 
mhich, cha n-ànn air sgàth airidheaehd air-bith a ta ànnta-fèin, no «n 
lorg còir sam-bith a ta aca-fèia air aon sochair, ach amhàin air sgàth 
tròcair, no saor ghràs Dhia ann an Criosd. " Oir is ann le gràs (fàbhar 
Dhia) a ta sibh air bhur teàmadh, tre chreidimh ; agus sin cha'n ann 
uaibh-fèin : oir is e tiodhlac Dhè e." Eph. 2. 8.— KadaR. 



152 Cionnus a dh-aithnìcheas sìnn 

osnaich, no do leanabh sgread a dheanamh, 'nuair 
bhuailear è. Gu tric is beag a ni saothair a' mhinisteir, 
a dh-easbhuidh an lè*igh, ann an chis mar sin. Faodaidh 
tu an trom-ìnntinneach a chur sàmhach, ach cha 
n-uarainn thu sòlas a thabhairt dà. Faodaidh tu 
thoirt air aideachadh gu'm bheil tomhas gràis aige, 
ach cha n-urrainn thu a thoirt gu sòlas an sìthe. Is 
ainmig a mhaireas gach misneachd 'us comhairle mhaith 
a bheirear dhà air a chor, seach là no dhà. Gheibhear 
an duine dubh-bhrònach a' sìor-smuaineachadh 's a 
labhairt le grath air a' pheacadh, agus air corruich Dhia 
gun tuigsinn idir gur è leann-dubh, no galar a chuiri 
fèin, is ard mhàthair-aobhair do'n eagal, do'n bhuaireadl 
'us do'n smuairean so uile. 

3. So dhuit anis caochladh aobhar maith a chum di 
ghluasad agus do bhrosnachadh gu tòiseachadh gu) 
da.il air dleasanas an fh&n-cheasnachaidh, no air thu 
fèin a cheasnachadh ; agus guidheam ort aire cheart a 
thoirt do na nithibh a dh-ainmichear anis : — Tha è 
glè* f hurasda dhuit a bhi air do mhealladh mu do chòir 
air nèamh. Is mòr an àireamh a tha nis ann an ifrinn, 
nach do shaoil idir riamh gu'n robh an cridheachan air 
am mealladh, muinntir aig an robh mòr ghliocas tìmeil, 
agus a bha beò fo sholus glan an t-soisgeil, agus a bha 
gu tric a' searmonachadh an aghaidh mi-chùraim 
muinntir eile. Tha sluagh air am mealladh gu ro thric 
anns a' chùis so. Is è so cor na cuid a's mò de'n t-saoghal. 
Nach bu tearc an àireamh air an robh eagal breith- 
eanais, anns an t-seànn saoghal agus ann an Sòdom ! 
Iarraidh ach beag gach duine ann ar measg a bhi air a 
theàrnadh. Ach tha Criosd ag ìnnseadh dhuinn gur 
' tearc ìadsan a ta 'g amas air an dorus chumhang, agus 
air an t-slighe aimhleathain a ta 'treòrachadh chum na 
beatha'. Matà. 7. 14. Agus ma tha àireamh cho 
anabarrach mòr air am mealladh, nach tigeadh dhuinn- 
ne sinn-fèm a rànnsachadh gu dìchiollach, air eagal 
gu'm meallar sinn mar-an-cèudna ? Cha n-'eil ni sam- 
bith ànn a's cunnartaiche na muinntir a bhi air am 
mealladh mar so. Ma mheasas sluagh diadhaidh an 
staid fè*in na's miosa na tha ì, togaidh am mearachd 
sin bròn doiblì : ach cha n-urrainnear càinnt idir a chur 



ar Còir air Fois Naomh f 153 

air meud an aimhleis a thig air na h-aingidh thruagh. 
Bunaichidh è ìad ann an obair Shàtain. Fàgaidh è gun 
èifeachd meadhonan nan gràs doibh. Cumaidh è duine 
gun iochd a dheanamh air 'anam fèin. Càit am bheil 
ctiis air-bith eile cho àrd-luachmhor ri aire cheart a 
thoirt nach bi thu air do mhealladh, agus an lorg sin 
air do mhallachadh gu sìorruidh ? Agus cuimhnich ma 
eheadaicheas tu dhuit-fèin a bhi air do mhealladh gus 
an tig uair do bhàis, tha thu càillte gu brath. Faic 
mar sin matà, cia mòr do chunnart, agus ma's duine 
glic thu, rànnsaichidh tu do chridhe fèin a là 's a 
dh'oidhche, gus am faigh thu dearbh-bheachd air 
teàrnadh. Tuig cho beag 's a tha saothair an dleasanais 
so, ann an coimeas ris an dòruinn a thig o dhearmad a 
dheanamh air. Ni thu saothair 'us obair chruaidh, 
ghoirt o bhliadhna gu bliadhna, chum bochduinn thìmeil 
a sheachnadh, carson, matà, nach builicheadh tu beagan 
hine air fèm-cheasnachadh, a chum dol às o thruaighe 
shìorruidh ? Dearmaid an dleasanas so, agus is gànn is 
urrainn thu taitneas eile na's mò na sin a thoirt do 
Shàtan, no cron na's mò 'dheanamh ort-fèin. Is ì krd 
chrloch Shàtain, anns gach aomadh a bheir è dhuit, do 
mhealladh agus do chumail aineolach air do chunnart, 
gus an tilgear thu ann an lasraichean slorruidh ; agus 
carson a bhitheadh tus' a' cuideachadh leis an diabhul 
a chum thu-fèin a mhealladh ? Fhad 's a ni thu sin, 
tha thu dìreach a' deanamh na cuid a's mò de'n obair 
air a shon. Agus am bheil è airidh air do chuideachadh 
fèin a chum d' anam a mhallachadh? Is fagus an là air 
an ceasnaich Dia thu. Ged nach bitheadh agad ri 
sheachnadh ach àmhghar na beatha so fèin, b'f heàrr 
leat air an là 's an gairm Dia gu cùnntas thu, gu'n 
d'rinn thu do dhleasanas, a chum dol às o bhreitheanas 
an Uile-chumhachdaich. B'uamhasach a' ghairm do 
Adhamh, " C'àit am bheil thu ?" " an d'ith thu do'n 
chraoibh?" agus do Chàin, "C'àit am bheil do bhràthair?" 
" Cha 'n 'eil daoine a' toirt fainear 'n an cridhe (deir an 
Tighearn) gur cuimhne leam-sa an uile aingidheachd ; 
a nis chuairtich an gnìomhara fèin ìad air gach taobh ; 
tha \ad fa chomhair m' aghaidh-sa." Hos. 7. 2. 

Thoir f òs fainear cho milis 's a bhitheas toradh m 



154 Cionnus a dh-aithnicheas sinn 

fhèm-cheasnaehaidh so. Ma bhitheas tu cothromach 
agus diadhaidh, treòraiehidh sin thu dìreach gu dearbh- 
bheachd air gràdh Dhia. Mur 'eil thu mar sin fathast, 
bheir è trioblaid dhuit an dràst, ach aomaidh è do 
chridhe gu sonas, agus treòraichidh è thu mu-dheireadh 
gu dearbh-bheachd air do shonas. Nach taitneach an 
ni dhuit fios cìnnteach a bhi agad ciod a tha gu tach- 
airt dhuit an dè"igh so ? gu h-àraid ciod a tha gu tach- 
airt do d' anam ? ciod è an t-àit 's an staid anns am bi 
thu-fèm gu bràth ? Agus ma's taitneach eòlas fèm air 
a' chhis, nach mò gu mòr a's taitniche na sin an sòlas a 
gheibhear o chmnteas air teàrnadh ! Nach milis na 
smuaintean a bhitheas agad air Dia ! Bithidh a' mhòr- 
achd 's an ceartas sin uile a tha 'n an cùis eagail do 
mhuinntir eile, 'n an cùis aoibhneis dhuit-sa. Nach 
milis smuaineachadh air Criosd, air an f huil a dhòirt è, 
agus air na beannachdan a cheannaich è dhuinn le 'f huil ! 
Nach taitneach a gheibh thu focal Dè, agus nach ' mais- 
each leat cosan nan teachair a chluinneas tu 'g a shear- 
monachadh !' Nach milis dhuit na geallaidhean 'us tu 
cìnnteach gu'm buin ìad uile dhuit-fèin ! Bheir eadhon 
na bagairtean sòlas dhuit a' cuimhneachadh nach 'eil 
ad anis 'n a d' aghaidh fèin. Cia mòr an dànachd agus 
m sòlas a bhitheas agad, 'nuair a dh-f haodas tu " ar 
i-Athair" a ràdh, le làn ch\nnteas ! Bithidh suipeir an 
Tighearna 'n a cuilm ùrachaidh do d' anam ! Fàsaidh 
*ach tròcair eile, — na tròcairean a's lugha, — mòran na's 
mìlse dhuit. Cia sòlasach a dh-fhaodas tu nis a dhol 
:re gach àmhghar. Bithidh tu socrach ann an smuain- 
sachadh air a' bhàs, air breitheanas, air nèamh 'us air 
ifrinn ! Fàgaidh so thu beothail ann an obair an 
Tighearna, agus tarbhach, fèumail do gach neach mu- 
n-cuairt duit ! Cuiridh so spionnadh ann do bhuaidhean 
gràsmhor agus d' aignidhean uile ! Beothaichidh so 
d'aithreachas, lasaidh è do ghràdh, geuraichidh è do 
dheadh mhìann, agus daingnichidh è do chreidimh ! 
bithidh è 'n a thobar aoibhneis a' sruthadh annad an 
còmhnuidh, sàr-lìonaidh è do chridhe le tàingealachd, 
togaidh è suas thu ann an obair bhìnn, mhilis a' mhol- 
aidh, bheir è dhuit ìnntinn nèamhaidh, agus fàgaidh è 
thu buan-dhìchiollach anns na h-uile nithibh. Sin anis 



ar Còir aìr Fois nan Naomh. 155 

cuid de na toraidhean milis a thig o dhearbh-bheachd, 
agus dheanadhìad do bheatha mar nèamh dhuit air talamh. 
Is cìnnteach mise gur mòr brìgh agus rèusan nan 
aobhar ceasnachaidh sin uile, gidheadh, a lè'ughadair, tha 
ro eagal òrm gu'm faod thus' an leabhar so a chur 
seachad, mar nach biodh tuilleadh agad ri dheanamh 
ach so a lèughadh, agus nach buail thu idir air 
cleachdadh do dhleasanais. Ach smuainich thus' anis. 
Is ì so cùis a's mò luach dhuit-sà, — Co dhiubh a 
bhitheas tu gu sìorruidh beò air nèamh, no ann an 
ifrinn ! An so guidheam ort, matà, aìr sgàth d' anama 
fèin ; ni-h-eadh, ach tha mis a' sparradh ort ann an 
ainm mòr an Tighearna, na cuir dàil aon mhionaid 
na's f haide anns a' chùis. Buail air an obair air bàll. 
Gairm do chridhe fèin anis gu ctinntas ; agus gu dìan^ 
dùrachdach smuainich agad-fèin, ceasnaich thu-fèin, 
agus feòraich dhìot-fèin mar so : — " Am bheil è cho 
furasda, cho cumanta, agus cho cunnartach do shluagh 
a bhi air am mealladh ? Am bheil cho liuthad rathad 
meallaidh ànn ? Am bheil an cridhe cho cealgach 1 
Carson, matà, nach 'eil mis' a' rànnsachadh gach oisinn 
de mo chridhe fèin, gus am faigh mì fios air mo staid V 
An èudar dhomh a bhi gu h-aithghearr air mo dhearbh- 
adh an làthair caithir breitheanais Chriosd ? agus nach 
dearbh mì mi-fèin anis ? Ciod a thig dhìom an sin, ma 
bhitheas mì air mo mhealladh? Am faod fios a bhi 
agam air mo staid le beagan rànnsachaidh a dheanamh 
gu dìchiollach anis ? agus nach dean mì saothair ?" 
Ach theagamh gu'n obair thu, " Cha n-aithne dhomh 
ciamar a nì mì è." Ach ni mise do sheoladh anis. 
Ach mo chreach I bithidh mo sheòladh dìomhain, mur 
'eil thus' a' cur romhad a chleachdadh. Am bheil thu, 
matà, mu'n tèid thu ce'um na's f haide, anis a' gealltuinn 
an làthair an Tighearna, gu'm buail thu gun dàil idir 
air deanamh do dleasanais arèir gach seòlaidh a tha 
mis' a' dol a thoirt duit anis o f hocal Dè ? Cha n-'eil 
mì idir agìarraidh ni sam-bith do-dheante, no m\-rèusan- 
ach ort. Cha n-'eilear ag ìarraidh ort ach amhàin beagan 
uairean a bhuileachadh a chum fios 'f haotuinn ciod an 
staid anns am bith thu-fèin gu bràth. Na'n \arradh 
coimhearsnach, no caraid ort uair, no dà uair a chur 



156 Cionnus a dh-aithnicheas sinn 

seachad maille ris, a' labhairt air gnothach feumail sam- 
bith, is cìnnteach nach diùltadh tu sin ; agus an diùlt 
thu uair do d' anam fèin air a' ghnothach a's àirde luach ! 
Guidheam ort, matà, a' chomhairle so a ghabhail uam, 
mar gu'm bithinn 'g a toirt dhuit, ann an ainm Chriosd, 
air mo ghlùinibh ; agus thèid mì air mo ghlùinibh 
arìst, ag ùrnuigh ri Criosd gu'n deanadh è do chridhe 
rag aomadh a dh-ionnsuidh an dleasanais so. 

4. So anis seòladh dhuit, ciamar is còir dhuit thu-fèin 
a cheasnachadh : — Tilg amach o d' ìnntinn gach uile 
smuain agus gach uile chùram eile, chum nach 
bi d'ìnntinn air a h-ioma-luasgadh, no air a roinn 
leo. Is leòr an obair so fèin dhwit aig aon àm, 
gun smuain, gun obair sam-bith eile maille rithe. An 
dèigh sin crom thu-fèin sìos air do ghlùinibh an làthair 
Dhia, ann an ùrnuigh ris gu toileach, dùrachdach ag 
larraidh cobhair a spioraid, chum do chor a dheanamh 
làn shoilleir dhuit, agus a chum d' ìnntinn a shoillseach- 
adh anns gach cèum de'n obair so. Ròghnaich an t-àm 
s an t-àit a's freagarraiche. Gabh àit uaigneach, agus 
uair air nach cuirear dragh ort le ni sam-bith eile. Ma 
dh-fhaodar idir, gabh an uair so — ■ ■ anis an t-àm." 
Biodh agad ùr air d'chridhe, no ann an sgrìobhadh, 
cuid de'n Sgriobtuir anns am bheil cìtnntas air na 
naoimh, agus geallaidhean an t-soisgeil air teàrnadh, 
agus dean thu-fèin lkn-dearbhte gur fìrinn neo-mhear- 
achdach ìad. An dèigh sin, tòisich air a' cheist a chur 
riut-fèin. Ach cha n-e idir am bheil ni maith annad- 
fèin? no am bheil gràs beag, no mòr agad? Ach co 
dhiubh a tha, no nach 'eil gràs slàinteil — gràs teàrnaidh 
— annad, ann an treibh-dhireas ? Ma dhiìiltas do 
chridhe 'dhol air aghaidh leis an obair, na gabh idir 
diùltadh dheth, ach èignich air aghaidh è. Leig 
d'òrdugh air gu teànn. Gnàthaicheadh do rèusan a 
chumhachd os a chionn. Seadh, thoir àithn Dhia dhà 
agus spàrr air ùmhlachd a thoirt dì, air eagal tuiteam fo 
fheirg Dhè. Deanadh do choguis a cuid fèin de'n 
dleasanas so cuideachd ; agus na stad idir gus am bi do 
chridhe air a ghlèusadh airson na h-oibre. Gabh an 
aire nach leig thu le do chridhe, uair sam-bith, a bhi 
gu dìomhain a' caitheamh na h àine 'bu chòir dhà 



ar Còir air Fois nan Naomli ? 157 

'bhuileachadh gu dìchiollach air an obair so. Bitheadh 
agad-sa ri radh mar thuirt an Salmadair, " Rinn mi 
cainnt ri mo chridhe fèin, agus rànnsaich mo spiorad 
gu gèur." An neach a bheir buaidh air a chridhe fèin, 
bheir è buaidh maille ri Dia. 

Ach mur faigh thu thu-fèin stèidhichte an dèigh do 
shaothair uile, ìarr amach cuideachadh. Gairm air aon 
de shluagh Dhè", cha n-è aon a dh-fhaodas a bhi 
fathast gun " dearbh-bheachd," mar tha thu-fèin, ach 
duine diadhaidh, fiosrach, tuigseach, comasach, fìrinn- 
each, agus innis do chor dhà, agus ìarr a dheadh 
chomhairle chum do chuideachadh. Grabh a chomhairle 
airson d'anama, mar ghabhar comhairle dochdadair 
airson a' chuirp. Agus ged nach urrainn an cèum so 
do dheanamh làn chmnteach air teàrnadh, faodaidh è 
do chuideachadh, do neartachadh agus do sheòladh gu 
mòr ann an deanamh tuille saothair. Gabh a' cheart 
aire gu'm buanaich thu ann an obair an fhèm-cheas- 
nachaidh, a' cuimhneachadh an còmhnuidh nach urrainn 
comhairle duine sam-bith, air a feothas, ach amhàin do 
chuideachadh a chum saothair na's feàrr a dheanamh. 
Faodaidh a' chomhairle bhi glè mhaith, ach cha leòr 
sin idir dhuit-sa ; oir fèumaidh tu-fèin leantuinn gu 
seasmhach air an obair fo sheòladh na comhairle, agus 
gu h-àraid arèir na f ìrinn, gu bràth gus am faigh thu 
fios cìnnteach air an nì luachmhor a ta dh-easbhuidh 
ort. Nise, matà, cho luath 's a ch\ thu gu soilleir 
d'f hìor staid fèin, thoir amach bìnn ort-fèin, arèir do 
staid. Faic am f ìor Chriosduidh thu-fèin, no nach eadh ? 
Ach na bi idir grad, no cabhagach leis a' bhìnn so. 
Na dean sodal, no brosgul riut-fèin, agus na bi air do 
ghluasad le dubh eagal, no trom uamhas, ach dearbh do 
staid le briathran an Sgriobtuir agus le do rèusan, gu 
cùramach, stòlda, fìrinneach, arèir do choguis. Saoth- 
raich a chum do chridhe fèin a thoirt gu làn mhothach- 
adh air a chor, arèir na breith a thug thu mach air. 
Ma gheibh thu è gun ghràs knn, smuainich air do chor 
truagh. Ma tha è air 'ath-nuadhachadh agus air a 
naomhachadh, smuainich air an staid bheannaichte gus 
an tug an Tighearn thu-sa. Lean romhad ag altrum nan 
smuaintean sin gus an dean ìad lan ghreim agus 



IùS Cionnus a dh-aìthmcheas ainn 

drùigheadh air do chridhe : agus sgrìobh an cuimh- 
neachan so air clàr do chridhe. " Air leithid so a 
dh'àm, an ddigh dhomh mi-fèin a làn-cheasnachadh, 
f huair mis' amach gu'm bheil mo staid mar so, no mar 
sid." Bithidh am focal-cuimhne sin f ìor f hèumail dhuit 
an dèigh so. Na abair idir gur leòr na f huair thu mach 
cheana. Na earb às idir mar nach biodh fèum agad 
air tuilleadh dearbhaidh, ach rànnsaich do chor 'us do 
shligh gach la. Ma's èudar dhuit thu-fè'in a cheasnach- 
adh gu tric, na biodh idir droch mhisneachd agad. 
Mur 'eil thu fathast air d'ath-ghineamhuinn, thoir a' 
cheart aire nach abair thu idir nach f haod thu 'bhi air 
d' ath-ghineamhuinn an dèigh so. Na abair idir gu'm 
bi do staid an dèigh so, mar tha ì an dràst. Na abair 
idir " Tha mise mi-dhiadhaidh agus mar sin gheibh mì 
bàs : Is cealgadair mise, agus mar sin bithidh mì." 
Na tuit idir ann an èu-dòchas. Cha n-urrainn ni 
sam-bith ach do mhì-thoil fèìn do chumail o Chriosd. 
Gabhaidh è riut fathast, ma thig thu, ged bha thu 
roimhe so mi-chùramach, no ri cleasachd a' chealgadair. 

5. Ceadaich dhomh anis beagan chomharraidhean a 
„hoirt leis am faod thu do chòir air Fois nan Naomh a 
dhearbhadh. Cha n-ainmich mì ach a dhà dhiubh sin 
--eadhon, Dia a ghabhail mar d' àrd mhaith, — agus 
Criosd 'n a aonar a ghabhail gu toileach mar do Shlàn- 
sighear agus do Thighearn. 

Is è Dia fèin àrd shonas gach anam' aig am bheil còir 
tir an f hois so. Is è làn mhealtuinn glòrmhor Dhia an 
"hois so. Is Pàganach, agus fear-iodhoil-aoraidh suarach 
►ach neach nach gabh ri Dia, mar a mhaith àrd agus 
tìorruidh. Faighnicheam dhìot, matà, an è, uo nach è 
dn sonas a'a feàrr agus a's àirde leat an Tighearn a 
mhealtuinn ann an glòir ? An urrainn thu 'ràdh, " Is 
^ Dia mo chuibhrionn ? Cò th'agam anns na nèamhaibh 
ich thusa, agus an coimeas riut cha n-'eil neach air 
thalamh air am bheil mo dhèigh." Ma's oighre thus' 
air an f hois so, their thu sid. Ged bhitheas an fheòil 
agìarraidh taitneis dhi-fèin, agus an saoghal a' snàigeadh 
astigh air d'aignidhean, gidheadh ann am fonn ceart, 
gnàthaichte, suidhiehte d' ìnntinn agus d' aignidhean, is 
è Dia a's ànnsa leat na gach uile ni 's an t-saoghal, Is 



ar Còir air Fois nan Naomh f 159 

è crìoch do mhìann agus do shaothair uile. Is ann gu 
h-àraid a chum thu-fè'in a dheanamh cninteach às an 
f hois so, a dh-e'isdeas tu agus a ni thu ùrnuigh, agus a 
dh-iarras tu 'bhi beò air thalamh. G-ed nach 'eil thu 
'ga h-\arraidh cho trie, dìchiollach, dìan as bu chòir 
dhuit, gidheadh is ì àrd chuspair do dhèigh agus 
d'oidhirpean uile, agus cha n-ìarrar agus cha n-f heàrr 
leat cuspair sam-bith eile air thoiseach oirre. Cha 
chruaidh, searbh leat saothair air-bith a's urrainn thu 
nis a dheanamh air a son. Agus geda dh-f haodas an 
fheòil crùbadh, no sgàth a ghabhail air uairibh, fo'n 
t-saothair so, gidheadh fathast tha thusa gu toileach a' 
cur romhad seasamh an aghaidh gach dosguinn gus an 
toir thu buaidh. Bithidh meas cho àrd agad air an 
f hois so, agus gràdh dhì cho mòr, as nach tugadh tu 
do chòir oirre agus do dhòchas ìnnte airson rìl 's an 
t-saoghal, no airson an t-saoghail so uile. Ged theireadh 
Dia riut, So dhuit air aon làimh, toil-ìnntinn shìorruidh 
air thalamh, agus air an làimh eile, fois nan naomh air 
nèamh, agus gabh do roghainn dhiubh, dhiultadh tu an 
toil-ìnntinn thalmhaidh, agus ròghnaicheadh tu an 
fhois nèamhaidh. 

Ach mur 'eil thu fathast air do naomhachadh, is 
feàrr leat ann do chridhe, sonas an t-saoghail so na 
Dia ; agus geda dh-f haodas do bhèul a ràdh gur è Dia 
an t-àrd mhaith, cha n-è sin idir barail do chridhe. 
Oir is ann an dèigh an t-saoghail a tha do mhìann 'us 
do shaothair uile. Tha do chridhe dìreach bunaichte 
air an t-saoghal. Tha do chùram agus do shaothair air 
am buileachadh air do chreideas agus air do thaitneas- 
aibh feòlrahor. Is beag a dh'ìarr thu riamh a thuigsinn 
de ghlòir neo-f haicsinnich sin an t-saoghail eile. Is beag 
a chunnaic thu de àileachd na glòire sin, agus mar sin, 
is beag saothair a rinn thu airson fois na glòire.^ Ma 
rinn thu saothair idir air a son, bu bhochd, mi-thoileach 
ì. Bha thu dùrachdach, cùramach, dìchiollach ann an 
deanamh seirbhis do'n t-saoghal, ach bu leòr leat 
beagan smuaintean fuar, fànn, mi-churamach a bhuil- 
eachadh air seirbhis Dhia, 'nuair nach robh an saoghal 
a' gairm ort. Leigeadh tu leis a' ghnothach aimsireil 
'bu lugha seasamh eadar thu agus obair Dhia. Bu leòr 



160 Cionnus a dh-aithnicheas sinn 

leat fuighleach an t-saoghail a thoirt do Dhia, ma thug 
thu dad idir dhà. Cha d'rinn thu airson nèimh ach n& 
f huair thu fèumail, taitneach a chum do chuid, do chlih 
agus do bhuannachd a chumail riut air thalamh. Faod- 
aidh tu beag&n a dheanamh airson Dhia an dràst agus 
arìst, 'nuair a cheadaicheas an saoghal dhuit, air eagal 
gu'n tilgear do ifrinn thu an dèigh do bhàis. Ach an 
urrainn thu-fèm a ràdh gur seirbhis dlùleas sin do Dhia ? 
Ach ma theirear an fhirinn, is ro theànn leat òrdugh 
Dhe, agus an lorg sin cha n-àill leat gnkth-ghluasad 
agus saothair a dheanamh arèir riaghailt an t-soisgeil, 
agus an uair a dhearbhar thu gu cnàimh do dhroma 
'dh-fheuchainn co aca is feàrr leat Criosd, no do shonas 
saoghalt' a thrèigsinn, gheibhear thus' a' dol leis an 
t-saoghal 's a' dihltadh ùmhlachd a thoirt do Dhia. Na'n 
ceadaicheadh Dia dhuit a bhi beò gu bràth ann an 
slàint 'us saoibhreas air thalamh, b'ànnsa leatsa sin na 
fois nan naomh. Iarradh ìadsan leis an àill gu nèamh, 
ach is è sid sonas a b'fheàrr 's a b'àirde leat-sa. So 
anisdo chor, mur 'eil thu fathast air d' ath-ghineamhuinn, 
no air d' ath-breith, — mur 'eil do chridhe air 'athar- 
rachadh o staid nàduir gu staid naomhachd, — tha thu 
gun chòir ann am fois nan naomh. 

Ach ma tha thu nis a' socrachadh do chridhe air Dia, 
mar d' àrd mhaith, gabhaidh tu gu toileach, taitneach 
ri Criosd mar do Shlànuighear agus do Thighearn a 
chum do threòrachadh a dh-ionnsuidh na foise so. Anns 
a' cheud chomharradh bha shim " na ceud àithne agus 
na h-àithne mòire," eadhon àithn an lagha, " Gràdhaich- 
idh tu an Tighearn do Dhia le d' uile chridhe." Agus 
anns an dara comharradh so, a bheir mì dhuit anis, tha 
shim àithn' an t-soisgeil, " Creid anns an Tighearn Iosa 
Criosd, agus tèarnar thu." Agus is è an dà àithn sin a 
choimhlionadh, an diadhachd agus an creidimh Criosd- 
ail uile. Is mineachadh so air creidimh. Am bheil 
thus' a' tuigsinn gur peacach ckillte thu do thaobh 
nàduir, agus air do dhìteadh an lorg do bhriseadh air a' 
cheud chhmhnant? Am bheil thus' a' tuigsinn gur è 
losa Criosd an t-eadar-mheadhonair a thug làn rìarach- 
adh do'n lagh ? agus air dhuit a chluinntinn anns an 
t-8'jisgeil gu'm bheil è air a thairgse gu saor do na 






ar Còir air Fois nan Naomh f 161 

h-uile dhaoine, am bheil thu gu toileach a' dlu-ghabhail 
ri Criosd 'n a aonar, raar do Shlànuighear, gun earbsa 
sam-bith a chur ann an obair, no ann an dleasanas air- 
bith a ni thu-fèin, ach amhàin mar mheadhonaibh air 
an òrduchadh fo làimh Chriosd. Am bheil thus' ag 
amharc air gach obair, dleasanas, no gnìomh a nì thu- 
fèin, mar nithe nach 'eil comasach ann an tomhas air- 
bith air gairm an lagh' a rìarachadh agus a mhallachd 
a thoirt air falbh, no mar nithe anns nach 'eil fìreantachd 
laghail air-bith? Ara bheil thu toilichte teàrnadh 
d'anam' earbsa ris an t-saorsa mhòir a choisinn Criosd ? 
Am bheil thu mar-an-ce'udna toilichte Criosd a ghabb- 
ail mar do Thighearn agus do Rìgh, a chum a bhi air 
do rìaghladh agus air do threòrachadh le lagh agus le 
spiorad Chriosd ? Am bheil thu toileach agus ullamh gu 
ùmhlachd a thoirt do àithn Chriosd, eadhon an uair a 
chuireas è na dleasanais a's truime agus a's cruaidhe 
mu do choinnimh, seadh, na dleasanais a's mì-thaitniche 
do chàil na feòla ? Am bi doilgheas ort, am brònach 
leat, ma thuiteas dhuit do rùn suidhichte mu aon de na 
nithibh sin a bhriseadh uair air-bith, agus an aoibhneas 
mòr dhuit an coimhead gu ceart, agus fìor ùmhlachd a 
thoirt do Chriosd ? An neach thu nach trèigeadh do 
Thighearn agus do Mhaighstear airson an t-saoghaU 
uile ? Ma's fìor Chriosduidh thu, bheir do chridha 
freagradh glan do na ceistibh sin uile. Ach ma's 
cealgadair thu, cha taitinn ìad idir ri do chridhe truagh. 
Faodaidh tu rt Mo Thighearn" 'us " mo Shlànuighear" a 
ghairm do Chriosd, ach cha n-fhaca tu riamh gu'm 
bheH thu càillte gun Chriosd, cha d'ìarr thu è agus cha 
d'earb thu as mar do Shlànuighear, a' creidsinn nach 
urrainn thu idir a bhi air do theàrnadh ach trìd-san 
amhàin. No cha d'aontaich thu leis gu toileach, a' 
tabhairt suas d' auam' agus do bheatha dhà gu bhi gu 
bràth air an ceànnsachadh agus air an riaghladh leis : 
ni mò 'ghabh thu focal agus lagh Chriosd, a chum do 
smuaintean agus do ghnìomhran a riaghladh arèir a 
thoile. Faodaidh gu'm bu mhaith leat a bhi air do 
theàrnadh o ifrinn le Criosd, 'nuair a ghlacas am bàs 
thu, ach an drast cha n-àill leat ùmhlachd a thabhairt 
dà, no e-fèin aideachadb idir mar do Thighearn, ach 



lbz uionnus a dh-aithnicheas smn 

amhàin cho fada 's a fhreagras sin do d 1 thaitneas agus 
do d' bhuannachd shaoghalta. Agus na'n ceadaicheadh 
è sin dhuit, b'f heàrr leat a bhi beò gu bràth arèir an 
t-saoghail agus arèir na feòla, na idir arèir an f hocail 
agus an spioraid. Faodaidh tu, air uairibh, a dhol cèum 
no dhà le Criosd, ach tha rùn 'us mìann cumanta do 
cridhe suidhichte air nithibh aimsireil — cuspairean a's 
ànnsa leat na Criosd. Agus air an aobhar sin, cha n- 
fhìor Chriosduidh thu. Cha n-'eil thu fathast a' fior- 
chreidsinn ann an Criosd. Ged tha thu 'g a aideachadh 
le do bhriathraibh, ' tha thu ann an oibribh 'g a àieheadh, 
air dhuit a bhi gràineil, agus eas-ùmhal, agus a thaobh 
gach deadh oibre £s èugmhais tuigse.' Tit.l. 16. Is 
è sin anis cor na muinntir a dhùinear amach o f hois 
nan naomh. 

Thoir fainear, is è aonta do chridhe, no do thoil a 
thathas ag ìarraidh a rànnsachadh gu h-àraid. Cha 
n-'eilear a' faighneachd dhìot an so, am bheil dearbh- 
bheachd agad air teàrnadh, no an urrainn thu 'chreidsinn 
gu'm bheil do pheacaidhean air am maitheadh, agus 
gu'm bheil thu ionmhuinn le Dia agus le Criosd ? Cha 
phàirtean na nithe sin idir de chreidimh fìreanachaidh, 
ach toraidhean maiseach a' chreidimh sin. Iadsan a 
gheibh na nithe sin, bithidh ìad air an deanamh sòlasach 
leo, ach theagamh nach f haigh thus' ìad gu bràth anns 
a' bheatha so, agus gidheadh faodaidh gur oighre fìor 
thu air an fhois so. Na abair idir matà, " Cha n-ur- 
rainn mis' a chreidsinn gu'm bheil mo pheacaidhean air 
am maitheadh, no gu'm bheil mì taitneach do Dhia, 
's an lorg sin cha n-fhìor chreidmheach mì." Na tilg 
thu-fèin idir anns a' mhearachd sin. Is 1 so a' cheist, — 
Am bheil thusa gu toileach a' gabhail ri Criosd, a chum 
gu'm bi d' uile pheacaidhean air am maitheadh dhuit, 
gu'm bi thu air do dheanamh rèidh ri Dia, tre Chriosd, 
agus mar sin air do theàrnadh ? Am bheil thu làn toil- 
each Criosd a ghabhail, agus anis 'g a ghabhail mar do 
Thighearn, a cheannaich thu, agus a bheir do nèamh 
thu 'n a rathad fèin ? Sin anis creidimh fìreanachaidh 
agus creidimh teàrnaidh, agus an comharradh leis am 
fèum thusa thufè'in a dhearbhadh. Ach thoir fainear 
fathast. fèumaidh an t-aontachadh so uile a bhi %r, 



ar L'dir air Hois nan JSaomfi t 163 

toileach, deònach, slàn ; cha n-ann cealgach, feallsa, 
faoin ann an tomhas air-bith. Cha n-f haodar a ràdh, mar 
thuirt am mac cealgach, " Thèid mì, a Mhaighstir." 
Agus an dèigh sin, cha deachaidh è. Ma tha do 
chridhe na's suidhichte air ni, no neach eile, na tha è 
air Criosd, cha dheisciobul dà thu, cha n-ann de shluagh 
Chriosd thu. Is cìnnteach mise gu'm faighear an dà 
ckomharradh sin aig gach f ìor Chriosduidh, agus nach 
f haighear \ad aig neach air-bith ach fìor Chriosduidh. 
O matà, gu'n deanadh an Tighearn thus' aomadh anis 
gu thu-fèin a làn-dhearbhadh, chum nach criothnaich 
d' anam le uamhas, 'nuair a dhearbhar thu le Breitheamh 
an domhain uile, ach gu'n dean sùil ri teachd bais agus 
breitheanais do spiorada bheothachadh, agus do lìonadh 
le aoibhneas I 

Agus anis, a Chriosduidh, leis an àill sòlas agus sonas 
'f haotuinn nach meall ort agus nach trèig thu gu bràth, 
is è gnothach àraid do bheatha, saothair mhòr a dhean- 
amh chum fàs ann an gràs, cumhachd Chriosd a 
mheudachadh agus àrdachadh 'n a d' anam, agus cumh- 
achd na feòla a lagachadh agus a chlaoidh. Na leig 
dhuit-fèin a bhi air do mhealladh le smuaineachadh gu'n 
d'rinn Criosd na h-uile nithe air do shon, gun ni sam- 
bith fhàgail agad-fèin ri dheanamh. Agad-sa tha ri 
buaidh a thoirt air an diabhul, air an t-saoghal agus air 
an fheòil, agus a chum sin a dheanamh, fèumaidh tu 
caithris a dheanamh agus seasamh fo d' armachd an 
còmhnuidh, a' sìor-chogadh gu foighidneach, trèun, gus 
am faigh thu crùn na beatha. Is ann le caithe-beatha 
mar sin a's feàrr agus 'a's luaithe a ruigear air dearbh- 
bheachd air ar slàint sMorruidh. Sibhse 'tha air bhur 
baisteadh, agus sibhse, a phàrantan, a thainig astigh fo 
bhòid a' bhaistidh do Dhia, ciamar a choimhlionas sibh 
bhur gealladh do Dhia, agus eiamar a sheasas sibh 'n a 
làthair le sòlas, an dèigh uair bhur bàis, agus air là mòr 
a' bhreitheanais, mur faighear sibh an diugh gu fritheil- 
teach, riaghailteach a' feitheamh air na meadhonaibh 
naomh sin a dh'òrduich Dia chum bhur sonas sìorruidh 
a chur air aghaidh ? Ge-b'-e neach nach 'eil gu seas- 
mhach, dìchiollach ri saothair airson anama fèin, air 
gach là sàbaid 'us seachduin, cha Chriosduidh idir è. 



164 J S è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile 

Cha n-'eil 'n a chreidimh, ma tha creidimh idir aige, ach 
sgleò. Cha n-ànn idir do gach neach a chreideas gu 
dìomhanach, dàDa, ach i' do 'n tì a bhuadhaicheas a 
bheir Criosd r' a itheadh do'n mhana fholuichte, agus 
bheir è dhà clach gheal, agus air a' chloich ainm nuadh 
sgrìobhta, nach aithne do neach air-bith ach do'n tì a 
gheibh ì ; ithidh e do chraoibh na beatha, a tha ann am 
meadhon parrais Dhè, agus cha chiùrrar leis an dara bàs 
e. Aidichidh Criosd ainm-san am fianuis 'Athar, agus 
am fianuis aingle-san, agus nì se e 'n a phost ann an 
teampull Dhè*, agus cha tèid e ni 's mò amach às, agus 
sgrìobhaidh e ainm a Dhè air, agus ainm caithreach a 
Dhè, a's ì Ierusalem nuadh, a thig a nuas o nèamh o a 
Dhia ; agus sgrìobhaidh e ainm nuadh fèin air. Seadh, 
" bheir e comas dhà suidhe maille ris air a rìgh-chaithir, 
amhuil f òs a bhuadhaich e-fèin, agus a shuidh e maille 
ri 'Athair air a rìgh-chaithir-san. An tì aig am bheil 
cluas, èisdeadh e ciod a ta an Spiorad ag ràdh ris na 
h-eaglaisibh." Taisb. 2. 7, 11, 17 : agus Caib. 3. 



Caibdeil IX. 

$è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile 'mhisneachadh 
gus an Fhois so ìarraidh. 

Am bheil duais cho ghlòrmhor ri Fois nan Naomh 
air a cur romhainn le Dia, agus an d'rinn è sinne 
comasach air sonas cho do-mheasraichte 'f haotuinn ? 
Carson, matà, nach 'eil clann na rìoghachd so a' saoth- 
rachadh na's mò, chum muinntir eile 'thoirt a dh-ionn- 
suidh na foise so ? carson nach 'eil sinn 'g an cuideachadh 
na's mò, chum an treòrachadh gu sonas cho mòr a 
mhealtuinn ? Mo chreach ! nach beag sùim a gheibhear 
a' chuid a's mò dh\nn a 1 gabhail do anamaibh bochda 
mu-n-cuairt duinn ! Tha sinne 'faicinn glòir' na rìogh- 
achd, ach cha n-'eil ìadsan : tha sinne 'faicinn truaighe 
na muinntir a tha mach àisde, ach cha n-'eil ìadsan , 
tha sinne 'g am faicinn a' dol fad air seachran o'n 



a mhisneachadh gus ati Fhois so ìarraidh. 165 

t-sligh, agus tha fios againn mur pillear aiv an ais \ad, 
nach tig \ad a dh-ionnsuidh na slighe gu bràth, oir cha 
n-aithne dhoibh-fera an t-sligh gu fois. Nach tigeadh 
dhuinn-ne, matà, am mearachd 's an cunnart 'f heuch- 
ainn doibh gu cùramach, agus oidhirp a thoirt, leis 
gach cuideachadh ann ar comas, air an cur anns an 
t-sligh mhaith, chum gu'm mair ìad beò ? Och, is tearc 
a gheibhear Criosduidhean a tha tric a' saothrachadh, 
arèir an uile chomais, a chum anamanan a shàbhaladh I 
Neor-thàing dhuinn-ne, mur bi nèamh falamh, agus mur 
caillear anamanan ar bràithrean. A' faicinn, matà, cho 
àrd-f hè'umail 's a tha 'n dleasanas so, chum glòir Dhè, 
agus sonas dhaoine peacach a chur air aghaidh, m\nich- 
idh mì — Ciamar is còir a dheanamh, — Carson a tha è 
air a dhearmad cho mòr; — agus an dèigh sin, bheir rnì 
beagan carailean a chum sluagh aomadh gus a dheanamh. 

I. Is è dleasana,s gach Criosduidh a bhi gu tric a' 
cuideachadh 's a' misneachadh muinntir eile chum an 
toirt gus an còir air fois nan naomh aithneachadh, ach 
cha n-'eilear idir a' cìallachadh le sin gur còir do gach 
Criosduidh a bhi 'n a shearmonaiche follaiseach, no 
'dhol aon chèum thairis air crìochaibh na gairme sòn- 
ruichte a ta aige, no taobh-spiorad (party spirit) àrach, 
no aon f hocal a ràdh an aghaidh mearachdan dhaoine 
air an culaobh, gun labhairt idir riu-fera anns an aoduinn. 
Cha n-è sin idir nàdur an dleasanais so. Is è nàdur 
àraid an dleasanais so — Truas ri anamaibh truagh ar 
co-chrèutairean, — Gach fàth-chothrom a ghlacadh a 
chum an teagasg ann an sligh na slàinte, — Am buann- 
achd a chur air aghaidh le meadhonaibh follaiseach 
nan gràs. 

Bitheadh, matà, truas ann ar cridhe ri anamaibh 
truagh ar co-chrèutairean. Bitheamaid iochdmhor 
riutha, agus ìarramaid gu beò-dhùrachdach an aiseag 
gu slàinte. Ma bhitheas fadachd dhùrachdach òirnn 
airson an ìompachaidh, agus ma bhitheas ar cridheach- 
an èudmhor gu maith a dheanarah dhoibh, tòisichidh 
sinn'air an obair, agus beannaichidh Dia ar saothair. 

Fe'umaidh sinn gach f àth-chothrom ann ar comas a 
ghabhail, a chum a theagasg dhoibh cionnus a dh-f haodas 
\ad ruigheachd air teàrnadn. 'Nuair a choinnicheas tu 



166 \8 è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile 

neach aineolach dean saothair a chum a thoirt air a 
thuigsinn ciod è ard shonas an duine. Ciamar a chàill 
c am f ìor shonas a bha aige air tùs. Ciamar a bhris è 
an eùmhnant a rinn Dia ris. Ciod am peanas a tha è 
nis a' toilltinn an lorg a' bhrisidh sin, agus meud na 
truaighe sin a thug è air-fein le tuiteam air falbh o Dhia. 
Teagaisg dhà a mhòr f hèum air Fear-saoraidh ; tròcair 
mhòr Chriosd ann an teachd a shaoradh dhaoine ; mar 
phàidh è am peanas a thoill ìad ; ciod è brìgh a' co- 
cheangail nuaidh ; ciamar tha daoine air an toirt a 
dh-ionnsuidh Chriosd ; na sochairean agus an saoibhreas 
à tha aig na creidmhich ann an Criosd. Mur dean na 
nithe sin drùigheadh air an aineolach, feuch dha òir- 
dhearcas na glòire sin a tha e-fèin a' dearmad. Feuch 
dhà uamhas agus teànntachd na dòruinn sìorruidh a tha 
aig a' mhuinntir mhallaichte ; gur ceart peanas na 
h-ifrinn a dheanamh air gach h-uile shluagh a tha nis a' 
rag-dhiùltadh gràis: feuch dhà cho cìnnteach 's cho 
fagus 's a tha uamhas a' bhàis agus a' bhreitheanais ; 
dìomhanas nan uile nithe air thalamh ; àrd luachmhor- 
achd Chriosd ; olcas a' pheacaidh ; fèum gach duine air 
ath-ghineamhuinn, air creidimh, air naomhachd agus 
air fìor nàdur nan nithe sin a làn-thuigsinn. Ach ma 
gheibh thu do cho-chrèutair air a mhealladh le dòchas 
feallsa, aslaich air a staid a rànnsachadh, agus dearbh 
dhà a mhòr f hèum air sin a dheanamh ; cuidich è, agus 
na dealaich idir ris, gus an dearbh thu air, càit am bheil 
a dhochann agus a leigheas. Feuch dhà cia dìomhain, 
mìllteach an obair a bhi 'cur a dhleasanais an àit 
Chriosd, agus mar sin ag ìarraidh e-fèin 'f hìreanachadh 
tre oibribh luideagach an duine. Ach air a h-uile cor, 
treòraich è gu gnàthachadh nan uile mheadhon, — lèugh- 
adh agus e'isdeachd an f hocail ; gairm air Dia ann an 
ùrnuigh ; conaltradh ri pobull Dhia ; seachnadh a' 
pheacaidh; seachnadh gach cuideachd 'us cèum a 
ohrosnaicheas gu peacadh, gu h-àraid droch còmpan- 
aich. Comhairlich na nithe sin dhà, agus maille riutha 
sin, comhairlich dhà a bhi gu tric a' feitheamh gu 
foighidneach aìr Dia ann an gnàthachadh nam meadhon, 
ag ìnnseadh dhà gur ann amhàin tre na meadhonaibh, a 
gheibhear eòlas air Dia agus fagus dà. 



a mliisneachadh yus an Fhois so ìarraidh. 167 

Ach o'n is obair f ìor luachmhor ì so, fèumar mòr aire 
'thoirt do'n rhn cridhe leis an deanar ì. Air an aobhar 
sin, bi air do stiùradh g' a h-ionnsuidh leis na riagh- 
ailtibh so : — Tòisich air an obair le deadh rhn. Iarr 
glòir Dhia a chur air aghaìdh ann an teàrnadh do cho- 
chrèutair. Dean an obair, cha n-ànn a chum ainm mòr 
'us meas 'f haotuinn, no idir a chum muinntir a chur fo 
chomain dhuit, no chum an aomadh leat gu pàirtidh 
sam-bith a leantuinn, ach ann am fìor ùmhlachd do 
Chriosd, agus arèir eisempleir Chriosd, gu tìorail a' 
gràdhachadh anamanan dhaoine. Na biodh d' obair 
idir cosmhuil ri obair na muinntir sin a cheartaicheas 
gu cùramach an clànn 's an seirbhisich 'nuair a thuiteas 
ìad ann am mearachd a chuireas call, no droch-gean 
orra, ach nach d'ìarr riamh an anamanan a threòrach- 
adh gu sligh na slàinte, mar tha sin air 'òrduchadh le 
Dia. 

Dean an obair gu grad. Ma's maith leat do cho- 
chrèutair pilleadh gu sonas gun dàil, na cuir-sa dàil ann 
an ìarraidh air pilleadh. Am feadh a gheibhear thus' 
a' rùnachadh, no 'smuaineachadh a theagasg 's a chuid- 
eachadh, gun tòiseachadh air an obair, tha esan a' dol 
na's doimhne ann an clàbar a' pheacaidh ; fearg a' 
càrnadh suas 'n a aghaidh ; am peacadh a' freumhachadh 
ànn na's mò ; a chleachdadh a' greimeachadh air ; a 
bhuaireadh a' dol a mòid : a choguis a' seargadh ; ." 
chridhe 'cruadhachadh ; an diabhul 'g a riaghladlf 
Criosd air a dhùineadh amach leis ; an Spiorad air a 
dhiùltadh , eas-onoir air a cur air Dia gach là ; lagh 
Dhè air a bhriseadh ; Dia gun seirbhis o'n neach so 'bu 
chòir a bhi deanamh seirbhis dhà ; ùin a' ruith gu 
dlùth ; bàs 'us breitheanas aig an dorus, agus dè ma 
bhàsaicheas è, agus ma thuiteas è ann an ifrinn am 
feadh a tha thus' a' cur romhad tòiseachadh air a 
chumail as! 'Nuair a bhitheas corp do cho-chrè'utair 
tìnn, cha n-abair thu ris " Bi falbh 'us thig arìst, am 
màireach bheir mì leigheas dhuit, agus è agad anis aig do 
làimh. Ciamar a thig dhuit, matà, dàil a chur ann an 
leigheas, no cuideachadh a thoirt dà airson 'anama? 
Cha n-fheàrr na mortair, an lèigh sin a chuireas dàil 
ann an ìoc-shlaint, no comhairle sain-bith a thoirt -do 



168 'S è Dleasanas Sluaigk Dhè muinntir eite 

neach thìnn gus am bàsaich è, no gus an tèid è thar 
leigheas. Uainn leisgeulan 'us nithe beaga, matà, agus 
" Earailichibh a chèile gach aon là, am feadh a ghoir- 
ear An là 'n diugh dheth ; air eagal gu'n cruaidhichear 
neach air bith agaibh tre mhealltaireachd a' pheacaidh." 
Eàbh. 3. 13. 

Bitheadh d'earail ann an iochd agus ann an gràdh. 
Cha n-ànn le fala-dhà, fanaid, trod, no càineadh, a 
cheartaichear daoine, no idir a dh-ìompaichear ìad gu 
Dia. Ruig am peacach le deòir ann do shùilibh, a' 
feuchainn dà gu'm bheil thu 'creidsinn gu'm bheil è 
truagh, agus gu'm bheil gun teagamh truas agad ris. 
Bitheadh do chomhairle dhà, dùrachdach, iriosal. Tuig- 
eadh è gur è durachd do chridhe maith a dheanamh 
dhà, nach 'eil crìoch sam-bith eile agad ann an labhairt 
ris, ach a shonas sìorruidh a chur air aghaidh, agus gur 
è d'fhios air a chunnart agus gràdh d'a anam a 
dh'èignich thu gu labhairt ris. Seadh, gu'm bheil 
"fìos agad air uamhas an Tighearna," agus eagal ort 
gu'm faodadh esan a bhi air a dhìteadh fo'n " uamhas" 
sin gu dòruinn shìorruidh. 

Abair ris a' pheacach, " Mo charaid, cha n-'eil mis' 
ag ìarraidh buannachd air-bith dhomh-fèin. Ged bu 
toilichte leat an dràst mise do bhreugadh, agus d'f hàg- 
ail mar tha thu, no leigeil dhuit a bhi beò gun Chriosd, 
gidheadh cha cheadaich mo ghràdh do d' anam dhomh 
a bhi tosdach, agus mì 'g ad' fhaicinn-sa nis a' dol bàs. 
Cha n-'eil mì idir ag ìarraidh ni sam-bith uait, ach do 
thoirt gu sonas a ghabhail. Ma thig thus' a dh-ionn- 
suidh Chriosd, is ann dhuit-fèin a bhitheas a' bhuannachd 
agus an sòlas sin uile." Na'n labhramaid air an dòigh 
so ris gach crèutair aineolach, no nàbuidh aingidh, cha 
b'f hada gus am faiceamaid toradh beannaichte an dèigh 
ar saothair ! 

Dean an obair gu soilleir, sìmplidh, dìleas. Na dean 
idir peacadh an aineolaich na's lugha na tha è. Labhair 
ris an aghaidh an dòchais f heallsa. Ma gheibh thu è 
gun solus idir 'n a anam, ni a tha anabarrach cunnartach, 
abair ris gu soilleir, dìreach, " Mo nàbuidh, tha eagal 
òrm nach d'ath-nuadhaich Dia do chridhe fathust ; tha 
eagal òrm nach 'eil thu fathast air do thoirt o chumh- 



a mhisneacliadh gus an Fhois so ìarraidh. 1<^ 

achd Shàtain a dh-ionnsuidh Dhè. Tha eagal òrm nach 
do ròghnaich thu Criosd os-ceànn gach cuspair eile, 
agus nach do ghabh thu ris gu toileach mar d'àrd 
Thighearn. Na'n gabhadh tu ri Criosd, is cìnnteach nach 
bu dàna dhuit ùmhlachd a dhiultadh dhà, no dearmad 
a dheanamh cho tric air aoradh Dhia ann do thigh fem, 
agus gu follaiseach anns an tigh-aoraidh air an t-skbaid. 
Ma ghabh thu ri Criosd, ciamar a tha do chridhe 'us do 
mhìann gu lèir a' dol leis an t-saoghal, gun f hocal idir 
agad ach air nithibh aimsireil nach fhad a mhaireas 
dhuit ? Na'n do ghabh thu ri Criosd, no na'n robh thu 
' ann an Criosd, bu chrèutair nuadh thu ; rachadh na 
seann nithe seach, agus bhitheadh na h-uile nithe 
nuadh.' Bhitheadh agad smuaintean nuadh, labhairt 
nuadh, cuideachd nuadh, oidhirpean nuadh, caithe- 
beatha nuadh, agus còmhradh nuadh. Bi cìnnteach 
mur faighear na nithe sin agad, nach urrainn thu idir a 
bhi air do theàrnadh. Theagamh nach è sin do bharail 
fèin. Ach ciod-air-bith do bharail 'us do dhòchas, chì 
thu gu'm bi thu air do mhealladh leò, agus gu'm bàsaich 
ìad uile maille riut." Air an dòigh so, fèumaidh tu 
labhairt gu dìleas ri daoine, ma tha rùn ort maith a 
dheanamh dhoibh. Cha n-ionann leigheas a» anama 
agus leigheas a' chuirp. Ann an leigheas a' chuirp cha 
n-fhaodar gu tric a chunnart ìnnseadh do'n neach thìnn, 
air eagal gu'm millear èifeachd an leigheis. Ach ann 
an leigheas an anama fèumar a chunnart uile agus a 
thruaighe ìnnseadh gu soilleir do'n pheacach, agus 
fèumaidh e-fèin an leigheas a chleachdadh dha-fèin. 
Mur bi fios aige air a thruaighe fèin, cha dean è caoidh 
air a son gu bràth, agus cha n-fhaic è idir a mhòr 
fhèum air Slànuighear. 

Dean an obair gu beò-dhùrachdach, èudmhor, eif- 
eachdach. Saothraich a chum peacaich a thoirt gu 
thuigsinn nach nithe beaga nèamh agus ifrinn idir, nach 
leòr idir labhairt, no smuaineachadh ùmpa gu cabhagach, 
mi-chùramach an dràst 's arìst. " Is cìnnteach, a pheac- 
aich, nach fhada gus am bi thusa ann an aoibhneas, no 
ann an dòruinn shìorruidh ; agus nach dùisg sin thu 
Nach beag an kireamh a tha air sligh na beatha ? nach 
mòr an àireamh a ta air sligh a' bhais ? Nach doirbh a 



170 'S e Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile 

dhol £s ? nach soirbh dhuit a bhi air do mhealladh ? 
agus thusa fathast leisg, lùnndach, dìomhanach gun 
chùram, gun saothair? Ciod a tha thu 'cìallachadh ? 
An saoghal a' teicheadh uait : gach taitneas, gach 
onoir 'us buannachd a' seargadh às, agus 'g ad' f hàgail ; 
sìorruidheachd dlùth dhuit ; Dia cothromach 'us èud- 
mhor ; a bhagairtean cìnnteach. Bithidh an la mòr 
uamhasach. Uin a' ruith 'n a deann. Do bheatha 
neo-chìnnteach. Thusa fad air dheireadh. Do chor 
cunnartach. Ma gheibh thu bàs am maireach, nach 
mì-ullamh thu ! Cia mòr an t-uamhas leis an dealaich 
d'anam ri do chorp ! Agus nach dean thusa cabhag 
anis ? Cuimhnich, tha Dia rè na h-ùine so uile a' feith- 
eamh riut. Foighidin Dhia nis a' gìulain leat ! Fad 
f hulangas Dhia nis a' giùlain leat ! Tròcair a' guidhe 
ort ! Fuil agus toilltinneas Chriosd 'g an tairgse dhuit ! 
An Spiorad a' strì riut ! Do choguis fèin a' dìteadh ! 
Sàtan ag ìarraidh do ghlacadh ! Anis, — anis — anis 
d'àm, no cha n-f haigh thu àm gu brkth. An fheàrr leat 
a bhi gu bràth a' losgadh ann an ifrinn na aithreachas 
a dheanamh air thalamh ? An f heàrr leat diabhulan a 
bhi 'n am pìanadairean dhuit na Criosd a bhi 'n a Uachd- 
aran ort ? An f heàrr leat cùl a chur ri Dia agus glòir, 
na cùl a chur ris a' pheacadh ? O ! mo charaid, ciod a 
tha thu-fem ag ràdh ris na nithibh sin ? Rinn Dia 
duine dh\ot. Thug Dia rèusan dhuit. ! na tilg uait 
è mata, 'nuair is còir dhuit a ghnàthachadh gu ceart." 
Och ! Och ! cha dean focail mhaol, mhall, bhlìan, throm 
am peacach cruaidh-chridheach a thaiseachadh. Cha 
dean fala-dhà, miodal, no magadh, no earail leth- 
dhhrachdach an cridhe marbh a dhùsgadh. Cha 
ghlaodh fuar, fann, no òraid air nàdur 'us cunnart teine 
a bheirear 'nuair a bhitheas tigh a' losgadh, ach ruith- 
ear 'us è'ighear gu h-àrd, Teine ! teine ! Air uairibh, is 
beag maith a ni è, gu tric is mò an call na 'm maith, a 
pheacaidhean uamhasach ìnnseadh do dhuine gu mìn, 
fuar, socrach, mar a labhair Eli ris na mic olc aige-fèin, 
no mar a chronaich Iehosophat Ahab, ag ràdh " Na ab- 
radh an rìgh mar sin." Thatar a' sgrios dhaoine le 
Rgàth mì-thlachd a chur orra, ann an labhairt riutha gu 
cftleas, an aghaidh a' pheacaidh a ta ànnta 



a rrihisneachadh gus an Fhois so ìarraidh. 171 
Ach air eagal gu'n abair thu ro bheag, no ro mhòr, 
na's mò, no na's lugha na bu chòir dhuit a ràdh ris a' 
pheacach mhi-chùramach, is ì mo chomhairle dhuit 
ìabhairt ris le gliocas agus cìall. Ròghnaich an t-àm 
a's freagarraiche. Na labhair ri daoine air a' chùis so, 
'nuair a bhitheas fearg, no " paisean" orra, no air dòigh 
a bheir masladh do dhuine sam-bith. Is ann an uair a 
bhitheas an talamh bog, a thèid an crànn astigh ànn. 
Labhair ri duine 'nuair a bhitheas è fo àmhghar, no fo 
dhrùigheadh an dèigh searmoin è'isdeachd. Mar 
Chriosduidhean fìrinneach, is còir dhuinn, cha n-è 
mhàin maith a dheanamh air gach àm air an gairmear 
sinn, ach gach f àth-chothrom a ghlacadh a chum maith 
a dheanamh. Labhair arèir gnè agus mèinn an duine. 
Cleachd argumaid 'us rèuson na's mò na comhairle ann 
an labhairt ri duine tùrail, gèur-chuiseach. Cleachd 
araon argumaid agus comhairle ri neach aineolach. Is 
còir aignidhean neach, aig am bheil faireachadh air a 
chor, a bhlàthachadh. Is còir an duine rag-chrosd a 
chronachadh gu gèur. Labhair gu tìorail, blàth ris 
gach lag-chridheach. Freagraidh focail shìmplidh, 
dhùrachdach a' ghràidh do na h-uile, ach is gann a 
dh-f huiligeas cuid focail atmhor an uamhais. Gnàth- 
aich briathran glàn, f ìor f hreagarrach : oir gràinichidh 
càinnt mhì-thlachdmhor an luchd-èisdeachd air falbh 
o'n bhiadh air am bu chòir dhoibh a bhi beò, gu h-àraid 
ma's sluagh ìad aig am bheil cluasan foirmeil, no 
cridheachan feòlmhor. Is maiseach teagasg na f ìrinn, 
agus air an aobhar sin, is còir an teagasg sin a lìrigeadh 
ann am briathraibh maiseach. 

Daingnich gach earail 'us achmhasan le focal Dè. 
Dearbh air peacaich nach ann idir i do cheann fèin a 
tha thus' a' labhairt riutha. Feuch dhoibh an caibdeil 
's an rann anns am bheil am peacaidhean air an dìteadh, 
agus an dleasanais air an àithneadh dhoibh. Is suarach 
guth duine, ach tha guth Dhè àrd-urramach, cumhachd- 
ach, uamhasach. Iadsan do nach dàna focail Dhe* a 
dhiùltadh, faodaidh \ad do theagasg-sa 'chur suarach. 

Bitheadh d' earail tric do dhaoine. " Is còir ùrnuigh 
a dheanamh do ghnàth, agus gun f hannachadh." Lùc. 
18. 1. Is toigh le Dia sinn a bhi 'aìor-ìarraidh air-fèio ; 



172 'jS è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eih 

agus mar sin, is ànn le sìor-ìarraidh air daoinibh am 
peacadh a thrè'igsinn, is dòcha dhuinn buadhachadh 
orra. Is \ so àithn Dhè dhuinn, " Earailichibh a chèile 
gach là." Edbh. 3. 13. Agus is còir sin a dheanamh 
" leis an uile f had-f hulangas." 2 Tim. 4. 2. Cha tric 
a bheirear teine às an spor leis a' cheud bhuille : mar 
sin, cha n-'eil aignidhean dhaoine air an làn bhlàth- 
achadh leis a' cheud earail ; agus ged bhitheadh, is 
goirid gus am f às ìad fuar, mur leanar air earail a thoirt 
doibh arìst 's arìst. Lean am peacach, ag ìarraidh air 
gu caomh, dùrachdach gabhail ri Criosd, agus na leig 
fois leis anns a' pheacadh. Is fìor ghràdh so. So an 
cèum gu anamanan a theàrnadh, agus bheir è mòr shòlas 
dhurts' a leanas è. 

Saothraich a chum d'earailean a thoirt gu buil 
mhaith. Ged labhradh tu na briathran a's drùigbtiche 
fuaim, is ainmig a shoirbhicheas do shaothair, ma 
sguireas do chùram uile maille ri do bhriathraibh. Ach 
is tric Dia a' beannachadh saothair an luchd-teagaisg a 
tha gu durachdach ag ìarraidh anamanan ìompachadh, 
agus a' suidheachadh an cridheachan air an obair sin. 
'Nuair a chronaicheas tu peacadh, na stad gus an geall am 
peacach dhuit am peacadh sin a threigsinn, agus gach 
brosnachadh d' a ìonnsuidh a sheachnadh. 'Nuair a 
chomhairlicheas tu do neach a dhleasanas a dheanamh, 
ma's urrainn thu idir, na leig ^s è gus an geall è tòiseach- 
adh air gun dàil. Ma's maith leat muinntir a threòrach- 
adh a dh-ionnsuidh Chriosd, na dealaich riutha gus an 
aidich ìad truaighe na staide neo-ìompaichte anns am 
bheil ìad, am fèum air Criosd, agus air " cridhe glan," 
agus gus an geall ìad tòiseachadh air gnàthachadh nam 
meadhon. b'f heàrr gu'n labhradh, cha n-è amhàin 
ministearan, ach na h-uile Chriosduidhean air an dòigh 
so ri coimhearsnaich a ta 'n an tràillean aig a' pheacadh, 
agus aineolach air Criosd ! 

Aon uair fathast. Bi cìnnteach gu'n teagaisg d' eis- 
empleir fèin sluagh, cho maith ri do bhriathraibh. 
Faiceadh lad thu-fèin seasmhach anns gach uile dhleas- 
anas a tha thu, uair sam-bith, a' comhairleachadh 
dhoibh-san. Faiceadh ìad, ann do chaithe-beatha fèin, 
an deadh ghiùlan barraichte sin a tha thu gu tric a* 



a mhisneachadh gus an Fhois so ìarraidh. 173 

moladh dhoibh-san. Faiceadh ìad do shaothair airson 
nèimh a' dearbhadh gu soilleir gu'm bheil thu-fèin a' 
làn-chi-* idsinn nan nithe sin a b'àill leat ìadsan a' 
chreidsinn. 'Nuair a labhras tu ri muinntir eile air 
aoibhneas mòr nèimh, 'us tu fèin cho tàrlaideaeh mu'n 
t-saoghal, cho d&gheil air saoibhreas, no cho frionasach 
ri do choimhearsnaich, no ri sluagh eile, cò a chreideas do 
bhriathran, no 'dh-ìarras sonas sìorruidh an dèigh do 
chomhairle ? Na faiceadh daoine thu-fèin àrdanach 'us 
tu 'g an comhairleachadh gu bhi iriosal, no do chridhe 
fèin cruaidh, an-iochdmhor ann an ni sam-bith, 'nuair a 
b' àill leat an cridheachan-san a bhi caoin, iochdmhor, 
tlàth. Is p\an gun sgur do pheacaich mu-n-cuairt duit, 
caithe-beatha nèamhaidh, naomh a' sìor-ìarraidh orra- 
fèin gach peacadh a thrèigsinn. 

A bhàrr air comhairlibh uaigneach, is còir dhuit mòr 
shaothair a dheanamh, chum sluagh mi-chùramach a 
thoirt amach gu meadhonaibh follaiseach nan gràs — 
searmonachadh an fhocail agus òrduighean eile an 
t-soisgeil : a' sìor-chomhairleachadh dhoibh fèum a 
dheanamh dhe na meadhonaibh sin a chum buannachd 
'fhaotuinn uatha. Chum na crìche so, is còir gach 
saothair a dheanamh chum ministearan dìleas, diadhaidh 
ullachadh airson an t-sluaigh. " Cioniius a chluinneas 
ìad gun searmonaiche ?" Rom. 10. 14. Anns a' chùis so 
gnàthaich do dhìchioll, do chumhachd, do chomas agus 
do chuid, agus na stad gus am buadhaich thu. Is mòr an 
àireamh anamanan a dh-f haodas a bhi air an teàrnadh leis 
a' mhinistearachdadh-uallaichear le do chuideachadh-sa I 
Is è ullachadh airson anamanan, gràdh a's àirde agus 
a's òirdheirce gu mòr, na fuasgladh air cuirp dhaoine. 
Is mòr am maith a dh-fhaodadh daoine saoibhir a 
dheanamh na'm builicheadh ìad beagan de'n cuid a 
chum òganaich dhìleas, ealamh, chomasach, dhiadhaidh 
a theagasg airson dreuchd na ministearachd. Is mòr 
am maith a dheanadh uaislean na tìre, na'n co«ihairlich- 
eadh 'us na'n cuidicheadh ìad anamanan truagh, 
dearmadach gu tighinn amach a dh-èisdeachd an t-sois- 
geilairashearmonachadh. Bi-samàta, 'gansìor-tharruing 
a dh-èisdeachd. Thoir tric gu'n cuimhne na nithe 
prìseil a chual'ìad, agus cho tric 's a ghabhas è deanamh, 



174 \S è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntìr eile 

bitheadh na nithe sin air an aithris 'n an teaghlaichibh* 
A bhàrr air cruinneachadh gu follaiseach anns a' cho- 
thional air gach sàbaid, cuidich \ad a chum cruinneach- 
adh gu lèughadh 'us ùrnuigh maille ri 'chèile air làithibh 
eile, cha n-ann mar cho-thional air-leth, ach mar mheur 
de cho-thional na h-eaglais, agìarraidh gu fìor dhìchioll- 
ach, no na's dìchiollaiche na càch, a bhi nis " ag ath- 
cheannach na h-aimsir," agus a' cuideachadh a chèile 
air an turus gu nèamh. Teagaisg dhoibh mòr mheas a 
chur air òrduighean an t-soisgeil uile. Is beag a 
dh-oibrichear air duine sam-bith le ni air am bheil 
e-fein a' deanamh dìmeas. Mar so deir an t-Abstol, 
" guidheamaid oirbh, a bhràithre, aithne 'bhi agaibh air 
an dream a tha saoithreachadh 'n'ur measg, agus a tha 
os bhur ceann s' an Tighearn, agus a tha 'g'ur comhair- 
leachadh ; agus meas mòr a bhi agaibh dhiubh ann an 
gràdh air son an oibre. Bithibh s\ochail 'n'ur measg 
fèin." 1 Tes. 5. 12, 13. 

II. Rànnsaichidh sinn anis ciod is aobhar do 'n 
dearmad nàrach a thatar a' deanamh cho tric air an 
dleasanas so. Faiceamaid cò ìad, agus càit am bheil an 
luchd-bacaidh, agus an dèigh sin is còir dhuinn ìonn- 
sachadh ciod ì an dòigh a's feàrr a chum buaidh a thoirt 
orra, — chum an tilgeil às an rathad. Is \ad cuid de'n 
luchd-bacaidh so, peacadh agus cionta dhaoine. Daoine 
aig nach 'eil ànnta-fèin tlachd, no aoibhneas ann an 
nithibh nèamhaidh, is beag an cùram mu anamaibh 
muinntir eile : is beag saothair dhurachdach a ni \ad a 
chum an co-chreutairean a thoirt gu tlachd, no aiteas a 
ghabhail anns na nithibh sin nach f hiù. leo-fèin. Cha 
do mhothaich ìad fathast gu'm bheil iad-fèin ann an 
staid chàillte, gu'm bheil mòr f hèum aca air Criosd agus 
air solus an Spioraid. Ciamar a b' urrainn daoine anns 
a' chor thruagh sin saoibhreas Chriosd a dheanamh 
aithnichte do mhuinntir eile? Tha iad-fèm ciontach, 
agus an lorg sin, bithidh nàir orra daoine ciontach eile 
'chronachadh airson a' pheacaidh a tha iad-fein a' 
deanamh cho tric. 

Is aobhar bacaidh eile, an ain-diadhachd fholaichte 
sin a gheibhear a' buadhachadh ann an cridheachan 
dhaoine. Na'n robh sinn a' làn-chreidsinn gu'm bi gach 



a mhisneacliadli gus an Fhois so ìarraidh. 175 

anam neo-ìompaichte, mì-naomh air a phianadh gu 
sìorruidh, ciamar a dh-f hanamaid 'n ar tosd ? ciamar 
nach briseadh ar deòir amach? 'nuair a shealladh 
sinn ri creutairean neo-ìompaichte anns an aoduinn, 
gu h-àraid ar luchd-dàimh agus ar càirdean gràdhach 
fèin. Ach tha sinn air ar bacadh, air ar casgadh 
agus air ar cumail air ais o'n dleasanas so le cumh- 
achd an as-creidimh fholaichte sin a gheibhear a' 
snàmh ann ar cridheachan. Chriosduidh, na'n do 
chreid thu da rìreadh gu'm bi do ehoimhearsnaich, do 
bhean, do chòmpanach, do mhac, do nighean, ain-diadh 
aidh gu cìnnteach air am pìanadh ann an ifrinn gu 
bràth, mur bi ìad air an làn-ìompachadh — air an dean- 
amh 'n an crèutairean nuadh — mu'n spìonar air falbh 
ìad leis a' bhàs, nach bu leòr sin gu do ghreasad gu 
labhairt riutha, gach là 'us oidhche, gus an faigheadh tu 
an toirt gu sligh na slàinte. Is mòr an càll a tha 'n t-as- 
creidimh mallaichte so gu tric a' deanamh air ar n-an- 
amaibh fèin, agus air anamaibh ar coimhearsnach. 

Tha 'n dleasanas so air a bhacadh gu mòr le easbhuidh 
graidh agus iochd ri anamaibh dhaoine. 'Nuair a ch\ 
sinn anamanan bochda, truagh, gabhaidh sinn seachad 
orra, mar ghabh an sagart agus an Lèbhitheach seachad 
air an duine leòinte. Lùc. 10. 30-32. Nise ged nach 
ìarradh am peacach fèin, a ta air a lot leis a' pheacadh 
agus air a ghlacadh le Sàtan, cuideachadh air-bith uait, 
tha cor truagh a' pheacaich sin ag èigheachd riut gu 
h-àrd. Mur cluinneadh Dia àrd ghlaodh ar truaighean 
mu'n cual' è glaodh ùrnuigh uainn, agus mur deanadh è 
iochd òirnn, gus an d'ràinig ar n-ìarrtas è, no gus an 
d'ìarr sinn tròcair, is f hada bhitheamaid 'n ar tràillean 
aig Sàtan. Ni thu ùrnuigh ri Dia airson do cho-chrèut- 
airean, a' guidhe air gu'm fosgladh è an shilean agus 
gu'm pilleadh è ìad. Ach ma tha thus' a' mìannachadh 
sin, carson nach 'eil thu idir a toirt oidhirp air an 
ìompachadh ? Agus mur 'eil thu 'g a mhìannachadh, 
carson a tha thu 'g a ìarraidh ? Carson nach 'eil thu 
idir ag ìarraidh orra-fem smuaineachadh air an cor, 
agus pilleadh ri Dia, cho maith 's a tha thu ag ìarraidh 
air Dia an \ompachadh 's am pilleadh - Na'm faiceadh 
tu do choimhearsnach a' tuiteam ann an toll dubh, 



176 'aS' è Dleasanas Sluaìgli Dhè muinntir eìle 

domhainn, am bu leòr leat ìarraidh air Dia a chuid- 
eachadh amach às an tòll, gun thu-fèin do làmh a 
shineadh idir g' a chuideachadh, no aon seòladh a 
thoirt dà chum e-fèin a chuideachadh ? Gu cìnnteach 
cha b' eadh : oir mur deanadh tu ach ùrnuigh ri Dia 
air a shon, rachadh do dhìteadh mar chealgadair an- 
iochdmhor. Is còir dhuit, matà, furtachd a dheanamh 
air anam do choimhearsnaich, cho maith 's a ni thu air 
a chorp. " Ge b'e neach a chì a bhràthair ann an 
uireasbhuidh agus a dhruideas a chridhe 'n a aghaidh, 
cionnus a tha gràdh Dhè" a' gabhail còmhnuidh ann- 
san?" 1 Ebin 3. 17. Am bheil gràdh idir aig an 
duine sin do anam a bhràthar ? 

Tha sinn gu ro thric air ar bacadh o'n dleasanas so 
le spèis dhiblidh do thoil dhaoine. Air eagal muinntir 
a mhì-thoileachadh, am fàbhar, an gean maith, an 
glòir, 's an deadh bharail umainn a chàll, gheibhear 
sinn a' dearmad an dleasanais aithnichte so. Nach 
b' amaideach, mi-dhìleas, olc, dochdadair a leigeadh le 
duine tìnn bàsachadh, air eagal dragh a chur air. 
'Nuair a bhitheas caraid, no coimhearsnach às a chìall, 
cha toilich thu è le ni sam-bith a dh-f haodas cron a 
dheanamh air — cha leig thu a dhroch thoil fèin leis. 
Ach ged chithear do chàirdean 'us do choimhearsnaich 
às an cìall do thaobh slàint an anamanan, agus a' ruith 
gu gòrach a dh-ionnsuidh sgrios, cha chaisg thu ìad, air 
eagal am m\-thoileachadh. Ciamar is Criosduidhean 
a sinn ma's " ànnsa leinn glòir dhaoine na glòir Dhè ?" 
Oir ma ' dh-ìarras sinn daoine a thoileachadh, cha 
sheirbhisich do Chriosd sinn.' Gal. 1. 10. 

Is tric a bhacar an dleasanas so le saidealtas, ciontach, 
no nàire labhairt ri neach an aghaidh a' pheacaidh. 
'Nuair bu chòir dhuinn a bhi gu dùrachdach a' 
nàireachadh muinntir eile air falbh o'n gnìomhraibh 
peacach, is ann a gheibhear nàir òirnn-fèin an dleasanas 
sin a dheanamh. Ach nach 'eil sinn air ar dìteadh leis 
na peacaich sin fèin, oir cha bhi nàir orra-san a bhi ri 
buaireadh, ri mionnan, ri misg, 's a' dearmad aoradh Dhè 
mu-n-cuairt duinn, ach gheibhear nàir òirnn-ne ìarraidh 
orra, no 'chomhairleachadh dhoibh an t-olc sin a 
thrèigsinn ? Is peacach an ni saidealtas ann an cùis 
na h-^igin, no air uair do dhleasanais Cargon a 



a mhìmeachadh gus an Fhois so ìarraidh. 17? 

bhitheadh saidealtas, no nàir air neach ùmhlachd a 
thoirt do Dhia le ìarraidh air neach eile am peacadh a 
thrèigsinn agus pilleadh ri Criosd ? Gu cìnnteach cha 
n-aobhar nàire sin. Anis, a hiughadair, nach tric a 
dh'innis do choguis so dhuit, ag ìarraidh ort labhairt ri 
peacaich bhochda, ach bha nàir ort-sa do bhèul 'f hosg- 
ladh, agus mar sin leig thu leo 'dhol fodha no snàmh. 
O leugh focal Dè agus criothnaich, " Ge b'e neach a 
ghabhas nàire dhiom-sa, agus do m' f hoclaibh, anns a' 
ghinealach adhaltrannach agus olc so, dheth-san gabh- 
aidh Mac an duine nàire, 'nuair a thig e 'an glòir Athar, 
maille ris na h-ainglibh naomha." Marc. 8. 38. 

Is aobhar bacaidh eile dhuinn, spiorad diomhanach, 
mi-fhoighidneach. Gu tric is obair neo-thaitneach, 
obair gun tàing an dleasanas so, agus air uairibh togaidh 
i naimhdean dhuinn ameasg dhaoine. A bhàrr air sin, 
is ainmig a shoirbhicheas a' cheud oidhirp, mur leanar 
oirre. Is f had a dh-f hèumar a bhi 'teagasg nan 
aineolach 's a' coimhairleachadh chrèutairean rag- 
mhuinealach, mu'm faighear an toirt gu fìor eòlos. 
Ach cuimhnich thusa cho mòr-f hoighidneach 's a bha 
Dia riut-sa, 'nuair a bha thu-fèin beò anns a' pheacadh. 
An-aoibhinn dhuinn-ne, na'n robh Dia cho mi- f hoighid- 
neach ruinn-fèin 's a gheibhear sinne ri muinntir eile. 
Is aobhar bacaidh eile, fèm-ìarfaidh, " Oir tha na h-uile 
ag ìarraidh nan nithe a bhuineas doibh-fèui, cha 'n 
iad na nithe a bhuineas do Iosa Criosd." Philip. 
2. 21. Cha n-è maith an co-chrèutairean a mheud- 
achadh. 

Is ceap-bacaidh mòr eile do mhòran, àrdan. Labh- 
radh cuid gu luath ri duine mòr, na'n saoileadh ìad 
nach gabhadh è gu h-olc è. Ach ìarr orra sin a dhol 
ameasg an t-sluaigh bhochd, agus saothair a dheanamh 
'g an teagasg 'n an tighean-còmhnuidh, agus cait am 
faigh thu neach a nì è ? Ni mòran uaill 'us gàirdeachas 
ma bha ìad 'n am meadhon air duine-uasal ìompachadh, 
(agus is mòr an t-aobhar gairdeachais è,) ach dearmaididh 
ìad an sluagh bochd, mar nach bitheadh a h-uile anam 
cho luachmhor le Dia. Mo chreach ! is beag a tha ìad 
sin a' toirt fainear cho ìosal 's a dh'ìlsich Criosd e-fdin 
a chum daoine bochda, peacach a thearnadh. ' Cha 



178 'S è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eik 

n-iomadh iad a tha saoibhir, agus uasal agus glic, a ta air 
an gairm.' Is ìad na bochdan a gheibhear a' gabhail 
ri deadh sgèul mòr-aoibhneach an t-soisgeil. Tha cuid 
aìr an cumail o'n dleasanas so le aineolas. Ma's aithne 
dhoibh idir gur dleasanas Chriosduidhean so, cha n- 
aithne dhoibh gur è an dleasanas fèin è. Ma's ann 
dhiubh sin thus', a lèughadair, is è mo dhòchas gur 
aithne dhuit do dleasanas anis, agus gu'n tòisich thu 
air. 

Na diùlt do làmh a chur ris an dleasanas so, ag ràdh 
nach 'eil thu comasach air earail a thoirt do neach eile. 
Mur urrainn thu-fèin a dheanamh, faigh neach eile na's 
comasaiche na thu-fèin gu làmh a thoirt air an 
obair gun dàil, no oibrich gu iriosal, dìleas leis a' 
bheagan comais a ta agad, ag mnseadh do pheacaich, 
mar dh-fhaodas duine lag a dheanamh, ciod a tha Dia 
fèin ag ràdh 'n a f hocal. Na trèig do dhleasanas eadhon 
an uair is còir dhuit comhairle, no earail a thoirt do 
neach a's mò inbhe na thu-fèin. Is teànn, dìan a dh-f he'u- 
mar labhairt air uair cunnairt. Ma's pàrant, cèile, 
no fear-teagaisg è, fe'umar labhairt ris air a' chùis so. 
'Nuair a bhitheas pàrant ann an uireasbhuidh, fèumaidh 
a chlann a chuideachadh. 'Nuair a bhitheas duine- 
pòsda tìnn, feumaidh a bhean cùram a ghabhail, 'n a 
àit, de'n teaghlach. 'Nuair a thig duine saoibhir gu 
bochdainn, fèumaidh è dèirc 'fhaotuinn. 'Nuair a 
bhitheas an lèigh tìnn, feumaidh cuid-eigin frithealadh 
dhà. Mar sin, is còir do'n t-seirbhiseach a's ìlse earail 
modhail, dìleaas a thoirt d' a mhaighstear, an leanabh 
d' a phàrant, a' bhean d' a companach, am pobull d'am 
ministear, agus biodh sin air a dheanamh gu dìleas, 
'nuair a bhitheas aobhar ceart air a shon, ach an 
còmhnuidh le fìor irioslachd, le fìor bhèusachd agus fìor 
chiùineachd. 

Na abair idir, " nithear luchd-searmonachaidh dhìnn 
uilo leis an obair sin :" oir ged nach searmonaiche 
follaiseach gach deadh Chriosduidh, is fear-teagaisg è, 
agus is còir dhà cùram a bhi air mu anam a choimh- 
earsnaich. Is dochdadair gach duine, far nach ruigear 
air an dochdadair aidichte, agus far am faodar an easlaint 
a leigheas le duine tuigseach air-bith, agus air an dòigh 



a tnhisneackadh gus an Fliois so ìarraidh. 179 

che'udna, is fear-teagaisg d'a choimhearsnach gach 
Criosduidh. 

Na abair idir nach tè*id an obair leat. Nach maith 
is uarrainn Dia athoirt air do shaothair soirbheachadh ? 
Agus nach ann le meadhonaibh, agus air uairibh le 
meadhon beag, a bheirear ì gu buil ? Na tagair idir 
nach 'eil anns an obair so ach " tilgeadh nèamhnuidean 
am fianuis nam muc." 'Nuair a bhitheas tu ann an 
cunnart a bhi air do rèubadh £s a chèile, is àill Ie 
Criosd thu seasamh dìleas, ach ciod is fhìach do 
leisgeul-sa, nach 'eil idir ann an cunnart mar sin? 
Fhad 's a dh-èisdeas neach riut, is misneachd sin dhuit- 
sa gu labhairt. Air an aobhar sin, na toir tliairis idir 
è mar chrèutair suarach. Agus na abair, " So caraid 
do'm bheil mì fo mhòr chomain, agus ma thòisicheas mì 
ri ìnnseadh a pheacaidh agus a thruaighe dhà, cha dean 
è fàbhar tuilleadh rium, 'us caillidh mì an taic a's 
feàrr a th'agam." An luachmhoire leat fàbhar na 
teàrnadh do charaid? An f heàrr leat sochair dhuit- 
fèin na slàint do anam do charaid ? Am fuilig thu dhà 
gu tosdach ruith gu sgrios, o'n is è do charaid è ? An 
è sin comain a's feàrr a chuireas tu air airson a 
chàirdeis riut? An fheàrr leat è 'bhi gu bràth 
a'losgadh ann an ifrinn na 'n dìon 's am fàbhar a nochd 
è dhuit a chall ? 

III. Ach a chum na h-uile dhaoine, air am bheil 
eagal Dè, a ghluasad gu oibreachadh air gach dòigh 
'n an comas — agus tha beagan comais aig gach Criosduidh 
— chum an obair bheannaichte so a chuideachadh air 
aghaidh, guideam òirbh na h-aobharan so a dh-ainmich< 
ear anis a thoirt fainear gu cùramach. Seadh matà— - 
tha nadur fèin, ach gu h-àraid gràs, ag aomadh an 
anama gu maith a chompàirteachadh ri muinntir eile. 
Uime sin, is peacadh an aghaidh nàduir agus gràis, 
dearmad a dheanamh air an obair so. Nach bu mhi- 
nàdurrach leat duine sam-bith a leigeadh le 'leanabh 
fèin, no le coimhearsnach bksachadh le acras air an 
rathad mhòr, agus biadh aige 'n a làimh a dh-f haodadh 
è 'thoirt doibh ? Agus nach mi-nkdurraiche na sin an 
neach a leigeas le cloinn, no coimhearsnaich bàsachadh 
agus a bhi càillte gu sìorruidh, gun a bhèul 'f hosgladh 



180 '£ è Dleasanas Sluaigh Dliè muinntir eìle 

riamh chum an teàrnadh ? Is uile-bheist an duine mì- 
thròcaireach, an-iochdmhor, a dh-f huathaichear leis na 
h-uile. Na'n ìarradh Bia ort dealachadh ri do chuid 
de'n t-saoghal, no ri do bheatha, chum do cho-chrèutair 
a theàrnadh, is cìnnteach nach b 1 àill leat sin a dhean- 
amh, 'nuair nach builich thu aon deò dhe d'anail, 
eadhon focal do bheòil, a chum a theàrnadh. Nach 
airidh anam companaich, no mnà, no leinibh, no nàbuidh 
air beagan bhriathran ? Is fìor mhallaichte am peacadh, 
an-iochdmhorachd ri cuirp dhaoine, ach a's mallaichte na 
sin, an-iochdmhorachd ri anamaibh dhaoine ; oir is è an 
t-anam a's luachmhoire gu mòr na 'n corp, agus is ì 
sìorruidheachd a's luachmhoire na tìm. Is beag d'f hios 
nach 'eil ìomadh anam a' fulang, air a' mhionaid so, ann 
an ifrinn, a bhàsaich anns a' pheacadh, ach a dh-f haod- 
adh a bhi air an teàrnadh, na'n tug thusa earail dìleas 
dhoibh. 

Smuainich ciod a rinn Criosd a chum anamanan a 
thearnadh. Mheas è ìad airidh air 'fhuil fèm, agus nach 
meas sinne ìad airidh air fuaim ar beòil. Nach dean 
thus' obair bheag, far an d'rinn Criosd obair cho mòr ? 
Smuainich cho feumach 's a tha anamanan mì-dhiadh- 
aidh air truas. Tha ìad " marbh ann an euceartaibh, 
agus ann am peacaibh." Cha n-'eil cridheachan aca, a 
mhothaicheas an truaighean, no 'ghabhas truas dhiubh- 
fein. Mur gabh muinntir eile truas riutha, is beag truas 
a ghabhas ìad riutha-fèin ; oir is è droch nàdur an galair 
a bhi 'g an deanamh an-iochdmhor riutha-fèin, seadh 
'n an sgriosadairean ro chruaidh-chridheach dhoibh-fèin. 

Smuainich gu'n robh thu-fèin aon uair mar tha ìad- 
san. B'è òrdugh Dhia do na h-Israelich a bhi caoimh- 
neil ri coigrich, do bhrìgh gu'n robh ìad-fèin 'n an 
coigrich ann an tìr na h-Eiphit. Mar sin, matà, is còir 
dhuit-sa truas a ghabhail ris na crèutairean sin a tha 
'n an coigrich do Chriosd, agus do dhòchas 'us do 
shòlasaibh nan naomh, do bhrìgh gu'm bu choigreacb 
thu-fèin aon uair do na beannachdan sin. 

Smuainich air an dàimh anns am bheil thu-fdin agus 
do cho-chrdutair d'a chè'ile. Is è do choimhearsnach, 
do bhràthair a's còir dhuit a ghràdhachadh mar thu-f^in. 
" An ti nach gràdhaich a bhràthair," ars' an t-Abstol 



a mhisneachadh yus an Fhois so larraidh. 181 

Eòin, " a tha e 'faicinn gach là, cionnus a dh'f heudas e. 
Dia nach fac e a ghrkdhachadh." Agus am bheil an 
duine sin a 1 gràdhachadh a bhràthar, a chì è nis a' 
greasad gu ifrinn, agus nach dean saothair a chum a 
chumail às ? 

Smuainich air a' chionta thròm a tha dearmad an 
dleasanais so a' fàgail air d' anam fèin. Tha thu ciont- 
ach ann am mort 's ann am mallachadh nan anamanan 
sin uile air an d'rinn thu dearmad ; tha thu ciontach 
anns gach peacadh a tha ìad a' deanamh an diugh ; 
ciontach anns gach eas-onoir a tha ìad a' toirt do Dhia, 
agus ciontach anns gach breitheanas a bheir am peac- 
aidhean air a' bhaile, no air an dùthaich anns am bheil 
ìad a' gabhail còmhnuidh. 

Smuainich ciod a their thu riut-fèin, ma chì thu an 
deigh so do chàirdean bochd ann an lasraichean sìor- 
ruidh, agus do choguis fèin ag ìnnseadh dhuit, mur 
bitheadh do dhearmads' orra, gu'm faodadh \ad a bhi 
air an teàrnadh. Ma sgriosar thu-fèin maille riutha, 
gu'n dean an dearmad so do dhòruinn an-tromachadh. 
Ma gheibh thu gu nèamh, gu'm bi thu brònach (sin ri ràdh 
ma dh-f haodas bròn idir a bhi 's an àit naomh sin,) a' 
cluinntinn nan anamanan bochda sin, shìos ann an ifrinn, 
ag èigheachd amach riut gu bràth, agus gach aon ag 
ràdh, " Och ! och I na'n d'innis thusa mo pheacadh agus 
mo chunnart dhomh gu soilleir, dìleas : na'n do labhair 
thusa gu dìreach, teànn ri mo chridhe, dh-fhaodainn a 
dhol às o'n dòruinn so, agus a bhi ann am fois I" Nach 
bu mhuladach leat an glaodh sin I 

Smuainich cia àrd an t-aoibhneas dhuit air nèamh, 
coinneachadh an sin ri anamaibh a bha thufèin a' 
cuideachadh 's a' treòrachadh a dh-ionnsuidh an àite 
sin, agus gur tu bu mheadhon air an toirt ànn I Thu 
nis a' faicinn an aghaidhean dealrach, 'us tu gu bràth 
a' moladh Dhia maille riutha-san do'n robh thu, gu tric 
air thalamh, a' teagasg eòlais air Criosd, 's ag aslachadh 
orra iimhlachd a thabhairt dà 1 

Smuainich cia lìan anam a rinn thus' tharruing gu 
sligh nam mallachd, no 'bha air a chruadhachadh leat 
anns an t-sligh sin. Bha companaich againn-fèin anns 
a' pheacadh, air làithibh ar n-aineolais agus ar mi- 



182 'S è Dleasanas Sluaìgh Dhè muìnntìr eìle 

chìiraim, 'g am mealladh 'us 'g am misneachadh anng 
an droch shligh. Agus nach cubhaidh dhuinn uiread 
a dheanamh anis, chum anamanan a theàrnadh, 's a bha 
sinn a' deanamh roimhe so chum an sgrios? 

Smuainich cho dìchiollach 's a tha naimhdean a chum 
na h-anamanan bochda sin a tharruing sìos do ifrinn. 
An diabhul 'g am buaireadh a là 's a dh'-oidhche. An 
ana-mìanna fèin 'g an sìor-mhilleadh. An fheòil a 
sìor-ìarraidh a càil fèin a rìarachadh. Seànn chòmpan- 
aich a' sìor-f huathachadh naomhachd, agus mur faighear 
neach idir a threòraicheas gu teàrnadh ìad, ciod a 
dh-èireas dhoibh ? 

Smuainich cho gèur, cho domhamn 's a lotas dearmad 
an dleasanais so, 'nuair a dhùisgear suas a' choguis : 
'nuair a thig duine gu uair a bhàis, their a choguis fein 
ris, " Ciod am maith a rinn thusa air làithean do bheatha ? 
Is è sàbhaladh anamanan obair a's mò agus a's feàrr, 
ciod a rinn thusa dhe 'n obair mhaith sin ? Cia lìan 
anam ris an robh thus' a' labhairt gu tric, dìan, dìleas ?" 
Is tric a chunnaic mì coguisean dhaoine, aig uair am 
bàis, air an trom-lot airson an dearmaid so. 'Nuair a 
bha mi-fem dlùth do'n bhàs, rinn mo choguis mo dhìt- 
eadh airson dearmaid an dleasanais so, na's mò na airson 
peacaidh sam-bith eile ; ì gu teànn a' labhairt rium air 
gach nàbuidh aineolach, mi-dhiadhaidh do nach d'innis 
mis' a chunnart riamh. Theireadh ì rium, " Bu chòir 
dhuit a dhol agus labhairt riutha os-ìosal, agus an 
cunnart uamhasach ìnnseadh dhoibh gu h-onorach, geda 
b'ànn air uair do bhèidh, no uair do chadail, mur 
faigheadh tu fàth-chothrom eile." Chuimhnicheadh 
mo choguis dhomh mar bha mì air leithid so no sid a 
dh'àm ann an cuideachd nan aineolach, no ag imeachd 
air an t-sligh maille ri rag pheacach, agus cothrom agam 
labhairt ris air cor 'anama, gun f hocal a ràdh ris air a' 
chùis sin, no ma thubhairt, bu bheag a bhuil. Gu'n 
deònaicheadh Dia dhomh-sa mo dhleasanas a dheanamh 
fad làithean mo bheatha, chum nach bi aobhar mòr aig 
mo choguis mo dhìteadh aig uair a' bhàis. 

Smuainich cho deadh-thràthail 's a tha do chothrom 
air an obair so a dheanamh anis. Faodaidh uairean 
a bhi ann air nach bi è sàbhailt dhuit labhairt, no air 



a mhisneachadh gus an Flwis so ìarraidh. 183 

an cailleadh tu do shaorsa, no do bheatha. Air an 
aobhar sin, bi dìchiollach, èudmhor f had 's a mhaireas 
do chothrom. Cha n-f had gus an gairm am bàs thu- 
fèin agus do choimhearsnaich amach às an t-saoghal 
so. Greas ort, matà, a Chriosduidh co-air-bith thu, 
agus labhair riutha, cho fad 's a dh-f hàgar an cothrom 



Smuainich gur ì so obair a's mò gradh, agus gu'm 
faod ì gu cìnnteach a bhi air a deanamh leis na h-uile, 
— leis na h-uile aig am bheil gràdh do Dhia, agus gur 
còir dhì 'bhi air a deanamh leis gach Criosduidh, agus 
leis gach ban-Chriosduidh — leis gach aon de shluagh 
Dhè, bitheadh è bochd, no saoibhir. Tha teangaidh 
ann am beul gach aoin gu focal caoimhneil, dileas a 
labhairt ann an deadh àm ri peacach. 

Aon uair fathast, smuainich air toraidhean sona, 
saoibhir na h-oibre so, far an deanar \ gu dìleas, ceart. 
Thàinig Criosd anuas o nèamh agus bhàsaich è chum 
anamanan a theàrnadh, agus tha ainglean Dhè* a' s\or- 
dheanamh gàirdeachais airson an teàrnaidh, agus ma's 
instrumaid thusa air teàrnadh anamanan, beannaichidh 
ìad sin thu tre thìm agus tre shìorruidheachd. Glòraich- 
ear Dia le do shaothair. Meudaichear agus ùraichear 
an eaglais leis. Leasaichear agus neartaichear d'anam 
fèin le sòlas a' chreidimh, agus le spionnadh na beatha 
diadhaidh agus meudaichear sìth do choguis, agus 
d'aoibhueas anns an Spiorad Naomh. Le labhairt ri 
muinntir eile air lànachd Chriosd, bithidh do chridhe 
fèin air a bheothachadh, agus do ghràdh air a bhlàth- 
achadh. Fosgail suas olcas agus cunnart a' pheacaidh 
do mhuinntir eile, agus bithidh d'fhuath fèin do'n 
pheacadh agus do bhuaidh 'n a aghaidh air am meud- 
achadh gu mòr. Bu lìonmhor tròcairean Dhia riamh 
do m' anam fèin. Gràdh Dhia ann an Criosd do m' 
anam, an tròcair a's àirde luach, agus, anns an ath chèum 
do, sin molaidh m\ Dia gu h-aoibhneach, a shoirbhich 
cho pailt le mo shaothair ameasg muinntir eile. cia 
mòr an toradh a chithinn, na'n robh mì na b'f hìrinniche ! 
Is maith a tha fios agam gu'm fèum sinn a bhi gle 
amharusach air ar cridheachan fèin anns a' chùis so, air 
eagal nach faighear ann ar gàirdeachas ach uaill, no 



184. S è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile 

fèn; -ghlòir. Is nàdurrach dhuinn cliù \arraidh dhuinn- 
fèirj airson gach deadh oibre. Ach is è dleasanas gach 
aoin de chloinn Dè, eisempleir 'Athar nèamhaidh a lean- 
tuinn ann an deanamh iochd 'us maith ; agus gàirdeachas 
a dheanamh arèir an tomhais anns an deanar maith. 
Dh innis nrì dhuit mar so, matà, fiosrachadh m' anama 
fèin air an dleasanas so, chum do mhisneachadh, agus 
na'm b'aithne dhuit a thoradh aoibhneach, is cìnnteach 
mì nach b'urrainn cùis, no gnothach air-bith do sgàth- 
achadh o'n obair bheannaichte so air là, no oidhche. 

Togaibh oirbh, mata, gach aon aig am bheil teangaidh 
'n a cheànn, agus a ta 'n a sheirbhiseach do Chriosd, 
deanadh è beagan ann an seirbhis a Mhaighsteir. 
Carson a thug è teangaidh dhuibh, ach gu labhairt 'n a 
sheirbhis ? Agus ciod an t-seirbhis a's urramaiche is 
urrainn sibh a dheanamh dhà na treòrachadh anamanan 
d'a ionnsuidh ? An Tì a ghairmeas " beannaichte 
sibh" air an là dheireannach, agus a dh-fhàilticheas 
sibh a dh-ionnsuidh " na rìoghachd a ta air a deasach- 
adh dhuibh," a chionn gu'n ' tug sibh biadh dhà, gu'n 
d'eudaich sibh è, agus gu'n tàinig sibh a dh-amharc air' 
ann an nochdadh caoimhneis' " do aon de na bràithribh 
a's lugha," gu cìnnteach gairmidh è " beannaichte sibh" 
airson obair cho mòr ri treòrachadh anamanan a 
dh-ionnsuidh a rloghachd. An Tì a thubhairt, " Tha na 
bochdan agaibh a ghnàth maille ribh," dh'fhàg è na 
daoine mi-dhiadhaidh " a ghnàth maille ribh" chum 
gu'm bitheadh agaibh fathast cuspairean air an tigeadh 
dhuibh bhur gràdh a thaomadh amach. Ma tha cridh- 
eachan Chriosduidhean, no dhaoine agaibh, tiomaicheadh 
ìad anis ri bhur coimhearsnaich aineolach, mhi-dhiadh- 
aidh. Abraibh, mar thuirt lobhair Shamaria, " Cha 'n 'eil 
sinn a' deanamh gu ceart ; is là deadh sgèil an là so, 
agus tha sinne 'n ar tosd." 2 Rì. 7. 9. Nach mòr an 
tròcair a rinn Dia òirbh-fèin, agus nach dean sibhse 
tròcair air bhur coimhearsnaich bhochd ? 

Buinidh an dleasanas so do gach uile Chriosduidh, 
ciod-air-bith inbhe, no suidheachadh anns am bheil è, 
ach gu h-àraid do chuid, arèir mar a ghairm Dia ìad, 
no mar a dheasaich è ìad air a shon. Dhoibh sin gu 
sbnruichte, matà, bheirear earail anis. 



a mhisneachadh gus an Fhois so ìarraidh. 185 

Tha Dia ag ìarraidh an dleasanais so uait-sa gu 
h-àraid a's mò ionnsachadh agus eòlas, agus a's feàrr 
comas labhairt na do choimhearsnaich. Cuimhnich, is 
è Dia a bhuilich na tàlantan sin ort, agus is àill leis 
thus' am buileachadh air a sheirbhis fèin. Is còir 
dhoibh-san a tha làidir a' mhuinntir lag a chuideachadh ; 
agus fèumaidh ìadsan, a ta nis a' faicinn, na doill a 
threòrachadh. Is ì toil Dhe' thusa gach cuid, gibht 'us 
gràs, a thug è dhuit, a ghnàthachadh ann an deanamh 
an dleasanais so gu firinneach, agus ma dhearmaideas tu 
sin a dheanamh, b'f heàrr dhuit nach d'fhuair thu riamh 
ìad ; oir meudaichidh lad do dhìteadh, agus cha n-oibrich 
ìad teàrnadh dhuit-fèin, no do mhuinntir eile. 

Tha Dia ag ìarraidh an dleasanais so air na h-uile a 
ta eòlach air muinntir mhi-dhiadhaidh, agus aig am 
bheil chram àraid dhiubh. Dh'ith 'us dh'òl Criosd fèin 
maille ri c\s-mhaoir agus ri peacaich, acb is ann a 
chum an teagasg, no chum a bhi 'n a Lèigh dhoibh a 
rinn è sin, agus cha n-ann idir a chum a bhi 'n a 
chòmpanach dhoibh ann an amaideas. Cò is urrainn a 
ràdh nach do chuir Dia do luchd-eòlais, no do chàirdean 
fo do churam-sa chum na crìche so ? Cha n- 'eil f hios 
nach tus' an instrumaid, no 'm meadhon leis am bheil 
ìad gu bhi air an ìompachadh. Iadsan nach èisd ri 
guth coigrich, faodaidh ìad èisdeachd ri bràthair, no ri 
piuthair, no cèile, no mnaoi, no caraid, oir is mòr 
cumhachd cairdeis, seach dàimh air-bith eile, gu iochd 
agus caoimhneas a ghintinn eadar duine 'us duine. 

Is còir do lèighean, no do dhochdadairibh a tha tric 
mu thimchioll dhaoine tìnn, no ri uchd a' bhais, a cheart 
aire 'thoirt do 'n dleasanas so. Is mòr am f àth-chothrom 
àraid a ta aca-san air maith a dheanamh do anamaibh 
an co-chrèutairean. Gheibhear ìad maille riutha air 
àm na h-euslaint' agus a' chunnairt — àm air an tìsd a' 
chluas, agus air an lhb an cridhe na's feàrr na air uair 
na slàinte. Amhaircidh daoine air an dochdadair mar 
dhuine aig am bheil am beatha 'n a làimh, no an car a's 
lugha, mar neach a dh-fhaodas mòr chobhair a thoirt a 
chum an slàint aiseag dhoibh, agus mar sin gabhaidh 
ìad a chomhairle gu toileach. Sibhse aig am bheil 
dreuchd urramach na dochdadarachd, na abradh aoa 



186 iS è Dleasanas Sluaìgh Dhè muinntir eile 

dibh gu bràth nach buin dhuibh-se comhairle dhiadhaidh 
a thoirt do dhuine tìnn, no slàn ; na abraibh nach buin 
do bhur gairm-sa saothair a dheanamh chum anamanan 
a theàrnadh ; na abraibh idir gur ann amhain do 
mhinistearan a bhuineas an obair so uile, mur àill leibh 
a ràdh nach Criosduidhean sibh-fe'm, no nach bu chòir 
dhuibh a bhi iochdmhor. dhochdadair, matà, cuidich 
na h-euslaintich chum slàint 'fhaotuinn d'an anam- 
aibh ! Ma's beatha, no bas doibh, teagaisg dhoibh ciamar 
is còir dhoibh a bhi beò, agus ciamar is còir dhoibh 
bàsachadh. Thoir leigheas airson an anama, cho maith 
's a bheir thu airson a' chuirp. Glòir do Dhia, is iomadh 
àrd dhochdadair diadhaidh a gheibhear a' deanamh an 
dleasanais so anns an lìnn so, agus mar sin a' glòrachadh 
Dhè, agus ag àrdachadh an dreuchd fèin. 

Is mòr fath-chothrom dhaoine saoibhir, cumhachdach 
aig am bheil mòran luchd-eisimeil f òpa, air an dleasanas 
80 a dheanamh, na'm b'àill leo an lamh a chur ris. 
Na'n gnathaicheadh uaislean an ùghdarras agus an 
cumhachd a chum sonas ìslean a chur air aghaidh, is 
mòr, maireannach am maith, — maith nach gabhadh 
àireamh, no ainmeachadh, — a dheanadh ìad ameasg 
dhaoine ! dhaoine saoibhir, cumhachdach, nach è 
Dia fèin a thug dhuibh gach saoibhreas 'us onoir a ta 
agaibh ? Nach 'eil Criosd ag ràdh, " Gach neach d'an 
d' thugadh mòran, ìarrar mòran uaith ?" Na'n labhradh 
sibh ri bhur luchd-eisimeil — riutha-san a ta fo bhur 
cumhachd, air an dleasanas do Dhia, faodaidh' gu'n 
gabhadh ìad bhur comhairle, 'nuair a dheanadh ìad 
dìmeas air comhairle ministeir. Anis, Uachdarain, ma's 
luachmhor leat onoir Dhè, ma's luachmhor leat do 
shòlas fèin agus teàrnadh anamanan, deanadh do chumh- 
achd thairis air tuathanaich 'us coimhearsnaich an 
treòrachadh a dh-ionnsuidh Chriosd. Kuig an tighean- 
còmhnuidh. Faic am bheil ìad ag aoradh do Dhia 'n an 
teaghlaichibh. Glac gach fàth-chothrom chum an toirt 
gu'n dleasanas a dheanamh do Dhia. Na dean tàir idir 
orra. Cuimhnich, " Cha n-'eil Dia ag amharc air 
pearsaibh seach a chèile." Faiceadh daoine, mar tha 
toiseach agad air muinntir eile ann an saoibhreas agus 
onoir an t-saoghail, gu'm bi toiseach agad orra ann au 



a mhisneachadh gus an Fhois so ìarraidh. 187 

oibribh dìchiollach, iochdmhor, diadhaidh. Fèumar 
aideachadh gu'n dean an obair so duine sònruichte 
— air-leth dhiot, ach bithidh tusa " sònruichte" ma 
ruigeas tu air glòir nèimh ; oir " cha 'n iomadh iad a ta 
cumhachdach agus uasal a ta air an gairm." Ach glòir do 
Dhia, tha cuid de na daoine mòra, cumhachdach air an 
gairm anns gach rìoghachd, agus gheibhear ìad sin a' 
saothrachadh guh-èifeachdach anns ' a' ghàradh-f hìona.' 

Agus, a Mhinistearan an t-soisgeil, is è anamanan a 
chuideachadh 'n an turus gu nèamh, obair mhòr, àraid 
bhur gairme-sa. Cuimhnichibh mata, amharc an còmh- 
nuidh air an obair so mar àrd chrìoch bhur meòrachaidh 
agus bhur searmonachaidh. Is è am ministear sgileil, eòl- 
ach, comasach, am fear a's feàrr eòlas air teagasg, air soil- 
leireachadh, air comhairleachadh, agus an lorg sin, air 
buinnigeadh anamanan ; agus is ì an t-searmoin leis an 
deanar sin, searmoin a's feàrr. Ma's è bhur glòir fèin a's 
feàrr leibh na glòir Dhè, is sibh a's suaraiche de na h-uile 
dhaoine ann am fianuis Dhè. Is f ìor do thaobh bhur cliù 
fèin an ni a ta Criosd ag rkdh do thaobh bhur beatha, 
" Esan a ghràdhaicheas 'anam (a bheatha) caillidh se 
è." Dearbhadh spionnadh gach earail a bheir sibh, 
gu'm bheil sibh-fèin a' làn-mhothachadh mòr luach a' 
ghnothaich air am bheil sibh a' labhairt. Searmonaich- 
ibh gu stòlda, dìan, durachdach mar dhaoine a tha da 
rìreadh a' creidsinn an teagaisg f&n, agus aig am bheil fios, 
mur creid an luchd-e'isdeachd, gu'm bi ìad mallaichte. 

Ullaichibh gu cùramach airson na cùbaid, oir is h am 
ministear a's feàrr a dh-ullaicheas a's feàrr a shearmon- 
aicheas. Ach cuimhnichibh nach 'eil bhur n-obair uile 
anns a' chùbaid. Is buachaillean sibh aig an còir fios a 
bhi air cor gach aoin de'n trèud ; gach aon a tha fathast 
fo ghalar a' pheacaidh a chuideachadh gu leigheas, agus 
gach aon a thèid air seachran a threòrachadh dhach- 
aidh. Fòghlumaibh o Phòl, cha n-è mhkin an sluagh 
" a theagasg am follais," ach " o thigh gu tigh." Fios- 
raichibh ciamar a tha ìad a' fàs ann an eòlas, agus ann 
an naomhachd, agus ciod am bònn air am bheil ìad a' 
stèidheachadh an dòchais airson slàinte, agus co dhiubh 
a tha ìad 'g an giùlain fèin gu cothromach, agus a' 
deanamh an dleasanais, gach aon 'a a àit fèin. Biodh 



188 'S è Dleasanas Sluaigh Dliè muinntir eile 

fios agaibh am bheil ìad a' cumail aoradh Dhè 'n an 
teaghlaichibh, agus biodh eòlas agaibh orra, chum an 
treòrachadh a dh-ionnsuidh Dhè. Faicibh ciod am 
fèum a tha ìad a' deanamh de shearmonachadh an f hoc- 
ail. Mur 'eil aca ach beag tlachd ann an nithibh 
spioradail, gabhaibh truas dhiubh, ach na dearmaidibh 
ìad. 

Ma chithear aon air-bith a' gluasad gu mi-riaghailt- 
each, ìarraibh a chur ceart le dìchioll agus foighidin. 
Ma gheibhear cuid aineolach, faodaidh coire sin a bhi 
agaibh-se, cho mòr riutha-fèin. Feuchaibh nach 
caidil sibh 's am madadh-alluidh 'n a dhiiisg. Buinibh 
gu dìleas ris gach neach. Cha n-àill le cuid am peac- 
aidhean ìnnseadh do'n t-sluagh, a chionn gur daoine 
mòra, no daoine diadhaidh ìad, mar nach bu chòir 
labhairt gu soilleir, dìleas an aghaidh a' pheacaidh, ach 
amhàin ri crèutairean aingidh, bochd. 

Bithibh glic, seòlta, cìallach ann an labhairt ris gach 
neach, chum gu'm freagair an dòigh oibreachaidh do 
òirdhearcas na h-oibre. Gheibhear gràdh agus tuigse 
aig gach anam rèusonta, air an aobhar sin, bitheadh 
gach searmoin spioradail, re'usonta, tuigseach, caidreach. 
Meòraichibh agus aslaichibh, agus aslaichibh agus 
meòraichibh, a chum saothrachadh mar luchd-oibre 
" nach ruig a leas nàire a ghabhail, a' roinn focail na 
fìrinn gu ceart," ionnus gu'm bi araon taitneas agus 
buannachd aig an t-sluagh ann an èisdeachd ruibh. 

Teagaisgeadh bhur caithe-beatha, cho maith ri bhur 
briathran. Bitheadh bhur caithe-beatha nèamhaidh, 
naomh, a' còrdadh ris an teagasg a tha sibh a' sparradh 
air muinntir eile. Bitheadh bhur searmoinean spiorad- 
ail 's a' togail suas ìnntinn an t-sluaigh ann an eòlas. 
Fuiligibh gach uile nì, mu'n leig sibh leis an t-soisgeul 
agus le anamaibh dhaoine fulang fo bhur làimh. 
Faiceadh muinntir nach ànn amhàin mar cheàird gu 
bhi beò oirre, a ghabh sibh dreuchd na ministearachd, 
ach gu'm bheil bhur cridheachan suidhichte air sonas 
anamanan a chur air aghaidh. 

Mar theagaisgeas sibh macantas, irioslachd, suairceas, 
no fèin-àicheadh o'n t-soisgeul, teagaisgibh sin mar-an- 
c&idna le bhur deadh eisempleir fèin. Iarraibh gu 



a mhisneachadh gus an Fhois soìarraidh. 189 

cùramach aonachd agus sìth a ghnà-chumail suas 
ameasg an t-sluaigh. Ma's maith leibh aobhar Chriosd 
agus slàint an t-sluaigh a chur air aghaidh, deanaibh 
gach nì ann an cèum na sìth agus a 1 ghràidh. Bu cho 
furasda coinneal a chumail beò ann an stoirm, ri sluagh 
a chumail ann an deadh eagar coguis, no ann am fonn 
fallain, tuigseach, cìallach, gràsmhor, nèamhaidh, spior- 
adail, diadhaidh, agus ann an caithe-beatha riaghailt- 
each, ameasg aisith agus còmhstri. Uime sin, matà, 
àraichibh-se aonachd, sìth agus gràdh ameasg an 
t-sluaigh. " Is beannaichte an seirbhiseach sin, a 
gheibh a Thighearn, an uair a thig e, a' deanamh mar 
sin." Lùc. 12.43. 

Agus deanadh am pobull an dleasanas fèin do'n 
luchd-teagaisg. Eisdeadh ìad gu dùrachdach agus 
gabhadh ìad gu toileach ri teagasg a' mhinisteir a tha 
gu dìleas a' searmonachadh soisgeil Chriosd dhoibh. 
Cuidicheadh ìad è ; neartaicheadh ìad a làmhan, agus 
misnicheadh ìad a chridhe, air gach dòigh 'n an comas, 
a chum obair an Tighearn' a chur air aghaidh. Cuimh- 
nichibh-se, a phobuill, gu'm fèum gach ministear fìrinn- 
each, dìchiollach, là no làithean de'n t-seachduin a chur 
air Ieth, a chum ullachadh a dheanamh gu h-uaigneach 
'n a sheòmar-smuaineachaidh, airson gach sàbaid. Agus 
ma's maith leibh biadh spioradail a bhi air 'ullachadh 
air bhur son fèin, ma's maith leibh obair an Tighearn' a 
chuideachadh air a h-aghaidh ann bhur measg fèin, 
leigibh fois le bhur ministear air làithibh an ullachaidh. 
Gabhaibh a' cheart aire nach fhaighear sibh a' cur 
dragh air, no 'g a ^hluasad, gun aobhar ro àraid, air na 
làithibh sin. Chithear crèutairean cho feòlmhor, 
talmhaidh, no aineolach, ionnus gu'm bheil ìad coma 
ciamar a thèid obair naomh an ullachaidh so air a 
h-aghaidh, ma gheibh ìad an gnothach fèin, geda 
dh-f haodadh è 'bhi deante air là eile. ' Bitheadh aithne 
agaibh air seirbhisich an Tighearna, a tha os bhur 
ceànn, agus 'g a bhur comhairleachadh ; agus biodh 
meas mòr agaibh dhiubh ann an gràdh airson an oibre.' 
1 Tes. 5. 12, 13. 

Anis sibhse uile ris an d'earb Dia clann agus 
seirbhisichj cuimhnichibh cùram a ghabhail de'n an 



190 '# e Dleasanas Sluaigh Dhè mumntir eile 

amaibh. Bithidh gu tric 'g an cuideachadh agus 
'g an treòrachadh a dh-ionnsuidh na foise nèamhaidh. 
Faic, a phàraint, cho soilleir 's a tha an dleasanas so 
air 'àithneadh dhuit le Dia 'n a f hocal, " Agus bithidh 
na briathra so, a tha mi ag àithneadh dhuit an diugh, ann 
ad' chridhe ; agus teagaisgidh tu iad do d' chloinn, agus 
labhraidh tu orra 'nuair a shuidheas tu a'd' thigh, agus 
an uair a dh'imicheas tu air an t-slighe, agus an uair a 
luidheas tu s\os, agus an uair a dh'èireas tu suas." 
Deut. 6. 6-7. " Teagaisg leanabh a thaobh na slighe 
air an còir dha imeachd ; agus an uair a bhios e sean, 
cha trèig e i." Gnàth. 22. 6. "Togaibh bhur clann 
ann an oilean (eòlas) agus ann an teagasg an Tigh- 
earna." Eph. 6. 4. Abraibh agus deanaibh, mar a 
thuirt 's a rinn Iosua diadhaidh, " Ach air mo shon-sa 
agus airson mo thighe ni sinne seirbhis do'n Tighearn." 
Ios. 24. 15. Agus tha Dia f&n a' moladh cùraim 
Abrahaim mu'n dleasanas so," Oir is aithne dhomh e, 
gu'n toir e àithne d'a chloinn, agus d'a theaghlach 
'n a dhèigh agus gleidhidh iadsan slighe an Tigh- 
earna." Gen. 18. 19. Cuimhnich gur còir dhuit, 
areir ceartais, an dleasanas so a dheanamh airson 
do chloinn f&n. Is ann uait-sa a thug ìad truighe 
agus truaillidheachd an nàduir ; àgus air an aobhar 
sin, is è do dhleasanas gach saothair 'us dìchioll ann 
do chomas, a dheanamh chum an aiseag gu slàint. 
Smuainich cho dlùth 's a tha do chlànn dhuit. Is 
pàirt dhìot-fèm ìad. Ma shoirbhicheas ìad an d&gh do 
bhàis, tha sin leat mar gu'm bitheadh tu-fèin beò agus 
a' soirbheachadh ànnta ; agus nach còir dhuit mar sin 
d'ìnntinn a shuidheachadh air am fois shìorruidh ? Ma 
dhearmaideas tu an dleasanas so, is fianuis thu an 
aghaidh d'anama f&n. Is mòr do chùram, do 
shaothair agus do chosdas a chum an cuirp a bheath- 
achadh, ach dìtidh sin thu, ma dhearmaideas tu an 
anamanan prìseil. Seadh, dìtear thu leis na brùidean 
fèin, oir gheibhear ìad sin uile glè chùramach mu 
thimchioll an òg shliochd fèin. 

Smuainich gur è Dia fè'm a chuir clann agus seirbhisich 
air do chùram. An abair thu gu'm bheil ìad air cùram 
a' mhinisteir agus a' mhaighsteir-sgoile ? Cuimhnich 



a mhisneachadh gus an Fhois so ìarraidh. 191 

thusa gur còir dhuit cùram na's mò a ghabhail de gach 
anam ann do theaghlach, na ghabhas ministear, no 
duine sam-bith eile ; oir gu cìnnteach gairmidh Dia gu 
cùnntas thus', a phàraint, no thus' a mhaighsteir, airson 
do theaghlaich. Is è so cùram a's mò a dh'earbadh 
riamh riut, agus an-aoibhinn duit-sa, ma leigeas 
tu dhoibh a bhi aineolach, aingidh, an lorg do 
mhi-churaim de'n taobh. Smuainich air an obair a 
tha dhuit 'n an nàdur, 'n an togradh agus 'n an caithe- 
beatha. Cha n-aon pheacadh ach mìle a gheibhear an 
sin : eucailean lìonmhor, dùchasach a' pheacaidh air 
am measgachadh 'n an nadur truaillidh. Agad-sa tha 
le teagasg fhallain ri buaidh a thoirt air na h-uilc sin 
uile. Na lagaicheadh do mhisneachd, ged gheibhteadh 
na leasanan, a's còir dhuit a theagasg, a' dol calg-dhìr- 
each an aghaidh tlachd 'us toil na feòla. Gu'n deòn- 
aicheadh Dia dhuits' a thuigsinn cho mòr, luachmhor 
's a tha do chùram agus d'obair ! 

Smuainich cia searbh am bròn a tha thus' ag ullach- 
adh dhuit-fèin, ma tha thu nis a' deanamh dearmaid air 
teagasg do theaghlaich. Ma bhitheas a chlann sin 
fathast 'n an sguilb ghoirt dhuit, cuimhnich is ann de 
do shuidheachadh fèin ìad. Ma bhitheas tu-fèin air do 
theàrnadh, agus ìadsan air am mallachadh, nach uamh- 
asach, goirt dhuit smuaineachadh gur è do mhi-chùram 
fèin a b'aobhar d'an sgrios ? Ma bhàsaicheas tu-fèin 
agus \adsan anns a' pheacadh, mallaichidh ìad thu, ag 
èigheachd amach gu garg 'n ad' aghaidh ann an ifrinn, 
" Is tus' a thug an truaighe so òirnn uile. Bu chòir 
dhuit ar dleasanas a theagasg dhuinn, ach cha d'rinn thu 
è. Bu chòir dhuit sinne 'chasgadh 's a chronachadh o'n 
olc, ach cha d'rinn thu sin." Nach teannaichear do 
thruaighe fèin gu mòr leis gach glaodh d<5ruinneach 
dhiubh sin ! 

Smuainich, air an làimh eile, air an t-sòlas a bhitheas 
agad, ma gheibhear fìrinneach thu anns an dleasanas so. 
Mur tèid è leat, bithidh d'anam saor o chiont' a 
dhearmad, agus bithidh sìth aig do choguis. Ma th&d 
è leat, bithidh do shòlas do-labhairt. CÌn tha do chlann 
gràdhach, ùmhal, taitneach, taiceil dhuit, anns a' chuid 
a tha romhad de do thurus gu glòir. Is mòr is fheàirrd 



192 'S è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile 

do theaghlach uile è, ma gheibhear eadhon aon leanabh, 
no aon seirbhiseach diadhaidh ann. Ach is mòr d' aoibh- 
neas an là a their thu, " a Thighearna, Feuch mise, agus 
a' chlànn a thug thu dhomh." An dèigh sin bithidh 
tu beò gu h-aoibhneach maille riutha gu bràth. 

Smuainich cho mòr 's a tha maith na h-eaglais agus 
na rìoghachd an eisimeil an dleasanais so. Cha n-ur- 
rainn riaghailtean maith an lagha sluagh glic, diadhaidh 
a dheanamh dhìnn, mur tòisich ar teagasg ann an uchd 
an teaghlaich. Agaibh-se, a phàranta, tha 'n obair so 
ri dheanamh, agus ma dh-f hàgar ì gun deanamh, gus 
an tig bhur clànn, aineolach agus cruadhaichte leis a' 
pheacadh, fo làimh mhinistearan, ciod is urrainn minis- 
tearan a dheanamh ? Ach na'n robh ìad air an teagasg 
leibh-se ann an eagal Dè air làithibh an òige, agus air 
an treòrachadh ann an eòlas, agus ann an cleachdadh na 
diadhachd, bu mhòr a' mhisneachd sin do mhinis- 
tearan, agus shoirbhicheadh obair an Tighearna gu mòr 
'n an làmhan ! Innseam dhuibh gu cùramach, gur è 
dearmad air teagasg na cloinne ann an eòlas air an 
dleasanas do Dhia, a's aobhar do uile thruaighean na 
h-eaglais agus na rìoghachd. 

Guidheam f òs air pàrantaibh smuaineachadh air na 
cothroman honmhor, luachmhor a tha aca, chum an 
clànn a theàrnadh. Tha ìad fo bhur làimh, am feadh 
a ta \ad maoth, sùbailt, òg. Cha chrànn garbh daraich 
a ta agaibh ri lùbadh, ach fihran a dh-aomas leibh. 
Na'n spìonadh pàrantan meacain a' pheacaidh amach & 
cridheachan an cloinne fein, cha bhitheadh dubhailcean 
freumhaichte, cruaidh, garbh a' pheacaidh cho tric ri 
ghearradh àsda an dèighdhoibh f às suas. Cha n-'eil 
coguisean na cloinne air an cruadhachadh cho mòr le 
cleachdadh a' pheacaidh agus le diùltadh gràis, 's a tha 
coguisean muinntir eile. Tha cridheachan na cloinne 
mar an talamh bog, tais a ghabhas astigh an criinn gu 
luath, ach tha cridheachan na h-aois mar thalamh 
cruaidh, clachaidh air a theannachadh fad iomadh 
bliadhna fo chèumaibh an uilc. Is obair dhùbailt ìad- 
san, nach d'f huair an ionnsachadh air làithibh an òige, 
a theagasg anis ; oir fèumar air tùs am pilleadh o'n olc. 
'e an dèigh sin maith a theagasg dhòibh. Ach na'n 



a mhisneachadh gus an Fhois so ìarraìdh. 193 

d'f huair ìad an teagasg òg, bu leòr leth na h-oibre sin. 
Is ann duibhs' a's mò an gràdh air thalamh. Is sibhse 
a's mò ùghdarras os an ceànn. Is ann ruibh-se tha 
ìad a' sealltuinn airson am beathachaidh uile. Is ann 
duibh-se a's feàrr is aithne am mèinn 's an togradh. 
Tha sibh maille riutha do ghnath, agus fàth-chothrom 
agaibh an còmhnuidh gu bhi 'bìadhadh an cridheachan 
le eòlas maith. Cuimhnichibh-se so gu h-àraid, a 
mhàthraichean, a tha na's trice na 'n aithrichean maille 
ri bhur cloinn, am feadh a tha ìad fathast òg. Is mòr 
bhur dìchioll a chum an cuirp a bheathachadh. Is mòr 
bhur pìan agus bhur saothair 'g an toirt astigh do'n 
t-saoghal. Agus nach dean sibh saothair a chum an 
anamanan a theàrnadh ? Tha dìan ghràdh blàth agaibh 
dhoibh, agus an leig sibh dhoibh a bhi càillte gu sìor- 
ruidh ? G-uidheam òirbh, matà, air sgàth sliochd bhur 
cùim fèin, teagaisgibh ìad, comhairlichibh \ad, agus 
gabhaibh mòr chùram dhiubh, agus na leigibh fois leo, 
gus am faigh sibh an treòrachadh a dh-ionnsuidh Chriosd. 
Guidheam òirbh, a phàranta Criosdail, a leughas na 
briathran so, deanaibh iochd air anamaibh bochd bhur 
cloinne fèin. Bithibh fìrinneach, dìleas do Dhia a 
dh'earb clànn ruibh. Mur urrainn sibh na b' àill leibh 
a dheanamh, deanaibh na 's urrainn sibh air an son. 
Tha 'n eaglais agus an stàit, gach baile agus dùthaich 
ag osnaich gu tròm fo'n dearmad a thathas a' deanamh 
air an dleasanas so. Cha n-'eil eòlas aig bhur eloinn 
air Dia, no air a lagh, ach bheir ìad " ainm Dhè an 
dìomhanas ;" nì lad tàir air aoradh Dhè' ; agus cha 
theagaisg 'us cha chronaich sibh ìad. Air an aobhar 
sin, cronaichidh Dia ìadsan agus sibhse. Cha lèir do 
bhur gràdh do bhur cloinn am peacaidhean. Na bith- 
eadh ioghnadh òirbh, matà, ged ghoirticheadh Dia sibh 
airson peacaidhean bhur cloinne, oir tha sibh ciontach 
anns gach peacadh a tha ìad a' deanamh, a chionn gu'n 
d'rinn sibh dearmad air an teagasg agus air an cron- 
achadh. Tòisichibh anis, matà. air an dleasanas so, 
agus na deanaibh dearmad air na's fhaide. Cuimh- 
nichibh air Eli. Tha bhur clann mar bha Maois ameasg 
nan cuilc, ullamh gu bàsachadh mur faigh \ad an 
cuideachadh. Ma's àill leibh nach dìtear sibh mar 



194 Dleasanas Sluaigh Dhè, &c. 

mhortairean an anamanan, no raa's àill leibh nach 
cluinn sibh an glaodh 'g a bhur dìteadh fèin anns an 
teine shìorruidh, tòisichibh gu grad ri teagasg dhoibh 
ciamar a dh-fhaodas \ad a dhol is o'n teine sin ; agus 
togaibh ìad ann an naomhachd 'us ann an eagal Dè. 

Tha m\ nis a' sparradh air gach aon dibh, arèir bhur 
bòidean-baistidh do Dhia, agus mar dh-fhèumas sibh 
uile freagairt do Dhia 'an ùin glè aithghearr, na diùltaibh 
agus na dearmaidibh an dleasanas àrd-fhèumail so air 
chor sam-bith. A phàraint, mur 'eil thu toileach a 
dheanamh, agus fios agad gur dleasanas mòr è, is 
ceannairceach thu, agus cha sheirbhiseach fìrinneach 
do Chriosd. Ma tha thu toileach, ach gun f hios agad 
ciamar is còir dhuit do dhleasanas a dheanamh ri do 
chloinn fèin, gabh anis beagan seòlaidh, chum do 
chuideachadh. Treòraich do chlànn, le do dheadh 
eisempleir fèin, gu urnuigh agus dleasanasaibh diadhaidh 
eile. Teagaisg an tuigse. Lìon an cuimhne le eòlas 
maith. Ceartaich an toil. Beothaich an aignidhean. 
Cum an coguis beò, blàth. Caisg an teangaidh. Teag- 
aisg briathran glan dhoibh. Caithris 'us ceartaich an 
gitilain 's an caithe-beatha. Faigh Bìobuill 'us leabh- 
raichean maith eile dhoibh, agus faic ìad 'g an lèughadh. 
Ceasnaich \ad gu tric air na nithibh a tha ìad ag ìonn- 
sachadh. Cuimhnich gu'm bi thu-fèin 'us ìadsan ris an 
obair so air gach là sàbaid. Na ceadaich idir dhoibh 
a bhi ri amaideachd, cluith, no dìomhanas sam-bith air 
an là naomh sin. Thoir maille riut gu " Tigh Dhè" 
ìad. Cum anns an sgoil-shàbaid ìad gu seasmhach, 
riaghailteach. Is mòr, luachmhor an cuideachadh do 
phàrantaibh an sgoil-shàbaid. Bi gu tric a' mìneachadh 
dhoibh brìgh nan nithe a tha ìad a' lèughadh 's ag 
ìonnsachadh. Na leig le leisgeulan beaga an cumail às 
an sgoil ; oir gach là a chailleas \ad de'n sgoil, cha 
bheir ìad gu bràth air. Na dearmaid an Leabhar-cheist 
a theagasg dhoibh. Cum amach à* droch cuideachd \ad. 
Treòraich ìad gu eòlas air sluagh diadhaidh. Thairis 
air gach uile n\, teagaisg agus cuimhnich dhoibh gu tric 
cho fèumail, cho òirdheirc, cho taitneach, cho luach- 
mhor, glòrmhor 's a tha eòlas air Dia, agus air a sheirbhis ; 
agus saothraich a chum làn bheachd air sin a shuidh- 
eachadh gu teànn air an cridheachan. 



195 

Caibdeil X. 

Cha n-fhaighear Fois nan Naomh air thalamh. 

Cha n-'viil sinn fathast air teachd a dh-ionnsuidh ar 
n-àite-tàimh. Àch tha àit-tàimh a' feitheamh òirnn. 
matà, nach peacach, amaideach a bhi 'g a ìarraidh, 
no dùil a bhi againn ris an so ! Cait am faighear 
Criosduidh nach 'eil toilltinneach air achmhasan do 
thaobh na cùise so ? B'àill leinn gach cùis soirbheach- 
adh leinn an còmhnuidh. Dh-ìarramaid gach ni a tha 
socrach, taitneach do'n f heòil. Is beag a tha sinn a 1 
tuigsinn cho mi-rèusanach 's a tha ar mìann. Ma 
gheibh sinn àitean-còmhnuidh goireasach, biadh 'us 
aodach, fearann 'us teachd-astigh, agus meadhonan 
nan gràs a dh'òrduich Dìa, chum ar maith spioradail, is 
leòr sin leinn, agus ìarraidh sinn fois ànnta. Ma's 
fortanach, no mì-f hortanach ar staid, ma's tmn no slàn 
sinn, gheibhear sinn gu dìan a' sìor-ìarraidh fois' ann 
am mealtuinn a' chrèutair, — ann an taitneasaibh faic- 
sinneach. 'Nuair a bhitheas taitneas aimsireil uainn, 
nach f haighear sinn 'g a ìarraidh na's dtirachdaiche na 
dh-larras sinn Dia fèin ? Nach f heàrr leinn a mhealtuinn 
na mealtuinn Dhè? Agus ma chailleas sinn ar tait- 
neas aimsireil, nach truime leinn sin na làthaireachd 
Dhè fèin a chàll? Cha leòr leinn ar beannachdan 
aimsireil a ghnàthachadh a chum ar cuideachadh agus ar 
n-ùrachadh air an t-sligh gu nèamh, ach fèumar nèamh 
fèin a dheanamh dhuinn dhiubh sin. A Chriosduidh a 
lèughas so, cha n-'eil peacadh sam-bith eile 's an 
t-saoghal a b'f heàrr leam thus' a thuigsinn 's a sheachnadh 
na 'm peacadh so, na'm b' urrainn mì ìnnseadh ciamar 
a thuigear è ; oir is mòr cònsachadh an Tighearna 
ruinn anns a' chùis so. Anis a chum sin a thuigsinn 
guidheam ort gu dùrachdach smuaineachadh — cho 
rèusanta 's a tha trioblaidean na beatha so, — agus cho 
mi-rèusanta 's a tha fois ìarraidh ann an toil-ìnntinn 
aimsireil ; — smuainich fòs cho mì-thoileach 's a tha 
sinn a dhol anùll air a' bhàs a chum seilbh 'f haotuinn 
air fois shìorruidh. 



196 Cha n-fhaighear Fois 

I. Chum rèusantachd nan trioblaid a thuigsinn, 
smuainich — gur ìad an t-sligh gu fois, — Tha, \ad a' 
teagasg dhuinn gu soilleir càit am jheil ar fois, — Tha 
ìad 'g ar treòrachadh air an t-sligh gu fois, — Tha ìad 
a' greasad ar cèum d'a h-ionnsuidh, — Is ànn gu h-àr- 
aid do'n fheòil a tha ìad draghail, — fo thrioblaidibh 
gheibh sluagh Dhè* gu tric an roimh-bhlas a's mìlse 
air am fois. 

1. Thoir fainear, gur è saothair ' us trioblaid an 
rathad cumanta gu fois, araon ann an cùrsa nàduir agus 
gràis. An urrainn idir fois a bhi ànn gun sgios ? 
Coisichidh agus oibrichidh tu an toiseach, 's an dèigh 
sin, gabhaidh tu fois. Caithear an là ri saothair 's an 
dèigh sin, thig an oidhche le fois. Carson a dh-ìarr- 
amaid cùrsa gràis atharrachadh na's mò na cùrsa nàduir ? 
Is òrdugh suidhichte " gur ann tre iomadh àmhghar is 
èigin duinn dol a steach do rìoghachd Dhè." Gnìomh. 
14. 22. Agus " ma dh'fhuiligeas sinn, rìghichidh sinn 
mar an ceudna maille ri Criosd." 2 Tim. 2. 12. Agus 
ciod è sinne gu'm bitheadh reachdan Dhè air an 
atharrachadh a chum taitneas a thoirt duinn ? 

2. Tha trioblaid, no àmhghar ro fhèumail a chum a 
dhearbhadh dhuinn cait am bheil ar fois. Is cèum 
toileach, agus cha chèum èignichte, cèum a' Chriosd- 
uidh gu nèamh. Air an aobhar sin, is fèumail gach ni 
cruaidh, no socrach a chuidicheas a thoil agus a thuigse. 
Is h am mearachd a's cunnartaiche d'ar n-anamaibh, an 
crèutair a chur an àit Dhè, agus an talamh a chur an 
àit nèimh. Nach blath, deothasach, dìan ar cridheachan 
a' dol an dèigh an t-saoghail, gus am fuaraichear 's an 
ceànnsaichear ìad le trioblaidibh. Labhraidh trioblaid 
gu h-èifeachdach, agus èisdear rithe le cuid nach d'èisd 
riamh gu ceart agus nach èisd ri searmonaiche. Is 
iomadh Criosduidh bochd a gheibhear air uairibh a' 
suidheachadh a smuaintean air saoibhreas, no air 
feòil-thaitneas, no air cliù tìmeil, agus mar sin, a' call a 
thlachd ann an Criosd, agus ann an aoibhneas nèamh- 
aidh, gus am buailear a shaoibhreas, a chlann, a choguis, 
no a shlàint le IMa, agus am brisear s\os a neart a shaoil 
è cho mòr. Agus an uair a thilgear è, an dèigh sin, ann 
an geimhlibh Mlianasseh, no air leabaidh na h-easlaint, 



nan Naomh air thalamh. 197 

is neo-ni leis an saoghal, ach is rud-eigin nèamh leis. 
Mur cuireadh ar Tighearn gràdhach na stuib sin ann ar 
cluasaig, chaidleamaid amach ar beatha, agus chaill- 
eamaid ar glòir. 

3. Tha Dia a' gnàthachadh trioblaid mar mheadhon 
fìor èifeachdach a chum sinne 'threòrachadh agus a 
chumail air an t-sligh gu fois. A dh-easbhuidh na 
callaide drisich so air an làimh dheis 'us chlìth, is gànn 
a chumadh sinn an rathad gu nèamh. Ma chì sinn aon 
bheàrn, no cachlaidh fosgailt' air, nach ullamh sinn gu 
lèum amach oirre ? 'Nuair a dh-f hàsas sinn mear, no 
saoghalta, no uaibhreach, faic mar dh-ìslichear sinn le 
tinneas, no trioblaid eile ! Faodaidh gach Criosduidh 
a ràdh, cho maith ri Luther, gur è trioblaid aon de na 
maighstearan-sgoil' a's feàrr a bha riamh àige ; agus a 
ràdh maille ri Daibhidh, " Mu'n robh mi ann an 
àmhghar chaidh mi air seacharan ; ach a nis tha mi a' 
gleidheadh t'fhocail." Salm. 119. 67. Is iomadh 
mìle peacair ìompaichte a dh-f haodas èigheachd amach, 
" thinneis shlàinteil ! bhròin shòlasaich ! O chall- 
daich tharbhaich ! bhochduinn shaoibhir ! là 
bheannaichte air an robh mis' ann an trioblaid !" 
' Bheir na cluaine glasa agus na uisgeachan ciùin, agus 
eadhon an t-slat agus an lorg comhf hurtachd dhuinn.' 
Is è am focal agus an Spiorad a ni an fhìor obair 
èifeachdach air a' chridhe, ach bheir trioblaid 'us fulang 
an crànn-dùnaidh dhe dorus a' chridhe, chum rathad 
rèidh a dheanamh do'n f hocal gu dhol astigh. 

4. Tha trioblaid fèumail, mar-an-cèudna, chum ar 
ce'um a ghreasad a dh-ionnsuidh na fois'. B'fheàrr 
gu'm fòghnadh gràdh gu sinne ' thàladh gu nèamh ! ach 
am far nach gluaisear fo ghairm a' ghràidh, is tric a 
ghreasar fo bhuille na slaite. O-na tha ar cridheachan 
cho rag-olc as nach gabh ìad tarruinn le caomh thròc- 
air, is feàrr ar greasad leis an sgiùrsair a's geòire buille 
na maille chàillteach a dheanamh, cosmhuil ris " na 
h-òighean amaideach," gus am bi an dorusair a dhùnadh. 
nach dìan, làn, dùrachdach an ùrnuigh a ni sinn ann 
am builsgean na h-easlainte, seach an ùrnuigh eutrom, 
fhuar, fhoirmeil a gheibhear againn air làithibh ar 
slàinte ! Co dhiubh a's doimhne an t-aithreachas a 



198 Cha n-fhaighear Fois 

nithear air là na socair, no air là na h-ansho«air ? Och ! 
Och ! mur cuirteadh an spur annainn air uairibh, bu 
mhall cèum na cuid a's mò dhinn gu nèamh ! Carson, 
matà, nach gabhamaid gu toileach buillean-greasaidh 
ge"ur o Dhia, chum ar maith, 'us fèum cho mòr aig ar 
droch nàdur orra ? Smuainich fèin, a Chriosduidh, nach 
cùramach, caithriseach, luath a ghluaiseas do chèum gu 
nèamh fo bhuillibh na h-easlainte, seach do chèum fo 
thaitneas soirbheachaidh. 

5. Thoir fainear arìst — is ì gu h-àraid an f heòil a's 
mò a gheibhear air a buaireadh agus air a goirteachadh 
le trioblaidibh. Gheibhear an t-anam saor o'n chuid a's 
mò de na fulangasaibh do'm bheil sinn buailteach, mur 
dean sinn-fèin a phìanadh d'ar deòn. " Carson, matà, 
m' anam, a tha thus' a' dol leis an f heòil sin, agus a' gearan 
mar tha ise ri gearan ? Nach bu chòir dhuit a cumail 
fodha, agus a cur fo smachd ; agus ma ni Dia sin air do 
shon, an tig dhuit a bhi mì-thoilichte ? Nach è thus' a 
bhi 'g a toileachadh a thug ach beag gach bròn spioradail 
ort? Carson, matà, nach deanadh a mì-thoileachadh 
d'aoibhneas a mheudachadh? ' Nach sèinn Pol agus Sìlas 
laoidh-mholaidh, ged tha 'n casan daingnichte anns a' 
cheap' ? Cha robh an spioradan ann am prìosan. Ah, 
anam neo-airidh ! an è sin do thàingealachd do Dhia a 
dh'àrdaich thu cho mòr os-ceann do chuirp ? 'Nuair a 
bhitheas do chorp a' grodadh anns an uaigh, is còmp- 
anach thusa do spioradaibh foirfichte nam fìrean. Nach 
'eil sòlas agad an dràst, air nach 'eil fios aig an f heòil ? 
Na gearan idir, matà, air làimh Dhè, 'nuair a bheanas 
ì ri do chorp. Is gràdh gach smachdachadh a bheir a 
làmh : agus carson nach buineadh è riut-sa mar bhuin 
è ris na naoimh uile ? Na creid gu bràth gu'm mìnich 
an fheòil dhuit gu ceart a' chtiis a tha 'n t-slat a' cìall- 
achadh. Their d'f heòil gur fuath, gràdh ; agus gu'm 
bheil Dia a' sgrios, an uair a tha è 'teàrnadh. Tha 
d'fheòil a' fulang, agus an lorg sin cha bhreitheamh 
freagarrach idir ì." O ! na'n creideamaid Dia fèin, na'n 
gèilleamaid do'n t-slait-smachdachaidh, mar tha focal 
Dhè ag àithneadh, na'n tuigeamaid cho tarbhach 's a 
tha ì do'n anam, na'm faiceamaid mar thaì 'g ar greasad 
a dh-ionnsuidh ar fois', agus na'm b'urrainn sinn tosd a 



nan Naomh air ihalamh. 199 

chur air craos collaideach na feòla, is ann an sin bu 
chothromaiche ar beachd agus ar breth air aobhar agus 
deadh thoradh ar trioblaidean uile. 

6. Ach srauainich fathast — is ainmig a bheir Dia 
d'a shluagh roimh-bhlas air an fhois ri teachd, cho 
milis 's a bheir è dhoibh 'n an àmhghar tròm. Gleidhidh 
è dhoibh an deoch-ùrachaidh a's mò luach, gus an tig 
an uair a's mò am fannachadh agus an cunnart. Bheir 
è dhoibh ì 'nuair a chì è fèum oirre, agus an uair a chì 
ìadsan a luach, agus a bheir ìad tàing dhà air a son, 
agus a bhitheas ìad air an deanamh aoibhneach leatha. 
Gu h-àraid, ma gheibhear sinn a' fulang dìreach airson 
aobhair Dhè fèin, is tric leis, air an àm sin, cupan searbh 
na trioblaid a dheanamh milis. Is ann an uair bu 
ghoirte agus bu doimhne fulangas nam martarach a 
b' àirde agus bu mhìlse an aoibhneas. Ts ann an uair 
a bha cridheachan nan deisciobul brònach a' dealachadh 
ri Criosd, bu mhò leo an sòlas a labhair è riutha. Is 
ànn an uair a ' bha ìad cruinn agus na dorsa dhinte 
orra, air eagal nan Iudhach, a thàinig Iosa agus a sheas 
è 's a' mheadhon, ag ràdh riu, Sìth dhuibh.' Is ann an 
uair a bha Stephen a' toirt suas a bheatha, mar f hianuis 
airson Chriosd, a chunnaic è nèamh fosgailte. Nach ì 
staid a's feàrr, an staid sin anns am mò a chì 's a gheibh 
sinn de Dhia? Carson eile tha sinn ag ìarraidh gu 
nèamh. Ma dh-\arras sinn fois nèimh ann an taitneas- 
aibh feòlmhor, bithidh sinn air ar mealladh. Abair, 
matà, nach misd aon air-bith de na naoimh, trioblaid 
'n a thurus air an t-sligh gu fois. Am bheil sinne na's 
glice na Dia ? Nach aithne dhà ciod a tha chum maith 
dhuinn, cho maith ruinn-fèin ? Nach 'eil è cho cùramach 
umainn agus cho toileach maith a dheanamh dhuinn 
's a tha sinn-fèin ? An-aoibhinn dhuinn-ne, mur bitheadh 
Dia mòran na's cùramaich' umainn na tha sinn-fe'in ! agus 
mur tugadh è gràdh na's feàrr dhuinn na tha sinne 'toirt 
dhà-san, no dhuinn-fèin I 

Na abair idir, " b'fheàrr leam giùlain le trioblaid 
air-bith eile na leis an trioblaid so." Na'n- cronaicheadh 
Dia thu le trioblaid a b'urrainn thus' a ghiulain, cha 
n-f haiceadh agus cha trèigeadh tu d'iodhol. Agus na 
abair ni's mò, " Na'n saoradh Dia mì o'n trioblaid so, 



200 Cha n-fhaighear Foìs 

is ànn bu toilichte leam a giùlain." Nach mòr, maith 
leat gealladh Dhè, 'us e-fèin ag ràdh gu'n oibrich \ chum 
do mhaith? Nach leòr leat a bhi air do dheanamh 
cìnnteach gu'n saorar thu bho gach " trioblaid agus 
tèinn" aig uair a' bhàis ? Na abair, " Na'n robh mì 
comasach air mo dhleasanas a dheanamh, is ànn a 
b'fhusa leam giùlain le mo thrioblaid." Tha thu comas- 
ach air an dleasanas sin a dheanamh a ta chum do 
mhaith fèin ; oir is ànn a chum do dheanamh na's 
dùrachdaiche, do bheothachadh agus do chuideachadh 
na's mò ann an deanamh do dhleasanais dhuit-fèin, a 
thàinig an trioblaid so ort. Agus anis a thaobh do 
dhleasanais do mhuinntir eile, cha n-'eil sin air 'ìarraidh 
uait le Dia, gus an toir e-fèin comas dhuit a dheanamh. 
Theagamh gu'n abair thu, " Tha mis' air mo shàrachadh 
le sluagh diadhaidh : na'm b'è daoine mì-dhiadhaidh a 
thug an trioblaid so òrm, is ann bu shocraiche leam ì." 
Ciod-air-bith an instrumaid tre 'n tàinig do thrioblaid, 
is ann o Dhia a ta ì, agus is tu-fèin a thoill ì ; agus nach 
f heàrr dhuit anis sealltuinn na's mò ri Dia agus riut- 
fèin ? Nach 'eil f hios agad gu'm bheil na daoine sin a's 
feàrr, fathast peacach ann an cuid. Na abair idir, 
" Na'n robh agam an sòlas sin a tha Dia, mar theirear, 
a' toirt air amaibh fulangais, is ànn bu toilichte leam 
fulang ; ach cha n-'eil mis' a' faicinnn dad de sin." 
Mar a's mò 'dh'f huiligeas tu air sgàth fìreantachd, is 
ann a's mò 'dh-fhaodas do dhòchas a bhi ris a' bheann- 
achd sin ; agus mar is mò 'dh-f huiligeas tu airson do 
dhroch giùlain fèin, is ànn a's f haide 'bhitheas mìlseachd 
a' bheannachd sin gun teachd. Nach 'eil an sòlas a tha 
thus' ag ìarraidh air a dhearmad, no air a dhiùltadh 
leat? An d'oibrich do thrioblaid gu fàbharach ort, 
agus an d'ullaich ì thu airson sòlais ? Am bheil thu air 
d'irioslachadh ? Am bheil thu air do thoirt gu do 
chionta mòr aideachadh gu fìrinneach, agus gu do 
pheacadh sin a b'ànnsa leat, a thrèigsinn ; agus am 
faighear thu nis gu dìchiollach, dùrachdach a' dean- 
amh nan dleasanas a bha cho fad air an dearmad leat ? 
An d'rinn do thrioblaid do chridhe peacach a thearbadh 
o na h-iodholaibh a bh'agad roimhe, agus do thoirt gu 
Dia fèin a ghabhail gu sìmplidh, mar do chuibhrionn 



nan Naomh air thalamh. 201 

agus mar d'f hois ? Mur d'rinn, cionnus is u rrainn 
duil a bhi agad ri sòlas ? Am b'àill leat Dia do lot a 
cheangal suas, agus ì fathast ag iongrachadh 'n a taobh- 
stigh ? Cha n-è na tha thus' a' fulang a dh-ullaicheas 
tu airson sòlais, ach deadh bhuaidh agus deadh thoradh 
do thrioblaid air do chridhe, no fèum maith a dheanamh 
dhì. 

II. Chum 'fhaicinn cho mi-rèusanta 's a tha fois 
ìarraidh ann an toil-ìnntinnibh aimsireil, no anns na 
nithibh a ta làthair, smuainich, — Sin a bhi nis a' dean- 
amh dia dhiubh, — Sin àicheadh na crìche 'tha aig Dia 
'n an tabhairt duinn, — Sin an cèum gus an diùltadh 
dhuinn, an toirt uainn, no an deanamh searbh dhuinn ; — 
Cha n-'eil mallachd ann cho mòr ri cheadachadh dhuinn 
ar fois a ghabhail 's an t-saoghal so, — sin fois ìarraidh 
am far nach 'eil ì : mheudaicheadh na crèutairean, no 
nithe an t-saoghail, gun Dia, ar truaighe gu mòr, — agus 
dearbhar sin uile, le beachdachadh air ar fiosrachadh 
fèin agus air fiosrachadh muinntir eile. 

1. Is iodhol-aoradh gràineil, no brèug-aoradh, fois 
ìarraidh do'n anam ann an crèutair, no ann am meadhon 
air-bith. Is ì còir àraid Dhè fèin 'n a aonar, a bhi 'n a 
fhois do'n anam. Is iodhol-aoradh soilleir ar fois 
ìarraidh ann an saoibhreas, no onoir, agus cha n-'eil ach 
ìodhol-aoradh beagan na's grinne, no na's fasanta na sin 
ann am fois ìarraidh ann am meadhonaibh maiseach 
nan gras. Faic cho mì-thaitneach 's a tha so do'n Tigh- 
earn bhèannaichte : èisd anis ri gearan an Tighearna 
òirnn-fè'in agus air luchd-iodhol-aoraidh eile, " Bu 
chaoraich chàillte mo shluagh-sa, leig iad an àite-fois 
air dìchuimhne." ler. 50. 6. " Is feàrr le mo shluagh- 
sa fois ann an ni sam-bith eile na annam-fèin. Is feàrr 
leo taitneas a ghabhail ann an cach a chèile, na annam- 
sa. Ni ìad gàirdeachas ann an leantuinn mo chrèutair- 
ean agus m' òrduighean, ach cha dean ìad gairdeachas 
annam-sa. Seadh, ìarraidh \ad fois ann an saothair 'us 
ann an dleasanas, ach cha n-ìarr \ad fois annam-sa, 
B'f heàrr leo 'bhi ann an àit air-bith eile na maille rium- 
sa. An ìad sin an diathan ? An ìad sin a shaor ìad ? 
Am bi \ad sin na's feàrr dhoibh na bha mise, no na b' 
àill leam a bhi dhoibh?' Na'm biodh agad-fem cèile 



202 Cha n-fhaighear Fois 

no bean, mac no nighean leis am b'f heàrr a bhi ann 
an kit air-bith eile na maille riut-sa, agus a gheibhteadh 
toilichte, subhach 'nuair a b'fhaide uait ìad, nach 
gabhadh tu gu h-olc è? Mar sin gabhaidh Dia è matà. 

2. Tha thus' ag àicheadh na crìche sin a tha aig Dia ann 
am buileachadh nan toil-ìnntinn sin ort' Thug è dhuit 
ìad a chum do chuideachadh gu teachd d'a ionnsuidh, 
agus an cuir thus' ìad 'n a aite fèin ? Thug è dhuit ìad 
mar bhiadh-ùrachaidh dhuit air do thurus, agus am fan 
thu 's an tigh-òsda gun dol cèum na's f haide ? Faodar a 
ràdh mu na sòlasaibh agus na h-òrduighean againn, mar 
chaidh a ràdh mu na h-Israelich o shean, " Chaidh àirc 
coimhcheangail an Tighearna rompa astar thrì làithean, 
a rànnsachadh a mach àite-tàimh dhoibh." Air. 10. 33. 
Mar sin, tha tròcairean an Tighearna a' sìor-dhol romh- 
ainn an so, ach cha n-ìad na tròcairean sin ar fois. Cha 
n-'eil ànnta, mar dh'aidich Eòin, am Baisteach, nach 
b'esan Criosd, ach iomadh guth a' glaodhaich anns an 
f hàsach so, 's ag ìarraidh òirnn sinn-fèin ullachadh air- 
son rìoghachd Dhè, 's ag ìnnseadh dhuinn gu'm bheil 
ar fìor f hois am fagus. Air an aobhar sin, ma dh-ìarrar 
fois an so, gheibhear sinn a' dol calg-dhìreach an aghaidh 
nan crìoch airson an tug Dia na tròcairean sin duinn, 
'g am mi-ghnàthachadh gu cronail, agus 'g ar milleadh 
fèin leis na nithibh a dh'òrduich Dia chum ar cuideach- 
adh agus ar treòrachadh suas d'a ionnsuidh fèm. 

3. Ma dk-ìarrar fois an so, is ì sin an dòigh gu thoirt 
air Dia na tròcairean a tha sinn ag ìarraidh, a dhiultadh 
dhuinn, no na tròcairean a ta againn a ghearradh uainn, 
no an car a's lugha, an deanamh searbh dhuinn. Tha 
Dia èudmhor anns a' chùis so seach cùis air-bith eile. 
Na'm bitheadh agad-sa seirbhiseach 'bu docha le do 
mhnaoi na thu-fèin, nach gabhadh tu sin gu h-olc dhì, 
agus nach cuireadh tu an seirbhiseach sin air falbh à 
do thigh ? Mar sin, matà, ma gheibh an Tighearn thus' 
a' socrachadh do chridhe air an t-saoghal, agus ag ràdh, 
" An so gabhaidh mi fois," na bitheadh iongantas idir 
ort geda dheanadh è gu h-èudmhor, luath an t-socair 
sin anshocrach dhuit. Ma tha gràdh aige dhuit, na 
gabh iongantas geda bheireadh è uait an ni sin leis am 
bheil è 'g ad' fhaicinn a' deanamh " croin ort-fèin." Is 



nan Naomh air thaslamh. 203 

tric a chunnaic mise daoine 's an t-saoghal so a' toirt 
ionnsuidh air nithibh mòra 's a' caitheamh mòr ùine ri 
oibribh ainmeil, cosgail ; agus a fhuair an toil a rìarach- 
adh le fortan mòr an oidhirpean ; agus muinntir eile an 
deigh dhoibh a bhi fada air an sàrachadh le trom thriob- 
laidibh, a f huair buaidh orra, agus an sin, thòisich ìad ri 
toil-ìnntinn agus fois a ghabhail anns an staid gus an 
robh ìad air an toirt leis an fhortan a dh'oibrich an 
oidhirpean fèin amach dhoibh. A dh' aon fhocal, 
shaoil leo gu'n robh ìad anis socrach, sona, saoibhir. 
Ach mar bu trice, is gann a thòisich ìad ri mealtuinn 
na toil-ìnntinn so, 'nuair a bhuail am bàs ìad, no 'thàinig 
aimhleas air-chor-eigin eile orra leis an robh an taitneas 
so uile air a dheanamh neo-thaitneach, gruamach, no 
searbh dhoibh. Cho luath 's a gheibhear a' chàinnt so 
ann an cridhe duine, " Anam gabh fois, ith, òl agus bi 
subhach," is ì gu tric an ath theachdaireachd a thig, 
" Amadain, air an oidhche so fèin," no air a' mhìos so, 
no air a' bhliadhna so, "ìarrar d'anam uait : an sin cò 
dhà a bhuineas na nithe sin a dh'ulluich thu ?" Lue. 
12. 19. Càit am bheil tigh anns nach faighear an 
" t-amadan" sin a gabhail còmhnuidh ? Feuchadh gach 
aon dhinn-ne nach è sin a cheart ainm fèin. Is iomadh 
aon de sheirbhisich Dhè, a f huair a làithean a ghiorr- 
achadh air an talamh, an lorg a bhi air a mheas agus 
air a ghràdhachadh na's mò na b'fhìach è. Is dearbh 
leam nach 'eil gach smuain mì-thoilichte agus gach 
gearan eile a gheibhear againn, cho mì-thlachdmhor le 
Dia, ri fois ìarraidh agus toil-ìnntinn ro rahilis a 
ghabhail ann an nithibh taitneach na beatha so. Ma 
bhuail Dia thusa le do bhean, do chlann, do chuid 'us 
do chàirdean, no do thaitneas ànnta sin, a thoirt uait, 
feuch thusa nach ann an lorg do thoil-inntinn a bhi 
'sìor-stad ànnta sin, agus thu-fèin ag ràdh, " Tha mì 
ceart anis," agus mar sin a' deanamh dia dhe do chor 
taitneach, a bhrosnaich thu an Dia èudmhor gus a làmh 
a shìneadh amach a'd' aghaidh ? Co dhiubh is caraid 
no nàmhuid do Dhia thu, na biodh dùil agad gu bràth 
gu'n ceadaich è dhuit d' iodholan a mhealtuinn le socair. 
4. Na'n ceadaicheadh Dia dhuit fois a ghabhail anns 
an t-saoghal so, is è sin mallachd a's mò 'b' urrainn 



204 Cha n-fhaighear Fois 

tuiteam ort. B'fheàrr dhuit a bhi gun aon là fois' 
riamh anhs an t-saoghal so, oir mar sin dh-f haodadh 
sgìos an t-saoghail a thoirt ort an f h\or fhois ìarraidh. 
Ach ma cheadaichear dhuit suidhe sìos socrach, agus 
fois a ghabhail an so, is truaghan gun fhois thu tre 
àlaibh na bith-bhuantachd. Is è làn chuibhrionn a 
ghabhail anns a' bheatha so, crannchur nam peacach 
ro thruagh a bhitheas càillte gu sìorruidh. An tig è do 
Chriosduidhean, matà, duil mhòr a bhi aca ri fois an 
so ? Is ì ar fois a's nèamh dhuinn ; agus far an gabh 
sinn fois, ni sinn nèamh dhuinn-fèin an sin. Agus nach 
ìarradh tu nèamh na's feàrr na'n saoghal so ? 

5. Ma's ànn an so a tha thus' ag ìarraidh fois', 
tha thu 'g a h-ìarraidh am far nach 'eil ì — am far nach 
urrainnear a faotuinn. Agus ma leanas tu air a 
h-ìarraidh an so, bithidh araon do shaothair agus fois 
shìorruidh d'anama càillte. Is ì ar fois, èirigh suas mu- 
dheireadh gu làn mhealtuinn Dhe. Ach cha ruigear 
air sin anns a' bheatha so, ni mò 'dh-f haodas dtiil a bhi 
ri fois an so. Am faodar Dia a mhealtuinn anns an 
eaglais a's feàrr air thalamh, mar tha è air a mhealtuinn 
air nèamh ? Fada bho sin. Nach beag a tha na 
naoimh a' mealtuinn de Dhia fo na meadhonaibh a's 
feàrr? Innseadh an gearan 's an osnaich fèin. Is 
bochd na comhf hurtairean na h-òrduighean a's fearr a 
dh-easbhuidh Dhè fèm. An tigeadh do fhear-astair 
tàmh air an t-sligh ? Cha tigeadh idir, do bhrìgh gu'm 
bheil a dhachaidh aig ceànn na slighe. 'Nuair a gheibh 
thu gach uile ni a's urrainnear a thoirt duit tre chrèut- 
airibh agus tre mheadhonaibh, an d'fhuair thu, am 
bheil agad na nithe sin uile anns an robh thu cho 
fad a' creidsinn, na nithe a bha thu cho tric ag 
larraidh ann an ùrnuigh, agus an duais àrd sin air- 
son an robh thus' a' fulang ? Thar leam nach dàna 
dhuit a ràdh gu'n d'f huair. Is cosmhuil sinn ri cloinn 
bhig, a chaidh air seachran o thigh an athar, agus tha 
Dia anis 'g ar treòrachadh dhachaidh, ach gheibhear 
sinne ullamh gu dhol asteach do thigh sam-bith eile, gu 
stad 'us cluith ris gach ni a choinnicheas sinn air an 
t-sligh, agus gu suidhe sìos air gach tolman uaine ; agus 
gu dearbh chabheag an t-saothair ar faighinn dachaidh. 



nan Naomìi air thalamh. 205 

An so tha sinn gach là araeasg shaothair 'us chunnart, 
agus am fois, no àite-fois sin ? Nach tròm an obair a 
ta romhainn ? Feuch, ar coimhearsnaich, ar n-anam- 
anan agus ar Dia, agus nach mòr an obair a tha againn 
ri dheanamh do thaobh gach aoin diubh sin ! Agus an 
urrainn sinn fois a ghabhail ameasg nan obair sin uile ? 
Is ionann ar fois air thalamh ri fois na h-àirc' ann am 
meadhon Iòrdain : fois bheag, ghoirid : no ri Abraham 
ag ìarraidh air na h-ainglibh tionndadh asteach agus an 
anail a leigeil 'n a bhùth, far nach bu taitneach leo 
còmhnuidh a ghabhail. An tigeadh do na h-Israelich 
fois a ghabhail anns an f hàsach ameasg nathraichean, 
ameasg naimhdean 's ameasg sgìos 'us gorta ? An 
tigeadh do Noah dachaidh bhuan a dheanamh de'n àirc, 
agus a bhi duilich gluasad amach aisde, an dè'igh " do na 
h-uisgeachan traoghadh?" An tigeadh do'n mharaiche a 
dhachaidh a thogail air druim a' chuain, agus fois a 
ghabhail ameasg nan creag, nan gaineamh agus nan 
stoirm feargach ? An tigeadh do'n t-saighdear fois a 
ghabhail ann an teas meadhon a naimhdean? Agus 
nach 'eil Criosduidhean mar luchd-turuis, mar mhar- 
aichean agus mar shaighdearan ? Nach 'eil eagalan 
againn astigh, agus cunnartan amuigh ? Nach 'eil sinn 
ann an cunnartaibh an còmhnuidh ? Cha n-urrainn sinn 
ith, no òl, no cadal, no obair, no ùrnuigh, no è'isdeachd, 
no còmhradh a dheanamh, ach ameasg ribichean : agus 
an suidhear sìos a ghabhail fois an so ? O nis, a 
Chriosduidh, lean air d'obair ; seall ri do chunnart ; cum 
romhad gu ruig a' chrìoch, coisinn am blàr, agus fàg 
an talamh, mu'n smuainich thu air fois gun anshocair. 

Ge-b'-e uair a labhras tu air fois 'fhaotuinn air thal- 
amh, is cosmhuil thu ri Peadar air a' bhèmn ; ' tlia thu 
gun fhios agad ciod a tha thu ag ràdh.' Na'n dubhairt 
Criosd ris a' ghaduiche ìompaichte, gabhaidh tu fois an 
so air a' chrann-chèusaidh, an àit a ràdh ris, " Bithidh 
tu maille rium-sa an diugh ann am pàrras," nach dona 
'chòrdadh sin ris ? Thar leam gu'm bu bhochd an f hois 
do neach, fois a ghabhail ann an easlaint, ann an cràdh, 
ann an gèur-leanmhuinn 's ann an àmhghar. Ach mur 
dearbhar òirnn le ni sam-bith eile nach f haighear fois 
an so, is cìnnteach bu chòir do f huighleach a' pheao- 



206 Cha n-fhaighear Fois 

aidh, " a ta gu furas ag ìadhadh umainn," a dhearbhadh 
gu luath air gach creidmheach, nach ànn an so a gheibh 
è fois. Air an aobhar sin, deiream ris gach neach a ta 
nis agìarraidh fois' air thalamh, " Eiribh agus imichibh, 
oir cha-n ì so bhur còmhnuidh, a chionn gu'm bheil e 
air a shalachadh." Mic. 2. 10. Ann an nàdur nan 
nithe sin cha n-'eil fìor fhois do'n f hior Chriosduidh. 
Tha ìad ro bhochd gu sinne 'dheanamh saoibhir ; ro 
ìosal gu sinne àrdachadh gu sonas ; ro f halamh gu 
anam a shàsachadh ; ro dhiombuan gu sinne 'dheanamh 
toilichte gu sìorruidh. Ma's ro shuarach fortan, no ni 
sam-bith a mhìannaichear leinn gu dia a dheanamh 
dheth, gu cìnnteach, is ro shuarach è gu fois ìarraidh 
ànn. Fèumaidh fois an anama 'bhi iomlan, a chum 
toil-ìnntinn mhaireannach a thabhairt dà. Ach f àsaidh 
gach toil-\nntinn sean, a bheir crèutairean, agus sìol- 
aidhidh ì às an dèigh a mealtuinn car ùine bige. Ged 
fhrasadh Dia biadh ainglean anuas òirnn, is goirid gus 
an gabhamaid sgìos de'n mhana fèm. Is neo-bhlasda, 
trom a dh-fhàsas gach taitneas air thalamh, mur ath- 
bheothaichear è le annas. Tha na h-uile chre'utairean 
dhuinn-ne, mar tha na fiiùraichean do'n t-seillean ; is 
beag mil a gheibh è air aon diubh, air an aobhar sin, 
fèumar greasad a dh-ionnsuidh aoin eile. Mar a's mò 
'chi sinn de 'n chreutair, is ann a's lugha gu mòr a 
rìaraichear sinn leis. Is ìadsan amhàin nach f haic na's 
mò na sgeimh a leth-muigh, a ta air an làn-toileachadh 
leis a' chrèutair, gun aithneachadh idir cia mòr an 
dìomhanas a ta anns an leth-stigh dheth. 'Nuair a 
dh-aithnichear gu soilleir, làn, cor dhaoine eile, agus a 
chithear an t-olc 's am maith, a ghaoid cho maith ris 
an tomhas iomlanachd a ta annta, sguiridh ar meas orra, 
agus ar taitneas ànnta. 

6. Ma ghabhas sinn tlachd ann an crèutairibh agus 
ann am meadhonaibh, a dh-easbhuidh Dhè leo, meud- 
aichidh sin ar truaighe. Na'n abradh Dia riut, " Gabh 
mo chrèutairean, m' fhocal, mo sheirbhisich agus 
m'òrduighean, ach na gabh mi-fèin ;" am bu shonas sin 
leat ? Na'n robh focal Dhè agad gun am Focal, a's è 
Dia fèin, a bhi agad ; no aran an Tighearna, 'dh-eas- 
bhuidh an Tighearna fèin, neach a's è an t-aran fior ; 



nan Naomh air ihalamh. 207 

no na'n abradh tu leis na h-Iudhaich, " Teampull an 
Tigheama," agus tu gun Tighearn an teampuill agad. — 
nach bu bhochd an sonas dhuit sin ? An robh muinntir 
Chapernaum air an deanamh na bu shona, no na bu 
traaighe le faicinn nan oibre cumhachdach a chunnaic 
ìad, agus le cluinntinn briathran Chriosd a chual' ìad ? 
Is cìnnteach cha n-f hois dhuinn an ni sin a mheud- 
aicheas ar peacadh agus ar truaighe. 

7. Anis, matà, dearbhar na nithe sin uile le beachd 
achadh air ar fiosrachadh fèin agus air fiosrachadh 
muinntir eile. Is iomadh ceud mile anam a dh'f lieuch 
ri fois iomlan 'f haotuinn air thalamh, ach riamh cha 
d'fhuair aon anam fois iomlan, no fois gu leòr an so. 
Cha n-'eilear ag ràdh nach d'fhuair ìad toil-ìnntinn, 
shiubhlach, ach fois agus rìarachadh, sin nithe nach 
d'f huaradh riamh agus nach f haighear gu brkth anns a' 
bheatha so. Agus am faod dùil a bhi againn-ne ris an 
ni sin 'fhaotuinn an so, nach d'f huair duine sam-bith 
eile riamh romhainn. Bu bheag aig Ahab a rìoghachd, 
a dh-easbhuidh fìon-lios Naboit, ach cha robh è air a 
rìarachadh an dèigh dhà am fìon-lios 'fhaotuinn. 
1 Ri. 21. 2. Geda shealladh tu thairis air an talamh, 
mar a rinn columan Noah, ag ìarraidh àite-fois, philleadh 
tu air d'ais ag aideachadh nach robh è idir ànn. Rach 
'us faighnich ri onoir, Am bheil fois an so ? Bu cho 
math dhuit fois ìarraidh air sgòrr àrd nam beànn a's 
gailbhiche stoirm, no ann an lasraichibh iEetna*. 
Faighnich ri saoibhreas, Am bheil fois an so? Tha 
dìreach a leithid 's a gheibhear ann an leabaidh dhris. 
Iarr fois ann an taitneas saoghalta ; is cosmhuil an 
f hois sin ris an ìasg a' slugadh a' mhaghair : 'nuair a's 
mìlse leis an greim, is ann a's f haisg' am bàs air. Iarr 
fois do d'anam ann an ìonnsachadh, agus eadhon ann an 
òrduighean na diadhachd : faodaidh tu ola-ghèug an 
dòchais 'f haotuinn. ànnta sin, mar mheadhon a' foill- 
seachadh nithe na siorruidheachd, agus a' treòrachadh 
dhaoine 'dh-ionnsuidh am fois, ach cha n-urrainn \ad 
sin idir, dhiubh-fèin, fois a thoirt dhuit gu bràth. Is 
maith a dh-f haodadh gach aon diubh sin uile freagairt 

* Betnn theine ann an eilean Shicilia, air taobh deas na h-Eadailt. 



208 Cha n-fhaighear Fois 

a thoirt, mar thug Iacob do Rachel, " Am bheil mis' aii 
àite Dhè," gu'n tigeadh tu do m' ionnsuidh a dh-ìarr- 
aidh fois do d'anam ? Cha n-urrainn stàitean dhaoine 
dùthaich no chirt, bailtean no bùth-thighean, achaidh- 
ean no coilltean, airgiod no ionmhas, uaigneas no cuid- 
eachd, leabhradan, searmoin no searmonachadh, ni 
sam-bith cosmhuil ris an fhois bheannaichte so a 
thabhairt dhuinn. Na'm b-urrainn thu fhaighneachd 
de dhaoine marbh nan uile lìnn a bh'ànn, no de dhaoine 
beò air feadh uile rìoghachdan a' chruinne-che', càit am 
faighear fois, theireadh ìad uile riut, " Cha n-'eil fois an 
so." Ach mur leòr leat fiosrachadh dhaoine eile, seall 
ri d'fhiosrachadh fèin. An cuimhne leat anis a bhi 
riamh ann an staid a rinn do làn-rìarachadh, no ma 
bhà, an urrainn thus' a ràdh gu'm mair an staid sin 
dhuit gu bràth ? Faodar a ràdh leinn uile, do thaohh 
ar fois air thalamh, mar a thuirt Pòl do thaobh ar 
dòchais, " Ma's anns a' bheatha so a mhàin a tha ì, is 
sinn a's truaighe do na h-uile dhaoinibh." 1 Cor. 15. 19. 
Anis, matà, ma chreidear an Sgriobtuir, no rèusan, no 
ar fiosrachadh fèin, agus fianuis an t-saoghail uile, faod- 
aidh sinn 'f haicinn gu soilleir, nach 'eil ionad-tàimh an 
so. Agus ged is fìor sin, nach ciontach a gheibhear a' 
chuid a's mò dhinn do thaobh a' pheacaidh so — ìarraidh 
fois am far nach f haighear ì. Nach iomadh cèum mì- 
thoileach, stad 'us seasamh a gheibhear sinne gu tric a' 
deanamh mu'n àill leinn an Tighearn fèin a ròghnachadh 
mar ar fois ! Gu tric fèumaidh Dia ar cèum a ghreasad 
agus sinne iomain air falbh o gach cuspair eile, air eagal 
gu'n suidh sinn sìos a' gabhail fois an so. Ma bheir è 
dhuinn fortan, saoibhreas, no onoir an so, tòisichidh 
sinn ann ar cridhe ri sùgradh agus dànnsa 'n an làthair, 
mar a rinn na h-Israelich an làthair an laoidh òir a rinn 
ìad dhoibh-fèin, ag ràdh, " Sin do dhèe," agus their sinn 
"Is maith a bhi an so." Agus ma ni Dia na nithe sin 
searbh dhuinn, nach beag ar fois gus an deanar ar staid 
milis, no taitneach dhuinn, chum gu'm faigh sinn suidhe 
sìos arìst a' gabhail fois ànnta I Ma bheir Dia an crèut- 
air uainn gu lèir a chum ar leigheas, nach dìan, dùrachd- 
ach a gheibhear sinn ri saothair, ri eigheachd 'us ùrnuigh 
ag ìarraidh air an crèutair aiseag dhuinn, a chum fois a 



nam Naomh air ihalamh. 209 

ghabhail ànn arìst ! Agus am feadh a chumar uainn an 
t-iodhol anns an robh ar taitneas roimhe, is feàrr leinn 
a bhi beò ann an dòchas gu'm faigh sinn fathast è, agus 
fois a dheanamh dhuirm-fèin dhe 'n dòchas sin, na teachd 
a dh-ionnsuidh Dhe ; no thèid sinn o chrèutair gu 
creutair, ag ìarraidh cuspair eigin eile 'n a àit ; agus mur 
faighear ni sam-bith eile a lìonas suas àit na toil-ìnntinn 
a chàill sinn, is feàrr leinn 'fantuinn mì-thoilichte, agus 
fois a ghabhail ann am beatha na truaighe, na na h-uile 
nithe a thrèigsinn agus greasad a dh-ionnsuidh Dhè ! 
nach mallaichte Mi-ihoil ar n-anamanan an aghaidh 
teachd a' dh-ionnsuidh Dhe ! thus' a mhì-thoil, is 
tu ban-mheirleach ar sìthe ! 

Na'n robh àit so-iomchair, no car socrach air-bith 
ann an ifrinn, b'f heàrr leis an anam fois a ghabhail ànn, 
na teachd a dh-ionnsuidh Dhè. Seadh, an uair a tha 
Dia 'g ar treòrachadh d'a ionnsuidh fèin, agus an dèigh 
dhà luachmhorachd a shlighean agus a sheirbhìs fèin a 
dhearbhadh òirnn, gheibhear sinne fathast 'g ar meall- 
adh fèin eadhon anns a' chè*um mhaith so, oir is feàrr 
leinn ar cridheachan a shocrachadh air na cèumaibh a 
tha 'g ar treòrachadh a dh-ionnsuidh Dhè, agus air na 
h-òrduighean a ta nis a' labhairt ruinn mu Dhia, agus 
air na gibhtibh 's air na beannachdan a thig o Dhia na 
teachd gu làn-toileach d'a ionnsuidh fèin. Anis. a 
Chriosduidh, na gabh iongantas mis' a bhi cho dìan a' 
labhairt an aghaidh foiseachaidh anns na nithibh sin : 
ach gabh an aire nach 'eil thu- fèin a' gabhail fois' ànnta. 
Thar leam gu'm bheil fios agad gur dìomhanas saoibh- 
reas, onoir agus toil-ìnntinn na beatha so ; agus gu'm 
bheil thu 'g an àicheadh mar nithe anns nach faighear 
fois ; agus is maith dhuit, ma's f hìor sin. Acb is beag 
d'amharus air meadhonaibh nan gràs. Saoilidh tu 
nach urrainn thu toil-ìnntinn ro mhòr a ghabhail ànnta, 
'nuair a chì thu a' chuid a's mò de'n t-saoghal 'g an cur 
suarach, no a' gabhail beag tlachd ànnta. Is maith is 
aithne dhomh-sa gur còir an gràdhachadh, agus mòr 
mheas a chur orra, agus cha Chriosduidh am fear leis 
nach taitniche ìad na ni sam-bith eile 's an t-saoghal. 
Ach an uair a gheibhear sinne (ni a tha ro thric a' tach- 
airt,) toilichte le òrduighean a dh-easbhuidh Dhè leo, 



210 Cha n-fhaighear Fois 

'nuair is feàrr leinn searmoin mhaith na nèamh ; agus 
an uair is ànnsa leinn ball de'n eaglais a ta bhos na 'n 
eaglais iomlan a ta shuas ; is brònach am mearachd sin. 
Na gabhadh d'anam sòlas ann an òrduighean, ach 
amhàin cho fad 's a gheibhear Dia fèin ànnta, a' cuimh- 
neachadh nach ìad sin nèamh, ach an ceud thoradh. 
1 Am feadh a ta sinn aig an tigh 's a' choluinn, tha sinn 
air choigrich (air falbh) o'n Tighearn'. 2 Cor. 5. 6. 
Agus am feadh a ta sinn air falbh o'n Tighearn, tha 
sinn air falbh o'n f hois. Na'n robh Dia cho toileach a 
bhi air falbh uainn-ne 's a tha sinne 'bhi air falbh 
uaith-san, agus na'n robh è cho mì-thoilichte a bhi 'n a 
fhois duinn, 's a tha sinne fois a ghabhail ànn-san, 
bhitheamaid dealaichte uaith agus air ar fàgail gun 
f hois gu sìorruidh. A dh' aon f hocal, faic cho peacach 
's a tha è dhuit a bhi mì-thoilichte le do staid air thal- 
amh, agus cho neo-sheasmhach 's a tha do thoil-ìnntinn 
ann an Dia fèin, agus bitheadh d'ùrnuigh gu tric ri 
Dia, ag ìarraidh air an cionta sin a mhaitheadh dhuit. 
Os-ceànn gach plàigh eile a ta air an taobh so do ifrinn, 
feuch, gu'n dean thu caithris agus ùrnuigh nach faighear 
thu gu bràth a' socrachadh do chridhe air ni, no neach 
sam-bith ach nèamh, no idir a' gabhail fois' do d' anam 
ann an ni, no neach air bith eile, ach Dia fèin. 

III. Is è nis an ath ni a bheirear fainear, an so, — 
an-toil neo-rèusanach an aghaidh bàs 'f haotuinn. Cha 
n-àill leinn idir dealachadh ris an fheòil bhochd so, 
chum seilbh 'f haotuinn air glòir agus fois nan naomh. 
Gheibhear sinn a' sìor-stad agus a' deanamh maille, 
cosmhuil ri Lot ann an Sòdom, gus, " air do'n Tighearn 
a bhi tròcaireach dhuinn," an spìon è air falbh sinn an 
aghaidh ar toile. Aidicheam nach 'ell am bàs idir 
taitneach ann-fèin ; ach is taitneach fois an anama 
maille ri Dia, agus is è am bàs an rathad cumanta air 
an tèidear a dh-ionnsuidh na foise sin. Agus a chionn 
gu'm bheil a' chùis so air a cur suarach le mòran, agus 
grathail, no mì-thaitneach do na h-uile, feuchaidh m\ 
dhuibh anis nkdur agus leigheas na h-an-toile so, le 
caochladh argumaid, mar a leanas : — 

Tha mòran as-creidimh ìnnte. Na'n creideamaid da 
rìreadh anns a' ghealladh a tha Dia 'n a f hocal a' toirt 



nan Naomh aìr thalamh. 211 

air fois na glòire ; na'n creideamaid da rìreadh gu'm 
bheil Dia gun teagamh a' cìallachadh mar tha e-fèin ag 
ràdh ; na'n creideamaid gu'm bheil Dia a' làn-rùnachadh 
gach gealladh a làn-cho-lionadh, agus gu'm bheil sonas 
cho mòr, 's a chuala sinn, air 'ullachadh airson nan 
creidmheach, 'an àit dhuinn a bhi, mar gheibhear sinn 
anis, mì-thoileach, no fo eagal bàsachadh, gu cìnnteach 
is ànn a b'f hada leinn ar beatha, bu bhliadhna leinn 
gach là, gus an tigeadh ar là mu-dheireadh. An 
urrainnear idir a ràdh gu'm bheil sinne da rìreadh a' 
creidsinn gu'n togar suas leis a' bhàs sinn o thruaighean 
cho mòr, gu glòir cho mòr, agus sinne fathast an-toileach 
bàs 'fhaotuinn? Ma's è ar teagamh fein air còir anns 
a' ghlòir sin, is aobhar eagail dhuinn, tuigeamaid gu'n 
deanadh f ìor chreidimh ann an cìnnteas agus ann an 
òirdhearcas na foise so, sinne mì-fhoisneach gus am 
faiceamaid ar còir oirre air a deanamh soilleir dhuinn. 
Geda gheibhear mòr chreidimh agus mòr dhiadhachd 
ann ar bilibh, gidheadh tha fathast mòran mì-chreidimh 
agus mòran pàganachd anns na cridheachan againn, 
agus is è sin is àrd aobhar do'n an-toil, no do'n eagal a 
gheibhear annainn a dhol anùll tre'n bhàs. 

Gheibhear an an-toil so ag èirigh bho fhuarachd 
reòta ar gràidh. Ma's gràdhach leinn ar caraid, is toigh 
leinn a chuideachd, is toigh leinn a làthaireachd, is 
duilich leinn uainn è. 'Nuair a thig è h-ugainn, cuiridh 
sinn fàilt air, agus gabhaidh sinn ris le gàirdeachas 
'Nuair a gheibh è bàs, ni sinn caoidh air a shon, agus 
gu tric caoidh ro mhòr. 'Nuair a dhealaichear neach o 
charaid gràdhach, dìleas, tha sin dhà mar bhall air a 
ghearradh o 'chorp. Agus nach bitheadh ar dèigh air 
Dia cho làidir sin, na'n robh f ìor ghràdh againn dà ? 
Ni-h-eadh, ach nach bu chòir dhuinn guàdh fada nan 
cìan na's mò na sin a thoirt do Dhia, oir is fìor àillidh 
esan seach gach uile charaid eile ? gu'n teagaisgeadh 
an Tighearn sinn gu sealltuinn astigh gu dlùth air ar 
cridheachan fèin, agus gus an aire cheart a thoirt, nach 
f haighear sinn 'g ar mealladh fem anns a' chùis so ! 
Ciod-air-bith a dh-aidicheas sinn, ciod-air-bith a their, 
no 'chreideas sinn, ma ghràdhaicheas sinn athair, 
màthair, fear-pòsda, bean, leanabh, caraid, saoibhreas, 



212 Cha n-fhaighear Fois 

no ar beatha fèin, na's mò na Criosd, cha dheisciobuil 
dhà-san sinn idir fathast. 'Nuair a thig là mòr an 
dearbhaidh, cha n-ì idir a' cheist, Co a's mò a shearmon- 
aich, no cò a's mò a labhair, ach, cò a's mò a ghràdhaich ? 
Cha ghabh Criosd searmoineàn, no ùrnuighean, no 
trasgadh, no idir ar maoin a thoirt do na bochdan, no 
ar cuirp a thoirt gu bhi air an losgadh, 'an àit gràidh. 
Agus an urrainn gràdh a bhi againn dhà, agus sinn 
fathast coma cia fad a bhitheas sinn uaith-fèin ? Nach 
b' aoibhneach Iacob a' dol a dh-f haicinn gnùis Iòseiph 
's an Eiphit ? agus am bi sinne toilichte gun sealladh 
'f haicinn do Chriosd ann an glòir, agus sinn ag ràdh 
gu'm bheil gràdh againn dà ? Cha dàna dhomh a ràdh 
nach 'eil gràdh idir againn dà, 'nuair a gheibhear sinn 
cho an-toileach a dhol dachaidh gu fois na glòire ; ash 
their mì, na'n robh tuilleadh gràidh againn, bhitheamaid 
na's toiliche falbh. Na'n robh lasair naomh a' ghràidh 
air a làn-bheothachadh ann ar broilleach, is toileach a 
theireamaid le Daibhidh, " Mar a thogras am fiadh 
chum nan sruth uisge, mar sin tha m'anam a' togairt a' 
d' ionnsuidh-sa, a Dhè. Tha tart air m'anam chum Dhè, 
chum an Dè bheò : c'uin' a thig mi, agus a nochdar mi 
'am fianuis Dhè ?" Salm 42. 1, 2. 

Bho'n an-toil so a ta annainn a dhol tre chèum a' bhàis, 
tha è soilleir nach 'eil sinn ach beag-sgìth de'n pheac- 
adh. Na'm b' è am peacadh olc a's gràineile agus a's 
mò leinn, cha bhitheamaid toileach fuireach 'n a chuid- 
eachd cho fada. " thus' a chridhe pheacaich, am- 
aidich I thusa-fèin a b'àit-còmhnuidh, cho fada, do 
gach ana-mìann neo-ghlan ; thusa, tobar a' sìor-thaom- 
adh amach uisgeachan searbh, salach a' pheacaidh, nach 
'eil thu fathast sgìth dheth ? Anam bhochd ! thu 
fèin 'us d'uile bhuaidhean a' crìonadh sìos, thu cho 
doilgheasach, truagh, mall anns gach gnìomh, thu 
cho luchdaichte leis gach èucoir, agus nach 'eil thu 
fathast sgìth dhe sin ? Am b'àill leat laidhe sìos 
fathast fo d' èigin, fo do laigse, agus fo d' uireasbhuidh ? 
An d'fhuair thus' am peacadh 'n a bhuannachd cho 
tarbhach, 'n a chompanach cho fèumail, 'n a obair cho 
taitneach, 'nuair a tha eagal cho mòr ort roimh uair do 
dhealachaidh ris ? Nach ceart a dh-f haodadh Dia do 
thoil a dheònachadh dhuit, a^us, arèir d' ìarrtais, d'àit 



nan Naomh air thalamh. 213 

a she'ulachadh dhuit, astar fada uaith-fèin^ agus do 
chluasan a thairgneachadh ri dorsaibh sin na truaighe, 
agus do ghlasadh amach gu sìorruidh bho fhois na 
glòire ?" 

Chithear nach 'eil mothachadh againn air dìomhanas 
a' chrèutair, 'nuair is fuathach leinn cluinntinn, no 
smuaineachadb air an imrich. " Ah ! anam amaidich, 
mh\-shona! Nach 'eil gach prìosanach eile nis ag 
osnaich an de*igh fuasglaidh ? Nach mìannach leis gach 
tràill là saoraidh'? Nach mìannach gach duine tìnn air 
slàint ? Nach f hada leis gach acrach gus am faigh è 
biadh? agus, m' anam, am fuathach leat-sa-fem 
fuasgladh ? Nach ìarr an seòladair am fearann 'f haicinn ? 
Nach ìarr an tuathanach am foghar, agus an cosnach a 
phàidheadh ? Nach f hada leis an f hear-astair gus an 
ruig è a dhachaidh ? Nach f hada leis an rèisear gus an 
coisinn è an duais, agus leis an t-saighdear gus an 
coisnear am blàr ? agus am faighear thus' amhàin mì- 
thoileach toradh do shaothair a mhealtuinn, agus crìoch 
do chreidimh agus d'fhulangais 'fhaicinn 'us 'fhaot- 
uinn? Am bruadar do bhròn? Ma's eadh, is dona 
'thig dhuit eagal a bhi ort dùsgadh. Ach nach èudar 
aideachadh gur bruadar agus sgleò uile thaitneas an 
t-saoghail, muf'eil an saoghal anis air fàs tairis, — air fàs 
na's caoimhneile na b'àbhaist dà?" Faodaidh sinne, 
fo chunnart ar n-anamanan, sinn-fèin a dheanamh rèidh 
ris an t-saoghal, ach gu bràth cha dean an saoghal 
e-fein rèidh ruinn-ne." thus' anam neo-airidh ! 
leis am b'f heàrr còmhnuidh a ghabhail ann an tìr an 
dorchadais agus a dhol air seachran anns an f hàsach 
thioram, chruaidh, neo-thorach so na bhi ann am fois 
maille ri Criosd ! thusa leis am b'f heàrr fantuinn ameasg 
nam madadh-alluidh, agus fulang gach là fo ghathaibh 
an scorpioin, na 'dhol a mholadh an Tighearna maille ri 
armailtibh nèimh !" 

Is ceannairc mhòr an droch an-toil so an aghaidh an 
Tighearna. Nach 'eil ì gu soilleir a' dearbhadh gur feàrr 
leinn an talamh so na Criosd, agus na nithe 'ta làthair na 
sonas buan, agus gu'm bheil sinn mar sin a' deanamh fior 
dhia dhiubh ? Na'n ròghnaicheamaid Dia fèin mar ar 
crìoch, ar fois, ar cuibhrionn, ar n-ionmhas, ciamar a b'urr- 



214 Cha n-fhaìghear Fois 

Ainn sinn a bhi toilichte 'dh-easbhuidh a bhi gu dùrachd 
ach ag \arrardh a mhealtuinn ? Agus chithear cealgair» 
eachd anns an an-toil so. Am b'àill leat duine am-bith 
do chreidsinn, 'nuair atheir thu gur è an-Tighearn fèin 
d'aon dòchas, agus a labhras tu mu Chriosd mar " na 
h-uile anns na h-uile," agus air an " lànachd aoibhneis 
a ta 'n a làthair," agus an dèigh sin uile, is feàrr leat a 
bhi air do shàrachadh fo na buillibh a's goirte 's a' 
bheatha so, na dealachadh riutha agus a dhol astigh do 
làthair an Tighearna. Nach 'eil sinn ag àicheadh ar 
briathran fèin, 'nuair a labhras sinn cho garg an agh- 
aidh an t-saoghail agus na feòla, 's a gheibhear sinn ri 
osnaich 'us gearan air fulang fo thrioblaidibh goirt a' 
pheacaidh, agus gidheadh cha n-'eil cùis eagail ànn a's 
mò leinn na 'n uair sin a bheir fuasgladh dhuinn gu 
bràth o gach trioblaid ? 

Nach mòr a' chealgaireachd so ! sluagh ag aideach- 
adh a bhi ri spàirn chruaidh, agus a' cogadh airson 
nèimh, agus ìad mì-thoileach a dhol do nèamh : ag 
urnuigh là an deigh là, 's ag ìarraidh beannachd nach 
àill leinn a ghabhail 1 Is èucoir a' mhì-thoil so an agh- 
aidh an Tighearna agus a gheallaidhean, a' maslachadh 
a shlighean ann an sùilibh an t-saoghail. 'Nuair a chì 
sluagh an t-saoghail sinne cho mì-thoileach a dhol gu 
fois na glòire, nach 'eil ar giùlain 'g am brosnachadh gu 
teagamh a chur ann am focal 's ann an gealladh Dhè ? 
Nach abair ìad, Am bheil glòir ann cho mòr 's a tha 
anSgriobtuiragainmeachadh? 'Xuair a chììadsinne cho 
mì-thoileach dealachadh ris na nithibh a ta làthair, — 
sinne a dh'aidich a bhi beò tre chreidimh, — sinne a bha 
gu tric a' deanamh uaill às ar dòchas ri fois ann an 
saoghal eile — sinne a bha cho tric ag ìnnseadh do 
mhuinntir eile gur suarach na h-uile nithe a ta bhos 
ann an coimeas ris na nithibh maireannach a ta shuas, — 
fathast mì-thoileach a dhol suas a mhealtuinn nan nithe 
sin ; nach teannaich an droch eisempleir so gu mòr 
sluagh an t-saoghail 'n an as-creidimh agus 'n am feòl- 
mhorachd 1 " Gu cìnnteach," their ìad, " na'n robh 
dùil aig an luchd-aideachaidh sin ri glòir cho mòr, na'n 
robh an saoghal cho suarach leo 's tha ìad ag ràdh, cha 
bhitheadh ìad-fèin cho mì-thoileach a dhol imrich às." 



nan Naonih air thalamh. 216 

cia mòr an èucoir so an aghaidh Dhè agus anamanan ! 
ciamar a f hreagras sinn air a son ? Nach bu mhòr an 
onoir do Dhia, nach bu mhòr an neart do na creidmhich, 
agus nach bu mhòr an dearbhadh 's an teagasg do 
as-creidmhich, na'n deanadh Criosduidhean arèir an 
aideachaidh anns a' chùis so : na'm f àilticheadh ìad an 
teachdair gu suilbhir, 'nuair a thigear 'g an gairm 
dhachaidh gu fois na glòire. 

Tha è soilleir o'n mhi-thoil so gur beag feum a rinn 
sinn de'n ùin mhòir a chaith sinn air an talamh. Nach 
d'fhuair sinn uile làithean ar beatha chum sinn-fèin 
ullachadh gu bàsachadh ? cho liuthad bliadhna gu smn- 
fèin a dheanamh ullamh airson aon uair, agus am bheil 
sinn fathast cho mì-ullamh 'us cho mì-thoileach ? Ciod 
a bha sinn a' deanamh ? Carson a dh'fhagadh cho fada 
beò sin ? An robh gnothach a b'fheàrr na so againn ri 
chuimhneachadh ? Am b' àill leinn rabhadh 'fhaotuinn 
na bu trice ? Nach tric a chunnaic sinn am bas a' gairm 
air ar coimhearsnaich ? Nach tric a bhuail è aig ar 
dorus fèin ! Nach iomadh èucail a chiùrr ar cuirp, 
ionnus gu'm b'èigin duinn èisdeachd ri " bìnn a' bhàis !" 
Agus am bi sinn mì-ullamh agus mi-thoileach an dèigh 
sin uile ? nach mi-chùramach, marbh-chridheach na 
peacaich sinne, creutairean mi-dhìleas, neo-airidh a' 
dearmad nan iomadh rabhadh a thugadh dhuinn le Dia, 
agus a' brath ar n-anamanan fèin ! 

Cuimhnich, mur bàsaichear, cha ruigear air sonas gu 
bràth. B'è am bàs a sheachnadh, àrd shonas a chàll, 
mur togadh Dia suas sinn, mar thog è Enoch agus 
Eliah, ni nach d'rinn è riamh roimh sin, no 'n a dhèigh, 
ri neach air-bith eile. " Ma's anns a' bheatha so 
amhàin a tha dòchas againn, is sinn a's truaighe de na 
h-uile dhaoinibh." 1 Cor. 15. 19. Mur b'àillleat bàsach- 
adh agusadhol do nèamh, ciod tuilleadha b'àillleat seach 
geòcair, no brùid ? Carson a gheibhear sinn ri ùrnuigh, 
agus ri trasgadh agus ri caoidh ? Carson a tha sinn a' 
fulang tàire bho'n t-saoghal? Carson is Criosduidhean, 
agus nach Pàganaich agus as-creidmhich sinn ; mur 'eil 
sinn ag ìarraidh na beatha ri teachd ? Anis, a Chriosd- 
uidh, am b'àill leat do chreidimh agus do shaothair, tor- 
adh do dhleasanais agus d'fhulangais, uile chrìoch dc 



216 Cha n-fhaighear Fois 

bheatha, agus slàint tre fhuil Chriosd, a chall, agus a 
bhi toilichte le cuibhrionn spìocaire, no brùid ? Gu-ma 
feàrr leat a ràdh, mar thuirt aon àraid air a leabaidh- 
bhàis, an dèigh do neachfhaighneach dheth, co dhiubh 
a bha, no nach robh è mì-thoileach bàsachadh, " An 
urrainn," ars' e-fèin, " neach a tha toileach a bhi maille 
ri Criosd, a bhi mì-thoileach basachadh !" 

Nach 'eil Dia toileach sinne 'ghlòrachadh leis a' bhàs, 
agus carson a gheibhear sinn cho mì-thoileach bàsach- 
adh, a chum a bhi air ar glòrachadh ? Shaoilinn, na'm 
bitheadh prìonnsa toileach oighre 'dheanamh dhìot 
air-fèin, gur gànn a dhiùltadh tus' an onoir sin. Bu 
mhi-thàingeil, neo-airidh neach a dhiùltadh caoimhneas 
cho mòr. Is teànn a bhuineas Dia ris a' mhuinntir a 
bhitheas a' gabhail leisgeulan, 'nuair bu chòir dhoibh 
teachd a dh-ionnsuidh Chriosd : tha è nis a' labhairt 
'n an aghaidh, mar so, " Cha bhlais aon de na daoinibh 
ud a fhuair cuireadh, de m' shuipeir-sa." Lùc. 14. 24. 
Dìreach mar sin, matà, buinidh è ruinn-ne, ma gheibhear 
sinn a' deilbh leisgeulan, 'nuair bu chòir dhuinn a 
dhol gu toileach a chum fois na glòire. 

Bu toileach an Tighearn Iosa teachd anuas o nèamh 
a dh-ionnsuidh na talmhainn air ar son-ne, agus am bi 
sinne mì-thoileach a dhol imrich o'n talamh gu nèamh, 
air ar son-fèin agus air a shon-san ? Dh-f haodadh è 
'ràdh, " Ciod è sin dhomh-sa, ma dh-fhuiligeas na 
peacaich sin ? Ma's luachmhoire leo am feòil na 'n 
anamanan fèin, agus an ana-mìannan fèin na grkdh 
m' Athar-sa ; ma reiceas ìad an anamanan air neo-ni, 
cò is còir an càll sin 'fhulang? An è Mise, air an d'rinn 
ìad èucoir ? Am faod \ad d'an deòn mo lagh a bhriseadh, 
agus am fèum mis' am pìan, a thoill ìad, 'f hulang ? An 
èudar dhomh teachd anuas o nèamh a dh-ionnsuidh na 
talmhainn agus mi-fèin èideadh le feòil an duine, gu bhi 
air mo chur fo smugaidean 'us fo mhagadh dhaoine, gu 
trasgadh agus guil a dheanamh, agus gu fallas tròm a 
shileadh, agus gu m' fhuil a dhòrtadh agus gu bàs 
mallaichte 'f hulang ; agus sin uile airson dhurragan 
truagh leis am b'fheàrr an anamanan fèin a chur fo 
cunnart, na aon ghreim toirmisgte àicheadh dhoibh-fèin ? 
An tilg ìadsan air falbh ìad-fèin cho suarach, 'us mise 



nan Naomh air thalamh. 217 

'g an saoradh le luach cho daor?" Mar so chithear 
gu'n robh cion-fath mòr aig Criosd a bhi mì-thoileach 
teachd 'g ar saoradh, ach gidheadh thàinig è gu toileach, 
deònach. Ach cha n-'eil rèusan air-bith ann gu sinne 
'chumail o theachd a dh-ionnsuidh Chriosd, mur labhair 
sinn an aghaidh ar dòchais, ag ìarraidh fantuinn gu 
bràth ann ar dosgainnibh fèin. Thàinig Criosd anuas 
a chum sinne 'thogail suas. Agus am b'àill leinn 
Criosd 'f huil a dhòrtadh, saothair cho mòr a dheanamh 
air ar son, agus falbh arìst, gun sinn-fèin a dhol maille 
ris idir. An do cheannaich è fois dhuinn le eirig cho 
luachmhor ? Am bheil oighreachd ' air a ceannach 
dhuinn le fuil Chriosd?' Agus am bheil sinne, an 
dèigh sin uile, mì-thoileach a dhol astigh do'n oigh- 
reachd againn-fèin ? Ah ! a dhaoine, is ann aig Criosd 
'us cha n-ann idir againn-ne, a bha cion-fàth a bhi 
mì-thoileach. gu'n deanadh an Tighearn ar mì-thoil 
a mhaitheadh dhuinn, agus a' mhi-thàingealachd so a 
shlànachadh, a' gearradh uainn gach smuain nach 'eil 
arèir a thoile fèin. 

Nach 'eil sinn a' cuideachadh le droch ìnnleachdan 
nan naimhdean a's miosa agus a's an-iochdmhoire a ta 
againn, 'nuair a gheibhear sinn mì-thoileach siubhal, 
agus a dhol do nèamh ? Ciod ì obair an diabhuil gach 
là ? Dìreach ar n-anamanan a chumail o Dhia. Agus 
am bi sinne toilichte le sin ? Nach 'eil sinn ag ìarraidh 
leth na h-ifrinn dhuinn-fèin, am feadh a gheibhear sinn 
ag ìarraidh a bhi air falbh o nèamh ? Nach taitneach 
an spòrs so le Sàtan, a Chriosduidh, do mhìann-sa agus 
a mhìann fèin a bhi nis a' còrdadh anns a' chuis so ? 
'Nuair a chì è nach urrainn è do mhealladh sìos leis gu 
ifrinn, is maith leis gur urrainn è do chumail cho fad 
temach à nèamh, agus a thoirt ort-fem a bhi gu dùrachd- 
aah ag ìarraidh sin 1 Ho ! na toilich idir an diabhul, 
a' deanamh croin cho mòr ort-fèin ! Nach 'eil eagal a' 
bùàis gach là anshocrach dhuinn, 's a' sìor-phìanadh ar 
beatha, 'nuair bu chòir dhuinn a bhi làn aoibhneis, 's a' 
meòrachadh air a' bheatha bheannaichte ri teachd; 
gach là 'us uair air air beothachadh suas le smuaintibh 
milis, sòlasach air sonas sìorruidh na glòire ? Ach is 
ann a gheibhear sinne gu ro thrki air ar crathadh, air 



218 Gha n-fhaìghear Fois 

ar gluasad, no air ar buaireadh le droch eagalaibh gun 
aobhar ! Mar sin, a' milleadh ar sòlais fein, 's a' rèubadh 
às a chèile nan toil-ìnntinn a's àirde luach. 'Nuair a 
dh-fhaodamaid laidhe sìos, èirigh suas agus gluasad 
mu-n-cuairt le cridheachan air an sàr-lìonadh le aoibh- 
neas ann an Dia, is ànn a gheibhear sinn an còmhnuidh 
air ar lìonadh le grath 'us uamhas. An tìair am bheil 
eagal a' bhàis, bithidh eagal air a ghnàth ; a chionn 
gu'm bheil aobhar aige do ghnàth, dùil a bhi aige ris a' 
bhàs. Agus cionnus is urrainn beatha an duine sin a 
bhi sòlasach, a tha beò fo eagal gun sgur, gu'n càill è 
gach sòlas 'us taitneas ? 

Cò às a tha eagal a' bhàis ? nach sinn-fèin a chruth- 
aich è ? nach è am fulangas so ar deanadas fèin ? Mar 
nach bu leòr leinn gach cronachadh a thug Dia dhuinn 
a chum ar maith, fèumaidh sinne sinn-fèin a shàrachadh 
a chum ar cron. Nach 'eil am bàs seaibh gu leòr 
dheth-fèin. ged nach deanadh sinne a shearbhachd 
dùbailt, no trì-fìllte? Tha na triublaidean a leigear 
òirnn le Dia, gu lèir a' treòrachadh gu buil mhaith. 
Tha ìad 'g ar toirt o thrioblaid gu foighidin. o sin gu 
dearbhadh, agus arìst gu dòchas, agus fa dheòigh gu 
glòir. Ach tha na trioblaidean, a bheir sinn òirnn-fein, 
a' sìor-ìadhadh umainn, 'g ar sìor-chuairteachadh, agus 
sinn-fèin a' dol o pheacadh gu trioblaid, o thrioblaid 
gu peacadh, agus o thruaighe gu truaighe gun stad. 
Cha n-è sin uile, ach f àsaidh ìad mòr, lìonrahor 'n an 
ce'um. Is mò gu tric gach peacadh ùr na 'm peacadh a 
rinneadh roimhe, agus mar sin meudaichidh trioblaid 
òirnn : ionnus, mar abair sinn gu'n d'rinn Dia pìanad- 
aiiean dhuinn-fein dhìnn, gur beag ar fèum air a bhi 
cho tric ag altrum eagal a' bhàis. 

Ach nach beag is fhiach, agus nach neo-tharbhach 
an t-eagal so ? ' Cha n-urrainn ar chram uile aon 
fhuiltein a dheanamh geal no dubh.' no "aon làmh- 
choille a chur ri ar n-àirde fein." Agus cha mhò is 
urrainn eagal ar trioblaidean a bhacadh, no idir uair ar 
bàis a chur aon mhionaid na's fhaide uainn ; oir toil- 
each, no mì-thoileach sinn, fèumar falbh. Is tric a 
gheibhear eagal a' greasad muinntir a dh-ionnsuidh a' 
bhAis, ach cha chualas riamh gu'n robh bàs duine sam- 



nan Naomh aìr thalamh. 219 

bith air a chasgadh le eagal. Gu cìnnteach is maith 
dhuinn eagal glic, cùramach a bhi òirnn às a' chunnart 
a ta an dèigh a' bhàis. Bu tarbhach an t-eagal so do 
mhòran, agus tha è anabarrach fèumail a chum sluagh 
a chumail amach às a' chunnart sin a tha air taobh 
thaìl a' bhàis ; ach is neo-tharbhach, peacach eagal a 
bhi air aon de oighreachan Chriosd a dhol astigh d'a 
oighreachd fèin. Nach 'eil eagal a' bhàis a' ribeadh ar 
n-anamanan, 's ag àrach iomadh buairidh? Ciod a 
thug air Peadar a Thighearn àicheadh ? Ciod a bheir 
air luchd-claonaidh an f hìrinn a thrèigsinn air amaibh 
dearbhaidh, no fulangais ? Carson a sheargas duilleag 
ghorm agus bhog a' chreidimh neo-fhreumhaichte fo 
theas na gèur-leanmhuinn ? Is olc eagal prìosain, is olc 
eagal bochduinn, ach is è eagal a' bhàis a's mìosa gu mòr. 
Mar is mò d'eagal às a' bhàs, is ànn gu tric is mò do 
ghealtachd agus do neo-dhìlseachd ann an seirbhis Dhè. 
Is è am peacadh so, anns am bheil sinn ciontach cho 
tric, an toll dorch, truaillidh sin anns am bheileas a' 
deilbh ìnnleachdan lìonmhor an as-creidimh, gearan 
air riaghladh glic Dhè, agus droch smuaintean mu 
oibribh a fhreasdail. 

Smuainich air an ùin fhada, chubhaidh, chuimsich a 
fhuair mòran dhìnn air thalamh. Ma's àill le duine 
siubhal idir, carson a bhitheadh è mì-thoileach a dhol 
imrich gu fois na glòire, aig aois dheich bliadhna fichead, 
no aig dà fhichead, maehì Dia iomchuidh a ghairm, cho 
deònach 's a rachadh è aig trì fichead 's a deich, no aig 
ceithir fichead ? Cha dean ùin f hada truaillidheachd a 
cheànnsachadh. Cha shearg agus cha chrìon ì gu bràth 
le aois. Mur faigh sinn tuille gràis maille ri làithean 
fada, is ann a bhitheas sinn, arèir nàduir, a' fas na's 
miosa. 

" m'anam siubhail 'an sìth I Mur b'àill leat 
saoibhreas 'us onoir gun tomhas, na ìarr ùin ro fhada 
air thalamh. m'anam I na'n tuigeadh tu cho neo- 
airidh 's a tha thu air aon uair de'n fhoighidin sin a 
ghiùlain leat cho fada, theireadh tu, Is mòr mo thìm. 
Nach 'eil crìoch do làithean air a suidheachadh le 
gliocas Dhe ? Cuiridh Dia onoir air-fèin ie caochladb 
duine agus le iomadh lìnn, agus cha n-ànn le aon duine 



220 Cha n-fhaighear Fok 

no aon lìnn. Air dhuit-sa d'obair fèln a dheanamh, 
agus do rèis òrduichte fèin a ruith, gluais dhaohaidh gu 
toilichte, agus lìonadh muinntir eile d'àit, gach aon 
diubh a' dol 's a' tighinn 'n a char fèin, cho maith riut-sa. 
Is lìonmhor dleasanas a tha aig làithean fada. Iarr 
thusa, matà, gràs a chum fèum na's feàrr a dheanamh 
dhe d'aimsir, agus bi toilichte le àireamh do làithean. 

" m'anam ! agad-sa bha tomhas freagarrach de 
shòlasaibh na beatha so. Dh-f haodadh Dia do bheatha 
'dheanamh truagh, tròm dhuit ; dh-f haodadh a sgìos 
agus a h-uallach a bhi air an deanamh cho mì-thaitneach 
dhuit 's a tha d' eagal anis dealachadh rithe. Dh-f haod- 
adh è 'cheadachadh dhuit do làithean a chaitheamh ann 
an dorchadas an aineolais gun eòlas teàrnaidh air 
Criosd : ach faic mar dh'f nosgail è do shùilean air 
maduinn do làithean, a' teagasg eòlais dhuit gu tric air 
obair do bheatha. An do thilg d'Athair nèamhaidh 
do chrannchur anns an Roinn-Eòrpa, agus cha n-ànn 
's an Asia, no ann an Africa ; ann an America, no ann 
an Sasunn, agus cha n-ànn 's an Spàinn, no 's an 
Eudailt ? Nach do lìon è d'uile bheatha le tròcairibh 
prìseil, agus am beag leat anis do chuibhrionn ? Smuain- 
ich, nach iomadh uair shòlasach, nach ìomadh sàbaid 
thaitneach, lèughadh luachmhor, còmpanach dìleas, 
furtachd iongantach, fàth-chothrom òirdheirc, obair 
tharbhach, sgdul aoibhneach. fiosrachadh milis agus 
freasdal miorbhuileach a shealbhaich do bheatha ! An 
robh do bheatha cho milis dhuit as nach àill leat deal- 
achadh rithe ? An è sin do thàing do 'n Tì sin a tha, 
mar sin, ag ìarraidh do thoirt a dh-ionnsuidh na mìl- 
seachd a thaisg e-fèin snas dhuit ? thus' anam amaid- 
ich ! b'fheàrr gu'n robh thu cho sanntach an deigh na 
sìorruidheachd 's a tha thu an dèigh na beatha sin a 
tha gach uair a' seargadh agus a' crìonadh as. B'f heàrr 
gu'n robh thu cho dèigheil air gnùis Dhia ann an glòir 
's a tha thu air còmhnuidh air thalamh ! Na'n robh, 
ghlaodhadh tu, ' C'arson a ta 'chavbad co f had a' 
teachd? c'arson a ta rothan a charbaid a' deanamh 
moille ?' Cia f had, a Thighearna ! cia f had ! 

" Ciod, na'n ceadaicheadh Dia dhuit a bhi beò mòran 
ohliadhnachan air talamh, ach na tròcairean, a bha ag- 



nan Naomh air thalamh. 221 

ad roimhe, àicheadh dhuit ? Nach f haodadh è beatha 
'thabhairt duit, mar thug è na gearra-goirt do na 
h-Israelich ghearanach ? Dh-f haodadh è beatha 'thabh- 
airt duit gus am bitheadh tu sgìth dhì, agus cho toilichte 
dealachadh rithe 's a bha Iùdas, no Ahitophel ; agus 
gus am fàgaidh ì thu cosmhuil ri iomadh crèutair 
truagh 's an t-saoghal, a's gànn is urrainn ìad-fèin a 
chumail o làmh-mharbhaidh a chur 'n am beatha fèin. 
Na trì-sa, matà, ag ìarraidh làithean cho fada, air eagal 
gu'm faod ìad a bhi 'n am mallachd 'us cha n-ànn idir 
'n am beannachd dhuit. 

" m'anam ! nach lìonmhor seirbhiseach luachmhor 
le Dia, às gach lìnn agus àit, a chaidh dhachaidh 
romhad ! Cha n-ànn idir air rathad neo-choisichte 'tha 
thus' a' dol. Cha tus' idir an ceud neach a chaidh 
null air an t-sligh so. Cò de na naoimh, ach Enoch 
agus Eliah, nach deachaidh tre chèum a' bhàis ? Agus 
am feàrr thusa na ìadsan ? Is iomadh ceud mìle de na 
naoimh a fhuair bàs, seach na tha an diugh air an 
talamh dhiubh. Nach mòr an àireamh dhe do chàir- 
dean gràdhach fèin, agus dhe do chompanaich ann an 
dleasanas, a dh'fhalbh, agus carson a bhitheadh tusa 
cho mì-thoileach an leantuinn ? Ni-h-eadh, ach nach 
deachaidh Criosd fèin air an t-sligh so ? Nach d'rinn 
è, le 'chorp fèin, an uaigh socrach, agus an dus cùbh- 
raidh dhuinn, agus am bheil thusa m-ìthoileach Criosd 
a leantuinn cuideachd ? Gu-ma feàrr leat a ràdh le 
Tòmas ' Rachamaid-ne mar an ceudna, chum gu'm 
faigh sinn bàs maille ris'." 

Mur leòr na chaidh a ràdh gu muinntir a dheanamJt 
rèidh ri imrich a' bhais, is beag a ni Sgriobtuir no 
rèusan. Labhair mì gu pailt air a' chùis so, a chionn 
gu'n d'fhuair mì sin fèumail dhomh-fèin agus do 
mhuinntir eile ; agus a chionn gu'm faca mi mòran 
Chriosduidhean a b'urrainn mòran a dheanamh, agus 
mòran 'f hulang airson Chriosd, ach is beag dhiubh sin 
a b'urrainn am bàs 'f hulang gu toileach ; agus àireamb 
lìonmhor eile, geda thug ìad, ann am pàirt, buaidh 
air truaillidheachd an nàduir, is ro bheag dhiubh a 
f huair buaidh air an an-toil so. Cha n-'eil mi idir ag 
ìarraidh air sluagh mi-dhiadhaidh, no air na h-aingidh 



222 Caithe-beatha nèamhaìdh 

eagal a' bhàis a chur uatha : is ànn is iongantach, gu 
dearbh, nach 'eil tuilleadh orra dheth. Is iongantach 
nàch 'eil ìad an còmhnuidh fo chrith eagal às a' bhas. 
Tuilleadh teannachaidh dhoibh-san fo'n eagal so, gus 
an tig ìad a dh-ionnsuidh Chriosd a sgapas air falbh 
gach eagal, mar a sgapas a' ghaoth am moll. 



Caibdeil XI. 

Mor luach Caithe-beatha Nèamhaidh a choimhead f 
no àiteachadh air thalamh. 

Am bheil fois oho glòrmhor air a fàgail dhuinn? 
Carson, matà, nach 'eil sinn a' smuaineachadh oirre 
na's trice ? Carson nach 'eil ar cridheachan suidhicht' 
oirre an còmhnuidh ? Carson nach 'eil ar cridheachan 
a' tuineachadh air an f hois so, agus a' meòrachadh oirre 
gu seasmhach ? Ciod idir is aobhar do'n dearmad so ? 
Am bheil sinn rèusantach anns a' chùis so ? Freagair 
a' cheist. Dh'ullaich an Dia sìorruidh glòir cho mòr 
dhuinn, agus gheall è sinn-fèin a' thogail suas a chum 
còmhnuidh a ghabhail maille ris-fèin, agus nach fhìach 
sin smuaineachadh air ? Nach bu choir do mhìann ar 
cridheachan a bhi 'plosgartaich an dèigh na foise so ? 
Am bheil sinn a' creidsinn so, agus sinn fathast 'g a 
dhì-chuimhneachadh agus 'g a dhearmad ? Mur cead- 
aich Dia dhuinn teachd dlùth do'n t-solus so, ciod a 
thathas a' cìallachadh leis gach cuireadh durachdach a 
tha e-fèin a' tabhairt dhuinn ? Carson a tha è cho tric 
a' dìteadh talmhaidheachd ar n-ìnntinn, agus ag àith- 
neadh dhuinn ar cridheachan a shocrachadh air na 
nithibh a ta shuas ? Ah ! cridheachan truaillidh ! 
Na'n robh fois nèimh air a toirmeasg dhuinn le Dia, 
is ànn bu dòcha sinn a h-ìarraidh, ach cha ghluais ar 
cridheachan aon òirleach d'a h-ionnsuidh, 'nuair a tha 
Dia ag àithneadh dhoibh èirigh suas gu nèamh. Cos- 
mhuil ri ar sìnnsearaibh peacach, na h-Israelich, nach 
gluaiseadh cèum, ach a dh'èirich ann an ceannairc. 
'nuair a dh'òrduich Dia dhoibh gluasad a dh-ionnsuidh 
tir Chanàain ; ach cho luath 's a thoirmisg è dhoibh a 



a choimhead air thalamh. 223 

dhol air an agbaidh, thog ìad orra gu falbh gun dàil. 
Mar a's trice 'their l)ia " Na gràdhaichibh an saoghal, 
no na nithe a tha 's an t-saoghal," is ann a's teotha 
dh-fhàsas ar gràdh do'n t-saoghal. Nach saor, tric 
a gheibhear sinn a' smuaineachadh air ar taitneasaibh, 
air ar càirdean, air oibribh, air an fheòil 's a h-ana- 
mìannaibh, seadh air èucoiribh 'us truaighean, air 
eagalan 'us trioblaidean 1 Ach càit air thalamh am 
faighear Criosduidh aig am bheil a chridhe làn-shuidh- 
ichte air an f hois nèamhaidh ? Dè so ? Am bheil sinn 
cho làn aoibhneis, agus gun fhèum air tuilleadh? 
Nach 'eil dad idir air nèamh gu sinne 'dheanamh aoibh- 
neach ? Ach nach ànn againn a tha na cridheachan 
feòlmhor, tròm, dall. Ishcheamaid na cridheachan 
feòlmhor sin anns am bheil cho beag sùim mu Chriosd, 
agus mu ghlòir. Mur labhramaid air ni sam-bith eile, 
ach air nithibh an t-saoghal so, mheasadh na h-uile sinn 
mi-dhiadhaidh ; carson, matà, nach meas sinn ar cridh- 
eachan fèin mi-dhiadhaidh, 'us cho beag tlachd aca ann 
an Criosd agus ann an nèamh ? 

Ach is ànn amhàin riutha-san aig am bheil an 
cuibhrionn air nèamh a thatar a' labhairt an so, — 
riutha-san aig am bheil an dòchas an sin, agus a thrèig 
na h-uile nithe airson na glòire so : agus am bi sgàth 
òrm a chomhairleachadh dhoibh-san ìnntinn nèamhaidh 
àiteachadh air thalamh? Mo chomh-Chriosduidhean, 
mur èisd, mur gèill, mur creid sibhse, cò eile a nì è ? 
Is maith a dh-f haodas sinn gearan a dheanamh nach 
èisd an saoghal ain-diadhaidh, dàll ri earail dìleis, agus 
a ràdh, mar thuirt Maois, " Feuch, cha d'èisd clann 
Israeil rium ; cionnus ma tà 'dh'èisdeas Pharaoh rium- 
sa?" Ach, a lèughadair, comhairlicheam dhuit, ma tha 
dòchas agad ri cuid anns a' ghlòir so, do chridhe fèin a 
ghairm anis gu cùnntas. Cronaich è gu sgaiteach airson 
a dhearmaid air Dia. Tog suas do smuaintean de gach 
dìomhanas. Lùbadh d'anam agus smuainicheadh è air 
sìorruidheachd. Dean saothair chabhagach airson na 
beatha ri teachd. Cleachd thu-fèin ri meòrachadh 
spioradail. Na biodh do smuaintean air na nithibh so, 
ainmig, no èutrom. Fairc d'anam ann an sòlasaibh 
nèimh. Ma gheibh thu d'anam mì-thoileach, ceann- 



224 Caithe-beatha nèamhaidh 

saich è. Ma thòisicheas è ri fannachadh, beothaich è. 
Ma thòisicheas do smuaintean nèamhaidh ri sgaoileadh, 
cruinnich astigh ìad ; cum air an obair ìad, agus na 
ceadaich dhoibh, air chor sam-bith, a bhi rag, leisg, 
no dearmadach. Agus an dèigh dhuit, ann an ùmh- 
lachd do Dhia, oidhirp a thoirt air an obair mhaith so, 
agus fàs eòlach oirre, dean faire air do smuaintibh, 
gus an ìonnsuich ìad gèilleadh : an sin gheibh thu thu- 
fèin fagus do nèamh, agus blaisidh tu air a' mhìlseachd 
a ta ann an oibribh agus ann an slighibh Dhè, agus 
tuigidh tu gur beatha aoibhneach, beatha dhiadhaidh. 
Gheibh thu an sòlas pailt sin a bha d'ùrnuigh, do 
phlosgartaich agus d'osnaich ag ìarraidh — sòlas nach 
'eil mòran Chriosduidhean a' faotuinn anns a' bheatha 
so, do bhrìgh nach aithne dhoibh an rathad ceart d'a 
ionnsuidh, no ma's aithne, cha n-fhaigliearìad gu dìleas, 
dùrachdach a' gluasad ànn le'n uile chride. Na abair 
idir, " Cha n-urrainn sinne ar cridheachan a shocrach- 
adh air nèamh ; is è sin obair Dhè fèin." Gun teagamh, 
is è Dia àrd fhear-riaghlaidh a' chridhe, ach cuimhnich, 
is tu-fèin an ath f hear-riaghlaidh fo Dhia air do chridhe 
fèin. Ged ' nach urrainn sinne ni sam-bith a dheanamh 
is èugmhais Chriosd,' gidheadh fo làimh Chriosd, faod- 
aidh tu an obair mhòr so a dheanamh, agus fèumaidh 
tu a deanamh, mur dean, bithidh tu-fèin agus do shaothair 
càillte, an lorg do dhearmaid. Anis, a Chriosduidhean, 
na'n robh bhur n-anamanan beò-dhùrachdach, slàinteach, 
neartmhor, gheibheadh ìad taitneas agus mìlseachd ann 
an smuaintibh aoibhneach a' chridimh air an t-sonas ri 
teachd, mòran, mòran na's mò na gheibh an stamag a's 
fallaine càil anns a' bhiadh a's mìlse blas, no ann an 
cuspair tìmeil air-bith a's urrainnear a mhealtuinn : agus 
thuigeadh sibh cho sòlasach, socrach, prìseil 's a tha an 
obair bheannaichte so. 

Tha fios agam gur ro ghann ar togradh a dh-ionnsuidh 
an dleasanais so, fhad 's a bhitheas sinn air ar cuairt- 
eachadh leis an f heòil, agus le fuighleach na h-ìnntinne 
feòlmhoire sin a ta 'n a naimhdeas an aghaidh Dhè, 
agus an aghaidh na h-oibre so, agus air an aobhar sin, 
cuiridh mì sios an so cùisean smuaineachaidh a bhitheas 
gun teagamh fìor luachmhor agus èifeachdach do 



a choimhead air thalamh. 225 

Chriosduidhean, agus a ghluaiseas ìad gu tòiseachadh 
air an dleasanas òirdheirc so, ma dh-èisdeas agus ma 
ghabhas ìad riutha gu cùramach, 'g an tuigsinn arelr 
an luach. Smuainich gu h-àraid matà : — 

Dearbhaidh an obair so dìlseachd do dhiadhachd, — 
Is 1 òirdhearcas a's airde ann an nàdur a' Chriosduidh, 
— Is ì an dòigh a's feàrr gu bhi beò gu toilichte, — Is ì 
dìon a's feàrr a ghleidheas tu bho bhuaireadh a' pheac- 
aidh, — Beothaichidh ì do ghràs agus do dhleasanas, — 
Is ì deoch-ùrachaidh a's feàrr anns gach trioblaid,— 
Fàgaidh \ thu tarbhach do mhuinntir eile, — Cuiridh ì 
onoir air Dia ; — A dh-easbhuidh na h-oibre so diùltaidh 
tu ùmhlachd a thoirt do àithntibh Dhè, agus caillidh tu 
solus f ìor ghràsmhor agus fìor shòlasach an fhocail, — 
Is ì d'obair a's rèusantaiche chum do 'chridhe 'shoc- 
rachadhair Dia, mar thaa chridhe-fein cho mòr ort-sa, — 
agus air nèamh far am bheil còir 'us dàimh cho mòr agad ; 
A bhàrr air sin, cha n-'eil nì sam-bith eile ànn, ach nèamh, 
air an fhìach dhuit do chridhe bochd a shoerachadh. 

1. Smuainich, ma tha do chridhe suidhichte air 
nèamh, cha n-urrainn thu dearbhadh na's feàrr na sin 
'fhaotuinn air ionracas do chreidimh, no foillseachadh 
na's soilleire air fìor obair nan gràs a bhi nis a' teàrnadh 
d'anama. Is tric a dh-f haighnicheas tu, " Cionnus a 
dh-aithnicheas mì, am bheil mì air mo naomhachadh 
gu fìor ?" So dhuit comharradh neo-mhearachdach o 
bheul Chriosd fèin : " Ge b'e àit am bheil bhur n-ion- 
mhas, is ann an sin a bhios bhur cridhe mar an 
ceudna." Mata 6. 21. Is è Dia ionmhas agus sonas 
nan naomh ; nèamh an t-àit anns an dean ìad a làn- 
mhealtuinn. Air an aobhar sin, is è 'n cridhe a ta 
suidhichte, air nèamh, an cridhe sin a ta suidhichte air 
Dia ; agus ciod an dearbhadh a's cìnntiche do'n 
chridhe air gràs teàrnaidh, na e-fèin a bhi cheana 
suidhichte air Dia tre Chriosd ? 'Nuair nach urrainn 
ìonnsuchadh, no eòlas air do dhleasanas, no argumaid 
do theanga, no idir obair do làmh. a chùis so a dhearbh- 
adh dhuit, dearbhaidh staid do chridhe dhuit ì. Gabh 
Criosduidh bochd aig am bhcil tuigse lag, cuimhne lag 
agus teangaidh mhànntach, gidheadh ma tha a chridhe 
suidhichte air Dia. ghabh è ris mar a chuibhrionn, agus 

p 



226 Caithe-beatha nèamhaidh 

bithidh a smuaintean air nèamh, agus ìarraidh l 
'dh-ionnsuidh an àite sin, ag ràdh " nach robh mis' 
an sin !" Is prìosan leis gach là gus am faigh è seall- 
adh ùrachaidh de'n t-sìorruidheachd. B'fheàrr leam 
tȈs 'fhaotuinn ann an cor an duine sin, na ann an cor 
duine a ta glè ainmeil, barraichte do thaobh ghibhtean 
'us ghnìomhran, mur robh a chridhe suidhichte air Dia. 
Is è an duine aig nach bi am fònn cridhe so, am fear a 
ghlacar 's a dhìtear le Criosd air an là dheireannach, 
h chionn nach 'eil " trusgan na bàinnse uime." Cha n-ì 
idir a' cheist air an là sin, Cia uiread 's a b'aithne 
dhuit, a dh'aidich, no labhair thu ? ach ciod an gràdh 
a thug thu, agus càit an robh do chridhe? Anis, a 
Chriosduidh, ma's maith leat dearbhadh a bhi agad air 
do chòir air glòir, saothraich a chum do chridhe 'chumail 
shuas. Mur cum am peacadh agus Sàtan d'aignidhean 
de na nithibh glòrmhor a ta shuas, cha n-urrainn ìad 
gu bràth do phearsa 'chumail uatha. 

2. Is è cridhe nèamhaidh, òirdhearcas a's àirde ann 
an nàdur a' Chriosduidh. Tha òirdhearcas cumanta ann 
an Criosduidhean a ta 'g an àrdachadh os-ceànn an 
t-saoghail, ach is onoir àraid so leis am bheil a' chuid 
a's òirdheirce dhiubh air an àrdachadh os-ceànn na 
cuid eile. Tha aghaidhean nan creutairean a's inbheile 
ri nèamh, mar sin, tha cridheachan nan Criosduidhean 
a's inbheile spiorad air an sìneadh na's dìriche suas ri 
nèamh. Faic an cridhe nèamhaidh, naomh an dèigh a 
thogail suas, le meòrachadh aoibhneach, a dh-ionnsuidh 
Dhè, thig è nuas arìst le làn shealladh de Chriosd, agus 
le àrd eòlas air àitibh na glòire ! Nach naomh, àrd a 
labhairt ! Is leòr è gu dhearbhadh air gach neach a 
dh-èisdeas 's a thuigeas, gu'm fac' è an Tighearn, agus 
nach b'urrainn duine sam-bith briathran cho nèamhaidh 
a labhairt, mur bitheadh è maille ri Dia. So, so an 
Criosduidh inbheil. Is ainmeil le daoinibh a 1 bhèinn 
's a' chraobh a's àirde ceànn agus a's faisg' air na 
spèuraibh, agus is è 'n Criosduidh a's roghnaiche le Dia, 
am fear sin aig am bheil a chridhe gu tric, taitneach a' 
dìreadh àrd gu nèamh. Ma bha neach a' gabhail 
còmhnuidh fagus do'n rìgh, no ma chunnaic è Sultan 
Phersia, no rìgh nan Turcach, theirear gu'm bheil è 



a choìmhead air thalamh. 227 

ceum na's àirde na sluagh eile nach d'fhuair an onoir 
sin. Ciod a theirear, matà, ris an fhear a choisicheas 
gach là gu nèamh, agus a chì Rìgh nan rìgh an sin, a' 
dol astigh gu tric an làthair Dliè, agus a' sàsachadh 
anam' air " craoibh na beatha?" Arèir mo bheachd 
fèin, tha'n duine sin fad air thoiseach, ann an onoir, 
air na daoinibh a's mò saoibhreas, urram 'us ìonnsuch- 
adh 's an t-saoghal. 

3. Is ì ìnntinn nèamhaidh cèum a's cìnntiche agus 
a's faisge 'bheir sinn air beatha shòlasaich, thoilichte. 
Is fuar, reòta na dùchan a's f haide gu tuath, a chìonn 
gu'm bheil ìad astar fada bho theas na grèine. Carson 
a gheibhear Criosduidhean cho fuar, cho reòta, cho 
mi-shòlasach, ach ìad a bhi beò astar cho fada bho 
nèamh ? Agus ciod a tha 'deanamh cuid diubh cho 
blàth, cho toilichte, cho sòlasach, ach ìad a bhi na's 
àirde agus na's fhaisg' air Dia. 'Nuair a thig a' 
ghrìan fagus duinn 's an earrach, faic mar dh-fhàiltich- 
eas gach nì a teachd ! Fàsaidh an talamh gorm, cuiridh 
na craobhan amach am blàth, ath-bheothaichidh na 
luibhean, seinnidh na h-eòin, agus bithidh f ìamh ghàire 
air gach nì. Anis na'n caitheamaid ar beatha maille 
ri Dia, a' sìor-chumail ar cridheachan air na nithibh a 
ta shuas, is ann againn a bhitheadh an t-earrach 
aoibhneis 's an taobh-stigh dhìnn ! Cha b' fhada gus 
am falbhadh geamhradh searbh ar bròin ! Is moch a 
dh-èireamaid a mholadh a' Chruthaidheir ghlòrmhoir 
O Chriosduidh, faigh suas. Sin an t-àit anns am 
faighear co-chomunn blàth ri Dia. is milis, blàth an 
co-chomunn so leis gach neach a bha shuas ! Creideam 
gu'n do bhlais thu-fein air an t-sòlas so air uairibh. 
Cuin bu mò do shòlas ? Nach ann an uair a bha thu gu 
h-iriosal a' còmhradh ri Dia agus a' labhairt ri luchd- 
àiteachaidh an t-saoghail a's àirde, agus a' beachdach- 
adh air an àitibh-còmhnuidh, agus d'anam air a lìon- 
adh le roimh-bhl&s air glòir? Ma's aithne dhuit, o 
d'fhiosrachadh Mn, ciod èard luach a' chleachdaidh so, 
faodar a ràdh gur aithne dhuit ciod è sin aoibhneas 
spioradail. " 'Nuair a thogas," mar tha Daibhidh ag 
ràdh, " an Tighearn solus a ghnùise, air a' chridhe, 
ouiridh è aoibhneas ànn ni's mò na 'nuair a's pailte 



228 Caithe-beatha neamhaidh 

arbhar agus fìon." Uime sin, ìadsan a's faisge 'thig 
air Dia, agus a's mò 'chì dheth, is ìad a's mò aoibhneas. 
Cò a choiricheas sinn, matà, 'nnair a gheibhear ar 
sòlas cho beag, ach dearmad ar cridheachan fèin ? 

Dh'ullaich Dia crùn glòire air ar son, agus gheall è 
dhuinn a chur gu goirid air ar cìnn, agus cha n-àill 
leinn uiread agus smuaineachadh air. Tha Dia ag ìar- 
raidh òirnn beachdachadh le aoibhneas air ar crtm, ach is 
gànn a bheir sinn sùil air. Gidheadh gheibhear sinn a' 
gearan air lughad ar sòlais. Is ànn le làn-chreidsinn 
ann an Dia fèm a lìonar sinn le sìth agus aoibhneas, ach 
cha mhair sin ach amhàin cho fad 's a bhitheas ar 
cridheachan a' beò-chreidsinn. Is ànn 'an " dòchas" 
a tha na naoimh " a' deanamh gàirdeachais," ach cha 
mhair an gàirdeachas na's fhaide na gheibhear ìadsan 
air an lìonadh le dòchas. Tha Spiorad Dhe ag oib- 
reachadh sòlais dhninn le ar spioradan fèin a chur a 
smuaineachadh le taitneas air na geallaidhean, agus 
togaidh è suas ar smuaintean a dh-ionnsuidh ionaid ar 
sòlais. Thoilicheadh tu duine sànntach le meall òir 
'fheuchainn dà ; mar sin, tha Dia gu tric a' toileachadh 
a phobuill fèin le bhi, mar gu'm b'eadh, 'g an treòrach- 
adh suas gu nèamh, agus 'g a f heuchainn fèin, agus am 
fois' dhoibh. Cha toir è aoibhneas dninn 'nuair a 
gheibh è dìomhain sinn, no air ar lìonadh le tlachd ann 
an nithibh eile. Is ann amhàin an uair a threabhas, 
a dh-ullaicheas, a shìol-chuireas, a mhathaicheas, a 
dh-uisgicheas agus a ghlanas sinn an talamh, a' feith- 
eamh gu foighidneach ri beannachd Dhia air ar saoth- 
air, & gheibh sinn toradh na talmhainn : agus mar sin, 
is ann an dèigh saothair spioradail a dheanamh, a 
bheir Dia sòlas do'n anam. Guidheam ort, a lèugh- 
adair, ann an ainm an Tighearna, ma's luachmhor leat 
beatha aoibhneach gun sgur, agus sìth thaitneach na 
deadh choguis, uì a's cuilm thaitneach a ghnàth do gach 
neach aig am bi ì, buail gun dàil air an obair so le beò 
dhùrachd, agus gabh eòlas airìnntinn nèamhaidh, agus 
chì thu fàs ceud-fìllte air d'anam, agus bithidh agad 
beannachd a s luachmh:ùre gu mòr na do shaothair. 
Ach so an truaighe mhòr a gheibhear ann an nàdur an 
duine : geda thn gu nadurrach fuath aig gach duine do 



a choimhead air thalamh. 229 

Miròn, agus ged is toigh leis gach neaeh a' bheatha sin 
h's pailte sabhachas agus aoibhneas, gidheadh is beag an 
aireamh leis an toigh sligh an aoibhneis f hìor ; is beag 
saothair a ni ìad, agus is beag dragh a dh-fhuiligeas 
ìad a chum sòlas 'fhaotuinn. Is feàrr leo ni sam-bith a 
thig 's an rathad a ghabhail, agus a bhi toilichte le tait- 
neasaibh talmhaidh, na'n cridheachan a thogail suas 
gu nèamh a dh-ìarraidh sòlais. Agus an dèigh an 
saothair uile, fenmaidh ìad sòlas 'fhaotuinn air nèamh, 
no 'bhi gu bràth gun sòlas idir. 

4. Is è cridhe nèamhaidh, dìon a's feàrr a chum do 
ghleidheadh o bhuaireadh a' pheacaidh. Cumaidh è 
thu ri deadh obair. 'Nuair a gheibhear dìomhain sinn 
tha sinn a' brosnachadh an diabhuil gu sinn-fèin a 
bhrosnachadh, dìreach mar a bheir crèutairean mi-chùr- 
amach misneachd agus fàth-chothrom do mheirlich 
lèum air an cuid. Faodaidh an cridhe nèamhaidh am 
buaireadair a fhreagairt, mar a rinn Nehemiah, ag ràdh 
" Tha mi a' deanamh oibre mòire, agus cha-nurrainn 
mi 'dhol." Cha n-'eil adhais aige gu bhi ana-mìannach, 
no iollagach, àrd-ìnntinneach, no saoghalta. 'Nuair a 
bhitheas neach ag obair gu sùrdail, dìchiollach, cha bhi 
ùin aige, no cha bhi è cho ullamh gu èisdeachd ri sanas- 
aibh a' bhuairidh, gu h-àraid ma bhitheas neach a' 
smuaineachadh gu cùramach air Dia. Cò am breith- 
eamh a dh-èireadh o'n bhòrd, 'nuair a tha è 'toirt breith 
eadar beatha agus bàs, gu dhol amach a chluith maille 
ri cloinn air na sràidibh ? Agus cha mhò na sin a dh-èisd- 
eas an Criosduidh dìleas, aig am bheil a chridhe air 
fois nèimh, ri geasaibh meallaidh Shàtain. Cha tig idir 
do chloinn na rìoghachd nèamhaidh mionaid a chaith- 
eamh air dìomhanas, gu h-àraid an uair a tha \ad air 
gnothach na rìoghachd sin, agus cha n-'eil dìdean eile 
aig na naoimh an aghaidh buairidh, na's feàrr na so- 
crachadh an cridheachan air a' ghnothach sin. 

Is è gach neach aig am bheil cridhe nèamhaidh a's 
saoire agus a's glaine bho'n pheacadh, a chionn gu'm 
bheil mothachadh na's cìnntiche agus na's geòire aige 
air nithibh spioradail; agus gur aithne dha olcas a' 
pheacaidh, dìomhanas a' chrèutair agus gràinealachd 
nan taitneas feòlmhor, cha leig è leo sin a bhuaireadh, 



230 Caithe beatha nèamhaìdh. 

cha n-'eii aeh beag curahachd aca thairis air. " Is 
dìomhain," arsa Solamh, " an lìon a sgaoileadh ann an 
sealladh eòin air bith." Agus gu tric is dìomhain do 
Shàtan a ribichean a shuidheachadh a chum an t-anam, a 
ta 'g am faicinn gu soilleir, a ghlacadh. Is ann air thal- 
amh a tha Sàtan a' brosnachadh agus a' buaireadh, agus 
gu cumanta, is ann de'n talamh an greim meallaidh leis 
am bheil è gu tric a' brosnachadh sluaigh, ach ciamar a 
mheallar an Criosduidh sin a thrèig an talamh, agus a tha 
nis a' gluasad maille ri Dia? Nach è còmhradh ri 
daoinibh glice agus ionnsuichte an rathad gu fàs glic ? 
ach is glice gu mòr na sin a dh-fhàsar le còmhradh ri 
Dia. Gheibhear gliocas 'us fiosrachadh aig daoinibh a 
shiubhail tre iomadh àit de'n t-saoghal, an dèigh dhoibh 
pilleadh dhachaidh, ach nach mò gu mòr na sin a 
gheibhear aig .an f hear-astair a shiubhlas gu nèamh ? 
Tha cuirp dhaoine air an deanamh freagarrach ri àile 
agus nàdur na dùcha anns am bheil ìad fad a' gabhail 
còmhnuidh, ach cia mòr a shoillsichear, le solus glan, 
tuigse gach duine diadhaidh a chòmhnaicheas maille ri 
" Athair na soillse !" 

Is dubh, dorch tuigse dhaoine saoghalta ; agus cha 
n-iongantach è, oir glacaidh Satan ìad 'nuair is àill leis, 
do bhrìgh gu'm bheil an smuaintean uile air nithibh 
talmhaidh, agus nach 'eil ìad idir ag èirigh aon òirleach 
na's àirde na 'n talamh fèin. Cionnus a chì na famhan 
agus na durragan aig am bheil an àit-còmhnuidh do 
ghnàth anns an talamh? Fhad 's a bhitheas dus na 
talmhainn ann an shilibh dhaoine, cha n-iongantach ged 
chuireas ìad buannachd thìmeil 'an àit na diadhachd, am 
peacadh 'an àit gràis, an saoghal an àit Dhè, an toil fèin 
'an àit lagh Chriosd agus mu-dheireadh, ifrinn 'an àit 
nèimh. Air do'n Chriosduidh a chridhe fèin a thogail 
de smuaintibh saoghalta, agus tòiseachadh air còmhradh 
ri Dia air nèamh, faodar a ràdh gu'm bheil è mar bha 
Nebuchadnesar an d&gh dhà 'bhi air a thoirt o mheasg 
bheathaichean na machrach a dh-ionnsuidh na caith- 
reach rìoghail, agus a r^usan anis air pilleadh d'a ionn- 
suidh. Air do'n Chriosduidh boillsgeadh 'fhaotuinn 
de'n t-sìorruidheachd agus sealltuinn sìos arìst air an 
t-saoghal, their è air an uair sin, nach bu dubh- 



a choimhead air thalamh. 2ol 

amaideach mo dhearmad air Cnosd, nach bu truagh mo 
thaitneas feòlmhor agus mo chùram talmhaidh ! " Mu 
ghàire," their è, " Is cuthach e ; agus mu shùgradh, 
Ciod a ni è ?" Nach abair è, Cha n-'eil duine ann am 
" bedlam"* cho beag cìall ri peacaich reasgach, agus 
riutha-san a tha gu tric a' deanamh tàir' air Criosd agus 
glò-ir ! Ni so duine ri uchd a' bhàis gu tric na's glice na 
muinntir eile, a chionn gu'm bheil è nis a' faicinn na 
sìorruidheachd dlùth dhà, agus gu'm bheil a chridhe air 
a bhioradh le smuaintibh na's drùightiche mu thimchioH 
na beatha ri teachd, na bha è riamh air làithibh a 
shlàinte agus a shoirbheachaidh. 'Nuair a thig uair am 
bàis, fosglar sùilean mhòran de naimhdibh guineach, 
garg nan naomh, agus èighidh ìad amach, mar a rinn 
Balàam, ag ràdh, " Faigheam-sa bàs an ionracain, agus 
bitheadh mo chrìoch dheireannach cosmhuil r'a chrìch- 
san." Ach faigheadh na daoine sin an aiseag gs 
slàint agus tuilleadh làithean air an talamh, agus, mar 
tha tric a' tachairt, seargaidh an smuaintean 's an cùram 
mu nithibh na beatha ri teachd, agus is goirid an dèigh 
sin gus am fàs ìad cho mì-thuigseach, cho mi-chùramach, 
agus cho dearmadach mu nithibh spioradail, 's a bha ìad 
mu'n do bhuail eagal a' bhais ìad ! Labhair eadhon ri 
peacair neo-ìompaichte ri uchd a' bhàis, air saoibhreas, 
air onoir 'us taitneas an t-saoghail so, agus an sin 
their è riut, " Is beag agam ìad uile ; ciod is f hìach na 
nithe sin dhomh-sa, a dh-fhèumas seasamh gun dàil an 
làthair Dhè, agus cùnntas a thabhairt dà air mo bheatha 
gu lèir ?" Anis, a Chriosduidh, ma dheargar cho mòr 
air daoine m\-dhiadhaidh, ma dh-atharraichear am 
beachd, agus ma nithear ìad mòran na's glice na bha 
ìad roimhe, an uair, fo eagal a bhàis, a chì ìad an 
t-sìorruidheachd glè dhlùth dhoibh ; nach b'òirdheirc, 
luachmhor a' bhuil gus an tigeadh è dhuit-sa, na'n 
cumadh tu do shùil an còmhnuidh air Dia, agus do 
smuaintean gu làn, riochdail air do staid stìorruidh ! 
Is cìnnteach, faodaidh an creidmheach, ma dh-oibricheas 
è a chreidimh gu dleasanach, a bhi air a mhisneachadh 

* Ti^h-luchd-cuthaich ; tigh anns am bheil crfiutairean gòrach, no 
gun chìall, gun rèusan, air an cumail. — EADAR. 



232 Caithe-beatha neamhaidh. 

le sealladh na's soilleire de'n bheatha ri teachd air 
làithibh a shlàinte, na bhitheas mi-chreidmheach aig 
uair a' bhàis. 

Is dìdean fòs ìnntinn nèamhaidh an aghaidh gach 
buairidh, a chionn gu'm bheil na h-aignidhean cheana 
làn-shuidhichte air àrd thoil-ìnntinnibh an t-saoghail 
eile. (Faic Caib. XIV. — Ear. II.) Is ann do'n neach 
a's mò gràdh, 'us cha n-ann do 'n neach a's mò eòlas, is 
fusa seasamh amach an aghaidh gairm a' pheacaidh. 
Tha maitheas cho taitneach leis an toil 's a tha 
'n f hìrinn leis an tuigse. Sin taitneas àrd anns am faigh 
an Criosduidh mòr neart. 'Nuair a bhlaiseas tu air 
sòlas ùr, milis o nèamh, is duilich a thoirt ort dealachadh 
ris. Cha n-àill le leanabh dealachadh ri 'chuid aran 
milis 's a bhl&s fathast milis 'n a bhèul. b'fheàrr 
gu'n robh thus' a' beathachadh na's mò air " a' mhana 
fholuichte," agus a' blasad gu tric air sòlasaibh nèimh ! 
An sin, bhitheadh do rùn diadhaidh air a dhaingneach- 
adh, an sin, bu bheag agad amaideachd an t-saoghail, 
agus bu shuarach leat a bhi air do thàladh le faoineas. 
Na'n do bhuail an diabhul air Peadar a bhrosnachadh, 
'nuair a bha è shuas air "bèinn a' chruth-atharrachaidh" 
a' faicinn Mhaois agus Eliah a' labhairt ri Criosd, 'saoil 
thu-fèin am bitheadh è cho furasd' a thoirt air a 
Thighearn àicheadh ? Ciod ! cha bhitheadh idir, 's an 
sealladh glòrmhor ud a' dealrachadh gu làn air a shìùl. 
Arèir sin, matà, na'n gabhadh an diabhul air-fein tighinn 
a bhuaireadh a' chreidmhich, 'nuair a gheibhear 'anam 
shuas maille ri Criosd air a' bhèinn, nach abradh è ris 
air ball, " Imich air mo chùl a Shàtain, am b'aill leat 
mis' a mhealladh sìos à so le taitneasaibh faoin, agus 
mo chridhe aoibhneach a ghoid air falbh o àit so 
m' f hois' ? Am b'àill leat mise m'aoibhneas a reic air 
neo-ni ? Am bheil onoir, no sòlas ànn cosmhuil ri so ? 
Càit am bheil a' bhuannachd a b'fhìach m'fhois, no 
sealladh de m'f hois a thoirt air a son ?" Ach oha n-abair 
Sàtan aon fhocal brosnachaidh ruinn, gus an tig sinn 
anuas o'n bhè*inn, agus gus an tèid blSs nèimh amach às 
ar bèul, agus gus an dì-chuimhnich sinn a' ghlòir a chun- 
naic sinn, agus an dèigh sin, is furasda dhà gu tric ar 
cridheachan a mhealladh. 'Nuair a bha na h-Israelich aig 



a choimhead air thalamh. 233 

lochdar an t-slèibh, ag ith 's ag òl, ag èirigh 's a' stig- 
radh, agus 'g an truailleadh fèin an làthair an iodhoil, — 
an laogh òir a rinn ìad dhoibh-fèin, — cha b'ì sin idir an 
obair a bha aig Maois shuas air an t-sliabh. na'n 
&leidheamaid an còmhnuidh bl&s milis, taitneach nan 
nithe a ta shuas, ùr agus beò ann ar n-anamaibh, is 
suarach a thilgeamaid uainn greimean meallaidh a' 
pheacaidh ! 

A bhàrr air sin, am feadh a bhitheas an cridhe 
suidhichte air nèamh, tha duine fo thekrmunn Dhè. 
Ma bhuaileas Sàtan òirnn air an àm sin, tha Dia na's 
fhaisge dhuinn a chum ar dìon, agus gu cìnnteach 
seasaidh è dlùth dhuinn, ag ràdh ris gach aon dhìnn, 
" Is leòir mo ghràs-sa dhuit." 'Nuair a tha neach ag 
ìarraidh beannaehd Dhè", is ann a's lugha 'chunnart a 
bhi air a mhealladh leis a' pheacadh. Anis, a Chriosd- 
uidh, so dhuit dìdean cumhachdach an aghaidh gach 
buairidh, — leigheas maith an aghaidh gach brosnachaidh, 
— cum dlùth ri Dia le inntinn nèamhaidh. Bi maiìle 
ri Criosd, a' smuaineachadh air na nithibh a ta shuas. 
Sin cuideachadh is cìnntiche dhuit a's urrainn thu 
'f haotuinn. " Tha slighe na beatha shuas do'n duine 
ghlic, chum dol às o ifrinn shìos." Gnàth. 15. 24. 
Cuimhnich, " bu duine cothromach Nòah, agus iomlan 
'n a lìnn," oir " ghluais è maille ri Dia." Agus thubh- 
airt Dia ri Abraham, " Gluais a'm' fhìanuis, agus bi 
iomlan." 

5. 'Nuair a chumas tu do chridhe gu seasmhach air 
nèamh, neartaichear do ghràsan uile, agus beothaichear 
do dhleasanais uile. Is è an Criosduidh nèamhaidh, 
an Criosduidh neartmhor, beothail. Is fuar, marbh 
ar cridheachan, 'nuair a gheibhear ìad fada bhò nèamh. 
Thèid an saighdear ann an cunnart a bheatha, agus 
seòlaidh am maraiche tre stoirmibh fìadhaich nan tònn ; 
is beag aca sin gach cùis eagail, 'nuair a shaoileas ìad 
gu'm faighear eadhon ionmhas tìmeil nach mair ach 
goirid. nach bu bheothail, tarbhach oidhirpean a' 
Chriosduidh, na'n smuainicheadh è gu tric air an ion- 
mhas mhaireannach a ta air a thasgadh dha air nèamh ! 
Is màll a gheibhear sinn a' ruith, agus is leisg a gheibhear 
sinn " a' deanamh cruaidh spàirn';" agus carson? Dìreach 



234 Caithe-beatha nèamhaidh 

lughad ar sùim do'n duais. Beachdaich air a' Chriosduidh 
a bhitheas tric air nèamh, agus chì thu nach ionann idir 
dà as do Chriosduidhean eile ; chithear tomhas de na 
nithibh sin a chunnaic è shuas, ann an iomairt a dhleas- 
anais, agus a chaithe-beatha. Ma's fear-searmonach- 
aidh è, nach nèamhaidh a shearmoin ! Ma's Criosduidh 
uaigneach è, nach nèamhaidh a chonaltradh, 'ùrnuigh 
agus a ghiùlain ! Tòisich air an obair so, agus chithear 
"aghaidh" do chonaltraidh " a' dealrachadh," agus 
their muinntir eile, Gu cìnnteach bha è shuas " air an 
t-sliabh maille ri Dia." Ach ma chromas tu sìos, a' 
gearan air do mharbhachd 's air do chadalachd, air aon 
nì 'us nì eile, ag ràdh gur beag do ghràdh do Chriosd, 
gur beag d'aoibhneas 'n a ghràdh, gur fann d'ùrnuigh, 
agus gur màll, fuar thu anns gach dleasanas eile, agus 
an obair bheothachaidh so fathast air a dearmad leat, 
cuimhnich, is tu-fèin cion-fàth do ghearain. Nach 'eil 
do " bheatha folaichte maille ri Criosd ann an Dia ?" 
Càit an tèid thu 'g a h-ìarraidh, matà, ach a dh-ionnsuidh 
Chriosd fèin, agus càit am bheil sin, ach air nèamb, 
far am bheil Criosd. " Cha n-àill leat teachd a 
dh-ionnsuidh Chriosd, chum gu'm faigheadh tu beatha." 
Eò. 5. 40. 

Ma's àill leat solus agus teas, carson nach 'eil thu 
na's trice ann an deàrsadh na grèine. Ma's àill leat 
tuilleadh 'f haotuinn de'n ghràs sin a tha nis a' sruthadh 
o Chriosd, carson nach 'eil thu na's trice maille ri 
Criosd 'g a ìarraidh ? Tha do neart ann an nèamh 
agus do bheatha ann an nèamh, agus o sin fèumaidh tu 
an tarruing gach là, ma's àill leat am faotuinn. Mur bi 
thu gu tric a' tarruing do bheatha bho nèamh, bithidh 
d'anam mar lòchran gun lasadh, agus do dhleasanais 
mar ìobairt gun teine. Thoir aon " èibhleag" gach là 
bhàrr na h-altair so, agus chì thu mar loisgeas do thabh- 
artas. Las do lòchran aig an altair agus lìon è gach 
là leis an ola sin a gheibhear an sin, agus chì thu cho 
glòrmhor 's a dhealraicheas è. Cum dlùth ris an teine 
ath-bheothachaidh so, agus bithidh d'aignidhean air 
am blàthachadh. 'Nuair is beag leat do ghràdh do 
Dhia, tog suas sùil a' chreidimh ri nèamh agus faic 
maise Dhè; ìneòraich air òirdhearcas Dhè, agus chì 



a choimhead air thalamh. 235 

thu mar bheothaichear do chridhe le smuaineachadh 
air àillteachd agus air maitheas iomlan Dhè*. Bheir 
obair thìmeil càil, neart 'us treòr do*n chorp, air an 
dòigh chèudna meudaichear gu luath gras agus beatha 
spioradail do'n anam, le oibribh nèamhaidh. Ach cha 
n-è " teine" feallsa, no " coimheach" a gheibh thu bho 
nèamh airson d'ìobairtean a bhlàthachadh. Is dòcha 
gur èud nèamhaidh an t-èud a dhùisgear annad le 
meòrachadh nèamhaidh. Tha cuid de dhaoine air an 
deanamh dùrachdach le lèughadh leabhraichean, cuid 
le àmhghar searbh, euid le bèul dùsgaidh ministeir, agus 
cuid le amharc air luchd-èisdeachd cùramach : ach an 
t-anam do'n aithne an rathad dìreach gu nèamh, agus 
a bhitheas ag òl gach là & " tobar na beatha," ath- 
bheothaichear è gach là le uisg na beatha, agus leis an 
t-sòlas sin a ta na naoimh a' mealtuinn I 

' Tre 'n chreidimh so bheir thu suas ìobairt Abeil, — 
ìobairt na's òirdheirce na bheir daoine cumanta, leis am 
faigh thu teisteas gur f ìrean thu, air bhi do Dhia a' 
deanamh fìanuis mu do thiodhlacaibh', gu'm bheil lad 
treibh-dhireach'. Eabh. 11. 4. 'Nuair a bhitheas 
muinntir eile, cosmhuil ri sagartaibh Bhàail, ullamh gu 
ìad-fèm a ghearradh, a chionn nach loisg an ìobairtean, 
faodaidh do chridhe-sa 'bhi air a mhòr-mhisneachadh, 
agus èirigh suas gu h-àrd ann an carbad a' mheòrach- 
aidh, gus am bi d'anam agus d'ìobairt a' lasadh gu 
glòrmhor, agus cha n-urrainn an saoghal agus an fheòil 
lasair d'aoibhneis a mhùchadh le'n uisgeachan naimh- 
deil uile. Na abair idir, " Cionnus is urrainn daoine 
bàsmhor èirigh suas gu nèamh?" Tha sgìathan aig 
creidimh agus is è meòrachadh, no smuaineachadh a 
charbad. Nach fhaic thu so, 'nuair a chumas tu 
criomag ghloine, muleud bònn sgillinn, dìreach ri 
aghaidh na greine, glacaidh \ gathan teth, agus fadaidh 
ì teine ann am bòrd ris an cuimsich thu builsgean na 
gloine, ach bu bheag blàs a' bhùird mur rachadh gathan 
na grèine 'chruinneachadh d'a ionnsuidh leis a' ghloine. 
Anis is è creidimh gloine-losgaidh d'ìobairt-sa, agus is 
è meòrachadh an làmh a chumas ì ri aghaidh na greme 
gus an glacar blàs, ach gabh an aire nach toir thu air 
falbh an làmh sin ro luath, ach cum sìnte ris a' ghrèin 



236 Caithe-beatha nèamhaidh 

ì fad ìrine, 's an dèigh sin, bithidh d'anam a' lasadh le 
sòlas nèamhaidh. 

Nach abair thus', a lèughadair, 'nuair a chì thu 
Criosduidh beothail, agus a dh-èisdear leat a chòmhradh 
solusach, agus 'ùrnuighean blàth, dùrachdach, " cia 
sona an duine sin ! nach robh m'anam fem anns an 
staid bheannaichte sin !" Seadh, matà, is ì mo chomh- 
airle dhuit o Dhia, thusa d'anam a shuidheachadh gu 
coguiseach air an obair so. Nigh thu-fèin gu tric anns 
an Iòrdan so, agus ath-bheothaichear d'anam lobhar- 
ach, marbh, agus " bithidh fios agad gu'm bheil Dia 
ann an Israel," agus faodaidh do bheatha 'bhi beoth- 
ail agus aoibhneach, mur dean thu-fèin a milleadh le 
dearmad air do thròcairibh. 

6. Is è sealladh tric air glòir, an deoch-ùrachaidh a's 
luachmhoire do'n chreidmheach anns gach trioblaid. 
JYIisnichidh an deoch so ar spioradan ; fàgaidh ì gach 
fulangas na's socraiche dhuinn ; comasaichidh ì sinn air 
gach trioblaid a ghiùlan le foighidin 'us aoibhneas ; 
neartaichidh \ ar run, agus bheir ì òirnn nach trèig sinn 
Criosd le eagal trioblaid. Faodaidh an rathad a bhi 
garbh, ach cha n-fhada leinn è, ma tha è 'g ar treòr- 
achadh gu nèamh. nach milis dhomh thus' a 
thinneis, thus' a mhaslaidh, thus' a phrìosain, no thus' 
a bhàis, 'nuair a bheir thu òrm blasad air m' f hois ri 
teachd ! Cha leig so leis an anam fulang : cha n-fliuilig 
ach amhàin an fheòil — an corp truaillidh so. Mur 
bitheadh am blasad beag (Och ! cia beag !) a f huair mì 
de 'n f hois, bu doilgheasach, tròm mo thrioblaid dhomh, 
agus bhitheadh am bàs na b' uamhasaiche dhomh. 
Faodaidh mi 'ràdh, " dh-fhannaichinn, mur biodh gu'n 
do chreid mì gu'm faicinn maitheas an Tighearna ann 
an tìr nam beò." Salm 27. 13. Mur biodh gu'm b'è 
an fhois so, a ta air a gealltuinn dhomh, " mo thlachd, 
an sin gheibhinn bàs a'm' àmhghar." Salm 119. 92. 
" Aon ni ghuidh mi air an Tighearn, sin ìarraidh mi, 
a bhi 'm chòmhnuidh ann an tigh an Tighearna rè uile 
làithean mo bheatha, chum gu faicinn maise an Tigh- 
earn', agus gu fiosraichinn 'n a theampull. Oir folaichidh 
e mi 'n a sgàth-thigh ann an là an uilc ; folaichidh e mi 
ann an dìomhaireachd a phàilliuin : air carr^ig toguidh 



a choimheaa air thalamh. 237 

e suas mi. Agus a nis togar suas mo cheann os ceann 
mo naimhdean mu'n cuairt orm ; agus ìobraidh mi 'n a 
phàilliun ìobairtean aoibhneis ; seinnidh mi, agus can- 
aidh mi eliù do'n Tighearn." Salm 27. 4-6. Is neo ni 
gach trioblaid leinn, f had 's a gheibh sinn ar neartachadh 
le aoibhneas mar sin. An dèigh do ghèur-leanmhuinn 
agus do eagal na dorsan a dhùnadh, is urrainn Criosd 
tighinn astigh, agus seasamh anns a' mheadhon, agus a 
radh ri 'dheisciobuil, " Sìth maille ribh." Is urrainn 
Pòl agus Sìlas a bhi ann an nèamh, an uair a tha " ìad 
air an tilgeil do'n phrìosan a's fhaide astigh," an cuirp 
air an sgitirsadh le " iomadh buille," agus " an casan 
air an daingneachadh anns a' cheap." Is mò fois nam 
martarach anns na lasraichean, na fois an luchd-sàrach- 
aidh 'n am mòr-chuis 'us 'n an aintighearnas ; a chionn 
gu'm bheil ìad (na martaraich) a' roimh-fhaicinn nan 
lasair ifrinneil o'n tèid ìad às, agus na foise gus am bheil 
an carbad teine 'g an giùlain. Ma dh-imicheas Mac 
Dhe" maille ruinn, tha sinn sàbhailt " ann am meadhon" 
nan lasair sin a sgriosas ìadsan a thilgeas ànnta sinn. 
Chaidh Abraham amach às a dhùthaich fèin, " gun 
f hios a bhi aige càit an robh e 'dol," a chionn " gu'n 
robh sùil aige ri baile aig am bheil bunaitean, air am 
bheil Dia 'n a fhear-dealbhaidh agus 'n a fhear-togail." 
" Bu mhò an saoibhreas masladh Chriosd le Maois, na 
ionmhais na h-Eiphit ; oir bha sùil aige ris an luach- 
saoithreach." " Thrèig è 'n Eiphit gun eagal a bhi air 
roimh chorruich an rìgh : oir bha e làidir 'n a ìnntinn, 
mar neach a bha 'faicinn an tì a ta neo-fhaicsinneach." 
" Chradh-phlanadh dream eile, gun ìad a ghabhail ri 
saorsa ; chum gu'm faigheadh ìad aiseirigh a b'fheàrr." 
Eadhon " Iosa, ceannard agus fear-crìochnaich ar creid- 
imh, neach air son an aoibhneis a chuireadh roimhe, a 
dh'fhuiling an crann-ceusaidh, a' cur na nàire an neo- 
shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chaithreach Dhè." 
Eàbh. 11. 8-35: Caib. 12. 2. So anis buannachd 
urramach a' chreidimh, chì è am meadhon agus a' 
chrìoch le 'chèile. 

'Nuair a sheallas sinn ris an olc fèin, gun idir ar 
smuaintean a shocrachadh air na cuspairibh glòrmhor a 
ta air an taobh thall deth, fàsaidh sinn mi-fhoighid- 



238 Caithe-beatha rìeamhaidh 

neach, agus tòisichidh sinn ri coireachadh Dhè. Iadsan 
nach fhaic Criosd ach amhàin air a' chrann, no anns 
an uaigh, crathaidh ìad an cìnn, a' saoiltinn gu'm bheil 
è càillte ; ach chunnaic Dia Criosd a' bàsachadh, air 
adhlaiceadh, ag èmgh, air a ghlòrachadh, agus sin uile 
ann an aon sealladh. An so leanaidh creidimh Dia fein, 
cho fad 's a chuidichear è le solus geallaidh. An diugh 
chì sinn Dia 'g ar càramh anns an iiir, ach cha lèir 
dhuinn roimh-làimh là mòr an earraich sin air an ath- 
bheothaichear sinn uile. Na'm faiceamaid gu soilleir 
gur è sinn-fèin àrdachadh gu nèamh, crìoch nan uile 
nithe socrach, no anshocrach a tha Dia a' deanamh 
ruinn, is cìnnteach cha bu shearbh leinn aon air-bith 
de dheanadasaibh. Na'n togadh Dia suas sinn anis gu 
beatha na glòire, chitheamaid, ged is fhada nèamh agus 
am peacadh o cheile, nach f had idir o 'chèile nèamh agus 
prìosan, no fògradh, nèamh agus còm na muice-mara, 
no " gàradh nan leòmhan," nèamh agus tinneas tròm, 
no teachd a' bhàis. Ach mar a " chunnaic Abraham 
là Chriosd, agus a rinn è gàirdeachas" air a shon, 
dh-fhaodamaid-ne, eadhon air àm ar trioblaid, an là sin 
'fhaicinn, air an toir Criosd fois dhuinn, agus gàird- 
eachas a dheanamh ànn. Guidheam ort, a Chriosduidh, 
air sgàth an t-soisgeil agus air sgàth slàinte d'anama, 
na cuir dàil anns an eòlas nèamhaidh so ionnsuchadh, 
gus an tig an uair a's mò d'èiginn, agus a's mò d'f hè'um 
air a ghnàthachadh. Gach neach a chì, mar chunnaic 
Stephen, " glòir Dhè*, agus Iosa 'n a sheasamh air deas 
làimh Dhè," ginlainidh è gu toilichte le buillibh nan 
clach. " Is e gàirdeachas an Tighearnaar neart." Agus 
fèumaidh sinne an gàirdeachas sin a tharruing o'n àit 
anns am bheil ar gairdeachas. Ma ghluaiseas sinn a 
dh-easbhuidh ar neirt, cha n-urrainn dòchas a bhi 
againn ri seasamh fada, foighidneach fo thrioblaid. 

7. Is tarbhach dhoibh-san uile, a ta mu-n-cuairt dà, 
an Chriosduidh aig am bheil a " chaithe-beatha air 
nèamh." 'Nuair a bhitheas duine ann an tìr chèin, no 
ann am measg choigreach, cia taitneach leis cuideachd 
neach a bhuineas d'a dhùthaich fem ! Nach sMasach 
leo labhairt air an dùthaich fèin, air an luchd-eòlais, 
agus air na nithibh a dh'f hàg ìad aig an dachaidh ! 



a choimhead atr thalamh. 239 

Nach bu taitneach le Iòseph labhairt ann an tìr na 
h-Eiphit ri 'bhràithribh agus feòrachadh dhiubh mu 
thimchioll 'athar, agus a bhràthar, Beniamin ! Agus 
nach taitneach fòs leis a' Chriosduidh labhairt ri 
'bhràithribh a bha shuas, agus feòrachadh dhiubh mu 
thimchioll 'Athar, agus Chriosd, a Thighearn ! Cha 
labhair an duine talmhaidh air ni sam-bith ach an 
saoghal, cha labhair am " bailtear" (politician) air ni 
sam-bith ach gnothaichean na stàite, cha labhair an 
lòm sgoileir air ni sam-bith ach foghlum aimsireil, agus 
cha labhair am fear-aideachaidh cumanta, no foirmeil 
ach air a dhleasanasaibh eile ; ach gheibhear an duine 
neamhaidh a 1 labhairt mu nèamh, agus mu'n ghlòir 
iongantaich a chunnaic è le sùil a' chreidimh, agus mu'n 
choinnimh bheannaichte sin a bhitheas gu goirid aig 
pobull Dhe air nèamh. nach ùrail, fèumail, tarbhach, 
taitneach briathran an duine sin ! Bioraidh agus leagh- 
aidh a bhriathran an cridhe, agus cruth-atharraichear 
ìadsan, a dh-èisdeas ris, gu sluagh eile ! " Silidh a 
theagasg mar an t-uisge, tuitidh mar an drùchd a 
chainnt; mar mhìn uisg air an lus mhaoth agus mar 
f hrasan- air an f hèur, 'nuair a bhitheas a bhilean a' foill- 
seachadh ainm an Tighearna, agus a' toirt mòrachd d' a 
Dhia !" Nach faighear a chòmhradh milis mu nèamh, 
cosmhuil ris a' bhocs' olaidh luachmhoir a " lìon an 
tigh le f àile cùbhraidh," an dèigh dhà " bhi air a dhòrtadh 
air ceànn Chriosd ?" Faodaidh gach neach, a ta fagus 
do'n duine bheannaichte sin, a bhi air a làn-ùrachadh 
le sileadh taitneach a bhriathran. Is sona an sluagh 
aig am bheil ministear nèamhnidh! Is sona a' chlSnn 
agus na seirbhisich aig am bheil pàrant, no maighstear 
nèamhaidh ! Is sona an duine aig am bheil companach 
nèamhaidh a ni caithris thairis air a shlighibh, a neart- 
aicheas è air uair a lag-chuis, a mhisnicheas e 'nuair a 
bhitheas è fànn, no fo eagal, agus a shòlasaicheas è leis 
an t-sòlas sin leis an robh e-fèin gu tric air a dheanamh 
sòlasach ann an co-chomunn ri Dia ! Sin an duine 
còir a bhitheas an còmhnuidh a' sèideadh sradaig' na 
beatha spioradail, agus a' tarruing d'anam' a dh-ionn- 
suidh Chriosd, agus a their riut, mar thuirt bean 
Shamaria, " Thigibh, faicibh aon a dh'innis dhomh-sa 



240 Caithe-beatha nèamhaidh 

na h-uile nithe a rinn mi riamh !" Aon a ghràdhaich 
ar n-anamanan eadhon gu bàs I " Nach è so Criosd !" 
Nach è eòlas air Dia agus air-san, a' bheatha mhaireann- 
ach ! Nach è glòir nan naomh, a ghlòir-san 'f haicinn ? 

Thig do thigh an duine so, agus suidh sìos aig a 
bhòrd, agus sàsaichidh è d'anam le biadh blasda nèimh. 
Coisich maille ris air an t-sligh, agus seòlaidh agus 
beothaichidh è thu air do thurus gu nèamh. Dean 
reic 'us ceannachd ris anns an t-saoghal, agus comhair- 
lichidh è dhuit " an nèamhnuid ro luachmhor" a 
cheannach. Ma ni thu èucoir air, is aithne dhà maith- 
eanas a thoirt duit, a' cuimhneachadh gu'n do mhaith 
Criosd a chuid èucoirean mòra dhà-fèin. Ma bhitheas 
fearg ort, gheibh thu ciùin è, a chiùineachd arèir an 
eisempleir nèamhaidh a ta e-fèin a' leantuinn ; no ma 
thèid sibh amach air a chèile, is goirid gus am bi è 
rèidh riut, air dhà cuimhneachadh gur èudar dhuibh a 
bhi rèidh, càirdeil, gràdhach gu sìorruidh air nèamh. 

So an Criosduidh air am bheil an comharradh glan, 
ceart. Is mòr is f heàirrd a choimhearsnaich è. Nach 
neo-tharbhach cuideachd gach uile sheòrsa Chriosd- 
uidhean eile, ann an coimeas ris an duine so ! Na'n 
tigeadh duine 'nuas o nèamh, nach b'fhada le sluagh 
gus an cluinneadh ìad uaith an sgèul a thug è leis air 
an t-saoghal eile, ciod a chunnaic è, agus ciod a tha aig 
an t-sluagh bheannaichte 's an àit sin ! Nach è 'n duine 
sin còmpanach a b'fheàrr agus nach è còmhradh an 
duine sin 'bu tarbhaiche leo ? 'S è gun teagamh. 
Cuime, matà, nach 'eil cuideachd nan naomh na's 
luachmhoire leat an diugh? Carson nach 'eil thus' a' 
farraid tuille dhiubh ? Carson nach 'eil an còmhradh 
na's blasda leat ? Oir thèid gach naomh do nèamh ann 
am pearsa, agus is tric an sin a spiorad. Is tric gach 
naomh a' faicinn nèimh tre ghloine mhòir an t-soisgeil. 
B'fheàrr leam-fe'in cuideachd a' Chriosduidh nèamh- 
ìnntinnich, na cuideachd an deasbair a's mò ionnsach- 
adh, agus na cuideachd nam prionnsachan a's àirde 
cumhachd. 

8. Cha n-urrainn duine sam-bith onoir cho àrd a 
chur air Dia, ris an duine sin aig um bheil a " chaithe- 
beatha air nèamh." Nach maslaichear pàrant an uair 



a choimhead air thalamh. 241 

a gheibhear a chlann ag itheadh nam plaosg, air an 
eideadh le luideagan, agus ìad gun chuideachd idir aca 
ach slaightearan 'us baigearan ? Agus nach maslaichear 
ar n-Athair nèamhaidh mar-an-cèudna, 'nuair a gheibh- 
ear sinne, d'an ainm a chlànn, 'g ar beathachadh fem 
air nithibh talmhaidh ; agus trusgan ar n-anamanan 
cosmhuil ri sgleò an t-saoghail rùisgte, agus an uair is 
feàrr le ar cridheachan saor chonaltradh agus dlù-lean- 
tuinn ris an duslach, na seasamh an còmhnuidh an 
làthair ar n- Athar nèamhaidh ? Is cìnnteach, tha sinn beò 
ann an staid na's ìlse na thig do chloinn rìgh, 'us cha 
n-ann arèir àirde ar dòchais, no lòin tigh ar n-Athar, 
agus an ullachaidh mhòir a rinn è airson nan naomh. 
Is maith gu'm bheil againn Athair aig am bheil cridhe 
iochdmhor, truasail a dh-aidicheas a chlànn fèin 'n an 
luideagaibh. Is maith gu'm " bheil bunait Dhè a' seas- 
amh daingean," agus gur "aithne do'n Tighearn an 
dream sin a's leis," no mur b'aithne, is gànn a ghabh- 
adh è sinne mar a chuid fem, oir tha sinn beò cho fada 
bho 'n onoir a bhuineas do na naoimh. Mur tagradh 
an Tighearn air tùs a chòir fèin òirnn, cha n-aithnich- 
,eadh sinn-fèin, no muinntir eile gur sinn a shluagh. 
Ach an uair a bhitheas cridhe, no caithe-beatha Criosd- 
uidh air nèamh, gabhaidh 'anam aoibhneas anns na 
nithibh sin a ta neo-f haicsinneach, agus cuiridh è onoir 
àrd air Dia. Togaidh an Tighearn fianuis air taobh a' 
Chriosduidh sin, ag ràdh, " Tha 'n duine so a' creidsinn 
annam-sa, agus a' gabhail rium air m' fhocal ; tha è 
'deanamh gkirdeachais ann mo ghealladh ; tha è tàingeil 
airson nan nithe nach fhaca sùil a chuirp riamh; 
tha è ri gàirdeachas, ach cha.n-ann 's an f heòil ; gheibh- 
ear a chridhe maille rium-sa ; is toigh leis mo chomunn ; 
agus gu cìnnteach mealaidh è mo làthaireachd gu bràth 
ann mo rìoghachd." " Is beannaichte iadsan mtch 
faca, agus a chreid." Eb. 20. 29. " Dhoibh-san a bheir 
urram dhomh-sa, bheir mise urram." Nach do mheas 
Dia mar onoir dhà-fèin giùlain dìleas Chàleb agus losua, 
'nuair a chaidh \ad suas a rànnsachadh " tir a' gheall- 
aidh," agus a phìll ìad arìst, a' toirt leo blasad de " thor- 
adh na tìre," ag ìnnseadh d'am bràithribh gu'n robh 
"am fearann ro mhaith," agus a' misneachadh an 

Q 



242 Caithe-beatha nèamhaidk 

t-sluaigh gu dhol suas! Feuch, an gealladh agus an 
duais a f huair ìad ! 

9. An t-anam sin nach socraich 'aignidhean air na 
nithibh a ta shuas, diùltaidh è ùmhlachd a thoirt do 
àithntibh Dhè, agus caillidh è solus gràsmhor, taitneach 
an fhocail — focal Dhè. Is è an Dia sin fèin a dh'àithn 
dhuit creidsinn, agus abhibeò mar dheadh Chriosduidh, 
a tha nis ag àithneadh dhuit " na nithe a ta shuas \arraidh, 
far am bheil Criosd 'n a shuidhe air deas làimh Dhè," 
agus " d'aigne a shuidheachadh air na nithibh a ta 
shuas, agus cha-n ann air na nithibh a ta air an tal- 
amh." Col. 3. 1, 2. Is è an Dia sin fèin a thoirmisg 
dhuit mortadh, gadachd, no adhaltrannas a dheanamh, 
a tha nis a' toirmeasg dhuit deavmad a dheanamh air an 
dleasanas mhòr so ; agus an dàna dhuit a dhiùltadh ? 
Carson nach 'eil do choguis a' toirt ort an dleasanas so 
a dheanamh, cho maith ris an dleasanas ud eile ? Nach 
d'òrduich Dia an dleasauas so dhuit cho maith ri 
instrumaid do shòlais, chum do neartachadh gu làn 
ghreim a dheanamh air do thròcairean fèin ? A bhàrr 
air sin, dearmaid an dleasanas so, agus ciod is fhekirrd 
thu gach cùnntas f ìor ghlòrmhor mu nèamh, gach iom- 
radh fìor air an t-sonas ri teachd, agus gach gealladh 
prìseil air ar fois ? Nach ìad sin na rèultan a chithear 
a' dealrachadh ann an ìarmailt an Sgriobtuir, agus na 
còrdan òir a chithear ann an leabhar Dhè ? Shaoilinn 
nach dealaicheadh tu ri aon idir de na geallaidhean sin 
airson an t-saoghail uile. 

Is è nèamh iomlanachd ar tròcairean uile, mar sin is 
ìad geallaidhean nèimh anns an t-soisgeul, fìor anam 
an t-soisgeil fèin. Nach neo-ni uile shòlas an t-saoghail 
ann an coimeas ri aon fhocal sòlais o bhèul Dhè ? Is 
eadh. Carson, matà, tha thus' a' deanamh dearmaid 
agus dimeas air cho liuthad focal sòlais? Carson a 
dh'fhoillsich Dia a chomhairle fein duinn ann an 
tomhas cho mòr, agus carson a labhair è ruinn roi- 
làimh air an lànachd aoibhneis a tha sinn gu shealbh- 
achadh, ach a chum ar deanamh aoibhneach le fios 
'f haotuinn air ? Mur b'àill leis sinne 'dheanamh 
aoibhneach le fios a thoirt duinn air ar sonas roi-làimh, 
dh-fhaodadh è a rùn a chumail aige-fèin; gun aoc 



a choimhead air thalamh. 243 

fhocal ìnnseadh dhuinn mu 'thimchioll, gus an tig an 
uair air an togar suas gu glòir sinn. Seadh, a chionn 
gu'm bheil ar fois ann an làimh Dhè fèin, dh-f haodadh 
è a buan mhaireannachd a cheiltinn òirnn, ni a dhean- 
adh ar gàirdeachas milis a lughdachadh gu mòr fo 
eagal a chàll. Ach b'ì toil ar n-Athar nèamhaidh a 
chomhairle fèin 'f hosgladh suas, agus fios a thoirt duinn 
air làn rìm a chridhe, * chum gu'm bitheadh ar gàird- 
eachas coimhlionta', agus gu'm bitheamaid beò mar 
oighreachan air a rìoghachd. Agus an dean sinne nis 
dìmeas air sin uile ? Am bi sinn beò ann an iomadh 
cùram agus bròn, gun ghàirdeachas na's mò 'dheanamh 
anns na nithibh foillsichte sin, na ged nach sgrìobhadh 
làmh an Tighearna riamh ìad? Na'n sèulaicheadh 
rìgh na tìre so dhuit còir-sgrìobhte air m.oraireachd, no 
gealltuinn morair a dheanamh dhìot, nach tric a bheir- 
eadh tu sùil air do chòir-sgrìobhte, a' smuaineachadh 
oirre le taitneas gus am faigheadh tu an onoir sin? 
Ach nach do shèulaich Dia còir-sgrìobhte dhuit air 
onoir nèimh, agus am fàg thu ì 'n a laidhe dùinte ri do 
thaobh, gun smuain, gun sùil a thoirt oirre, mar nach 
bitheadh cuimhne agad gu'm bheil a leithid ànn ? Ho ! 
b'f heàrr gu'n robh ar cridheachan cho àrd ri ar dòchas, 
agus ar dòchas cho àrd ris na geallaidhean neo-mhear 
achdach sin I 

10. Is còir d'ar cridheachan a bhi suidhichte aii 
Dia, oir tha cridhe Dhè làn-shuidhichte òirnn-ne. Nach 
ìosal a dh'ìslich Tighearn na glòire e-fèin air ar son-ne 
ann an suidheachadh a chridhe òirnn-ne, crèutairean 
peacach an duslaich ! Nach bu chòir dhuinu-ne, matà, 
ar cridheachan a shocrachadh gu toileach, taitneach air 
Criosd agus air glòir, a' togail suas ar n-aignidhean 
gach là 'dh-ionnsuidh an Tì sin a dh'ìlsich e-fèin cho 
mòr a chum sinne àrdachadh I Anis, a Chriosduidh, 
nach 'eil thus' a' tuigsinn gu'm bheil cridhe Dhè air a 
shuidheachadh ort, agus gu'm bheil è futhast a' cuimh- 
neachadh ort le gràdh tiorail, eadhon an uair a gheibh- 
ear thus' a' deanamh dì-chuimhne ort-fèin agus air-san ? 
Nach 'eil a thròcairean air an ath-nuadhachadh dhuit 
gach là ? Nach 'eil è a' sìor-labhairt ri d'anam leo ? 
Nach 'eil è ag ullachadh airson do chuirp, agus a' gleidh- 



244 Caithe-beatha neamhaidh 

eadh araon do chuirp agus d'anama ? Nach 'eil è 'g a 
do ghiùlain an còmhnuidh ann an gàirdeanaibh a 
ghràidh, agus a' gealltuinn " gu'n comh-oibrich na 
h-uile nithe chum maith" dhuit, agus gu'm bi gach ni 
a nì è riut a chum d'àrd bhuannachd, agus gu'n toir è 
"àithn d'a ainglibh mu d'thimchioll ?" Agus am bi 
thusa toilichte le aoibhneas ìosal na talmhainn, agus an 
dì-chuimhnich thu do Thighearn a tha cho cuimhneach 
ort-sa? Ah ! a mhi-thàingealachd neo-chaoimhneil ! 
Eisd ris a' labhairt air a chaoimhneas fèin ruinn-ne, 
" Ach thubhairt Sion, Thrèig an Tighearn mi, agus rinn 
mo Thighearn mo dhì-chuimhneachadh. An di-chuimh- 
nich màthair a leanabh cìche, gun iochd a dheanamh 
air mac a cuim ? Feudaidh eadhon ìadsan di-chuimh- 
neachadh, ach cha dì-chuimhnich mise thusa. Feuch 
air dearnaibh mo lamh ghearr mi thu ; tha do bhallachan 
a'm' fhianuis an còmhnuidh." Isà. 49. 14-16. Ach 
èisd ris anis a' labhairt air ar chram-ne d'a thaobh fein 
'us cluinnidh tu è ri gearan òirnn, " Am feud òg-bhean a 
h-usgraichean a dhearmad? no bean-bainnse a h-èid- 
eadh ? Gidheadh dhearmaid mo shluagh mise làithean 
gun àireamh. Ier. 2. 32. Mar gu'n abradh è, " Air gach 
maduinn a dh-èireas sibh, is taitniche libh dìomhanas 
'us èideadh grìnn a chuimhneachadh na mise. An ìad 
sin a's luachmhoire dhuibh na bhur Dia ? An f heàrr 
dhuibh na nithe sin na bhur beatha mhaireannach ? 
Nach 'eil sibh a' dearmad na nithe sin a's feàrr là an 
dèigh la?" Na tugamaid aobhar do Dhia a bhi ri 
cònsachadh ruinn. Gu-ma feàrr leinn ar n-anamanan a 
thogail suas a dh-ionnsuidh Dhè, taoghal aige gach 
maduinn, agus ar cridheachan bochd a shìneadh d'a 
ionnsuidh gach mionaid. 

11. Nach 'eil ar còir ann an nèamh, agus ar dàimh 
ris an àit sin, agìarraidh òirnn ar cridheachan a chumail 
an còmhnuidh air nèamh ? An sin, tha cùirt ar n- Athar. 
Gairmidh sinn dheth "Ar n-Athair a ta air nèamh. 
Clann neo-airidh sinne ! a bhitheas toilichte le cluith 'us 
faoineas, gun chuimhne air Athair cho maith. An sin, 
tha Criosd ar Ceànn, ar Cèile, ar Beatha ; agus nach seall 
sinn suas ris, agus nach ìarr sinn è cho tric 's is urrainn 
ginn, gus an tig an là air am faic sinn è aghaidh ri 



a choimhead air thalamh. 245 

aghaidh ? A chionn gur " èigin do nèamh a ghabhail 
gu aimsiribh aisig nan uile nithe ;" gabhadh nèamh 
mar-an-ceudna na cridheachan againn-ne maille ris. An 
sin fòs " a ta an Ierusalem nuadh a's mathair dhuinn 
uile." Gal. 4. 26. An sin tha mòr àireamh ar bràith- 
rean a's sine. An sin tha ar càirdean, ar seànn luchd- 
eòlais, iadsan 'bu chuideachd thaitneach leinn anns a' 
bheatha so, agus bu bhrònach sinn a' dealachadh riutha 
aig uair am bàis ! agus nach tog sin suas ar smuaintean 
gu nèamh ? Na'n robh ìad sin fathast air thalamh, nach 
rachamaid astar fada g' am faicinn. Agus carson, màta, 
nach 'eil ar spioradan a' dìreadh suas na's trice d'an 
ionnsuidh air nèamh, agus le aoibhneas a' smuaineach- 
adh roi-làimh air an àit agus air an là ghlòrmhor sin 
's an coinnich ìadsan agus sinne fathast ? B'aoibhneach 
le Socrates bàsachadh, a chionn gu'n robh è 'creidsinn 
gu'm faiceadh è Hòmer, Hesiod,* agus daoine comhar- 
raichte eile air taobh thàll a' bhàis. " Nach mò gu mòr 
na sin m' aobhneas-sa," arsa ministear diadhaidh, aosda, 
" agus mì cìnnteach gu'm faic mì Criosd mo Shlàn- 
uighear, Mac sìorruidh Dhè, a ghabh air-fèin nàdur an 
duine, maille ri mòran aithrichean, fhàidhean 'us abstol 
glic, naomh, ainmeil," &c. Is còir do gach cridmheach 
sealltuinn suas gu nèamh, a' meòrachadh air staid 
bheannaichte nan naomh, agus a' labhairt ri 'chridhe 
fèin, mar so, " Ged nach 'eil mise fathast cho sona 's a 
tha sibhse, gidheadh is sòlas dhomh gach là, gur sibhse 
mo bhràithrean agus mo chomh-bhuill ann an Criosd, 
agus air an aobhar sin, is è bhur gàirdeachas-sa mo 
ghàirdeachas-sa, agus bhur glòir-sa, an lorg mo dhlùth 
dhàimh so ruibh, mo ghlòir-sa ! Seadh gu h-àraid 'us 
mis' a' creidsinn ann an Criosd fèin, agus a' deanamh 
teànn ghreim air a' cheart chreidimh agus air a' cheart 
hmhlachd sin leis an robh sibhse mar so air bhur n-àrd- 
achadh, agus a' deanamh gàirdeachais ann mo spiorad 
maille ribh-se, 's a' meòrachadh le tàingealachd 'us 
taitneas air bhur sonas gach là." 

A bhàrr air sin, is ànn shuas a tha ar tigh 's ar dach- 

* Socrates, Homer, Hesiod, sin ainmean thriùir dhaoine fiosrach, 
ainmeil de mhuinntir na Grèige. Bha ìad ann roimh theachd ar Slàn- 
uigheir.— EADAR 



246 Caithe-beatha nèamhaidh 

aidh. " Oir a ta fios againn, na'n sgaoilteadh o chèile 
ar tigh talmhaidb a' phàilliuin so, gu bheil againn 
aitreabh o Dhia, tigh nach do thogadh le làmhaibh, 
siorruidh anns na nèamhaibh." Carson, matà, nach 'eil 
sinn a' sealltuinn suas ris na's trice, agus " ag osnaich 
's a' mìannachadh a bhi air ar n-èideadh le ar tigh o 
nèamh?" 2 Cor. 5. 1, 2. Na'n robh ar dachaidh 
mòran na's fhaisge, is cìnnteach chuimhnicheamaid 
oirre, do bhrìgh gur ì ar dachaidh. Na'n robh thu air 
d'fhògradh air falbh gu tìr fad-às, nach tric a smuain- 
icheadh tu air do dhachaidh. Carson, matà, nach 
f haighear thu gu tric a' smuaineachadh air nèamh? Nach 
è sin gu ceart, cìnnteach ar dachaidh bhuan, far am bi ar 
còmhnuidh shìorruidh, agus cha n-ànn 's an t-saoghal so 
ris am bheil sùil againn dealachadh air gach uair ? 

Is coigrich sinn, agus is è nèamh ar dùthaich. Is 
oighreachan sinn agus is è nèamh ar n-oighreachd ; 
eadhon " oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalach, 
agus nach searg às, a ta air a coimhead anns na nèamh- 
aibh dhuinn." Pead. 1.4. An so, tha sinn fo àmhghar 
agus fo uireasbhuidh an còmhnuidh, ach a ta ar " maoin" 
air nèamh ; eadhon " maoin a's feàrr a ta maireannach." 
Eàbh. 10. 34. Seadh, tha ar fìor dhòchas air nèamh ; 
ar n-uile dhòchas ri fuasgladh o gach trioblaid, ar n-uile 
dhòchas ri sonas, 'nuair is truagh sinn an so : agus ' tha 
an dòchas so uile air athasgadh suas dhuinn air nèamh.' 
Col. 1. 5. Carson, a Chriosduidhean ionmhuinn, a tha 
còir cho mòr againn air nèamh agus cho beag smuaint- 
ean againn an sin ? dàimh cho dluth, agus gràdh cho 
beag ? An tig dhuinn tlachd cho mòr a ghabhail ann an 
cuideachd choigreach ; agus ar n-Athair 's ar Tighearn 
a dhì-chuimhneachadh ? no 'bhi cho toilichte leo-san a 
ta 'g ar fuathachadh agus 'g ar sàrachadh, agus ar 
càirdean a's feàrr agus a's dìlse a dhì-chuimhneachadh? 
no 'bhi cho dèigheil air ìasad faoin, agus dearmad a 
dheanamh air ar seilbh agus air ar n-ionmhas fèin ? no 
'bhi cho mòr air ar cìùrradh le deòir 'us uireasbhuidh, 
agus ar gàirdeachas agus ar fois a dhì-chuimhneachadh ? 
1 s tric Dia a' tagair a chòir annainn ; agus mar sin a' 
dearbhadh dhuinn gu'n oibrich è maith dhuinn, a chionn 
gur sinn a shluagh fèin, a ròghnaich è dhà-fèin amach 



a ckoimkead air tkalarrih. 247 

is an t-saoghal. Carson, matà, nach fhaighear sinne 
gu tric a' tagair ar còir ànn-san, agus mar sin a' togail 
suas ar cridheachan a dh-ionnsuidh ar Dè, agus a 
dh-ionnsuidh nèimh, ar seilbh fèin. Gu tric is ro thait- 
neach agus is ro luachmhor le daoine na nithe tìmeil a 
bhuineas doibh-fèin, 'g an cuimhneachadh ro mhòr. Ho ! 
b'fheàrr gu'n robh ar n-oighreachd nèamhaidh leth cho 
taitneach agus leth cho luachmhor leinn 's is f hìach ì ! 
12. Aon uair fathast smuainich, cha n-'eil ni sam- 
bith ànn, ach nèamh air an f hìach dhuinn ar cridheachan 
a shuidheachadh. Mur suidhich sinn ìad air Dia, cò 
air a shuidhicheas sinn ìad, no cò dhà 'bheir sinn ìad ? 
Mur cuimhnich thu air d'f hois, cò air a chuimhnicheas 
tu ? An d'f huair thu mach dia eile, no ni sam-bith eile 
a sheasas dhuit 'an àit fois' ? An d'f huair thu mach 
sonas sìorruidh air thalamh ? Càit am bheil h ? Ciod 
de 'm bheil è air a dheanamh ? Cò an duine fortanach 
a fhuair amach è? Cò am fear mu-dheireadh aig an 
robh è ? Càit an robh a chòmhnuidh ? C'ainm a bh' air ? 
No, an tu-fèin an cheud neach a f huair nèamh air thal- 
amh ? Ah ! a thruaghain, na earb à d'f hortan, na dean 
uaill ann do bhuannachd, gus anìarr làithean fada, fios- 
rachaidh ort uaill a dheanamh. Na sàraich thu-fem le 
ìarraidh ni air thalamh nach 'eil idir ànn, air eagal gu'n 
càill thu d' anam, agus gu'n ionnsuich thu le fiosrachadh 
goirt, ni a dh-f haodadh tu, na'm b' àill leat, ionnsach- 
adh gu toinisgeil a chum do bhuannachd a's feàrr, le 
èisdeachd ri iomadh rabhadh o Dhia 'n a f hocal, agus 
le smuaineachadh air sgrios nam mìltean a mheall 's a 
mhìll ìad-fèin romhad. Geda choinnicheadh tu Sàtan 
air ' bèinn a' bhuairidh,' agus geda ' nochdadh è dhuit 
an sin uile rìoghachdan an domhain agus an glòir,' cha 
b' urrainn è ni sam-bith a nochdadh dhuit air am 
b'f hìach dhuit do smuaintean a shocrachadh, no idir ni a 
b'f hìach dhuit a ròghna chadh air thoiseach air d'f hois. 
Gun teagamh, fèumaidh sinn, ann an cèumaibh ar dleas- 
anais, sìdm a ghabhail de na nithibh a ta bhos, ach càit 
am faighear duine nach ìarr tuilleadh ? no cò an t-anam 
a's urrainn fìor f hois 'f haotuinn ànnta ? Am fear a's 
lugha cùram mu nithibh tìmeil, gheibh è cuid diubh 
draghail, no searbh. 



248 Caithe-beatha neamhaidh 

Anis, a Chriosduidh, faic falamhachd 'us bochduinn 
nan uile nithe a ta bhos, agus lànachd phrìseil nan nithe 
a ta shuas. Geda ruitheadh do smuaintean, cosmhuil 
ris an t-seillean dhìchiollach, thairis air gach ni 's an 
t-saoghal, a' dol o luibh gu luibh, o chrèutair gu crèut- 
air, agus o shaoibhreas gu onoir, is beag mil, no mìlseachd 
a bheireadh ìad dachaidh, ach na chruinnicheadh ìad 
o'n dàimh ris an t-sìorruidheachd. Ged is fìor luach- 
mhor gach focal de f hìrinn Dhe', agus ged is còir a dìon 
gu curamach, gidheadh is ann a chum ar treòrachadh 
a dh-ionnsuidh ar fois', a bhuineas duinn smuaineachadh 
air teagasg na fìrinn. Gu dearbh is fìor cheart a 
theirear, " Nach robh cridheachan luchd-deasboireachd 
air diadhachd riamh air am blàthachadh ann an deasbud, 
le aon sradaig de ghràdh Dhè." Is còir aire cheart a 
thoirt do " ghnothaichean na h-eaglais agus na stàite," 
f had 's a tha \ad a chum freasdal Dè a shoilleireachadh, 
chum an soisgeul a chraobh-sgaoileadh, a chum onoir a 
chur air uachdaranachd Chriosd, agus mar sin, a chum 
ar n-anamanan fèin agus anamanan nan ginealachd a thig 
'n ar dè'igh a theàrnadh ; ach is ìad sin nithe a bhuineas 
do'n t-saoghal smorruidh. Cha n-airidh na gnothaichean 
a's feàrr agus a's àirde 's an t-saoghal so, eadhon reic 
'us ceannach, ith 'us òl, togail thighean 'us pòsadh, 
cogadh agus sìth, air làn smuaintean tric a' Chriosduidh, 
ach amhàin cho fad 's a bhuineas ìad do'n bheatha ri 
teachd, 'us cha n-ann do thoileachadh na feòla. Agus 
anis nach 'eil do choguis fèin ag ràdh nach 'eil ni sam- 
bith ann air an fhìach dhuit d'anam a shocrachadh, 
ach amhàin nèamh agus an t-sligh d'a ionnsuidh ? 

Ania, a lèughadair, am bheil, no nach 'eil na smuaint- 
ean sin luachmhor, cudthromach ? An do dhearbh mì 
dhuit gur è do dhleasanas do chridhe bochd a shuidh- 
eachadh air na nithibh saoibhir a ta shuas ? Freagair 
a' cheist. Ma their thu, Cha do dhearbh, is cìnnteach 
mise gu'm bheil thus' ag àicheadh guth do choguis fèin. 
Ma dh-aidicheas tu thu-fèin dearbhte, gur è so do 
dhleasanas, dìtidh do theangaidh sin fèin thu, agus 
labhraidh d'aideachadh sin gu gèur a'd' aghaidh, ma ni 
thu dearmad air do dhleasanas aidichte. Bi làn-toil- 
each, matà, agus tha 'n obair tuilleadh 'us leth deante. 



a choimhead air thalamh. 249 

So dhuit anis beagan sheòlaidhean soilleir, anns an 
ath Chaibdeil, a chum do chuideachadh ris an obair 
mhòir so. Ach, mo chreach ! is dìomhain an ainmeach- 
adh, mur 'eil thusa toileach an cleachdadh. Gidheadh, 
bheirear dhuit ìad, agus gu'n deanadh an Tighearn do 
chridhe aomadh a dh-ionnsuidh na h-oibre so ! 



Caibdeil XII. 

Caochladh Seoladh a chum Caithe-beatha Nèamhaidh a 
choimhead air Thalamh. 

Ma's luachmhor leat an sòlas a thig o chaithe-beatha 
nèamhaidh, guidheam ort o Dhia, seachainn gu cùram- 
ach luchd-bacaidh àraid ; agus an dèigh sin, dean gu 
tric, dìchiollach, fìrinneach na dleasanais sin a chuid- 
icheas tu gu mòr a chum ruigheachd air caithe-beatha 
nèamhaidh. 

I. So anis an luchd-bacaidh a's còir dhuit a sheachnadh 
gu curamach, air gach dòigh ann do chomas ; eadhon, 
— A bhi beò ann am peacadh aithnichte sam-bith, — 
Inntinn thalmhaidh, — Cuideachd dhaoine mi-dhiadh- 
aidh, — Creidimh nam barail, — Spiorad uaibhreach, 
mòr-chuiseach, — Spiorad lùnndach, — Earbsadh ann an 
ullachadh lòm airson na beatha nèamhaidh, gun eòlag 
idir air a' bheatha sin fèin. 

1. Is bacadh mòr air caithe-beatha nèamhaidh, a bhi 
beò ann am peacadh aithnichte sam-bith. Fasaichidh 
sin d'anam gu trom. Mo thruaighe ! millidh è d'aoibh- 
neas ! Is goirt am milleadh a rinn è air gràsaibh mhòran ! 
a' sìor-lagachadh neart an anama ann an coimhlionadh 
a dhleasanais ! Anis, a lèughadair, an neach thus' a rinn 
ainneart air do choguis fèin ? Am fear-dearmaid thu air 
do dhlasanasaibh aithnichte, follaiseach no uaigneach, 
conaltrach no dìomhair ? Àn tràill thu do ana-mìann, 
no do dhroch càil air-bith ? Am bheil thu àrdanach, 
agus dèigheil, mìannach air moladh ? An duine drànn- 
danach, Trionasach thu, ullamh gu fearg a ghabhail ris 
gach focal, 'nuair a shaoileas tu gu'n d'rinneadh tàire, 



250 Seòladh gu Caithe-beatha nèamhaidh 

no dìmeas ort? Am fear-meallaidh thu ann an dean- 
amh ghnothaichean ri muinntir eile, no am bheil thu 
'g ìarraidh a bhi saoibhir, iochd, achd, àraidh ? Ma's 
duine mar sin thu, faodar a ràdh gu'm bheil nèamh 
agus d'anam-sa glè aineolach air a chèile. Cha leig 
na sailean sin ann do shùilibh dhuit amharc suas ri 
nèamh. Is neòil ìad a' seasamh eadar thu-f&n agus 
Dia. 'Nuair a dh-fheuchas tu ri smuaineachadh air an 
t-s\orruidheachd, agus ri sòlas a tharruing o'n bheatha 
ri teachd, seallaidh do pheacadh riut anns an aoduinn, 
air a' cheart uair sin, ag ràdh riut, " Cha bhuin na nithe 
sin dhuit-sa. Cionnus a gheibheadh tusa sòlas o nèamh, 
agus tlachd cho mòr agad ann an ana-mìannaibh salach 
na feòla ?" Faic, faic mar bhàthas sin d'aoibhneas ! 
Ginidh è smuaintean searbh, agus cha n-è toil-ìnntinn 
mhilis dhuit ! fàgaidh è thu gun tlachd ann an staid na 
fois' ! Bàthaidh gach peacadh, a ni thu, do shòlas mafl 
bhàthas uisg an teine. 'Nuair a shaoileas tu gu'm 
beothaichear do shòlas, is ann a bhàthas do pheacadh 
às è gu lèir. Chaill thu nise do thoil, chàill thu do 
chomas air èirigh suas gu nèamh le meòrachadh diadh- 
aidh ; oir chàill thu do sgìath, — eadhon sgìath làidir a' 
chreidimh, — gheàrr do pheacadh dhìot ì. Cha n-urrainn 
thu èirigh suas na's mò na b'urrainn eun èirigh air 
iteig, an dèigh d'a sgìathan a bhi air an gearradh dheth. 
Gearraidh am peacadh fèithean na beatha nèamhaidh 
so. dhuine ! Is mòr a' bheatha sin a tha thus' a' 
càll ! Is mòr an sòlas làitheil a tha thus' a' reic air 
ana-mìann truaillidh ! Coinnichidh nèamh agus ifrinn 
a chèile, agus gràdhaichidh Dia am pcacadh, air an là 
sin air an urrainn do chaithe-beatha-sa 'bhi air nèamh 
le blasad air glòir, 'us tu fathast beò ann am peacadh 
air-bith, 's ag òl truaillidheachd. Gabh an aire nach 
fògair am peacadh dc phearsa bho nèamh, mar tha è 
nis a' fògradh do chridhe bho smuaintibh nèamhaidh. 
Agus mur 'eil thu ciontach ann am peacadh, mur 'eil 
peacadh aithnichte sam-bith a'rìgheachadh annad, 
smuainich, cia muladach do chor, ma gheibhear thu 
uair air-bith fo bhuaidh peacaidh. Dean caithris, 
matà ; rìinaich gu làidir gach coslas peacaidh a sheach- 
nadh agus cum amach às gach cèum buairidh, Is mòr 



a choimhead air thalamh. 251 

ar fèum air an ùrnuigh so a chur suas gach uair, " Na 
leig sinn ann am buaireadh, ach saor sinn o 'n olc !" 

2. Is bacadh eile, ìnntinn thalmhaidh ; agus fèumar 
a seachnadh gu cùramach. Cha n-urrainn tlachd do 
chridhe 'bhi araon ann an Dia agus ann am mammon, 
ann an nèamh agus anns an talamh. 'Nuair a gheibh- 
ear an creidmheach nèamhaidh 'g a thoileachadh fèin 
le beannachd Dhia, agus " a deanamh gàirdeachais 'an 
dòchas" na glòire ri teachd ; theagamh gu'm faighear 
thusa 'g a d'thoileachadh fein le do shoirbheachadh 
saoghalta, agus a' deanamh gàirdeachais ann an dòchas 
do chinneachaidh 's an t-saoghal so. 'Nuair a bhitheas 
an Criosduidh nèamhaidh a' gabhail toil-ìnntinn dhà- 
fèin ann an sealltuinn suas ri Criosd, ris na h-ainglibh 
agus ris na naoimh, a' chuideachd a bhitheas aige gu 
sìorruidh, bithidh tus' a' gabhail toil-ìnntinn dhuit-fèin 
ann an sealltuinn ri do shaoibhreas, ri do chuid pàipeir- 
ean, ri do chùnntais, ri do bhannaibh-sgrìobhte, ri do 
bhathar, do sprèidh, no d'aitreabh ; agus a' smuain- 
eachadh air deadh-ghean dhaoine mòra, air oighreachd 
mhòir, thaitnich, air ullachadh mòr airson do chloinne 
an dèigh do bhàis, air onoir do theaghlaich, no air 
meudachadh do luchd-eisimeil. Ma thuirt Criosd 
" amadan" ris an f hear a labhair ris-fèin, ag ràdh, 
" Anam, gabh fois, a ta agad mòran do nithibh maithe 
air an tasgaidh fa chomhair mòrain bhliadhnachan," 
nach tus' " amadan" a's mò gu mòr a' labhairt nam 
briathran cèudna ann do chridhe le fios duit? Innis 
dhomh anis, ma's urrainn thu, ciod an t-eadar-dheal- 
achadh a tha eadar briathran an "amadain" so agus 
smuaintean do chridhe-sa ? 

Cuimhnich, is ann ri ' Fear-rannsachaidh nan cridh 
eachan' a tha do ghnothach. Bi cìnnteach à" so, mar 
a's mò do thaitneas agus d'fhois ann an nithibh tal- 
mhaidh, is ànn a's lugha do thaitneas ann an Dia. Faod- 
aidh d'ìnntinn thalmaidh còrdadh ri d'aideachadh agus 
do dhleasanas o'n leth-muigh, ach cha n-urrainn ì còrd- 
adh ris an dleasanas nèamhaidh so. Is maith is aithne 
dhuit-fèin cho ainmig, fuar, cho cabhagach, gruamach 
's a bha do smuaintean air an aoibhneas a ta shuas, riamh 
o'n thòisichthu cho dìan air raarsanlachd an t-saoghail 



252 Seòladh gu Caithe-beatha nèamhaidh 

nach mallaichte boile sin mhòran a ta nis a' gabhail 
orra-fe'in a bhi diadhaidh! Lèumaidh ìad air oibribh 
lìonmhor, tròm gus am bi ìad luchdaichte le saothair, 
agus air am bacadh le cùram, ionnus gu'm bheil è cho 
mì-chomasach d'an anamaibh conaltradh a chumail ri 
Dia 's a bhitheadh è do dhuine coiseachd le bèinn air a 
dhruim ; agus ìad cho neo-dheas gu èirigh suas air 
sgìath a' mheòrachaidh nèamhaidh, 's a tha 'n cuirp air 
cruinn lèum a thoirt suas gu uchd na grèine ! Agus an 
uair a chailleas ìad a' bheatha nèamhaidh sin a dh-f haod- 
adh ìad a choimhead air thalamh, gheibhear ìad 'g an 
dìon fèin, ni nach gabh idir deanamh, le argumaidibh 
faoin, grod, ag ìarraidh a dhearbhadh gu'm bheil an 
cleachdadh fèin laghail gu leòr. 

Comhairlicheam dhuit, a Chriosduidh, a bhlais air 
taitneasaibh na beatha nèamhaidh, ma's maith leat 
blasad orra fathast, seachainn poll-slugaidh na h-ìnntinn 
talmhaidh. Ma's " àill leat a bhi beartach, tuitidh tu 
ann am buaireadh, agus ann an ribe, agus ann an iomadh 
ana-mìann amaideach agus cìùrrail." 1 Tim. 6. 9. Cum 
na nithe sin air an taobh muigh dhìot, chum gu'm bi è 
soirbh dhuit an tilgeil uait air gach àm, mar thilgeadh 
tu d'f halluinn uachdair ; ach cum Dia agus glòir an 
còmhnuidh astigh ann do chridhe. Cuimhnich gu bràth 
" gur nàimhdeas an aghaidh Dhè, càirdeas an t-saoghail ; 
ge b'e air bith neach uime sin leis an àill a bhi 'n a 
charaid do'n t-saoghal, tha è'na nàmhaid do Dhia." 
Sèum. 4. 4. " Na gràdhaichibh an saoghal, no na nithe 
a ta 'san t-saoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith 
an saoghal, cha-n 'eil gràdh an Athar ann." 1 Eò. 2. 
15. Is soilleir, dìleas an teagasg sin, agus is sona do 
gach neach a ghabhas ris gu cùramach, ceart ! 

3. Bi faicilleach an aghaidh cuideachd dhaoine mi- 
dhiadhaidh. Ach cuimhnich, cha n-eilear idir ag 
ìarraidh ort tàir a dheanamh orra, no idir am fuathach- 
adh. Na fuathaich ach amhàin an droch gnè, an droch 
càinnt 's an droch cleachdadh. Gràdhaich an anam- 
anan, agus fhad 's a bhitheas dòchas de'n taobh, 
gnàthaich gach fàth-chothrom ann do chomas, a chum 
an toirt gu ath-leasachadh beatha. Na abair idir nach 
fheàrr ìad na madraidh no mucan agus mar sin, nach 



a choimhead air thalamh. 253 

fhìach ìad seasamh 'n an cuideachd, no idir labhairt 
riutha mu chor an anamanan. Is ì an dòigh a's feàrr 
an comhairleachadh gu ciùin, dìleas, gràdhach, agus 
leantuinn air an comhairleachadh mar sin, fhad 's a 
bhitheas dòchas de'n taobh. Ach gabh an aire nach 
cum thu dlùth chòmpanas gun f hèum, gun mhaith ri 
daoine mì-dhiadhaidh. 

Gheibhear cronail, cha n-è mhàin cuideachd dhaoine 
mi-naomh, am mionnadair, am misgeadair agus nàimh- 
dean na diadhachd, ach gu ro thric còmpanas dhaoine 
modhail, sìobhalta aig am bi còmhradh faoin, falamh 
gun teagasg nèamhaidh. Tha ìad sin glè ullamh gus ar 
smuaintean a tharruing air falbh o nèamh. An àit sin, 
is ann a chuireadh ar cridheachan rag, fèum an còmh- 
nuidh air cuideachadh làidir, a chum an tarruing suas 
gu nèamh ; oir do thaobh nàduir, cha ghluais aon diubh 
a dh-ionnsuidh nèimh, na's mò na ghluaiseas clach, no 
clod o'n talamh a dh-ionnsuidh nan spèur. Cha ruig- 
ear a leas na creagan a bhacadh o èirigh suas anns na 
spèuraibh, is leòr gun an cuideachadh. Agus gu cìnnt- 
each, mur faigh na spioradan againn-ne an cuideachadh 
gu mòr, is furas an cumail o èirigh suas, ged nach 
coinnicheadh ìad cnap-bacaidh sam-bith. smuainich 
air so 'nuair is àill leat companaich a dheanamh dhuit- 
fèin ! Ach an uair a bhitheas do spiorad cho dèigheil 
air nèamh, ionnus nach bi fèum aige air cuideachadh a 
chum a thogail suas, ach è, mar lasair, a'sìor-e'irigh suas, 
agus a' trusadh leis gach neach a choinnicheas è air an 
t-sligh, an sin, ach nì h-ànn idir gu sin, faodaidh tus' a 
bhi car coma cò a' chuideachd anns an tuit thu. Ciod 
is f heàirrd do bheatha nèamhaidh a chluinntinn ciamar 
a tha 'dol do'n f hèill, agus do'n aimsir, no dè an naigh- 
eachd ùr a tha 'measg sluaigh? Is è sin còmhradh 
dhaoine talmhaidh. 

An cuidichear do chridhe gu è'irigh suas a dh-ionn- 
suidh Dhè le neach a chluinntinn ag ràdh ' B'è sid am 
ministear comasach, no b'è sid an searmonaiche trèun, 
no b'è sid an Criosduidh mòr, no b'è sid an t-searmoin 
àluinn, no b'e sid an leabhar maith,' no le èisdeachd ri 
cònsachadh teànn gun stà, mu chreidimh ? Gu ro thric 
is è sin còmhradh a's feàrr a's dòcha dhuit 'f haotuinn 



254 Seòladh gu Caithe-beatha nèamhaìdh 

aig fear-aideachaidh foirmeil, bruidhneach, marbh- 
chridheach. Anis ma bha thus' o chionn ghoirid a' 
blàthachadh do chridhe le meòracliadh air na h-aoibh- 
neasaibh beannaicht' a ta shuas, nach meilicheadh an 
còmhradh sin d'aignidhean, agus nach grad a bheireadh 
è air do chridhe reothadh arìst ? Tha ml nis a' faigh- 
neachd so dhe tuigse gach neach a dh'fheuch ris an 
obair so, agus aig am bheil beachd idir air fònn a spior- 
aid fein. Cha mhaith is urrainn daoine labhairt air 
aon ni, agus aire cheart a thoirt do ni eile, gu h-àraid 
dà ni cho eadar-dhealaichte 'n an nàdur ri nèamh 'us 
talamh. Sibhse, a mhuinntir òg, a ta ro bhuailteach do'n 
bhuaireadh ud, smuainichibh air an teagasg so. An 
urrainn bhur cridheachan a bhi air nèamh, agus sibh 
maille ri companaich stoirmeil ag èigheachd 's a' gleadh- 
raich os-ceànn na dibhe-teinntich anns an tigh-òsda ? 
no 'nuair a bhitheas sibh ag obair maille ri crèutairean 
d'an càinnt chumanta " draosdachd, no còmhradh 
amaideach, no bao-shùgradh, nithe nach 'eil iomchuidh?" 
Eph, 5. 4. Ni-h-eadh, ach leigibh dhomh ìnnseadh 
dhuibh, ma's è sluagh mar sin is cSmpanaich dhuibh, 
'nuair a dh-f haodadh sibh, na'm b'àill leibh, còmpanaich 
na b'fheàrr 'f haotuinn, agus ma's è an cuideachd toil- 
ìnntinn a's taitniche leibh, is fhada sibhse bho chaithe- 
beatha nèamhaidh ; cha n-'eil còir agaibh fathast air 
nèamh ; agus mur atharraich bhur cridheachan, bithidh 
sibh fada, fada bho nèamh gu sìorruidh. Na'n robh 
bhur n-ionmhas shuas, cha b'urrainn bhur cridhe 'bhi 
air nithibh a ta cho fada bho nèamh. A dh'aon fhocal, 
is ì ar cuideachd pàirt de'n t-sonas a bhitheas againn 
air nèamh, agus is ann arelr na cuideachd a ròghnaichear 
leinn air thalamh, a luathaichear no 'chaisgear ar cèum 
gu nèamh. 

4. Seachainn deasboireachd mu nithibh na diadhachd, 
agus creidimh aig nach 'eil stèidh sam-bith ach barail 
dhaoine. Is ìadsan a's lugha eòlas air a' bheatha nèamh- 
aidh, deasboirean a's braise agus a's teotha air na 
nithibh a bhuineas do thaobh-muigh na diadhachd. Am 
fear aig nach 'eil creidimh sam-bith eile, ach amhàin 
fuaim nam barail, is è a's trice agus a's èudmhoire 
'gheibhear a' labhairt 's a' dìon a bharailean bochd fèin. 



a choimhead air thalamli. 255 

Ach am fear aig am bheil a chreidimh a' sruthadh bho 
eòlas air Dia, agus o ghràdh do 1 )hia agus do Chriosd, 
is è a's dìchiollaich' a labhras air an là shona sin air am 
faigh è an làn-mhealtuinn. Is tearc, luachmhor an 
Criosduidh sin d'an aithne f ìor f hèum a dheanamh de 'n 
fhìrinn shoilleir. Air an aobhar sin, comhairlicheam 
dhuit-sa, ma's àill leat beatha nèamhaidh, na caith ach 
beag de do smuaintibh, de d'ùin, de d'èud, agus de do 
bhriathraibh air deasboireachd nach urrainn sìth, no 
sòlas a thoirt do d'anam. 'Nuair a bhitheas cealgad- 
airean beò air rùisg 'us plaoisg, b\-sa beò air na h-aoibh- 
neasaibh a ta shuas. Is maith a bhi comasach air f ìrinn 
Dhè a dhìon ameasg dhaoine, agus is còir dhuinn lèugh- 
adh agus ionnsuchadh a chum na crìche sin ; ach 
thugamaid a' cheart aire nach ceadaich sinn do dheasb- 
oireachd mu'n fhìrinn fèin ar cridheachan a ghluasad 
de na nithibh a ta shuas. Is tric a chualas muinntir 
a' consachadh ri 'cheile mu chreidimh, ach is ainmig a 
chunnacas ìad a' fàgail na cùise na's soilleire, an dèigh 
dhoibh sgur, na bha ì 'nuair a thòisich ìad. Tha na 
nithe sin ro dhomhain airson sealladh goirid dhaoine. 

Is beag is f heàirrd anam air-bith consachadh mu 'n 
f hìrinn, agns is maith nach 'eil mòr chonsachadh mu 
na fìrinnibh a's prìse.ile luach. Ach èisdeamaid anis 
ciod a tha focal Dhè fèin ag ràdh air a' chùis so : — 
" Gabhaibh ris an neach a ta anmhunn 's a' chreidimh, 
ach cha-n ann chum deasboireachd amharusach." Rdm. 
14. 1. " Ach seachainn ceisdean amaideach agus neo- 
f hòghluimte, air dhuit fios a bhi agad gu'n tog iad conn- 
saichidhean. Agus cha-n fheud òglach an Tighearna 
'bhi conspoideach. 2 Tim. 2. 23. " Ach seachainn ceisd- 
ean amaideach, agus sloinnteireachd, agus cònspoidean, 
agus consachadLh mu'n lagh; oir tha iad gun tairbhe agus 
dìomhain." Tìt. 3. 9. " Ma bheir aon neach atharrach- 
adh teagaisg uaith, agus nach aontaich e do bhriathraibh 
fallain, eadhon do bhriathraibh ar Tighearna Iosa 
Criosd, agus do'n teagasg, a ta r&r na diadhachd : 
Tha e uaibhreach, gun eòlas aige air ni sam-bith, ach 
e às a chèill mu thimchioll cheisdean, agus bhriathar 
connsachaidh, o'n tig farmad, comhstri, anacainnt 
droch amharusan, fiar-dheasboireachd dhaoine aig am 



256 Seòladh gu Caithe-beatha nèamhaidh 

bheil ìnntinn thruaillidh, agus as eugmhais na fìrinn, 
a' meas gur buannachd an diadhachd : dealaich ri an 
leithidibh sin." ^ 1 Tim. 6. 3-5. _ 

5. Gabh an aire nach bi do spiorad uaibhreach, mòr- 
ohuiseach. Tha fuath anabarrach làirìir eadar Dia 
agus am peacadh so. Fhad 's a bhitheas am peacadh so 
a' rìgheachadh ann do chridhe, cha tig Dia agus do 
chridhe gu bràth fagus d'a chèile. So am peacadh a 
thilg Sàtan, agus na h-ainglean a thuit, amach à. nèamh, 
agus ma gheibhear annads' è, cumaidh è do chridhe 
mach à nèamh. So am peacadh a thilg ar ceud sìnn- 
searan amach à pàrras, agus a dhealaich sinne bho 'n 
Tighearn, agus a thug a mhallachd air na h-uile 
chrèutairibh an so fo nèamh ; agus gu cìnnteach cum- 
aidh b ar cridheachan o phàrras, agus meudaichidh è ar 
dealachadh mallaichte bho Dhia. Ach cumaidh co- 
chomunn ri Dia sinn iriosal, agus meudaichidh an 
irioslachd sin co-chomunn dhaoine ri Dia. 'Nuair a 
chleachdas duine 'bhi tric maille ri Dia, agus a bhi 
'smuaineachadh air a bhuaidhean gldrmhor, ' gabhaidh 
è gràin dheth-fèin ann an duslach agus ann an luaith', 
agus is è am fèin-irioslachd sin deasachadh a's feàrr a 
chum a thoirt astigh an làthair Dhè, arìst. Uime sin, 
matà, an dèigh là irioslachaidh an anama, no air amaibh 
trioblaid, 'nuair a's ìlse an t-anam, is tric leis rathad 
rèidh 'f haotuinn a dh-ionnsuidh Dhè, agus blasad gu 
pailt air a' bheatha sin a tu shuas. Tha tlachd Dhè 
anns an duine sin " a ta bochd agus leònta 'n a spiorad, 
agus a chriothnaicheas roimh 'fhocal." Isà. 56. 2. 
Agus tha tlachd an anama sin ann an Dia ; agus an 
uair a bhitheas an tlachd mar sin taobh air thaobh, 
bithidh aca coinneachadh rèidh, failt thaitneach agus 
conaltradh tric. Ach is fhada Dia bho chòmhnuidh 
an anama sin a ta uaibhreach, àrdanach, agus cha chead- 
aich Dia dhà teachd fagus dà. " An tì aig am bheil seall- 
adh àrd, agus cridhe uaibhreach, esan cha-n fhuiling 
mi." Salm 101. 5. "Tha Dia a' cur an aghaidh nan 
uaibhreach, ach a' toirt gràis dhoibh-san a tha iriosal." 
1 Pead. 5. 5. 

Gheibhear ìnntinn uaibhreach 'g a h-àrdachadh fèin, 
le fèin-mheas, fèin-spèis, agus le geur-thoeradh feòl- 



a ckoirrihead aìr thalamh. 2bl 

mhor. Ach gheibhear ìnntinn iriosal air a h-àrdachadh 
gu ceart 'an sealladh Dhè le gèur-thogradh naomh. 
Sin anis dà ìnntinn àrd a tha, seach gach seòrsa ìnntinn 
eile, a' dol calg-dhireach an aghaidh a chèile, mar 
chithearcogadh,mar a's trice, eadar rìgh agus rìgh, 'us 
cha n-ann eadar rìgh agus treabhaiche. Seadh, matà, 
an duine thus' a tha luachmhor ann do shealladh fèin ? 
An taitneach leat daoine eile mòr mheas a chur ort, 
agus an cuirear mòr sprochd ort, an uair a ni ìad dìmeas 
ort ? An docha leat muinntir a chuireas onoir ort : agns 
an suarach leat ìadsan nach cuir, ged bu daoine còire, 
diadhaidh ìad ? Am fèuroar do chàil a rìarachadh ? an 
àill leat do bharail fèin a bhi 'n a rìaghailt, agus 
d'f hocal, olc, maith è, a bhi 'n a lagh do na h-uile a ta 
mu-n-cuairt duit? An las d'fhearg. ma dhiùltar do 
thoil, no d'fhocal? An ni suarach, tàireil leat spiorad 
iriosal ? An aithne dhuit aideachadh agus gèilleadh 
iriosal a dheanamh an deigh dhuit peacachadh an 
aghaidh Dhè, no cron a dheanamh air do cho-chrèutair ? 
An duine thus' a tha coma do na bochdan, agus am bi 
nàir ort a bhi air d'fhaicinn 'n an cuideachd? An 
urrainn thu seirbhis a dheanamh do Dhia ann an àit 
air-bith, àrd, no ìosal? Am bheil d'uaillair a casgadh 
le crìonnachd, no seòltachd, agus cha n-ann le irios- 
lachd? Am mìannach leat sùilean nan uile dhaoine 
'bhi ort, agus an cluinntinn ag ràdh, " So an duine ?" 
Am bheil thu aineolach air mealltaireachd 'us aingidh- 
eachd do chridhe fèin ? An fheàrr leat a ràdh gu'm 
bheil thu neo-chiontach, na thu-fèin a choireachadh, no 
do chionta fein aideachadh ? An gànn a dh-f huiligeas 
tu aehmhasan, no teagasg teànn, dìleas a rùisgeas droch 
nàdur do chridhe dhuit ? Ma's ìad na nithe sin dealbh 
do chridhe, is crèutair uaibhreach thu. Tha ro 
mhòran de nàdur na h-ifrinn a' gabhail còmhnuidh 
annad. Tha d'anam cosmhuil ris an diabhul, 's an lorg 
sin tha thu aineolach air nèamh, agus air dlùth chon- 
altradh ri Dia. Is è 'n duine uaibhreach a dhia fèin. 
Cuiridh è suas e-fèin mar iodhol dhà-fèin. Ciainar, 
matà, is urrainn aignidhean an duine sin a bhi suidh- 
ichte air Dia ? Ciamar idir is urrainn a chridhe 'bhi 
air nèamh ? Faodaidh ìnnleachd agus cuimhne làidir 

R 



258 Seoladh gu Caithe-beatha nèamhaidh 

a theangaidh a lìonadh le briathraibh iriosal agus 
•nèamhaidh, ach cha n-'eil dad de nèamh, no idir irios- 
lachd 'n a spiorad. Is ceart labhairt gu farsuing air a' 
cheànn so, a chionn gur è so am peacadh cumanta aguf 
cunnartach a's mò 'tha gach uair a' greasad dhaoine gu 
peacadh mòr na h-ain-diadhachd. 

nis, a Chriosduidh i ma's àill leat a bhi beò an 
còmhnuidh an làthair do Thighearna, luidh sìos anns 
an duslach, agus togaidh e-fèin suas à sin thu. " Fògh- 
lumaibh uam," arsa Criosd, " oir a ta mise macanta 
agus iriosal an cridhe : agus gheibh sibh fois do bhur 
n-anamaibh." Mata 11. 29. Mur gabh thu tairgse 
Chriosd, bithidh d'anam " cosmhuil ris a' mhuir 
bhuairte, oir cha-n urrainn ì bhi aig fois ; ach tha a 
h-uisgeachan a' dùsgadh a nìos salchair agus làthaich." 
Isà. 57. 20. Agus an àit dhuit a bhi air do lìonadh le 
tlachd milis ann an Dia, lìonaidh d'uabhar thu le 
buaireas nach sguir. " Ge b'e dh'ìslicheas e-fèin mar 
leanaban, is e sin a's mò" a bhitheas an deigh so " ann 
an rìoghachd nèimh." Mata 18. 4. Agus mar sin, is 
è neach a's mò roimh-bhlas an diugh air an rìoghachd 
sin. " Gabhaidh Dia còmhnuidh maille ris-san fòs a 
ta leònta agus iriosal 'n a spiorad; a bheothachadh 
spioraid nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan 
daoine leònta." Isà. 57. 15. Air an aobhar sin, 
" irioslaichibh sibh-fèm am fianuis an Tighearna, agas 
àrdaichidh è sibh." Sèum. 4. 10. Agus " an uair a 
dh'ìslichear daoine, an sin their thu, Bithidh ardachadh 
ann ; agus saoraidh è an t-iriosal." lob 22. 29. 

6. Is fear-bacaidh trom eile air a' chairhe-beatha 
nèamhaidh so, spiorad lunndach, leisg. Gu dearbh is è 
mo bheachd fèin nach 'eil ni sam-bith eile 'g a bhacadh 
na's mòna sin ann an daoine aig am bheil dead hthuigse. 
Mur bitheadh ri dheanamh ach amhàin gnìomh pearsa, 
gluasad nam bilean, agu slùbadh na glùine, rachadh 
daoine 'n an lèum do neamh, cho tric 's a the'id ìad 
a dh-fhaicinn caraid ; ach is leisg, duilich leinn ar 
smuaintean agus ar n-aignidhean a tharruing o'n 
t saoghal, gach gràs a ta againn a chur air obair, agus 
a chumail air obair, 'g a shìor-mheudachadh gus an 
soirbhich an obair ann ar lamhaibh. 



a choimhead air thalamh. 259 

A lèughadair, tha nèamh os do chionn, agus an saoil 
thu-feìn gu'n dìrioh thu an àirde mhòr sin gun rùn, gun 
saothair? An teid agad air do chridhe talmhaidh a 
thogail gu nèamli, agus d'ìnntinn leisg a thoirt a 
dh-ionnsuidh Dhè, 'us tu-fèin sìnte sìos ris an talamh, 
agus a' gabhail fois 1 , gun aon smuain agad air nèamh ? 
Na'm bu leòr dhuinn fantuinn shios aig ìochdar na 
beinne, agus sealltuinn suas le seòrsa tograidh a mullach 
a ruigheachd, gun saothair idir ach sin, dh-f haodamaid 
coiseachd gach là gu nèamh. Ach "a ta rìoghachd 
nèimh a' fulang ainneirt agus luchd na h-ainneirt 'g a 
glacadh le làmhachas làidir." Mata 11. 12. Fèumar 
" ainneart," no obair dhìan a ghnàthachadh a chum an 
ceud thoradh 'fhaotuinn, cho maith ri làn sheilbh. 
Nach 'eil thu-fèin a' tuigsinn gur fìor sin, ged nach 
rachadh ìnnseadh idir dhuit an so ? An tèid do chridhe 
suas, mur greas thu suas è ? r Fha fios agad gur è nèamh 
d'uile dhòchas ; tha fìos agad nach urrainn ni sam-bith 
air thalamh fois a thabhairt duit, agus gur beag sòlas a 
gheibh cridhe bho nèamh, nach 'eil ach ainmig a' 
smuaineachadh air nèamh, agus gidheadh nach 'eil 
thus' a' fantuinn shìos sìnte ris an talamh, ged tha iom- 
adh fàth-chothrom agad air eirigh suas, agus a bhi beò 
maille ri Dia ? Nach tric a mholas tu mìlseachd na 
beatha nèamhaidh, agus naeh abair thu gur ìad na 
Criosduidhean a's feàrr aig am bheil ì, agus an dèigh sin 
uile, cha bhlais thu-fèin oirre ? Mar a shìneas an 
lùnndair e-fèin air a leabaidh, ag èigheachd, " 
b'fheàrr gu'm b'obair so !" mar sin gheibhear thusa ri 
bruidhinn, ri dìomhanas, agus tu beò ann am fois do 
lùnndaireachd, ag ràdh, " b'fheàrr gu'm faighinn 
mo chridhe suas gu nèamh 1" Nach iomadh neach a 
le'ughas leabhraichean agus a dh-èisdeas searmoinean 
le dùil gu'n cluinn ìad mu rathad na's socraiche, no 
gu'm faic ìad rathad na's giorra gu sòlas, na gheibhear 
anns na Sgriobtuiribh ? No ìarraidh ìad seòladh airsoh 
beatha nèamhaidh, agus na'm bu leòr èisdcachd ri 
seòladh, càit am faighear Criosduidhean a's nèamhaidh 
na ìadsan ! ach an uair a chomharraicheas sinn amach 
an obair a tha dleasanach dhoibh, agus a dh-ìnnseas sinn 
dhoibh nach urrainn ìad an sòlas nèamhaidh so 'fhan* 



260 Sèòladh gu Caithe-beatha nèamhaidh 

uinn air dòigh na's socraiche, no gun saothair cheart a 
dheanamh air a shon, an sin, fàgaidh ìad sinn mar 
" dh'f halbh an t-òganach" o Chriosd " gu brònach ;" 
oir b'ànnsa leis a " shaoibhreas" tìmeil na " ionmhas 
air nèamh." Mata. 19. 22. 

Anis, a leughadair, ma tha thu dearbhta gu'm bheil 
an obair so feumail a chum do shòlas a chur air aghaidh, 
tòisich oirre gun dàil le d'uile chridhe. Ma dhiùltas do 
chridhe, ceànnsaich è le do rèusan. Ma chuireas do 
rèusan 'n a h-aghaidh, leig àithn Dhia air gu dìan, teànn, 
agus èignicheadh d'fhèum è. Lèugh arìst na smuaint- 
ean a ta air an cur sìos anns an aon Chaibdeil deug 
de'n Leabhar so. Na leig le ionmhas cho òirdheirc 
laidhe romhad, agus do làmh glaiste 'n a d'uchd gun 
a sìneadh d'a ionnsuidh. Na biodh do bheatha fo 
shìor aineadas 'nuair a dh-fhaodadh ì 'bhi taitneach, 
sòlasach dhuit, na'n robh thus' a' deanamh spàirn a 
chum ruigheachd air solus nèamhaidh. Na suidh sìos 
dìomhain, dubhach fo spiorad lùnndach gun ghluasad a 
dh-ionnsuidh nan sòlas prìseil a ta nis a' fàs roimh do 
shùilibh. Na bi cosmhuil ri duine 'n a shìneadh ann an 
lios fhlihraichean, leis nach àill èirigh suas 'gam faicinn, 
no idir a bhlasad air an cùbhraidheachd mhilis. Is 
à Criosd tobar na beatha. Ach gu cìnnteach is 
domhain an tobar, agus fèumaidh tusa dìchioll a dhean- 
amh air uisg a tharruing às an tobar so, mu'n urrainn 
thu 'bhi air d'ùrachadh leis. Cho fad 's a tha do 
chridhe spioradail, cha n-'eil fèum agad air a' " chruaidh 
spàirn" agus air an " ainneart" so uile ; ach tha thu 
fathast feòlmhor ann an cuid, agns f had 's a bhitheas 
tu feòlmhor anns an tomhas a's lugha, bithidh mòr 
fhèum agad air saothair a dheanamh gach là. B'è 
cleachdadh nam Partach, gun bhiadh sam-bith a thoirt 
d'an cloinn anns a' mhaduinn, no air toiseach an là, 
gus am faiceadh ìad fallas air an gruaidhean, an dèigh 
dhoibh obair, no saothair a dheanamh ; agus mar sin 
tha Dia gu tric a' deanamh ri 'chloinn fèin : cha toir è 
dhoibh blasad air na sòlasaibh milis a ta aige dhoibh, 
gus an tòisich ìad ri fallas a chur dhiubh le saothrach- 
adh air an son. Thoir breth, matà, co aca nis a's 
feàrr dhuit beatha nòamhaidh, no d'fhois fheòlmhor, 



a choimhead air thalamh. 261 

agus mar dhuine glic, ròghnaich arèir do bhreith : 
ròghnaich " a' chuid mhaith." Seadh anis, thoir leat 
so chum do mhisneachadh : Cha ruig thu leas tuille 
smuaintean a ghnàthachadh seach na tha nis agad. 
Ach so ni a dh-fhèumas tu 'dheanamh, socraich do 
smuaintean air nithibh na's feàrr, na's luachmhoire, 
na's taitniche. Builich air gach là cho liuthad smuain 
cùramach, dùrachdach air glòir òirdheirc na beatha ri 
teachd, 's a b'àbhaist duit a bhi 'caitheamh gach là 
roimhe so, air nithibh saoghalta, seadh, air dìomhanas 
'us amaideas, agus cha n-f hada gus am bi do chridhe 
air nèamh. 

A dh'aon f hocal, is è ' fearann an duine leisg, a ta 
uile air fàs suas le cluaranaibh, agus còmhdaichte le 
eanntagach. Marbhaidh mìann an leisgein a ghàird- 
eachas ; oir diùltaidh a làmhan obair a dheanamh. Is 
è 'n leisgein a their, tha leòmhan 's an t-slighe, leòmhan 
anns na sràidibh. Mar a thionndaidheas an dorus air 
a lùdanaibh, mar sin an leisgein air a leabaidh. Folaich- 
idh an leisgein a làmh 'n a bhroilleach, is doilich leis a 
toirt a chum a bheòil, geda b'ànn a chum e-fèin a 
shàsachadh le bìadh na beatha.' Grnàth. 24. 30, 31. 
Caib. m 21. 25. Caib. 26. 13-15. Ciod a gheibhear anns 
an leisg so uile, ach milleadh ar sòlais, agus mar sin a' 
tilgeil uainn luach na fola prìseil a cheannaich dhuinn 
è? oir "an tì sin a ta leisg 'n a obair, is bràthair è 
do'n mhìllteir mhòr." Gnath. 18. 9. Cleachd an 
teagasg so aig d'obair spioradail, agus smuainich air a 
bhrìgh gu ceart. 

7. So anis cùis-bhacaidh fholaichte, chunnartach 
eile, agus is è sin, sinn a bhi toilichte le ullachadh 
amhain airson na beatha nèamhaidh so, agus sinn 
fathast tur aineolach air a' bheatha sin fèin. i\ach 
tric a gheibhear sinn làn-toilichte le nithibh nèamhaidh 
ìonnsuchadh amhàin, le briathraibh nèamhaidh 'us 
barailibh umpa, no le labhairt ri càch a chdile mu 'n 
timchioll, mar gu'm bu leòr sin gus ar cridheachan a 
dheanamh nèamhaidh. Tha luchd-teagaisg na fìrinn, 
luchd-lèughaidh agus gu h-àraid luchd-searmonachaidh 
an t-soisgeil fo chunnart glè mhor tuiteam anns an ribe 
so. cia furasda dhoibh sin a bbi air am mealladh. 



262 Seoladh gu Caithe-beatha nèamhaidh 

mur dean ìad faire 1 Nach 'eil ìad sin a sìor-le'ugbadh 
agus a' sìor-ionnsuchadh mu nèamh, a' searmonachadh 
s ag ùrnuigh, 's a' labhairt gu tric mu nèamh ; nach ì 
sin an gnàth obair, agus nach beatha nèamhaidh, naeh 
Criithe-beatha nèamhaidh sin ! Och ! cha n-'eil anns na 
nithibh sin uile ach amhàin ullachadh air a son ! Cha 
n-'eil ànnta sin ach tional an stuth', no nan cìmgaidhean 
airson na h-aitreibh, agus cha n-è idir suas-thogail na 
h-aitreibh fèin. Cha n-'eil ànnta sin ach tional a' 
mliana airson muinntir eile, agus sinn-f&n gun dad 
itheadh. no 'mhearbhadh dheth. 

Mar dh-fhaodas duine sgileil, 'us è'na shuidhe stigh 
'na thigh fèin, fìor dhealbh dbcha nach do choisich 'us 
nach f hac' è riamh, a tharruing gu snasmhor, mar sin 
faodaidh tusa taitneas agus aoibhneas nèimh x mhìn- 
eachadh do mhuinntir eile, agus gidheadh gun do 
chridhe fèin a theachd riamh fathast dlùth do nèamh. 
Faodaidh duine dàll, ma dh-ionnsuicheas h eòlas orra, 
labhairt gu pùngail, soilleir air solus agus dathan : mar 
sin faodaidh tusa labhairt gu briathrach ri muinntir 
eile air an t-solus nèamhaidh sin leis nach robh d'anam 
fèin air a shoillseachadh riamh, agus an teine sin a thoirt 
gu cridheachan do luchd-èisdeachd, leis nach robh do 
chridhe fèin riamh air a bhlàthachadh. Bha mòran 
bhriathran nèamhaidh ann an teagasg Bhalàaim, ach is 
beag a bha 'n a spiorad dhiubh ! mhinistearan an 
t-soisgeil, agus uile luchd-teagaisg na f ìrinn, thugamaid 
a' cheart aire nach bi sinn air ar mealladh. Tha è na's 
buailtiche dhuinn-ne na tha è do Chriosduidhean eile, 
a bhi air ar tàladh air falbh o'n bheatha nèamhaidh so. 
Is è ìonnsuchadh 'us searmonachadh mu nèamh a's mò 
coslas ri beatha neamhaidh, na smuaineachadh 'us Jabh- 
airt mu nithibh saoghalta, agus tha sinn fo chunnart a 
bhi air ar mealladh leis a' choslas sin. Sin anis bas ro 
thruagh 'fhaotuinn, eadhon sinn-fèin a reangadh, agus 
aran romhainn air ar bòrd ; agus bàs 'f haotuinn le tart, 
agus sinn a' tarruing uisge airson muinntir eile, a' 
smuaineachadh gur leor a bhi 'n a mheasg gach là, ged 
nach òlamaid fein dheth idir, a chum ar n-anamanan 
ùrachadh. 

II. Air dhomh innseadh dhuit anis cò iad an luchd- 



a choimJiead aìr tJialamh. 263 

bacaidJi a bhitheas ag ìarraidh do chumail o'n obair so 
is è mo dhòchas ga'm bheil thus' a' làn-rùnachadh seas- 
amh amach 'n an aghaidh, agus gu dùrachdach, cùr- 
amach a' cur romhad an seachnadh ; oir mur dean 
thusa sin, bithidh do shaothair dìomhain. Fòs ìnnseam 
dhuit an so, gur maith leam thus' a ghealltuinn, ma's 
luachmhor leat an roimh-bhlas taitneach so air nèamh, 
gu'n coimhlion thu na dleasanais a leanas, le làn rùn 
do chridhe : agus tuig nach dean idir leughadh nan 
dleasanas sin, gun an cìeachdadh, nèamh a thoirt a 
dh-ionnsuidh do chridhe. Gu h-àraid, màta ; — 

Bi dearbhtanach 'eil ionmhas agus sonas ann ach nèamh 
'n a aonar, — Saothraich achum tìos 'fhaotuinn gur è so 
do shonas fèin, — Cia fagus a tlia d'fhois; — Labhair 
gu dùrachdach, tric air d'fhois, — Feuch ri d'aignidh- 
ean a thogail na's fhaisge air àit d'fhois' anns gach 
dleasanas, — Grnàthaich gach cuspair, gach cùis 'us uair 
a chum na crìche sin, — Bi tric ri obair dhiadhaidh a' 
mholaidh, — Sealbhaich d'anam le smuaintibh creid- 
mheach air gràdh neo-chrìochnach Dhè, — Faic, fàiltich 
agus caidrich togradh agus aomadh an Spioraid Naoimh ; 
— Agus na dearmaid eadhon cùram dleasanach a ghabh- 
ail mu shlaint do chuirp. 

1. Bi dearbhta nach 'eil ionmhas agus sonas ann ach 
nèamh, agus saothraich a chum fios 'f haotuinn cia mòr, 
cia maith an t-ionmhas agus an sonas sin. Mur creid 
thu gur è sin an t-àrd mhaith, cha shocraich thu do 
chridhe gu bràth air : agus fèumaidh an dearbhadh so 
greim domhain a dheanamh air d'aignidhean ; (Faic 
Caib. XIV — Ear. II.) oir mur bi agad ach a mhàin 
barail air a' chuis, is beag eifeachd a gheibh d' anam ànn. 
'Nuair a shaoil le Eubha gur è am meas toirmisgte 'bu 
luachmhoire dhì na gràdh agus mealtuinn Dhè, cha 
b'iongantach geda thug sin a cridhe air falbh o Dhia. 
'Nuair a's feàrr le do bheachd-sa taitneas na feòla na 
sòlas ann an làthair Dhè, cha n-urrainn do chridhe 'bhi 
air nèamh. Gu tric is ro luachmhor le daoine nithe 
talmhaidh, 'nuair nach aithne dhoibh cho bochd, falamji 
's a tha ìad ; mar sin, is beag is fhìach le daoinesòlas 
àrd nèimh, 'nuair a gheibhear ìad aineolach air a mhòr 
luach. Ma chì thu sporan òìr, agus fios agad nach 'eil 



264 Seòladh gu Caithe-beatha nèamhaidh 

ànn ach droch airgiod, no cùineadh feallsa, is beag do 
mhiann 'n a dhèigh. Cha n-è fìor òirdhearcas ni fèin, 
ach fios air an òirdhearcas a ta ànn, a dhuisgeas 
mìann neach 'n a dhè'igh. Thoir do dhuine neo- 
ionnsuichte leabhar anns am bheil dìomhaireachd eòlais 
'us ealantais air am mìneachadh gu soilleir, agus is 
beag a's fhìach leis an leabhar, cha n-fheàrr leis è na 
pàipeir eile, agus sin do bhrìgh gu'm bhèil è aineolach 
air a luach, ach thoir an leabhar do dhuine aig am 
bheil fios air a luach, agus cuiridh è mòr mheas air : is 
feàrr leis lèughadh dheth na biadh, deoch 'us cadal. 
Chuir na h-Iudhaich am Mesiah gu bàs air a' cheart 
àm 's an robh ìad a' feitheamh ris, no anns an robh 
^ùil aca ri 'theachd, a chionn nach b'aithne dhoibh è, 
agus mar sin tha sluagh an t-saoghail an diugh, a' sìor- 
èigheachd airson fois', agus le mòr shaothair ag ìarraidh 
taitneis agus sonais, a chionn nach aithne dhoibh an 
fhìor f hois ; oir na'n robh f ìor eòlas aca air mòr luach 
na foise nèamhaidh, ciamar a b'urrainn ìad dìmeas 
cho mòr a dheanamh air an ionmhas shìorruidh sin ? 

2. Saothraich f òs a chum fios 'f haotuinn gur è nèamh 
do shonasfèin. Faodaidh sinn aideachadh gur è nèamh 
an t-àit, 's an staid a's feàrr, gun lkn dòchas a bhi 
againn idir ri nèamh a mhealtuinn ; faodaidh sinn nèamh 
ìarraidh gu dùrachdach, 'nuair a shaoileas sinn gu'n 
tèid againn air a ruigheachd, ach cha n-urrainn sinn gu 
bràth gàirdeachas fìor thaitneach a dheanamh ann an 
smuaineachadh air sonas ne v imh, gus an tig sinn gus ar 
còir fein air an t-sonas sin 'f haicinn ann an cuid. Nach 
beag an sòlas do dhuine rhisgte, aodach blàth, grìnn 
'fhaicinn air muinntir eile ? Nach beag an sòlas do 
dhuine aig nach 'eil àit anns an cuir è a cheànn fo 
fhasgadh, aitreabh mhòr, chosgail, ghoireasach 'fhaic- 
inn aig muinntir eile ? Nach bu dòcha sin a dheanamh 
na's mi-thoilichte, na's anshocraiche, no na's truaighe ? 
Agus mar sin, gach neach a chluinneas mu òirdhearcas 
nèimh, gun fhios aige co dhiubh a tha, no nach 'eil 
còir aige-fein ànn, faodaidh an t-iomradh sin a thoirt 
air an t-òirdhearcas sin a mhìannachadh agus ìarraidh, 
ach gidheadh is beag aoibhneas a gheibh è ànn. Ciod 
is f heàirrd duine sam-bith a chridhe fèin a shocrachadh 



a choirrihead air thalamh. 265 

air cuid duine eile? Mur bu leat-fèin do thigh, do 
mhaoin, do sprèldh 'us do chlànn, is ann bu lugha do 
chùram ùmpa, agus do thaitneas ànnta. Anis, 
Chriosduidh ! na stad thusa, uime sin, gus am faigh thu 
fios air do chòir ann am fois nan naomh, — gus an ur- 
rainn thus' a ràdh, li Is ì an fhois sin m' fhois-sa." 
Ceasnaich, rannsaich do chridhe fèin. Beachdaich air 
ullachadh mòr nan naomh, 's an dèigh sin, air ullachadh 
d'anama fèin. Faic arèir na fìrinn gur è ullachadh 
nan naomh an t-ullachadh air am bheil feum agad-sa. 
Thoir breth ort-fèin an diugh le focal na f ìrinn a ta 
agad, — a' cheart fhocal sin leis an toirear breth ort air 
" là mòr a' bhreithanais." Fench nach mì-thuig thu 
an t-iomradh, no 'n cùnntas a gheibh thu air na naoimh 
anns an Sgriobtuir. Na ceadaich dhuit-fèin a bhi air 
do mhealladh le mearachd. Oir is olc dòchas feallsa ; 
meallaidh agus millidh è d'anam. Is ànn le dòchas 
gun stèidh cheart a bha 's a bhitheas a' chuid a's mò 
de na daoine truagh, mallaichte air am mealladh. 
Seachainn droch theagamhan, — teagamhan gun stèidh, 
— oir lagaichidh agus millidh ìad do shìth. Is mòr au 
t-aobhar sàrachaidh. agus an imcheist ìad do na naoimh. 
Air an aobhar sin, ceasnaich thusa thu-fèin gu sàbhailt. 
Stèidhich do dhòchas air a' bhonn cheart. ' Lean air 
d'obair rànnsachaidh gu cìallach, glic, foighidneach le làn 
rìm do chridhe, agus na sguir dhì gu bràth gus am faigh 
thu fios cinnteach am bheil, no nach 'eil còir agad fath- 
ast anns an fhois so. Hò ! na'm b'aithne do dhaoine 
gu ceart gur è Dia an Athair, agus Criosd am Fear- 
saoraidh agus an Ceànn, agus gur ìad sin an " aitean- 
còmhnuidh sìorruidh," agus gu'm faod ìad còmhnuidh 
a ghabhail ànnta sin, agus a bhi sona gu bràth, ciamar 
nach ròghnaicheadh ìad ]e aiteas àrd roimh-bhlSs air an 
t-sonas sin ? Na'n sealladh Criosduidh suas ris a' ghrè'in, 
ris a' ghealaich agus ris na rèultaibh, mar gu'm bu leis 
fèin ìad sin uile ann an Criosd, ag ràdh, " Sin beann- 
achdan a dh'ullaich mo Thighearn air mo shon-sa, 
maille ri nithibh eile a ta fada nan cìan na's mò na ìad 
sin," cia mòr an t-àrd aoibhneas naomh leis am bitheadh 
a spiorad air a bheothachadh ! 

Nach 'eil muinntir a' trom-pheacachadh an aghaidh 



266 Seòladh gu Caithe-beatha nèamhaidh 

ai sòlais fèin. agus an aghaidh gràis an t-soisgeil, 'nuair 
a tha ìad a' gèilleadh do chumhachd a' mhi-chreidimh, 
agus ag àrach smuaintean an-earbsach mu thimchioll 
Dhè, agus smuaintean cronail mu thimchioll Chriosd, 
am Fear-saoraidh, a' labhairt air a' cho-cheangal, cha 
n-ànn mar cho-cheangal gràis, ach mar cho-cheangal 
gnìomha, a' cur dòchais ann an oibribh a' chrèutair, 
agus ag amharc air Criosd mar nàmhaid 'us cha n-ann 
mar Shlànuighear, mar gu'm b'àill leis ìad a bhàsachadh 
'n am mì-chreidimh, an delgh dhà an cuireadh 's an 
gairm d' a ionnsuidh fèin cho tlàth, cho caoimhneil agus 
cho tric, agus na pìantan sin 'fhulang air an son, 'bu 
chòir dhoibh fèin 'f hulang ? nach bu sinn na h-èucor- 
aich ! ag àrach amharuis mu Chriosd, ar Tighearn, 
'nuair bu chòir dhuinn a bhi ri gàirdeachas 'n a ghràdh. 
Càit am faighear neach a b' urrainn Criosd a ròghnach- 
adh, mu'n do ròghnaich Criosd esan, no càit am bheil 
neach a bha na's toiliche 'bhi sona, na tha Criosd air 
a dheanamh sona. Uainn, uainn, matà, na smuaintean 
amharusach sin, mur abair sinn toibheumach riutha. Ma 
leig thu riamh amharus astigh air dorus do chridhe, 
tilg uait è gu grad, agus gabh a' cheart aire nach 
faighear amharus agad ni's mò. Sgrìobh Dia ainmean 
a phobuill fein air nèamh, mar a sgrìobhas sinne ar 
n-ainmean, no ar comharradh air b&thar, no nithibh a 
bhuinneas clhuinn, agus am faighear sinne nis ag ìarr- 
aidh ar n-ainmean a dhubhadh amach à" nèamh, agus 
an sgrìobhadh air dorsaibh na h-ifrinn ? Ach gu ma 
beannaichte Dia, oir ' seasaidh a bhunait daingean.' 
(2 Tim. 2. 19.^ Agus ' cumaidh cumhachd Dhè sinne 
tre chreidimh chum slkinte.' 1 Pead 1. 5. 

3. Saothraich a chum fios 'f haotuinn cho fagus 's a 
tha d'fhois. Ciod-air-bith a chreidear a bhi faisg 
òirnn, is è sin a's aithnichte leinn na ni a chithear 
astar fada uainn. Is beag ar cùram mu bhreitheanas- 
aibh agus mu thròcairibh, fhad 's a sheasas ìad sin fada 
uainn, ach an uair a thig ìad faisg òirnn, criothnaichidh 
sinn fòpa, no ni sinn gàirdeachas ànnta. 'Nuair a 
smuainicheas daoine air nèamh, mar àit fad às, — àit a 
tha astar fichead, deich thar fhichead, no dà fhichead 
bliadhna uatha, seasaidh an cndheachan fad às — fad air 



a cìioimhead air ihalamh. 267 

falbh o nèamh. Cia mòr a b'fheàrr dhuinn " bìnn a' 
bhàis" a ghabhail " annainn-fèin," ar suilean a thogail 
a dh-ionnsuidh na sìorruidheachd, agus 'fhaicinn cho 
faisg 's a tha ì air làimh ! 2 Cor. 1. 9. Am feadh tha 
mis' a' smuaineachadh 's a' sgrìobhadh, tha ì 'teannadh 
òrm, agus bithidh mì stigh air a dorus mu'n saoil mì. 
Am feadh tha thus' a' lèughadh nam briathran so, co« 
air-bith thu, tha tìm a' taomadh seachad ort, agus falbh 
aidh do bheatha "mar sgè*ul a dh'ìnnseadh." Na'n 
creideadh tu gu'n robh thu gu bàs 'fhaotuinn am màir- 
each, nach cùramach a smuainicheadh tu air nèamh a 
nochd ! 'Nuair a thuirt Samuel ri Saul, " Am màireach 
bithidh tu maille rium-sa," bhuail sid a chridhe gu teànn. 
Agus na'n abradh Chriosd an dràst ri anam a' chreid- 
mhich, Am màireach bithidh tu maille rium-sa, bheir- 
eadh sin gu nèamh è roimh-làimh. Amhairc ort-fèin, 
matà, mar aon a' dol astigh do nèamh, agus cuidichidh 
sin do chridhe gu mòr a chum smuaineachadh na's 
dùrachdaiche air sonas nèimh. No bheir gnàth mheòr 
achadh air an fhois nèamhaidh anam a' chreidmhich 
na's fhaisg' air an fhois sin. 

4. Bì-sa 'labhairt gu dùrachdach, tric air d'fhois 
shìorruidh ; gu h-àraid ri muinntir anns am bheil nkdur 
nèamhaidh, agus mar sin a's urrainn labhairt riut-sa do 
rèir fios 'us faireachadh an cridheachan fèin. Is bochd 
Criosduidhean 'fhaicinn a' coinneachadh a chèile air 
thalamh, gun aon f hocal a ràdh mu'n dealaich ìad, mu 
thimchioll an coinnimh air nèamh, no mu thimchiolì na 
slighe d'a ionnsuidh. Is bochd dhoibh a bhi 'caith- 
eamh ùine cho mòr air còmhradh dìomhain, agus air 
deasboireachd gun mhaith, gun f hocal dùraehdach idir 
mu nèamh 'n am measg. Arèir mo bharail fèin, bu 
chòir dhuinn coinneachadh a dh'aon obair, a chum ar 
spioradan 'fhaotuinn air am blàthachadh le labhairt ri 
'chèile air ar fois. 'Nuair a chluinnear Criosduidh a' 
labhairt gu beò, soilleir, comasach o ghealladh an t-sois- 
geil air an staid ghlòrmhoir, bheannaichte sin, bu chòir 
do sin a thoirt òirnn a ràdh, mar thuirt Criosduidhean 
eile, " Nach robh àr cridhe a' lasadh annainn, am feadli 
a bha e a' labhairt, agus a dh'fhosgaii e dhuinn na 
Sgriobtuirean ?" Luc. 24. 32 Ma chriothnaicheaa 



268 Seòladh gu Caithe-beatha nèamhaìdh 

Felica 'nuair a chluinneas è breitheanas air a nochdadh 
dhà le fear-searmonachaidh comasach, carson nach 
biodh an creidmheach air a bheothachadh àVùr, a h-uile 
uair a chluinneas è an fhois shìorruidh air a searmon- 
achadh, no air a h-ainmeachadh ? Is taitneach le daoine 
aingidh labhairt ri 'chè'ile air an droch gnìomhraibh fèin, 
agus carson, matà, nach bu taitneach le Criosduidhean 
labhairt ri chèile gu tric mu Chriosd ? carson nach 
labhradh oighreachan nèimh air an oighreachd fèin ? 
Faodaidh sin ar cridheachan ùrachadh, mar bha cridhe 
Iacoib air a mhòr-hrachadh, 'nuair a chual' è an 
teachdaireachd leis an robh è air a ghairm gu tìr 
Grhòshein, agus a chunnaic è na carbadan leis an robh 
è gu bhi air a ghiùlain a dh-ionnsuidh Iòseiph. 
b'fheàrr gu'n robh againn sgil na's mò agus rhn na's 
suidhichte chum còmhradh cumanta dhaoine a tharruing 
gu nithibh àrd agus luachmhor nèimh ! Nuair a chluinn- 
ear muinntir a' labhairt air dìomhanas, no air nithìbh 
gun f hèum, b'fheàrr gu'm b'aithne dhuinn focal a chur 
astigh airson nèimh, agus airson nan nithe prìseil a 
bhuineas do f hois an anama, ag ràdh, mar thuirt Peadar 
mu lòn a chuirp, ' Ni h-eadh, oir cha deachaidh riamh 
aon ni coitchionn, no neo-ghlan a steach do m' bheul." 
Nach mòr am maith a dh-fhaodamaid a dheanamh 
dhuinn-fèin agus do mhuinntir eile leis a' chèum so. 
Nach ann a chum ar casgadh o chòmhradh mì-tharbh- 
ach, a tha Criosd ag ìnnseadh dhuinn, " Gu'n toir daoine 
cùnntas ann an là a' bhreitheanais airson gach focail 
dhìomhain a labhrasìad." Mata 12. 36. Abair, matà, 
leis an t-Salmadair, " Leanadh mo theangadh ri m' 
ghial, mur feàrr leam Ierusalem na m' aoibhneas a's 
àirde." Salra 137. 6. An sin chì thu gur fìor na 
briathran eile so, "Is craobh beatha teangadh fhallain." 
Gnàth. 15. 4. 

5. Oidhirpich anns gach dleasanas air d'aignidhean 
a thogail suas na's faisge air nèamh. (Faic Caib. XIV. 
— Ear. II.) B'è rim Dhè ann an suidheachadh 'òrd- 
uighean uile, gu'm bitheadh ìad 'n an cèuman treòrach- 
aidh dhuinn a dh-ionnsuidh ar foise; agus gu'm bitheadh 
ar n-aignidhean, ann an ùmhlachd do Chriosd, a' dìreadh 
suas gach là gu nèamh, air na cèumaibh sin. Gnàth- 



a choimhead air thalatrih. 269 

aich tliusa òrduighean Dè chum na criche so, agus gu 
cìnnteach soirbhichidh leat. Nach b'aoibhneach leat 
sgrìobag litir 'f haotuinn o charaid, 'nuair nach b'urrainn 
thu 'f haicinn aghaidh ri aghaidh ! Agus mar sin, nach 
fhaod ar cridheachan co-chomunn a bhi aca ri Dia 'n a 
òrduighean fèin, ged robh ar cuirp fathast fada uaith ? 
. Nach f haod ar spioradan gàirdeachas a dheanamh ann 
an lèughadh nan litrichean sin air feadh an Sgriobtuir, 
anns am bheil ar dìleab agus ar còir air nèamh air an 
sgrìobhadh dhuinn ? Le aiteas agus. àrd aoibhneas 
faodaidh sinn lèughadh mu ghràdh Dhe dhuinn, agus 
cluinntinn mu thimchioll ar dùcha nèamhaidh fèin, ged 
nach tàinig fathast an là sona sin air an tèid sinn astigh 
a ghabhail seilbh oirre ! Is maith is urrainn daoine, a 
tha air an dealachadh o 'chèile le muir 'us fonn, labh- 
airt ri 'chèile, agus am buannachd a chur air aghaidh le 
litrichean a sgriobhadh a dh-ionnsuidh cach a chèile, 
agus nach fhaod an Criosduidh a dhleasanais fèin a 
dheanamh gu glic, tarbhach, agus a bhuannachd shona 
sin a ghreasad air aghaidh, a bheir gu fois è ! 

Thig anis, matà, tilg uait foirmealachd agus gach 
cleachdadh 'us moladh faoin, agus lùb thu-fèin sìos gu 
h-uaigneach, no gu follaiseach ann an ùrnuigh, agus 
biodh làn dòchas agad gu'm faigh thu do chridhe 'thoirt 
na's fhaisge air Dia, mu'n èirich thu suas. 'Nuair a 
dh-fhosglas tu do Bhìobull, no leabhar maith eile, 
bitheadh dòchas agad gu'n coinnich thu earrann de'n 
fhìrinn, maille ri beannachd an Spioraid, a bheir dhuit 
bl&s na's mò air nèamh. 'Nuair a thèid thu do thigh 
Dhè a dheanamh aoraidh do Dhia, abair, " Tha m\ 'an 
dòchas gu'm faigh mì neart o Dhia a thogas m' aignidh- 
ean suas, mu'm p\ll mì dhachaidh arìst ; tha m\ 'an 
dòchas gu'n coinnich an Spiorad rium agus gu'm mìlsich 
è mo chridhe le sòlasaibh nèamhaidh ; tha mì 'an dòchas 
gu'm 'foillsich Criosd e-fèin dhomh air an t-sligh sin, 
agus gu'n dealraich solus o nèamhmu-n-cuairt dhomh', 
agus gu'n cluinn m\ a ghuth a' teagasg agus ag ath- 
bheothachadh m' anama, agus gu'n toir èair na ' lannan 
tuiteam o mo shùilibh', chum gu'm faic m\ na's md de'n 
ghlòir sin na chunnaic mì riamh roimhe. Tha m\ 'an 
dòehas, mu'm pìll mì, gu'n toir an Tighearn Iosa seall • 



270 Seòladh gu Caiihe-beatha nèamhaidh 

adh do mo chridhe air an f hois, agus gu'n suidhich è 
mo chridhe an làthair 'Athar, chum gu'm pìll mì, mar 
phìll na buachaillean o'n t-sealladh nèamhaidh, ' a' 
glòrachadh 's a' moladh Dhè, airson nan uile nithe a 
chuala 's a chunnaic mì'." A' cheud uair a chunnaic 
na h-Innseanaich gu'm b'urrainn na Sasunnaich labh- 
airt ri 'chèile, agus an gnothaichean a chur air aghaidh 
cho maith, le litrichean, shaoil leo gu'n robh spiorad 
air a dhùnadh astigh anns gach litir. Chuir fios a 
ghiùlain o àit gu àit le litrichean mòr iongantas air na 
h-Innseanaich bhochd, aineolach. Mar sin, matà, gabh- 
aidh muinntir eile iongantas 'nuair a chi ìad co-chomunn 
aig Criosduidhean ri Dia 'n an dleasanasaibh ; agus 
theirear, " Ciod a tha na Criosduidhean sin a' faotuinn 
anns na Sgriobtuiribh sin, anns na searmoinibh sin 
agus anns na h-urnuighean sin a tha nis a' lìonadh an 
cridheachan le aoibhneas cho mòr, agus 'g an togail cho 
àrd os-ceànn muinntir eile ?" Gu cmnteach, cuidichidh 
Dia sinn gu pailt ann an coimhlionadh ar dleasanais, 
ma bhitheas sinn an còmhnuidh dìchiollach, seasmhach. 
Mur trèig thusa do shonas fèin, cha trèig Dia a 
chaoidh thu. Cuimhnich, uime sin, a bhi gu dùrachd- 
ach a' sìor-ùrnuigh airson do mhinisteir, gu'n cuireadh 
Dia teachdaireachd spioradail 'n a bhèul, a bheathaich- 
eas agus a dh-ùraicheas do spiorad le bl&s nèamhaidh. 
Ach gu-ma feàrr leat focal Dhè fèin a thoirt leat na 
briathran a' mhinisteir. 

6. Gnàthaich gach cuspair, gach cùis 'us uair, a 
chum d'anam a chumail ann am beò chuimhne air 
dlùth theachd na foise so. Is meadhon gach freasdal 
'us crèutair a chum ar treòrachadh a dh-ionnsuidh ar 
fois' ; oir is ì crìoch nan uile nithe anns a' bheatha so 
fèin sinne 'chuideachadh ann an ullachadh airson nèimh. 
Cha bhitheadh na beannachdan a's taitniche, a tha Dia 
a' buileachadh òirnn an diugh, leth cho taitneach 's a 
tha ìad, mur bitheadh ìad a' comharrachadh amach 
taitneis na's mò dhuinn. Cha n-'eil agad ach an lòm 
eàrlas, gun ghuth air d'àrd thuarasdal, 'nuair a ghabhas 
tu do thròcairean eile, gun chuimhne agad idir air do 
chrùn. b'fheàrr gu'n robh Criosduidhean na's 
eòìaiche air an ealantas so I Faodaidh tu do Bhìobull 



a choimhead air thalamh. 271 

f hosgladh,agus sealltuinn fòs annan leabhar mòr nàduir 
agus an fhreasdail mu-n-cuairt duit, agus lèughadh 
ànnta sin mu Dhia agus mu ghlòir. Na'n oleachdamaid 
sinn-fèin mar so ri cuimhneachadh air ar fois, dh-f haod- 
amaid blasad air Criosd agus air nèamh, aig gach 
trà cumanta, ann an tomhas na's mò na bhlaiseas a' 
mhòr chuid de dhaoinibh aig bòrd na sàcramaid. Ma 
shoirbhicheas tu ann do ghnothaichean aimsireil, dean- 
adh sin do chridhe na's cuimhniche air do shoirbheach- 
adh sìorruidh. Ma tha thu sgìth le obair, deanadh sin 
do smuaintean air d'f hois shìorruidh na's mìlse dhuit 
Ma bhitheas cùisean a' dol 'n a d' aghaidh, 'us tu air do 
shàrachadh leo, deanadh sin do mhìann na's dùrachaiche 
chum crìoch, 'fhaicinn gu bràth air gach trioblaid agus 
bròn. Am bheil do chorp air 'ùrachadh le biadh agus 
cadal ? cuimhnich air an ùrachadh do-mheasraichte 
sin a gheibhear maille ri Criosd. 'Nuair a chluinneas 
tu deadh sge'ul, cuimhnich cia aoibhneach, ait an sgèul, 
trompaid Dhè, agus fàilt mholaidh Chriosd a chluinntinn. 
'Nuair a gheibh thu mòr thaitneas ann an cuideachd 
neo-iomlain nan naomh air thalamh, cuimhnich air a' 
chuideachd iomlain a bhitheas air rièamh. 'Nuair a 
gheibh thu do spiorad air a bheothachadh le Dia, 
cuimhnich air àm do mhòr àrdachaidh, 'nuair a bhitheas 
do cho-chomnnn ri Dia agus d'aoibhneas sàr làn. 
'Nuaip a chluinneas tu buaireas garg nan aingidh, agus 
aimhreit an t-saoghail, cuimhnich air a' chòrdadh mhilis, 
bheannaichte sin a ta air nèamh. 'Nuair a chluinneas 
tu stoirm atmhor, gharg a' chogaidh, cuimhnieh air an 
là sin air am bi thu-fèm ann an làn shìth gu bràth fo 
sgìathaibh " Prionnsa na sìthe." Mar sin bheir gach 
uair, cor 'us crèutair comas dhuinn cuimhneachadh air 
a' bheatha nèamhaidb, ma's àill leinn ar cridheachan a' 
shocrachadh air fèum a dheanamh dhiubh. 

7. Bi tric ri obair nèamhaidh a' mholaidh. Mar a's 
nèamhaidh d'obair, is ann a's nèamhaidh a bhitheas do 
spiorad. Is è moladh Dhè, obair nan aingeal agus nan 
naomh air nèamh, agus is ì sin an obair a bhitheas 
againn-ne gu sìorruidh, agus na'n robh sinn na's trice 
ris an obair so an diugh, is ànn bu choltaiche 'bhith- 
eamaid ris an staid anns am bi sinn air nèamh. Is è 



272 Sèoladh gu Caithe-beatha neamhaidh 

ìarrtas, creidimh agus dòchas a's giorra 'mhaireas na 
gràdh agus gàirdeachas ; agus mar sin sguiridh sear- 
monachadh, ùrnuigh. agus na Sàcramaidean, maille ris 
gach meadhon eile 'tha nis a' nochdadh 's a' daing- 
neachadh ar creidimh agus ar dòchais, 'nuair a thòisich- 
eas guth àrd-aoibhneach a' ghràidh agus a' ghàirdeachais 
sin a mhaireas gu sìorruidh. Faic pobull Dhè cruinn 
maille ri 'cheile fo àrd mhothachadh air a chumhachd, 
air 'òirdheareas agus air a mhaitheas, an cridheachan 
air an l\onadh le aoibhneas agus gràdh, araon an cridhe 
's an guth a' co-aonadh le 'chèile, 'us ìad gu suilbhir, 
ceòlmhor, bìnn a' sdinn àrd mholaidh do Dhia. Sin agad, 
matà, cho fad agus is aithne dhomh-sa, an sàmhladh 
air nèamh, a's soilleire a's urrainnear 'fhaicinn air 
thalamh. Sin taitneas a dhearbhas, cosmhuil ri obair 
an Spioraid, gur ànn o Dhia a ta è, agus is fianuis ànn- 
fein gach taitneas mar sin, gur nèamhaidh an cumhachd 
leis an do ghineadh è. 

Is beag is aìtlme dhuinn am milleadh mòr a tha sinn 
a' deanamh òirnn-fem, 'nuair nach cluinnear moladh 
Dhè againn maille ri ùrnuigh, no le ùin 'us aire cho 
beag a bhuileachadh air obair a' mholaidh 's a gheibh- 
ear mòran a' toirt dì, am feadh a gheibhear ìad gu tric 
'us pailt ri aideachadh 'us aslachadh. Cuimhnich, a 
lèughadar, guidheam ort, tuilleadh ùine agus mòr 
chùram a bhuileachadh air moladh Dhè, anns gach 
dleasanas. Deasaich do chridhe airson molaidh, cho 
maith 's a dheasaicheas tu è airson aideachaidh 'us 
aslachaidh. Chum na crìche sin, smuainich air òir- 
dhearcas agus air maitheas an Tighearna, cho tric 's a 
smuainicheas tu air d' uireasbhuidh agus air do neo-air- 
idheachd fèin ; smuainich air na tròcairean a f huair thu, 
agus air na tròcairean a tha air an gealltuinn dhuit, cho 
tric 's a smuainicheas tu air na peacaidhean a rinn 
thu. Bi tric a' moladh Dhè airson na thug agus na 
gheall è dhuit. " Do na h-ionraic tha cliù cìatach." 
" Esan a dh'ìobras moladh, bheir è glòir do Dhia," 
" Molaibh an Tighearn, oir tha an Tighearn maith • 
seinnibh cliù d'a ainm, oir tha e taitneach." Salm 33. 
1 ; S. 50. 23 ; S. 135. 3. " Thugamaid suas ìobairt 
buidheachais do Dhia a ghnàth, 's e sin, toradh ar 



a choimìiead air thalamh. 273 

bilean, a toirt molaidh d'a ainm." Eabh. 13. 15 
Nach b'f hìor nèamhaidh spiorad Dhaibhidh, a bha cho 
dùrachdach, tric ris an obair nèamhaidh so ? Naoh 
togar suas ar cridheachan, 'nuair nach dean sinn ach 
amhàin òran Mhaois, agus sailm Dhaibhidh a lèugh- 
adh ? Nach mò na sin gu mòr a gheibheadh ar spioradan 
an togail agus an tirachadh, na'n robh sinn-fein gu 
h-eòlach, tric ris an obaìr so. 

nach eagalach boile na h-òigridh a chaitheas 
neart an cuirp agus an ìnntinn air taitneasaibh dìomh- 
ain agus air ana-mìannaibh feòlmhor a ta cho mì-chubh- 
aidh do'n obair àrd-òirdheirc a dh'òrduicheadh airson 
an duine ! Agus ! nach peacach amaideas mhòran 
de na naoimh, a gheibhear a' sìor-bhàthadh an spioradan 
fèin ann an dubhachas, agus a' caitheamh an làithean 
ri gearan 'us osnaich, agus mar sin 'g an deanamh fèin 
eadar chorp 'us ìnutinn, neo-fhreagarrach gu dhol air 
aghaidh gu suilbhir, rèidh leis an obair mhilis, nèamh- 
aidh so ! 'An àit a dhol le sluagh Dhè 'g a mholadh gu 
subhach, is ànn a gheibhear na crèutairean dorch, gear- 
anach, gruamach sin a' seasamh ann an teagamh mu'n 
airidheachd agus mu'n iomchuidheachd fèin, agus a' 
dubh-smuaineachadh air an truaighean fèin, agus leis 
an droch dhòigh sin a' spùinneadh a ghlòire fèin o Dhia, 
agus a' gearradh air falbh an sòlais fèin. Ach is beag 
sòlas fallain a gheibhear ann an obair a' mholaidh, 
'nuair nach 'eil ìnnte ach amhain fònn 'us ceòl bìnn a' 
bheòil a' toileachadh na cluaise, agus ar crideachan 
dìomhanach, gun dad idir a dheanamh dhì, ged is ànn 
doibh bu chòir a bhi làn dhì, no mar tha 'n t-Abstol 
ag ràdh, ' deanamaid ceòl do'n Tighearn ann ar cridhe.' 
Is mìllteir mòr air obair an fhìor mholaidh cridhe 
dìomhanach, — cridhe gun cheòl 's an taobh-stigh dheth. 

8. Cum d'anam làn de smuaintibh creidmheach air 
gràdh neo-chriochnach Dhè. Is è gràdh a ghineas 
gràdh. Is tearc ìadsan a tha cho fìor thruaillidh as 
nach grkdhaich ìad a' mhuinntir a bheir gràdh dhoibh. 
Gun teagamh is è bks ar beatha nèamhaidh, smuaintean 
cruaidh, no fuathach a thogail, no altrum mu thimchioll 
Dhè, no 'smuaineachadh air mar aon leis am b'fheàrr 
sinne 'mhallachadh na sinne 'theàrnadh. B'è sin an 



274 Seòladh gu Caithe-beathd nèamhaidh 

Dia beannaichte a clrar ann an coltas Shàtain. 'Nuair 
a ghabhas neach tre aineolas agus às-creidimh, droch 
bheachd, no barail chlaon, chàm mu thimchioll Dhè, 
'n amntinn, an sin tòisichidh è air gearan nach urrainn è 
Dia a ghràdhachadh. Agus gheibhear a' chùis mar 
sin do thaobh iomadh mìle Criosduidh. Och ! Och ! 
sinne mar sin a' toirt toibheim do Dhia na glòire, a 
ghràdhaich sinn cho mòr, agus a' sgealbadh ar gàird- 
eachais fèin £s a chdile ! Nach 'eil an Sgriobtuir 'g ar 
deanamh cìnnteach gur " gràdh Dia." 1 Eò. 4. 16. 
Agus nach 'eil idir " dìan chorruich ànn-san." Isà. 27. 
4. Agus nach " 'eil tlachd air bith aige ann am bàs 
an aingidh ; acb gu'm pilleadh an t-aingidh, agus gu'm 
biodhèbeò." Esec. 33. 11. A bhàrr air sin, dhearbh 
Dia a ghràdh d'a phobull taghta fèin, agus a làn rùn 
an teàrnadh gu h-èifeachdach. b'f hekrr gu'n smuain- 
icheamaid a ghnàth air Dia, mar a smuainicheas sinn 
air caraid, mar aon aig am bheil gràdh buan, glan 
dhuinn, seadh, gràdh na's mò na gheibhear againn-ne 
dhuinn-fèin, mar aon a shocraich a chridhe fèin òirnn-ne, 
chum maith a dheanamh dhuinn, agus a dh'ullaich 
ionad-còmhnuidh sìorruidh dhuinn maille ris-fèin ; na'n 
smuainicheamaid air Dia mar sin, is ann bu taitniche 
leinn ar cridheachan a ghnà-chumail maille ris ! Is Snn 
air a' chuspair a's ànnsa leis a' chridhe, a smuainicheas 
è gu tric, taitneach, suilbhir. Tha eagal òrm gur mò 
leis a' mhòr chuid de Chriosduidhean gràdh caraid 
aoidheil na gràdh Dhè\ Cha n-ìongantach, matà, ma 
ghràdhaicheas ìad an eàirdean na's mò na Dia, geda 
b'fheàrr leo còmhnuidh a ghabhail maille riutha, na 
maille ri Dia. 

9. Thoir fainear gu cùramach agus caidrich gach 
aomadh a thig o spiorad Dhia. Ma dh-èireas d'anam 
gu bràth na's àirde na 'n talamh so, agus ma dh-fàsas 
tu eòlach air a' bheatha nèamhaidh so, cuimhnich, fèum- 
aidh d'anam a bhi air a thogail suas le Spiorad Dhia, 
mar bha Eliah air a thogail suas leis a' charbad — is è 
'n Spiorad do charbad-togail, — seadh, d\reach am beò 
chumhachd leis an èudar dhuit a bhi air do ghluasad 
a^us air do thogail. Hò l matà, na cuir-sa doilgheas 
air d'f hear-treòrachaidh naomh, na mùch do bheatha, 



a choimhead air thalamh. 275 

na tilg uait cuibhleachan do charbaid ! Is beag d'fhios' 
gus an tuig thu è, cia raòr a mheudaichear gràs duit> 
agus a dh-àraichear sonas d' anama, le gabhail ris an 
Spiorad gu h-ùmhal, gu toileach agus gu h-ealamh. 
Ma dhìùltas thus' an Spiorad, 'nuair a dh-aomas è do 
chridhe gu dleasanas na h-ùrnuigh, uaigneach no 
follaiseach, no 'nuair a bhacas è do pheaeadh aithnichte 
dhuit, no 'nuair a chomharraicheas ò mach dhuit an 
t-sligh air an còir dhuit gluasad, cha n-iòngantach ged 
bhitheadh nèamh agus d'anam aineolach air a chèile. 
Mur àill leat an spiorad a leantuinn, 'nuair a tha è ag 
ìarraidh do tharruing leis a dh-ionnsuidh Chriosd agns 
do dhleasanais ; ciamar a threòraicheadh è gu nèamh 
thu, agus a bheireadh è do chridhe stigh an làthair 
Dhe\ Is spioradail a' chobhair agus is rèidh an rathad 
a gheibh d' anam gu teachd dlùth do'n Uile-chumhachd- 
ach, , nua i > a bheir è làn ùmhlachd sheasmhach do 
ghairmibh an Spioraid ! Ach nach rag, leisg, marbh, 
nàireach a gheibhear an duine sin ann an labhairt ri Dia, 
a bhris gu tric air falbh o'n Spiorad a bha gu mìn, ciùin, 
caomh ag ìarraidh a threòrachadh ! A lèughadair, ma's 
Criosduidh thu, nach fhaigh thu air uairibh aomadh, no 
ìarrtas làidir annad-fem gu dhol gu taobh o'n t-saoghal, 
agus gu teachd dlùth do Dhia ? Na diùlt, matà, ach lean 
an t-aomadh maith so, gabh an tairgse, agus tog suas na 
siùil agad, fhad 's a mhaireas an oiteag bheannaichte so 
a' sèideadh air d'anam. Mar a's mò 'dhiultas sinn an 
Spiorad, is ànn a's doimhne 'thèid ar lot ; agus mar a's 
mò ghabhas sinn ri sanasaibh an Spioraid, is ann a's 
luaithe 'thig ar stth. Is ann o'n Spiorad Naomh a tha 
gach deadh srauain, gach deadh rùn, gach deadh thoil, 
agus gach deadh ìarrtas a ghluaiseas do cridhe. Am 
bheil eagal glan ort nach 'eil an Spiorad agad ? Ma tha, 
sin dhuit-sa deadh chomharradh — obair an Spioraid fèin. 
10. Is ì mo chomhairle dhuit, a chum do chuideach- 
adh anns an obair nèamhaidh so, na dearmaid cùram 
dligheach a ghabhail mu shlàinte do chuirp. Is fèumail 
an seirbhiseach do chorp, ma bheirear a dhìighe fèin 
dhà, agus gun tuilleadh ach a dhlighe fèin. Ach is 
ain-tighearn cruaidh, glutach, bèisteil, mìllteach è, ma 
rìaraichear a chail mhi-rèusantach : agus cha n-fheàrr 



276 Seòladh gu Caithe-beatha nèamhaidh 

è na sgìan mhaol, ma chumar uaith gu mì-cheart na tha 
fèumail a chum a chumail suas. 'Nuair a bheirear 
fainear cho tric 's a tha daoine a' dol dochair anns an 
dà chùis so, — ann an toileachadh a' chuirp gu ro phailt, 
no gu ro ghann — agus cho tearc 's a tha ìadsan a 
gheibhear a gnàthachadh nan corp aca-fèin gu ceart, cha 
n-iongantach ged bhitheadh an conaltradh ri nèamh air a 
bhacadh gu mòr, no geda thaìad aineolach air a' bheatha 
nèamhaidh. Gheibhear a' mhòr chuid de dhaoine 'n an 
tràillean d'an càil fèin ; is gànn a dhiultas ìad ni sam- 
bith do'n f heòil, agus an lorg sin leanaidh ìad taitneas 
na feòla gu toileach, agus ribear \ad le amaideas, le 
ana-mìann no còmpanaich dhìomhain, 'nuair bu chòir 
dhoibh an ìnntinn a thogail suas a dh-ionnsuidh Dhè 
agus nèimh. Ma's ionmhuinn leibh bhur n-anamanan 
" na deanaibh ulluchadh airson na feòla, chum a h-ana- 
mìanna a choimhlionadh." Ròm. 13. 14. Agus togaibh 
leibh na briathran so eile, 'us bithibh air bhur teagasg 
leo gu slàinteil : — " Oir an inntinn fheòlmhor is bàs i ; 
ach an inntinn spioradail is beatha agus sìth i : do 
bhrìgh gur naimhdeas an inntinn f heòlmhor an aghaidh 
Dhd ; oir cha-n 'eil i ùmhal do lagh Dhè, agus cha mhò 
a tha'n comas di 'bhi. Uime sin cha-n urrainn iadsan 
a tha 'san fheòil Dia a thoileachadh. Uime sin, a 
bhràithre, tha sinn fo fhiachaibh, cha-n ann do'n fheòil, 
chum ar beatha a chaitheadh a rèir na feòla. Oir ma 
chaitheas sibh bhur beatha a rèir na feòla, gheibh sibh 
bàs : ach ma mharbhas sibh tre'n Spiorad gnìomhara 
na colla, bithidh sibh beò." Ròm. 8. 6-8, 12, 13. # Tha 
cuid a' milleadh an gàirdeachais nèamhaidh fèin gu 
mòr, le àicheadh a nithe fèumaii do'n chorp, agus mar 
sin 'g a dheanamh neo-chomasach air a sheirbhis a 
dheanamh dhoibh. Mur bitheadh ìad sin ach a' ciùrr- 
adh na feòla 'n a h-aonar, cha bu mhòr an càll è, ach 
tha ìad fòs a' ciùrradh an anamanan fèin, dìreach mar 
chihrrar an luchd-còmhnuidh, no teaghlach 'nuair a 
bhrisear an tigh os an ceànn. 'Nuair a bhitheas an 
corp tmn, lagaichear ar misneachd, agus is tròm, mall, 
(ann a ghluaiseas ar smuaintean air aoibhneasaibh nèimh. 



277 



Caibdeil XIII. 

Nàdur a' Mheorachaidh Nèamhaidh, agus an t-Am, 
an t-Ait, agus an t-UUachadh ìnntinn, a tafreag- 
arrach air a shon. — (Faio Caib. xvi.) 

Guidheam ort aon uair fathast, a lèughadair, mar 
dhuine glio do'n aithne do dhleasanas foillsichte, agus 
do nach dàna gairm an Spioraid a dhiùltadh le do dheòn, 
agus leis an luachmhor sòlas àrd nan naomh, agus obair 
aoibhneach a' mheòrachaidh nèamhaidh a thogas suas 
an t-anam, — tòisich gu luath, gu dìchiollach, fìrinneach, 
ri cleachdadh nan seòladh a bheirear dhuit anis. Mar 
faio thu gu'm meudaichear d'uile ghràs leis an obair 
mheòrachaidh so, agus gu'm fàs thu suas gu àirde na's 
mò na Criosduidhean cumanta, agus gu'm bi thu air do 
dheanamh na's fèumaile 'n a d'àit fèin, agus na's luach- 
mhoire ann an suilibh nan uile dhaoine glice, tuigseach ; 
mur faigh d'anam co-chomunn na's mò ri Dia, agus 
mur faigh thu sòlas beatha na's pailte agus dòchas tre 
'n obair so a bheir dhuit neart 'us socair aig uair a' 
bhàis — an sin, tilg uait gach seòladh a thug mise, agus 
dìt mì gu bràth mar mhealltair. 

So dhuit, matà, an dleasanas a ta mis' a' sparradh 
ort cho dùrachdach, agus a' seòladh dhuit anis ciamar 
is còir dhuit a dheanamh. Gu h-àraid, — " Oibrich gu 
suidhichte, cùramach uile bhuaidhean d'anama le 
meòrachadh, no beachd-smuaineachadh air d'fhois 
shìorruidh." A chum nàdur an dleasanais so a dhean- 
amh soilleir, ni mì, anns a cheud àit, beagan mìneach- 
aidh air, agus an dèigh sin comharraichear amach an 
t-Am, an t-Ait agus a' mhèinn, no am fònn inntinn a's 
freagarraiche air a shon. 

1. Is è Meòrachadh nèamhaidh, matà, beachd-smuain- 
eachadh air nithibh spioradail. Aidiehear an dleasanas 
so leis na h-uile dhaoine, ach gheibhear a' mhòr chuid 
diubh 'g a àicheadh 'n an cleachdadh. Dearmaididh 
mòran an dleasanas so, do nach ceadaich an coguis 



278 Nàdur a' Mheorachaidh Neamhaidh 

dleasanais eile 'dhearmad. Is duilich leo ma chailleas 
iad searmoin, no là trasgaidh, no uair na h-ùrnuigh, no 
àm aoraidh sam-bith eile, uaigneach no follaiseach, ach 
cha duilich leo idir uair a' mheòrachaidh a chàll, no 
'dhearmad ; ma dhaoite, fad uile làithean am beatha, 
gus an là an diugh, ged is ann leis an dleasanas so a's 
feàrr a bheothaichear agus a leasaichear gach dleasanas 
eile, agus a bheirear comas do'n anam air an fhìrinn a 
mhearbhadh a chum a bheathachadh agus a lìonadh le 
sòlas. B' ì àithn Dhè do Iosua, " Cha tèid leabhar an 
lagha so as do bheul ; ach beachd-smuainichidh tu air 
a là agus a dh'oidhche, chum gu'n toir thu 'n aire gu'n 
dean thu a rèir gach ni a ta sgrìobhta ann : oir an sin 
bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin 
ni thu gu glic." Ios. 1. 8. Mar thionndaidheas am 
biadh anns an stamaig gu leann-goile (chyle) agus fuii a 
chum neart agus slàint a thoirt do'n chorp, mar sin 
tionndaidhidh meòrachadh na fìrinnean, a ghabhar agus 
a chuimhnichear leis an anam, gu aignidhean blàth, 
rùn làidir agus còmhradh naomh. 

Anns a' mheòrachadh so oibrichear uile bhuaidhean 
an anama. Is ì so obair nam beò agus cha n-ì obair 
nam marbh. Is obair fìor spioradail agus fìor àrd ì so 
seach gach obair air-bith eile ; agus air an aobhar sin, 
cha ghabh ì deanamh gu maith le cridhe nach 'eil ach 
feòlmhor, talmhaidh. Fèumaidh an cridhe beagan 
dàimh a bhi aige ri nèamh, mu'n urrainn è eirigh gu 
h-eòlach, saor a dh-ionnsuidh nèimh. Is ìadsan aig am 
bheil còir air fois, a thatar a' cìallachadh, 'nuair a 
thathas a' comhairleachadh dhoibh gàirdeachas a dhean- 
amh ann am meòrachadh air fois. Agus ma's Criosd- 
uidh thus,' a lèughadair, tha mìs' anis a' comhairleach- 
adh dhuit a bhi gnìomhach, dìchiollach. Is ì obair 
d'anam' a thathas a'cur romhad, ' oir is beag tairbh a' 
chleachdaidh chorporra an so.' Fèumar uile bhuaidhean 
d'anama oibreachadh air a' mheòrachadh so, chum 
'eadar-dhealachadh o mheòrachadh cumanta luchd- 
ionnsuchaidh eile. Cuimhnich, cha n-ì do thuigse, 
d'anam uile ; agus chan-urrainn do thuigse an obair so 
a dheanainh uile. Ann am beathachadh do chuirp, 
fèumaidh do stamag am biadh a thionndadh gu leann- 



agus Ullachadh air a shon. 279 

goile (màthair na fola.) agus a dheasachadh airson an 
sgamhain, agus fèumaidh an sgamhan 's an dubh-lìath 
a thionndadh gu fuil, agus a dheasachadh airson a' 
chridhe agus na h-eanchainn ; mar sin, matà, ann am 
beathachadh d'anama, 'fèumaidh do thuigse an fhìrinn 
a ghabhail astigh agus a deasachadh airson do thoile, 
agus do thoil a deasachadh airson d'aignidhean. Tha 
caochladh òirdhearcas mòr ann an Criosd agus nèamh, 
agus arèir sin thug Dia caochladh comas do'n anam a 
chum gach òirdhearcas a tha ànnta sin a thuigsinn. 
Ciod a b'f heàirrd sinn luibhean cùbhraidh, mur b'ur- 
rainn sinn an cùbhraidheachd 'fhaireachadh ? Ciod a 
b'f heàirrd sinn eàinnt, no ceòl, mur bitheadh clàisteachd 
againn ? Ciod an taitneas a ghabhamaid ann am biadh 
'us deoch, mur faigheamaid bììis orra ? Mar sin, matà, 
ciod am maith a dheanadh uile ghlòir nèimh dhuinn, no 
ciod an tlachd a ghabhamaid ann an àrd iomlanachd 
Dhe" fe"m, na'm bitheamaid a dh-easbhuidh aignidhean 
a' ghraidh agus a' ghàirdeachais ? Agus ciod au neart, 
no idir a' mhìlseachd a's urrainn thusa 'f haotuinn ann 
am meòrachadh air an t-sìorruidheachd, 'nuair nach 
'eil tlm idir ag oibreachadh aignidhean sin d'anama, 
leis am fdumar a' mhìlseachd agus an neart a ta ann an 
nithibh sìorruidh aithneachadh leat ? Is è mearachd 
mòr Chriosduidhean ìad a bhi 'smuaineachadh nach 'eil 
ni sam-bith anns a' mheòrachadh so ach obair na tuigse 
agus na cuimhne, — obair a dh-fhaodas gach balaclian- 
sgoil' a dheanamh, no ìadsan leis am fuathach na nithe 
air am bheil iad a' smuaineachadh Mar sin chithear 
gu'm bheil na's mò ri dheanamh na lom chuimhneaeh- 
adh agus lom smuaineachadh air nèamh. Tha iomadh 
obair ann air am fdumar, cha n-è mhàin làmh no cas, 
ach a choluinn uile a làn oibreachadh ; agus dìrcach 
mar sin, feumar an t-anam uile a chleachdadh ris a' 
mheòrachadh nòamhaidh. 

Tha aignidhean a' pheacaich cho maith ri 'thuigse 
suiiìhichte air an t-saoghal, agus fuaighte ri iodholaibh, 
agus air luiteam air falbh o Dhia ; ach ann an cdum a 
theamaidh, fèumaidh aignidhean a' pheacaich chomaith 
ri 'tlmigsc a bhi air an làn-phillcadh a dh-ionnsuidh 
Dhe. Ajrus mar bha'n t-anam uile air a lìonadh roimhe 



£80 Nàdur a? Mheòrachaidh Nèamhaìdh 

leis a' pheacadh, fèumaidh an t-anam uile 'bhi air a 
lìonadh anis le Dia. Faic iomradh Dhaibhidh air an 
duine bheannaichte, " Tha tlachd" an duine sin " ann 
an lagh an Tighearna, agus smuainichidh (no meòraich- 
idh) e air a lagh-san a là agus a dh'oidhche." 
Salm 1. 2. 

Is meòrachadh suidhichte agus cùramach è so. Is 
ùrnuigh stòlda, no shocrach a nithear, an uair a shuidh- 
icheas neach e-fèin gu lèir air an dleasanas so ; agus is 
ùrnuigh ghoirid, no chabhagach a nithear, an uair a 
chuireas neach achanaich ghoirid, ghrad suas ann am 
mionaid a dh-ionnsuidh Dhè, air an àm a's mò a 
chabhag le gnothaichean eile. Mar-an-cèudna, is meòr- 
achadh socrach a ni sinn, an uair a bheir sinn sinn-fèin 
gu h-iomlan do'n obair mhaith so, agus is meòrachadh 
caochlaideach a ni sinn an uair a ghleidheas sinn 
smuaintean maith mu Dhia ann ar c'ridheachan, ameasg 
ghnothaichean eile. Agus mar nithear iirnuigh air 
amaibh suidhichte, gu cunbhalach mar dhleasanas, no 
air uairibh, no air àm sònruichte, mar sin fòs nithear 
meòrachadh. Anis is maith meòrachadh a dh-fhaodas 
a bhi air a mheasgachadh le gnothaichean cumanta, no 
air a dheanamh mar ghairmeas làithean àraid ort, ach 
is feàrr gu mòr a dheanamh gach là gu seasmhach, mar 
dhleasanas cunbhalach, mar nithear ùrnuigh, èisdeachd, 
agus lèughadh nan Sgriobtuir air gach la ; agus na 
measgaich cùisean eile maille ris an obair so, na's mò 
na mheasgaicheas tu ìad maille ri ùrnuigh, no dleasanas 
naomh eile. 

Bithidh am meòrachadh so air d'fhois shìorruidh. 
Cha n-'eilear idir ag ìarraidh ort gach meòrachadh 
ceart eile a leigeil dhìot. Ach a chionn gur è nèamh a's 
àrd-inbhiche luach, gu cìnnteach is è àit a's feàrr is 
f hìaoh dhuinn meòrachadh air. Is è 'n ni sin a's sona 
a ni sinn an uair a gheibhear è, a's aoibhnich' a ni sinn 
an uair a mheòraichear air. Is iomadh meòrachadh 
eile a ta ann. Tha ìad cho lìonmhor ri ruinn nan 
Sgriobtuir, no ri crèutairibh an domhain, no ri freasdal- 
aibh àraid ann an riaghladh an t-saoghail. Ach is 
cèum am meòrachadh so gu " sliabh Shioin," — gluasad 
o rìoghachdan an t-saoghail so gu rìoghachd nan naomh 



agus Ullacho.dh air a shon. 281 

o'n thalamh gu nèamh ; o thìm gu sìorruidheachd. Is 
è so sràid-imeachd a' cnridhe air a' ghrèm, air a' gheal- 
aich, agus air na rèultaibh ann an gàradh 's am pàrraa 
Dhe". Faodar nèamh a shaoiltinn fad-às, ach is Iuath- 
chasach spioradan ; " ma's ann 's a' choluinn, no às a' 
choluinn," is luath, grad an cèum gu nèamh. Na bith- 
eadh eagal ort, cosmhuil ri sluagh an t-saoghail, gu'n 
cuir na smuaintean sin à do chìall thu. Thoir an aire, 
is ànn gu nèamh, 'us cha n-ànn gu ifrinn, a thàtar a' 
comhairleachadh dhuit gluasad. Is è gàirdeachas, 'ub 
cha n-è bròn, a thàtar a' comhairleachadh dhuit a 
chleachdadh .Cha n-'eilear a' sparradh idir ort amharc 
air cuspairibh suarach, tàireil ach amhàin air glòir àrd- 
aoibhnich nan naomh, agus air òirdhearcas do-labhaht 
Dhè na glòire, agus air na gathaibh soluis a tha nis a' 
sruthadh amach o ghnùis a Mhic. Am buairear duine 
le smuaineachadh gu ceart air a shonas fèin ? Am buair- 
ear crèutairean truagh le smuaineachadh air tròcair? 
Am buairear am prìosanach le sùil a thoirt roi-làimh air a 
shaorsa fèin ? Am buairear daoine bochda le smuain- 
eachadh air teachd dlùth air saoibhreas agus onoir 
dhoibh-fèin ? Is ànn a shaoileamaid gur ann bu dòcha 
duine cìallach a bhi air a bhuaireadh le smuaineachadh 
air a bhith beò anns an t-saoghal thruagh so, agus air 
fantuinn ann am bochduinn 's 'an easlaint, ameasg nan 
aingidh gun chìall, na le smuaineachadh air a bhith beò 
gu bràth maille ri Criosd ann an sonas na glòire. 
" Ach a ta gliocas air a fìreanachadh le a cloinn uile." 
Lùc. 7. 35. Cha n-'eil nàmhaid aig eòlas ach na 
h-aineolaich. Cha n-abair neach aon f hocal an aghaidh 
an rathaid nèamhaidh so, ach ìadsan do nach b'aithne 
riamh è, no ìadsan nach do choisich riamh air. Is mò 
m' eagal do thaobh na muinntir a gheibhear ag aontach- 
adh leis, na do thaobh nan ìnnleachd agus nan argumaid 
a thogar 'n a aghaidh. 

I. Theirear focal anis air an àm a's freagarraiche 
airson a' mheòrachaidh nèamhaidh so. Matà, bitheadh 
an t-àm so — suidhichte, bidheanta, deadh-thràthail. 

1 Thoir àm suidhichte do'n mheòrachadh so. Seall 
ri buannachd na h-oibre, agus air eagal tuiteam ann ara 



282 Nddur a 1 Mhedrachaidh Nèamhaidh 

baoth-chreidimh,* feuch nach saoil thu gu'm bheil 
diadhachd air-bith anns an àm fèin. Is callaid, no 
balla-dìon do dhleasanas, àm suidhichte. Ts tekrmunn 
è f òs an aghaidh iomadh bnairidh agus dearmaid. Is 
lìonmhor ìadsan aig nach 'eil an tiin 'n an làimh fein, 
agus an lorg sin cha n-urrainn ìad uair a shuidheach- 
adh, agus tha mòran eile cho bochd as nach ceadaich 
easbhuidhean an crannchuir dhoibh an t-saorsa so a 
ghabhail. Ach bitheadh muinntir mar sin gu caith- 
riseach ag ath-cheannach na h-aimsir, agus a' glacadh 
gach mionaid a's urrainn ìad, agus a' deanamh greim 
air gach fkth-chothrom a thuiteas amach, gu h-àraid, 
cuimhnicheadh ìad meòrachadh goirid a dheanamh 
maille ri ùrnuigh, 'nuair a bhitheas ìad air ceànn an 
gairmean laghail, no rì obair. Ach cuimhnicheadh 
ìadsan uile aig am bheil an tìm 'n an làimh fèin, a^us 
ìadsan a dh-fhaodas, ma's àill leo, uair a' mheòrachaidh 
a ghlacadh gach lk, an dleasanas so a dheanamh air 
àm suidhichte. Ma nithear obair gach là gu riaghailt- 
each air a h-km fèin, is ànn a's feàrr a gheibh sinn 
comas agus eòlas air ùin a dheadh-ghnkthachadh, agus 
air ar dleasanas a choimhlionadh gu ceart. 

2. Bitheadh am meòrachadh so bidheanta cho maith 
ri suidhichte. Ach cia tric is còir dhk 'bhith, sin ni 
nach urrainnear a ràdh, a chionn nach ionann cor, no 
crannchur do na h-uile dhaoinibh. Ach tha è soilleir 
o theagasg an Sgriobtuir gur còir a dheanamh tric. 
Tha'n Sgriobtuir a' labhairt air " smuaineachadh (no 
meòrachadh) a là agus a dh' oidhche." Air an aobhar 
sin, is còir do gach cridhe meòrachadh air Dia gach là, 
do reir an tomhais anns an ceadaich ùin dhà. Faod- 
aidh cuid, ìadsan a' smò cothrom, a bhi na's bidheantaris 
an dleasanas so, na cuid eile, ach cha n-'eil neach sam-bith 
ann nach fhaod beagan ùine, — beagan mhionaidean, — a 
bhuileachadh air gach lk, geda b'ann aig obair an ach- 



# Is è Baoth-chreidimh no saobh-chreitlimh (superstition,) a bhi 
'creidsinn ann an nl nach 'eil idir ann, mar th&buitseachd, taibhsean 'us 
giseagan eile gun bhrigh, gun chomas, anns am bi crèutaireau aineol- 
ìch a' creidsinn. Is è aineolas 'us eagal a bhitheas a' toirt air muinntir 
.jreidsinn ann an nithibh faoin mar sin, cumhachd nach 'eil idir ann, no 
aig nach 'eil bonn air-bith, ach fìamh nah-ìnntinn aineolaich. — Eadar. 



agus Ullachadh air a shon. 283 

aìdh, no 'nuair a dh-imichear air an t-sliabh, no 'nuair 
a sheòlar air a' chuan. Tha meòrachadh bidheanta 
air-leth fèumail. Fàgaidh è an t-anam eòlach air Dia, 
agus bheir è misneachd dhà gu labhairt ris. Faic 
dithis dhaoine tuigseach a bhitheas gu bidheanta ann 
an cuideachd a chèile, fàsaidh ìad fìor eòlach air a 
chèile ; meudaichidh an gràdh d' a chèile ; bithidh tait- 
neas aca ann an comunn a che'ile, agus làn mhisneachd 
gu labhairt ri 'cheile. Areir sin, màtà, is è crìoch àraid 
an dleasanais so ar n-eòlas air Dia, agus ar co-chomunn 
ris a mheudachadh. Ach ma's ainmìg a mheòraicheas 
tu air Dia, is beag eòlas a gheibh thu air. Is coigreach 
dha thn fathast. 'Nuair a mhothaicheas neach a mhòr 
f hèum air Dia, agus a dh-ìarras è cobhair o Dhia air 
uair a thèinn, is mòr a mhisneachd air an là sin gu dhol 
a dh-ionnsuidh an Dè sin air am bheil è eòlach, agus a's 
aithne dhà gu maith. " moladh do Dhia !" arsa 
Criosduidh a' chridhe nèamhaidh, " is aithne dhomh-sa 
càit, agus cò dh-ionnsuidh a thèld mì. Is iomadh uair a 
chaidh mis' air an t-sligh sin roimhe so. Is è so mo 
Dhia ris an robh mo chonaltradh gach là, agus so an 
t-sligh air am b'àbhaist dhomh gluasad gach la. Is 
maith is aithne do Dhia mise, agus tha mis' eòlach 
air-san. 

Air an làimh eile, cia mòr an t-uamhas, am buair- 
eas agus a' mhì-mhisneachd a ghlacas an t-anam, 'nuair 
a dh-èignichear è air uair a thèinn gu ldum a dh-ionn- 
suidh Dhe, ag radh le caoidh, " Och mise ! cha n-f hios 
domh càit an tèid m\ ! Cha deachadh ml riamh a 
dh-ionnsuidh Dhè. Cha n-aithne dhomh an t-sligh sin. 
Cha n-'eil eòlas agam air cùirt nèimh. Cha n-aithne 
do m' anam an Dia sin ris am fèum mi labhairt, agus 
tha eagal òrm nach gabh è rium." Ach an uair a 
thigear gu uchd a' bhàis, agus a dh-fhèumar seasamh 
gun dàil an làthair Dhè, agus dùil aig neach ri dhol 
astigh do 'n f hois shìorruidh, sin an uair air am faicear 
agus air am fairichear gu soilleir, taitneach mòr thor- 
adh agus mòr aoibhneas a' mheòrachaidh nèamhaidh, 
agus a their gach fear-meòrachaidh dìleas, " Tha mis' 
anis a' dol a dh-ionnsuidh an àite sin anns an robh 
cèum 'us mìann mo chridhe gach là roimhe so. Tha 



284 Nàdur a' Mhebrachaidh Nèamhaidh 

mis' a' dol a dh-ionnsuidh an àite sin o'n d'f huaìr mì 
gu tric blasad air taitneas mòr. Tha m' anam a' dol a 
dh-ionnsuidh Dhè a's tric a choinnich è air uair a' 
mheòrachaidh. Is tric a bha mo chridhe air nèamh 
roimhe so, agus a bhlais è air a' mhllseachd ath-bheoth- 
achaidh sin a gheibhear ann am meòrachadh air Dia ; 
agus ma bha mo shùilean air an soillseachadh cho mòr, 
agus mo spiorad air 'urachadh cho mòr, 'nuair nach 
d'f huair mì ach blasad air a' mhìlseachd sin, cia mòr 
m'aoibhneas agus mo shonas, 'nuair a bhitheas mis 
a' beathachadh air gu saor gun sgur !" Air an làimh 
eile cia grathail do neach a smuaineaehadh agus a ràdh, 
" Fèumaidh mì bàsachadh agus mì gun f hios agam 
càit am bheil mì 'dol, a dhol o àit air am bheil mì eòl- 
ach gu àit nach aithne dhomh, agus air nach 'eil eòlas 
idir agam !" ls uamhasach, ann an tomhas nach gabh 
ìnnseadh, smuaintean an duine sin a gheibhear aineol- 
ach air Dia agus air nèamh, aig uair a bhais. Cha 
n-'eil teagamh nach 'eil eagal a' bhàis air a dheanamh 
searbh do dhaoine diadhaidh fè*in, le dearmad air an 
dleasanas so. Uime sin, bitheadh gach Criosduidh a' 
meòrachadh gu bidheanta air Dia. 

Mar mheudaicheas an obair so d'eòlas air Dia, 
meudaichidh ì fòs do sgil air an dleasanas fèin. Nach 
slaodach, cearbach a chuireas daoine an làmhan ri obair 
nach 'eil \ad a' cleachdadh ach ainmig ! Ach an obair 
ris am bheil daoine air an cleachdadh gu bidheanta, 
fàsaidh an cridheachan eòlach oirre, agus bithidh i 
socrach, taitneach dhoibh. A' bhèinn a bha duilich 
dhuit a dhìreadh, agus a thug air d'anail bualadh luath 
air d'uchd, a' cheud uair a choisich thu suas gu 'mull- 
ach, fàsaidh ì na's fhasa dhuit a dhìreadh, mar a's 
eòlaich' a dh-fhàsas tu air an rathad a threòraicheas 
suas thu. Agus an dleasanas a gheibhear duilich a' 
cheud uair a dh-fheuchar ris, fasaidh è socrach, tait- 
neach an dèigh dhuit thu-fèin a chleachdadh ris gu tric. 

Gleidhidh tu mar-an-ceudna am blàs cridhe agus 
a' bheatha nèamhaidh a fhuair thu cheana. Mur ith 
thu bìadh ach amhàin aon uair fad dhà, no trì laithean, 
falbhaidh do neart cho luath 's a thig è. Ma gheibh 
thu fagus do Chriosd tre mheòrachadh naomh, agus ma 



igua Ullachadh aìr a shon. 285 

bhlàthaichear do chridhe le èibhleig a' ghràidh, gun 
teachd d'a ionnsuidh ach ainmig an dèigh sin, is goirid 
gus am fàs thu cho fuar 's a bha thu roimhe. Oir 
cuimhnich, is obair spioradail, — obair nach fàiltich 
nàdur truaillidh, a ta agad ri dheanamh. Is cinnteach 
gu'm faod cleachdadh dhleasanas, gu h-àraid ùrnuigh 
uaigneach, mòran a dheanamh chum d'anam a chumail 
shuas ; ach 's a' chuid a's mò, is è meòrachadh beatha 
nan dleasanas eile, agus is è sealladh de nèamh beatha 
do mheòrachaidh. 

Roghnaich fòs ran t-àm a's deadh-thràthaile. Is 
maiseach, maith na h-uile nithe 'n an àm fèin. Mur bi 
d'àm deadh-thràthail, faodaidh tu toradh do shaothair 
a chall, d'obair a dheanamh an-shocrach agus do 
dhleasanas a thionndadh gu peacadh dhuit-fèin. Faod- 
aidh nach bi an uair a bhitheas deadh-thràthail do aon 
neach, deadh-thràthail do neach eile. Feumaidh 
seirbhisich 'us cosnaich an t-àm sin a ghabhail a's feàrr 
a cheadaicheas an gnothaichean eile dhoibh. Ach 
faodaidh tu, ma's àill leat, an dleasanas so a dheanamh 
ann an tomhas maith air ceànn d'oibre aimsireil, air 
turus, no 'nuair a tha thu sìnte air do leabaidh mu'n 
caidil thu 's an oidhche. Iadsan a dh-f haodas uair sam- 
bith de 'n là 'ghabhail, deanadh ìad àm suidhichte de 'n 
uair sin air am mò 'gheibh ìad an spioradan air am beoth- 
achadh, agus air an deanamh freagarrach airson meòr- 
achaidh. Is b 'm feasgar, o dhol fodha na grèine, anns 
a' ghlomanaich, an t-àm a's freagarraich' af huair mi-fèin 
riamh. Dh'ainmich mì so do bhrìgh gu'm b'è sin àm 
meòrachaidh duine 'bu ghlice agus a b'f hekrr na mise ; 
oir tha è sgrìobhta, " Chaidh Isaac amach a bheachd- 
smuaineachadh 's an f haiche air feasgar." Gen. 24. 
63. Tha là an Tighearna anabarrach freagarrach airson 
an dleasanais so. Ciod an t-àm a's freagarraiche gu 
meòrachadh air fois, na là sin na fois' a tha cho soilleir 
a' sàmhlachadh amach ar foise sìorruidh ? Gu cìnnteach 
is airidh an dleasanas àrd-spioradail so air cuid de'n là 
sin a's còir a chaitheamh uile ri dleasanas spioradail. 
Nach ì so àrd obair na sàbaid Criosdail, agus an obair 
a's feàrr a fhreagras do'n là stìn a shuidhich Dia le 
òrdugh cho soilleir, teànn a chum fois a ghabhail air o 



286 JSàdur a' Mhebrachaidh Nèamhaidh 

oibribh aimsireil? Ciod an t-km a's freagarraiche gu 
labhairt ris an Tighearn na là an Tighearna ? Ciod an 
là a's freagarraiche do 'nchridhe gu èirigh suas gu 
nèamh, na 'n là sin air an d'èirich an Tighearn suas o'n 
talamh, an dèigh dhà buaidh-chaithream a dheanamh 
gu lkn thairis air a' bhks agus ifrinn ? 

Is è 'm fonn \nntinn a's freagarraiche airson fìor 
Chriosduidh, a bhi, mar bha Eòin, " anns an Spiorad 
air là an Tighearna." Taisb. 1. 10. Agus ciod a's 
feàrr a threòraicheas sinn a dh-ionnsuidh an aoibhneis 
so anns an Spiorad, na fhaicinn gu spioradail gu'm bheil 
ar glòir a' teachd fagus ? Smuainichibh air so, sibhse 
do'n àbhaist là an Tighearn' a chaitheamh amhkin ri 
aoradh follaiseach, gun mhionaid idir dheth a bhuileach- 
adh air dleasanas uaigneach ; tha sibh a' deanamh mòr 
chroin air bhur n-anamaibh fèin, le bhi air an là naomh 
sin a' deanamh dearmaid air dleasanas spioradail a' 
mheòrachaidh. Agus sibhse fòs a bhitheas a' caitheamh 
na h-ùine ri diomhanas agus ri còmhradh amaideach air 
là an Tighearna, na'm b'aithne dhuibh cho luachmhor 
's a tha dleasanas a' mheòrachadh so, cha n-ìarradh sibh 
fearas-chuideachd eile ach è; bu ghoirid leibh an lk sin 
a's fhaide 'chaitheamh ris, agus bu duilich leibh 'nuair 
a ghiorraichteadh bhur toil-ìnntinn le ni sam-bith eile. 
Anis, a Chriosduidhean, faigheadh nèamh kit na's mò 
ann bhur lkithibh-skbaid ; seadh, nèamh anns am faigh 
sibh-fèin gu goirid bhur skbaid shìorruidh. Gnkth- 
aichibh bhur skbaidean mar chèuman soilleir a tha nis 
a' treòrachadh gu glòir, gus an coisich sibh seachad orra 
gu lèir, agus an ruig sibh bhur ceknn-uidhe. Gu 
h-kraid sibhse, a tha bochd ann 'ur crannchur, agus an 
lorg sin, nach urrainn uairean meòrachaidh 'fhaotuinn, 
ach gànn air lkithibh eile na seachduin, cuimhnichibh 
fèum maith a dheanamh de lk na skbaid. 'Nuair a 
gheibh bhur coluinnean fois o oibribh aimsireil, iarradh 
bhur spioradan an dèigh na fois' a ta o Dhia. 

A bharr air uairean freagarrach, cunbhalach air gach 
lk, agus gu h-kraid air là an Tighearna, gheibhear fòs 
uairean comharraichte eile airson meòrachaidh nèamh- 
aidh. Is ìad na h-uairean sin an leithid so : — 

'Nuair a bhlàthaicheas Dia do spiorad gu pailt lo 



agus Ullachadh air a shon. 287 

èibhleig bheò bho shuas, sin uair àraidh air am faod 
thusa dìreadh suas le mòr shaorsa, — saorsa na's mò na 
gheibhear air amaibh eile. Is beag an t-saothair a 
chuireas do chridhe air obair air uair mar sin, geda 
dh-fhaodadh tu air uairibh eile saothair air bheag fèum 
a dheanamh. Thoir fainear oiteagan blkth an Spioraid, 
agus ciamar a tha Spiorad Chriosd a' gluasad do 
spioraid fèin. " As èugmhais Chriosd cha'n urrainn 
sinn aon ni a dheanamh." Air an aobhar sin, bith- 
eamaid a' deanamh na h-oibre maith am feadh a tha 
Criosd a' cuideachadh leinn. Thugamaid an aire nach 
faighear sinn amach & sligh ar dleasanais, no 'n ar cadal, 
'nuair a thig è. 'Nuair a gheibh an Spiorad do chridhe, 
mar fhuair è Peadar, ann am prìosan, agus ann an 
ìarunn, agus a bhuaileas è thu, ag ràdh, " Eirich gu 
grad, agus lean mise ;" bi cìnnteach gu'n èirich thu air 
an uair sin, agus gu'n lean thu è, agus chì thu do 
" cheanglaichean a' tuiteam" dhìot, agus " fosglaidh na 
dorsan" uile dhuit, agus bithidh tu aig nèamh mu'n 
f hios duit. 

So dhuit àm comharraichte eile airson a' mheòr- 
achaidh nèamhaidh, agus is è sin an uair a bhitheas tu 
fo thrioblaid, a' fulang, air do shàrachadh, no air do 
bhuaireadh. Cuin a dh-òlamaid ar deoch-ùrachaidh 
ach air uairibh ar fannachaidh? Ciod an t-àm a's 
freagarraiche gu gluasad gu nèamh, na 'n uair sin air 
nach f haighear aon oisinn de'n talamh anns am faod 
sinn a bhi beò le sòlas idir? no cuin bu chòir dhuinn ar 
smuaintean a thogail suas, ach air an uair sin air nach 
faighear ni sam-bith a bhos, ach pìan 'us bròn ? Càit 
an tigeadh do choluman Noah a bhi, ach anns an àirc, 
'nuair a bha 'n talamh uile còrahdaichte leis na garbh 
uisgeachan, agus nach b'urrainn è fois 'fhaotuinn do 
bhonn a choise ? Cò air bu chòir dhuinn smuaineachadh, 
ach air tigh ar n-Athar, 'nuair nach faighear eadhon 
plaoisg an t-saoghail a chum ar beathachadh ? Gu 
cìnnteach is ànn a chum do thoirt d'a ìonnsuidh fèin a 
tha Dia a' ceadachadh do thrioblaid thus' a bhualadh. 
Is sona dhuit-sa, matà, a dhuine bhochd, ma's è so fèum 
a ni thu dhe do bhochduinn, agus is sona dhuits' a dhuine 
thinn. ma dh-oibricheas tu do thinneas a chum na crìche 



288 Nàdur à 1 Mheòrachaidh Neamhaidh 

cèudna ! Is è 'n t-àm deadh-thràthail gu teicheadh gu 
" tìr a' gheallaidh," an uair sin air am meudaichear ar 
n-uallaichean trom anns an Eiphit, agus air am faigh 
sinn ar fàsgadh gu goirt anns an fhàsach chruaidh. 

Anis, a lèughadair, na'm b'aithne dhuit mar dh-ùr- 
aicheas sealladh dùrachdach air glòir thu ann am 
builsgean do thrioblaid agus do bhròin, is ànn gu mòr 
bu lugha d'eagal às na trioblaidibh neo-lochdach sin, 
agus is ànn bu mhò do dheigh air an ìocshlaint sin a 
dh-ath-bheothaicheas agus a churaas suas thu. " Ann 
an lìonmhoireachd mo smuaintean an taobh a. stigh 
dhiom," arsa Daibhidh, " thug do chomhfhurtachd-sa 
sòlas do m' anam." Salm 94. 19. " Tha mì a' meas- 
adh," arsa Pòl, " nach airidh fulangais na h-aimsir a ta 
làthair a bhi air an coimhmeas ris a' ghlòir a dh-f hoill- 
sichear annainn." Rom. 8. 18. " Uime sin cha-n 'eil 
sinn a' fannachadh, ach ged thruaillear ar duine o'n leth 
muigh, gidheadh tha an duine o'n leth stigh air ath- 
nuadhachadh o la gu là. Oir a ta ar n-àmhghar eutrom, 
nach 'eil ach rè sealain, ag oibreachadh dhuinne trom- 
chudthrom glòire a ta ni's ro anabharraich agus sìor- 
mhaireannach ; air dhuinn bhi ag amharc cha-n ann air 
na nithibh a tha r'am faicinn, ach air na nithibh nach 'eil 
r'am faicinn : oir tha na nithe a chithear, aimsireil ; ach 
tha na nithe nach faicear, sìorruidh." 2 Cor. 4. 16-18. 

Agus is àm eile a ta gu h-àraid freagarrach air- 
son an dleasanais nèamhaidh so, an uair a thig teachd- 
airean Dhè h-ugainn le gairm a' bhàis. Cuin bu chòir 
dhuinn a bhi glè thric a' lionadh ar n-anamanan le 
smuaintibh taitneach, creidmheach mu'n bheatha ri 
teachd, ach an uair a chì sinn a' bheatha so gu ìre bhig 
air falbh ? Càit am faighear muinntir a's mò fèum air 
aoibhneas neartachaidh na daoine ri uchd a' bhàis, agus 
càit an tèidear a dh-ìarraidh sòlais aig uair a' bhàis, ach 
a dh-ionnsuidh ar n-aoibhneis shiorruidh ? Gheibhear 
taitneas nèamhaidh na's mìlse, 'nuair nach 'eil è air a 
mheasgachadh le ni talmhaidh sam-bith, mar sin gheibh 
an Criosduidh gu tric taitneas na's mìlse aig uair a' 
bhhis na fhuair è riamh roimhe sin. Nach bu mhòr, 
taitneach na beannachdan f àistinneach a bha aig Isaac 
agus Iacob d'am mic, aig uair am bàis ! Cia nèamhaidh 



agus Ullachadh air a shon. 289 

an t-òran, agus cia naomh am beannachadh leis an do 
chrìochnaich Maois cuairt a bheatha air an talamh ! 
Nach bu nèamhaidh a' chomhairle agus an ùrnuigh a 
fhuair na deisciobuil o'n Tighearn, 'nuair a bha è 'dol 
a dhealachadh riutha ! Nuair a ' bha Pòl anis gu bhi 
air 'ìobradh,' nach bu nèamhaidh a' chomhairle agus 
an earail a thug è do na Philipianaieh, do Thimoteus, 
agus do sheanairibh Ephesuis ! Nach b'fhagus air 
nèamh Eòin ann an eilean Phatmois, goirid mu'n robh 
è air a thogail suas ! Is è fònn coitchionn nan naomh a 
bhi na's nèamhaidh, air an uair sin a's f haisge ìad air 
nèamh. 

Ma chì thus', a le'ughadair, uair do bhàis a' teachd 
dlùth dhuit, O càit an tigeadh dhuit do chridhe 
'shuidheachadh 's an uair sin, ach air Criosd ? Nach 
bu chòir dhuit 'fhaicinn 'n a sheasamh ri d'thaobh 
agus labhairt ris, 'g a fhàilteachadh mar d'Athair, do 
Chòmpanach, do Lèigh, do Charaid ? Nach bu chòir 
dhuit, mar gu'm b'eadh, r.a h-ainglean 'f haicinn 'g ad' 
chuairteachadh, agus a' feitheamh chum an t-seirbhis 
mu-dheireadh a dheanamh airson d'anama, eadhon na 
h-ainglean sin a ghiùlain le taitneas anam Lasuruis 
" gu uchd Abrahaim," is taitneach an obair leo thus' a 
thoirt a dh-ionnsuidh na h-onoire sin. Amhairc air 
do thinneas agus air do phìan mar dh'amhairc Iacob 
air carbadaibh Iòseiph. agus ath-bheothaicheadh do 
spiorad 's an taobh-stigh dhìot, agus abair " Is leòr e, 
tha" Criosd " fathast beò ;" agus " do bhrìgh gu'm bheil 
esan beò bithidh mise beò mar an cè'udna !" Eò. 14. 
19. Am bheil fèum agad air an deoch-ùrachaidh a's 
feàrr ? An sin gheibh thu deoch shòlais a's feàrr na's 
urrainn an saoghal a thabhairt ; an sin gheibh thu làn 
aoibhneas nèimh, chì thu Dia agus Criosd, agus gheibh 
thu uile shonas nan daoine beannaichte. Tha na 
beannachdan milis sin air an tairgse dhuit le làimh 
Chriosd, dh'ullaich è air nèamh ìad, sgrìobh è còir 
dhuit orra ann an gcallaidhean an t-soisgeil ; amhàin 
sìn amach làmh a'chreidimh, agus glac ìad, agus 
beathaich d'anam orra ; dean gàirdeachas agus mair 
beò. Tha'n Tighearn ag ràdh riut, mar thuirt è ri 
EHah, " Eirich, ith ; oir tha 'n turus mòr air do shon." 

T 



290 Nàdur a' Mlieòrachaìdh Nèamhaìdh 

1 Rì. 19. 7. Agus ged nach 'eil do thurus fada, thà 
làthach anns an t-sligh : air an aobhar sin, gèill do 
ghuth an Tighearna, ènich agus ith, " agus ann an neart 
a' bhìdh sin" faodaidh tu 'dhol gu "sliabh Dhè," agus, 
cosmhuil ri Maois, bàs 'fhaotuinn 's an t-sliabh d'an 
tèid thu suas' ; agus a ràdh le Simeon diadhaidh, "A nis, 
a Thighearna, a ta thu 'leigeadh do d'sheirbhiseach 
siubhal an sìth ; oir chunnaic mo shùilean (sùilcan mo 
chreidimh) do shlàinte." Lùc. 2. 29, 30. 

II. Do thaobh an aite sin a's freagarraiche airson 
meòrachaidh nèamhaidh, is leòr a ràdh gur è àit uaig- 
neach a's iomchuidh air a shon. 'Nuair a bhitheas 
sinn ris an obair so, is mòr feum ar spioradan air gach 
cobhair, agus air a bhi dealaichte bho gach ni a 
dh-fhaodadh ar meòrachadh a bhacadh. Tha Criosd a' 
teagasg dhuinn, 'nuair a ni sinn ùrnuigh uaigneach, 
imeachd a steach d'ar seòmar, agus an dorus a dhìm- 
adh, chum gu'm faic ar n-Athair nèamhaidh sinn an 
uaignidheas'. Mata 6. 6. Mar sin, matà, is còir 
dhuinn meòrachadh air sonas nèamhaidh. Nach tric 
a chaidh Criosd fèin a thaobh gu bèinn, no gu fàsach, 
no gu àit uaigneach eile, a mheòrachadh agus a dhean- 
amh ùrnuigh ; mar sin a' fàgail eisimpleir againn-ne, 
chum gu'n leanamaid è anns a' chùis so, mar ann an 
cùisibh maith eile ! Sin anis mar thig dhuit meòrachadh 
socrach, cùramach a dheanamh air d'àm suidhichte. 
Ach na di-chuimhnich am meòrachadh goirid a 
dh-f haodar a dheanamh air uairibh eile gu tric ameasg 
do ghnothaichean aimsireil. Anis air uair shuidhìchte 
do mheòrachaidh, matà, fàg cuideachd gachuile neach, 
eadhon cuideachd dhaoine diadhaidh, chum gu'm faigh 
thu car ùine cuideachd chiùin do Thighearna. Mur 
urrainn sgoilear, aig nach 'eil ach amhàin ri ìnnleachd 
a chìnn agus a chuimhne oibreachadh air nithibh 
tìmeil, a leasan ìonnsuchadh le sìth ameasg cuideachd, 
ciamar a b'urrainn thusa, ann an cuideachd, uile 
bhuaidhean d'anama oibreachadh le meòrachadh air 
Dia a tha cho àrd seach an saoghal so agus gach nì a 
gheibhear ànn. Na leanamaid idir uaigneas nain 
baoth-chreidmheach ; ach bitheamaid gu tric ann an 
uaigneas ris a' mheòrachadh sin a dh-àraicheas fìor 



agus Ullachadh air a shon. 291 

dhiadhachd anns an anam. Is ainmig a gheibhear. 
anns an Sgriobtuir, Dia a' labhairt e-fein, no le 'ainglibh 
ri aon air-bith de na fàidhean, no de na naoimh ameasg 
cuideachd eile, ach is tric a gheibhear Dia agus 'ainglean 
'g am foillseachadh fèin dhoibh sin 'us ìad leo-fèin. 

2. Ach ròghnaich thusa dhuit-fèin àit air-bith a's feàrr 
a chòrdas ri do spiorad ; ma's ànn astigh, no 'muigh. 
" Chaidh Isaac amach a bheachd-smuaineachadh, (no a 
mheòrachadh) 's anfhaiche :" agus creideam gu'n lean 
mòran eisimpleir Isaaic, 'nuair a cheadaicheas an aimsir 
Hioibh. Bu tric ar Tighearn ri ùrnuigh ann an lios 
uaigneach, " agus b'aithne do lùdas," 'nuair a thàinig 
è chum a bhrath, " an t-àit" 's am faighteadh è ; agus 
geda thug Criosd a dheisciobuil leis a dh-ionnsuidh an 
àite sin, chaidh è astar beag uatha, chum ùrnuigh uaig- 
neach a dheanamh : agus ged nach 'eil meòrachadh air 
a làn ainmeachadh, cha n-'eil teagamh nach robh è ri 
meòrachadh maille ri iunuigh ; oir is ann fo mheòr- 
achadh gèur air an fhulangas agus air a' bhàs a bha 
nis a' dlùthachadh air, a thubhairt è, " Tha m'anam ro 
bhrònach, eadlion gu bàs." Marc. 14. 34. Agus mar 
a roghnaich Criosd àit uaigneach, air-leth anns am 
b'àbhaist dà 'bhi ris an dleasanas so, is còir dhninn-ne 
sin a dheanamh mar-an-ceudna. Ròghnaich è àit uaig- 
neach gus an deachaidh è gu taobh air falbh o chuid- 
eachd nan deisciobul aige-fèin, agus fèumaidh sinne an 
t-eisimpleir sin a dh'fhàg h againn a leantuinn. Bu 
domhain, trom meòrachadh Chriosd seach a bhriathran ; 
a chridhe agus 'anam anis air am bualadh le smuaintibh 
druighteach, geur, agus mar sin fèumar meòrachadh a 
dheanamh leinn-ne. Ach cha b'ionann idir cuspair 
meòrachaidh do Chriosd agus dhuinn-ne. Mheòraich 
Criosd air na fulangasaibh tròm sin a thoill peacaidhean 
dhaoine, 'us corruich 'Athar a' bualadh tre 'anam uile, 
ach is è 'tha againn-ne ri meòrachadh air a' ghlòir a 
cheannaich Criosd dhuinn, chum gu'm bi ar smuaintean 
air an togail, ar n-aignidhean air an ath-bheothachadh 
agus ar n-anamanan air an sàr-lìonadh le gràdh an 
Athar agus le aoibhneas an Spioraid. 

III. Bheirear an ath chomhairle mu ul]achadh do 
chridhe airson a' mheòrachaidh so. Tha moran aig 



292 Nàdur a' Mheòrachaidh Nèamhaidh 

fònn, no mèinn do chridhe ri dheanamh anns an obair 
so, ma's maith leat ì soirbheachadh leat. 'Nuair nach 
robh ni sam-bith ann an cridhe an duine a chuireadh 
doilgheas air an Spiorad, bu taitneach air an là sin an 
t ionad-còmhrmiclh leis a' Chruthaidhear è. Cha d'fhàg 
Dia an t-àit-còmhnuidh a bha aige-fèin ànn air tùs, gus 
an d'fhuadaich an duine air falbh £s è le brosnachadh 
olc. Cha robh sgàth, no saidealtas anns a' chridhe gus 
an d'fhàs è peacach, agus 'n a thòll ro ghràineil le Dia 
gu taitneas a ghabhail ànn. Agus na'n robh an cridhe 
so air 'aiseag anis a dh-ionnsuidh na staide neo-chiont- 
aich anns an robh è roimhe, philleadh Dia air bàll d'a 
ionnsuidh a ghabhail còmhnuidh ànn arìst. Seadh, 
geda chaidh cridhe an duine cho fad air seachran o 
Dhia, gidheadh tha Dia ag ìarraidh seilbh air fathast, 
agus arèir an tomhais anns am faighear è air a ghlanadh 
o 'ana-mìannaibh, air a chàramh agus air 'ath-nuadh- 
achadh leis an Spiorad, agus air a dheanamh maiseach 
arìst le ìomhaigh Dhè, aidichidh Dia fathast è mar a 
chuid fèin. Foillsichidh Criosd e-fein dà, agus gabh- 
aidh an Spiorad è mar theampull agus mar chòmhnuidh 
dhà-feln. Is ann arèir an tomhais anns deasaichear an 
cridhe chum conaltradh ri Dia, a gheibh è, mara's trice, 
Dia a mhealtuinn, no co-chomunn ris ann an dleasanas 
a 1 mheòrachaidh. Air an aobhar sin matà, " leis gach 
uile dhìchioll glè*idh do chridhe ; oir às a sin tha 
sruthan na beatha." Gnàth. 4. 23. Thoir fainear 
gu h-àraid gach seòladh a leanas : — 

1. Faigh do chridhe a dhealachadh o'n t-saoghal air 
uair do mheòrachaidh, cho maith 's a ghabhas deanamh. 
Tilg amach às gach uile smuain mu do ghnothaichean, 
do thrioblaidean, do thoil-ìnntinn eile, seadh, gach 
smuain a dh-fhaodas àit a thogail air taobh-stigh 
d'anama. Bitheadh do chridhe cho falamh de gach ni 
eile 's a ghabhas deanamh, a chum a bhi air a dhean- 
amh na's comasaiche gu bhi air a lìonadh le smuaintibh 
glan mu thimchioll Dhè. Geda rachadh agad air 
dleasanas o'n leth-muigh a dheanamh le cuid de do 
chridhe 'shocrachadh air, bi làn chìnnteach nach ur- 
rainnear an dleasanas naomh so a dheanamh le sòlas, a 
dh-easbhuidh d'uile chridhe ; oir seasaidh smuaintean 



agus Ullachadh air a shon. 293 

eile eadar d'anam agus Dia, agus bithidh do shealladli 
dheth air a dheanamh dorch leo, amhuil mar dhorch- 
aicheas neòil dhubh gnùis na grèine. 'Nuair a thèid 
thu suas gu bèinn a' mheòrachaidh, is cosmhuil thu ri 
duine sànntach 'us càrn òir air a chur 'n a làthair, 
maille ri cead na's àill leis a ghabhail dheth, agus a 
dh-fhalbhas a' caoidh nach b'urrainn è tuiUeadh a 
thoirtleisde'n mhiotailtluachmhoraghabhadh faotuinn 
a nasgaidh : mar sin matà, gheibh thusa uiread de 
Dhia 'us de ghlòir agus a's urrainn do chridhe cumhang 
a chumail, gun ni sam-bith ach gann gu seilbh a bhac- 
adh dhuit air tuilleadh 'us tuilleadh, ach mi-chomas 
agus cuingead do spioraid fèin. An sin their dochridhe, 
" b'f heàrr gu'm b'urrainn mo thuigse agus m' aig- 
nidhean tuilleadh a chumail ! O na'n robh mise na's 
freagarraiche, na'n robh mo chridhe na's ullaichte na 
tha è, bu nèamh dhomh an t-àit so ! ' Gu cinnteach tha 
an Tighearn 's an àit so, agus cha robh fìos agam air.' 
1 Tha'n sliabh so làn do charbadaibh teine' ach tha mo 
shùilean-sa cho dùinte as nach n-urrainn mì am faicinn. 
na focail ghràidh a tha aig Criosd ri labhairt ! O 
iongantas a' ghràidh sin a tha aige ri f hoillseachadh, 
ach air mo shonsa-sa, cha n-urrainn mì an giùlain 
fathast ! Tha nèamh ullamh air mo shon-sa, ach cha 
n-'eil mo chridhe-sa ullamh airson nèimh ! " 

2. Uime sin, a lèughadair, air dhuit 'fhaicinn gur 
ann an uair a chuireas tu do chridhe ann ara fònn 
maith airson do dleasanais, a gheibh thu Dia a mheal- 
tuinn anns a' mheòrachadh so, ìarr anis è le d'anam 
uile, — ìarr è anns a' mheòrachadh so, ma dh-ìarras tu 
gu bràth è. Na tilg Criosd ' anns a' phrasaich 's an 
stàpull,' mar gu'm bitheadh aoidhean na's fearr agad 
airson nan seòmar sgìamhach. Abair ri d' uile ghnoth- 
aichean agus ri d'uile smuaintean saoghalta, mar 
thubhairt Criosd ri 'dheisciobluibh, " Suidhibh-se an 
so, gus an tèid mise a dheanamh ùrnuigh an sud," no 
mar thubhairt Abraham ri 'sheirbhisich, 'nuair a bha è 
'dol a dh-ìobradh a mhic, Isaac, " Fanaibh-se an so, agus 
theld mise gu ruige sud, agus ni mì aoradh, agus thig 
mi a rìs d'ur n-ìonnsuidh." Mar thilg na sagartan rìgh 
Ilsiah amach às an teampull, 'nuair a ghabh è air-fèm 



294 Nàdur a' Mheòrachaidh Nèamhaidh 

tùis a losgadh, air dhoibh a' mhùir 'f haicinn air ; mar 
sin, tilg-sa mach à teampull do chridhe gach smuain 
nach 'eil taitneach do Dhia. 

3. Bi cìnnteach gu'n tòisich thu air an obair so le 
làn chùram agus mòr stòldachd cridhe agus ìnntinn. 
Cha n-'eil faoin obair idir ann an nithibh naomh. 
' Naomhaichear Dia annta-san a thig am fagus dha.' 
Lebh. 10. 3. Is fìor tharbhach an dleasanas spioradail, 
òirdheirc so, ag àrdachadh an anama, 'nuair a chuairt- 
ichear è gu curamaeh, ceart ; ach is fìor chunnartach a 
dheanamh gu mi-chùramach, no le leth-taobh do chridhe. 
Saothraich thusa, uime sin, a chum làn mhothachadh 
'fhaotuinn air làthaireachd Dhè, agus air a mhòrachd 
do-mheasraichte. Mur facdadh a'bhan-rìgh Ester 
teachd am fagus do'n rìgh, gus ' an sìneadh h mach an 
t-slat-òir rìoghail ;' smuainich thusa, matà, cia mòr an 
i-urram leis an còir dhuit-sa teachd am fagus Dhà-san 
a rinn na saoghail le focal a bheòil, a ta nis a' cumail 
suas na talmhainn mar le bois a làimh', a ta 'cumail na 
grelne, na gealaiche agus nan rèult 'n an àit agus 'n an 
astar aillidh fèin, agus a' suidheachadh chrìochan na 
mara mòire, feargaich'. Cuimhnich, is ànn ri Dia a 
tha thus' a' dol a labhairt; roimh-san crithidh an 
talamh, agus criothnaichidh deamhnan ; agus is goirid 
gus am fèum thusa agus uile luchd-àiteachaidh an 
t-saoghail seasamh an làthair caithir a bhreitheanais, 
far an toirear breth air na h-uile dhaoine mu dheireadh. 
Hò smuainich ! agus abair, " an sin, gheibh mise làn 
mhothachadh beò air a mhòrachd. An sin, dùisgear 
suas mo spiorad tromsanach, agus tilgear air falbh m' 
eas-urram. Carson nach bitheadh m' anam air a 
ghluasad agus air a lìonadh an diugh le beò bheachd air 
a mhòrachd, agus le eagal urramach roimh 'ainm ?" 

4. Saothraich f òs a chum meud, luachmhorachd agus 
òirdhearcas na h-oibre so, ris am bheil thu nis, a làn- 
thuigsinn. Na'n robh thu nis a' tagair airson do 
bheatha 'an làthair breitheimh aimsireil, is dùrachdach 
a smuainicheadh tu air a' chùis, ged is neo-ni sin ann 
an coimeas ris an dleasanas so. Ged robh thu ri obair 
cao mòr 's a bha aig Daibhidh 'nuair a chaidh è mach 
a cnogadh ri Goliah, a chum sonas rìoghachd a dhìon 



agus Ullachadh air a shon. 295 

le 'làimh, bu neo-ni an obair sin ìnnte-fèin ann an 
coimeas ris an dleasanas so. Abair gu'n robh thu nis 
a' dol a ghleacadh mar a rinn Iacob, no 'dh-faicinn an 
t-seallaidh a chunnaic an triùir dheisciobul air " bèinn 
a' chruth-atharrachaidh," nach stòlda, dùrachdach, ur- 
ramach a ghluaiseadh agus a shealladh tu ! Na'n robh 
eadhon aingeal o nèamh gu do choinneachadh ann an 
àit agus air uair do mheòrachaidh, cia mòr am fìamh 
leis am bitheadh tu air do lìonadh I Smuainich, matà, 
cia stòlda, dùrachdach am fònu cridhe leis an tig dhuit 
an Tighearn fèin a choinneachadh, agus cia mòr an 
stòldachd, an dùrachd agus am fìamh leis an tig dhuit 
labhairt ris gach là ! Smuainich fòs air deadh thoradh 
na h-oibre so. Ma shoirbhicheas ì leat, agus carson 
nach soirbhicheadh ì leat-sa cho maith ri neach eile ? 
bheir ì 'stigh 'an làthair Dhè thu, tòisichidh ì do ghlòir 
sìorruidh air thalamh, bheir ì dhuit a bhi beò ann an 
staid na's àirde agus na's taitniche na muinntir eile, 
àrdaichidh ì thu gus an ath chèum do onoir nan aingeal 
fèin, agus bithidh tu beò 'us gheibh thu bàs le aoibhneas. 
Is mòr do dhuais, uime sin bitheadh d'ullachadh arèir 
do dhuais. Cha n-'eil idir beatha cho beannaichte 
agus cho aoibhneach aig neach air thalamh 's a gheibh- 
ear aca-san a ta eòlach air a' chonaltradh nèamhaidh so. 
Cha n-'eil aoibhneas nan uile dhaoin' eile, ach mar 
chluith na cloinne bige, mar ghàire nan amadan, no 
mar bhruadar an duine thìnn mu shlàint. Ge-b'-e 
neach a dh-oibricheas airson nèimh, sin amhàin an 
neach a bhuannaicheas. Agus ge-b'-e neach a dhear- 
madas nèamh, sin amhàin an neach a chailleas, Cia 
tric, dìan, dùrachdach, matà, is còir do'n obair nèamh- 
aidh sin a bhi air a deanamh leis gach Criosduidh ! 



Caibdeil XIV. 

Mar nithear Meorachadh Nèamhaidh le Smuaineachadh, 
leis na h-Aignidhean, le Fèin-làbhairt, agus Ur- 
nuigh. — (Faie Caib. XVI.) 

Air dhuit do chridhe 'fhaotuinn air a ghlèusadh, 
tòisicheamaid anis air a' cheòl. Air dhuit càil 'fhaot- 
uinn thig anis a dh-ionnsuidh na cuilm', agus ' sàsaich 



296 Meòrachadh Nèamhaìdh 

à' anam le smior agus saill'. ' Thig, oir a ta na h-uile 
nithe ullamh." Mata 22. 4. Tha nèamh, agus Criosd, 
agus glòir anabarrach mòr romhad. Na diùlt an cuir- 
eadh so. Na tòisich idir ri leisgeulan a ghabhail. 
Co-air-bith thu, bi saoibhir no bochd, biodh do chòmh- 
nuidh ann an tigh-dèirce, ann an ospadal, anns na 
rathadaibh mòra, no anns na gàraicthean, is è mo 
chomisean-sa, ma's urrainnear idir, do " cho-e'igneachadh 
gu teachd a steach ;" agus " is beannaichte esan a 
dh'itheas aran ann an rìoghachd Dhè !" Tha 'm mana 
sgaoilte mu thimchioll do bhutha, gluais amach, tionail 
leat è, thoir dhachaidh è, agus beathaich air. Ach 
seòlam dhuit anis ciamar a ghnàthaicheas tu do Smuain- 
eachadh agus d'Aignidhean, d'Fhèin-labhairt agus 
d'Urnuigh chum na crìche so. 

I. Is è Smuaineachadh an instrumaid mhòr leis am 
bheil an obair nèamhaidh so air a cur air aghaidh. Ach 
fè'umaidh an smuaineachadh so a bhi air a dheanamh gu 
toileach agus cha n-ann idir èignichte. Smuainichidh 
cuid gu mì-thoileach, mar nì na h-aingidh, 'nuair a 
dh-èignicheas Dia ìad ' gu smuaineachadh air am 
peacaidhean fèin, agus a chuireas è an òrdugh iad fa 
chomhair an sùilean.' Salm 50. 21, 22. Mar sin, 
smuainichidh an sluagh mallaichte, gun èifeachddhoibh 
anis, air òirdhearcas Chriosd air an d'rinn ìad dìmeas 
roimhe so ; agus air an aoibhneas shìorruidh a chàill 
ìad le'n amaideachd. Is mòr cumhachd an smuain- 
eachaidh a chum na h-aignidhean a ghluasad, agus a 
chum nithe maith a theannachadh air a' chridhe ; mar 
chithear o'n teagasg àraid a leanas. 

1. Foslgaidh JSmuaineachadh, mar gu'm b'eadh, 
an dorus eadar an ceànn agus an cridhe. 'Nuair a 
ghabbhas an tuigs' astigh an fhìrinn, taisgidh ì suas ì 
anns a' chuimhne, agus giùlainidh smuaineachadh an 
f hìrinn as a' chuimhne, 'dh-ionnsuidh nan aignidhean. 
Cia mòr an t-òirdhearcas a gheibhteadh ann am mòr 
ionnsuchadh agus ann am mòr eòlas, na'n robh rathad 
rèldh air 'fhosgladh dhoibh eadar an ceànn agus an 
cridhe, agus na h-aignidhean 's an tuigs' a' co-fhreag- 
airt d'a chèile ! 'Am bidheantas, is è 'n sgoilear a's 
fearr, esan aig am bheil tuigse ghlan, ealamh, shoilleir, 



le Aignidhean Diadhaidh. 297 

dhìonach. Ach gu tric is è 'n Oiosduidh a's feàrr, 
esan aig am bheil tuigse fìor dhomhain agus fìor 
chaidreach, agus anns am faigh an f hìrinn rathad rèidh, 
cha n-ann amhàin o'n chluais a dh-ionnsuidh na h-ean- 
chainn, ach o'n chluais a dh-ionnsuidh a' chridhe. Agus 
ged is è an Spiorad Naomh a ni an obair shlàinteil air 
a' chridhc, is è do chuid-sa dhì an dorus 'fhosgladh 
dhà le smuaineachadh air a chumhachd. 

2. Feuchaidh Smuaineachadh do na h-aignidhean na 
nithe sin a's mò luach. Cha toir an cuspair a's tait- 
niche toil-ìnntinn air-bith, am far nach f haicear è, agus 
cha dean an sgèul a's aoibhniche deargadh sam-bith air 
an fhear nach cluinn è. Ach bheir smuaineachadh 
sealladh dhuinn air na nithibh sin a bha às ar sealladh 
roimhe, agus giùlainidh è ìad gu sùil agus cluais an 
anama. Naeh druighteach na cuspairean Criosd agus 
glòir? Nach oibricheadh ìad gu h-iongantach air an 
anam na'n robh ìad air am faicinn gu soilleir, agus ar 
tuigse 'g an gabhail astigh ann an tomhas car-freagar- 
rach ri'n luach ? Is è smuaineachadh orra sin a nochdas 
dhuinn ìad. Is è smuaineachadh sùil-ghloine, no gloine- 
bheachdachaidh a' Chriosduidh, leis am faic a chridhe 
an rathad uile bho'n talamh gu nèamh. 

3. Fòs nochdaidh Smuaineachadh na nithe sin a's mò 
luach dhuinn air an dòigh a's drùightiche. Rèusan- 
aichidh è gach cùis gu dìreach ris a' chridhe fèin. 
'Nuair a bheir an creidmheach a chridhe gu smuaineach- 
adh nèamhaidh, nach honmhor argumaid a bhuaileas 
air a chridhe 's an uair sin mu Dhia agus mu Chriosd, 
mu gach aon de bhuaidhean iomlan Dhè, mu'n staid 
anns an robh agus anns am bheil sinn, mu na geallaidh- 
ean, mu fhulangais agus mu thoil-ìnntinnibh na h-aimsir 
a ta làthair, mu nèamh agus ifrinn! Nochdaidh na 
h-uile nithe maith iad-fèm dhuinn a chum ar gàird- 
eachas a mheudachadh, agus is è smuaineachadh an 
làmh leis an deanar greim orra. Bheir e' dearbhadh 
an dèigh dearbhaidh dhuit, dìdsgidh è suas do ghaird- 
eachas, agus nì è aobhar do ghàirdeachais làn shoilleir 
dhuit, a' fosgladh suas agus a' socrachadh gach ceiste, 
gus an tosdaichear gach eagal, teagamh agus gearan. 
Ma dh-èisdeas sinn ri rèusanachadh duine eile, gun 



298 Meòrachadh Nèamhaidh 

fhios cìnnteach againn ciod an rùn leis am bheil è 
'labhairt, no co dhiubh a b'àill leis ar cur ceart, no 
dochair, nach mò na sin bu chòir dhuinn è'isdeachd ri 
guth ar re'usanachaidh fèin, 'us làn f hios againn air rùn 
ar cridhe fèin ! Ni-h-eadh, ach fad air thoiseach air sin 
uile, nach bu chòir dhuinn gèilleadh gu toileach do 
rèusanachadh Dhìa, agus sinn cìnnteach nach dean è ar 
mealladh agus nach urrainnear e-fèin a mhealladh ! 
Anis is è smuaineachadh an dòigh air an le'ughar agus 
air an aithrisear arìst 's arìst rèusanachadh Dhè, leis a' 
chridhe. Is iomadh aobhar teànn a bha aig " a' 
mhac struidheil" gu rèusanachadh ri 'chridhe fèin mu 
philleadh dhachaidh gu " tigh 'athar ;" mar sin fèumaidh 
6Ìnne re'usanachadh ris na h-aignidhean againn a chum 
an greasad dhachaidh gu àit-còmhnuidh sìorruidh ar 
n-Athar nèamhaidh. 

4. Ardaichidh Smuaineachadh rdusan an duine 
'dh-ionnsuidh a làn ùghdarrais fèin. Cuidichidh è chum 
a shaoradh o dhaorsa nan ceud-fàdh, no nan ana-mìann, 
agus suidhichìdh è rèusan arìst mar rìgh air an anam. 
Fhad 's a bhitheas rèusan 'n a thosd, gn tric is iochd- 
aran gun sgoinn è, agus riaghlaidh na càilean feòlmhor 
arèir an toil fèin, 'nuair a gheibh ìad esan 'n a chadal. 
Ach dùisgidh smuaineachadh ar rèusan, agus an sin 
mosglaidh è suas gu grad, cosmhuil ri Samson, a' 
briseadh dheth 's a' bualadh sìos uile cheanglaichean 
agus uile mhealltaìreachd na feòla. Nach beag neart a 
chuireas an leòmhan dheth 'f had 's a bhitheas è 'n a 
chadal ? Ciod è rìgh seach duine eile, 'nuair a thilgear 
sìos a bhàrr na caithreach è? 'Nuair a thogar suas 
rèusan spioradal an duine ; chan-ann ie gairm, no càil 
na feòla, ach le meòrachadh nèamhaidh, tuigidh è ciod 
è sin aoibhneas nèamhaidh. Ardaichidh smuaineach- 
adh cuspairean ar creidimh ann ar sùilibh, a 'comhar- 
rachadh amach dhuinn cho suarach 's a tha cuspairean 
nan càil feòlmhor, ann an coimeas ri nithibh nèamhaidh. 
Is ìad na daoine sin a's lugha smuaineachadh a's mò 
feòlmhorachd. Is furasda agus is ro thric le daoine 
peacachadh an aghaidh eòlais, ach is ainmig a gheibh- 
ear neach a ni dìmeas air smuaineachadh durachdach, 
stòlda, dlan, leanmhuinneach a chridhe fèin. 



le Aignidhean Nèamhaidh. 299 

5. Bheir Smuaineachadh air rèusan f às làidir, gnìomh- 
ach, cumhachdach. Bha è roimhe mar uisge-tàmh, ach 
anis mar shruth laidir, bras a sguabas sìos gach ni leis 
'n a chèum grad. Bha è roimhe mar chloich sìnte 
's an t-sruth, ach is clach è nis air a tilgeil le " crann- 
tabhuill" Dhaibhaidh, leis am buailear Goliah an as- 
creidimh ann an " clàr 'èudain." Mairidh daoine 
aingidh cho aingidh 's a bha ìad riamh, gus an tòisich 
ìad air an rèusan oibreachadh gu gnìomhach, glic : agus 
mar sin is gànn sòlas dhaoine diadhaidh, fhad 's a 
bhitheas an rèusan agus an creidimh 'n an cadal, gus 
an dùisgear suas ìad, agus an gairmear ìad gu fèum le 
obair a 1 mheòrachaidh so. Nach lìonmhor eagal, bròn 
'us aoibhneas a thogar annainn le bruadaraibh na 
h -oidhche ! Ach cia mòr a's feàrr na sin a dhrùighear 
òirnn le meòrachadh glan, cùramach. 

6. Mairidh agus leanaidh Smuaineachadk, ma's àill 
leat, air an obair rèusantaich so. Cumaidh meòrachadh 
reusan agus creidimh aig an obaii fèin, agus sèididh è 
an teine, gus an las è gu soilleir, làn. Is beag teas a 
chuirear air duine le beagan chèuman a dheanamh, ach 
ma choisicheas è gu luath fad uair no dhà, faodaidh è 
f às blàth ; agus mar sin cha n-f haigh ar n-aignidhean 
an togail suas, no teas spioraclail air-bith ann an 
smuaintibh goirid, cabhagach an dràst 's arìst mu nèamh, 
ach bheir meòrachadh air ar smuaintean leantuinn gun 
stad, gus am fàs ar cridheachan blàth. Mar sin chì 
thu gu'm bheil làmh chomasach aig smuaineachadh a 
chum an t-anam a thogail suas gu mòr, àrd ann an 
obair a' mheòrachaidh nèamhaidh. 

II. Faiceamaid anis ciamar a dh-oibricheas gach aon 
fa-leth de na h-aignidhean ann an cur air aghaidh na 
h-oibre nèamhaidh so. Is ann le smuaineachadh a 
ghairmeas sinn an toiseach air a' chuimhne, agus a 
bheirear àisde na fìrinnean nèamhaidh sin air am bheil 
sinn a' dol a mheòrachadh 's an àm, mar tha gràdh 
neo-chriochnach Dhè' ann an Criosd, geallaidhean na 
beatha maireannaich, iomradh air glòir nan naomh, agus 
an aiseirigh, &c. Bheir sinn ìad an dèigh sin a dhionn- 
suidh ar tuigse, ag ìarraidh oirre beachdachadh orra gu 
socrach, sealladh soilleir, làn a ghabhail dhiubh agus 



300 Meòrachadh Nèamhaidh 

fhaicinn gu cothromaoh cho iomlan 's a tha ar sonas 
ìèamhaidh, gun èisdeachd air-bith a thoirt do chàil, no 
io ghuth na feòla; mar sin a' moladh an Tighearn' 
ann ar cridhe, gus an lìonar sinn le iongantas agus 
aoibhneas naomh. 

Ach cha n-è mhàin ar tuigse, no ar comas breith- 
neachaidh an nì àraid a dh-f hdumas sinn oibreachadh, 
ach ar creidimh anns an fhìrinn leis am bheil ar fois 
shìorruidh air a deanamh cìnnteach dhuinn ; seadh 
araon ann am fìrinn nan geallaidhean, ann ar comh- 
roinn fein ànnta, agus ann ar còir orra. Na'n creid- 
eamaid da rìreadh, agus gu daingean gu'm bheil glòir 
cho mòr ann, agus gu'm faiceadh ar suilean è ann am 
beagan làithean, cia laidir, dìan am mìann a thogadh 
è annainn ! Cia iongantach am mothachadh a bheir- 
eadh è dhuinn air a bheatha ghlòrmhoir ri teachd ! Cia 
mòr an gràdh 's an fhadachd a dhhisgeadh è suas 's an 
taobh-stigh dh\nn ! mar bheothaicheadh è gach 
aigneadh ! mar mheudaicheadh aoibhneas annainn 
fo dhearbh-bheachd air ar còir air fois ! Ach cha dean 
gràdh 'us aoibhneas aon chèum annainn, 'nuair a stadas 
creidimh. Is ànn le creidimh a dh-fhèumar an dùsgadh, 
agus an treòrachadh air aghaidh. Air an aobhar sin, 
oibrich do chreidimh gach là, faiceadh è cho làn, cho 
saor 's a tha'n gealladh ; faiceadh è Dia a' sìor-chuir- 
eadh nan uile gus an gealladh a ghabhail ; faiceadh ò 
rùn gràsmhor Chriosd, dearbhadh air gràdh agus air 
dilseachd Chriosd ; faiceadh è Chriosd a' coimlilìonadh 
a gheallaidh anns gach ni, agus faiceadh è dearbhadh 
air gràdh Chriosd annainn-fèin. Càraich na nithe sin 
uile fo shùil do chreidimh, agus smuainich cia mòr an 
dearbhadh ìad air deadh thoil Dhè* do thaobh ar 
slàinte ; agus mar dh-f haodar, an uair a thuigear ìad 
gu ceart, be'ul an as-creidimh a dhùnadh leo. Mar sin, 
matà, 'nuair a bhreithnicheas do thuigse, agus a chì do 
chreidimh an f hìrinn leis am bheil sonas a' Chriosduidh 
air a dheanamh làn-chìnnteach dhà, faodaidh d' aignidh- 
ean a bhi air am beothachadh suas le obair a' mheòr- 
achaidh nèamhaidh: Gu h-àraid na h-aignidhean 
60, eadhon, — Gràdh — Mìann — Dòchas — Misneachd no 
Dànachd — agus Gdirdeachas. 



le Aignidhean Diadhaidh. 301 

1. Is è Gràdh a' cheud aigneadh a dhùisgear ann an 
obair a' mheòrachaidh nèamhaidh. Is è maitheas cuspair 
an aignidh so. So anis, a Chriosduidh, a' chuidi n 
de d'obair a dh-ath-bheothaicheas d'anam. Rach a 
dh-ionnsuidh do chuimhne, do thuigse, agus do chreid- 
imh, agus faigh ànnta sin òirdhearcas d' fhois'. Nochd 
an t-òirdhearcas sin do aigneadh do ghràidh, agus an 
d&gh sin, gheibh thu thu-fèin, mar gu'm b'eadh, ann 
an saoghal eìle. Labhair amach, agus èisdidh gràdh. 
Amhàin foillsich an ni so dhà, agus chì gràdh è. Is 
dàll gràdh brùideil an t-saoghail, ach is ro ghèur-shuil- 
each an gràdh diadhaidh. Deanadh do chreidimh 
greim air do chridhe, agus feuch dhà an aitreabh 
ghreadhnach, àluinn anns am bi d'àit-còmhnuidh 
sìorruidh, agus na neamhnuidean glòrmhor a tha ann 
an tigh d'Athar, eadhon na h-aitean-còmhnuidh a 
dh'ullaich Criosd, agus iomadh onoir a rìoghachd. 
Treòraicheadh do chreidimh do chridhe gu làthair Dhè, 
agus air dhuit a thoirt cho faisg air agus is urrainn 
thu, abair ris " Feuch Aosda nan làithean, an Tighearn 
lehòbhah, d'an ainm is mi. Is è so an Tì a rinn na 
saoghail le focal a bheòil, a tha nis a 1 cumail suas na 
talmhainn, a' riaghladh nan cinneach, ag òrduchadh 
gach cùise, a' ceànnsachadh a naimhdean, a' casgadh 
thònn atmhor, bèucach a' chuain, a' stiùradh nan gaoth 
's nan stoirm, agus a' toirt air a' ghrèin a r&s a ruith, 
agus air na rèultaibh an cursan fèin aithneachadh ; — 
So an Tì a ghràdhaich thus' o shiorruidheachd, a 
dheilbh thu anns a 1 bhroinn, a thug dhuit an t-anam 
so, a thug amach à broinn do mhathar thu, a dh'f heuch 
an solus dhuit, agus a shuidhich thu mar aon de na 
crèutairean a's àirde gliocas air thalamh ; — So an Tì a 
thug tuigse dhuit, a sgeadaich thu le tiodhlacaibh a 
ghràidh, a tha nis a' gleidheadh do bheatha agus do 
shòlais uile dhuit, agus 'ga d' eadar-dhealachadh uatha- 
'san a's suaraiche agus a's truaighe ameasg dhaoine. 
An so tha cuspair airidh air do ghràdh ! An so thigeadh 
dhuit do chridhe 'dhòrtadh amach ann an gràdh ! An 
so cha n-urrainn thu gràdhachadh ro mhor I So an 
Tighearn a bheannaich thu le 'thiodhlacaibh, a • dkeas- 



302 Mebrachadh Nèamhaidh 

aich bòrd dhuit am f ìanuis do nàimhdean, agus a thug 
air do chupan cur thairis' I So an Ti a tha na h-ainglean 
agus na naoimh a' sìor-mholadh, agus a dh-àrd-mholar 
gu brath le feachd glòrmhor nèimh !" Mar sin meòr- 
aicheadh do chridhe air cumhachd, air maitheas agus 
air cliù Dhè. Fosgail do chridhe agus feuch dhà iom- 
adh òirdhearcas an Tighearna, gus an tòisich teine 
naomh a' ghràidh ri lasadh 's an taobh-stigh dhìot. 

Mur faigh thu do ghràdh a' lasadh fathast, treòraich 
do chridhe cè"um na's f haide, agus feuch tuilleadh dhà, 
feuch dhà Mac an Dè bheò, d'an ainm " Iongantach, 
Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t-Athair sior- 
ruidh, Prionnsa na sìthe." Feuch dhà " Rìgh nan 
naomh" air caithir rìoghail a ghlòire, " an Ceud neach 
agus an neach Deireannach ; an Tì a ta, agus a bha, 
agus a ta ri teachd ; an Tì a ta beò, agus a bha marbh, 
agus feuch, tha è beò gu bràth ;" an Tì a rinn do shìth 
le fuil a chruinn-chdusaidh, agus a dh'ullaich àit na 
sìthe dhuit maiìle ris-fèin. So am Fear-sìtheachaidh 
mòr, — sin a dhreuchd. Is ì a rìoghachd-san, rìoghachd 
na sìthe, — a shoisgeul, deadh sgèul na sìthe, — a ghuth 
riut-sa nis, guth na sìthe. Thig arn fagus dà, matà, agus 
amhairc air. Nach cluinn thu nis a ghuth ? An Ti 
a thuirt ri Tòmas, Thig am fagus, agus faic " aileadh 
nan tairngean, agus cuir do mheur" anns na lotaibh air 
mo thaobh; sin an Tì a ta nis a' gairm ort-sa, agus ag 
ràdh ' Thig am fagus, agus faic an Tighearn do Shlàn- 
uighear, agus na bi mi-chreideach, ach creideach : 
Sìth dhuit ; na biodh eagal ort, is è mi-fèin a ta ànn'. 
Amhairc air gu maith. Nach aithne dhuit è ? ' So an 
caraid a's dìlse na bràthair.' 

Sin an Tì a thog suas thu à slochd na h-ifrinn, a 
dh'atharraich bìnn do dhìtidh, a ghiùlain am mallachd 
'bu chòir dhuit-fèin a ghiùlain, a dh'aisig dhuit na 
beannachdan a chàill thu, a cheannaich dhuit an crìin 
glòire sin a shealbhaicheas tu gu sìorruidh. Agus nach 
aithne dhuit h fathast ? Chaidh a làmhan a tholladh, 
chaidh a cheànn, a chridhe 's a thaobh a tholladh, 
a chum gu'n aithnicheadh tus' è do ghnàth leis na 
lotaibh sin. Nach cuimhne leat an uair a fhuair è 
tbu sìnte 'n a d' fhuil, agus a ghabh è truas dhìot, 



le Aignidhean Diadhaidh. 303 

agus a cheangail è suas do chre'uchdan, agus a thog 
è dhachaidh thu, ag ràdh riut, Mair beò? An do 
dhì-chuimhnich thu gu'n do lot sè e-fein, a chum do 
lotan-sa 'shlànachadh, agus gu'n do dhòirt è 'fhuil fem 
a chum casgadh a chur air dòrtadh d'f hola-sa ? 

Mur aithnich thu è air a ghnùis, air a ghuth, air a 
làimh, faodaidh tu 'aithneachadh air a chridhe, — an 
cridhe sin aige-san cho iochdmhor ri anamaibh, — sin a 
chridhe-san. Is è gràdh 'us ìochd dà shèula chomhar- 
raichte a chridhe. So an Tì a ròghnaich do bheatha-sa 
air thoiseach air a bheatha fèin ; a tha nis a' tagair air 
do shon le luach 'fhola f&n an làthair 'Athar, agus a' 
deanamh gnàth eadar-ghuidhe air do shon an sin. Mur 
fuiligeadh an Tì so, nach mòr a dh-fhèumadh tus' 
'f hulang ? Cha robh ach cèum beag eadar thusa agus 
ifrinn, 'nuair a lèum è stigh 'n a d'àit agus a ghiulain 
è na buillean tròm, goirt ud a bha 'dol a thuiteam ort- 
sa. Nach leòr an connadh sin, matà, chum do ghràdh 
a bheothachadh agus a chumail leò ? Nach 'eil do 
chridhe plosgach a' stad an so a chum e-fèin èutromach- 
adh agus thusa, cosmhuil ri Iòseph, ag ìarraidh àite anns 
an guil thu? No nach 'eil deòir do ghràidh anis a' 
sileadh sìos air an duilleig so ? Gabh air d'aghaidh, 
matà, oir is farsuing achadh a' ghràidh. Is è faicinn 
agus gràdhachadh an obair shìorruidh a bhitheas agad, 
agus is geal is f hìach dhuit meòrachadh air an obair sin 
an diugh. 

Nach tric a f huair an Tighearn thusa, mar fhuair è 
Hàgar, a' suidhe, agus a' guil, agus thu fo eagal gu'n 
robh d'anam càillte, agus a dh'fhosgail è tobar sòlais 
dhuit, agus do shùilean a chum an tobar sin 'fhaicinn ! 
Nach tric a fhuair è thu, 'us tu cosmhuil ri Eliah, ag 
ìarraidh bàsachadh amach à do thruaighe, agus a 
dheasaich è bòrd air do shon, agus a thug è fuasgladh 
dhuit, 'nuair nach robh ach beag duil agad ris, agus a 
chuir è thu gu 'obair fèin leis an robh thu air d'urach- 
adh agus air do mhisneachadh ! Nach tric, 'us tu mar 
bha seirbhiseach an fhàidh ag èigheachd amach, ' Mo 
thruaigh ! cionnus a ni sinn, tha armailt 'g ar cuairt- 
eachadh ;' a dh'fosgail è do shùilean a dh-f haicinn gur 
lìonmhoire ìadsan a tha Ieat na ìadsan a tha 'n a d* 



304 Meòrachadh Nlamhaidh 

aghaidh !' Nach tric, 'us tu coltach ri Iòna, frionasach, 
crosd' agus sgìth dhe do bheatha, a thuirt è riut gu 
mìn, blàth, " Am maith a thig dhuit fearg a bhi ort," 
no gearan a dheanamh a'm' aghaidh-sa ? Nach tric a 
chuir è thus' a dheanamh faire, ùrnuigh, aithreachais, 
agus a dh-oibhreachadh do chreidimh, agus an dèigh 
dhà pilleadh do d'ionnsuidh a f huair è thu a'd' chadal, 
agus gidheadh chòmhdaich è do lag-chuis le falluinn 
gràidh, gu caomh a' togair air do shon gu'm " bheil an 
spiorad togarach ach a ta'n fheòil anmhuinn I An 
urrainn do chridhe 'bhi fuar, 'nuair a smuainicheas tu 
air sin ? An urrainn è 'bhi 'n a thosd, 'nuair a chuimh- 
nicheas è air an iochd neo-chrìochnach sin ? 

Mar so, a lèughadair, labhair thus' air maitheas mòr 
Chriosd ri do cnridhe fèin. Mar so tagair ri d'anam 
fuar, gus am faod thu 'ràdh le Daibhidh, " Dh'fhàs mo 
chridhe teth 'an taobh a stigh dhìom ; 'nuair a bha rm 
a' beachd-smuaineachadh, las an teine." Mur mosgail 
sin do ghràdh, tha uile òirdhearcas eile Chriosd agad 
gu meòrachadh air maille ri sid, — a thròcairean àraid 
dhuit-fèin, a dhàimh mhilis, dhlùth riut, agus sonas do 
chòmhnuidh sìorruidh maille ris-fèin. Ach air a h-uile 
cor, cum ìad sìn teànn, dlùth ri do chridhe. Buin ris 
mar bhuin Criosd ri Peadar, 'nuair a dh'fharraid è 
dheth trì chuairt, " An toigh leat mise ?" gus an robh 
Peadar " doilich," agus a' freagairt, " A Thighearna 
tha f hios agad gur toigh leam thu !" Mar sin, matà, 
dean-sa do chridhe duilich, agus nàirich amach às a 
chadal fuar è, gus am faod thu 'ràdh gu fìor, taitneach, 
" Tha fios agam, agus tha fìos aig mo Thighearn, gur 
toigh leam è." 

2. Ts è Mìann an ath aigneadh a ta ri ghluasad ann 
am meòrachadh nèamhaidh. Is cuspair dhà maitheas 
a chithear fad no goirid uainn, no air nach d'ràinig 
neach fathast. Ma's teth do ghràdh, cha bhi do mhìann 
fuar. Smuainich agad-fèin " Cjod a chunnaic mì ? 
glòir do-mheasraichte ! maise bharraichte ! cia 
sona sibhse, anamana, a ta nis a' mealtuinn an t-sonais 
ghlòrmhoir air nèamh 1 a ta nis a' faicinn mise 
agus glòir nèknh, mìle cuairt na's soilleire na chunn- 
acas riamh ìad leinn-ne, a ta fathast astar uatha 



le Aignidhean Diadhaidh. 305 

Cia taitueach bhur staid-se seach mo staid-sa ! Mis' ag 
'g am faicinn tre neulaibh dorch 1 O cia àrd, cia sona 
sibhse seach mise : mis' ag osnaich, agus sibhse nis a' 
sèinn, gu h-aoibhneach, àit. Mis' a' peacachadh, agus 
sibhse a' toileachadh Dhè. Is cùis truais mise, coltach 
ri Iob, no ri Lasarus, ach tha sibhse foirfe, gun ghaoid 
air-bith ! Mise air mo ribeadh ann an gràdh an t-saoghail, 
agus sibhse air bhur slugadh suas ann an gràdh Dhè ! 
Agaibh-se cha n-'eil, mar gheibhear agam-sa, eagal no 
cùram. Cha ghuil sibh 'an uaigneas, cha n-fhannaich 
sibh le caoidh, no bròn gu brath ; tha bhur ' deòir uile 
air an tiormachadh air falbh o bhur sùilibh.' nach 
sona, nach anabarrach sona na h-anamanan sibhse !" 

" Och mise ! an f heòil pheacach so m'àit-còmhnuidh 
fathast, 'us mo bhràithrean agus mo chompanaich a' 
gabhail còmhnuidh shuas maille ri Dia ! Is f hada mis' 
an so bho 'n cuideachd agus o'n àrd thoil-ìnntinn ! Is 
bochd, lag mo smuaintean mu Dhia ! Is fuar m' aig- 
nidhean dhà 1 Nach beag a gheibhear agam-sa de'n 
bheatha, de'n ghràdh agus de'n ghàirdeachas làn sin 
leis am bheil na naoimh gach mionaid air an deanamh 
aoibhneach, ait air nèamh ! Nach goirid a mhaireas mo 
sholus beag air an t-sonas mhòr sin, oir gu tric teichidh 
è uam, 'ga m' fhàgail ann an tiugh dhorchadas 1 An 
dràst 's àrìst tuitidh sradag shoilleir, bheò air mo chridhe, 
amhaircidh mì oirre, agus dubhar às ì, no bàthaidh mo 
chridhe fuar ì ! Ach tha solus aig na naoimh air nèamh 
ann an solus an Tighearna, agus òlaidh ìad à tobar an 
aoibhneis an còmhnuidh ! Anns a' bheatha bhochd so 
gheibhear sinn a' buaireadh a chèile, gach aon ri carraid, 
cònsachadh 'us aimhreit ri aon eile, ach shuas air 
nèamh cha n-'eil ach aon chridhe, aon ghuth 'us aon 
ghràdh aig na h-uile 'us ìad gu lèir aon-ìnntinneach, 
agus Alelùia nèamhaidh anns gach bèul 'g a shèinn gu 
ceòlmhor, rèidh gach ùair. O cia mòr a' chuilm a 
f huair mo chreidimh, ach cia mòr a' ghort a ta air mo 
spiorad I anamana beannaichte I cha n-f haod mì, cha 
dàna dhomh farmad a ghabhail ruibh, cha ghabh idir ; 
is feàrr leam mòr ghàirdeachas a dheanamh ann bhur 
sonas, agus a bhi toilichte le smuaineachadh gu taitneaoh 
airan làshona sin airan gabharastigh mise do bhurcuid- 

u 



306 Mevrachadh Nèamhaidh 

eachd ! Cha n-è mo mhìann àit aoin dibh a ghabhail, ach is 
è mo mhìann a bhi cho sona 's a tha sibh, — mo mhìann 
a bhi maille ribh. Cuime 'dh-fhanas, a ghuileas, a 
dh-fheitheas mì an so? Dh'fhalbh mo Thighearn. 
Dh'f hàg è an talamh so, agus chaidh è stigh d'a ghlòir. 
Dh'f halbh mo bhràithrean ; tha mo chàirdean air 
nèamh, mo thigh, mo dhòchas agus m' uile chuid an sin. 
Am feadh a bhitheas mise astar cho fada bho mo Dhia. 
na gabh iongantas ciod a bhitheas a' tighinn rium, ma 
chluinnear mì ri gearan anis. Ma dh'ìarr Mìcah aineol- 
ach an dèigh 'iodhoil, nach ìarr m'anam-sa gu dìan a 
dh-ionnsuidh an Dè bheò ? Mur bitheadh dòchas agam 
ri àrd thoil-ìnntinn, rachainn g' am fholach fèin anns 
an fhàsach, agus laidhinn sìos ag ulartaich ann an àit 
fàsail, dorch air-chor-eigin, a' caitheamh mo làithean 
ri mìannachadh gun fhèum. Ach romham-sa tha tìr 
na fois', agus dhomh-sa tha tìr 'us fois shona air an 
gealltuinn, agus maille riutha sin àrd ghlòir gus an 
àrdaichear suas mì. Tha m' anam anis a' teannadh 
dlùth air m' f hois ; is beag nach 'eil è aice cheana. Air 
an aobhar sin, gràdhaichidh agus mìannaichidh mì, 
amhaircidh agus ìarraidh mì, agus bithidh mis' ag 
ùrnuigh. Cia f had a Thighearna ? cia f had a dh-f hàg- 
as tu an t-anam so ri plosgartaich 'us osnaich, 
gus am fosgail thu an dorus gu glòir dhà-san a tha nis 
a' feitheamh 's a' mìannachadh a bhi maille riut ?" 

Mar sin, a Chriosduidh, ìarradh do smuaintean suas, 
gus am bi mìann air d' anam, mar bha air Daibhidh ag 
ràdh, " gu'n tugadh fear-èigin dhomh deoch uisge o 
thobar Bhet-lehem I" 2 Sam. 23. 15. Agus gus am 
taod thu 'ràdh, mar thuirt è uair eile, " Bha mi'n geall 
air do shlàinte, a Thighearna." Agus mar chuir màthair 
agus bràithrean Chriosd fios d'a ionnsuidh, 'nuair nach 
b'urrainn ìad teachd am fagus dà le dòmhlachd an 
t-sluaigh, ag ràdh, " Tha do mhàthair agus do bhràithre 
'n an seasamh a muigh agìarraidh d'fhaicinn ;" mar sin 
ruigeadh do mh\ann-sa Criosd, agus aidichidh è thu, oir 
thubhairt è, " Is iad mo mhàthair agus mo bhràithrean 
ìadsan a dh'èisdeas ri focal Dhè', agus a ni e." Lùc. 8. 
20. 21. 

B. Is è Dòchas aigneadh eile a ta ri oibreachadh ann 



Ze Aìgnìdhean Diadhadh. 307 

am meòrachadh nèamhaidh. Cuidichidh è gu mòr a 
chum an t-anam a chumail suas fo thrioblaid ; misnichidh 
è sinn anns gach èiginn, no cruaidh chàs ; neartaichidh 
è agus ni è seasmhach sinn fo na deuchainnibh a's 
geòire bèum ; beothaichidh è sinn anns gach dleasanas. 
Is è dòchas am fìor ìnneal leis am bheil uile chuibh- 
leachan na h-ìnntinn air an gluasad. Cò a chreideadh, 
cò a dheanadh cruaidh spàirn airson nèimh mur bith- 
eadh dòchas aige ri dhol do nèamh? Cò a dheanadh 
ùrnuigh, 'mur bitheadh dòchas aige gu'n èisd Dia ris ? 
Ma bhàsaicheas do dhòchas, bàsaichidh do dhleasanas, 
bksaichidh d'oidhirp, bàsaichidh do ghàirdeachas agus 
basaichidh d'anam. Agus mur bi do dhòchas ag obair, 
ach 'n a chadal, is beag nach 'eil è marbh cheana, no tha 
è anns an ath chèum do bhàsachadh. Hò! cum beò è. 

Air an aobhar sin, a Chriosduidh, 'nuair a bhitheas 
tus' a' togail suas d'aignidhean eile gu nèamh, tog àrd 
do dhòchas. Smuainich mar so, agus rèusanaich mar 
so ri do chridhe fèin, " Carson nach bitheadh dòchas 
earbsach, sòlasach, làidir agam-sa, agus m'anam ann an 
làmhan Slànuigheir cho iochdmhor? agus Dia cho 
fìalaidh a' rìaghladh 's a' buileachadh na rìoghachd? 
Am facas riamh è air dòigh sam-bith mi-thoileach maith 
a dheanamh dhomh, no toileach mo sgrios ? Nach do 
mhionnaich è ' nach 'eil tlachd air-bith aige ann am bàs 
an tì a bhàsaicheas, ach gu'm fheàrr leis è aithreachas 
a dheanamh agus a bhi beò ?' Nach 'eil gach ni a rinn 
è rium a' dearbhadh sin dhomh ? Nach d'innis è mo 
chunnart dhomh, 'nuair nach robh eagal cunnairt òrm, 
a chionn gu'm àill leis mo theàrnadh ? Nach d'innis è 
dhomh càit am bheil mo shonas, 'nuair nach robh sùim 
idir agam-fèin dhà, a chionn gu'm b'àill leis mo dhean- 
amh sona ? Nach tric a tharruing è mì d'a ionnsuidh 
fèin agus a cfh-ionnsuidh Chriosd, 'nuair a bha mis' a' 
seasamh air m'ais ? Nach robh a Spioraid a' sìor-ìarr- 
aidh mo chridhe ? Agus an deanadh è sin uile air mo 
shon, na'm b'àill leis mis' a bhi càillte ? Na'n robh 
m'anam ann an làmhan mo nàimhdean fuilteach, an sìd 
bu bheag m' aobhar dòchais ri teàrnadh ; seadh, uaii 
robh è gu le*ir 'an earbsa rium-fèin, dheanadh m'f heòàl 
agus m'amaideas a sgrios. Ach an tig dhomh-sa 'bhi 



308 Meòrachadh Nèamhaidh 

an-earbsach mu Dhia, mar bhithinn mu naimhdibh agus 
umam-fe'in ? Gu cìnnteach cha tig. 

" Nach tigeadh dhomh dòchas a bhi agam, na'n 
gealladh duine còir dhomh ni àraid a bha 'n a chomas a 
dheanamh air mo shon ? Agus nach còir dhomh 
dòchas* a bhi agam 'us co-cheangal agus focal Dhè 
agam ? Is fìor, nach d'f huair sinn làn shealladh air 
glòir fathast ; cha n-f haca sinn ionad-còmhnuidh sìor- 
ruidh nan naomh fathast, ach nach cìnntiche gealladh 
Dhè na ar sealladh-ne ? Is ann le dòchas 'us cha n-ànn 
le sealladh a dh-fhè'umas sinn a bhi air ar teàrnadh, 
agus ' dòchas a chithear cha dòchas è : oir an ni a ta 
duine 'faicinn, c'arson a bhios dòchas aige ris ? Ach 
ma tha dòchas againn ris an ni nach 'eil sinn a' faicinn, 
feithidh sinn gu foighidneach ris.' Ròm. 8. 24, 25. Bha 
nàir òrm airson mo dhòchas a chur ann an gàirdean 
feòla, no ann an duine, ach cha ' nàraich an dòchas' a 
chuirear ann an gealladh Dhè\ Ròm, 5. 5. An uair a's 
truime mo shàrachadh agus a's mò mo thèinn their mì, 
" Is e an Tighearn mo chuibhrionn, tha m'anam ag ràdh ; 
uime sin cuiridh mi mo dhòchas ann. Is maith an 
Tighearn dhoibh-sa an dh'fheitheas air, do'n anam a 
dh'iarras e. Is maith bhi ann an dòchas, agus feitheamh 
gu fòil ri slàinte an Tighearna. Oir cha tilg an Tighearn 
uaith gu bràth ; ach ged bheir e aobhar bròin, gidheadh 
ni e iochd a rèn* lìonmhoireachd a thròcairean." Tuir. 
3. 24-32. Ged dh-fhannaichinn, ged bhàsaichinn, 
fathast bithidh dòchas agam ; oir ' bithidh dòchas aig 
an fhìrean 'n a bhàs.' Gnàth. 14. 32. Ged laidhinn 
sìos ann an duslach dorchadais, eadhon an sin ' gabh- 
aidh m'fheòil fois ann an dòchas.' Salm 16. 9. Agus 
an uair nach bi aobhar gàirdeachais air-bith eile aig 
m'f heoil, fathast ni mì greim teànn air ' gàirdeachas an 
dòchais gu daingean gus a' chrìoch.' Eabh. 3. 6. Oir 
'bithidh dtdl (no dòchas) nam fìrean 'n a aobhar 
aoibhneis.' Gnàth. 10. 28. 

" Gu dearbh na'n robh agam-fèin ri oeartas Dhè a 
rtaracnadh, cha bhitheadh dòchas idir agam. Ach 



Dochas :dùil, no fiughair ri ni a ta neach a' mìannachadh ; muinighin 
ann am /naith ri teachd. — EaDAR. 



le Aignidhean Diadhaidh. 309 

1 thug Criosd a steach dòchas a's feàrr, tre 'm bheìl 
sinn a' teachd am fagus do Dhia.' Eabh. 7. 19. No. 
na'm b'ànn ri crèutair lag — crè'utair air-bith — a bha mo 
ghnothach, bu bheag an dòchas dhomh sin ; oir cionnus 
a b'urrainn è mo chorp a thogail suas o'n duslach, agus 
m'àrdachadh os-ceànn na grèine ? Ach ciod è sin ann 
an coimeas ris a' Ghàirdean uile-chumhachdach a rinn 
nèamh agus talamh amach à" neo-ni ? Nach urrainn an 
Gàirdean sin a thog Criosd o na mairbh, mis' a thogail ; 
agus nach urrainn an Tì a ghlòraich an Ceànn, na buill 
a ghlòrachadh mar-an-cèudna ? Gun teagamh, ' le fuil 
a' choimhcheangail, cuiridh Dia amach a phrìosanaich 
às an t-slochd anns nach 'eil uisge sam-bith ;' air an 
aobhar sin, ' pillidh mise chum an daingnich, mar 
phrìosanach an dòchais.' " Sech. 9. 11, 12. 

4. Is è Misneachd no Ddnachd aigneadh eile. a 
dh-fhè'umar oibreachadh ann ammeòrachadhnèamhaidh, 
Treòraichidh an t-aigneadh so an cridhe gu deadh rùn, 
agus crìochnaichidh è ann an gmomh. An dèigh dhuit 
do ghràdh, do mhìann agus do dhòchas a dhùsgadh suas, 
gabh air d'aghaidh, a' smuaineachadh agad-fèin mar so, 
" An gabh Dia da rìreadh còmhnuidh maille ri daoine ? 
An ruig dòchas air glòir cho mòr ? Carson, matà, nach 
'eil mise nis a' deanamh greim air a' ghlòir sin ? Càit 
am bheil spionnadh mo chridhe ? càit am bheil neart 
suilbhir, dòchasach mo spioraid ? Carson nach 'eil mis' 
a' ' crioslachadh leasraidh m' ìnntinn ?' 1 Pead. 1. 13. 
Carson nach 'eil mis' a' casgadh mo naimhdean, — an 
fheòil 's a feachd, — air gach taobh dhìom, agus gu 
fearail a' briseadh tre gach cùis-bhacaidh ? Ciod a 
chuireadh stad, sgàth, no eagal òrm ? Nach 'eil Dia 
leam? nach 'eil Criosd leam anns an obair so? Agus 
ma tha ' Dia agus Criosd leam cò 'dh'f heudas a bhi a'm' 
aghaidh?' Rom. 8. 31. Ann an obair a' pheacaidh is 
beag nach cuidich na h-uile nithe leinn, cha n-'eil ach 
amhàin Dia agus a sheirbhisich 'n ar n-aghaidh anns 
an obair sin. Ach ann mo cheum-sa gu nèamh, is beag 
nach 'eil na h-uile nìthe ag oibreachadh a'm' aghaidh, 
gidheadh tha Dia leam ; agus an lorg sin thèid an obair 
leam gu comasach, taitneach ! 

" Am buail m\ air an obair so ann mo neart f èin ? 



310 Meorachadh Nèamhaidh 

Nach ann le neart Chriosd, mo Thighearn, a ghabhas ì 
deanamh dhomh? Agus nach 'urrainn mì na h-uile 
nitho a dheanamh tre Chriosd a neartaicheas mì.' 
Philip. 4. 13. An d'fhairtlich nkmhuid riamh air 
Criosd ? Gu dearbh is iomadh nàmhuid a thug ionn- 
suidh gharbh air, ach cò a thug buaidh air? Carson, 
matà, a gh°ibhear m'f heòil a's\or-ghearan gu'm bheil an 
obair duilich, cruaidh? Am bheil nì sam-bith ro chruaidh 
air an Uile-chumhachdach ? Nach f haod Peadar 
imeachd gu dàna air an fhairge, 'nuair a bheir Criosd 
comas dhk ? Ma thòisicheas è air dol fodha, an ann o 
easbhuidh neirt ann an Criosd, no bho lughad a 
clireidimh fèin ? Nach maith is airidh mis' air mo 
thilgeil do ifrinn, ma leigeas m\ le bagairtean bàsmhor 
m' iomain do'n àit sin ? Nach airidh mì air mo dhùnadh 
amach à nèamh, ma leigeas mì le eagal na droch 
theanga mo chumail anis o obair an àite sin ? Ciod I 
geda b'athair, no màthair, fear-pòsda, no bean, no abair, 
mo charaid a's feàrr 's an t-saoghal, ma's fhìach an 
leithid càirdean a ghairm dhiubh, a mhealladh m' anam 
gu àit nam mallachd, nach bu chòir dhomh ìad sin agus 
gach uile chrèutair, a chumadh mì bho Criosd, a thrèig- 
sinn ? Ma thuiteas mì fo chorruich Dhe, an urrainn 
càirdeas dhaoine mo thogail, no sòlas a thoirt do 
m'anam mallaichte? Am bi mis' a' geilleadh do thoil 
dhaoine agus le sin a' cruadhachadh mo chridhe fèin an 
aghaidh an Tighearna ? Iarradh ìad òrm air an glùinibh, 
ach so am fear leis nach f hiù ìad, nach trèig gu bràth 
a cheum nèamhaidh fein air an son, agus nach èisd idir 
ri'n guth meallaidh. Bitheadh ìad sodalach, no 
gruamach ; gèuraicheadh ìad an teangaidh 's an claidh- 
eamh a'm' aghaidh, bèumadh ìad m\ mar is àill leo, ach 
ann an neart Chriosd, seasaidh mise mach 'n an aghaidh, 
dùlanaichidh mì ìad agus amhaircidh m\ orra mar 
dhuslach : geda thairgeadh ìad onoir, eadhon rìoghachd- 
an dhomh, chum mo mhealladh, cha b' fhearr leam 
ìad na inneir na talmhainn. thusa m' fhois bheann- 
aichte 1 thus' a staid ghlòrmhor ! cò a reiceadh tu 
air faoin dhòchas, faileas agus sgleò ? cò a thre*igeadh 
(Jo tJièum le guth meallaidh, no eagail ? Cò nach dean- 
adh cruaidh spàirn, agus cogadh, agus faire, agus ruith 



le Aignidhean Diadhaidh. 31 1 

'us leum, agus sin le ' ainneart/ eadhon gu bàs, a chum 
d'fhaotuinn? Cò ach amhàin \adsan aig nach 'eil 
eòlas ort, agus nach 'eil a' creidsinn ann do ghlòir." 

5. Is è Gàirdeachas an t-aigneadh mu-dheireadh a 
ta ri oibreachadh ann am meòrachadh nèamhaidh. 
Tha gràdh, mìann, dòchas agus misneachd a' co- 
oibreachadh uile chum ar gàirdeachas a thogail. Gu 
nàdurrach is mìannach, taitneach leis gach duine 
gàirdeachas a dheanamh, agus tha fios aig na h-uile 
nach urrainn neach a bhi sona gun ghàirdeachas. Is è 
mo dhòchas, uime sin, a lèughadair, nach ruigear a leas 
mòran a ràdh riut a chum d'aomadh an dèigh ni sam- 
bith a ni do bheatha taitneach dhuit. Anis, matà, 
ma's duine thu aig am bheil làn dearbhadh annad-fèin 
gur brùideil, diombuan taitneas na feòla, agus gur ann 
o nèamh a gheibhear gairdeachas làn, làidir, maireann- 
ach, cha n-'eil fèum cho mòr agad air do chomhairleach- 
adh an so, agus air an aobhar sin, tòisichear anis air 
do sheòladh. Ma rinn thu d'obair eile gu maith roimhe 
so, fhuair thu sealladh air d'fhois, tha thu nis a' creid- 
sinn ìnnte ; tha dearbhadh agad air a h-òirdhearcas ; 
tha thu air tuiteam ann an gaol oirre ; tha fadachd ort 
'n a dèigh ; tha dòchas agad rithe ; agus tha thu le làn 
mhisneachd a' cur romhad a dhol tre gach cunnart a 
chum a faotuinn. Ach am bheil obair idir aig gàird- 
eachas an so ? Is taitneach leinn am maith a ta againn. 
Is è am maith a ta lathair cuspair a' ghàirdeachais ; 
agus their thusa, " Mo thruaigh mise ! tha mì gun 
ghàirdeachas òrm." Ach smuainich car beag agad- 
fèin, " Nach dad idir còir sgrìobhte bho Dhia ? Nach 
aobhar gàirdeachais a gheallaidhean neo -mhearachdach ? 
Nach dad idir a bhi beò gach là ann an dòchas ri dhol 
asteach do'n rìoghachd ? Nach lan aobhar gàirdeachais 
do-labhairt dhomh mo dhearbh-bheachd gu'm bi mì air 
mo ghlòrachadh an dèigh so ? Nach taitneach do 
oighre rìoghachd smuaineachadh air an onoir sin a 
gheibh è 'an ùin ghoirid, ged nach 'eil è an diugh na's 
àirde na seirbhiseach ? Nach 'eìl araon àithn 'us 
eisimpleir againn gu gàirdeachas a dheanamh 'an dòchas 
glòire Dhè." Ròm. 5. 2 : Caib. 12. 12. 

An so anis, a lèughadair, gairm air do chridhe aon 



312 Medrachadh Nèamhaìdh 

uair fathast, agus tog suas è gu mullach na beinne sin 
a's àirde. ' Nochd dhà rìoghachd Chriosd agus a glòir,' 
agus^ abair ris, l So uile bheir do Thighearn dhuits' a 
chreid ànn, agus a bha 'deanamh aoraidh dhà.' ' Is è 
deadh thoil an Athar an rìoghachd so a thoirt dhuit.' 
Lùc. 12. 32. Nach fhaic thu nis a' ghlòir ìongantach 
a ta os do chionn? So uile d'oighreachd fèin. Is leats' 
an critn sin. Is leat-sa na taitneasa sin, a' chuideachd 
sin, an t-àit maiseach sin ; is leat-sa ìad sin uile ; a 
chionn gur le Criosd thusa, agus gur leat-sa Criosd. 
'Nuair a bha thu air d'aonadh ris, bu leat na nithe sin 
uile maille ris." 

Mar sin, treòraich do chridhe 'dh-ionnsuidh " tìr a' 
gheallaidh." Feuch dhà nis na beànntan taitneach, na 
glìnn thorach. Feuch dhà na " bagaidean dhearcan" a 
chruinnich thu, chum a dhearbhadh air gur tìr bheann- 
aichte sin " a' sruthadh le" nithibh a's feàrr na " bainne 
agus mil." Rach astigh air geataibh a' " bhaile 
naoimh," imich tre shràidibh na h-Ierusaleim Nuaidh. 
' Cuairtich Sion, agus rach m'a timchioll, àireamh a 
ttiir ; thoir an aire d'a balla làidir, comharraich a 
lùchairtean, chum gu'n cuir thu an cè'ill e do d'anam.' 
Salm 48. 12, 13. ' Nach 'eil glòir Dhè aig a' bhaile 
sin, agus nach 'eil a shoillse cosmhuil ri cloich ro luach- 
mhoir, mar chloich iaspis, soilleir mar chriostal ? Faic 
dà bhunait dheug a bhalla, agus annta-san ainmean dà 
abstol deug an Uain. Agus tha a bhalla air a thogail do 
chloich iaspis ; is òr fior ghlan am baile, cosmhuil ri 
gloine shoilleir ; agus tha bunaitean balla a' bhaile air 
an deanamh sgìamhach leis gach uile ghnè chlocha 
luachmhor. Agus an dà gheata dheug, is dà neamhnuid 
dheug ìad, agus is neamhnuid gach aon gheata fa leth, 
agus is òr fior ghlan sràid a' bhaile, mar ghloine shoil- 
leir. Cha n-'eil teampull ann, oir is e 'n Tighearn 
Dia uile-chumhachdach, agus an t-Uan a's teampull dà. 
Agus cha n-'eil feum aig a' bhaile air a' ghrèin, no air 
a' ghealaich a dhealrachadh ann : oir shoillsich glòir 
Dhè e, agus is e an t-Uan a's solus dà; agus gluaisidh 
cinnich na muinntir sin a shaorar 'n a sholus. Tha na 
briathran so dìleas agus fìrinneach. Agus chuir an 
Tighearn, Dia nam fàidhean naomha, 'aingeal ftìn, ag- 



le Aignìdhean Diadhaidh. 313 

us a Mhac fèin a nochdadh d'a sheirbhisich na nithe 
sin a's èigin tachairt gu h-aithghearr.' Taisb. 21. 11-24: 
Caib. 22. 6. 

Abair anis ri sin uile, " Sin d'fhois m'anam ! Agus 
is è 'n t-àit sin do chòmhnuidh shìorruidh. ' Deanadh 
mic Shioin aoibhneas, deanadh nigheana Ierusaleim 
gàirdeachas ; oir is mòr an Tighearn, agus is ro airidh 
air cliù è ann am baile ar Dè, ann an sliabh a naomhachd ; 
sgìamhach 'n a shuidheachadh, aoibhneas na talmhainn 
uile, is e sliabh Shioin. Aithnichear Dia 'n a lùchairtibh 
mar theàrmunn.' " Salm 48. 11, 1-3. 

Fathast gabh air d'aghaidh. An t-anam a ghràdh- 
aicheas, dìridh è suas gu bidheanta, agus ruithidh h gu 
h-eòlach tre shràidibh na h-Ierusaleim nèamhaidh, a' 
faicinn nan aithrichean agus nam fàidhean, a' fàilteach- 
adh nan abstol, ag amharc le iongantas air armailtibh 
nam martarach ; mar sin, treòraich thusa do chridhe 
bho shràid gu sràid ; thoir astigh è do lùchairt an 
" Rìgh mhòir ;" treòraich è, mar gu'm b'eadh, bho 
sheòmar gu seòmar. Abair ris, " An so gabhaidh mise 
còmhnuidh. An so bithidh mise beò. An so molaidh 
mise. An so gràdhaichidh mise agus gràdhaichear mì. 
Gu goirid, is mise aon de'n luchd-ciùil nèamhaidh ; an 
sin bithidh mì na's eòlaiche air a' cheòl, eadhon ceòl a' 
mholaidh nèamhaidh. Gabhaidh mi m'àit ameasg na 
cuideachda beannaichte so, agus togaidh mo ghuth an 
t-òran ceòlmhor, bìnn maille riutha. An sin tiormaichear 
air falbh mo dheòir uile. Tionndaidhear m'osnaich gu 
fònn eile. Atharraichear mo bhothan creadha gu bhi 
mar an lùchairt so. Nithear luideagan mo phrìosain 
cosmhuil ris na trusganaibh àluinn sin. Cuiridh mì 
dhìom an fheòil shalach so, agus cuirear umam corp 
spioradail, glan, sgìamhach mar a' ghrìan : oir an sin 
' chaidh na ceud nithe thairis.' Ta.isb. 21. 24- ' Innsear 
nithe glòrmhor ort-sa, a cbaithir Dhè.' Salm 87. 3. 

" 'Nuair a sheallas mì suas ris an àit ghlòrmhor so, 
is otrach agus toll dubh an talamh ann mo shuilibh. 
ciod è duine lag air a phìanadh, ri osnaich, a' bàs- 
achadh 's a' grodadh sìos do'n uaigh, ann an coimeas ri 
aon de na naoimh àrd-aoibhneach, dhealrach sin I An 



314 Mebrachadh Nèamhaidh. 

sin ' òlaidh mi à* amhainn nan sòlas, 's a sruthain a' 
deanamh caithir Dhè ait.' Salm 36. 8. : agus 46. 4. 

' ; ' Bhuineadh do Israel. 'us ìad fo dhaorsainn an lagha, 
seirbhis a dheanamh do'n Tighearn le gàirdeachas, agus 
subhachas cridhe, airson pailteis nan uile nithe.' Deut. 
28. 47. Agus nach dean mise seirbhis dhà le gàird- 
eachas agus subhachas cridhe, airson pailteis na glòire ? 
' Ma ghabh naoimh 'us ìad fo ghèur-leanmhuinn, le 
luath-ghàir ri creachadh am maoin,' (Eabh. 10. 34,) 
nach gabh mise le gàirdeachas làn aiseag nan uile nithe 
dhomh ? Nach bu là iomraideach ' an là air an d'f huair 
na h-Iudhaich fois o'n naimhdibh,' a chionn gu'n 
1 d'iompaicheadh è dhoibh o thuirse gu aoibhneas agus 
o bhròn gu àm maith ?' Est. 9. 22. Ach ! cia mòr 
an là sin do m'anam-sa, 'nuair a dh-atharraichear è gu 
fois fada nan cìan na's mò na sin ! ' 'Nuair a chunuaic 
na drùidhean (daoine glice) an rèult,' a threòraich ìad a 
dh-ionnsuidh Chriosd, ' rinn ìad gàirdeachas le h-aoibh- 
neas ro mhòr.' Mata 2. 10. Acb nach mis' a ni an 
gkirdeachas gu h-aithghearr, 'us mì 'faicinn Chriosd, 
' reult dhealrach na maidne !' Taisb. 22. 16. 

" ' Dh'imich na deisciobuil o'n uaigh le mòr ghàird- 
eachas', 'nuair a chual' ìad gu'n robh an Tighearn ' air 
èirigh o na mairbh.' Mata 28. 7, 8. Ach cia mòr mo 
ghàirdeachas-sa, 'nuair a chì mì mo Thighearn a' 
rìgheachadh ann an glòir, agus mi-fèin air m'àrdachadh 
gu co-chomunn beannaichte maille risgubràth? An 
sin gheibh mì ' maise 'an àit luaithre, oladh aoibhneis 
'an àit bròin, èididh mholaidh an àit spioraid airsneil ;' 
agus ' nithear' Sion ' 'n a h-òirdhearcas sìorruidh, 'n a 
h-aobhar gàirdeachais feadh lìnn nan lìnn.' Isà. 61. 3 : 
Caib. 60. 15. Carson, matà, nach 'eil mis' ag èirigh 
suas o'n duslach, agus a' sgur de gach gearan ? Carson 
nach 'eil mì nis a' pronnadh smuaintean dìomhain fo 
mo chosaibh, agus a' beathachadh air sòlasaibh na 
glòire, a chithear mar so roi-làimh ? Carson nach 
gkirdeacha^ gun sgur mo bheatha. agus carson nach 'eil 
^lànuighear nèimh an còmhnuidh air mo spiorad ?" 

Anis, a lèughadair. ceadaich dhomh ainmeachadh 
dhuit, nach ruigear a ieas na h-aignidhean sin oibreach- 
adh anns a' cheart òrdugh 's am bheil ìad air a- 



le Aìgnidhean Diadhaidh. 315 

sgrìobhadh sìos an so, ni mò a ruigear a leis an 
oibreachadh uile còmhla. Air uairibh faodaidh fèum 
a bhi agad air aon de d'aignidhean a dhùsgadh gu obair, 
na's mòna aon eile, no faodaidh aon a bhi na's beothaile 
na 'chuid eile dhiubh ; mur bi do chothrom ach goirid, 
faodar aon aigneadh oibreachadh an diugh, agus fear 
eile am màireach, a' dol thairis orra mar sin, a lìon fear 
'us fear, mar cheadaicheas do chrannchur, agus mar 
sheòlas do ghliocas dhuit. 

Faodaidh tu, ma's àill leat, aignidhean eile, a bhkrr 
orra sid oibreachadh, — aignidhean car-measgaichte do 
nach ionann idir 'us dhoibh-san a chaidh ainmeachadh 
roimhe so. Is ìad sin Fuath do'n pheacadh a dh-iarradh 
an t-aoiblmeas neo-bhàsmhor ud a ghearradh amach à" 
d'anam. Eagal diadhaidh gu'm mi-ghnàthaich thu do 
thròcairean uair air-bith, Nàire dhiadhaidh agus bron 
airson gu'n d'rinn thu am mi-ghnàthachadh cho tric. 
Fìor aithreachas glan. Fein-dhìombadh. Amharus 
air do chridhe feln. Truas ris a' mhuinntir sin a tha 
ann an cunnart an t-aoibhneas sìorruidh ud a chall. 
(Faic Caib. IX.) 

III. Bheirear anis fainear mar chuirear meòrachadh 
nèamhaidh air aghaidh le Fèin-labhairt agus Urnuigh. 
Ged is ànn le smuaineachadh a nithear a' chuid a's mò 
de'n obair so, cha n-'eil è cho dualach dhà deargadh 
air a' chridhe leis-fèin 'n a aonar. Anns a' chìris so tha 
meòrachadh coltach ri searmonachadh leis am nrìnichear 
an f hìrinn, agus leis an teagaisgear do dleasanais dhuit, 
ach is ain miga dheargas sin air a' chridhe, gus an cluinn- 
ear co-chur beò, drùighteach na searmoin, a' labhairt gu 
dìreach, dìleas, dìan, drùighteach ris a' choguis ; agus 
sin gu h-àraid 'nuair a dh-ìarrar gu dùrachdach bean- 
nachd Dhe" air co-chur na searraoin. 

1. Is è Fèìn-laòhairt, labhairt ri do chridhe fèin — 
tagair na cfcrise gu dìreach, dìleas, teànn ri do chridhe ; 
oir feumaidh tu air àm do mheòrachaidh do chridhe fem 
a làn-bheothachadh. Fe*umaidh tu 'dhol ann an deasbud 
chhramach, dhhrachdach ris. Labhair agus tagair ris gu 
drùighteach, dlùth, agus gluais è leis gach argumaid 
làidir a's cumhachdaiche buaidh. Mar sin chleachd 
" daoine naomha Dhè" labhairt ri'n cridhe fèin anns 



816 Meòrachadh Nèamhaidh. 

gach lìnn de'n t-saoghal. Mar so gheibhear Daibhidh 
ft' labhairt ris-fem : — 

' O m'anam, c'uim' a leagadh thu, 

Le diobhail misnich sìos ? 
Is c'uim' am bheil thu'n taobh stigh dhiom 

Fo aimheal is fo sgìos ? 
Cuir dòchas daingean ann an Dia : 

Oir molam e a ghnàth, 
's e a's slàinte do mo ghnùis, 
Is e mo Dhia gu bràth." — Salm 42. 11. 
Faic arìst cho maiseach, drùighteach 's a gheibhea? 
&a Rtgh diadhaidh sìn a' tagair ri 'anam fem leis na 
briathraibh milis so : — 

" m'anam, beannaich thusa nis 

An Dia Iehobhah mòr : 
Moladh gach ni an taobh stigh dhiom 

'Ainm naomha mar is còir. 
m'anam, beannaich fèin a nis 

Iehobhah mòr do Dhia 
Na dì-chuimhnich na tiodhlacan 

A dheònuich dhuit an Triath."— Salm 103. 1-5. 
Xs còir an fhèin-labhairt so a dheanamh arèir gach 
aoin fath-leth de aignidhean an anama, agus ar&r gach 
suidheachaidh anns am bi neach. Le fèin-labhairt tha 
neach a' searmonachadh dhà-fèin : Is searmonaiche 
maith gach maighstear maith, no deadh athair teagh- 
laich d'a theaghlach fèin ; mar sin is searmonaiche 
maith gach deadh Chriosduidh d'a anam fèin. Uime 
sin, ceart mar labhras gach ministear dìleas ris an 
t-sluagh, buinidh do gach Criosduidh oidhirp a thoirt 
air labhairt ri 'chridhe fèra, Thoir fainear na briathràn, 
agus an dòigh theagaisg leis an fhearr a rànnsaichear 
an cridhe, agus a dheargar air fo shearmonachadh 
drùighteach, no dìreach mar a laimhsicheas ministear 
fìrinneach cridheachan an t-sluaigh, a' rùsgadh am 
peacaidhean doibh, a' feuchainn an cunnairt doibh 
'gan soillseachadhagus'gancronachadh,'gammisneach- 
adh agus 'g an treòrachadh a dh-ionnsuidh Chriosd le 
tcagasg na fìrinn ; làimhsich agus treòraich thusa do 
chridhe mar-an-cèudna. Dean sin air uair do mheòr- 
achaidh nèamhaidh. Mìnich dhuit-fèin na chisean air 



le Aignidhean Dìaàhaidh. 317 

am bheil thu nis a' meòrachadh. Daingnich do chreid- 
imh ànnta leis an Sgriobtuir. Co-chuir riut-fèin ìad 
arèir na fìrinn agus mar tha d' f hèum fèin ag ìarraidh. 
Cha leisgeul idir dhuit a ràdh nach 'eil thu comasach 
air an dleasanas so a dheanamh. An d'fheuch thu ris, 
arìst 's arìst ? Na abair gu bràth nach 'eil thu comasach 
air a dheanamh, gus am feuch thu ris gu tric, dùrachd- 
ach ; agus ma dh-fheuchas tu ris gu deònach, ann an 
ainm Dhè, agus ann an neart a Spioraid, bi cìnnteach 
gu'n tèid agad air. Nach 'eil Dia fèm ag àithneadh 
dhuit na Sgriobtuirean a " theagasg do d'chloinn, agus 
labhairt orra 'nuair a shuidheas tu ann do thigh, agus 
an uair a dh'imicheas tu air an t-slighe, agus an uair a 
luidheas tu sios, agus an uair a dh'èireas tu suas?" 
Deut. 6. 7. Agus ma dh-fhèumas tu beagan comais a 
bhi agad a chum do chlànn a theagasg, cia mòr na's 
mò na sin a chum thu-fem a theagasg : agus ma's ur- 
rainn thu labhairt air nithibh na diadhachd ri muinntir 
eile, carson nach labhradh tu orra ri do chridhe fèin 
mar-an-cèudna ? 

2. Fòs neartaichear meòrachadh nèamhaidh gu mòr 
le labhairt ri Dia ann an ùrnuigh, mar nithear le tagair 
ruinn-fèm ann am fem-labhairt. Faodar ùrnuigh ghoirid, 
luath a dheanamh gu maith maille ri meòrachadh, no 
meòrachadh a mheasgachadh le ùrnuighean goirid, beo- 
thail. Is ì ùrnuigh cuid mhaith de dhleasanas a' 
mheòrachaidh. Nach tric a gheibhear Daibhidh anns 
an aon Salm, air aon uair a' tagair ri 'anam fein, agus 
air uair eile ri Dia. Tha 'n t-Abstol ag ìarraidh òirnn 
" labhairt ruinn-fèin ann an salmaibh, ann an laoidhibh 
agus ann an dànaibh spioradail."i?pA. 5. 19. Agus gu 
cìnnteach is còir dhuinn labhairt ri Dia ànnta sin. 
Cumaidh sin làthaireachd Dhè ann an sùil an anama, 
agus treòraichidh è gu mòr a chum a bheothachadh 
agus a thogail suas. Is è Dia fèin cuspair a's^irde air 
an urrainnear smuaineachadh, agus le beachdachadh 
air le labhairt agus tagair ris, àrdaichear an t-anam 
agus misnichear na h-aignidhean na's mò na nithear le 
meòrachadh air dòigh sam-bith eile. Geda dh-fhaodas 
nach deanar ach beag drtiigheadh air ar cridheachan 
fhad 's a bhitheas sinn a'tagair na cùise ruinn-fein. 



318 Meòrachadh Neamhaidh 

gidheadh cho luath 's thòisicheas sinn air labhairt ri Dia 
fèin faodar ar bualadh le fìamh agus cùram naomh, ag- 
us faodaidh naomhachd agus mòrachd an Tì ris am 
bheil sinn a' labhairt, a thoirt araon air an f hocal agus 
air a bhrìgh deargadh gu domhain, tarbhach air a' 
chridhe. 

Tha sinn a' leughadh gu'n " deachaidh Isaac amach 
a bheachd-smuaineachadh 's an fhaiche." Anns a' 
Bhiobull Eabhrach tha 'm focal sin, a chaidh eadar- 
theangachadh gu "beachd-smuaineachadh," a' cìallach- 
adh ùrnuigh a dheanamh, cho maith ri meòrachadh. Is è 
meòrachadh mar sin le cuideachadh fèin-labhairt agus 
ùrnuigh, — aon uair a' tagair ri ar cridheachan fèin, agus 
uair eile a' tagair ri Dia, — an cèum a's àirde, do rèir mo 
bheachd fèin, a's urrainn sinn a ghabhail anns an obair 
nèamhaidh so. Na abair idir gur leòr ùrnuigh a dhean- 
amh a dh-easbhuidh meòrachaidh, oir cuimhnich, is dà 
dhleasanas àraid ìad. agus fèumar an deanamh le 'chèile. 
Tha mòr f hèum againn orra le 'chè'ile, agus ma dhear- 
madas sinn aon diubh, ni sinn cron òirnn-fèin. A bhàrr 
air sin, le 'm measgachadh gheibhear ìad, coltach ri 
ceòl. na's taitniche leinn, oir cuiridh aon diubh beatha, 
treòir agus fonn milis anns an aon eìle. Agus is còir 
Ihuinn labhairt ruinn-fèin ann am meòrachadh, mu 'n 
labhair sinn ri Dia ann an urnuigh. Mnr toirear a' 
cheart aire do'n òrdugh so 'n a àm fèin, labhraidh daoine 
ri Dia le urram 'us togradh na's lugha, na labhradh ìad 
ri aingeal, na'm faicteadh aingeal leo, no ri breithreamh, 
na'" robh lad a' tagair ris airson am beatha. Is àrd- 
luact»mhor agus cudthromach labhairt ri Dia nèimh 
ann an ùrnuigh, seach na tha mòran a' saoiltinn. 



Caibdeil XV. 

Meòrachadh Nèamhaidh air a chuideachadh le Nithibh 
faicsinneach, agus air a dhìon an aghaidh a' 
Chridhe sheachranaich. 

Is ì nis a' chuid a's dorra de mheòrachadh nèamhaidh, 
beachd beò, ceart mu nithibh nèamhaidh a làn-chumail 
•ir a' chridhe. Is fihusa smuaineachadh air nèamir 



le Nithibh Faicsinneach. 31 f J 

fèin fad là, na 'bhi beothail agus togarach ann ar 
smuaintibh rau nèamh, aon chairteal na h-uaire. s 
neo-iomlan ar creidimh, oir cha n-'eil sinn air ar n-at - 
nuadhachadh fathast ach ann an cuid, agus tha aige i 
cogadh an aghaidh an t-saoghail cheannaircich, ach aìr 
dhà 'bhi spioradail tha è ullamh gu fannachadh agus 
crìonadh, mur beothaichear agus mur misnichear è an 
còmhnuidh. Is làidir cumhachd nan càil talmhaidh air 
an neartachadh leis an fheòil. Is nàdurrach an cumh- 
achd sin, agus mairidh è cho fad 's a mhaireas nàdur fèin. 
Is f hada uainn cuspairean a' chreidimh, ach is fagus 
cuspairean nan càil. Feumaidh sinn a dhol cho 
fad às ri nèamh a dh-ìarraidh aoibhneis. Cha n-'eil 
è idir cho furasda dhuinn aoibhneas a dheanamh 
ann an nì nach fhaca sinn riamh, no duine sam-bith a 
chunnaic è, gun sealladh againn air ach amhàin geall- 
adh anns a' Bhìobull, ri aoibhneas a dheanamh ann an 
ni a ta sinn a' faicinn agus a ta againn. Anis, matà, is 
è cuid de ghliocas spioradail nithe faicsinneach, no 
cuspairean nan càil a ghairm astigh a chum ar cuid- 
eachadh ann ar turus a dh-ionnsuidh Dhè ; agus is 
maith an gnothach, ma gheibhear càirdean a dheanamh 
de na naimhdibh cumanta sin, agus instrumaidean a 
dheanamh dhiubh-san a chum ar togail a dh-ionnsuidh 
Dhè, a tha cho tric 'g ar tarruing air falbh uaith. 
Carson a thug Dia dhuinn ar càilean (senses) nàdurrach 
agus an cuspairean nàdurrach, ach a chum e-fèin a 
mholadh leo? Carson a tha 'n Spiorad Naonih ag 
ìnnseadh glòir na h-Ierusaleim Nuaidh ann am briath- 
raibh a tha taitneach eadhon do'n fheòil fèin? An 
ann a chum gu'n saoileamaid gur ann de neamhnuid- 
ean 'us òr a tha nèamh air a dheanamh ? no gu'm 
bheil naoimh 'us ainglean ag itheadh agus og òl ? Cha 
n-ann idir, ach a chum ar cuideachadh gu nithe nèamh- 
aidh a thuigsinn 's a bhreithneachadh, arèir ar comais, 
le nithibh talmhaidh a ta dhuinn mar ghloine leis am 
faicear ìad an diugh ann an tomhas beag, gus an tig an 
là aoibhneach sin air an ruigear ìad, agus air am faicear 
ìad gu h-iomlan 'g an làn-mhealtuinn. Agus a bhàrr air 
sin, faodar meòrachadh nèamhaidh a chuideaehHdh ie 
nithibh faicsinneach. 



32G Meòrachadh Nèamhaidh 

1. A chum meòrachadh nèamhaidh a chuideachadh le 
nithibh faicsinneach, comhairlicheam, — Iomadh Sàmh- 
ladh làidir a thogail o nithibh a chithear, agus Cuspair- 
ean nan càil a choimeas ri cuspairibh a' chreidimh. 

1. Smuainich air an aoibhneas a ta shuas, mar gheibh 
thu è air 'ainmeachadh gu làn dhuit anns an Sgriobtuir ; 
's an dèigh sin, ìslich do smuaintean gu crìochaibh nan 
càil nadurrach. Meudaichear gradh agus aoibhneas 
le companas 'us eòlas càirdeil. 'Nuair a dh-oidhirpich- 
eas sinn air smuaineachadh air Dia agus glòir, gun 
bheachdachadh orra, mar tha na Sgriobtuirean 'g am 
foillseachadh dhuinn, caillidh sinn ar sealladh orra, 
agus fàgar sinn gun ni sam-bith againn air an socraich 
sinn ar smuaintean. Cuiridh sinn fada uainn ìad, agus 
bithidh ar smuaintean gun ghreim ac' orra, agus sinn- 
fèin ullamh gu radh, " Is neo-ni dhuinn-ne na nithe 
àrd a ta shuas." Is beag gràdh a ghinear ann an neach 
le smuaineachadh amhain air Dia agus glòir, mar 
chuspairean a ta ro àrd os-ceànn na's urraiun sinn a 
bhreithneachadh, agus is beag aoibhneas a ghinear le 
smuaineachadh nach ruig ar gràdh idir orra. Air an 
aobhar sin, na cuir Criosd na's fhaide uait na chuir se 
e-fèin uait, air eagal gu'n càill thu do shealladh air 
nithibh diadhaidh. Ach smuainich air Criosd mar tha 
è air a ghlòrachadh ann ar nàdur-ne ; oir ghabh è nàdur 
an duine air-fèin. Smuainich air na naoimh ghlòraichte, 
mar dhaoine air an deanamh foirfe. Abair gur còmp- 
anach thu-fèin do Eòin, an diadhair, a' beachdachadh air 
an " lerusalem Nuadh," no air a' bhaile nèamhaidh, ag 
amharc air na rìgh-chaithrichibh, air a' mhòrachd 
ghlòrmhoir, air an armailt nèamhaidh, air a' ghreadh- 
nachas dhealrach a chunnaic è. Abair gur còmpanach- 
turuis dhk thu-fèin a' dol leis gus an rìoghachd nèamh- 
aidh,agusgu'm faca tu nanaoimh uile'n an "trusganaibh 
geala, agus pailm aca 'n an làmhaibh," agus gu'n cuala 
tu " òrain Mhaois agus an Uain." Na'm faca agus 
na'n cuala tu na nithe sin da rìreadh, nach bu mhòr 
d'àrd aoibhneas ! Matà, mar a's mò agus mar a's dùr- 
achdaich' a shaoileas tu annad-fèm gu'm faca tu ìad, is 
ann a's àirde'thogar suas do chridhe le meòrachadh orra. 

Nu dean, coltach ris na Pàpanaich, na nithe glòrmhor 



le Nithibh Faimnneach. 321 

sin a riochdachadh dhuit-fèin ann an dealbhan, no 
ìomhaighean, ach faigh an dealbh a tharruing cho làn, 
cho beò, cho soilleir agus is urrainn thu, air clàr do 
chridhe le meòrachadh air an Sgriobtuir anns am bheil 
ìad air an sgrìobhadh, gus am faod thu 'ràdh, " Thar 
leam gu'm bheil agam boillsgeadh de ghlòir! Thar 
leam gu'n cluinn mì iolach an aoibhneis agus a' mhol- 
aidh, gu'm bheil mì nis a' faicinn Abrahaim agus 
Dhaibhidh, Pheadair agus Phòil maille ris na naoimh 
àrd-aoibhneach eile ann an glòir ! Thar leam gu'm 
faicear leam Mac Dhè anis a' dealradh anns na ' neul- 
aibh,' agus an saoghal a' seasamh an làthair caithir a 
bhreitheanais, a chum am bìnn 'f haotuinn ; agus gu'n 
cluinn mì an Tighearn ag ràdh ris na naoimh, ' Thigibh, 
a dhaoine beannaichte m'Athar-sa ;' agus 'g am 
faicinn a' dol astigh le gàirdeachas ' do aoibhneas an 
Tighearna !' Air uairibh, ni eadhon mo bhruadar air 
na nithibh sin mòr dhrùigheadh òrm, ach cia mòr na's 
mò na sin bu chòir dhoibh drùigheadh òrm, 'nuair a 
smuainicheas m\ orra do reir na firinn ! Ciod a theirinn 
na'm faca nù na nithe do-labhairt ud a chunnaic Pòl ! 
No, an sealladh ud a f huair Stephen, 'nuair a chunnaic 
è ' nèamh fosgailte, agus Criosd 'n a shuidhe air deas 
làimh Dhè !' Is cìnnteach bu bheag aige an f hras chlach 
leis an robh è air a ghoirt-bhualadh, an deigh an t-seal- 
laidh ud ! Gnìomh. 7. 55-59. Ciod a theirinn na'm faca 
mì, mar chunnaic Micaiah, ' an Tighearn 'n a shuidhe 
air a rìgh-chaithir, agus uile shlòigh nan nèamh 'n an 
seasamh air a lkimh dheis, agus air a làimh chlì !' 
(1 Bì. 22. 19.) Sin nithe àrd, glòrmhor a chunnaic 
sluagh sin Dhè, agus is goirid gus am faic mise mòran 
na's mò na chunnaic na daoine maith sin, mu'n robh 
ìad air am fuasgladh o phrìosan na feòla, o'n èigin 
dhomh-sa 'bhi air m' fhuasgladh mar ìadsan." Air an 
dòigh so, chithear mar dhùisgear agus mar thogar suas 
ar n-aignidhean anns an obair nèamhaidh so, 'nuair a 
ghabhar sàmhladh soilleir, làidir air an staid bhean- 
naichte ri teachd, o nithibh faicsinneach, no bho chàilibh 
a' chuirp, oir tha 'n Spiorad Naomh a' labhairt ruinn, 
air an dòigh sin, gu tric anns na Sgriobtuiribh. 

2. Is ì nis an ath dhòigh air am faodar an obair 

x 



322 Meòrachadh Nèamhaidh 

nèamhaidh so a ohuideachadh le nithibh faicsinneach, 
sàmhladh, no coimeas a tharruing eadar cuspairean nan 
càil agus cuspairean a' chreidimh. Mar so, faodaidh 
tu rèusanachadh ri do chridhe fèin eadar taitneas 
truaillidh dhaoine feòlmhor air thalamh, agus an tait- 
neas glan, aoibhneach a ta air nèamh. Abair annad- 
fèin, " An taitneach leis a' pheacach a bhi beò ann an 
aingidheachd ? Agus nach taitneach leam-sa 'bhi beò 
maille ri Dia ? Am bheil tlachd cho mòr aig a' mhisg- 
eadair ann an cupan salach na dibhe làidir, ionnus nach 
toir eagal a bhi mallaichte gu bràth air a thr&gsinn ? 
An f heàrr leis an druisear, no le strìopadair dealachadh 
ri cuid, cliù, creideas agus slàint, na ri 'thaitneas 
brùideil ? Ma gheibh droch dhaoine taitneas cho mòr 
air an t-sligh gu ifrinn, cia mòr seach sin taitneas nan 
naomh air nèamh ? Ma tha tlachd cho mòr aig an 
duine shànntach ann an saoibhreas, aig an duine 
'mhìannaicheas glòir tìmeil, ann an àit àrd, cumhachd 
'us onoir, cia mòr seach sin tlachd nan naomh ann an 
ionmhas sìorruidh, agus ann an onoir nèamhaidh, agus 
anns an ionad ghlòrmhor sin far an àrdaichear sinn 
os-ceànn gach uachdaranachd agus cumhachd, agus an 
deanar sinn 'n ar companaich ghlòrmhor do Chriosd ? 
Nach taitneach le daoine soghmhor an cleasachd fèin a 
leantuinn o mhaduinn gu feasgar, no an là 's an oidhche 
'chaitheamh ri cluith air chairtean 'us dìsnean ! Ach I 
cia taitneach seach sin an toil-ìnntinn a gheibhear 
againn-ne, 'nuair a ruigeas sinn ar fois, a' faicinn gnùis 
an Dè bheò, 's a' moladh Dhè, agus an Uain I" 

Sàmhlaich f òs an taitneas a ta shuas, ri taitneasaibh 
laghail, ceart, measarra nan càil. Abair riut-fèin, 
" Nach milis dhomh blasad air biadh, 'nuair a bhitheas 
mì acrach ; gu h-àraid, mar a thuirt Isaac, ' Biadh 
blasda, mar is ionmhuinn leam,' 'us mì 'g a ghabhail 
ann am measarrachd a chum mo chorp a bheathachadh ! 
Ach cia mòr seach sin an taitneas a gheibh m'anam 
ann am beathachadh air ' Criosd, an t-aran beò,' agus 
ann an ' itheadh maille ris aig a bhòrd 'n a rìoghachd !' 
Bu mhilis le Esau ' a' mhìas bhrochain ud, agus is daor 
a cheannaich è ì, 'nuair a reic è a chòir-bhreithe air a 
&on ;' ach ! cia milis, luachmhor dhomh-sa am biadh 



le Nithibk Faicsinneach. 323 

nach teirig gu bràth ! Cia taitneach deoch òl an uair 
bhitheas neach tioram, tartmhor, seadh a' bàsachadh 
le tart ; bu leòr è gu ' neart Shamsoin fe'in ath-bheoth- 
achadh !' cia taitneach do m'anam-sa ' òl à tobar nan 
uisgeachan beò ; oir ge b'e neach a dh'òlas às an tobar 
sin, cha bhi tart gu bràth airl' Cia taitneach, cùbhraidh 
eachd ghlan do'n t-sròin ! ceòl bìnn do'n chluais ! seal- 
ladh bòidheach do'n t-sùil ! Ach cia taitneach seach sin, 
cùbhraidheachd mhilis na h-olaidh luachmhoir a ta air 
a dòrtadh air ceànn ar Slànuigheir ghlòraichte, agus 
a dhòirtear air cìnn nan naomh uile, agus a lìonas 
nèamh uile le f àile chbhraidh ! Cia taitneach ceòl nan 
' armailt nèamhaidh !' Cia taitneach a gheibhear na 
nithe sàr-mhaiseach a ta shuas ! Cia glòrmhor an 
' aitreabh nach do thogadh le ìàmhaibh dhaoine,' an 
tigh anns am bheil Dia fèin a' gabhail còmhnuidh, gach 
sràid 'us sealladh àluinn ann am baile Dhia, agus am 
pàrras nèamhaidh !" 

Sàmhlaich f òs an taitneas a ta shuas, ris gach taitneas 
a gheibhear ann an eòlas nàdurrach. Is àrd taitneas 
an eòlais nàdurraich seach taitneas nan càil, ach cia àrd 
seach sin taitneas nèimh ! Abair, matà, " Nach bu 
mhòr an t-aoiblmeas agus an taitneas leis an i»obh an 
sgoilear mòr, atnmeil, Archimèdes,* air a lìonadh 'nuair 
a fhuair è mach meur eòlais, — eòlas air tomhas cìan 
astar nan rèult, — air nach robh fios aig daoine riamh 
roimh lìnn a' chàileadair mhòir sin ! Geda bha a luchd- 
dùcha aineolach gu tric a' bagairt a chur gu bàs 'nuair 
a thòisich è air teagasg an eòlais uir so mu nach cual' 
ìad riamh, b'f heàrr leis am bàs 'fhulang na dealachadh 
ri solus an eòlais, no sgur de mheòrachadh air ! Agus 
nach còir dhomh-sa 'bhi air mo lìonadh le taitneas na 
glòire, agus a bhi toileach caochladh às an t-saoghal so, 
le ùr mheòrachadh mu nèamh air m'anam, agus fios 
agam gu'm bi mo thaitneas air a dheanamh iomlan an 
dèigh mo bhàis ; ach bhàsaich taitneas Archimèdeis 
maille ris-fèin. Is mòr an taitneas a bhi 'rànnsachadh 
nithe folaichte nàduir, agus dìomhaireachd an ealantais 

* Archimìdes: Ard sgoilear, agus speuradair ionn9uichte, barraichte 
de mlminntir Shiracuis ann an Sicilia. Eha è ann mu dhà cheud 
bliadhna roimh theachd ar Slànuigheir. — EaDAR. 



324 Meòrachadh Nèamhaidh 

agus an eòlais 'f haotuinn amach ; gu h-àraid an uair a 
gheibhear amach nì nuadh mu nach cualas riamh ! 
Ach cia luachmhor, àrd seach sin eòlas air Dia agus air 
Criosd ! Is suarach, brùideil taitneas dhaoine feòlmhor 
ann an coimeas ris a 1 mhaise sin a chithear ann an 
ionnsuchadh glan dhaoine ; ach ! cia maiseach gnùis 
Dhè ! 'Nuair a gheibh sinn leabhar ùr, fèumail, leanaidh 
sinn air a lèughadh le taitneas a là 's a dh'oidhche 'g a 
ròghnachadh, ach beag, air thoiseach air biadh, deoch 
'us cadal ! Ach ! cia mòr an taitneas a gheibhear air 
deas làimh Dhè, far am faigh sinn fios air na h-uile 
nithibh ann am mionaid !" 

Sàmhlaich fòs an taitneas a ta shuas, ri taitneasaibh 
na bèusachd agus nan aignidhean nàdurrail. Bu mhòr 
taitneas iomadh aoin de na Pàganaich mheasarra ann 
an riaghailtibh 'us ann an cleachdadh dleasanach nan 
deadh-bhèus. Cha bu duine ceart, onorach leo, ach 
amhàin am fear a bha air a riaghladh le subhailc nam 
bèus, cha n-ànn o eagal peanais, ach a chionn gur 
ionmhuinn, maith an t-subhailc sin ìnnte-fèin. B'àrd- 
luachmhor leo subhailc na bèusachd. Arèir am beachd- 
san is ann amhàin o leantuinn na subhailce sin a 
b'urrainn duine ruigheachd air àrd shonas. Abair, 
matà, " Cia mòr an t-òirdhearcas a gheibhear ann an 
iomlanachd nèamhaidh a' Chriosduidh, agus ann an 
iomlanachd neo-chruthaichte sin Dhè a bhitheas sinn 
a' faicinn ! Nach mòr an taitneas a gheibhear ann an 
oibreachadh a' ghràidh nàdurraich fèin, ma's gràdh 
cloinne, gràdh phàrantan, gràdh chompanach, no 
ehàirdean eòlach, dìleas è ! Nach dubhairt Daibhidh ri 
ìonatan, ' B'iongantach do ghràdh dhomh-sa, a' toirt 
barrachd air gràdh nam ban ?' Nach robh ' anam 
ionatain ceangailte ri anam Dhaibhidh, 'g a ghràdhach- 
adh mar 'anam fèin ?' Nach ' b'ionmhuinn, air dòigh 
àraidh, le Criosd aon deisciobul do'm b'àbhaist luidhe 
air 'uchd ?' Anis, matà, ma gheibhear taitneas cho mòr 
ann an càirdeas dlùth, dìleas ameasg dhaoine, cia mòr 
seach sin an taitneas a gheibhear ann an càirdeas an Tì 
a's Airde, agus ann an làn eòlas air cuideachd Chriosd, 
agus ann an gràdh fìor bhlàth nan naomh air nèamh I 
ftu cìnnteach, gheibhear an càirdeas sin na's treise agus 



le Aignidhean Diadhaidh. 325 

na's dìlse, agus na cuspairean sin na's gràdhaiche agus 
na's taitniche, na chunnacas riamh fo'n ghreln ; agus 
bheìr araon sinne do'n Athair agus do'n Mhac, ar l)ia 
agus ar Slànuighear, agus gu h-àraid ìadsan dhuinn-ne, 
gràdh fada nan oìan na's mò na b'aithne dhuinn rìamh 
anns a' bheatha so. Ma bha neart aon aingil cho mòr 
as gu'm b'urrainn è feachd a sgrìos, bithidh, do rèir 
sin, gràdh nan spiorad làìdir mar-an-cèudna, ionnus 
gu'n gràdhaich sinne m\le cuairt na's teotha agus na's 
càirdeile an dèigh so, na's urrainn sinn a dheanamh an 
diugh. Is do-mheasraicht' uile bhuaidhean agus oibre 
Dhd, mar sin tha'n gràdh so ; gràdhaichidh è sinne 
ann an tomhas neo-chrìochnach os-ceànn a' ghràidh a's 
coimhlionta 'bheirear dhà leinn-ne. Cia mòr, iongan- 
tach, matà, an gràdh sin a bheirear taobh air thaobh ! 

Samhlaich fos òirdhearcas nèimh ri oibribh glòrmhor 
sin a' chruthachaidh a ta ar sùilean a' faicinn anis. 
Ciod an gliocas, ciod an cumhachd, ciod am maitheas 
a ta foillsichte ànnta ! Ciamar a chithear mòrachd a' 
Chruthaidheir a' dealrachadh ann an aitreibh mhòir an 
t-saoghail so ! " Tha gnìomharan an Tighearna mòr ; 
rànnsaichear ìad leo-san uile aig am bheil tlachd 
ànnta." Cia mòr an sgil dhiadhaidh a chithear ann 
an cumadh chorp dhaoine agus ainmhidhean ! Cia mòr 
an t-òirdhearcas a chithear anns gach luibh ! Faic 
àilleachd nam fliùraichean ! Iomadh fèum nan luibhean, 
nam measan, agus nam mèinn ! Na h-iongantais lìon- 
mhor sin a gheibhear anns an talamh agus ameasg a 
luchd-àiteachaidh ; cuan mòr nan uisgeachan, a' lìon- 
adh 's a' traoghadh ; an t-earrach 's am foghar, an 
sàmhradh 's an geamhradh a' teachd gu riaghailt- 
each, gach aon diubh 'n a àm fèin ! Abair anis, " Nach 
làn na nithe sin uile de luachmhorachd dhìomhair, — 
nithe air an òrduchadh gu bhi 'n an seirbhisich do 
dhaoine peacach. Ach ! cia maiseach an t-àit sin 
anns am bheil Dia fèin a' gabhail còmhnuidh, — an t-àit 
a dh'ullaich è airson nam fìrean air an deanamh foirfe 
maille ri Criosd ! Cia iongantach glòir gach rèult a's 
lugha ! Nach mòr, dealrach am ball a' ghealach ud ; 
agus nach àillidh gach rèult ! Cia do-mheasraichte 
glòir na grèine l Ach ànnta sin uile cha n-'eil ach neo- 



326 Meòrachadh Nèamhaidh 

ni ann an coimeas ri glòir nèimh. Dubhar às a' ghrìan 
ud, cha n-'eil ìnnte ach dorchadas ann an coimeas ri 
tigh m'Athar-sa. Bithidh mi-fèin cho glòrmhor ris a' 
ghrèin ud. Cha n-'eil anns an talamh so uile ach 
stòl-coise m'Athar. Is neo-ni an tàirneanach ann an 
coimeas ri guth uamhasach Dhè. Cha n-'eil ann an 
sèideadh garbh nan gaoth sin ach anail a bheòil. Ma's 
iongantach a bhi nis ' a' cur uisge, agus a' tabhairt air 
a' ghrèin èirigh air na fìreanaibh, agus air na neo- 
fhìreanaibh/ cia iongantach, cia glòrmhor seach sin a' 
ghrian sin nach dealraich air aon sam-bith ach air 
naoimh 'us ainglibh !" 

Sàmhlaich fòs an toil-ìnntinn a ta shuas ri iongantas- 
aibh an fhreasdail ann an gleidheadh na h-Kaglais, 
agus ann an riaghladh an t-saoghail. Nachb' fhìor 
iongantach an sealladhleinn na'm faiceamaid ' an fhairge 
'seasamh mar bhalla air an làimh dheis agus air an 
làimh chft, agus an talamh tioram, soilleir anns a' 
mheadhcm, agus sluagh Israeil a' dol anùll tioram, 
sàbhailt, agus Phàraoh agus 'armailt air am bàthadh ? 
no na'm faiceamaid deich plàighean na h-Eiphit ? no 
a' charraig a' spùtadh amach uisge mar amhuinn ? no 
am mana agus na gearra-goirt air am frasadh anuas o 
nèamh ? no an talamh a' fosgladh agus a' slugadh sìos 
nan aingidh' ? Ach chì sinne nithe gu mòr a's mò na 
ìad sin ; chì sinn iomadh sealladh a's iongantaiche agus 
a's taitniche na sin, anns nach bi fuil, no fearg air a 
measgadh, agus cha ghlaodh sinn amach, mar a rinn 
" daoine Bhet-semeis," ag ràdh " Cò is urramn seas- 
amh an làthair an Tighearna Dè naoimh so ?" 1 Sam. 
6. 20. Nach b'iongantach a' ghrian 'fhaicinn a' 
seasamh anns an ìarmailt,' no ' an dubhar air uairead- 
air grèine Ahais a' dol air ais deich cèumanna !' Ach 
chì sinne là air nach bi grìan ann ni's mò ; no bithidh 
sinn gu bràth a' faicinn na grèine sin anns am bheil 
dealradh buan, neo-chfìochnach. Nach bu chumh- 
achdach sinn, nach b'iongantach ar beatha, na'm faigh- 
eadh ar n-ùrnuighean tiormachd, no uisg, no teine bho 
nèamh a chum ar naimhdean a mhilleadh, 'nuair a 
b' àill leinn, mar fhuair Eliah ; no na'm b'urrainn sinn 
marbh a thoirt beò arìst, mar a rinn Eliah ; no èucail 



le Aignidhean Diadhaidh. 621 

ean a leigheas le mìorbhuil, agus gach seòrsa cànain a 
labhairt, mar a rinn na h-Abstoil ! Och I is neo-ni na 
nithe iongantach sin uile ann an coimeas ris na h-iong- 
antasaibh àrd a chì 's a gheibh sinne maille ri Dia : 
agus is maitheas agus gràdh ìad uile. Nithear sinn- 
fèin 'n ar culaidh-iongantais na's mìorbhuiliche na aon 
diubh sin. Thogadh suas Iònah an dèigh dhà 'bhi trì 
làithean air 'adhlacadh ann am broinn an èisg mhòir ; 
ach togar suas sinne an dèigh dhuinn a bhi iomadh 
bliadhna 'grodadh anns an duslach, agus àrdaichear 
na cuirp dhuslaich so againn gu glòir nagrèine, glòir a 
mhaireas tre 'n t-sìorruidheachd. Ma bheir sinn fain- 
ear freasdail chumanta ; mar tha gluasad na grèine ; 
an làn-mara ; seasamh na talmhainn ; an talamh air 
'uisgeachadh mar lios ; riaghladh an t-saoghail aingidh, 
airnìisgich, agus iomadh freasdal eile, gu cìnnteach, is 
maith a dh-fhaodar a ràdh, " Is iongantach ìad sin 
uile." Ach ciod ìad sin do Shion Dhè, do shealladh 
air Mòrachd Dhè, agus do'n òrdugh àrd anns am bheil 
na slòigh ne v amhaidh. 

Cuir riutha sin anis na freasdail àraid sin a thachair 
dhuit-fèin ann an cuairt do bheatha, agus sàmhlaich 
ìad ris na tròcairibh a bhitheas agad shuas. Cuimhnich 
air do thròcairean ann an làithibh d'òige, d'aois agus 
do neirt, air do shocair agus d'an-shocair, air d'f hortan 
agus do mhì-fhortan, air gach àit agus dàimh fa-leth, 
agus an uair a nì thu sin gu ceart, nach maith a thig 
dhuit a ràdh, Is òirdheirc, do-àireamh, saoi'bhir, mòr, 
taitneach ìad ? Nach bu taitneach dhuit, 'nuair a 
dh'fhuasgail Dia do theagamhan, a dh'fhuadaich è air 
falbh d'eagal, a chaisg è an an-shocair anns an tilgeadh 
do chomhairle fèin thu, a dh'èutromaich è do phìan, a 
shlanaich è d'easlaint, agus a thog è suas arìst thu, mar 
gu'm b'ànn, o'n bhàs agus o'n uaigh ! Abair, matà, 
" Cia taitneach, luachmhor na nithe sin uile ! bu truagh 
dhomh mo bheatha gach là 'us uair a dh-easbhuidh 
orra. Nach àrd a thog freasdal Dhè air thalamh mì, 
nach ' d'rinn a chaoimhneas mòr mì ?' Ach ! cia 
milis a gheibh mis' a làthaireachd ghlòrmhor ! Cia àrd 
a dh-àrdaicheas a ghràdh sìorruidh mì ! Cia mòr mo 
staid ann an co-chomunn ri màrachd Dhè ! Is lionmhor, 



3^8 Meòrachadh Nèamhaidh 

prìseil mo thròcairean ann an ouairt mo thuruis, agus 
mo ohogaidh air thalamh ; ach ! faic mo ghlòir, 'nuair 
i thig mo chaithream, agus a ruigeas mì mo dhachaidh 
bhuan ! Is iomadh tròcair a tha Dia a' buileachadh òrm, 
ged is peacach mì, ach fèuch I ciod a bhuilicheas è orm 
fathast, 'nuair a làn-ghlanar mì o gach peacadh, agus a 
Dhitheas m'àit agam ameasg nan naomh foirfichte ! Is 
mòr a th'agam an diugh, geda tha mì astar cho fada 
bho Dhia, ach cia mòr mo chuid 's mo ghlòir, 'nuair a 
sheasas mì dlùth dhà gu bràth an làthair a rìgh- 
chaithreach air nèamh !" 

Sàmhlaich fòs an t-aoibhneas a ta shuas, ris na 
sòlasaibh a gheibhear a bhos ann an òrduighean an 
t-soisgeil. Nach tobar fosgailte dhuit am Bìobull a 1 
sìor-sruthadh le sòlasaibh, gach là 'us oidhche ? Nach 
freagarrach, sòlasach na geallaidhean a thàinig gu 
d'ìnntinn, a' toirt dhuit a ràdh le Daibhidh, " Mur 
biodh gu'm b'e do lagh mo thlachd, an sin gheibhinn 
bàs a'm' àmhghar." Salm 119. 92. Smuainich, matà, 
" Ma tha focal Dhe* cho làn sòlais, nach tobar a' cur 
thairis le sòlas Dia fèin ! Ma tha litrichean Dhè cho 
sòlasach, cia mòr an sòlas glòir a làthaireachd ! Ma tha 
an gealladh cho milis cia milis a choimhlionadh ! Nach 
sòlasach dhuinn tiomnadh ar Tighearna agus ar còir- 
sgriobht' air an oighreach, ach ! cia sòlasach ar seilbh 
air an oighreachd fèin !" A bhàrr air sin, abair, " Nach bu 
taitneach dhomh-sa fòs am focal air a shearmonachadh ! 
'Nuair a shuidh mì fo shearmonaiche nèamhaidh 'us è 
'rànnsachadh, a' gluasad 's a' sìtheachadh a' chridhe, 
nach tric a bha mo ohridhe fèin air bhlàthachadh leis 
an teagasg ! Thar leam gur beag nach d'f huair m) 
mi-fèin ann an nèamh ! Naoh tric a chaìdh mì 'dh-ionn- 
suidh na h-èisdeachd agus mo spiorad trioblaideach, 
brònach, agus a phìll mì dhachaidh aoibhneach ! Nach 
tric a chaidh mi fo theagamh a dh-ionnsuidh na h-elsd- 
eachd, agus a chuir Dia dhachaidh mì le dearbh-bheachd 
agam air a ghràdh ann an Criosd ! Nach iomadh 
deoch-ùrachaidh a fhuair mì chum mo mhisneachadh 
anns gach ' còmhrag !' Ma dhealraich aghaidh Mhaois 
air dòigh cho glòrmhor, ! oia glòrmhor gnùis Dhè ! 
' Is maiseach cosan an teachdair a ta 'g èigheachd sìthe, 



le Aignidhean Diadhaidh. 329 

teachdair an deadh sgèil a ta 'g èigheachd slàinte ;' ach 
1 cia maiseach gnùis ' Prionnsa na Sìthe !' Ma 
gheibhear an ' t-ionmhas' so cho luachmhor ' ann an 
soithichibh creadha ;' cia luachmhor an t-ionmhas sin 
a ta taisgte suas dhomh air nèamh ! Is beannaichte na 
sùilean a chì na nithe glòrmhor a chithear an sin, agus 
na cluasan a chluinneas na nithe a chluinnear an sin 
An sin cluinnidh mì Eliah, Iskiah, leremiah, Eòin, 
Peadar, Pòl, cha n-ann a' searmonachadh do eascairdean, 
ann an prìosan, fo ghe'ur-leanmhuinn agus fo thàir, ach 
le àrd aoibhneas a' moladh an Tì a thog suas ìad gu 
onoir agus glòir." 

Abair f òs " Cia mòr an t-aobhar aoibhneis dhomh an 
diugh, gu'n èisdear ri m'ùrnuigh, gu'm faod mì 'dhol 
uair sam-bith a dh-ionnsuidh Dhè, mo chùis 'fhosgladh 
dhà, agus m' anam a thaomadh amach 'n a làthair, ma- 
dheanainn do mo charaid a's dìlse ! Ach ! m' aoibh- 
neas do-labhairt, 'nuair a gheibh m\ gach beannachd 
gun 'ìarraidh, agus a dh-fhuadaichear fada uam gach 
uireasbhuidh agus truaighe, agus a bhitheas Dia fein 
agam, mar chuibhrionn agus mar oighreachd m' anama." 
Agus do thaobh suipeir an Tighearna, " Cia mòr an 
t-sochair 's an onoir dhomh comas suidhe sìos aig c 
bhòrd, a chum a chùmhnant a shèulachadh dhomh an 
sin ! Ach cha n-'eil anns gach beothachadh agus sòlas 
dhiubh sin ach eàrlas cìnnteach air na h-àrd shòlasaibh 
ri teachd. ! cia mòr an t-eadar-dhealachadh a bhith- 
eas eadar suipeir dheireannach Chriosd air thalamb, 
agus suipeir-bàinnse an Uain air an là mhòr ! Is ìad ne 
nèamhan glòrmhor is seòmar dhà air an là sin, armail- 
tean nan aingeal agus nan naomh, a luchd-frithealaidb, 
àluinn. Cha bhi lùdas, no aoidh neo-ullaichte an sin. 
Cha bhi ann ach na creidmhich iriosal a' suidhe sìos 
maille ri Criosd, agus is è làn ghràdhachadh agus làn 
ghàirdeachas taobh air thaobh a's cuilm dhoibh." Abair 
riut-fèin mu cho-chomunn nan naomh, " Cia taitneach 
a bhi beò maille ri Criosduidhean tuigseach, nèamhaidh ! 
G-heibhear Daibhidh ag ràdh mu 'n timchioll, 'Tha 
mo thlachd uile annta' sin. nach taitneach, aoibh- 
neach a' chuideachd a gheibh mise shuas ! Na'm faca 
m\ Iob, geda b'ànn 'n a shìneadh air an òtrach, bu 



330 Meòrachadh Nèamhaidh 

ghlan an sgàthan foighidin è ! ach nach maiseach 
^"haicinn ann an glòir 1 Nach bu taitneach Pòl agus 
Sìlas a chluinntinn a' sèinn 's an casan teànn-cheang- 
ailte anns na cip ! Nach taitniche na sin an cluinntinn 
a' sèinn molaidh air nèamh ! Nach bu bhìnn an ceòl a 
rinn Daibhidh air a chlàrsaich fèin 1 ach nach ceòlmhoire 
gu mòr, am fear-ciùil bìnn sin a chluinntinn ameasg an 
luchd-ciùil nèamhaidh ! Ciod nach tugainn airson saor 
chòmhradh fad aon uair' ri Pòl, cho luath 's a thàinig è 
nuas o'n ' treas nèamh !' Ach is goirid gus am faic 
agus an sealbhaich mi-fèin na nithe sin uile." 

Aon uair fathast, smuainich air moladh Dhè maille 
ris na naoimh, " Ciod a theirinn na'n robh mì maille 
ris na buachaillean ud, a chunnaic agus a chuala ' cuid- 
eachd mhòr do armailtibh nèimh a' moladh Dhè, agus 
ag ràdh, ' Glòir do Dhia anns na h-àrdaibh agus air 
talamh sìth, deadh ghean do dhaoinibh !' Ach chì agus 
cluinnidh mì nithe na's glòrmhoire. Bu shona leam 
mì-fèin, na'n cuala mì Criosd a' tabhairt buidheachais 
d'a Athair ! Ach cia sona mì, 'nuair a chluinneas mì 
Criosd 'g a m' èigheachd beannaichte ! Bu mhòr an 
t-aoibhneas a bha ann an Ierusalem aig ' toirt na h-àirce 
air a h-ais,' agus aig ' ath-thogail an teampuill ;' ach 
cia mòr an t-aoibhneas a bhitheas anns an ' lerusalem 
Nuadh !' Rèubadh an talamh le fuaim an t-sluaigh a 1 
deanamh mòr ghàirdeachais, an uair a bhathas a' 
crùnadh Sholaimh ! Ach cia aoibhneach, àrd an iolach 
a bheirear, an uair a chithear Rìgh na h-Eaglais a' 
teachd ! Ma ' shèinn rèulta na maidne cuideachd, agus 
ma rinn uile mhic Dhè* gàirdeachas, 'nuair a leigeadh 
bunaitean na talmhainn ;' cia aoibhneach an t-òran a 
sheinnear, 'nuair a stèidhichear agus a chrìochnaichear 
saoghal na glòire, 'nuair a shuidhichear a' chlach- 
mhullaich, agus a bhitheas ' am baile naomh air a sgead- 
achadh mar bhean-bàinnse, eadhon bean an Uain' !" 

Sàmhlaich an t-aoibhneas a bhitheas agad air nèamh, 
ris an aoibhneas a f huair na naoimh gu tric 'n an sligh 
gu nèamh, agus 'n an roimh-bhlSs air. An d'fhoillsich 
Dia e-fèin riamh, air àm air-bith, ann an tomhas beag. 
no mòr, do aon air-bith de na naoimh, ach àm air an 
robh aoibhneas an cridheachan arèir an taisbeanaidh a 



le Aignidhean Diadhaidh. 331 

thugadh dhoibh ? Faic mòr aoibhneas Pheadair shuas 
air " beinn a' chruth-atharrachaidh!" " A Thighearn," 
ars' e-fèin, " is maith dhuinne 'bhi an so ; deanamaid 
trì pàilliunna an so : aon dhuit-se ; agus aon do Mhaois. 
agus aon do Elias." Mata 17. 4. Mar gu'n abradh è, 
" Ho ! na rachamaid sìos arìst ameasg. na gràisge gèur- 
leanmhuinnich ud. Na pilleamaid tuilleadh gu staid 
cho suarach, trioblaideach. Nach fheàrr dhuinn fan- 
tuinn shuas an so fèin, far am bheil sinn anis ? Nach ì 
so cuideachd a's feàrr, agus toil-ìnntinn a's mìlse ?" 
Ciamar a bha Pòl air a thogail suas leis an t-sealladh a 
fhuair è? Ciamar a dhealraich aghaidh Mhaois an 
dèigh dhà labhairt ri Dia air sliabh Shinai ! Bu roimh- 
bhlas sònruichte gach sealladh dhiubh sin, ach is beag 
ìad ann an coimeas ris an t-sealladh uile-bheannaichte. 
Nach tric a lèugh 's a chuala sinn mu naoimh a bha, 
aig uair am bàis, cho làn aoibhneis 's a b'urrainn an 
cridheachan a chumail ; agus air a' cheart uair air an 
robh an cuirp air an fàsgadh le tinneas 'us pìan ro 
chruaidh, bha sealladh cho mòr de nèamh aig an spiorad- 
aibh, ionnus gu'm bu mhò gu mòr an gàirdeachas na 'm 
bròn ! Cia glòrmhor aon sradag de'n t-solus so do'n anam 
fo àmhghar trom, ach cia mòr, làn ghlòir fèin ! ! nach 
bu làidir aoibhneas nam martarach anns na lasraichean 
B'f huil 'us feòil na cuirp aca-san cho maith ris na cuirp 
againn-fèin. Ciod, matà, ach cumhachd òirdheirc, ion- 
gantach a rinn an spioradan a lìonadh le aoibhneas cho 
mòr, 's an uair air an robh an cuirp a' losgadh ! 

Abair annad-fdin, a lèughadair, " Gu cìnnteach, is è 
roimh-bhlas iongantach air glòir a rinn lasraichean an 
teine cho socrach, agus ' rìgh dubh nan uamhas' cho 
taitneach do na martaraich dhiadhaidh ud. Ciod è, 
matà, glòir fèin ! Cia beannaichte fois nan naomh ! 
An dèigh do Phòl smuaineachadh air an f hois so, bha 
è ' togarach air siubhal, agus a bhi maille ri Criosd,' 
ag ràdh, ' is e so a's ro fheàrr.' Agus mar-an-cèudna 
their na naoimh uile nach bi ìad ceart gu bràth, gus am 
faigh ìad bàs agus an ruig ìad am fois ! Am f àiltich am 
martarach, Saunders, an crann-losgaidh, ag èigheachd 
amach, ' Failt air mo bhàs ! agus nach fàiltich mise 
na's tàitniche mo shonas, ag èigheachd, ' Fàilt air mo 



332 Meòrachadh Nèamhaìdh 

chrùn ?' Am pòg am martarach, Bradford, an connadh 
leis an robh e-fèin gu bhi nis air a losgadh ? agus nach 
pòg mise mo Shlànuighear ? Am bi aoibhneas air ban- 
mhartaraich bhochd eile, a cas a chur ann an tòll nan 
ceap anns an robh casan a' mhartaraich, Mr. Pkilpot, 
air an teannachadh gu oruaidh roimpe ; agus nach bi 
aoibhneas òrm-sa gu'm bi m'anam beò gu bràth ann an 
àit na glòire sin gus an deachaidh Criosd agus na 
h-Abstoil romham ? Am fàiltich muinntir eile teine 
agus connodh, prìosan 'us f ògradh, fanaid agus sgiùrsadh 
searbh, an-iochdmhor, na's mò na dh-fhàilticheas mise 
Criosd agus glòir ! Nar leigeadh Dia." 

Sàmhlaich glòir na rìoghachd nèamhaidh, ri glòir na 
h-eaglais air an talamh, agus ri glòir Chriosd ann an 
staid irioslachaidh. Nach mòr an t-òirdhearcas a ta 
ann am fulangas Chriosd airson pheacach ; ach cia mòr 
òirdhearcas Chriosd air 'àrdachadh air deas làimh 
'Athar ! Is mòr àilleachd na h-eaglais an so, eadhon fo 
bhnaireadh a peacaidh agus fo shàrachadh a naimhdean ; 
ach cia mòr a h-àilleachd 'nuair a thig " Pòsadh an 
Uain !" Nach b'iongantach Mac Dhè ann an " cruth 
seirbhisich" air thalamh ! Faic è air a bhreith ann an 
stàpull, 'us rèult a' dealradh os a cheànn, 's a' treòrach- 
adh choigreach a dheanamh aoraidh dhà, 'us è sìnte ann 
am prasaich fhuair an eich ; armailtean nèimh le 'n 
òranaibh ceòlmhor, bìnn a' moladh uair a bhreith ! Faic 
è, 'us è fathast 'n a leanabh, a' deasboireachd ris an àrd 
luchd-teagaisg anns an teampull ! Faic arìst è, an 
dèigh dhà tòiseachadh air a dhreuchd, a' tionndadh 
uisge gu fìon, a' beathachadh mhìltean lo. beagan 
bhuilinnean agus dà ìasg bheag, a' glanadh nan lobhar, 
a' slànachadh an t-sluaigh thìnn, a' neartachadh nam 
bacach, a' toirt lèirsinn do na doill agus a' toirt beò nam 
marbh ! Cia iongantach è, matà, 'n a ghlòir nèamhaidh ! 
Ma bha 'leithid ' a ghearradh air gèugaibh, a leithid a 
sgaoileadh air faluinnibh a sgeadachadh na slighe, agus 
gach bèul ag èigheachd Hosanna/ 'nuair a bha Criosd 
a' marcachd air asal astigh do lerusalem, ciod a their 
'8 a nì sluagh 'nuair a thig è 'n a ghlòir air a chuairt- 
eachadh le 'ainglibh ! 

Is è thubhairt an sluagh a chuala Criosd a' searmon 



le Aignidhean Diadhaìdh . 333 

achadh, soisgeil na rìoghachd, " Cha do labhair duine 
riamh mar an duine so ;" ach is è their ìadsan a chì a 
mhòrachd 'n a rìoghachd, " Cha n-fhacas riamh glòir 
cosmhuil ris a' ghloir so." Ma " thuit" a naimhdean 
" air an làr" 'nuair a thàinig ìad g'a ghlacadh ; ma 
" chriothnaich an talamh," ma " reubadh brat-roinn 
an teampuill," ma " dhorchaicheadh a' ghrìan," ma 
" sgoilteadh na creagan," ma " dh'èirich cuirp nan 
naomh às na h-uaighibh," agus ma dh'aidich an luchd- 
coimhid air dhoibh na nithe uamhasach sin 'f haicinn air 
uair a bhàis, " Gu fìrinneach b'e so Mac Dhe' ;■" O 1 cia 
mòr an là sin air an èirich na mairbh uile gu seasamh 
'n a làthair : air an là sin, " Aon uair eile fathast, 
crathaidh e cha-n e an talamh amhàin, ach nèamh mar 
an ceudna ;" air an là sin, spìonar a' ghrìan ud às na 
spèuraibh, agus f àgar i-fèin 's a glòir dorch gu bràth ; 
air an là sin, aidichidh gach teangaidh esan mar 
Thighearn agus mar Rìgh ! Ma chàill am bàs agus an 
uaigh an cumhachd, an dèigh dhà èirigh arìst, ma 
" charuich aingeal a' chlach" air falbh " o dhorus" na 
h-uaighe, a' cur " eagail air an luchd-coimhid" gus an 
deachaidh " ìad 'an riochd mairbh," agus ag ìarraidh 
orra 'dhol agus "ìnnseadh d'a dheisciobluibh gu'n 
d'èirich Iosa o na mairbh," agus ma chaidh è suas air 
nèamh fo'n sùil, cia mòr an cumhachd, an neart agus a 
ghlòir a ta aige nis, agus a bhitheas againn-ne gu bràth 
maille ris ! 

'Nuair dh'eirich Criosd suas gu glòir, thug è cumh- 
achd do àireamh bheag, do iasgairean agus do phàill- 
iunnaich (tent-makers) bhochd, na bacaich, na doill agus 
na h-easlaintich a leigheas, pàosain 'fhosgladh, na 
h-aingidh a sgrios,na mairbh a dhusgadh, agus iongantas 
a chur air an naimhdean. Ach ! cia iongantach an 
saoghal sin anns an dean gach aon oibrean a's mò na 
ìad sin ! Nach cumhachdach searmonachadh an t-soisgeil 
a' rànnsachadh amach dìomhaireachd a'chridhe, ag 
irioslachadh nam peacach uaibhreach, a' taiseachadh a' 
chridhe chruaidh, 's a' toirt air na h-aingidh criothnach- 
adh : Seadh, a' toirt air ' daoine an droch leabhraichean 
a losgadh, am fearann a reic agus teachd leis an luacli 
'g a leigeil sìos aig cosaibh an t-searmonaiche ;' seadh, 



334 Meòrachadh Nèamhaidh 

ag ìompachadh mhìitean, agus " a' cur an t-saoghail 
bun os ceànn ;" seadh, ma bheir teagasg an t-soisgeil 
air gach seòrsa sluaigh o'n phrìosanach gu-ruig am 
breitheamh air a' chaithir-cheartais, o'n bhaigear gu- 
ruig am prionnsa, criothnachadh ; ma tha an cumhachd 
agus an onoir so aig Criosd agus aig na naoimh air là 
an irioslachaidh, agus air àm òrduichte am fulangais 
agus am maslaidh air thalamh, cia mòr, matà, an làn 
chumhachd, an làn onoir, agus an làn àrdachadh ann an 
rìoghachd na glòire ! 

Sàmhlaich an t-atharrachadh glòrmhor a thig ort 
mu-dheireadh, ris an atharrachadh ghràsmhor sin a 
dh'oibrich an Spiorad air do chridhe anns a' bheatha 
so. Is luachmhoire am fìor ghràine gràis a's lugha 'ta 
annad na saoibhreas nan Innseachan. Cha n-'eil tog- 
radh, no osnadh a bheir do chridhe an dèigh Chriosd, 
nach luachmhoire dhuit na uile rìoghachdan an t-saogh- 
ail so. Is è nàdur ath-nuadhaichte, fìor 'ìomhaigh 
Dhe' ; Criosd a' gabhail còmhnuidh annainn ; agus 
Spiorad Dhe a' fantuinn annainn.' Is gath soluis è bho 
ghnùis Dhia ; sìol Dhè* a' fantuinn annainn, aon mhaise 
chòir, cheart, rèusantach an anama : ag àrdachadh an 
duine os-ceànn gach uaisleachd, 'g a ullachadh a chum 
tlachd a Chruthaidheir a thuigsinn, chum a thoil a 
dheanamh, agus a dhol astigh d'a ghlòir. Ma tha an 
" gràine" so " de shiol mustaird" cho luachmhor, cia 
luachmhor " craobh na beatha, a tha ann am meadhon 
pàrraìs Dhè 1" Ma's luachmhor sradag de'n bheatha 
spioradail nach dean ach cogadh an aghaidh truaillidh- 
eachd, agus beagan mìann 'us osnaich a lasadh anns an 
anam, cia glòrmhor tobar na beatha sin ! Ma theirear 
gu'm bheil sinn cosmhuil ri Dia, 'nuair a dh-ìslichear 
sìos sinn, agus a leònar, agus dh-atharraichear ar 
cridheachan le f ìor aithreachas agus tròm bhròn airson 
peacaidh, is cìnnteach gu'm bi sinn fada nan cìan na's 
coltaiche ri Dia, 'nuair nach bi peacadh idir annainn. 
Kach maiseach gradh 'us dèigh air nèamh ; ach ! 
cia maiseach nèamh fèin ! Nach milis an t-aoibhneas a 
gheibhear an diugh anns na chì, na chluinneas agus na 
chreideas sinn mu ghlòir nèimh ; ach cia mòr, milis an 
t-aoibhneas, làn sheilbh air a' ghlòir sin ! Cia aoibh- 



le Aignidhean Diadhaidh. 335 

neach an Criosduidh 'nuair a gheibh è a chridhe 'blàth- 
achadh, a' taiseachadh 's a' leaghadh sìos le bròn fo 
smuaineachadh air a pheacadh agus air a mhi-thàingeal 
achd. Bheir eadhon am bròn sin fèin gàirdeachas dhà 
0, matà, ciod an gàirdeachas a gheibhear, an uair a ch\, 
agus a ghràdhaicheas, agus a nì sinn aoibhneas, agus a 
mholas sinn anns an tomhas a's àirde foirfeachd ! 

Smuainich annad-fèin, " Cia prìseil an t-atharrachadh 
dhomh-sa 'bhi air mo thoirt o'n staid thruaillidh anns 
an d'rugadh mì, agus ris an robh mì fuaighte le cleachd 
adh, 'us mìle peacadh air mo cheànn ; agus na'n do 
bhàsaich mì anns an staid sin, bha mì mallaichte gu 
siorruidh ! nach iongantach m'atharrachadh gràs- 
mhor, mì nis air m'fhìreanachadh o na ciontaibh 
uamhasach sin uile, agus air mo shaoradh o na plàigh- 
ean oillteil sin uile, agus air mo dheanamh 'n a m' 
oighre air nèamh ! Nach tric a ghlaodh mis' amach 'us 
mì gu tàingeil a' smuaineachadh air là m'ath-ghin- 
eamhuinn, mo mhìle beannachd air an là sin ! gu-ma 
beannaichte mo Thighearn, gu'm faca mis' an là sin J 
Agus nach èigh mì mach air nèamh, nis a shìorruidh- 
eachd bheannaichte ! agus gu-ma beannaichte mo 
Tighearn a thug mise gu ruige so ! Nach d'rinn na 
h-ainglean gàirdeachas airson m'ìompachaidh ! Is 
cìnnteach gu'n dean ìad comh-ghàirdeachas maille rium 
airson mo shonais agus mo shlàinte. Cha n-'eil ann an 
gràs ach sradag bheag a thionailear suas às an luath, 
sradag a ta còmhdaichte le feòil o shùil an t-saoghail, 
agus air uairibh folaichte le truaillidheachd o mo shùil 
fèin, ach cha bhi mo ghlòir sìorruidh neulach, no còmh- 
daichte le ni sam-bith. Cha chuirear mo ' sholus fo 
shoitheach, ach air sliabh, eadhon sliabh Shioin, sliabh 
Dhè.' " 

Aon uair fathast, samhlaich an t-aoibhneas a gheibh 
thu shuas, ris gach roimh-bhl&s a thug an Spiorad dhuit 
air, anns a' bheatha so. Nach d'f hoillsich Dia e-fèin 
gu comharraichte air uairibh do d'anam,a'dòrtadhsileig' 
ghlòir air ? Nach robh thu ullamh gu ràdh, " b'f heàrr 
gu'm faigheadh m'anam sin an còmhnuidh !" Nach do 
ghlaodh thu riamh amach leis a' mhartarach an dèigh 
dhà feitlieamh fada le caoidh, " Thàinig è, Thàinig è !" 



£36 Meòrachadh Nèamhaidh 

Nach do mhothaich thu fo shearmoin shoilleir, bheò 
mu nèamh, no fo mheòrachadh uaigneach mu 'n staid 
neamhaidh, do spiorad trom, fànn ag ath-bheothachadh, 
do chridhe crom fo sprochd a' suas-thogail a chìnn, 
agus solus nèimh a' dealradh air d'anam ? Abair anis 
annad-fèin, " Nach beag an t-eàrlas sin ann an coimeas 
ris an làn oighreachd I Och ! cha n-'eil anns an t-solus 
iongantach, aoibhneach so uile ach coinneal a' lasadh o 
nèamh, a chum mis' a threòrachadh tre'n t-saoghal 
dhorch so suas gu àit na glòire nèamhaidh. Ma ghlaodh 
daoine diadhaidh, 'nuair a bha ìad air an sàr-lìonadh le 
aoibhneas nèamhaidh, ' Stad a Thighearna, gu leòr, gu 
leòr ; cha n-urrainn mì tuilleadh a ghiùlain !' cia làn, 
matà, an t-aoibhneas a gheibh inis' air nèamh, 'nuair a 
bhitheas m' anam cho comasach air Dia 'f haicinn agus 
a mhealtuinn ; agus geda bhitheas an solus an sin mìle 
cuairt na's mò na solus na grèine, is urrainn mo shùilean 
amharc air le àrd aoibhneas gu bràth." No, mur 
d'fhuair thusa fathast roimh-bhlàs dhiubh sin air 
nèamh, (oir cha d'fhuair a h-uile creidmheach è,) oib- 
rich gu maith gach taitneas agus gealladh nèamhaidh a 
tha nis agad, a chum gu'n tuig thu na's feàrr na gheibh 
agus na mhothaicheas tu an dèigh so. 

II. Comharraichear amach anis ciainar dh-fhaodur 
meòrachadh nèamhaidh a dhìon o chridhe seachranach. 
Is \ nis d'obair àraid an so, do chunnart 'f haicinn gu 
soilleir, agus treòraichidh sin thu gu leigheas freagar- 
rach air do chunnart. Is è do cridhe fèin an cnap-bacaidh 
a's miosa 'gheibhear ag oibreachadh an aghaidh do 
mheòrachaidh nèamhaidh. Anns a' chridhe gheibhear 
— Mì-thoil do'n dleasanas so, — no Faoin obair, — no 
Ruith air falbh gu tric a dh-ionnsuidh nithe eile, — no 
Grad sgur de'n dleasanas mu'n ceart a thòisichear air. 
Ma's luachmhor leat idir sòlas a' mheòrachaidh so, 
fèumaidh tu na h-uilc chunnartach sin a sheachnadh gu 
cùramach, agus èirigh suas 'n an aghaidh gu duineil, 
fìrinneach, dùrachdach, d\an. 

1. Gheibh thu do chridhe mì-thoileach tòiseachadh 
air an obair so ; cha n-'eil obair eile 's an t-saoghal air 
am mì-thoiliche leis a' chridhe tòiseachadh na ì so. 
aach iomadh leisgeul a ghabhas è I Nach iomadh rathad 



le Aignidhean Diadhaidh. 337 

seachnaidh a gheibh è mach ! Nach iomadh dàil 'us 
teagamh 'us màirneal a nì è, eadhon an uair a tha è 
dearbhte gur ceart an obair ì so I Their è riut " Cò aig 
tha fhios an dleasanas so idir? no ma bhuineas an 
dleasanas so do mhuinntir eile, cò is urrainn a ràdh 
gu'm buin è dhuit-se ?" Their è riut, " So obair 
mhinistearan aig nach 'eil tuilleadh ri dheanamh, no 
obair do mhuinntir aig am bheil pailteas ùine 'n an 
làimh fèin, ni nach 'eil agad-sa." Ma's ministear thu 
their è riut, " Is è 'm meòrachadh nèamhaidh so dleas- 
anas a' phobuill. Is leòr dhuit-sa meòrachadh amhàin a 
chum ìadsan a theagasg, agus meòraicheadh ìadsan air 
na chluinneas ìad." Mar gu'm b'è do dhleasanas 
amhàin am biadh a dheasachadh dhoibh, a roinn orra, 
agus ìad-fèin amhàin 'itheadh, a mhearbhadh agus a 
bhi beò air gun thu-fèin blasad air aon chriomaig dheth. 
Mur bac sin thu, gheibh do chridhe leisgeul làidir eile. 
Labhraidh è riut air obair eile, no cuiridh è thu air 
dleasanas àraid eile, oir is feàrr leis dleasanas air-bith 
eile na'n dleasanas so. Theagamh gu'n abair è riut, 
Tha dleasanais eile na's mò na so agad ri dheanamh ; 
air an aobhar sin, fèumar am meòrachadh so 'fhàgail 
gun deanamh gus am faighear ùin dhà. Is iad dleas- 
anais f hollaiseach a's fèumaile, is è searmoinean ullach- 
adh agus an searmonachadh a chum anamanan a 
theàrnadh, a's àirde gairm dhuit na'm meòrachadh 
uaigneach so." Mar gu'n abradh è nach 'eil ùin agad 
gu cùram a ghabhail mu shlaint d'anama fèin, 'nuair a 
bhitheas tu nis ag ullachadh airson anamanan muinntir 
eile, no gu'm bheil do ghràdh do mhuinntir eile cho 
mòr as gu'm faod, no gu'm fèum thu do shonas sìorruidh 
fèin a dhearmad air an son ; no gu'm faod do theagasg 
a bhi freagarrach, fèumail, tarbhach do shluagh eile, 
ged nach dearbhadh tu thu-fèin idir leis an teagasg a 
bheir thu dhoibh. Gun teagamh is è nèamh solus a's 
feàrr a chum ar coinneal a lasadh leis, agus leabhar a's 
feàrr is f hìach do gach searmonaiche ionnsuchadh, agus 
na'n ionnsuicheadh ministearan an leabhar sin gu pailt, 
gheibhteadh tuilleadh choinnlean nèamhaidh, — tuilleadh 
shearmoinean nèamhaidh, — anns an eaglais. An uair 
a gheibhear ar n-ionnsuchadh diadhaidh, agus ar 



338 Mebrachadh Neamhaidh 

spioradan diadhaidh, bithidh ar searmonachadh diadh- 
aidh mar-an-cèudna, agus an sin ach ni h-anu gu sin, 
faodar a radh gur diadhairean sinn da rìreadh. 

Ach theagamh nach abair do chridhe, an dràst, aon 
fhocal bàll-dìreach an aghaidh an dleasanais so, 
gidheadh cuiridh è dàil anns an obair là an dèigh là, a' 
sìor-ghealltuinn tòiseachadh oirre, an diugh 's am 
màireach, ach fathast a' seasamh air ais uaipe ; no mu- 
dheireadh, diùltaidh è thu bàll-dìreach, agus labhraidh 
a mhì'thoil an aghaidh do rèusain. Is ànn mu thimchioll 
a' chridhe 'thatar ag ràdh so uile, cho fad 's a gheibhear 
feòlmhor è ; oir tha fios againn, cho fad 's a gheibhear 
spioradail è, gu'n abair e-fèin gur 1 so obair a's mìlse 
leis 's an t-saoghal. 

Ciod a nithear ris anis, matà ? An dean thu è nis, 
ma dh-\nnsear dhuit ? Ciod a dheanadh tu ri cùis eile 
de'n t-seòrsa so ? " Ciod a dheanainn ri seirbhiseach 
nach dean obair ? no ri each nach coisich leam ? An 
cum mi suas ìad amhkin gu amharc orra ?" Matà, buin 
gu fìrinneach, teànn, dìleas ri do chridhe fe'in. Na 
leig leis a thoil fèin a ghabhail, ach gairm gu 'obair è. 
Na gabh diultadh idir dheth. Cronaich è. Smachdaich 
è airson a mhì-thoil. Dean ainneart air. Nach 'eil 
cumhachd agad thairis air do smuaintibh fèin ? Nach 
'eil comas meòrachaidh air 'fhàgail dhuit gu saor fo do 
thoil fèin an so ? Is cìnnteach, ma fhuair thu nàdur 
nuadh. gu'n tug Dia dhuit, maille ri sin, tomhas comais 
air do smuaintean fèin a cheànnsachadh. An tràill thu 
rìst do d' nàdur truaillidh ? Cleachd d ughdarras gun 
dàil. Gairm astigh Spiorad Chriosd chum do chuid- 
eachadh. Cha robh esan riamh agus cha n-'eil è mì- 
thoileach a làmh a chur ri obair cho maith. Cha diùlt 
è idir a chobhair dhuit ann an aobhar cho cliuiteach, 
ceart. Abair ris, "a Thighearna, thug thu dhomh 
rèusan a chum mo smuaintean agus m'aignidhean a 
a stiùradh 's a riaghladh. Is ànn uait-fèin a fhuair 
mise m' ùghdarras thairis orra, agus feuch, tha ìad anis 
a' dihltadh ùmhlachd a thabhairt do d'ughdarras fèin. 
Dh'àithn thu dhomh an gairm gu obair a' mheòrachaidh 
nèamhaidh, ach bhreab ìad a'm' aghaidh, rag-dhiùlt ìad 
an dleasanas. Cuidich mis', a tliighearna, chum an 



le Aignidhean Diadhaidh. 339 

i-ùghdarras a thug thu dhomh a gnàthachadh gu glic. 
Ho ! cuir anuas do Spiorad chum gun deanar leis gu 
h-èifeachdach an cridhe so è"igneachadh gu làn ùmh- 
lachd a thoirt do d'àithn, agus gu'm bi do thoil-sa air a 
deanamh leis." An dèigh sin chì thu gu'n gèill do 
chridhe gu taitneach, gu'm fuadaichear air falbh a 
mhì-thoil, agus gu'n dean è obair a' mheòrachatdh 
nèamhaidh gu h-ùmhal, toileach, suilbhir. 

2. Gabh an aire nach leig thu le do chridhe do mheall- 
adh ìefaoin obair, no d'ùin luachmhor a chaitheamh ri 
dìomhanas, 'nuair bu chòir dhà 'bhi ri meòrachadh glan, 
taitneach, èifeachdach. Theagamh, 'nuair a gheibh thu 
uair gu meòrachadh, gu'n leig do chridhe seachad ì, 
mu'n tòisich è le dùrachd shuidhichte air an obair. Tha 
dleasanas a dheanamh, mar sin gu mi-chùramach, leisg, 
mar nach deanamaid idir è ; agus millidh è air mòran, 
cho maith ri dearmad dleasanais. An so, matà, bitheadh 
do shùil a ghnàth air do chridhe, dean faire thairis air. 
Ts fearr dhuit sealltuinn air meud 'us buaidh, 'us luach 
an dleasanais a nithear na ris an ùin a chaithear ris. 
'Nuair a chì thu obair air a deanamh le do sheirbhiseach, 
faodaidh tu ìnnseadh co dhiubh a bha, no nach è 
dìchiollach ris an obair a thug thu dhà. Feòraich 
dhìot-fèin, " Cia lian de m'aignidhean a ta nis air an 
làn-oibreachadh ? (Faic Caib. XIV. — Ear II.) Am 
bheil mì nis na's fhaisg' air nèamh ?" Na abair idir, 
" Tha mo chridhe-sa cho faoin, dìomhain, is feàrr 
dhomh leigeil leis." Ma ni thu sin, fuadaichidh tu gach 
ùmhlachd spioradail air falbh uait-feln. Cuimhnich 
cha n-'eil na cridheachan a's fearr air an naomhachadh 
ach amhàin ann an cuid, agus an lorg sin, diùltaidh ìad 
cho fad 's a gheibhear feòlmhor ìad. Ach gu-ma feàrr 
leat-sa ceart-smuaineachadh air do nàdur truaillidh 
fèin; agus a' cheart aire 'thoirt nach fhaod togradh 
peacach air-bith àithn Dhè a thilgeil seachad, agus 
nach leisgeul aon pheacadh airson peacaidh eile ; agus 
gu'n d'òrduich Dia meadhonan a chum ar n-aignidhean 
a dhùsgadh gu smuaineachadh air-fèin ; agus is meadhon 
f ìor shònruichte, fìor èifeachdach rèusanachadh ruinn- 
fèin, agus smuaineachadh annaiun-fèin air dleasanas a' 
mheòrachaidh nèamhaidh, a chum ar gràdh a bheoth- 



340 Meorachadh Neamhaidh 

achadh agus a mheudachadh. Air an aobhar sin, lean 
thusa air an dleasanas so gus am blàthaichear do 
chridhe le gràdh do Dhia, ceart mar a leanadh tu air 
thu-fèin a gharadh aig an teine 'us tu fuar, gus am 
fàsadh tu blàth. Oibrich gu dlùth, dìleas, dìchiollach, 
gus am beothaichear do ghràdh 's an dèigh sin, 
co-èignichidh gradh thu gu do dhleasanas a dheanamh 
gu taitneach, suilbhir, pailt. 

3. Gheibh thu do chridhe air uairibh a 1 lèum air 
falbh o do mheòrachadh nèamhaidh, gu nithibh eile. 
Seallaidh è null 's anàll ri iomadh ni eile, coltach ri 
seirbhiseach mi-chùramach, sgaomach a thogas a 
cheànn de 'obair gu labhairt ris gach neach a ghabhas 
seachad. 'Nuair nach bu chòir ni sam-bith eile 'bhi 
agad air d'ìnntinn ach nèamhfèin, bithidh do chridhe 
nis a' smuaineachadh air do ghairm, no air do thriob- 
laidibh, no air d'uireasbhuidh, no air gach eun, no 
craoibh, no àit a chithear leat. Cha n-'eil leigheas air 
an t-seachran so ach an leigheas a chaidh ainmeachadh 
cheana, eadhon faire agus ainneart, no cednnsachadh. 
Abair ri do chridhe, " Dè so ! an tàinig mis' an so leat 
a smuaineachadh air mo ghnothach saogbalta, air 
muinntir, air àitean, air naigheachdan, no air dìomhanas, 
no air ni sam-bith ach nèamh, air am feothas ? ' Nach 
urrainn thu faire a dheanamh aon uair ? Am b'àill 
leat an saoghal so 'f hagail agus còmhnuidh a ghabhail 
maille ri Criosd gu bràth air nèamh, agus nach builich 
thu ' aon uair' air còmhnuidh maille ri Criosd ann am 
meòrachadh ? An è sin do ghràdh do d'charaid ? Nach 
mò na sin, do ghràdh do Chriosd agus do d'ionad- 
còmhnuìdh sìorruidh, beannaichte ?" Is fuilteach, lon- 
ach eunlaith do smuaintean seachranach ; ma leigeas 
tu leo uair do mheòrachaidh nèamhaidh a shlugadh 
suas, sluigidh ìad suas beatha agus aoibhneas do 
smuaintean. Air an aobhar sin, ruaig air falbh o d'ìob- 
airt ìad, agus cum do chridhe gu teànn air an obair. 

4. Is dòigh eile air an dean do chridhe do mhealladh, 
an obair mheòrachaidh a ghrad-chrìochnachadh mu'n 
ceart a thòisicheas ì annad. Faodaidh tu sin aithneach- 
adh gu soilleir aig dleasanais eile. Nach tric, aig 
d'hrnuigh uaignich, a gheibh thu do ohridhe a' cur 



le Aignìdhean Diadhaidh. 341 

cabhaig 1 ort, a dìan-ìarraidh ort a gearradh goirid agus 
sgur dhì? Mar sin, matà, aig do mheòrachadh nèamh- 
aidh, bithidh do chridhe sgìth de'n obair, agus caisgidh 
è do chèum nèamhaidh, mu'n ceart a bhlàthaichear thu. 
Ach smachdaich thusa do chridhe ann an ainm Dhè, 
thoir gu làn ùmhlachd è, agus na fàg obair oho mòr leth- 
dheante. Abair ris, " A chridhe amaidich ! agìarraidh 
dèirce car ùine, agus falbh mu'm faigh thu ì, nach 
obair chàillte dhuit sin ? Ma stadas tu mu'n ruig thu 
do cheann-uidhe, naeh bi do thurus dìomhain ? Thàinig 
thu an so fo dhòchas sealladh 'f haotuinn de 'n ghlòir a 
shealbhaicheas tu rnar oighreachd, agus an stad thu 
faisg air mullach an t-slèibh, agus an tionndaidh thu air 
d'ais mu'n gabh thu sealladh air ? Thàinig thu an so 
'an dòchas labhairt ri Dia, agus am falbh thu mu'm 
faic thu è ? Thàinig thu chum thu-fèin ionnlad ann an 
sruthaibh an t-sòlais, agus a chuni na crìche sin, chuir 
thu dhìot rùsg do smuaintean talmhaidh, agus am pìll 
thu air falbh anis gun bheantuinn ach amhàin ri bruaich 
na h-aimhne beò ? Thàinig thus' an so ' a ghabhail 
beachd' air ' tìr a'gheallaidh,' na falbh, matà, gus am 
faigh thu l aon bhagaid fhìon-dhearcan' a dh-f heuchas 
tu do d'bhràithribh, chum am misneachadh Faiceadh 
ìad, le aoibhneas do chridhe, gu'n do bhlais thu air an 
f hion ; faiceadh ìad o shuilbhireachd do ghnùis' gu'n 
robh thu air d'ùngadh leis an ola ; faiceadh ìad o 
chiùineachd do nàduir agus o mhìlseachd do bhriathran, 
gu'n robh thu air do bheathachadh leis a' 'bhainne' 
agus leis a' ' mhil.' Is teine nèamhaidh so a leaghas do 
chridhe reòta, a ghlanas è, agus a ni spioradail è, ma 
gheibh è ùin gu oibreachadh air d'aignidhean." Mar 
sin, lean air an obair, gus am faighear rud-eigin a dhean- 
amh, gus am bi clo ghràsan air an oibreachadh, d'aig- 
nidhean air an dùsgadh, agus d'anam air a bheò-ùrach- 
adh leis na taitneasaibh a ta shuas ; no, mur ruig thu 
air na nithibh sin uile, aig aon àm, thoireadh sin ort an 
ìarraidh na's dùrachdaiche air àm eile. " Is beannaichte 
an t-òglach sin, a gheibh a Tighearn, ri àm dha teachd, 
a' deanamh mar sin." Mata 24. 46. 



342 C&mhradh Diadhaidh 



Caibdeil XVI. 

Còmhradh Diadhaidh a 1 Mheòrachaidh Nèamhaidh, no 
Meorachadh nèamhaidh air a dheanamh, no air a 
chleachdadh ; agus an òbair air a comh-dhunadh. 

Agus anis, a lèughadair, bi gach là ag oibreachadh 
do ghràis air a lughad, araon air meòrachadh agus 
ùrnuigh arèir nan seòladh a thugadh dhuit anns na 
Caibdeilibh roimhe so. Teich air falbh gu àit uaig- 
neach air-chor-eigin, air an àm a's feàrr a fhreagras 
dhuit, a' tilgeil uait d'uile smuaintean talmhaidh, cho 
stòlda, cho beò-dhùrachdach, iriosal 's a ghabhas dean- 
amli, agus seall suas gu nèamh, a 1 cuimhneachadh an sin 
air d'fhois shìorruidh. Ionnsuich cho cìnnteach 'us 
cho òirdheirc 's a tha d'fhois. Eireadh d'anam suas o 
nithibh faicsinneach gu nithibh brìghmhor a' chreidimh, 
a' sàmhlachadh nan aoibhneas nèamhaidh ris na h-aoibh- 
neasaibh aimsireil ,uair mu seach ri grad ùrnuigh agus 
fèin-labhairt, no 'g an deanamh ameasg a ch^ile, a' tag- 
air do chùis gu h-iriosal ri Dia, agus gu làn-dhùrachdach 
ri do chridhe fèin, — a' sìor-thagair mar sin, gus an 
lìonar do chridhe le sealladh beò, blàth, aoibhneach air 
nithibh nèamhaidh, gus nach clodan talmhaidh thu, na's 
fhaide, ach deàrsadh nèamhaidh, gus am faighear thus' 
am peacach dearmadach, a ghràdhaich an saoghal, anis 
a' gràdhachadh Dhè gu beò, blàth, gus am bi an gealtair 
air a thionndadh gu Criosduidh trèun, dìleas, rùnach 
gun eagal ; gus an atharraichear do bhròn agus do 
mhulad gun fhèum, gu làn aoibhneas. A dh'aon 
f hocal, gus an tagair thu do chridhe bho thalamh gu 
nèamh ; o chuideachd thalmhaidh gu gluasad maille ri 
Dia, agus gus am faod thu do chridhe, 'us è aoibhneach, 
a shìneadh anis air d'fhois, mar ann an uchd Chriosd, 
agus do mheòrachadh a' labhairt air d'fhois shìorruidh, 
arèir an t-seòlaidh a bheirear dhuit anis, a chum do 
chuideachadh. Meòraich agus labhair riut-fèin mar so : — 

"0 m'fhoisl Cia milis d'fhuaim 'us d'ainm ! Is 
ceòl bìnn thu do mo chluais I Deoch-urachaidh mo 



a' Mheòrachaidh Nèamhaidh. 343 

chridhe, a' taomadh air mo spiorad, agus a' ruith tre 
uile chuislibh m'anama ! M'f hois ! cha n-è fois 
cloiche air an talamh, no fois a'ohuirp so anns an 
uaigh, no idir an fhois a dh-ìarras an saoghal feòlmhor. 
m' f hois bheannaichte ! 'nuair naoh ' sguir sinn a là 
no dh'oidhche, a ràdh, is Naomh, Naomh, Naomh an 
Tighearn Dia Uile-chumhachdach. 'Nuair a gheibh 
sinn fois o'n pheacadh, ach cha n-ann o aoradh ; o 
f hulangas agus o bhròn, ach cha n-ann o aoibhneas ! O 
mo là beannaichte ! 'nuair a gheibh mise fois maille ri 
Dia ! 'nuair a ghabhas mì tàmh ann an uchd mo Thigh- 
earna ! 'nuair a gheibh mì fois ann an aithneaohadh, 
ann an gràdhachadh, ann an deanamh gàirdeachais, ann 
am moladh , 'nuair a bhitheas m'anam agus mo chorp 
iomlan a'làn-mhealtuinn Dhè uile choimhlionta ! 'nuair 
a làn-ghràdhaichear mise le Dia, neach a's gràdh 
fèm, agus a ghabhas è fois 'n a ghràdh dhomh-sa, mar 
ghabhas mise fois ann mo ghràdh dhà-san, agus a ni è 
gàirdeachas thairis òrm le aoibhneas, agus gàirdeachas 
thairis òrm le ceòl, agus a ni mise gairdeachas ànn-san ! 

" Cia fagus an là fìor bheannaichte, fìor aoibhneach 
sin ! Tha è 'teachd gu grad. 'An tì a ta *ri teachd, 
thig è, agus cha dean è moille'. Ged shaoilear gu'm 
bheil mo Thighearn a'cur dàil 'n a theachd, fathast 
tamull beag, agus bithidh è an so. Nach goirid beagan 
cheudan bhliadhnachan an dèigh dhoibh a dhol seachad? 
Cia cìnnteach a chithear a chomharradh ! Cia grad a 
ghlacas è an saoghal mi-chùramach, eadhon ' mar thig 
an dealanach o'n àird an ear, agus a dhealraicheas e gus 
an àird an ìar,' bithidh teachd mo Thighearna'' Thar 
leamn gu'n cluinn mi nis fead a thrompaid ! Thar 
leam gu'm faic mì nis 'e 'teachd le neulaibh,' air a 
chuairteachadhle 'ainglibh, ann am mòrachd agus ann an 
glòir ! 

pheacacha gun chùram ! Ciod a ni sibh anis ? 
Càit am folaich sibh sibh-fein ? Ciod a dh-fholaicheas 
sibh? Dh'fhalbh na beànntan. Chaidh na nèamhan 
agus an talamh, a bh'ànn, seachd. Sgrios an teine 
mìllteach na h-uile nithe ach sibh-fèin, a dh-fhè*umas 
a bhi mar chonnadh gu bràth. na'n gabhadh sibh 
losgadh às cho luath ris an talamh ; agus leaghadh às 



344 Còmhradh Dìadhaìdh 

mar rinn na nèamhan ! Ah ! is dìomhain an ìarrtas sin 
anis! B'è an t-Uan fèin bhur Caraid ; ghràdhaicheadh 
è sibh; threòraicheadh è sibh, agus anis shaoradh è 
sibh ; ach cha b'àill leibhs' è roimhe so, agus anis tha è 
ro anmoch. Tha è ro anmoch èlgheachd, ' a Thigh- 
earn,' a Thighearna' ; ro anmoch, ro anmoch, a dhuine ! 
Cuime 'sheallas tu mu-n-cuairt ? Cò is urrainn do 
theàrnadh ? Càit an ruith thu ? Cò is urrainn do 
dhìon ? thruaghain, sgrios thu thu-fèin ! 

" Anis, a dhaoine naomh, beannaichte, a chreid 's a 
ghèill ! ÌSo crìoch bhur creidimh agus bhur foighidin. 
So an t-àit a dh'ìarr sibh, so an onoir ris an dh'fheith 
sibh. An aithreachas dhuibh anis gach sàrachadh, 
gach bròn, gach trioblaid a dh'f huilig sibh, agus gach 
fèin-àicheadh 'us cèum naomh a rinn sibh ? Am bheil 
deòir bhur n-aithreachais anis searbh no milis ? Faicibh 
ma Breitheamh 'us fìamh-ghàir' air ruibh ! gràdh 'n a 
ghnùis ! na tiodalan, Fear-saoraidh, Còmpanach, Ceànn, 
sgrìobhte air 'aoduinn a's gradhaich' agus a's dealraiche 
snuadh. Eisd ! ghairm è sibh, ag ìarraidh oirbh seas- 
amh an so ' air a làimh dheis.' Na bitheadh eagal òirbh, 
oir sin an t-àit àrd anns an ' cuirear a chaoraich fèin'. 
cia aoibhneach an fhàilt ! ' Thighibh, a dhaoine 
beannaichte m'Athar-sa, sealbhaichibh' mar oighreachd 
an rìoghachd a ta air a deasachadh dhuibh o leagadh 
bunaite an domhain.' Gabhaidh è air làimh sibh, tha 'n 
dorus fosgailte, is leis-fèin an rìoghachd, agus uime sin, 
is ì bhur cuid-sa : sin bhur n -àit an làthair a rìgh- 
chaithreach ! Gabhaidh an t-Athair ruibh mar chèile 
sgìamhach a Mhic, agus fàiltichidh è sibh gu crùn na 
glòire. Ciod-air-bith cho neo-airidh sibh, feumar bhur 
crùnadh. So an ni a chnuasaich saor ghràs teàrnaidh, 
so rùn a' ghràidh shiorruidh. ghràis bheannaichte ! 
O ghràidh bheannaichte ! mar dh-èireas gràdh 'us 
gàirdeachas ! Ach cha n-urrainn mise càinnt a chur air, 
cha n-urrainn mis' a mheasrachadh. ' Is ro iongantach 
an t-eòlas so air mo shon : tha e krd ; cha ruig mi air. 

" So an t-aoibhneas sin a chaidh cheannach le bròn, 
so an crùn a chaidh cheannach leis a' chrànn-chèusaidh. 
Ghuil mo Thighearn, chum gu'n tiormaichteadh mc 
dheòir-sa nis air falbh. Dh'fhuilich è, chum gu'n 



o? Meòrachadh Nèamhaidh. 345 

dearmainn-sa gàirdeachas anis. Chaidh a thrèigsinn, 
chum nach trèigteadh mis' anis. Bhàsaich è roimhe so, 
chum gu'm mairinn-sa beò anis. thus' a shaor thròo- 
air, a's urrainn truaghan cho suarach àrdachadh I A 
nasgaidh thu dhomh-sa, ged bu daor thu do Chriosd ! 
Is è saor ghràs a ròghnaich mise, 'nuair a dh'f hàgadh 
mìltean. Mo chompanaich 's a' pheacadh a' losgadh 
ann an ifrinn 'us mise ri gairdeachas an so ann am fois ! 
Mise beò an so maille ris na naoimh sin uile ! cia 
sòlasach mo choinneamh ri mo sheànn luchd-eòlais, — 
ìadsan a bha tric ag ùrnuigh leam, a' guil leam agus a' 
fulang maille rium, agus a labhair rium gu tric air an 
là 's air an àit so 1 Chì mì cha b'urrainn an uaigh bhur 
cumail ìnnte. An gràdh sin a shaor mise, shaor è 
sibhse mar-an-cèudna. 

" Cha chosmhuil so ris na bothanaibh creadha, na 
prìosanaibh, na tighean-còmhnuidh truagh anns an robh 
sinn air thalamh. Cha chosmhuil an guth aoibhneis so 
ris na seànn ghearanaibh, na cneadaibh 's an osnaich a 
bh'againn. Cha chosmhuil am moladh bìnn so ris an 
fhanaid agus ris a' chàineadh, no ris na mionnan agus 
na mallachdan a chuala sinn air thalamh. Cha chos- 
mhuil na cuirp so ris na cuirp a bh'againn, no na h-anam- 
anan so ris na h-anamaibh a bh'againn, no a' bheatha 
so ris a' bheatha bh'againn. Chuir sinn dhìnn an t-àit, 
an staid, an t-aodach, na smuaintean, a' chàinnt agus a' 
chuideachd sin a bh'againn. Roimhe, bu lag, suarach 
iomadh aon de na naoimh, cho uaibhreach, frionasach, 
as gu tric gur gànn a dh-aithnicheadh neach ciod an 
gràs a bha aige : ach cia glòrmhor anis gach aon de na 
naoimh, — gach aon bu shuaraiche dhiubh roimhe ! Càit 
anis am bheil an corp peacaidh leis an robh ìad-fein 'us 
muinntir eile mu-n-cuairt doibh gu tric air an sgìtheach- 
adh ? Càit anis am bheil na barailean caochlaideach 
sin, na h-ainmean tàireil sin, na roinnean fearg^ach sin, 
na h-ìnntinnean brosnaichte, gach sealladh coimheach 
'us dìteadh neo-charranntach leis an robh sinn air ar 
buaireadh roimhe? Cha n-'eil againn anis ach aon 
bharail, aon ainm, aon chridhe, aon tigh agus aon ghlòir. 
O cia milis an rèite ! 'Aonaidh bheannaichte ! Cha n-'eil 
aais amaideachd annainn ni's mò, no aineolas a chuireas 



346 Còmhradh Diadhaidh 

eas-onoir air an t-soisgeul. Cha deanar ni's mò tuir- 
eadh airson fulang nan naomh, no airson sàrachadh na 
h-eaglais. Cha deanar caoidh thairis air fulang chàird- 
ean, cha deanar guil aig leabaidh am bàis, agus cha 
silear deòir aig an uaigh. Cha n-fhaigh thu gu bràth 
do bhuaireadh aon uair eile le Sàtan, leis an t-saoghal, 
no le d'fheòil fèin. Tha do thinneas, do phìan 'us do 
bhròn air an leigheas gu lèir. Cha luchdaich do chorp 
thu ni's mò le anmhuinneachd agus sgìos. Cha bhi 
agad ni's mò ceànn, no cridhe goirt, acras no tart, cadal 
no saothair. Dh'f halbh ìad sin uile uait gu bràth ! 

" nach cumhachdach an t-atharrachadh so ! M\ 
nis air m' àrdachadh o'n òtrach gu caithir rìoghail ; 
o chuideachd nam peacach gèur-leanmhuinneach gu 
comunn molaidh nan naomh ! Bho chorp truaillidh gu 
corp a ' dhealraicheas mar shoilleireachd nan spèur !' 
Bho mhothachadh air feirg Dhè, gu Dia a làn-mhealtuinn 
ann an gràdh ! Bho m' uile theagamhan agus m' eagalan, 
a dh-ionnsuidh na h-oighreachd a dh-f huadaicheas gach 
teagamh fada uam ! Bho m' uile smuaintean uamhasach 
air a' bhàs, a dh-ionnsuidh na beatha aoibhnich so ! 
m' atharrachadh beannaichte ! Soraidh leat anis a pheac- 
aidh, agus a bhròin, agus a bhàis gu bràth ! Soraidh le 
mo chridhe creagach, uaibhreach, mì-chreideach ! Sor- 
aidh le mo chridhe collaidh, talmhaidh, feòlmhor, agus 
fàilt anis air mo nàdur fìor naomh, fìor nèamhaidh ! 
Soraidh leat 'aithreachais, a chreidimh, agus a dhòchais ; 
agus fàilt ort-fèin a ghraidh, a ghàirdeachais agus a 
mholaidh ! Bithidh agam anis foghartorach gun treabh- 
adh, gun chur, gun chlìathadh ! Bithidh m' aoibhneas 
gun searmonachadh, gun ghealladh ! na h-uile nithe 
agam bàll-dìreach o ghnùis Dhè* fein 1 Is iomadh measg- 
adh a gheibhear anns an t-sruth, ach is aoibhneas glan 
a gheibhear anns an tobar fèin. An so cuairtichear m\ 
leis an t-sìorruidheachd, agus bithidh mì beò gu bràth, 
ag àrd-mholadh an Tighearna ! Cha n-fhàs m'aoduinn 
preasach, cha n-f hàs m'f halt lìath ; oir cuiridh ' an 
corp truaillidh so neo-thruaillidheachd uime,' agus cuir- 
idh ' an corp bàsmhor so neo-bhàsmhorachd uime/ agus 
' sluigear suas am bàs le buaidh ! bhàis, c'àit am 
bheil' anis ' do ghàth ! uaigh, o'àit am bheil' anis ' do 



a' Mhèorachadh Neamhaìdh. 347 

bhuaidh !' Cha ruith là m' aonta de'n bheatha so gu 
bràth 1 Cha chuirear dragh òrm ni's mò le smuaintibh 
air uamhas a' bhàis ! Cha n-fhuaraichear m' aoibhneas 
le eagal a chall ! An dèigh do iomadh, iomadh, iomadh 
mìle lìnn a dhol seachad, cha bhi mo ghlòir ach a tòis- 
eachadh ; agus an dèigh do iomadh ceud mìle lìnn 
tuilleadh gabhail seachad, cha n-fhaisge crìoch mo 
ghlòire. Is àrd ghrian gach là, is foghar gach mìos, is 
gàirdeachas gach bliadhna, is làn-aois neartmhor, aoibh- 
neach gach lìnn, agus is aon sìorruidheachd so uile ! 
shìorruidheachd bheannaichte ! glòir mo glòir' ! iomlan- 
achd m'iomlanachd ! 

" Ah ! nis, a chridhe lùnndaich, thromsanaich, nach 
màll, fuar a gheibhear thus' a' smuaineachadh air là 
d'ath-bheothachaidh so! An fheàrr leat suidhe sìos anns 
a' phòll, na gluasad ann an lùchairt Dhe ? Am bheil 
thu nis a' cuimhneachadh air do ghnothach aimsireil, 
no 'smuaineachadh air d' ana-mìann, air do thait- 
neas talmhaidh, no air do chòmpanaich aighearach ?. 
An fheàrr a bhi bhos an so, na shuas. maiile ri Dia ? 
Cò cuideachd a's feàrr ? Cò taitneas a's mò ? Tiugainn, 
tiugainn ; uam do leisgeul, uam do dhàil. Tha Dia 
anis ag àithneadh dhomh-sa, agus tha mis' anis ag àith- 
neadh dhuit-sa. Tog ort, matà, crioslaich suas do 
leasrach. Dìrich an sliabh. Seall mu-n-cuairt duit le 
creidimh agus cùram. Na seall air d'ais air sligh an 
fhàsaich, mur ann gu smuaineachadh cho glòrmhor, 
maireannach 's a tha an rioghachd a ta shuas, agus gu 
thuigsinn na's feàrr cho taitneach 's a tha ì seach fasach 
sin na h-ulartaich. Sid shuas glòir d'Athar ! Sid, 
n'anam ! an t-àit gus an giùlainear thusa, 'nuair a 
Jhealaicheas tu ris a'chorp so ; agus an dèigh do 
chumhachd do Thighearna an corp so a thogail suas o'n 
uaigh, agus thu-fèin 'us esan aonadh arìst ri 'chèile, 
bithidh sibh, — m' anam agus mo chorp, — beò gu bràth 
maille ri Dia. An sid chithear an ' Ierusalem Nuadh' 
ghlòrmhor, na geatachan neamhnuideach, na bunaitean 
neamhnuideach, na sràidean òir, agus an t-ùrlar òir a's 
soilleire dreach. Cha bhi fèum an sid air a' ghrein ud 
a tha nis a' soillseachadh an t-saoghail so ; dealraichidh 
tu-fèin cho soilleir ris a ghrèin ud. Is è Dia fèin a' 



848 Còrrìhradh Diadhaidh 

ghrìan, agus is è Criosd fèin an solus an sid, agus 'n a 
sholus gheibh thusa solus. 

m'anam ! am bheil thus' ' a' cur 'an amharus 
gealladh Dhè le mì-chreidimh?' Is mòr m'amharus ort. 
Na'n do chreid thu gu làn anns a' ghealladh, bhiodh tu 
air do lìonadh leis na's mò na tha thu. Nach 'eil è 
agad fo làimh-sgiìobhaidh, fo sheula agus fo f hocal Dè ? 
An urrainn Dia brèug a dheanamh? An urrainn an 
Tì, a's è an fhìrinn fèin, a bhi brèugach? Carson a 
ghealladh è dhuit na's mò na 's àill leis a choimhlionadh ? 
An f heàirrd Dia thus' a mhealladh le brosgul ? Na bu 
dàna dhuit an Dia glic, cumhachdach, fìrinneach a 
choireachadh. Nach iomadh gealladh a bha air a 
choimhlionadh dhuit ann an gniomh d'ìompachaidh ! 
An abair thu gu'n tig foeal meallaidh o Dhia? 
thus 1 , a chridhe thruaigh an as-creidimh ! Nach tug 
Dia dhuit gealladh air fois, agus an ditilt thu è ? Faod- 
aidh do shùilean, do chluasan, agus do chàilean uile do 
mhealladh, ach cha dean gealladh Dhè do mhealladh. 
Is cìnntiche dhuit gealladh Dhè, sgrìobhte 'n a fhocal, 
na ged chitheadh tu è le do shùilibh, no ged làimhsich- 
eadh tu è le do làmhan. An cìnnteach thu gur beò thu, 
no gur è so an talamh air am bheil thu a'd' sheasamh, 
no gu'm bheil do shùilean a' faicinn na grèine ? Cho 
cìnnteach sin tha uile ghlòir so nan naomh; cho 
cìnnteach sin bithidh mise na's àirde na rèultan nan 
speur ud, agus beò gu bràth anns a' bhaile naomh, agus 
seinnidh mi cliù m'Fhear-saoraidh gu h-aoibhneach, 
ait ; mur bi mì air mo dhùnadh amach le mo ' dhroch 
cridhe m\-creidimh' so, a' toirt òrm imeachd air falbh 
o n Dia bheò. 

" Agus am bheil an fhois so cho milis 'us cho 
cìnnteach sid ? Ciod, matà, is cìall do mhi-chùram an 
t-saoghail? An aithne dhoibh ciod a tha ìad a' 
dearmad? An cual' ìad riamh mu 'timchioll, no 'm 
bheil ìad 'n an cadal, no marbh ? An aithne dhoibh 
gu'm bheil an crùn rompa, 'us ìad-fèin gun aon chèum 
'n a dhèigh, no fathast a' ruith air dìomhanas ? Nach 
gòrach ìad a' stad 's a' tional cho dìan air an t-sligh, 
'us ìad a' greasad gu luath gu saoghal eile, agus an 
6onas sìorruidh ann am mòr chunnart. Na'n robh aon 



d" Mheorachaidh Nèamhaidh. 349 

srad rèusain aca, cha reiceadh ìad am fois air faoin 
obair, cha reiceadh \ad an glòir air dìomhanasaibh 
saoghalta, no idir nèamh air taitneasaibh peacach. A 
dhaoine truagh I na'n tugadh sibh fainear bhur 
cunnart, an sin bu shuarach leibh gach greìm meallaidh 
dhiubh sin ? Gu-ma beannaichte gu bràth an gràdh 
sin a shaor mise o'n dorchadas mhealltach so ? 

" Thig na's faisge fathast, m'anam ! le do ghràdh 
a's dùrachdaiche ceum. So dhuit gnothach air an 
oibrich è, rud-eigin a's fhìach dhuit a ghràdhachadh. 
faic an àilleachd a chithear an so ! Nach 'eil gach 
maise 's an t-saoghal cruinn an so ! Nach mì-dhreach 
gach àilleachd eile ! Am fèumar do ghairm anis gu sin 
a ghràdhachadh. So dhuit anis cuilm mhilis air a 
sgaoileadh fo do shùilibh do uile chumhachdan d'anama ; 
agus am feumar ìarraidh ort beathachadh oirre ? Agus 
nach urrainn thu an Dia sin, an Criosd sin, a' ghlòir sin 
a ghràdhachadh, a ta cho f ìor airidh air gràdh ann an 
tomhas gun tomhas, — gU neo-chrìochnach ? Gràdh- 
aichidh tu do charaid, a chionn gu'm bheil gràdh aige 
dhuit, agus nach 'eil gràdh do charaid cosmhuil ri 
gràdh Chriosd ? Cha n-urrainn guil, fuil, no fulang do 
caraid, socair a thabhairt duit, no do dheòir 'us do bhàs 
fèin a chasgadh, ach tha àrd chumhachd slànachaidh 
nach dìobair a chaoidh, anns na deòir agus anns an 
fhuil a thuit o phearsa do Thighearna. 

" m'anam ! ma's airidh gràdh, agus ma ghinear 
gràdh le gràdh, cia do-mheasraichte an gradh a ta 
romhad an so ! Taom amach uile stòras d'aignidhean 
an so, ach is ro bheag ìad uile. Hò ! nach robh tuil- 
leadh ànn ! Hò ! nach robh è mxle cuairt na's mè ! 
Fritheil Dhà-san an toiseach, a fhritheil dhuits' an 
toiseach. Faigheadh E ceud-ghin agus neart d'anama, 
a thug a neart agus a bheatha fèin ann an gràdh air do 
shon-sa. m'anam, an gràdhaich thu òirdhearcas ? 
Sid agad tìr an t-soluis ! So tìr an dorchadais. Sid 
agad na rèultan a' boillsgeadh, a' ghealach a' dealradh, 
agus a' ghrìan a' deàrsadh ; ach is beag ìad sin uile, 
cha n-'eil ìad ach mar lòchrain an crochadh air taobh« 
muigh tigh d'Athar, a chum do shligh a shoillseacliadh 
dhuit, f had 's a bhitheas tu ag imeachd tre 'n t-saoghal 



350 Oòmhradh Diadhaidh 

dhorch so : ach is beag is aithne dhuit an sonas agus 
a' ghlòir a ta air a thaobh-stigh 1 An gràdhaich thu 
freagarrachd ? Cò is freagarraiche na Criosd ? A 
dhiadhachd agus a dhaonnachd, a lànachd agus a 
nasgaidheachd, a dheònachd agus a sheasmhaohd, ìad 
sin uile a' sìor-èigheachd gur è caraid a's freagarraiche. 
Ciod is freagarraiche airson do thruaighe na tròcair ? 
Ciod is freagarraiche airson do pheacaidh agus do 
thruaillidheachd na onoir 'us iomlanachd na naomh- 
achd ? Ciod an t-àit a's freagarraiche air do shon na 
nèamh ? Am bheil an saoghal so ag còrdadh ri do 
mhìann ? Nach 'eil gu leòr agad deth ? No, an gràdh- 
aich thu buannachd agus dlùth dhàimh ? Càit am faigh 
thu buannachd a's feàrr na gheibhear air nèamh, no 
dàimh a's dlùithe na gheibhear an sin. 

" An gràdhaich thu fear-eòlais ? Ged nach f haca do 
shùil do Thighearn riamh, chuala tu a ghuth, fhuair 
thu gu tric a bheannachd, agus bha thu beò 'n a uchd. 
Theagaisg è dhuit eòlas ort-fèin agus air-fèin ; dh'f hosg- 
ail è dhuit a' cheud uinneag sin tre 'm faca tu an rathad 
glan astigh do nèamh. An dì-chuimhnich thu 'nuair a 
bha do chridhe mi-chùramach, agus a dhùisg è dhuit e ; 
cruaidh agus a thaisich è dhuit e ; fuar, agus a bhlàth- 
aich è dhuit è ; rag, agus a thug è air geilleadh ; ann an 
sìth ris a' pheacadh, agus a ghluais è gu cogadh ; slàn, 
agus a bhris è dhuit è, 'g a shlànachadh arìst? An 
dì-chuimhnich thu na h-uairean air an d'fhuair è fo 
dheòir thu, ag èisdeachd ri d'osnaich agus ri d'acain 
uaignich, a' fàgail nan uile nithe, 's a' teachd a thoirt 
sòlais dhuit ; 'g a do ghlacadh, mar gu'm b'ànn, 'n a 
ghairdeanaibh agus ag ràdh, ' Anam bhochd, ciod a tha 
'cur ort ? Am bheil thu ri guil, an dèigh dhomh-sa 
guil cho mòr air do shon ? Biodh deadh mhisneachd 
agad ; is slàint agus cha bhàs do lotan ; is mise-fè'in, 
leis nach àill do chron, a rinn ìad ; geda leigeas mì 
ruith le d'fhuil, cha leig nrì idir ruith le do bheatha.' 
Is cuimhne leam a ghuth. Cia mìn, ciùin, socrach a 
thog è suas mì I Cia curamach a cheangail e mo lotan I 

" Thar leam gu'n cluinn mì è fathast ag ràdh, ' A 
pheacaich bhochd, ged is mi-chaoimhneil a bhuin thusa 
rium-sa, agus geda thilg thu air falbh uait mì, fathast 



a 1 Mheòrachaidh Nèamhaidh. 351 

cha bhuin mise mar sin riut-sa. Geda chuir thusa 
suarach mi-fein agus mo thròcairean, fathast is leat-sa 
mise agus mo thròcairean uile. Ciod a b'àill leat mis' 
a thoirt duit ? Agus ciod a tha dh-easbhuidh ort, nach 
urrainn mis' a thoirt duit? Ma's taitneach leat nì 
sam-bith a ta agam, gheibh thu è. An gabhadh tu 
maitheanas ? Matà, maithidh mì dhuit gu saor d'f hìach- 
an uile. An gabhadh tu gràs agus sìth? Matà, 
gheibh thu ìad sin le chèile. An gabhadh tu mi-fèin ? 
Fèuch, is leat-sa mise — do Charaid, do Thighearn, do 
Bhràthair, do Chompanach, agus do Cheànn. An 
gabhadh tu an t-Athair? Bheir mise d'a ionnsuidh 
thu, agus bithidh è agad, annam-sa agus tromham-sa.' 

" Bìad sin focail ath-bheothachaidh mo Thighearna. 
Ach an dèigh sin, an uair a chuir mise teagamh 'n a 
ghràdh, is cuimhne leam fathast na h-argumaidean 
làidir a labhair è rium agus a bhuadhaich air gach 
teagamh, ag ràdh, ' O pheacaich, am bheil thu fathast 
ann an teagamh an de*igh dhomh-sa uiread a dheanamh 
chum mo ghràdh a dhearbhadh dhuit ? Nach robh mì 
fada, fada 'g am' thairgse fèin 's a' tairgse mo ghràidh 
dhuit, agus am bheil thu fathast fo theagamh nach 'eil 
mì toileach a bhi leat ? Nach daor a dhearbh mì dhuit 
gu'm bheil gràdh agam dhuit? Nach creid thu am 
fulangas searbh sin a thug mo ghràdh dhuit òrm. Nach 
'eil mì anns an t-soisgeul mar Ieòmhan an aghaidh do 
naimhdean, agus mar uan dhuit-sa, agus nach fhìach 
leat mo ckaoimhneas blàth agus mo nàdur mìn ? Na'm 
àill leam do bhàs, carson a dh-fhuiliginn 's a dheanainn 
uiread a chum thus' a chumail beò ? An robh fèum 
agam air d'ìarraidh cho liosda ; agus air do leantuinn 
cho foighidneach ? Carson a tha thu nis ag ìnnseadh 
d'uireasbhuidh dhomh ? Nach 'eil gu leòr agam air mo 
shon fèin agus air do shon-sa ? Cuime 'dh-ìnnseas tu 
do neo-airidheachd dhomh? oir na'n robh thu-fèin 
airidh, càit an robh d'fhèum air m'airidheachd-sa? An 
tug mì riamh cuireadh, no teàrnadh do mhuinntir airidh 
agus f hìreanta, no am bheil an leithid sin air thalamh ? 
Am bheil thu gun ni sam-bith agad? am bheil thu 
oàillte agus truagh, gun chuideachadh agus tu uirbheas- 
ach? Am bheil thu nis a' creidsinn gur Slànuighear 



352 Còmhradh Diadhaidh 

uile-fhoghainteach mise, agus an àill leat mo ghabhail? 
Feuch ! is leat-sa nrì, gabh mì ; ma tha thusa toileach, 
tha mise toileach ; agus cha n-urrainn peacadh, no 
Sàtan ar pòsadh a bhriseadh.' 

" Sin, sin na focail bheannaichte a labhair Spiorad 
an Tighearna rium anns an t-soisgeul, g&s an tug è òrm 
mi-fein a thilgeil sìos aig a chosaibh, agus èigheachd 
amach, c Mo Shlanuighear, agus mo Thighearna, bhris 
thu, dh'ath-bheothaich thu mo chridhe ; thug thu buaidh 
air, choisinn thu è ; gabh è ; is leat è ; ma thoilicheas a 
leithid de chridhe thu, gabh è ; mur toilich, dean è mar 
a b'àill leat è 'bhith.' Mar sin, m'anam ! faodaidh 
tu cuimhneachadh air a' chòmhradh mhilis, eò-lach, 
shaor a bha agad ri Criosd ; uime sin, ma ghinear gràdh 
le eòlas taitneach air neach, dòirt amach do chridhe do 
Chriosd. Is e-fèin a sheas aig leabaidh do ' thinneis 
ìarganaich ;' is e-fèin a lughdaich do phìan ; is e-fèin a 
dh'hraich thu 'us tu sgìth ; is e-fèin a dh'fhuadaich air 
falbh d'eagal. B'ullamh riamh è gu do fhreagairt, 
'nuair a ghairm thu air gu dùrachdach ; choinnich e 
riut ann an àitibh follaiseach agus uaigneach ; f huaradh 
leat è anns a' choimhthional, ann do thigh, ann do 
sheòmar, anns an achadh, ann m faire na h-oidhche, 
agus ann an iomadh cunnart mhòr. 

" Ma tharruingear gràdh le fìalachd agus iochd, is 
mòr, ann an tomhas gun tomhas, m'fhìachan-sa do 
ghràdh Chriosd ! Gach tròcair ann an cuairt mo 
bheatha, gach àit anns an robh mo chòmhnuidh, gach 
cuideachd 'us neach air an robh mì eòlach, gach seirbhis, 
obair agus dàimh, gach cor anns an robh mì agus gach 
atharrachadh tre 'n deachaidh mì riamh — tha ìad sin 
uile nis ag ìnnseadh dhomh, gur maitheas a' sìor-sruth- 
adh an tobar. Thighearna, is mòr an gràdh a ta 
agam ri phàidheadh dhuit ! Agus tha m'f hìachan a' 
sìor-mheudachadh gach là ! Ciamar a bheirinn-sa gràdh 
arìst airson gràidh cho mòr ! Ach an dàna dhomh 
smuaineachadh air thus a phàidheadh, no air do 
ehràdh-sa ath-dhìoladh le moghradh fèin? Am pàidh mo 
Rgillinn bhochd-sa thusa airson nam mèinn òir a thug 
thu dhomh ? Am pàidh mìarrtas ainmig d'f hìalachd 
nach sguir ? Mo chuid-sa, neo-ni, ma tha cuid agam, 



a y Mheòrachaidh Nèamhaìdh. 353 

airson do chuid-sa a ta neo-chrìochnach ? An dàna 
dhorah-sa strì riut-sa ann an obair gràidh ; no mo 
shradag fhànn a chur a strì ri Grèm a' ghràidh. An 
urrainn mise gràdhachadh cho àrd, cho domhain, cho 
leathann, cho fada, ri Gràdh fèin ; cho mòr ris an Tì 
a rinn mì, agus a rinn mo ghràdh, agus a thug dhomh 
am beagan gràidh a ta agam ? Cha mhac-samhuil mise 
dhuit ann an oibribh cumhachdach, no ann an cruth- 
achadh, no ann an gleidheadh, no ann an riaghladh an 
t-saoghail, ni mò is mac-samhuil m\ dhuit ann an 
gràdh. Cha n-eadh, cha n-eadh, a Thighearna, ach 
gèilleam dhuit-sa, oir thug thu buaidh òrm. bhuaidh 
bheannaichte ! Gabh air d'aghairt gu buadhmhor, agus 
buadhaich fathast, a' deanamh buaidh-chaithream ann 
an gràdh. Eighidh prìosanach a' ghràidh do bhuaidh, 
'nuair a threòraicheas tu mì le àrd chaithream o'n 
talamh gu nèamh, o bhàs gu beatha, o bhreitheanas gu 
do rìgh-chaithir. An sin, aidichidh mi-fèin, agus gach 
uile neach a chì è, gu'n tug thu buaidh, agus their na 
h-uile, ' Feuch cionnus a ghràdhaich se è !' 

" Ach bitheadh mo ghràdh-sa sìnte fo do ghràdh-sa ; 
oir ged nach mì do choimeas, is mì do phrìosanach air 
mo shaoradh leat. Nach toir mì gràdh idir, a chionn 
nach urrainn mo ghrkdh èirigh gu meud do ghràidh-sa? 
Hò ! nach raise b'urrainn a ràdh gu beò-chridheach, 
' Is toigh leam thu,' eadhon mar is toigh leam mì-fèin, 
'us mo charaid ! Ged nach urrainn mì ràdh, mar thuirt 
an t-Abstol, ' Tha fìos agad gur toigh leam thu ;' gi- 
dheadh is urrainn mì 'radh, a Thighearna, tha fios agad 
gur è mo mhìann do ghràdhachadh. Tha fearg òrm ri 
mo criridhe, nach 'eil gràdh na's mò aige dhuit ; cron- 
aichidh mì è, ach cha teid è am feothas ; rdusanaichidh 
mì ris, agus bu bhuidhe leam 'aomadh leam, ach cha 
n-f haigh mì gluasad ànn ; buailidh agus suathaidh mì 
è le òrduighean an t-soisgeil, ach fathast, cha n-fhaigh 
mì blàth è 's an taobh-stigh dhìom. Anam neo-airidh ! 
nach 'eil do shùil anis air an aon chuspair a's àillidh a 
ta ann? Nach fhaic thu nis glòir anabarrach aoibh- 
neach nan naomh ? Agus nach gradhaich thu ? Nach 
anam rèusanta thu, agus nach tigeadh do d' rèusan ìnn- 
seadh dhuit gur tòll dubh an talamh so, ann an coimpas 



354 Còmhradh Diadhaidh 

ri glòir nèimh ? Nach spiorad thu-fèin, agus nach bu 
chòir dhuit Dia a ghràdhachadh, oir is Spiorad Dia, 
agus is e-fèin Athair nan Spiorad ? Cuirae 'ghràdhaich- 
eas tu do chrìadh bhàsmhor cho mòr, agus nach gràdh- 
aich thu glòir nèamhaidh na's mò ? An gràdhaich thu 
! nuair a ruigeas tu shuas ? 'nuair a thogas an Tighearn 
do chorp às an uaigh, agus a bheir è ort dealradh mar 
a' ghrìan ann an glòir fad saoghal nan saoghal ; an gràdh- 
aich thu air an là sin ? Nach coinneamh luchd-gràidh 
an t-àit sin gus an togar suas thu ? Nach staid gràidh 
a' bheatha an sin ? Nach ì sin là-bàinnse mòr an Uain ? 
Nach obair gràidh, an obair an sin, far am faigh anam- 
sman an lìonadh le gràdh maille ri Criosd ? Matà, 
m'anam, tòisich air an obair an so ! Bi tìnn le gràdh anis 
a chum a bhi slàn le gràdh an sid. Cum thu-fèin anis 
ann an gràdh Dhè, agus na leig le beatha, no bàs, no 
ni sam-bith do sgaradh uaith, agus gleidhear thu ann 
an Iànachd a' ghràidh gu bràth ; agus cha lughdaichear, 
cha searbhaichear do thoil-ìnntinn le ni sam-bith ; oir 
dh'ullaich an Tighearn baile gràidh agus àit chum a 
ghràdh a thaomadh air a shluagh taghte, agus ìadsan a 
bheir gràdh d'a ainm, còmhnaichidh ìad knn. 

" Dùisg, dùisg, matà, m'anam chadalaich 1 Is mi- 
rèusanach cadal fo sholus a'ghràis, agus is miosa na 
sin cadal fo dhluth-theachd soluis na glòire. Thig a- 
mach anis, mo spiorad trom, reòta agus do Thighearn ag 
ìarraidh ort gàirdeachas a dheanamh arìst 's arìst. 
Laidh thu fada gu leòr ann am prìosan na feòla. far an 
robh Sàtan 'n a dhorsair dhuit, cùraman 'n an ìarunn 
ort, eagalan 'n an sgìùrsaran dhuit, aran agus uisg àmh- 
ghair 'n am biadh dhuit, far am b'è bròn do thigh- 
oòmhnuidh, do pheacaidhean agus do naimhdean a' 
deanamh do leapa dhuit, agus do chridhe mì-chreideach 
na dorsan agus na cruinn-dùnaidh a bha 'g ad' cumail 
astigh. Tha Aingeal a' cho-cheangail a' gairm ort 
anis, a' bualadh aig do dhorus anis, agus agìarraidh 
ort e'irigh anis agus a leantuinn. Eirich, m' anam ! 
agus freagair agus lean è gu suilbhir, agus teichidh do 
cheanglaichean agus do ghlasan air falbh gu lèir. Lean 
an t-Uan ge-b'-e taobh a thèid è. An tigeadh dhuit 
eagal a bhi ort Fear-treòrachaidh a leantuinn ? An 



a' Mheòrachaìdh Neamhaidh. 355 

urrainn a' Ghrìan do threòrachadh gu àit dorchadais ? 
An treòraich an Tì sin gu bàs thu, a bhàsaìch, agus a 
tha beò, chum thus' a shaoradh o'n bhàs ? Lean è gu 
luath agus nochdaidh è pàrras Dhè dhuit. Bheir fc 
dhuit sealladh de'n ' Ierusalem Nuadh,' agus blasad air 
' craoibh na beatha.' Thig amach, mo spiorad fuar, 
fann, agus cuir dhìot d'èideadh geamhraidh ; feuchadh 
d'èideadh aoibhneis agus molaidh gu'm bheil d'earrach 
air teachd, agus mar tha do shòlas anis ùrail, gòrm, 
nach f hada gus am bi thu-fèin geal, abuich airson an 
f hoghair ; agus an sin gairmear thu gu buain, gu tional, 
agus gu seilbh a ghabhail. Ach an tig dhomh dàil a chur 
'n am aoibhneas, agus a shìneadh uam gus an là sin ? 
Nach còir do aoibhneas an earraich a dhol roimh aoibh- 
neas an fhoghair? Nach fhiach tiodal mu'm faighear lan 
sheilbh air ? Nach àirde staid an oighre na staid tàrlaid ? 
"Theagaisg mo Thighearn dhomh gàirdeachas a 
dheanamh ann an dòchas a ghlòire fèin ; agus ciamar a 
chl mì a ghlòir tre bhallachan prìosain ; oir an uair a 
nithear ' gèur-leanmhuinn òrm airson na còrach,' thu 
e-fein ag àithneadh dhomh ' gàirdeachas a dheanamh 
agus a bhi ro shubhach, a chionn gur mòr mo dhuais 
air nèamh.' Tha fios agam gu'm b'àill leis mo ghàird- 
eachas a bhi na's mò na mo bhròn, agus tha fios agam, 
ged is mòr a thlachd anns an anam a ta ' iriosal, briste, 
brìiite,' gur mo na sin a thlachd anns an anam aig ara 
bheil tlachd ànn-fèin. Nach do dheasaich mo Thigh- 
earn bòrd dhomh anns an fhàsach, agus nach do 
chòmhdaich è dhomh è le geallaidhean air glòir sìorruidh, 
'us biadh ainglean romham air ? Nach tric, dùrachd- 
ach, fìal a chuireadh dhomh gu suidhe sìos aig a bhòrd, 
agus itheadh gun sòradh ? Nach do bhuilich è òrm, 
chum na crìche sin, rèusan, cìall, creidimh agus nàdur 
aoibhneach, agus am faod è 'bhith nach b'àill leis mis' 
a bhi aoibhneach ? Nach 'eil è nis ag àithneadh dhuit 
'tlachd a ghabhail anns an Tighearn' agus a' gealltuinn 
' ìarrtais do chridhe thabhairt duit ?' Nach 'eil è nis 
ag ràdh riut, ' Dean gàirdeachas a ghnàth ;' seadh, 
sèinn gu h-ait, agus dean iolach ait ? Carson, matà, a 
bhithinn-sa fo lag mhisneachd ? Tha mo Dhia toileach, 
na'n robh mise toileach. Tha tlachd aige ann mo 



356 Còmhradh Diadhaidh 

thlachd-sa. Is àill leis mis' a bhi fagus dà gach là 'us 
uair, agus a bhì do ghnath anns gach gnothach a' 
creidsinn ànn, a' meòrachadh air, agus air mo lìonadh 
le smuaintibh milis, beò air a mhaitheas. m' obair 
bheannaichte, freagarrach do mhic Dhè ! Ach, 
Thigearna, ged is mòr a' chuilm ud a chuir thu romham, 
is beag ì dhomh-sa gus an cuirear acras òrm. Chuir 
thusa biadh milis, blasda nèimh romham, ach mo 
chreach ! tha mise cho dall as nach f haic m\ è, cho 
tìnn, fann as nach fhaigh m\ blìls milis air, cho meil- 
ichte, fuar, rag as nach sìn mì mach làmh d'a ionnsuidh. 
Air an aobhar sin, a Thighearna, ìarram gu h-iriosal an 
gràs àraid so uait, mar dh'f hosgail thu nèamh dhomh le 
d'fhocal, fosgail mo shùilean, chum gu'm faic mì è, agus 
mo chridhe'gu tlachd a ghabhail ànn ; air-neo cha bhi 
nèamh 'n a nèamh dhomh-sa. O thus', a Spioraid na 
beatha, sèid air do ghràsaibh fèin annam-sa. Gabh air 
làimh mì. Tog suas o'n talamh mì, chum gu'm faic mì 
a' ghlòir sin a dh'ullaich thu airson na muinntir aig am 
bheil gràdh dhuit ! 

" Teichibh uam anis, sibhs' a chùraman agus eagalan 
a bha 'buaireadh m'anama, agus teich thus', a bhròin, a 
bha gu tric a' ciùrradh mo chridhe. Hò ! Teichibh uam 
car ùine ; leigibh dhomh car tamuill ; seasaibh air ais ; 
fanaibh shìos an so, gus an tèid mise suas agus am 
faic mì m'fhois. Ged nach 'eil mise fìor eòlach air an 
rathad, is eòlach Criosd air. Sin an t-àit-còmhnuidh 
sìorruidh a bha riamh aige mar Dhia glòrmhor. Sin 
an t-àit gus an tug è a chorp glòraichte fèin. B'ì obair 
Chriosd an t-àit sin a cheannach. Is ì obair Chriosd 
an t-àit sin ullachadh, agus mise ullachadh air a shon, 
agus mo thoirt d'a ionnsuidh. Thug Dia sìorruidh 
na fìrinn gealladh dhomh, — gealladh sèulaichte le sèula 
agus le focal Dhè, — ma chreideas mì, agus is mì a 
chreideas ' ann an Criosd, nach sgriosar mì, ach gu'm 
bi a' bheatha shìorruidh agam.' Is goirid an ùia gus 
an togar m'anam a dh-ionnsuidh an àite naoimh sin, 
agus cha n-f hada gus an lean mo chorp è. Agus am 
faod mo theangaidh a ràdh, Is cìnnteach, cha n-fhada 
gus am bi mise beò maille ri Dia, agus nach lèum mo 
chridhe nis le aoibhneas 's an taobh-stigh dhìom ? Am 



a 1 Mheòrachaìdh Nèamhaidh. 357 

faod mì sin a ràdh tre chreidimh, agus nach fhaod mì 
a ràdh le aoibhneas ? Ah ! thus' a chreidimh, ia 
soilleir dhomh anis do laigse ! Ach geda dheanadh 
mì-chreidimh mo sholus dorch, agus mo bheatha tròm, 
agus m' aoibhneas a mhuchadh, cha n-urrainn è buaidh 
a thoirt òrm, no idir mo sgrios. Geda ghabhadh è 
farmad ri mo shòlasaibh uile, fathast, ge b'oil leis, 
gheibh mise criomag 'us criomag shòlais an so : ach 
nach bu mhòr, lkn, pailt mo shòlas, mur beanadh làmh 
a' mhì-chreidimh rium idir ! an sin dhealraicheadh 
solus aoibhneach nèimh air mo chridhe, agus is beag 
nach bithinn cho eòlach air nèamh 's a tha m\ air an 
talamh. Tiugainn, mata, m'anam, dùn do chluasan, 
'nuair a chluinneas tu càinnt 'us fuaim aineolach an 
as-creidimh. Faodaidh tu gach argumaid, a chluinn- 
ear 'n a bhèul, a f hreagairt agus a chur 'n a tosd, no 
mur tè*id agad air sin a dheanamh, dean a saltairt fo do 
chasan gun dàil. Tiugainn, tiugainn, m'anam ! na seas 
idir ag amha*c air an uaigh sin, a' tionndadh nan 
cnàmhan tioram sin, no idir a' lèughadh do leasain anis 
anns an duslach ; oir is goirid gus an dubhar amach na 
litrichean sin. Ach tog suas do cheànn gu h-àrd, amh- 
airc anis gu nèamh, agus faio d'ainm ann an litrichibh 
òir, ' sgrìobhta o thoiseach an t-saoghail ann an leabhar 
beatha an Uain a chaidh 'mharbhadh.' 

" Ciod a theireadh tu na'n tigeadh aingeal a dh-ìnn- 
seadh dhuitanis, gu'm bheilàit-còmhnuidh air'ullachadh 
dhuit air nèamh, agus gur leats' è gu bràth gun teagamh 
air-bith, nach b'aoibhneach leat an teachdaireachd sin ? 
Agus an cuir thu suarach focal a' gheallaidh a thugadh 
dhuit leis an Spiorad, agus eadhon le Mac Dhè fèin ? 
Abair anis gu'm faca tu carbad teine a' teachd anuas o 
nèamh a chum thus'a thogail suas ànn, mar thogadh suas 
Eliah, nach b'aoibhneach leat sin ? Ach nach 'eil thu 
air do dheanamh làn-chìnnteach le do Thighearn, gu'n 
robh anam Lasuruis air a ghiùlain le cuideachd ainglean 
gu uchd Abrahaim, ìs è sin ri radh, gu onoir 'us glòir 
nèimh? Nach aighreach a chithear am misgeadair 
ameasg nan cuach rapach, agns nach sùnntach a shluig- 
eas an geòeair a ghreim reamhar, làn, agus carson nach 
bithinn-sa aighreach, sìmntach aoibhneach, ait 'us mi 



858 Cbmhradh Diadhaidh 

air mo rathad dìreach gu nèamh ? An taitneach leam 
biadh 'us deoch, 'nuair a bhitheas acras agus tart òrm ? 
an taitneach leam imeachd air sràidibh breagha, ann an 
liosaibh òrdail, grìnn, agus còmhnuidh a ghabhail ann an 
tigh goireasach ? An taitneach nithe bòidheaoh do mo 
shhilean, an taitneach ceòl b\nn do mo chluasan, agus 
am mol mì faile cùbhraidh ? agus nach gabh mì tlaohd 
'us taitneas ann an smuaineachadh roimh-làimh air 
sonas nèamhaidh ? 

" Faigheam mo làithean a chaitheamh, a' cruinneach- 
adh eòlais gu milis, toilichte ameasg mo chuid leabh- 
raichean, an sin, theirinn soraidh leat a shaoghail, agus 
ghabhainn truas ris na daoine raòra, saoibhir sin do 
nach aithne an sonas so. Ach cia mòr mo shonas air 
nèamh, far am bi m'eòlas iomlan I Thàinig bàn-rìgh 
Shèba bho àitibh iomallach na talmhainn a dh-è'isdeachd 
ri gliocas Sholaimh, agus a dh-f haicinn a ghlòire, ach 
cia suilbhir bu chòir dhomh-sa nis a dhol o'n talamh gu 
nèamh a dh-fhaicinn glòir an R\gh shìorruidh, agus a 
mhealtuinn a' ghliocais a's àirde ; oir ann an coimeas 
ri sin, is amadain 'us amhlairean na fir a's ionnsuichte 
air thalamh ? Ciod na'n deanadh Dia àrd ìompair 
dhìom thairis air an talamh uile ; ciod na'm b'urrainn 
mì beànntan atharrachadh, èucailean a shlànachadh le 
m'fhocal, no le bàrr mo mheòir, no deamhain a thilg- 
eil amach, nach tigeadh dhomh aoibhneas a dheanamh 
ann an cumhachd 's ann an onoir cho mòr sin ? agus 
nach dean m\ aoibhneas gu'm bheil m'ainm sgrìobhta 
ann an nèamh ? 

" An so gabhaidh m\ taitneas ann mo phàrantaibh 
agus ann mo chàirdean dìleas, gaolach uile : nach 
bu taitneach leam iomairt mo ghràidh, 'nuair a leig 
mì ris è do mo charaid I Ach ! cia taitneach a bhi beò 
gu bràth ann an gràdh maireannach Dhè ! ' Feuch, 
cia maith agus cia taitneach an ni do bhràithribh 
còmhnuidh a gabhail cuideachd ann an aonaohd !' 
Cia taifneach teaghlach, fear-pòsda agus a bhean, 
pàrantan 'us clann, maighstearan 'us seirb'hisich 'fhaic- 
inn beò agus a' deanamh gach nì d'a chèile ann an 
gràdh ! cia taitneach baile 'fhaicinn beò ann an 
gràdh, gun fharmad, gun trod, gun chònsachadh, gun 



à 1 Mheòrachaìdh Neamhaìdh. 359 

chòmhstri, gun aimhreit, eas-aontachd, no roinn, ach 
gach neach a'gràdhachadh a choimhearsnaich mar 
e-fèin, gach aon ag ìarraidh tuilleadh 'us tuilleadh a 
dheanamh airson aoin eile, agus a'strì cò a's mo gràdh 
do mhuinntir eile ; cia sona, cia taitneach an sealladh 
sin ! 0, matà, cia sona seach sin an teaghlach a bhitheas 
air nèamh, agus luchd-àiteachaidh sìtheil na h-Ieru- 
saleim Nuaidh, far naoh 'eil roinn, no eas-aonachd, no 
m\-run, no fuath, no cairdeas cealgach, no aon fhocal 
mì-chaoimhneil, no sealladh, no smuain feargach, ach 
na h-uile 'n an aon ann an Criosd, neach a's aon maille 
ris an Athair, agus na h-uile beò ann an gràdh an Ti 
a's gràdh fèin ! An sin, cha mhò beatha na gràdh an 
anama. Cia fagus an sin a bhitheas m' anam do Dhia, 
'nuair a ghràdhaicheas mì è cho toileach, cho taitneach, 
cho làidir gun sgur ! Ah ! thus' a chridhe thruaigh, 
as-creidmhich, a smuainicheas air la, air obair agus air 
beatha cho mòr so, le aoibhneas cho beag, ìosal, fànn ! 
Ach bithidh mo ftioil-ìnntinn na's aoibhniche an dèigh 



so 



" Cia taitneach dhomh-sa nis oibre mòra ach ìosal 
sin a' chruthachaidh 'f haicinn agus ionnsuchadh ! Nach 
maiseach an aitreabh an talamh so air am bheil mo 
chòmhnuidh an dràst ; an t-ùrlar air a sgeadachadh le 
luibhean, fìiùraichean agus craobhan, agus air 'uisgeach- 
adh le tobraichean agus aimhnichean, an ìarmailt àrd 
os mo cheànn, air a sgaoileadh amach cho farsuing, 
iongantach, àillidh ! Nach lìonmhor iongantas a chith- 
ear anns a' ghrèin, anns a' ghealaich agus anns na rèult- 
aibh, anns na cuantaibh agus anns na gaothaibh ! Nach 
mòr, iongantach an tigh sin a dh'ullaich Dia airson 
chrèutairean truaillidh, airson anamanan ceangailte ann 
am prìosan ; iomadh mìle iongantas air am buileachadh 
air a naimhdean ! Ach ! cia mòr an tigh-còmhnuidh 
àrd sin a dheasaich è airson a shluaigh fèin, — a chlànn 
ionmhuinn, ghràdhach fèin ! Cia mòr glòir na h-Ieru- 
saleim Nuaidh seach glòir nan uile chrèutairean a 
chithear an diugh ! Eirich, matà, m' anam, tog suas 
do smuaintean, bitheadh do smuaintean air a'ghlòir sin ! 
smuainich cìa mòr, cia àrd, cia taitneach glòir nèimh 
seach òirdhearcas na talmhainn ! Na bitheadh eaeal ort 



360 Còmhradh Diadhaidh 

a dhoi amach às a' chorp so, agus araach às an t-saoghal 
so ; oir is beannaichte d'imrich, is beannaichte d'ath- 
arrachadh ; ach abair raar thuirt aon roimhe aig uair a 
bhàis, ' Tha mì nis aoibhneach, lèumaidh ml le aoibh- 
neas ; oir thàinig m'uair, an uair air am faic mì 
Iehobhah uile-chumhachdach aghaidh ri aghaidh; 
roimhe so chunnaic mi le tlachd a mhòrachd ann an 
obair a làmhan, rahol mì a mhaitheas, dhìarr 'us mhìann- 
aich mì è gu dìan tre chreidimh, agus anis bithidh niì 
maille ris ann an glòir " 

" Nach iongantach fòs iomadh obair an fhreasdail ! 
Cia taitneach an Dia mòr 'fhaicinn a' gabhail cùraim 
de na naoimh — beagan chrèutairean iriosal — luchd- 
urnuigh air an cur suarach leis an t-saoghal, ach air an 
teàrnadh agus air an àrdachadh le Dia I Nach taitneach 
dhomh cmmhneachadh air na tròcairean milis, mais- 
each, àraid a nochd è dhomh-fera ann an cuairt mo 
bheatha I Nach tric a dh'èisd è ri m'ùrnuigh, a chruinn- 
ich è mo dheòir, agus a dh'fhuasgail è m'anam o 
thrioblaid ! Nach tric a thubhairt mo Thighearn rium, 
' Biodh deadh mhisneachd agad !' Nach mòr an nearf 
dhomh gach fiosrachadh dhiubh sin, nach soilleir gach 
dearbhadh dhiubh sin air gràdh ra'Athar, do mo chridhe 
fìamhaidh, mì-chreideach ! Ach 1 cia beannaichte an 
là sin air am faigh mì gach uile thròcair, tròcair ìomlan 
agus làn mhealtuinn Dhè na tròcair ! Air an là sin 
seasaidh mì air an tràigh mhòir, a' sealltuinn air m'ais 
air na fairgibh fiadhaich, atmhor, buaireasach tre 'n 
tainig mì gu sàbhailt ; air an là sin seallaidh mì air m'ais 
air gach pìan 'us bròn, air gach eagal 'us dèur, 'us mì 
nis a' mealtuinn na gloire sin 'bu chrìoch dhoibh sid uile ! 
na'n robh aon bhoinne de chreidimh beò agam maille 
ris na smuaintibh sin, cia nèamhaidh an cridhe 'bhith- 
eadh agam 's an taobh-stigh dhìom ! Ach is mìannach 
leam a ràdh, ' A ta mì 'creidsinn, a Thighearna ; cuidich 
thusa le mo mhì-chreidimh.' 

" Cia milis, m'anam, òrduighean an t-soisgeil dhuit ! 
Nach bu taitneach ùrnuigh, moladh agus searmonach- 
adh nèamhaidh, agus cuideachd nan naomh dhuit, a' 
faicinn an ' Tighearn' a' cur ris an eaglais an dream a 
thèaruinear !' Ach cha n-urrainn mo chridhe nis 



a' Mheòrachaidh Nèamhaìdh. 361 

ruigheachd air an aoibhneas sin a bhitheas agam, 'nuair 
a chì m\ an eaglais f hoirfichte air nèamh, agus a 
ghabhar astigh mì do'n teampull nèamhaidh, a mholadh 
an Tighearna gu bràth maille ri armailtibh nèimh. Bu 
mhìlse le Iob focal an Tighearna na biadh a bheòil ; bu 
mhìlse le Daibhidh è na eadhon a' mhil agus a' chìr- 
mheala ; b'àrd aoibhneas agus gàirdeachas è do chridhe 
Ieremiah ; ach cia beannaichte an là sin air an dean 
sinn làn aoibhneas ann an Tighearn an t-saoghail so, 
gun f he'um tuilleadh air àithn, no air gealladh sgriobhte, 
no idir air leabhar a lèughadh ; oir chì sinn na h-uile 
nithe ann an gnuis ghlòrmhoir Dhè ! ' Ghabh' an sluagh, 
a chuala Criosd a' labhairt air an talamh, l iongantas 
ri 'ghliocas agus ri 'f hreagraibh, agus ris na briathraibh 
gràsmhor a thàinig amach is a bhèul ;' ach cia mòr an 
t-iongantas a bhuaileas mise, 'nuair a chì mì'a mhòrachd 
gu làn shoilleir ! 

" An toir sìùl ris a' ghloir so air muinntir eile fàilt a 
chur air anshocair a' chruinn-chèusaidh agus fuasgladh 
a dhiùltadh, agus nach toir dòchas na glòire òrm-sa 
giùlain car tamuill gu suilbhir le trioblaidibh beaga ? 
An dean sùil ri glòir na lasraichean milis do na martar- 
ach dhiadhaidh, agus nach dean an dòchas cèudna mo 
bheatha, no mo thinneas, no mo bhàs nàdurrach, milis 
dhòmh-sa? Nach aun 's an aon bhaile nèamhaidh a 
bhitheas ìadsan agus mise beò ? Nach ionann Dia agus 
Criosd agus crùn 'us glòir dhòmh-sa agus dhoibh-san ? 
Carson, matà, a gheibhear mo shùil cho dorch, mo 
chridhe cho marbh, mo ghnhis fo sprochd? Nach 
d'fhuair mì cheana roimh-bhl&s beag air a' ghlòir ud, 
agus cia taitneach è seach na h-uile nithe talmhaidh, 
ach 1 cia taitneach a gheibh mì mo shonas iomlan 
air nèamh ! 

" Cia maiseach gràsan an Spioraid, ged nach ruigear 
orra an so ach ann an tomhas neo-iomlan I Ach is beag 
ìad sin ann an coimeas ris an staid iomlain gus an 
ardaichear m'anam an dèigh mo bhàis ! Nach bu shona 
mo bheatha air thalamh na'm urrainn mì Dia a 
ghràdhachadh cho mòr 's a b'àill leam ; na'm bu ghràdh 
mì uile, a' gràdhachadh do ghnàth ! m'anara ! ciod 
nach tugadh tu airson a leithid de bheatha ? nach 



362 Còmhradh Diadhaidh 

robh agam eòlas air Dia agus air 'fhocal, cho mòr 's a 
tha mì nis a' mìannachadh ! nach mis' a b'urrainn 
earbsa làn a chur ann an Dia air uair gach tèinn, 'g a 
leantuinn cho beò-dhurachdach 's a chuireas mì mo 
làmh ri dleasanas air-bith, 'g a mhìannachadh an 
oòmhnuidh, mar thaitneas milis m'anama ; an sin cha 
ghabhainn farmad ri toil-ìnntinn, onoir, no glòir an 
t-saoghail. Ach, m'anam ! is goirid gus am bi thusa 
ann an staid uile bheannaichte anns am faigh thu sòlas 
fada nan cìan na's mò na 's urrainn thu ìarraidh anis, 
ag oibreachadh d'uile bhuaidhean naomh le àrd aoibh- 
neas 'an dlùth làthair Dhè fe'in, 'g a f haicinn gu soilleir, 
agus cha n-ann gu dorch, fada uaith, mar tha thu an 
dràst ! 

" Nach òirdheirc Eaglais Chriosd an diugh seach aon 
anam gràsmhor air-bith, ged is iomadh peacadh, àmh- 
ghar, 'us gè'ur-leanmhuinn fo 'm bheil ì nis a' fulang ? 
Ach cia glan an Eaglais, 'nuair a làn-chruinnichear 
agus a làn-ghlòraichear ì ; 'nuair a dh-e'ireas \ suas o 
' ghleànn nan dèur' gu ' Sliabh Shioin ;' 'nuair nach 
peacaich agus nach fuilig ì ni's mò ! Is dorchadas 
agus mi-dhreach glòir na seànn Ierusaleim ann an 
coimeas ri glòir na h-Ierusaleim Nuaidh. An sin 
togaidh sinn iolach àrd, aoibhneach, ait a' faicinn cho 
glòrmhor 's a tha ar teampull nèamhaidh, 's a' cuimh- 
neachadh cho bochd, suarach 's a bha 'n eaglais air 
thalamh ! 

" Ach, mo chreach ! cia mòr mo sheachran 'us mo 
chàll ameasg mo smuaineachaidh. Shaoil leam fad »a 
h-ùine so gu'n robh mo chridhe bochd a' dol leam, ach 
tha mì 'faicinn nach robh è. Is beag beatha 'gheibhear 
ann an smuaintibh 's ann am briathraibh falamh a 
dh-easbhuidh aignidhean. (Faic Caib. XIV. — Ear. 
II.) Cha n-fhaigh Dia, no mi-fèin taitneas ànnta. 
Càit an robh thus', a chridhe neo-airidh, fhad 's a bha 
mis' a' fosgladh nan ionmhas sìorruidh ud dhuit? Nach 
'eil nàir ort anis à do ghearan air easbhuidh sòlais, agus 
à do thalach air Dia airson do lìonadh le bròn, an dèigh 
dhà gu dìomhain taitneas ainglean a thairgse dhuit ? 
Carson nach do lean thu mis' anis gu cùramach, dlùth, 
agus gheibheadh tu d'ath-bheothachadh, lèumadh tu le 



rt' Mheòrachaidh Nèamhaìdh. 363 

aoibhneas, agus dhì-chuimhnicheadh tu do phìan 'us do 
bhròn. Nach beag a shaoil leam gu'n robh mo chridhe 
3ho leisg air gàirdeachas a dheanamh ? 

" Ach, a Thighearna, dh'ullaich thusa làn aoibhneas 
dhomh air nèamh. Air an aobhar sin, cuidich leam gu 
bhi gach uair 'g a ìarraidh gus am faigh m\ è : agus 
meudaich mo mhiann 'us m'fhadachd 'n a dhèigh, 
'nuair nach urrainn mì gàirdeachas a dheanamh, mar a 
b'àill leam. m'anam ! is aithne dhuit, tre bhuillibh 
do bhròin, nach d'ràinig thu d'fhois fathast. Cuin a 
ruigeas mì an caladh ciùin, sàbhailt sin anns nach 'eil 
stoirm, no gaoth, no tònn, no cunnart ? an t-àit anns 
nach bi mì sg\th gu bràth, agus anns nach bi agam là 
no oidhche gun fhois ! An sin, cha bhi mo bheatha air 
a measgachadh le dòchas agus eagal, le aoibhneas agus 
bròn, agus cha bhi m'f heòil agus mo spiorad a' cogadh 
ri'chèile 's an taobh-stigh dhìom; cha bhi còmhrag 
gun sgur eadar creidimh agus mi-chreidimh, eadar 
irioslachd agus uabhar. Hò ! cuin a gheibh mì thairis 
air gach eagal, gach cùram 'us doilgheas a tha nis 
ciùrradh m'anama? Cuin a gheibh mì mach às an 
fheòil so, a tha nis a'milleadh, a'mealladh agus a' 
ribeadh m'anama ? Cuin a thrèigeas m\ an corp truaill- 
idh so, an saoghal dìomhain, draghail, buaireasach so ? 
Och 'us Och ! fèumar fantuinn agus eaglais 'us aobhar 
Chriosd 'fhaicinn air an luasgadh le cònspoid dhaoine, 
air an deanamh 'n an seirbhisich mharsantachd le daoine 
chum am buannachd thìmeil fè*in a mheudachadh, no 
air am maslachadh le barailibh mealltach, faoin ! Aoh 
cha n-'eil aon srad de'n aimhreit sin anns an ' Ierusalem 
nèamhaidh.' An sin gheibh mì spioradan foirfichte 
nan naomh a'còrdadh gu h-aon-ìnntinneach, dìleas, 
rèidh, agus le làn ùmhlachd a' moladh an Rìgh shìor- 
ruidh. cia mòr a b'f heàrr dhomh a bhi a'm' ' dhorsair' 
an sin, seach a bhi a'm' àrd uachdaran air an t-saoghal 
bhuaireasach so uile ! Cuime nach 'eil mì na's s^the 
de'n sgìos so? Carson a tha mì cho ro thric a' dì- 
chuimhneachadh m'àite-tàimh ? 

" Suas, matà, m'anam, tog suas do mhìann gu 
beò-dhùrachdach ! Na fuirich idir gus am mìannaich an 
fheòil so 'dhol suas leat. Na bitheadh idir dùil agad 



864 Còmhradh Diadhaìdh 

gu'n tuig càil na feòla cò è sin do chuspair beannaichte, 
no gu'n innis ì dhuit ciod a's feàrr dhuit a mhìannach- 
adh. Nach marbh do mhìann an dèigh fois' ? Nach 
'eil thu air do choireachadh le mi-thaingealachd 'us 
amaideachd ghràineil do nàduir ? Nach daor an luach a 
phàidh Criosd airson d'fhois', agus nach cuir thusa 
tuilleadh meas oirre ? Nach deachaidh è suas romhad 
a dh-ul]achadh aite-còmhnuidh ghlòrmhoir air do shon, 
h thruaghain ! agus an leisg leats' a dhol a ghabhail 
còmhnuidh ànn ? Nach 'eil Tighearn na glòire nis ag 
ìarraidh do chuideaehd-sa, agus nach ìarr thus' a 
chuideachd-san ? Am fèumar an talamh a dheanamh 
mar ifrinn fean dhuit, mu'm f às thu toileach dealachadh 
ris, agus còmhnuidh a ghabhail maille ri Dia ? 

" O m'anam 1 amhairc air a' chrèutair a's àillidh, no 
air an staid a's taitniche, agus innis dhomh càit am 
b'àill leat a bhith, ach maille ri Dia? Is èire thròm 
bochduinn ; is ribe saoibhreas ; is mì-thaitneach eas- 
laint ; is neo-chìnnteach slàint ; ' bruthaidh' an saoghal 
coimheach ' do shàil ;' gonaidh an saoghal miodalach, 
fìamh-ghaireach thu gu do chridhe. Mar a's mo 
dh-ìarrar 's a ghràdhaichear an saoghal leat, is ànn a's mò 
dh-f hàsas do chron agus do chunnart ; agus mur faodar 
an saoghal a ghràdhachadh, carson a dh-ìarramaid è ? 
Ma mholar thu, gu tric is plàigh dhuit oiteag a' mhol- 
aidh. Ma chùl-chàinear thu, no rna bhuinear riut gu 
mì-chaoimhneil, an airidh grèidheadh mar sin air do 
ghràdh ? Ma tha gach gnothach a' soirbheachadh leat 
gu pailt, agus ma's fheàrr leat do chàirdean diadhaidh 
na 'bhi beò maille ri Dia, is mithich do Dhia an toirt 
uait. Ma fhuair thu d'obair-ionnsuchaidh milis, nach 
d'f huair thu searbh ì mar-an-ceudna ? Ciod is f hìach 
na nithe sin a's feàrr a chithear no 'gheibhear ann an 
cuairt ghoirid na beatha so ann an coimeas ri co-chom- 
unn sìorruidh ri Dia na f ìrinn ? Bu taitneas do chàirdean 
dhuit ; ach nach bu dràgh 'us bròn dhuit ìad cuideachd ? 
Tha ìad bàigheil, ach nach 'eil ìad peacach cuideachd ? 
Tha ìad caoimhneil, ach nach aithghearr a ghabhas ìad 
fearg ? Tha ìad iriosal, ach mo chreach ! cia àrdanach 
ìad cuideachd I Ts milis an deadh-ghean agus is fdumal 
an tabhartas ; ach nach searbh an truaillidheachd, naah 



a' Mheòrachaidh Nèamhaidh. 365 

cronail an gaoidean ? Agus an duilich leat ara f àgail 
agus a dhol a dh-ionnsuidh do Dhia ? 

" m' anam ! seall suas os-ceànn an t-saoghail so — 
saoghal nan iomadh bròn ! Thus' a bha cho fada air do 
bhualadh le slait ghoirt na trioblaid, nach do thuig thu 
fathast na's feàrr ciod a tha na buillean sin a' cìallach- 
adh ? Nach b'ì crìoch gach buille do ghreasad air falbh 
à so ? Nach 'eil a guth, mar an guth a thubhairt ri 
Eliah, ' Ciod è do ghnothuch an so ?' Nach 'eil do 
Thighearn ag ìnnseadh dhuit ' Anns an t-saoghal bith- 
idh àmhghar agaibh,' ach ' annam-sa bithidh sìth ag- 
aibh ?' Ah ! mo Thighearn gràdhach, is mis' a tha nis 
a' mothachadh brìgh d'fhocail ; tha è sgrìobhte 'n am' 
fheòil agus geàrrte air mo chnàmhan. Tha thus' ag 
ìarraidh mo chridhe ; do shlat a' greasad ; còrd mìn, 
blàth do ghràidh a' tarruing ; agus sin uile chum mis' a 
thoirt h-ugad-fèin. Ach, a Thighearna, an fhìach 
dhuit cridhe cho neo-airidh a ghabhail ? Dean airidh 
è, agus is leat è. Gabh h-ugad-fèin è, agus gabh mise 
leis. Gluaisidh an clodan so, ach cha n-èirich è suas, 
gus am beothaichear è. Mar naoidhean lag ann an 
nchd a mhathar, seallaidh è suas riut, a' sìneadh amach 
a, làmhan agus a' mìannachadh gu'n togadh tusa suas 
è. Ged nach urrainn mis' a ràdh, ' Tha m'anam a' 
mìannachadh le dèigh ort ;' gidheadh is urrainn mì 
ràdh, Is è mo mhìann cridhe glan air a lìonadh le dè'igh 
ort. ' Is togarach an spiorad, ach is anmhuinn an 
f heòil.' Eighidh mo spiorad, ' Thigeadh do rìoghachd,' 
no thigeam-sa gu do rìoghachd, ach tha eagal air an 
fheòil gu'n èisd thu ri m'ùrnuigh agus gu'n gabh thu 
mì air m'fhocal. O gu-ma beannaichte do ghràs a 
bheir air mo thruaillidheachd ì-fèin a mharbhadh, oir 
is eagal dhomh m'eagalan, agus is bròn dhomh mo 
bhròn, agus is fhada leam gus am meudaichear mo 
mhìann, agus mar sin tha nrì air mo shàrachadh le lughad 
mo mhìann, agus tha sin a' meudachadh mo sgìos, agus 
a' toirt òrm a ràdh le osnaich, Hò ! b'fheàrr gu'n robh 
mì aig m'fhois. 

"Gu dearbh, a Thighearna, tha m'anam ann an 
cruaidh chàs, air a ' theannachadh,' agus cha n-aithne 
dhomh ciod a's feàrr dhomh ìarraidh ; ach is aithne 



366 Còmhradh Diadhaidh 

dhuit-sa ciod a's feàrr a thabhairt dhomh. Is è ' siubhal 
agus a bhi maille ri Criosd a's ro f heàrr.' Ach chithear 
' fèumail fantuinn 's an fheòil.' Tha fios agad nach 
'eil mì idir sgìth dhe d'obair, ach tha mì sgìth peacaidh 
agus bròin. Tha mì toileach fantuinn fhad 's a bheir 
thus' obair dhomh an so, agus gach obair a thug thu 
dhomh a dheanamh gun dàil ; ach, guidheam ort, na 
f àg an so mì na's fhaide, an dèigh do'n obair sin a bhi 
seachad ; agus f had 's a dh-f hèumas mì fantuinn an so, 
bitheam a' dol am feothas, agus a' dìreadh suas. Dean 
mise na's feàrr agus tog leat mì, 'nuair is feàrr mì. Cha 
dana dhomh a bhi mì-fhoighidneach agus ìarraidh ort 
mo làithean a ghearradh às ; agus mo thrusadh air falbh 
'us mì neo-ullamh ; ni mò a b'àill leam fantuinn an 
dèigh do m'obair a bhi deante, a' peacachadh an so, 
'nuair a tha mo bhràithrean a' deanamh àrd ghàirdeach- 
ais air nèamh. An durrag bhochd so air a brutbadh, 
'nuair a tha na rèultan ud a' dealradh ann an ìarmailt 
na glòire. Ach fathast is mise do leanabh-sa cho maith 
riutha-san : is è Criosd mo Cheànn-sa cho maith ri 'n 
Ceànn-san ; carson, matà, ' tha astar cho mòr eadar- 
ainn ?' Ach is cothromach do shlighean-sa : is clànn 
sinne gu lèir, ach is mis' an struidhear airidh air m'àit 
anns an tìr a ta fada uait gu bhi beò air ' na plaoisg,' 
'nuair tha ìadsan ' a ghnàth maille riut,' agus a' meal- 
tuinn do ghlòire. Bha ìadsan aon uair mar tha mis' 
anis agus is goirid gus am bi mise mar tha ìad-fèin anis. 
Bìosal an staid mu'n d'ràinig ìad an staid a's àirde. 
Is goirt a dh'f huilig ìad mu'n robh ìad air an deanamh 
'n an rìghrean. ' Thàinig ìad à h-àmhghar mòr' ach tha 
ìad anis ' an làthair rìgh-chaithreach Dhè' ;' agus nach 
bi mise toilichte teachd a dh-ionnsuidh do chrùin-sa mar 
thàinig ìadsan, agus ' òl de 'n cupan-san' mu'n ' suidh 
m\ sìos maille riutha anns an rìoghachd ?' 

" Anis, a Thighearna, tha mise toileach feitheamh 
ri d'uair, agus falbh air do shligh, mar sin àrdaichidh 
tu mise fòs air d'àm maith fèin ; agus bheir thu mì a 
dh-ionnsuidh do shabhail, 'nuair a chì thu abuich mì. 
An diugh mìannaichidh mì, ach cha ghearain mì ; 
creididh agus ìarraidh mì, ach cha dean mì cabhag 
pheacach. Is àill leam feitheamh riut, ach cha n-àill 



a' Mheorachaidh Nèamhaidh. 367 

leam idir thus' a chàll ; agus an uair a chì thusa mì ro 
thoilichte 'dh-easbhuidh do làthaireachd, an sin beoth- 
aich mo mhìann fànn, agus sè*id suas sradag fhuar mo 
ghràidh ; agus na fag mì, gus an urrainn mì e'igheachd 
amach le fìrinn, ' Mar thogras am fiadh chum nan 
sruth uisge, mar sin tha m'anam a' togairt a'd' ionn- 
suidh-sa, a Dhè. Tha tart air m'anam chum Dhè, 
chum an Dè bheò : c'uin a thig mi agus a nochdar mi 
am fianuis Dhè? Tha mo chaithe-beatha air neamh, 
an t-ionad às am bheil dùil agam ris an t-Shlànuighear. 
Tha m' aignidhean suidhichte air na nithibh a ta shuas, 
far am bheil Criosd 'n a shuidhe, agus anns am bheil 
mo bheatha folaichte. Gluaisidh mì arèlr creidimh, 
agus cha-n ann arèir seallaidh ; a' ròghnachadh a bhi 
air choigrich (air falbh) às a' choluinn, agus a bhi làth- 
air maille ris an Tighearn.' 

" Ciod an tlachd a tha aig an t-saoghal bhochd so 
annam-sa ? agus ciod an ni àillidh a gheibhear ànn gq 
mo ghràdh a mhealladh air falbh o mo Dhia, no gu mi 
fèin a dheanamh mì-thoileach falbh às? Thar leam, 
an uair a smuainicheas mì air an t-saoghal so gu 
cùramach, gur 'fasach ulartaich' è, agus gur uile- 
bheistean fiadhaich mòran de 'luchd-àiteachaidh. Is 
duaichnidh leam a mhaise gu lèir, agus bathaidh mì 
gach sogh a gheibhear ànn le deòir bheag an aithreachais, 
no sgiotaidh mì air falbh è le anail m'osnaich. Hò ! 
na ceadaich do'n fheòil so m'anam a mhealladh gus a' 
bheatha bhochd, sgìth so a ròghnachadh air thoiseach 
air an àrd aoibhneas a ta timchioll do rìgh-chaithreach ! 
Agus ged nach 'eil am bàs fèin taitneach do chàil mo 
nàduir, gidheadh deanadh do ghràs fèin do ghlòir cho 
soilleir, taitneach dhomh, ionnus gu'm bi eadhon ' rìgh 
nan uamhas' 'n a theachdair aoibhneis dhomh. Na 
bitheadh m'anam air a thilgeil amach le ainneart, na 
cailleadh è idir a thigh-còmhnuidh buan an aghaidh a 
thoile ; ach tarruing è h-ugad-fèin le cumhachd dìomh- 
air do ghràidh, mar tharruingeas grìan-theas an earr- 
aich cre'utairean snàigeach amach à cuiltibh fuar, 
dorch a' gheamhraidh : coinnich è air leth na slighe, 
agus tàlaidh h-ugad-fèin è, mar tharruingeas a' chlach- 
iùil an t-ìarunn, agus mar tharruingeas an lasair mhòr 



/ Uò 




ladhaìdk 



an lasair bheag 1 Sgiot, matà, na neòil sin a ta nis a 
folach do ghràidh uam ; no tog air falbh na ' Iannan' 
nach leig le mo shùil do ghnùis 'f haioinn ; oìr cha n-ur- 
rainn ni sam-bith eile, ach na gathan soluis a thig o do 
ghnùis fèin, agus roimh-bhlas air do shlàint mhòir, a 
thoirt air m'anam a ràdh le fìrinn, ' Anis leig do 
d'sheirbhiseach siubhal 'an sìth.' 

" Aoh, a Thighaarna, cha leòr idir do thròcairean 
cumanta an so. Is obair mhòr ì so, agus an lorg sin 
feumaidh ì cuideachadh mòr 'f haotuinn. O tionndaidh 
gach eagal dhiubh sin gu mìann làidir, agus eagal 
basachadh gu làn mhìann an dèigh ort-fèin ! Fhad 's a 
bhitheas mì air falbh uait, bitheadh m'anam ag osnaich 
cho dìan, 's a bhitheas mo chorp ann an easlaint ! Ma 
tha tuilleadh ùine agam ri chaitheamh air thalamh, 
zeadaich dhomh a bhi beò annad-fèin, mar aon amach 
às an t-saoghal, mar bha mì air uairibh beò às d'eas- 
bhuidh anns an t-saoghal ! Fhad 's a bhitheas smuain 
agam gu smuaineachadh, na dì-chuimhnicheam thusa ; 
no teangaidh a ghluaiseas, labhradh ì ort-sa le taitneas, 
no deò-anail a shèideas, plosgadh ì an dèigh ort-sa ; no 
glùin a lùbas, lùbadh ì gach là dhuit-sa ; agus an uair 
a ghlaisear mì air leabaidh na h-easlainte, \ ni thusa mo 
leabaidh dhomh, cùnntaidh tu àireamh mo phìantan, 
agus cuiridh tu mo dheòir ann do shearraig fèin.' 

" Mhìannaich m'fheòil nithe a bha fuathach, gràin- 
eil le in'anam, ach anis mìannaicheadh m'anam an là 
sin is fuathach le m'fheòil. Bitheadh aoibhneas air 
m'anam a' feitheamh gu falbh, na's mò na bròn mo 
chàirdean, 'nuair a thig uair an dealachaidh ! Kn sin 
' faigheam-sa bàs an f hìrein, agus bitheadh mo chrìoch 
dheireannach cosmhuil r'a chrìch-san,' eadhon mo thog- 
ail a dh-ionnsuidh na glòire sin air nach tig crìoch gu 
bràth ! An sin giùlaineadh cuideachd ainglean m'anara 
gu spioradaibh nam fìrean foirfichte agus leanam mo 
chàirdean a f'huair bàs romham ' ann an Criosd,' agus 
an uair a bhitheas mo chàirdean, a dh-fhàgas mì a'm' 
dhèigh, brònach agus a' guil os-ceànn m'uaighe. gabhadh 
mo spiorad tàmh ann am fois maille riuts', a Thighearna! 
agus an uair a bhitheas mo chorp a' grodadh anns an 
dorch, bitheadh m' anam ann an ' oighreachd nan naomh 



idh Nèaml 



à ì Mheòrachaidh NWamhaidh. 369 

'8 an t-solus 1' Thus a ta nis ag àireamh fhuilteia mo 
chìnn, gabh àireamh nan uile làithean a laidheas mo 
chorp anns an duslach ; agus Thus' a ' sgrìobhas sìoa 
mo bhuill ann do leabhar,' cum cunntas air mo chnàmh- 
an sgiotach ! 

"Omo Shlànuigheir, greas air là do theachd arìst ; 
cuir amach d'ainglean, agus sèideadh an trompaid 
uamhasach, aoibhneach sin ! Na cuir dàil ann do 
theachd, air eagal gu'n càill na daoine beò an dòchas : 
na cuir dàil, air eagal gu'm fàs an talamh mar ifrinn, 
agus gu'm brisear d'eaglais gu duslach le roinnibh 
truagh : na cuir dàil, air eagal gu'm faigh do naimhdean 
fàth an aghaìdh do thrèud, agus air eagal gu'm buadh- 
aich uabhar, cealgaireachd, feòlmhorachd agus mì- 
chreidimh an aghaidh d'ìarmaid bhig, agus gu'n roinn 
ìad d'oighreachd uile 'n am measg fèin, agus an uair a 
thig thusa, nach f haigh thu creidimh air an talamh ; 
na cuir dàil, air eagal gu'n dean an uaigh uaill às a 
buaidh, agus air dhì ceannait/t ionnsuchadh o làimh a 
h-aoidh, gu'n diùlt ì do chuid dhligheach fèin a thabh- 
airt suas dhuit ! greas air là mòr sin na h-aiseirigh, 
'nuair a bheir Thu-fèin àithn a dhol amach, agus nach 
f haighear aon air-bith a' diùltadh d'òrduigh ! 'nuair 
a ' bheir an f hairge agus an talamh suas am prìosanaich, 
agus a dhùisgeas na h-uile a ta 'n an cadal anns an 
uaigh, agus a dh-èireas na mairbh ann an Criosd air 
tiis ;' 'nuair a thig an siol, a chuirear anis truaillidh, 
amach neo-thruaillidh ! 'nuair a bheir na h-uaighean, 
anns nach robh ach grodadh 'us duslach, suas rèultan 'us 
grìana glòrmhor ! Is dana dhòmh-sa matà, mo chairbh 
a shìneadh slos anns an duslach 'g a h-earbsa, cha 
n-ànn ris an uaigh, ach riuts', a Thighearna ; agus uime 
sin gabhaidh m'f heòil fois ann an dòchas, gus an tog 
thus' \ suas a mhealtuinn na foise sìorruidh. Pìll, O 
Thighearna, cia fhad? thigeadh do rìoghachd! 
Tha do bhean-nuadh-phòsda chìanail ag ràdh, Thig ! 
oir tha do spiorad fèin 's an thaobh-stigh dhì ag ràdh, 
Thig; agus 'g a teagasg mar so gu ùrnuigh a dhean- 
amfeflc osnaibh do-labhairt !' Seadh, tha 'n cruthach- 
adl^iile ag ràdh, Thig ; ' a' feitheamh gu bhi air a 
shaWadh o dhaorsa na truaillidheachd, gu saorse 

2b 



370 An Comh-dhùnadh. 

ghlòrmhoir cloinne DheV Thubhairt Thu fèin, 'Gu 
deimhin a ta mi a' teachd 'an aithghearr. Amen. 
Seadh, thig, a Thighearn' Iosa!' " 



AN COMH-DHUNADH. 

Mar sin, a lèughadair, thug mise dhuit mo chomhairle 
— a' chomhairle 'b'fheàrr a bha^ agam— a chum do 
threòrachadh gu caithe-beatha nèamhaidh a dhlh-lean- 
tuinn. Mur urrainn thu meòrachadh mar sid, gu 
dòigheil, làn air aon àm, dean è mar is urrainn thu ; ach 
bi cìnnteach gu'n dean thu è gu stòlda, dùrachdach, 
bidheanta. Fàs eòlach air an obair nèamhaidh so, 
agus, arèir do thomhas eòlais air an obair so, bithidh 
d'eòlas air Dia. Bithidh do ghàirdeachas spioradail, 
comasach, maireannach, ma's è Dia cuspair do ghàird- 
eachais, no ma's beannaichte cuspair do ghàirdeachas, 
bi cìnnteach gur beannaichte fòs do ghàirdeachas ; 
agus bithidh sòlas ngad rè do bheatha, agus air uair do 
bhàis 'nuair nach bi agad saoibhreas, no slàint, no 
taitneas air-bith 's an t-saoghal so, no cuideachadh air- 
bith o charaid, o mhinistear, no bho leabhar ; seadh, an 
uair a bhitheas na h-uile nithe air an àicheadh dhuit, 
no air an gearradh uait, faodaidh tu sòlas làidir, làn, 
cìnnteach a bhi agad. Bithidh do ghràsan cumhachd- 
ach, beothail, buadhach ; agus is neart dhuit gach aon 
là an t-aoibhneas a tharruingear o nèamh le meòrach- 
adh. Bithidh tu mar neach a' seasamh air mullach 
beinne 'taglè àrd, agus a' sealltuinn sìos air an t-saoghal, 
mar gu'm bitheadh è uile fodha ; chithear leis achaidh- 
ean 'us coilltean 'us bailtean mòra amhàin mar chaim- 
einibh. Is suarach leat na h-uile nithe tlmeil a chithear 
shìos an so. ( 'ha mhò leat na prionnsachan a's àirde 
staid na fìonnain-fheòir. Chì thu an saoghal cabhagach- 
buaireasach, conasach, sanntach, cho beag, suarach ri 
tòrr sheangan. Cha n-eagal leat maoidheadh dhaoine ; 
cha bhi thu air do mhealladh, no air do bhuaireadh le 
onoir an t-saoghail ; cha bhi cumhachd cronail, no 
neart aig mealltaireachd a' pheacaidh thairis ort ; agus 
oha bhi àmhghar anis cho goirt duit, oir chàill àmhghar 
'ua bròn an gath de do thaobh sa. Is Tnn anis a chì 's 



An Comh-dhùnadh. 371 

a dh-aithnicheas tu gach tròcair na's feàrr na rinn 
thu riamh. Is ànn anis a ' chì 's a bhlaiseas tu gur 
màith 's gur milis Dia.' Is ann anis a chì thu fo 
làimh Dhè, co dhiubh a tha no nach 'eil thu gu glio 
a' ròghnachadh na beatha beannaichte so, agus co 
dhiubh a bhitheas, no nach bi mo shaothair-sa air do 
shon, tarbhach no càillte dhuit. Ma bhitheas ì càillte 
tre do leisg-sa, is tus' a chailleas, agus a's mò gu mor 
do chall-sa na mo chàll-sa anns a' chùis so. dhuine ! 
cò air is còir dhuit smuaineachadh ach air Dia agus 
nèamh ? Nach 'eil thu cheana gu ìre bhig amach às an 
t-saoghal so. Nach fhaic thu gach là anam an so 
's an sid air a ghairm amach is> a' chorp, le aon ghalar no 
le galar eile, agus nach fhaod do ghairm-sa 'bhi nis 
faisg ort ? Nach 'eil an uaigh 's a bè'ul fosgailt' a' 
feitheamh gu do shlugadh sìos ? Nach dean durragan 
brèun na h-ùire cuilm dhoibh-fèin air do cheànn 's air 
do chridhe ? Ma bhuaileas do chuisle beagan uairean 
fathast, ma tharruingeas tu d'anail beagan ùine na's 
fhaide mu'n tarruing thu an deò mu-dheireadh; ma 
gheibh thu beagan cadail fathast ann an tìr nam beò, 
mu'n caidil thu anns an duslach ! Och, nach goirid an 
dàil sin an uair a thèid ì seachad 1 Nach beag nach 'eil 
do mhionaidean seachad cheana ! Nach goirid gus am 
faic thu do ghloine air ruith amach, — do mhionaid 
dheireannach air ruith, — agus gus an abair thu riut-fe'm, 
" Och dh'f halbh mo bheatha ! Dh'f halbh mo là ! Cha 
tìll è tuilleadh I Cha n-'eil romham anis ach nèamh no 
ifrinn I" Càit, matà, an tigeadh do d' chridhe 'bhith 
anis, ach air nèamh. Na'm b'aithne dhuit cia uamhas- 
ach an nì teagamh a bhi aig neach mu nèamh aig uair 
a bhàis, dhùisgeadh sin suas thu. Agus ciod eile ach 
dubh theagamh a gheibhear aig an duine sin nach do 
smuainich riamh roimhe gu curamach, cìnnteach, tric 
mu nèamh ? 

Faodaidh cuid a ràdh, " Cha n-f hiach dhuinn ùin 'us 
dragh cho mòr a ghabhail ri smuaineachadh air meud 
an aoibhneis a ta shuas, a chura sinn-fèin a dheanarah 
cìnnteach às, tha fios againn gu'm bheil è mòr, agus 
faodaidh sinn 'fhaotuinn cho maith ri feadhain eile." 
Ach tha na daoine sin, a their sin, a' diùltadh ùmhlachd 



372 An Comh-dhùnadh. 

thabhairt do àithn shoilleir Dhè*, a ta nis ag ràdh 
bitheadh " bhur caithe-beatha air neamh," agus " suidh- 
ichibh bhur n-aigne air na nithibh a ta shuas ;" agus tha 
ìad a' deanamh am beatha fèin truagh le bhi 'diùltadh 
nan taitneas a dh'òrduich Dia dhoibh. Ach bu bheag 
sin mur bitheadh tuilleadh uilc 'n a lorg : ach faic gach 
cron 'us aimhleas lìonmhor, trom eile a thig le dearmad 
air taitneasaibh a' mheòrachaidh nèamhaidh ! Fuaraich- 
idh, no bàthaidh an dearmad so gràdh Dhè ann an 
anam an duine, bheir è air nach gabh è taitneas ann an 
smuaineachadh, no ann an labhairt mu Dhia, no ann an 
deanamh seirbhis dhà ; àraichidh è droch bheachd mu 
shlighibh agus mu òrduighean Dè ; ginidh è cridne 
feòlmhor, sòghmhor, a' f àgail an duine gun neart, gun 
sòlas fo chumhachd gach àmhghair 'us buairidh, 'g a 
ullachadh gu tuiteam air falbh gu lèir gu cèum dorch 
na h-ain-diadhachd, agus fòs 'g a lìonadh le uamhas 
am bàs a choinneachadh, agus le mì-thoil dealachadh 
ris an t-saoghal so. Oir cò a rachadh gu J)ia, no gu 
àit anns nach 'eil tlachd aige ? Cò 'dh-fhàgadh taitneas 
na beatha so gu toileach mur bitheadh taitneas na's 
feàrr aige ann an àit air-bith eile ? Na'm b'è mulad, 
eagal 'us bròn na cèuman a bha air an cur romhad an 
so, bu rènsanach dhuit an diùltadh. Ach fèumaidh tu 
taitneas nèamhaidh 'fhaotuinn, no 'bhi gun taitneas 
maireannach idir. Is àill le Dia thus' a bhi 'gluasad 
gach là maille ris-fèin, agus thu 'bhi gun sgur ag òl 
sòlais às an tobar shìorruidh ; ach mur àill leat-sa, 
fuilig do chall ; agus an uair a chì thu am bàs a' bual- 
adh ort, ìarr sòlas, magheibhear èbho nì sam bith eile ; 
agus faic an seas do shòlas feòlmhor dhuit air an là 
bhrònach sin. An sin cuimhnichidh do choguis, ge 
b'oil leat, gu'n deachaidh do chomhairleachadh gu tric 
gu sòlas fìor òirdheirc ìarraidh, — sòlas a neartaicheadh 
tu gu làn air uair do bhàis, agus a mhaireadh dhuit tre 
àlaibh na bith-bhuantachd. 

Sibhse nis aig am bheil bhur cridheachan air an 
togail suas de na nithibh a ta bhos an so, is è mo dhò 
chas gu'n cuir sibh mòr mheas air a' bheatha nèamhaidh 
so, agus gu'n coisich sibh, aon uair air gach là, 'dh-ionn 
suidh na h-Ierusaleim Nuaidh. Is è Dia bhur gràdh 



An Comh-dhùnadh. 373 

Agus bhur mìann ; bu bhuidhe leibh tuilleadh eòluis a 
bhi agaibh air bhur Slànuighear. Tha fios agam gur 
duilich leibh nach 'eil bhur cridheachan na's fhaisg' 
air; tha fios agam gur duilich leibh nach 'eil bhur gràdh 
dhà na's blàithe, agus bhur tlachd ànn na's mò. Hò ! 
matà, cleachdaibh beatha mhilis a' mheòrachaidh so air 
bhur fois nèamhaidh. So anis a' bhèinn air am faod 
àirc thònn-luaisgte bhur n-anamanan fois a ghabhail. 
Faioeadh an saoghal o bhur caithe-beatha nèamhaidh 
gu'm bheil rud-eigin na's mò na barailean 'us deasboir- 
eachd, no labhairt mu dhleasanasaibh an leth-muigh, 
ann bhur creidimh-se. Ma chithear an Criosduidh gu 
bràth 'n a choltas ceart fèin, a' gluasad arèir nam 
fìrinnean a tha è 'creidsinn 's ag aideachadh, is ànn an 
uair a gheibhear è gu beothail, dìchiollach, dùrachdaoh 
ri dleasanas a' mheòrachaidh nèamhaidh. 

Mar chaidh Maois suas, mu'n d'f huair è bàs, gu sliabh 
Nèbo, a ghabhail seallaidh air tìr Chanàain ; mar sin 
thèid an Criosduidh suas gu sliabh a' mheòrachaidh, 
agus tre chreidimh, gabhaidh è sealladh air 'fhois. 
Beachdaiohidh è air na h-àitibh-còmhnuidh glòrmhor, 
ag ràdh, " Innsear gu maith nithe glòrmhor ort-sa, a 
chaithir DhèV' Cluinnidh è, mar gu'm b'eadh, ceòl 
bìnn an luchd-ciùil neamhaidh, agus their è, " Is sona 
an sluagh a tha 's an staid so : is sona an sluagh d'an 
Dia an Tighearn!" Amhaircidh è air an luchd-còmh- 
nuidh ghlòraichte, a ta shuas, agus their è, " Is sona 
thu, Israeil ; cò 'tha cosmhuil riut, shluagh a 
shaoradh leis an Tighearn, sgìath do ehòmhnaidh, agus 
neach a's è claidheamh do mhòrachd 1" 'Nuair a 
dh-amhairceas è air an Tighearn fèin, glòir an t-sluaigh 
naoimh, cromaidh è sìos, maille ri càch, a dheanamh 
aoraidh dhà-san a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus 
their è, " Is naomh, naomh, naomh an Tighearn Dia 
Uile-chumhachdach, a bha, agus a ta, agus a ta ri 
teachd ! Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus 
urram, agus cumhachd 'f haotuinn !" 'Nuair a dh-amh- 
airceas è air an t-Slànuighear ghlòraichte, cuiridh è 
Amen ris an òran nuadh sin, ag radh, " rrloladh, agus 
urram, agus glòir, agus cumhachd gu'n robh dhà-san a 
Ift'na shuidhe air an rìgh-chaithir, agus do'n Uan gu 



374 An Comh-dkùnadh. 

saoghal nan saoghal : do bhrìgh gu'n do mharbhadh thu, 
agus gu'n do shaor thu sinne do Dhia le d'fhuil fèin, 
às gach uile thrèibh, agus theangaidh, agus shluagh, 
agus chinneach ; agus gu'n d'rinn thu rìghrean dhìnn 
agus sagairt do ar Dia I" 'Nuair a sheallas è air ais air 
fàsach an t-saoghail so, moladh è na naoimh dhìleas, 
chreideach, fhoighidneach air an tric a rinneadh 
dìmeas ; gabhaidh è truas ri sluagh aineolach, gòrach, 
reasgach, truagh an t-saoghail ; agus their è uime-fein, 
mar thuirt Peadar, " Is maith a bhi an so ;" no mar 
thuirt Asaph, " Is maith dhomh-sa teachd dlùth do 
Dhia ; oir feuch, sgriosar \adsan a thèid fad uait." Mar 
dh'f hosgail Dàniel, ann an tìr a bhraighdeanais, uinneag 
a sheòmair gach là ri Ierusalem, geda b'fhada uaith am 
baile mòr sin, 'nuair a chaidh è 'dheanamh ùrnuigh ri 
Dia, " trì uairean anns an là," mar sin faodaidh anam 
a' chceidmhich a ta nis ann am prìosan na feòla, 
amharc ris an " Ierusalem a ta shuas." Agus mar bha 
Pòl maille ris na Colòsianaich, faodaidh an creidmheach 
a bhi maille ris na spioradaibh glòraichte, ' Geda tha è 
uatha 's an f heòil, gidheadh maille riutha 's an spiorad, 
a' deanamh gàirdeachais agus a' faicinn an òrduigh 
nèamhaidh.' Agus mar sheinneas an uiseag gu milis, 
ceòlmhor, binn, 'nuair a's àird' a dh-èireas ì suas anns an 
spèur, agus a thig grad thosd oirre, cho luath 's a laidlieas 
ì s\os air an talamh : mar sin bithidh fonn an anama 
taitneach, nèamhaidh, fhad 's a chumas è a shùil air 
Dia le meòrachadh. Mo chreach ! is ro ghoirid a 
dh-fhanas sinn shuas, ach a' laidhe sìos arìst, 's a' dì- 
chuimhneachadh a' chiùil ! 

Ach, " thusa, a Dhia na tròcair agus Athair nan 
Spiorad, is tu-fèin tobar a' ghràidh agus tha cuan sòlais 
annad, tarruing suas h-ugad-fèin na cridheachan trom, 
cadalach sin, agus cum fo do làimh fèin ìad, gus an 
deanar glan, spioradail ìad. Soirbhich gu pailt le 
oidhirp lag do sheirbhisich. Treòraich ìadsan, a leughas 
teagasg an leabhair so, gu tlachd a ghabhail ann an 
cleachdàdh a' mheòrachaidh nèamhaidh, an obair 
a's feàrr de gach obair ! IIò ! na leig do anam do sheir- 
bhisich a bhi aineolach air an aoibhneas mhòr a tha è 
'mìneachadhdo mhuinntireile,ach cum mì, gachlà'bhith- 



An Comh-dhùnadh. 375 

eas mi air thalarah, a' sìor ìarraidh h-ugad-fèin, a' sìor- 
chreidsinn annad, agus a' sìor-ghluasad maille riut ann 
an gràdh ! Agus an uair a thig thu, faightear mis' a' 
deanamh mar sin ; cha n-ànn a' rìarachadh na feòla, no 
ri cadal le mo lòchran neo-dheasaichte, ach a' feitheamh 
le beò mhìann ri teachd mo Thighearna ! Thoir orra- 
san, a lèughas briathran nèamhaidh an leabhair so, an 
gabhail, cha n-ànn mar thoradh mo smuaineaehaidh-sa, 
ach mar phlosgartaich mo bheò dhòchais agus mo 
ghràidh, ionnus, na'n robh mo chridhe fosgailte fo'n 
sùilibh, gu'm faiceadh ìad an sin gach focal a labhair 
mi, air a làn-sgrìobhadh air clàr mo cridhe le gath- 
soluis o ghnùis Chriosd ; gun dìomhanas, gun ana-mìann, 
gun àrdan ànn, 'nuair a sheargas focail na beatha so._ 
Agus mar sin nach èirich an teagasg so mar fhianuis^ 
a'm' aghaidh, ach a' teachd o chridhe an sgrìobhadair, 
gu'm bi è, le do ghràs, air a dheanamh èifeachdach do 
chridhe an lèughadair, agus mar sin air a dheanamh 
'n a shlànuighear beatha dhuinn le 'chèile I" Amen. 

tLOIR DO Dhia anns na h-aedaibh, agus ajh 

THALAMH SITH, DEADH-GHEAN 
DO DHAOINIBH. 



A CHRIOCR 



. 



MHAREN&SON 
BOOKSELLERS 
i 362 ARGYLE SIREET